[TD 1] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS AN EARRAICH, 1874. [25 AIR. SILIS NIC-COINNICH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. (Bho Bheurla Sheumais Hogg, Ciobair Ettrick.) I. O linn cogadh Mhontrose dh’ eirich cinn-fheadhna agus ceannas-cinnidh na Gaidhealtachd gu ire ni b’ airde ann am meas agus ann an luach na ’bhuineadh dhoibh riamh roimh an am ud. Bha cumhachd agus treubhantas nam fineachan air an cur gu dearbhadh anns a’ chogadh ud, agus mar sin bha uachdaran air a mheas a reir lionmhorachd a chuid iochdaran, a bha ’g a aideachadh mar an ceann-fine, agus a dh’ eireadh air ’iarrtas gu cogadh ann an aobhar sam bith a roghnaicheadh esan air an son. Mar sin, bha fabhar agus deagh-ghean chumhachdan na rioghachd do gach uachdaran, a reir aireamh a luchd-leanmhuinn. B’ ann ’s an am ud a thachair an gnothuch eagalach is bun do m’ sgeul, ann an daimh ri aon de theaghlaichean urramach na Gaidhealtachd, ach a thuit gu mor o chionn ioma bliadhna, o’n inbhe aird anns an robh iad aon uair, agus uime sin, air sgath na tha de ’n gineil fhathast beo anns an taobh tuath, is eiginn dhomh ann an tomhas, an ainmeannan agus an aiteachan-comhnuidh ’atharrachadh. Tha Caisteal-Gharnaid, aite-comhnuidh a’ chinn-fheadhna chumhachdaich air am bheil mi gu bhi ’deanamh iomraidh, ’n a sheasamh air inbhir fhiadhaich far am bheil dithis de aibhnichean ainmeil na Gaidhealtachd a’ coinneachadh a cheile, agus fo dhubhar nam beann arda, creagach a tha ’g eirigh gu cas air a chulthaobh, ris an aird-an-iar. Tha ’aghaidh a’ sealltainn ris an aird-an-ear, os cionn na h-aibhne ud, a tha ’giulan uisgeachan fallain, fionnar nan allt agus nam fuaran gu cladach aon de na caoil-mhara sheimh, neobhruailleineach sin anns an tric am faigh ànrach a’ chuain acarsaid thearuinte. Bha aillidheachd agus duaichnidheachd mheasgaichte nan cluaintean agus nam bruthaichean creagach mu ’n cuairt a’ chaisteil, ’n an samhladh riochdail air an linn stoirmeil anns an do thogadh e. Aig iochdar na faiche mu choinneamh dorus-beoil a’ chaisteil, bha drochaid-mhaide thairis air da stalla a bha mu fhichead aitheamh air airde, agus eatorra bha eas cumhann, scorrach troimh an robh uisgeachan na h-aibhne air an grad thionndadh [TD 2] gu leum-uisge cho aillidh agus cho fiadhaich ’s a chithear air fad ’s air farsuingeachd nan garbh-chrioch, tuath no ’n-iar. Bha an drochaid air a deanamh de shailthean daraich, agus ged a bha i gle ainleathan, lom, gun taobhan no casan air taobh seach taobh dhi, cha robh rathad eile a dh-ionnsaidh a’ chaisteil ach i, do mharcaichean no do choisichean. Fo riaghladh buaireasach ain-tighearnail nan righrean Stiubhardach, chaill Caisteal Gharnaid tomhas nach bu bheag de ’n ghloir, de ’n cumhachd, agus de ’n mhoralachd air son an robh e aithnichte agus iomraiteach roimhe an am ud. B’ i crioch shonruichte ealain-riaghlaidh nan Stiubhardach a bhi ’bristeadh cumhachd agus ughdaras nam fineachan, nan ard-uaislean, nan ceann-feadhna agus nan ridirean le bhi ’g am brosnachadh gu falachd agus naimhdeas an aghaidh a cheile, leis an robh iad ann an tomhas mor air an lagachadh agus air an isleachadh ’n am measg fein. Chlaon agus chrion tiodal ainmeil, aosda teaghlach Chaisteil Gharnaid, ach bha fhathast fuigheal de am moralachd a lathair ann am pearsa a’ chinn-fheadhna a bha beo aig an am so, ach fo thiodal ur—eadhoin, Morair Eidirdeil. B’ esan ’n a aonar an t-aon mheanglan a bha lathair de theaghlach ainmeil a shinnsearachd; mar sin bha mor-chumhachd ’n a sheilbh, oir bha e ’n a cheann air fine a bha fhathast ro lionmhor, uaibhreach, borb, ainmeineach. Ach na ’m basaicheadh e gun sliochd, thuiteadh an oighreachd agus an ceannas-cinnidh, a reir coltais, air neach a bha, thar gach duine, ’n a chuspair fuath dha fein agus d’ a iochdarain; duine leis an robh e air a chreachadh ann an tomhas mor de ’n onoir agus de ’n t-saoibhreas air an robh e aon uair ann an seilbh; agus duine, ged a bha e ann an dluth dhaimh dha, a bha aig an dearbh am ud, a’ cleachdadh gach innleachd a bha ’n a chomas gu a thilgeadh a mach as ’aite agus gu ’thoirt gu bochdainn. Anns an t-suidheachadh dheuchainneach ud, phos Eidirdeil air comhairle maithean a luchd-leanmhuinn, Silis, aileagan Chlann-Choinnich. Bha iad le cheile ro og; bha ise aillidh, caoimhneil, deagh-bheusach agus so-lubadh; b’ i annsachd a companaich i, anns an t-seadh a b’ airde, agus cuspair uigh agus deagh-ghean an iomlain de a luchd leanmhuinn. Ach mo chreach! chaidh bliadhna an deigh bliadhna thairis, gun a chàraid og ud a bhi air am beannachadh leis an toradh sin a bha ion-mhiannaichte os cionn gach beannachd eile—eadhoin, oighre og air son oighreachd Ghlinne-Garnaid agus air son Moraireachd Eidirdeil. Ciod a ghabhadh deanamh? Bha an fhine gu h-iomlan, fo bhuaireas agus ann an imcheist; bha coinneamh an deigh coinneimh aig maithean a’ chinnidh mu ’n chuis, agus b’ e an codhunadh aonsgeulach gus an d’ thainig iad aig a’ cheann mu dheireadh, gur h-e a b’ fhearr gu ’m basaicheadh eadhoin deichnear de na baintighearnan a b’ uaisle a bha beo de ’n fhine, na gu ’n tuiteadh an t-iomlan de ’n fhine, maille ris gach onoir a bhuineadh dhoibh, ann [TD 3] an lamhan Nagarr, a bha ’n a chuspair fuath agus diomb dhoibh uile. Mu thuaiream seachd bliadhna an deigh do Shilis tighinn gu bhi ’n a mnaoi, ach cho neo-choltach ri tighinn gu bhi ’n a mathair ’s a bha i riamh; thainig buidheann de mhaithean a chinnidh air teachdaireachd gu Morair Eidirdeil, le seann laoch calma, Tighearna Charnaich air an ceann, am fear a b’ fhaisge ann an inbhe agus ann an cumhachd do ’n cheann-fheadhna e fein. Dh’innis iad dha gu ’n d’ thainig iad a nis gu codhunadh suidhichte gu ’m feumadh e gun tuilleadh dàil no seamsain dealachadh ris a’ bhaintighearna, beo no marbh mar bu roghnaiche leis. Bhrist e mach ann am feirg, agus, ars’ esan, “Na biodh a dhanachd aig an fhear is fearr ’n ur measg a leithid ’ainmeachadh gu brath an deigh so.” Gun eagal, gun athadh, fhreagair seann laoch Charnaich. “Ciod is fiach thusa as ar n-aogaisne? Runaich sinn uile gur fearr gu ’m basaicheadh, cha ’n i a mhain, ban-mhorair Eidirdeil, ach gach baintighearna eile a tha beo d’ ar fine, na gu ’n tigeadh an fhine gu bhi ’n an traillean fo an-riaghladh agus fo chumhachd Nagairr.” Chunnaic am Morair nach robh dol a null no nall dha ach striochdadh dhoibh. Thuirt e gu ’m bu chàs cruaidh e gun teagamh sam bith, ach ma runaich Ard-riaghlair na cruitheachd gu ’m b’ esan an t-oighre deireannach de ’n stoc aosda, fhiughail o’n do ghineadh e, a sheilbhicheadh oighreachd agus onoir a shinnsear, nach gabhadh an t-ordugh atharrachadh; agus na ’n tugadh iadsan gu buil an gniomh uamhasach a runaich iad gu ’m faodadh iad a bhi cinnteach gu ’n tugadh iad mallachd an Uile-chumhachdaich a nuas orra fein agus air an fhine gu leir. Chuir e ’n an cuimhne nach robh e fein agus a’ bhaintighearna ach fathast ro og, nach d’ thainig iad eadhoin gu an làn fhàs no gu treine an neart, agus mar sin nach robh e idir mi-choltach gu ’m faodadh ise bhi fathast ’n a mathair teaghlaich lionmhoir; ach coma co dhiu, gu ’m b’ ise thar na h-uile cuspair eile anns an t-saoghal, ailleagan agus annsachd a chridhe, agus gu ’m bu luaithe a dhealaicheadh e ris gach ni a bhuinneadh dha, eadhoin ri ’oighreachd agus ri ’chinneadh na rithese. Chrath Carnach a cheann liath, agus le gruaim bhagaraich air a ghnuis, thuirt e ri Eidirdeil gu ’n robh a chainnt ro amaideach, agus ’n a freagradh cruaidh-chridheach do iarrtas an fhine d’ am bu cheann-feadhna e, agus nach b’ e a chomain e. “Aidichidh sinn,” arsa Carnach, “gu ’m bheil a’ bhaintighearna fhathast ann an ceitein a h-oige, agus air sgath a h-oige, ged tha ar foighidinn air a cur thuige gu ro mhor, bheir sinn fathast dail thri bliadhna dhi, agus aig ceann na h-uine sin, ma bhios i gun sliochd, gabh m’ fhocalsa air gu ’m feum thu a cur uait le dealachadh laghail, no ma-dh’fhaoidte air dhoigh is miosa, agus bean eile a phosadh; agus sin air sgath nam miltean a tha an crochadh riut mar an athair, an cul-taiceagus an dochas saoghalta; oir ma thig gu brath an latha sin anns am bi [TD 4] Gleann-Garnaid gun oighre dligheach, bithidh laithean Chlann-Choinnich mar chinneadh, air an aireamh am measg nan nithibh a chaidh seachad. Smuainich Morair Eidirdeil ’n a inntinn fein, gur h-ioma car a dh’ fhaodadh tighinn air an t-saoghal an taobh a stigh de thri bliadhna, agus an dochas ri maitheas an Fhreasdail, dh’ aontaich e ris na cumhachan a chuir Carnach agus na maithean eile ri ’uchd, ni a thug faothachadh agus fuasgladh dha aig an am ud, agus mar sin, dhealaich e fein agus a chairdean, saodmhor, toilichte, taobh air thaobh. Thainig na tri bliadhna gu crich,—an deicheamh o ’n a phosadh iad, ach mo thruaighe! bha Morair Eidirdeil agus a cheile uasal fhathast gun oighre, gun bhan-oighre, agus gun choslas caochlaidh. Bha Silis cho cuirteil, cho aillidh, cho flathail, cho sunndach agus cho iullagach ’s a bha i riamh, gun smuain, gun umhail, gun amharus mu na comhairlean dorcha, droch-mheineach a bha air an deilbh d’ a taobh. Ach mo chreach! bha a binn air a seulachadh leas an iomlan de ’n fhine, firionn agus boirionn, ard agus iosal, oir bha an aimheal agus am mi-fhoighidinn air tighinn gu ire bhuaireasaich do-chiosaichte, agus bha gach teanga ’g a casaid gu bàs. Runaich aireamh de sheann mhnathan-uaisle cur as dhi le puinnsean; chaidh te dhiu air aoidheachd do ’n Chaisteal le puinnsean millteach air a giulan, a’ runachadh cothrom a ghabhail air a fhrithealadh air dhoigh eigin, ach cha bu luaithe chunnaic i aghaidh aoibheil, neo-chiontach na ban-mhoraire, na bhuail a coguis oirre, agus thilg i am puinnsean anns an teine. An deigh sin dh’ fheuch iad druidheachd, ach dh’ fhailnich an geasan cho math ris gach oidhirp eile; agus cha robh a nis leigheas air a’ chuis ach gu ’n cuirte teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Mhoraire, agus air an dearbh latha air an d’ thainig na tri bliadhna gu crich, rainig na maithean ceudna Caisteal Gharnaid, le seann Tighearna Charnaich aon uair eile air an ceann. MUILEACH. (Ri leantuinn.) AN T-OR-CHEARD. Bha or-cheard ann am baile araidh ann an Sasunn, agus chuir e suas buth anns an robh e ’cumail gach obair-oir a bha freagarrach air son gach ard agus iosal, agus mar an ceudna clachan-luachmhor agus seudan de gach gne. Bha e ’n a dhuine coir, ionraic, agus measail am beachd gach neach a chuir eolas air. Air dha a bhi curamach agus glic, dh’ fhas e ’n a dhuine saibhir, agus bha an saoghal a’ soirbheachadh leis gu maith. Cha do phos e riamh, agus air dha a bhi gun teaghlach, agus pailteas aige, maille ri cridhe fialaidh, truacanta, bha e ainmeil air son a mhaitheis do na bochdaibh, agus air son a bhi ’roinn a mhaoin a ghiulan air aghaidh gach gniomh seirceil. Mu dheireadh thainig briseadh air a shlainte, agus runaich e dol a dh-ionnsaidh tobair araidh a bha ainmeil air son a bhuadhan gus a’ ghne euslaint a bha airsan a leigheas. Bha ’n tobar astar mor o ’n bhaile anns an robh an duine coir so ’fuireach. Rinn e deas gu falbh; dh’ fhag e a bhuth air curam luchd-ceirde dileas a bha ’g obair aige, agus dh’ fhalbh e air muin [TD 5] eich. Thug e leis bocsa lan de na seudan a bu luachmhoire a bha ’n a bhuth, a b’ fhiach na miltean punnd airgid; agus thuarasdalaich e gille tapaidh a thachair air, chum am bocsa a ghiulan. A thuille air na seudan, thug e leis moran airgid, gun fhios nach cuireadh e feum air mu ’m pilleadh e dachaidh. An deigh a bhi laithean air falbh, agus dol troimh ioma baile agus machair bha iad a’ faotuinn gu gasda air an aghaidh, agus bha ’n t-slighe a’ deadh-chordadh ris an or-cheard. Air la araidh, bha ’n rathad-mor air air an robh iad ag imeachd ’g an treorachadh thairis air aitean monadail, aonaranach, far an robh lochan agus garbhlaichean fiadhaich. Dh’ inndrinn an droch-spiorad ann an cridhe a’ ghille a bha ’giulan a’ bhocsa agus aig ionad uaigneach araidh, ri taobh loch dorcha, thairis air an robh beanntan arda, mar dhubh neul a’ tilgeadh am faileas, ghrad runaich e a mhaighstir a mhortadh, agus e fein a thoirt as le a mhaoin. Aig a’ cheart am thainig a mhaighstir as an diollaid, a bheachdachadh air gach sealladh mu’n cuairt, agus a thoirt cothrom do ’n each greim ’itheadh ri taobh an rathaid. Ghabh an seirbhiseach cruaidh-chridheach fath air a mhaighstir, agus bhuail e sgian mhor a bha ’n a fhochar troimh chridhe an duine choir. Bha e marbh ann am priobadh na sula—ghrad thug am mortair an t-airgiod dheth—lion e pocaidean a chota-mhoir le clachan—thilg e ’n corp ’s an loch—rinn e greim air a’ bhocsa agus air an each, agus ann an tri mionaidean ghabh e an t-slighe. Chaidh an duine truagh so dh’ ionnsuidh aite iomallach de ’n tir, far an do thoisich e air malairt, agus far nach robh fios aig neach sam bith mu aon ni a thachair. An toiseach bho e a’ reiceadh obair-chruadhach, agus nithean air bheag luach, chum nach gabhadh neach air bith amhuras m’ a thimchioll. Mar so bha e ’dol air aghaidh bliadhn’ an deigh bliadhna, a’ chuid ’s a’ chuid, gus ma dheireadh an d’ eirich e gu ard inbhe ’n a cheird. Cha do smaoinich neach air bith nach robh a shoirbheachadh a’ sruthadh o ’n dichioll a bha e ’gnathachadh ’n a cheird fein, an uair a bha esan le mor sheoltachd a’ giulan air aghaidh le bathar luachmhor an duine sin a mhort e. Bha e curamach, measail, agus creideasach. Phos e nighean duin’-uasail, agus roghnaicheadh e an toiseach gu bhi ’n a uachdaran, agus an sin gu bhi ’n a ard-uachdaran ’s a’ bhaile ’s an robh e a’ tamh. Choimhlion e a dhreuchd air sheol a choisinn mor chliu dha o gach ard agus iosal. An da chuid, mar uachdaran agus mar bhreitheamh bha e measail ann an suilibh nan uile, agus bhuanaich e mar so re aireamh bhliadhnachan. Air latha araidh bha e ’n a aite fein ’s a’ chuirt maille ri breitheamhna eile a’ bhaile, agus thugadh a lathair duine gu bhi air fheuchainn air son a mhaighstir fein a mhortadh. Chaidh na fianuisean a tharruing agus a cheasnachadh. Labhair na fir-lagha gu deas-bhriathrach air gach taobh. Chaidh an luchd-deuchainn air leth car tamuill bhig, agus thug iad a mach am binn, gu ’n robh am priosanach ciontach. Dh’ fhan na h-uile ’n an tosd gus an cluinneadh iad binn a’ bhais air a toirt a mach leis an ard-bhreitheamh. Chaidh mionaid an deigh mionaid seachad; ach cha do ghluais am breitheamh. Bha suilean nan uile ’bha ’lathair a nis suidhichte air, agus chunnaic iad mor iomaguin-inntinn air. Bha e ’g atharrachadh dhreach, agus a reir coslais anabarrach neo-shocrach! Mu dheireadh dh’ fhag e ’aite-suidhe fein—chaidh e sios o bheinc nam breitheamhna, [TD 6] agus a chum mor-ioghnadh nan uile, sheas e ri taobh an duine thruaigh a bha gu bhi air a dhiteadh. Labhair e am fianuis na cuirte, agus thubhairt e ann am briathraibh soilleir agus soileimte:—“A bhreitheamhaa, agus a luchd-eisdeachd gu leir. Tha sibh a’ faicinn mu choinneamh ur sul, duine bochd, truagh, ciontach, a ta ’g a thoirt fein suas mar neach a ta toillteannach air peanas a bhais a a reir lagha Dhe agus dhaoine. Tha sibh a’ faicinn creutair ni ’s truaighe agus ni ’s ciontaiche gu mor na ’n duine so a fhuaireadh a nis toillteannach air bas! Is mise an duine! Is mise an creutair aingidh a mhort mo dheadh mhaighstir, agus a cheil an gniomh eagalach re dheich bliadhna fichead! Cha ’n ’eil innleachd agam fantuinn ni ’s faide air mo chlaoidh le h-agartas cogais, agus feumaidh ceartas a bhi air a dheanamh do ’m thaobh anns an doigh a ’s follaisiche, a reir mo thoillteannais. Cha ’n ’eil sith ann domh gus an deanar sin. Is e m’ iarrtas-sa ceartas fhlaitheanais a bhi deanta, agus gu ’n robh Dia na gloire trocaireach ri m’ anam.” Cha ’n ’eil e comasach ioghnadh a phobuill a chur an ceill an uair a chual iad an aidmheil a rinn esan a bha ’n a bhreitheamh co measail beagan mhionaidean roimhe sin. Dh’ innis e gach ni gu mion mar a mharbh e an t-or-cheard; agus air ’aideachadh agus air ’iarrtas fein thug na breitheamhna a mach binn a chrochaidh maille ris a’ chiontach eile. Chuireadh gu bas iad aig an aon am, agus chaidh iad le cheile stigh do shiorruidheachd ag aideachadh toillteannas am binne fein, agus a reir coslais a’ creidsinn ’s an Ti sin aig a bheil slainte do cheann-feadhna nam peacach a ni aithreachas. SGIATHANACH. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn.) DUGHALLACH.—‘Tha mise ’s an àm ’n a sheirbheis; ’S cuis shearbh a thoirt deth na dh’ iarr thu. Cha ’n ’eil fear an diugh beo Is fearr eolas air na mise, na ’bu trice Sheas r’a ghuallainn le teine ’s tuadh An criochan Eirinn. Dh’ fhuadaicheadh m’ athair ’n a dhuin’ og A duthaich Mhic-Aoidh An taobh tuath na h-Alba, do Lochlann. Bha mo mhathair a’s coignear eile Leis ’s a’ bhirlinn. Cha robh mi ach tri miosan An uair a rainig iad tir nam borb gnù: Thogadh mi gus a so ’n am measg. An uair a chruinnich Rurach ’fheachd A dhol do dh-Eirinn, Rinn e ceannard-ceud dhiom ’n a chabhlach; Fhuair mi rithist lan cheannas an fheachd mhara. Cha robh mi ’n cath na deisinn sin thall; ’S e ’n cabhlach mo churam. Fhuair mi ordugh an de an caladh so ’fhaireadh; An uair a chuidich mi na bràth’rean, ’S theirinn ribhse, aon a’s uile,— Teichibh, a’s innsibh do na Gaidheil Gu ’m bheil Rurach a’ tighinn, le feachd lionmhor Air tir ’s air fairge, ’ghlacadh Chinntire, Gniomh a bhios fad’ an seanachas. Seasaibh mar bhur n-athraichean treun; Tha làtha nan creuchd am fagus!’ AILEIN—‘A cheannaird, an leig thu mise gu Dun-cholg Fo dhubhar na h-oidhche ’s an innis thu dhomh C’ aite ’m faigh mi cònlach no connadh A thogas an lasair chaoireach, M’ an sgaoil sinn na siuil a theicheadh thairis?’ DUGHALLACH—‘Gheibh thu na dh’ iarr thu, Sopan fodair a’s fraoich Cho math ’s a shéid gaoth gu sradan dearg; Cuir fras diubh ri earball Ruraich! Coinnich mis’ aig a’ chreagan bhreac so shuas, ’S gheibh thu na chual’ thu ’s mo chomhnadh: A laoich bi ’d lan armachd, ’S gun fios co ’tha ’sealg ’s an oidhche Le ordugh Ruraich. A dhaoin’-uaisle, biodh a’ bhirlinn ullamh; Cha bhi fàth fuirich ann an deigh sud.’ Choinnich Ailein ’fhear-rùin Aig Carn Mhic-Dhughaill, [TD 7] Mar a their an seanachas; Ghluais an dithis gu Dun-cholg ’S an dorcha ’s gun leus air speur; Thainig iad gu fosgladh cumhann, Aig bonn bruthaich an uaigneas sàmhach. DUGHALLACH.—‘So an t-aite; tha chuis mar d’ iarrtas; Tha ’n ceann so d’ an tùr de dharach tioram, ’S gun uisge dluth ach aon tobar beag An cul na h-aitreibh. Faigheadh an teine aon uair greim, ’S cha d’ thainig thar fairg’ á Lochlann Na chaisgeas e: loisgear gu gual Cnamhan na fardaich, ’s na th’ innte.’ AILEIN.—‘Ceangail an snathain casta so ri m’ chluais, ’S tarruing e a thoirt sanais dhomh Ma thig an luchd-fair’ ort ’s thu ’d aonar; ’S olc cuis aoin am measg airimh.’ Rainig Ailein an dorus daraich, ’S, mar a thuirt a charaid ris, fhuair e; Chuir e chual ris a’ chomhla; Bha sop lasrach o ’n laimh gun mhearachd Am priobadh na sùl’ ris na gasan tioram; Thill e mach gun duil ri coinneachadh Ri fichead fear de mhuinntir Ruraich An lagan uaigneach, Nach cuala ’s nach faca Ailein, ach, a’ faire Mar ordugh cogaidh— Comhail gharbh do ’n dithis threun D’ am b’ eiginn comhrag, no ’n glacadh beo Gu bàs gun iochd. Chunnaic iad airm nam borb a’ dearrsadh Ri leus na h-oidhche. DUGHALLACH.—‘Ciod e nis, a Mhic Thorr-loisg; Thoir an t-ordugh, Tha mise le deoin aig do sheirbheis.’ AILEIN.—‘Mo sgiath laidir! tha thu ’n so; An ainm Righ Coinneach ’s nan Gaidheal Bitheamaid annta!’ Sheas an dithis fo sgùrr na caraige, ’S an fhichead fear garg ’g am bualadh,— Namhaid a’ tuiteam leis gach buille, ’S an da churaidh gun leon, Gus an do thuit na fiadh-dhaoine Gun chomas torrachd no buille. Laidh iad uile ’s an lagan uaine, ’S toirm nan tonn, le monmhor, A’ seinn coronaich fhuair, ’S am fuil a’ traoghadh. Rainig na gaisgich am bràth’rean, ’S a’ bhirlinn ’n a h-uidheam; Ghabh iad an uidhe troimh ’n linne dhomhain. Gu corsa na h Alba, a’s gaoth a’s fairge ’G an luasgadh—tonnan fuaimneach Nach ciuinich treise ’n duine— ’S faoin na ’s urrainn e ’s a’ ghniomh ud. An uair a shoillsich a’ mhadainn, Sheinn Ailein, ’s e air ramh-guaillne, An duan beag so air fuaim clarsaich:— ‘Tha ’n linne so buan, ’S fhad’ a chithear thu shuas, A thalaimh ghleannaich Nan ruadh-bhoc siùbhlach. Ged tha Manainn fo chìs, ’S a laoich air tuiteam ’s an strìth, Tha thus’ a’s do Righ gun mhuthadh. ’N uair thig na Lochlannaich gharg, Gun bhaigh ri beo no ri marbh, Theid biodag chlaiseach ’n an sealbhan, ’s i ruisgte! ’S bidh Righ nan arm* so ri m’ thaobh, An laimh nan curaidh nach aom, ’S ged ’thig buillean gach taobh cha lùb e, Ged a chluinnear nuallartaich shearbh— Nam borb a’ tighinn le colg, Bheir suinn nam boinneidean gorm dhaibh dùbhlan! Ach cliù mo ranntachd a’ chual Shopan dearrsach nam buadh Air an leitir a bhuain an Dùgh’lach! A laoich laidir gun cheilg, Beatha bhuan dhuit gun mheirg; Dh’ fhag thu ’n sud an ton-ruadh air Rùraich!’ Dh’ orduich m’ athair, Righ Mhanainn duinn Teachd a’s ’innseadh gun dàil Gu ’m bheil an namhaid fuileach ud an ordugh, ’S m’ an laidh grian dà sheachdain, Bidh e le ’fheachd air an traigh so. SUNADAL.—’S mor do sgeul a mhic Righ Mhanainn; Cha ’n fhada bhuainn là na deuchainn. Bidh faobh’r ri feusaig ’s sleagh ri cneas! Chi thu cinn-fheadhn’ a’ chearn so; Gheibh sinn an comhairle, M’ an ruith crois-tàra feadh nan gleann A chruinneachadh nan clann gu cath,— Laoich nach stad le ag no eagal; Cha chuis-an-teagamh an gniomhsan! (Ri leantuinn.) Is i saothair chruaidh an luach a dh’ iarrar air son soirbheis, agus cha cheannaichear i le luach sam bith eile. Tha fireantachd mar chloich chinn na h-oisinn ann an giulan an duine; agus mur bi i air a steideachadh gu daingean ann an laithibh na h-oige bithidh gaoid a chaoidh anns a’ chaith-beatha. Tha aineolas a’ cur sreine ri teangadh nan daoine glice, ach a’ cur gluasad gun sgur air teangadh nan amadan. * An claidheamh mor. [TD 8] SEANN SGEULACHDAN MU BHRAID-ALBANN. I.—DONNACHADH DUBH A’ CHURRAIC. A reir gach fiosrachaidh a tha againn o eachdraidh, bha Donnachadh Dubh, aon de mhorairean Bhraid-Albann, ’n a dhuine garg, cruaidh-chridheach, gun suim sam bith mu bheatha a cho-chreutairean. Ghairmeadh dheth Donnachadh Dubh a’ churraic, agus a reir coslais, bha e co dubh ’n a nadur ’s a bha e ’n a phearsa. Mheudaich e an oighreachd gu mor le iomadh car agus cleas. B’ esan a leag steidh caisteal Bhealaich aig ceann an ear Loch-Tatha. Bha, anns na laithean sin, fear-fearainn ann an Gleann-Liobhann ris an canadh Donnachadh Dubh gu magail, am Bodach liath. A chum greim ’fhaotainn air oighreachd bhig an duine so, runaich Donnachadh cur as da, agus shonraich e an gniomh oillteill so ’earbsa ri tighearn eile a bha an Gleann-Liobhann d’ am b’ ainm Donnachadh Ruadh. Chaidh fios air Donnachadh Ruadh gu Caisteal Bhealaich, agus air dha tighinn, chuir am morair failte ro chridheil air agus rinn e a bheatha le mor ghreadhnachas. A lion cuid a’s cuid leig Donnachadh Dubh ris da an gnothach mu ’n do chuir e fios air, agus gheall e duais mhor air son a dheanamh; agus a thuilleadh air sin gu ’n dionadh esan e o gach cunnart o lagh na rioghachd. Ged bha Donnachadh Ruadh ’n a dhuine gle neo-sgàthach, fiadhaich, cha robh e ’n a nadur a lamhan a thumadh ann am fuil an t-seann duine choir a bu choimhearsnach dha, agus dhiult a le grain an gniomh salach so a dheanamh, ach is ann a bu mho a a dh’ earailich, agus a ghrìos Donnachadh Dubh air, le iomadh gealladh milis agus sodal, gu a ghabhail os laimh. Aig an am sin bha Donnachadh Ruadh ’g a ro sharachadh air son airgid, agus an deigh dha smuaineachadh mu ’n chuis chuir e roimhe greim ’fhaotainn air an duais, agus dh’ aontaich e a dheanamh mar dh’ iarr Donnachadh Dubh air—is e sin ceann a’ Bhodaich liath a thoirt do Bhealach. Oidhche no ’dha an deigh so, bhuail Donnachadh Ruadh gu dana aig dorus a’ chaisteil mu mheadhon oidhche, agus dh’ iarr e am morair ’fhaicinn gun dàil, ach cha robh aon de na seirbhisich a dhùraigeadh dol a dhusgadh am maighstir aig an trath sin. Mu dheireadh dh’ fheuch iad dorus a sheomair do ’n fhear ruadh; bhuail e gu dana, agus leig Donnachadh Dubh a steach e. Air dha faotainn a steach, thug e sac a’s e ’sileadh fola a mach fo ’bhreacan agus leig e ’fhaicinn do Dhonnachadh Dubh e. “Tha mi a’ faicinn gu ’n d’ rinn thu an gnothach gu h-eireachdail mar gheall thu,” thurt am fear dubh, agus e ’suadhadh a lamhan le h-aoibhneas. “Nach robh mi riamh cho math ri m’ ghealladh! ach nach gabh thu sealladh air ceann a’ bhodaich?” arsa Donnachadh Ruadh. “Cha ghabh an drasta. Tha mi cinnteach gu leoir gu bheil e an sin agad.” Thoisich Donnachadh Dubh air seanachas gu cridheil ach gun fhacal aige mu ’n duais a gheall e. Mu dheireadh thuirt Donnachadh Ruadh, “So, so, thoir dhomh an duais air son na cuise so agus leig air falbh mi, fhir-an-tighe.” “Duais, mo ghille gasda! cha ’n àm so gu bruidhinn mu airgiod agus duaisean agus do bheatha co mor an cunnart. Thoir an carn ort gus am faigh mise mathanas duit bho ’n righ. Cha ’n ’eil thu a’ tuigsinn a’ ghàbhaidh anns am bheil thu, a dhuine bhochd. Ma theid do ghlachadh crochar thu gu cinnteach.” “An cluinn thu mise?” thuirt Donnachadh Ruadh, agus e ’tarruing a chlaidhimh ’s e dearg le fuil; “mur paigh thu an duais gun [TD 9] dail, ann an aon mhionaid theid do cheann-sa anns an t-sac maille ri ceann a’ Bhodaich liath.” Chunnaic Donnachadh Dubh nach robh seol dol as aige, agus gu ’n deanadh a chompanach an ni a bhagair e. Ged ghairmeadh e air a chuid daoine cha robh sin ach gu bhi ’foillseachadh a’ ghniomh mu ’n robh e. Rinn e, uime sin, gaire, agust thuirt e nach robh e ach ri beagan feala-dhà. Chunnt e an t-airgiod a mach air a’ bhord. Sheall Donnachadh Ruadh air agus thuirt e, “Dh’ fheuch thu ri mise ’mhealladh, agus, air a shon sin, mur dublaich thu an t-suim theid do cheann a phogadh ceann a bhodaich.” Cha robh rathad dol as aige, agus mu dheireadh, rinn am fear dubh mar a chaidh iarraidh air. Thruis Donnachadh Ruadh an duais gu geanail agus ghabh e a chead ag radh, “Seall am bheil muthadh air aogas a’ bhodaich.” An uair a sheall Donnachadh Dubh air an nì a bha ’s an t-sac ciod a fhuair e an aite ceann an t-seann duine ach ceann reithe maoil leis fein! D. C. GRIAN M’ ANMA. Grian m’anma ’s tu, Fhir-shaoraidh chaoimh, Roimh d’ ghnuis grad theichidh as an oidhch’, Neul talmhaidh ’m feasd, na h-eireadh suas A thoirt do láith’reachd neamhaidh uam. ’N uair dh’ fhailceas druchd a’ chodail thlaith Mo rosgan fann aig crioch an là, Mo smuainte biodh mu ’n fhois ’s mu ’n t-sìth Tha ’feitheamh orm an comunn Chriosd. Bho mhoch gu h-oidhche dean leam tamh, Oir m’ oighreachd ’s tu ’s mo chuid fo neamh; Bho fheasgar fuirich leam gu là; Oir ’s oillt, as d’ eugmhais, leam am bàs. Ma thionndaidh’s aon de d’ leanaban uait, ’Toirt cul an diugh ri ceum ma stuaim; A cheum biodh dha gun tamh gun fhois;— Pill fein an t-ànrach truagh air ais. Do ’n tinn ’s do ’n bhochd gabh curam caoin, A’ freasdal doibh, dhe d’ stor nach traoigh; ’S mar chodal naoidhein, aoibhinn, tlath, Do ’n bhronach biodh an nochd a thamh. Do bheannachd oirnn gach madainn taom ’N ar turas sgith a’ dol roimh ’n t-saogh’l, A chum ’s an cuan do ghaoil air neamh, Gu ’m bi sinn feadh gach àil a’ snamh. Eadar. le TOBAR-CHATAIN. [TD 10] NA ’S DLUITHE DHUIT FEIN. Na ’s dlùith’, mo Dhia, dhuit fein, Na ’s dlùith’ dhuit fein; Ged thogar mi a suas Le deuchainn ’s péin. A ghnath ’s i so mo laoidh,— Na ’s dlùith’ do m’ Dhia, na ’s dlùith’, Do m’ Dhia, na ’s dlùith’. Ged bhitheam, mar sheachranach, ’N uair laidheas grian, Am shuain le cloich fo m’ cheann, A’s dorch gach sion, Am aisling b’ i mo ghuidh’,— Na ’s dlùith’ do m’ Dhia, na ’s dlùith’, Do m’ Dhia na ’s dlùith’. Faiceam mo shlighe ’n sin, ’Direadh gu glòir; Na chuir thu orm a’ teachd Bho d’ shlainte mhòir; Aingle ’g am ghairm air m’ ùidh, Na ’s dlùith’ do m’ Dhia, na ’s dlùith’, Do m’ Dhia na ’s dlùith’. An sin ’n uair dhuisgeas mi, Le d’ chliù ’g a luaidh, Togaidh mi Béteil ard Air stéidh mo thruaigh’; Thig mi, troimh bhron a’s chaoidh, Na ’s dlùith’ do m’ Dhia, na ’s dlùith’, Do m’ Dhia na ’s dlùith’. Eadar. le MAC-MHARCUIS. SIR UILLEAM S.-MAXWELL AGUS A’ GHAIDHLIG. A DHUINE MO GHAOIL,—Mar eiseimpleir air an ath-bheothachadh a tha air tighinn air a’ Ghaidhlig o chionn ghoirid agus am meas a tha air a chur air an t-seana chanain sin agus air a luchd-labhairt seach mar b’ abhaist, tha mi a’ cur ad ionnsaidh Litir-bhreugaidh a chuir an t-uasal urramach agus foghluimte, Sir Uilleam Stirling-Maxwell thun na muinntir ann an Siorramachd Pheairt aig an robh còir an guth a thoirt ann an roghnachadh luchd-suidhe na Parlamaid ùir a tha an dràst ’g a taghadh le sluagh na rioghachd so aig iarrtas na Ban-righ. Tha mi cinnteach, ma theid agad air aite thoirt, do ’n litir, gu ’m bi e ’n a ni annasach le d’ luchd-leughaidh agus bidh iad toilichte a chluinntinn gu ’n do rinn Gaidheil Siorramachd Pheairt mar bu dual daibh—chuir iad a stigh mar am fear-ionaid anns a’ Pharlamaid an duin’-uasal eireachdail a chuir a leithid so de dh-urram orra fein agus air a’ Ghaidhlig. Cha ’n ’eil fhios agam na ’n d’ fheuch fear no dha de na chaidh a sheŏtadh a’ Ghaidhlig ris an luchd-taghaidh mar a rinn Sir Uilleam nach biodh a’ chuis an diugh air atharrach! Liubhair mo mhile beannachd do m’ charaid coir, Murachadh Mac-Mhuirich anns a’ Chreig-liath; is ann bhuaith a fhuair mi an litir. Gu ’n eirich gu math dhuit!—guidhe durachdach do charaid, MAC-MHARCUIS. Rudha-nam-faoileann, Dimàirt Inid, 1874. ELECTORS SHIORRAMACHD PHEAIRT. A DHAOIN’-UAISLE,—Tha cuireadh air a thoirt dhomhsa le buidheann mhoir agus chudthromaich gu mi fhein a chur air adhart mar Chandidate no Fear-roghainn air son na h-onair suidhe air ur sonsa mar Mhember Parlamaid, agus tha mi a’ faicinn iomchuidh co-aontachadh ris a’ chuireadh. Tha an t-Ard-Mhinistear a’ toirt reusanan seachad air son an Sgaoileadh ealamh so a tha gun choimeas ann ar n-eachdraidh. Tha corr agus tri fichead Member air a thaobhsan a thuileadh ’s a th’ air an taobh eile, agus tha e ag radh nach urrainn e an Uachdaranachd a chumail air adhart; agus mar so, ann an doigh, a’ deanamh a mach gu bheil a riaghailteachadh anfhann am meadhon soirbheachaidh comharraichte. Tha sealbhachadh mor na rioghaghd air cur fuathas a dh-airgiod an lamhan Mhr. Gladstone, ach bhitheadh e moran na b’ fhearr na ’n tigeadh e le Cunntas na bu shoilleire an lathair na duthcha; agus choisneadh e moran tuilleadh fabhair o shluagh ciallach na ’n do chuir e a Bhudget (no ’Chunntas Solair) mar bu chleachd air beulaobh na Parlamaid, an aite a bhi ga ’Sgaoileadh mar bhratach na h-Election. [TD 11] Ma bhitheas an onair agamsa a bhi mar Mhember air ur son sa ’rithisd ’s ann mar Chonservative (no Riaghladair cùramach) a dh’fheumas sin a bhi. Ach tha mi an dochas gu’n d’ fheuch mi uibhir a mheasarrachd ann mo bheachdan, agus a dheigh air bhi a ’faicinn agus a’ cluinntinn do thaobh na h-uile ceist, agus a dhearbh dhuibh gur duine mi is urrainn seasamh neo-eiseamaileach mar bu choir do Mhember a bhi a shuideadh air son Siorrachd cho cudthromach ris an t-Siorrachd so. Tha agam ri a radh a thaobh votes nan Siorrachdan agus nam Bailtean a bhi coltach ri cheile, nach aithne dhomh bonn turail sam bith air an gabh cur an aghaidh so, agus bheireadh e moran taitneas dhomh gu ’m faigheadh sluagh ciallach, cumanta na h-Alba am miann anns a’ ghnothach so, no, mar tha Mr. Gladstone ag radh, “Gibht o lamhan na h-Ard Chomhairle gun slaoid, agus la deadh thoil nan uile a bhi air a toirt seachad”—facail a tha toirt oirne a cho dhunadh gur e run uachdaranachd cheart agus cumhachdaich sin a thoirt seachad. Ach nis ’tighinn dh’ ionnsaidh ar gnothaichean fein, faodaidh mi a radh mu laghannan an Hypothec agus a’ Ghame gu ’m bheil iad a dh-aindeoin gach geallaidh agus cumail a mach a bh’ againn ann an 1868, fhathast anns an aon staid ’s an robh iad aig dunadh Parlamaid na bliadhna sin. ’S e mo bheachd an comhnuidh mu lagh an Hypothec gur e ceist a th’ ann a bhuineas do ’n Tuathnach na ’s mò na do ’n Uachdaran; agus o ’n tha an Tuathnach na ’aghaidh bhithinn ro dheas gu chur air chul. Tha laghannan a’ Ghame o chionn iomadh bliadhna ’n an campar mor, ach tha eagal orm ged rachadh maighichean agus rabaidean a thoirt as an lagh uile gu leir, nach bitheadh a h-uile gnothach ceart fhathast ged tha cuid a’ smuaineachadh gu ’m bitheadh. Bhitheadh sluagh fhathast moran na bu mho air am buaireadh gu dol thair criochan agus fearann dhaoin eile a dh-aindeoin an lagh. B ’e moran a b’ fhearr, a reir mo bharail-sa, gu ’m bitheadh a’ cheart uibhir choir aig an Tuathnach ris an Uachdaran air na beathaichean sin. Tha moran call aig an tuathnach troimh tuilleadh ’s a choir de Ghame a bhi air a ghleidheadh, agus bu mhath leam doigh ghoirid agus shaor a bhi ann gus an call sin a mheas agus ’fhiach a mhathadh do ’n tuathnach anns a’ mhal. Tha na Tollaichean o chionn fhada, mar an ceudna, ’n an sarachadh mor, ach tha Siorrachdan ann cheana anns am bheil iad air an cur sios, agus ’s i mo bharail-sa gu ’m bu choir an cur a bhàn ann an Siorrachd Pheairt cuideachd, a cheart cho luath agus a ghabhas sin deanamh le ceartas air gach laimh. Tha mathachadh an fhearainn aig deireadh na gabhalaich air tighinn ann an doigh ro shoileir an aire sluaigh ’s an àm so, agus tha uibhir thairbh’ anns a’ gnothach so do ’n Tuathnach agus a th’ ann do ’n Uachdaran ach b’ fhearr leam solar ceart a bhi anns na gabhalaichean mu choinnimh, na lagh ur a bhi air a thoirt a mach mu ’dheibhinn. Ach na ’m bitheadh lagh ur air a chur an lathair na Parlamaid a dheanadh ceartas agus a bheireadh a choir fhein do na h-uile duine dheanainn uibhir chomhnaidh agus a b’ urrainn domh ri a thoirt a mach mar lagh na rioghachd. Mar fhear-fearainn mi fein, bu mhath leam lagh a dheanadh creic agus ceannach an fhearainn na bu shaoire na tha e a bhi ann, agus lasachadh eigin a bhi air a dheanamh ann an lagh an Entail, na e a bhi air chul uile gu leir. Tha ar tim cho goirid agus gu ’m bheil eagal orm nach bi mi murrach air dol ach do ro bheagan dh’ aiteachan a thachairt ris na Voters (no an Luchd taghaidh) mar bu math leam an onair a bhi agam; agus tha mi an dochas gun dean so mo leisgeul a ghabhail dhoibhsan nach urrainn mi a ruigheachd an drasta.—Tha an Onair agam gur mi ur Seirbheiseach dileas, UILLEAM STIRLING-MAXWELL. KEIR,, 30mh de Cheud Mhios na Bliadhna, 1874. ORAN AIR FOGRADH NAN GAIDHEAL A TIR NAN ARD-BHEANN. LE FEARACHAR DOMHNULLACH. AIR FONN:—“Tha mise fo mhulad ’s an am.” ’S fior airidh air beannachd nam bàrd, Deadh Chomunn nan àrmunn fial, A bheothaich gach cleachdadh, a’s gnàths, A bha aig na Gàidheil riamh, O’n ’s toileach leoth’ ’fhaicinn an dàn, Mar sgapadh ’s gach ceàrn an siol, Nior mheal mi idir mo shlàint’, Mur cuir mi gun dàil e sios. Na Gàidheil bha ainmeil ’s gach linn, Gu seasamh an rìgh, ’s a chòir; ’S tric dhearbh iad le ’n armaibh ’s an strì, Nach faighte fo chìs an seors’; ’N àm eirigh na ’n èideadh gu grìnn, Le torman nam pìob fo shròl, [TD 12] S iad ’thilleadh mar bhuinne na ’stìll, Na thigeadh le spìd na ’n còir. Na beathraichean sgaiteach an streup, A choisneadh le ’n euchdan buaidh; An caismeachd mar thorunn bho ’n speur, ’N àm tarruing nan geur-lann cruaidh; B’ aigeantach, sgairteil an ceum, A’ leantuinn an deigh na ruaig, ’S ’n uair philleadh iad, ’g aithris an sgéil, B’ e ’m fasan bhi eibhinn, suairc’. Reir naduir ’s e thainig mu ’n cuairt, Gu ’n thaisgeadh ’s an uaigh na suinn, ’S cha ’n fhaicear an sliochd far ’m bu dual, Ach ainneamh ’measg sluaigh ’theid cruinn; ’S ann lionadh am fearann a suas, Le coigrich gun truas, gun suim, ’S gur annsa leo’ mèilich nan uan, Na caithream bho thuath an fhuinn. Ghluais acaid ro ghuineach na m’ chrìdh; ’S gur bras ’frasadh snithe bho m’ shùil, Ri deachdadh na ’s fiosrach mi fhìn, Mu tharruing na sgriob bha ciuirt; ’Sliochd ghaisgeach le achdan g’ am binn, ’Cur aitreibh mu ’n cinn na ’smùr, ’S ga ’n cartadh a mach as an tir, Gun charaid, gun nì, gun iùl. Bu tursach am muigh air an raon, A chunnaic mi ’n aois, ’s an òig; A’s, geurad an acain, ’s an gaoir, Cha ’n fhaigh mi o m’ smaoin ri m’ bheò; Gun dachaidh, gun fhasgadh bho ghaoith, Ach tional an taobh nam fròg, ’S e b’ eiginn bhi gabhail mu sgaoil, ’S a fagail nan caol fo sheòl. Is furasd’ a thuigsinn, ’s gur cinnt, Na th’ againn ri inns’ na m’ sgéul, Gur lionmhor trioblaid, a ’s téinn, A choinnich riuth’ ’n tiribh cèin; Ge b’ fheudar dhoibh dealach’ ri ’n glinn, Tha pàirt dheth an crìdh’ na ’n deigh, ’S ged chàrnadh iad airgead na mhìll, Cha leighis e mìr dheth ’n créuchd. O ’n threig iad gach fireach, a’s gleann, Cha ’n fhaicear, ach Gall ’s gach cúil; Am fochair a chaoirich gu trang, ’S e ’cleachdadh a chainnt r’ a chù; Le bhreacan air fhilleadh m’ a cheann, A’s caogad car cam na ’rùn, ’S gur fhearr leis an t-anam a chall, Na riobag bhi gann de rúsg. O ’n dh’ imich na gaisgich thair chuan, Cha ’n éisdear leinn duan no ceòl, Cha chluinnear caomh chailin gu suairc’, Ri luinneag aig buar mu chrò; Cha ’n fhaicear na fleasgaich bu dual, A’ siubhal gu ruag’ fir-chròc, Am beagan dhiubh sud nach do ghluais, ’S e th’ orra ’n diugh, tuar a’ bhròin. Gu ’n d’ fhàgadh Mac-talla fo phràmh, ’S gach ionad ’n robh àbhaist riamh, ’S ann tha e air leabaidh ri bàs, A’ cumhadh nan sàr fhear fial A chumadh e ’n cleachdadh gach là, ’S do ’n d’thug e a ghràdh, ’s a mhiagh; Cha ’n fhiù leis an dream tha na ’n àit, Cha toir e á ’n cánran ciall. Ged shiùblainn bho Ghéarr-loch an fheòir, Gus an ruiginn an t-Oban ciar, Cha ’n fhaicinn Ceann-tighe air ’fhòd, A dh’ fhuirich do phòr nan Triath; An àite nan leòghann bha còir, ’S e th’ ann an diugh seòrsa fiat, Airson drochart a’s airgiod na ’spòig, A thilgeas á còir an siad. B’ e fasan, a’s aiteas nan Triath, Bha barraicht’ am miagh ’s am muirn, Bhi fuileachdach, calgach na ’n triall A’ leantuinn nam fiadh ’s an stùc; Bhi sac’adh an gillean le h-iasg, ’S toirt bhradan air fiar gu dluth; Bhi òranach, coranach, fial, ’N àm tional nan cliar gu ’n Dùin. ’S nam b’ fheudar dhiobh tachairt ’s an àr, Cha ghabhadh iad sgàth no gruaim, Bha fir ac’ a sheasadh an càs, ’S a rachadh na ’m pàirt le h-uaill, Na milidhnean colgarra, dàn, A dheanadh le ’n stràcan smuais, ’S a ghleidheadh an reachdan bho thàir, Le iomairt nan stàilinn fuar. Ach ’s mithich bhi criochn’adh mo dháin, Le focal na dhà chur sios,— Mo shoraidh, le durachd mo ghràidh, A dh-ionnsaidh gach Gàidheil fior, ’S e m’ aiteas gu ’m bi iad a’ fas, An urram, ’s an stàth gach ial, ’S gu ’n tionail iad fathast gu ’n àit, ’S gu ’n sgapar a’ chàth romh ’n t-sìol. AN T-SOBHRACH MHUILEACH. Failte an Ughdair do Shòbhraichean a fhuair e á Eilean Mhuile, air dha am planntachadh ri taobh lilidhean, ’n a gharràdh ann am Baile Dhunéidin, anns a’ mhios Mhairt, 1870. AIR FONN:—“Birlinn bhan a’ Chubair.” Luinneag— A lilidh, reul nam fluran, Ged fhuair thu urram; ’S taitniche gu mor leam An t-sòbhrach Mhuileach. [TD 13] A lilidh chaoin-gheal uasal, Na biodh eud no gruaim ort; Ged nach tu mo luaidh Cha ’n ’eil mi suarach umad. Tha thu ùigheil luach’or Aig islean a’s aig uaislean, Bidh na baird ri luaidh ort Anns gach duan a’s luinneag. Tlachd a’s miann mo shul thu, ’Measg nam blath ’s nam fluran; ’S coma leam gach umpaidh Nach biodh muirneach umad. Ach fhuair mi deideag lamh riut, Anns gach buaidh bheir barr ort;— Sòbhrach bhanail, mhald’ ’Chaidh àrach ’s an Leth ’r-Mhuilich. Mo shobhrach gheal-bhui’, thlath, D’ an duthchas a’ choill’ fhasail; Bha do bhreth a’s d’ fhas Am braighe Creag-an-Iubhair. Cha b’ e blaths a’ ghuail A thug dhuit càil a’s tuar, Ach feartan grein’ nam buadh, A’s anail fhuar Chaol-Muile. ’Feadh nan raointean lom ud, Far nach cinn na foth’nain, Gheibhte dlòthaibh trom dhiu Air gach tom a’s tulaich. ’S coidheas deas no tuath leat, ’Measg nan carn ’s nam bruachag, Cinnidh tu gu guamach, Fallain, snuagh’or, lurach. Ged a thig ort dùiseal Ann an àm na dubhlachd. Cha tig bàs fo ’n ùir ort Ged robh ’n fhiùnntainn guineach. ’Dh’ aindeoin cruas a’ gheamhraidh, ’S fuachd an fhaoiltich chrainntidh; Bidh do thrusgan bainns’ ort Mu ’n tig àm na cuthaig. An tir na toit ’s nan du-Ghall, Fad o thir do dhuthchais; Tog do Cheann gu sunndach ’S cuir air chul am mulad. A lilidh, reul nam fluran, &c. MUILEACH Cuimhnich so. Cha ’n e na chosnas tu, ach na chaomhnas tu, a ni saibhir thu. Cha ’n e na dh’ itheas tu, ach na chnamhas tu a ni laidir thu. Cha ’n e na leughas tu, ach na chuimhnicheas tu, a ni foghluimte thu. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Failt ort, a Choinnich, is fhad o ’n da la sin. Ciod a dh’ eirich duit o cheann fada, fada, oir cha do chuir mi suil ort on la sin air an do chomhlaich sinn r’ a cheile ’s an Oban, agus tha tacan maith o sin? Chuala mi gun teagamh gu ’n d’ thug thu Eirinn ort, agus gu ’n robh thu thall re tamuill am measg nan daoine geur-bhriathrach sin ann an seann Innis-fail; agus ma bha tha e cinnteach gur iomadh ni a chual’ agus a chunnaic thu. Dean suidhe sios air an tolman bhoidheach so, agus ni mise suidhe ri d’ thaobh gus an cluinn mi do sgeul agus gus an toir thu mion-aithris air gach neach agus ni a thainig ’n ad char o ’n o ’n chuir sin an oidhche ud seachad co taitneach cuideachd ann am fardaich fhialaidh Ealasaid, nighean Ruairidh ’s an Oban. So, so, leag fein ’n ad shineadh, agus innis domh am bheil Seonaid choir, agus na paisdean gu gleusda fallain. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, chuir thu na h-uiread de cheistibh orm air muin a cheile, agus bhruchd thu co bras a mach iad ’s nach furast domhsa am freagairt fa leth, ach dean socair bheag, agus bheir mi an t-sreang bharr beul a’ bhuilg, agus an sin cluinnidh tu mo naidheachdan a chuid ’s a chuid mar is cuimhne leam. Tha seonaid mathair na cuim gu fallain, slan, surdail, agus tha na paisdean ag eirigh, ag itheadh, agus ag ol mar a b’ abhaist, agus a thaobh sin tha aobhar taingeileachd agam-sa; agus tha dochas agam gu ’m bheil an t-aobhar ceudna agad-sa, a’ charaid ionmhuinn a thaobh do theaghlaich fein. MUR.—Ro mhaith, a Choinnich, ro mhaith, tha buidheachas orm-sa a radh gu ’m bheil mo theaghlach-sa, [TD 14] mar an ceudna, eadar bheag agus mhor air am bonnaibh, agus ann an slainte. Ach ciod mu Eirinn, fhir mo chridhe? Dh’ fheudadh tu o ’n dh’ fhalbh thu dol null air an fhairge mhoir gu ruig America, agus do chairdean fhaicinn ann an Canada, no ann an Ceap-Bretoin, no ann an Eilean Eoin, no ann an cearnadh sam bith de na criochaibh iomallach sin. COIN.—Cha ’n ’eil teagamh idir, a Mhurachaidh, nach ’eil na longa-teine, na slighean-iaruinn, agus na h-innleachdan sin uile a tha air an dealbhadh, agus air an cleachdadh o cheann beagan bhliadhnaichean air ais, chum muinntir a ghiulan o aite gu aite, ’n am miorbhuilibh annta fein agus cha ’n ’eil iad cneasda, ’n am bharail fein, fhir mo chridde, cha ’n ’eil iad sin; oir is leoir iad chum ceann duine a chur ’n a bhreislich. Cha ’n ’eil ann ach gleadhraich, othail, upraid air gach taobh, agus cha chluinnear ’s cha ’n fhaicear ach buaireas, eigheach, agus iomairt anns gach aite—daoine a’ ruith a null ’s a nall, agus a’ leum am measg a’ cheile mar amadain. Gu dearbh, a’ Mhurachaidh, tha na h-uile nithe a’ dol co bras air an aghaìdh ’s gu ’m bheil iad a’ cur muinntir troimh’ cheile ’s a’ cheann agus cha cheaduich iad do dhuine fiu anail fein a tharruing, mar a b’ abhaist da a dheanamh. MUR.—Cha ’n ’eil thu fad am mearachd, a Choinnich, ach cha d innis thu dhomh fathast, c’ ait an deachaidh thu, agus cia lion car a chuir thu dhiot o ’n dhealaich sinn ma dheireadh. COIN.—Tha mi’tuigsinn gu’n cual’ thu gu ’n robh mi ann an Eirinn, agus bu leoir sin fein leamsa, gun America a thoirt orm mar a bha thu ann am feala-dha a’ cur an aghaidh orm. Ach bha mi ann an iomadh cearn agus baile air feadh Eirinn, agus chord na h-Eireannaich agus mi fein gu taghta, oir is daoine fialaidh, cairdeil iad ri coigrich, ach ’s i mo bharail-sa gu ’m bheil moran diubh ni ’s pailte ann am briathraibh, na tha iad ann an cuid. MUR.—Moladh gach neach an t-àth mar a gheibh se e, a Choinnich oir cha ’n ’eil teagamh sam bith agamsa nach ’eil na h-Eireannaich mar tha an crodh anns a’ bhuaile, cuid diubh maith, agus cuid eile dona; ach ma bhuin iad gu maith riutsa, a laochain, bu mhearachdach dhuit a’ chaochladh a radh mu ’n timchioll. Ach thubhairt an sean-fhocal, “Am fear a theid do ’n bhaile mhor gun ghnothuch, bheir e gnothuch as.” A nis, a Choinnich, ciod fo ’n ghrein an gnothuch a thug thusa do dhuthaich nan Eireanach? COIN.—A cheart ni a chuir an earb air an loch, an eiginn, a Mhurachadh; is iomadh ni a bheir an eiginn gu crich! Tha fios agadsa gu ’n do chuireadh as mo leth-sa, gu ’m bheil deadh shuil agam air each, agus air mart, agus caor, agus ’s e sin a’ cheart ni a chuir a dh-Eirinn me. MUR.—Cha bu mhaith an gnothuch gu ’n cuirteadh as do leth, a Choinnich, gu ’n robh droch shuil agad a thaobh ainmhidh ’s am bith, ’s e sin mor-chrodh, no meanbh-chrodh, no eich, no uain, no ceithir-chosach sam bith, a dh’ fheudas am fireach a thoirt air, oir cha mhaith an ni droch shuil. Is fhad o ’n chual thu gu ’m bheil droch shuil aig a’ phiollan bhochd, luideagach sin, Tormaid Leoghasach, an creutair truagh dona sin, nach urrainn amharc air each gu ’n chur as da, no air mart-laoigh gun an toradh a thoirt as a’ bhainne aice, no fiu air a’ mhuic fein, gun toirt oirre crionadh air falbh gu neoni. Bha droch shuil ann riamh, ach mo lamh-sa nach ’eil i ann an ceann Choinnich Chiobair. COIN.—Tha mi an dochas nach [TD 15] ’eil, a Mhurachaidh, agus gu robh mise air mo ghleidheadh o bhi eadhon a’ smuaineachadh an uilc a thaobh co-chreutair sam bith gun ghuth air a chur gu cleachdadh. Ach is e na tha mise a’ ciallachadh so—gu ’m bheil daoine ’s a’ bharail nach ’eil mise idir aineolach air gach gne spreidh, agus uime sin gu ’m bi mi chum feum’ do ’n ti sin leis am miann a bhi ri malairt annta. MUR.—Gu cinnteach cha b’ fhiach thu lan do chluaise dhe ’n uisge mar biodh mor eolas agad orra, oir is i do cheird a bhi ’n am measg. Rugadh tu chum na criche sin, agus beag taing dhuit air son gach fiosrachaidh a tha agad mu gach feudal, agus ainmhidh ceithir-chasach fo ’n ghrein, ach gu h-araidh mu ’n fheudal sin leis am am bu ghnath a bhi ’g ionaltradh air garbhlaichibh na Gaidhealtachd. Ach ciod a thug a dh-Eirinn thu, innis domh a nis! COIN.—Is mise a dh’ innseas, agus is mi a’s urrainn. Tha mi cinnteach, a Mhurachaidh, gu ’n cual’ thu mu thimchioll mo mhaighstir uasail, Sir Seumas, aig am bheil, tha eagal orm, seillean ’n a cheann air a’ bhliadhna so mu ’n oighreachd aige, agus a ta ’cur roimhe moran atharraichean a dheanamh, air son an gabh e fathast aithreachas ceart co cinnteach is gur e Murachadh is ainm dhuit. MUR.—Cha chuala mi riamh guth mu thimchioll; ach cha chuireadh ni sam bith a dheanadh Sir Seumas iongantas ormsa, a Choinnich, oir bha e riamh o ’n thainig e dh’ ionnsuidh na h-oighreachd, luaineach neo-sheasmhach, mi-steidheil ’n a ghnothuichibh fein air fad. Thilgeadh e an ni sin a dheanadh e an diugh, bun os ceann am maireach, agus riaghailt sam bith cha b’ aithne dha. Ach, a Choinnich, ciod a ta ’n tras’ ’n a cheann? COIN.—Cha ’n ann chum droch fhreagairt a thoirt ort, a Mhurachaidh, ach is comadh ciod tha ’n a cheann. Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil upraid agus othail gu leoir ann, agus air amannaibh gle bheag toinisg. Tha e fein agus an tuath a’s cothromaiche air an oighreachd aige, an deigh cur a mach air a cheile, agus tha e ’boideachadh nach toir e oirleach fearainn do mhac mathar diubh, ach gu ’n gleidh e na gabhaltais aca ’n a laimh fein. MUR.—Is mor an naidheachd sin da-rireadh, a Choinnich, ach ciod na fearrainn deth am bheil e ’cur nan tuathanach mar sin air falbh? COIN.—Tha na gabhlaichean aig am bheil na h-aontan aca a mach, mar a tha Leitir-nan-coileach, an Torran-uaine, an Slios-buidhe, Achan-nan-claidhean, an Torr-breac, agus na h-uiread eile. MUR.—Ach ciod a thainig eadar e fein agus na tuathanaich choir aig an robh na bailte sin, moran diubh o ’n rugadh iad, agus an sinseara rompa. COIN.—Thainig eatorra na feidh, na h-earbaichean, na maighichean, na coineanan, na cearcan-fraoich, na coilich-dhubha, na h-eoin-ruadha, agus an leithidibh sin,—creutairean a ta ’deanamh millidh agus sgrios gun choimeas air gach pòrr agus barr; agus cha toir an t-uachdaran taing do’n tuath air son na calldach. An aite sin lasaidh e am feirg mu labhrar lide gu’n d’ rinn iad dolaidh sam bith air toradh na talmhainn. Ach cha’n e sin a mhain, ach theid coisridh mhor a mach le’n eachaibh agus le’n cuid chon, agus bheir iad steud asda am measg nan raointean arbhair agus gach barraidh eile, ’g an saltairt fo ’n cosaibh, agus ’g am milleadh. Ach an uair a nithear gearan ri Sir Seumas, is ann a thogas e a shroin co ard ri crann soithiche, a chionn gu’m bheil a dhanadas aig na tuathanaich bhochd fiu aon fhocal gearain a dheanamh. [TD 16] MUR.—Tha sin gle chruaidh gun teagamh a Choinnich agus gun a chridhe a bhi aig an tuathanach sharaichte aon srad luaidh a chur ’n a dheannal ’n an deigh. Agus cha ’n e sin a mhain, ach cha ’n fheud e a bheul ’fhosgladh aig am togail a’ mhail chum sgillinn lughdachaidh fhaotuinn air son a challdach. Ach aig a’ cheart am so tha gleadhar mor air feadh na rioghachd a thaobh laghanna ura a bhi air an dealbhadh air son na seilge, agus cha ’n ’eil teagamh agam-sa olc air mhaith leis na tighearnaibh-fearainn, nach deanar riaghailtean agus reachdan araidh, chum coir a chumail ris an tuath, agus chum gnothnichean na seilge a shuidheachadh air steidh uir agus chinntich. COIN.—Tha sin uile fior, ach an deigh sin, ciod a dh’ eireas do’n tuath ma thilgear a mach iad, mar tha Sir Seumas a’ deanamh, agus mar a ni iomadh Sir Seumas agus Sir Uilleam eile ag radh gur leo fein am fearann, agus gu ’m feud iad an toil fein a dheanamh leis? MUR.—Cha ’n fhad gus an leigheis am mearachd sin e fein. Cha d’ rinn tighearna-fearainn riamh mor-bhuannachd, no buannachd idir, o bhi ’g aiteachadh an fhearainn aige fein; agus cha ’n fhad gus am fas e sgith dhe ’n tuathnachas, agus gus am buidhe leis a thoirt seachd air son mail mar a rinneadh riamh. Ach, a Choinnich, cha d innis thu dhomh re na h-uine so ciod a thug a dh-Eirinn thu. COIN.—Cha ’n fhurast na h-uile nithe a chur an ceill comhladh, a Mhurachaidh, ach innsidh mi a nis mo ghnothuch gu dol a dh-Eirinn, agus ’s e so e. Ghabh mo mhaighstir urramach ’n a cheann nach robh ait’ ann co freagarrach ri Eirinn chum crodh, caoraich, agus eich a cheannachadh, a dheanamh suas stuic air son nam bailte-fearainn a thuiteas air a laimh fein ann an uine ghoirid, Uime sin, dh’ ainnich e la air an rachadh e null do sheann Innis-fail, chum rogha a’s tagha a dheanamh air gach gne fheudail agus mheanbh-chruidh ’s a bhiodh a dhith air; agus thug e aithne dhomhsa a bhi’ deas gu dol maille ris air an la sin. MUR.—Tha mi ’g ad’ thuigsinn a nis, a Choinnich, ach ciod a thubhairt Seonaid mu ’n chuis sin? An robh ise reidh agus lan riaraichte chum comas nan cas a thoirt duit, agus chum dealachadh riut re uine co fada? COIN.—Ochan! Ochan! a Mhurachaidh, is i nach robh, oir an uair a chuir mi an ceill di iarrtas mo mhaighstir coir ’s ann a thoisich i ri eigheach, ranaich, agus bas-bhualadh, ag radh, “A Choinnich, a ghraidh, cha teid thusa null do ’n droch aite sin far am bheil iad a’ mortadh agus a’ marbhadh a’ cheile, agus far an cuir iad as duit ann am priobadh na sula. Cha teid, cha teid, b’ fhearr leam gu mor gu ’m fagadh tu seirbhis an duine chuthaich sin, Sir Seumas, na gu ’n cuireadh tu do bheatha fein an cunnart. O! smuainich, a Choinnich, orm-sa, agus air na paisdibh lurach, laga sin, na ’n eireadh ni sam bith dhuitse; agus cha ’n earbainn do bheatha aon latha ris na droch chreutairibh a ta chomhnuidh ’s an duthaich aimhreitich sin! Ochan! Ochan! cha teid cas no cnaimh dhiot ann idir, a Choinnich a luaidh mo chridhe,—cha teid, cha teid. MUR.—Tha mi ’faicinn nach robh Seonaid deonach air dealachadh riut, a Choinnich, ach ciod a rinn thu? Ciamar a chaidh a’ chuis leat? COIN.—Ciod a rinn mi? an e tha thu ’g radh? A chum an sgeul a dheanamh goirid, thainig Sir Seumas air an la a shonraich e, agus thubhairt e, “Biomaid a’ falbh, a Choinn- [TD 17] ich, tha gach ni deas,” agus chuir e airgiod ann an laimh Seonaid, ag radh rithe a bhi fo dheadh mhisnich, oir nach b’ fhad an uine gus am pilleadhmaid a ris. Le sin ghabh mi beannachd cabhagach le Seonaid, phog mi na paisdean, agus le mo mhaileid ’n am laimh, ghrad dhirich mi an carbad a bha aig an dorus, agus co luath ris a’ ghaoith, bha Sir Seumas agus mi fein ’n ar deann-ruith, gus an d’ fhuair sinn greim air an t-slighe-iaruinn a thug do Ghlaschu sinn. MUR.—Tha mi ’tuigsinn sin gu ro mhaith, ach ciod an car a chuir thu dhiot a ris? COIN.—Is iomadh car sin, a Mhurachaidh, agus Ochan! Ochan! b’ e’ m baile e. Cha robh mi riamh roimhe ann, ged is lionmhor cuireadh a fhuair Seonaid agus mi fein o Mharsali Chaimbeul, nighean peathar m’athar, agus o ’n chompanach aice Ruairidh Mac-Dhomhnuill, gu dol g’am faicinn. Ochan! na sraidean-fada, na carbadan, na longan, na soithichean-smuide, na baintighearnan agus daoine-uaisle, agus na nithe eile gun aireamh air nach ruig cunntas, a chunnaic mise! Agus ciod a their mi mu na tighean-mora, na h-eaglaisean, na ceardaichean eagalach sin aig an robh simileirean a’ruigheachd nan neoil? Gu dearbh, a Mhurachaidh, chuireadh mo cheann ’n a bhoile leis an stairearaich agus a ghleadhraich gun sgur air gach taobh, direach mar gu’m biodh mile clach-bhalg ’g an crathadh ri m’ chluais uile comhladh. MUR.—Tha mise gle eolach air a’ ghleadhraich sin, a Choinnich, ach c’ait’ an do thog Sir Seumas agus thu fein bhur cairtealan? COIN.—C’ait’ ach ann an Tigh-osda na h-Iolaire, far an d’fhuair mi gach goireas. Ach an deigh sin bha mi ’tuigsinn nach bu mhaith dhomh a bhi ’s a’ bhaile mhor sin gun aon chuid Sir Seumas no an t-airgiod a bhi maille rium. MUR.—Gle cheart, a Choinnich, gle cheart, cha bhiodh an gnothach idir co taitneach mur biodh aon chuid Sir Seumas no an t-airgiod maille riut, agus bu ghasda le cheile iad. Ach cia mar a chuir thu am feasgar seachad, oir bha toiseach na h-oidhche fada gu bhi ’n ud shineadh gu diomhanach a stigh? COIN.—Cha b’ fhad’ a bha mi stigh, ach cha duraiginn dol a mach leam fein, air eagal gu’n caillinn an rathad air m’ ais. Bha mi ro dheonach air dol a chur failte air mo dheadh charaid, agus b’e sin esan, an GAIDHEAL, gu taing a thoirt da aghaidh ri h-aghaidh air son a naidheachdan tarbhach agus taitneach, ach ged a fhuair mi seoladh thun an aite o bhalach a chomhlaich mi, an deigh sin uile cha deanainn a mach e agus bha bron orm. Thubhairt e rium, “Rach sios gus an ruig thu an treas sraid, a ris rach gu tuath, agns a ris cum chum na laimh deise, agus an sin theid thu seachad air tigh mor lan dhealbh air a mhullach, agus an sin foighnich air son tigh a’ GHAIDHEIL, agus cha’n urrainn thu dol am mearachd.” Ach gun fhocal breige, a Mhurachaidh, bhiodh e ceart co furast domhsa snathad fhaotainn ann an sguaib fhodair; agus mo thruaigh! b’ fheudar tilleadh dhachaidh, agus, Och mo chreach! cha’n fhac mi mo charaid ionmhainn an GAIDHEAL. MUR.—Ciod a dh’ eirich dhuit an sin, ma ta? COIN.—Innsidh mi sin duit, a Mhurachaidh. Bha mi am shuidhe ann an seomar beag a’ gabhail smuid dhe ’n phiob, an uair a thainig Sir Seumas a stigh, agus thubhairt e rium gu’m b’ fhearr domh dol dh’ ionnsuidh an Tighe-chluiche, gus [TD 18] am faicinn Rob Ruadh Mac-Griogair a bha gu bhi air a chluicheadh an oidhche sin. Chuir e cairt bheag ’n am laimh, agus thubhairt e gu ’n leigeadh i sin a stigh mi, agus gu ’n cuireadh e aon de na gillibh caol, ard, dubh sin a bha ’s an tigh maille rium dh’ionnsindh an aite. Lean mi an t-oganach a bha air ’eideadh ann an sgeadachadh dubh mar gu’m bu mhinisteir òg e; rainig sinn an Tigh-cluiche; chaidh mise a steach, agus an ceann tacain bhig thogadh suas cuirtean mor, leathann, a bha ’cheart uiread ris a’ gharadh chail agam, agus, O! an sealladh a chunnaic mi! daoine, beanntan, uisge, agus na h-uile nithe co soilleir, nadurra, agus co anabarrach aluinn ’s nach urrainn mi an cur an ceill. MUR.—Is tu a fhuair do shuilean ’fhosgladh, a Choinnich, agus is olc an airidh gu’m bheil an oidhche a’ tarruing dluth oirnn, air chor ’s nach urrainn mi gach ni a chluinntinn gu ceart, ach tha uair eile a’tighinn, tha mi’n dochas. COIN.—Cha chuirinn-se an ceill re seachdain na nithe iongantach a chunnaic mi an oidhche sin; ach b’e Rob Ruadh fein an gaisgeach treun. Ochan! ’s ann air a bha’n eididh mhaiseach! Ach cha mhor nach do sgain mi mo chliathaichean a’ gaireachdaich ri creutair beag piullach a thainig a stigh ris an abradh iad Dughall, agus bha mabalaich Ghadhlig aige, oir chunnt e ni eigin suas—aon-dha-tri-ceithir-coig—agus ma chunnt, ’s e a thug air an tigh uile an lasgan gaire a chur suas, a’s mo a chual’ mi riamh. Ach bha dorran orm an uair a bha gach ni thairis, agus a b’ eiginn domh Osda na h-Iolaire a thoirt orm co luath ’s a bheireadh mo chosan mi. MUR.—Ciod a dh’ eirich dhuit air an ath mhadainn, a Choinnich? COIN.—Is ann air eiginn a thainig solus an latha a stigh an uair a dh’ eirich Sir Seumas, agus thubhairt e rium gu ’n robh sinn gu dol air luing-theine aig ochd uairean a bheireadh a dh-Eirinn sinn. Dheasaich sinn gach ni, agus thug sinn an traigh oirnn, agus am measg chabhlaich gun choimeas de shoithichibh dheth gach gne, rainig sinn toit-long mhor, ard, aig an robh gach crann luchdaichte le srolaibh buidhe, dearg, agus gorm a’crathadh anns a’ ghaoith, agus chaidh sinn air bord. Cha b’fhad gus an do bhuaileadh clag le gleadhar cabhagach, agus ann am priobadh na sula bha Mercury (ainm na luinge) ’a deann-ruith a sios air Cluaidh. Rinn i dail bheag ann an Grianaig, agus cha do lasaich a cuibhlichean tuilleadh gus an deachaidh sinn air tir ann am Belfast an Eirinn. MUR.—Direach ceart, a Choinnich, agus rainig thu gu sabhailt seann rioghachd na h-Eireann, agus is cinnteach gur iomadh ni a chual agus a chunnaic thu ’s an duthaich mhaisich sin. Ach gus an comhlaich sinn a ris cha toisich thu air mion-sgeul a thoirt domh air do thuras am measg nan Eireannach. COIN.—Cha toisich, fhir mo chridhe, oir cha b’ e so an t-am gu toiseachadh air nithe aithris mu ’n tir sin far an d’ fhuirich Sir Seumas agus mi fein dluth air ochd seachdainean. Ach tha mi ’n dochas gu ’m bheil la maith a’ tighinn air an leudaich sinn air tapachd agus seoltachd nan Eireannach. MUR.—Biodh e mar sin, a Choinnich. Gu robh buaidh leat fein, agus piseach air Seonaid agus air na paisdibh. Oidhche mhaith dhuit, fhir mo ghraidh, agus gu ’m bu solasach a chi sinn a cheile a ris. ALASDAIR RUADH. [TD 19] SORAIDH COMUNN CHOMHAIL. (FONN—Mor Nian a’ Ghiobarlain.) [Ceòl] MOLADH AGUS SORAIDH CHOMHAIL, AGUS A LUCHD-AITEACHAIDH. Le Bard Ghlinn-da-Ruadhail an Siorramachd Earra-Ghaidheal ann an Albainn. Tha an t-ard sgoilear fialaidh so a nis a chomhnuidh an Eilean Phrionns Eduard, ann am Mor-roinn Chanada. Chuir an duin’-uasal foghluimte so an t-oran a leanas am ionnsaidh air son Comunn Còmhalach Ghlaschu, maille ri ’ghradh, a dheadh run agus a bheannachd; agus mar an ceudna, a dhochas durachdach gu ’n soirbhicheadh leo, agus na ’n deonaicheadh iad, gu ’n robh cead aca an t-oran a sheinn aig an coinnimh bhliadhnail a bha ri tachairt ann an Seomraichean na Banrigh ann an Glaschu air an 6mh latha de chiad mhios an Earraich 1874. Chaidh iarrtas a’ bhaird a choimhlionadh le mor ghairdeachas, urram, speis agus buidheachas, an lathair corr agus naoidh ciad de shluagh a tha ainmeil agus fior mheasail ann an Glaschu agus air feadh Chomhail uile. Tha na Comhalaich, agus gu sonruichte na Glinnich, a’ cur ciad mile beannachd agus taing a dh-ionnsaidh a’ Ghaidheil urramaich ann an America air son na duais phriseil a chuir e nall thun Comunn Comhalach Ghlaschu—a luchd-duthcha ionmhuinn fein. GLINNEACH. GHLASCHU: At t-Seann Fheill-Brighde, 1874. FONN:—“Ròsan an Leth-Bhaile.”* Soraidh uam gu Comhal, Tir bhoidheach nan luasanan, Nan seamair a’s nan neonain, Nan ros a’s nan subhagan, * Mor Nian a’ Ghiorbarlain. [TD 20] Nan coilltean maiseach, ceolmhor, Le seirm nan smeorach luinneagach,— Nam machraichean, ’s nam mor-bheann, Nam frog a’s nan sruthan glan. Air fail ithil ò, Agus hó ró seinidh mi, Air fail ithil ó, Agus hó ró seinnidh mi, Air fail ithil ó, Agus hoirionn ó, seinnidh mi,— Gu slàinte Chomuinn Chòmh’ laich, Gu sònruicht’ am President. ’S i sin tir a’ chaoimhneis, An aoibhnis ’s an t-subhachais, An oilein, a’s an eolais, ’S nan seod a tha curanta, Cumachdail, deas, ordail Bho ’m broig a suas gu ’m mullaichean;— ’S iad deas-chainteach gun bhoilich, A’s seolta, gun chluipeireachd. Air fail, etc. Cha leig mi ’choidhch’ air di-chuimhn’ An tim bha mi maille riu; Is och is och mo leireadh! ’S e dh’ eignich ’thigh’n thairis mi, ’Bhi ’faicinn nach robh sta dhomh Bhi tamh a bheag na b’ fhaide ’n sin, ’S na glinn ga ’n cur fo chaoraich.— ’S na laoich as an dachaidhean. Air fail, etc. Na fineachan, d’ an dualchas ’Bhi uasal a’s eireachdail, A’s dileas d’ an cinn-fheadhna, ’S d’ an righ,—’s air taobh na h-eaglais, Ga ’m fogradh a’s an rioghachd, Le mal, a’s cis, a’s eascairdeas Nan uachdaran mhi-thruacanta: Cruaidh-chridheach, bleidireach. Air fail, etc. Ge deacair so ’n ar suil-ne, Bha ’chuis air a suidheachadh;— Oir ’s iomchuidh gu ’m bi duthchannan Ur air an tuineachadh, ’S gun Bhreatannaich a sharach Gu brath, cha ’n fhag an t-eilean sin— Ged ’s mor a b’ fhearr do phairt duibh, ’Bhi ’tamh an Amerìca Air fail, etc. An sin ma bhios iad grideil, A’s dichiollach, oidhirpeach, ’S gun mhi-fhortan bhi ’n dan doibh, Ach slan, laidir, adhartach; Mu ’m bi iad fada ’s tir so,— A cheart cho chinnt’ ’s tha coill’ innte,— Bidh aca crodh a’s caoraich, Biadh, aodach, ’s mòr ghoireasan. Air fail, etc. Ged tha ’n Geamhradh fuar, Reota, cruaidh, sneachdach, gaillionnach, Bithidh aca tighean blath, ’S teine laidir a gharras iad, ’S cha bhi curam fuachd doibh, Is coille bhuan ri gearradh ac’: ’S ma thig sibh ’nall a Comh’l Tha mi ’n dochas nach aithreach leibh. Air fail, etc. AN GAIDHEAL ANN AN AMERICA. IMRICH NAN EUN. “Seadh, is aithne do ’n chorrbhain anns an athar a h-am fein, agus is aithne do ’n choluman, agus do ’n ghobhlan-ghaoithe am an teachd.”—Ieremiah. Cha ’n ’eil e comasach smuaineachadh air an tuigse-naduir a bhuilich Dia air an eunlaith, gun bhi air ar lionadh le iongantas, agus de gach tuigse tha aca, cha ’n ’eil ni is aithridh air beachd, na mar theid cuid diubh o thir gu tir air amaibh sonraichte. Gad a tha iomaduidh seors’ againn ’s an t-samhradh cha mhor a dh’ fhuirgheas againn fad a gheamhraidh. Cha luaithe a thoisicheas am fuachd ri teachd na dh’ fhalbhas a’ chuthag, an golan-gaoithe, an liath-truisg, a’ chorra-riathach, agus iomad seors’ eile. Itealaichidh iad air falbh do dhuthchaibh is fearr a fhreagras doibh: agus anns an am cheudna thig eoin eile oirnn o rioghachdaibh is faide mu thuath n’ an duthaich againne. Tha da ni ro-chomharraichte ’s an imrich so. ’S e cheud ni gu’n tuigeadh na creutairean sin an t-am is freagarraiche dhoibh gu falbh agus gu tighinn; agus ’s e ’n ni eile, gu’m biodh fhios aca c’ aite ’m bu choir dhoibh a ghabhail. Tha e air a thuigsinn gu bheil aig eoin na h-imrich so sgiathan, agus cumadh a tha gu h-araidh freagarrach airson dol air asdar fada. Agus tha e ro shonraichte gu bheil iad air na h-amaibh so a’ leigeil ris gliocas agus riaghailt a tha cur mor ioghnadh oirnn. Mhoth- [TD 21] aicheadh ann an cuid de dhuthchaibh gu ’n cruinnich iad ’n an sgaoithibh lionmhor, as gach cearnaidh de ’n tir, ann an aiteachaibh fa-leth a reir an gne, beagan uine ma ’n gabh iad an turas, mar gu’m biodh iad a’ deanamh suas ri cheile mu ’n aite chum an an robh iad a’ dol; agus falbhaidh iad an sin le aon fheachd, agus gun stiuir gun chombaist ’s an oidhche dhall dhorch, thairis air chuantaibh, agus rioghachdaibh, do na duthchaibh is iomallaiche. Tha turas nan giadh agus nan tunnaga-fiadhaich, aithridh air beachd sonraichte. Falbhaidh iad ’n an da shreith a’ coinneachadh air an toiseach, mar gum biodh geinn ann. Tha ’n t-aon is toisiche a’ gearradh an aile do chach; ’s an uair a bhios esan agus an dithis a tha na dheigh sgith, theid iad a chum an deiridh, agus gabhaidh triuir eile an aite. Tha e air a mheas gu bheil cuid diugh so a ni da cheud mile an aon la, ’s gun a bhi air iteig ach sea uairean. Anns an imrich so tha maitheas agus freasdal De ro-shoilleir. Nach furast ’fhaicinn a chaomh throcair dhoibh ann an solar loin, air an son agus ’g an stiuradh far a bheil so ri fhaotainn, ’n uair tha e faillneachadh orra an aite eile. Tuigeamaid uaithe so gu bheil gach ni ann an rioghachd an Uile-chumhachdaich air a shocrachadh le gliocas neo-mhearachdach, agus maitheas neo-chriochnach. Tha ’n t-eun is faoine ’s an ealtuinn fo churam Dhe. Smuainticheamaid air a so, agus gabhamaid naire airson ar n-an-earbsa, ar teagamh, agus ar n-iomaguin. Esan a tha seoladh a mach slighe do na h-eoin, nach mor is mo na sin a ni e dhuitse, O dhuine, air bheag creidimh?—Teachdaire Gaidhealach. COSAMHLACHDAN. IV. A’ CHATHAG UAILLEIL. Bha cathag araidh cho uailleil mhor-chuiseach ’s nach b’ urrainn di a bhi toilichte le a crannchur no bhi ’tighinn beo am measg a coimpirean, ach ’s ann a ghabh i gu trusadh nan iteag a thuit bho na peucagaibh, ’s ’g an stobadh am measg a h-iteach fein, agus anns an eideadh so ’g a nochdadh fein gu neo-sgàthach ann an coinneamhan nan eun briagha sin. Cha b’ fhada gus an d’ fhuair iad a mach i; stroichd iad a riomhaidhean coinghill bharr a droma; ghabh iad di le ’n guib gus an d’ fhuair i am peanas a thoill i airson a ladarnais. Lan doilgheis agus trioblaid, phill i a dh-ionnsaidh a seana chompanaich ’s i toileach deanamh a suas riutha, ach bha lan fhios acasan air an doigh ghiulain agus an caithe-beatha a bha aice o ’n dh’ fhag i roimhe iad, agus dhiult iad a gabhail a stigh d’ an cuideachd; aig a cheart am thug aon diubh dhi an t-achamhsan so: A bhana-charaid, na ’m biodh tusa toilichte le d’ chor, agus mur deanamh tu tair air an inbh anns an do shuidhicheadh thu cha d’ fhuair thu an t-uisneachadh truagh so uapasan am measg an do nochd thu thu fein, agus cha d’ fhuiling thu an tamailt agus am masladh folaiseach so a tha sinne a’ meas mar fhiachaibh oirnn a chur ort. An Comhchur. Is e tha sinn ri ’thuigsinn leis a’ Chosamhlachd so, gu ’m bu choir dhuinn tighinn beo gu toilichte le ar crannchur ciod air bith e, gun a bhi a’ gabhail oirnn amharc na ’s mò na ’tha sinn le bhi a cur umainn eideann sgiamhaich nach buin duinn. V. AN LEOGHANN AGUS NA BEATHAICHEAN EILE. Rinn an leoghann agus cuid de bheathaichean eile co-chordadh air [TD 22] son cach a cheile ’dhion ’s a chuideachadh, agus bha iad ri tighinn beo gu cairdeil feadh na coille. Air latha araidh chaidh iad a mach a chum seilg; ghlac iad fiadh reamhar, aluinn agus roinn iad e ’n a cheithir earrannaibh, oir thachair nach robh a lathair aig an am ach an leoghann agus triuir eile. An deigh do ’n roinn a bhi air a deanamh agus na h-earranuan air an cur a mach fa-leith, ghluais an leoghann a nall, agus, a’ cur a laimh air aon de na h-earrannaibh, labhair e mar a leanas: Tha mi’glacadh agus a’ gabhail seilbh air an earrainn so mar mo choir a a chionn gu ’m buin mi gu dligheach do theaghlach rioghail an Leoghainn. An earrann so (agus e ’deanamh laimh air an dara te) tha mi a’ tagar le coir nach ’eil mi a’ meas air chor sam bith mi-reusanta, oir tha ’fhios agaibh gu leir gur ann ri m’ neart agus mo chruadal a tha soirbheachadh gach comhraig a tha againn ris an namhaid an earbsa; agus aidichidh sibh uile gu bheil cogadh tuilleadh ’s cosdail ri ’ghiulan air aghaidh gun chomhnadh freagarrach. An treas earrann tha mi a’ gabhail mar mo choir-dhlighe mar uachdaran—coir air am bheil mi cinnteach gu ’n cuir sibhse, mar iochdarain umhal agus dhileas, gach uile mheas agus urram. Air son na ceathraimh earrainn, tha ar n-eiginn aig a’ cheart am so cho cruaidh, ar stor cho gann, agus ar creideas cho lag ’s gu bheil mi a’ tagar gu ’n tabhair sibh dhomh i gun seunadh gun talach; na gearainibh ma tha meas agaibh air ur beatha. An Comhchur. Cha ’n ’eil companas air bith tearuinte a tha air a dheanamh riusan a tha os ar cionn ann an cumhachd. Ged a ghabhas iad orra fein na boidean a ’s truime ’s a ’s solaimte aig toiseach na comhdhail, a’ chiad chothrom a gheobh iad tha iad air am buaireadh gus an cumhuant a bhristeadh, agus tha iad daonnan deas le leisgeulan a chum iad fein ’fhirinneachadh. Cha ’n ’eil e furasta ’radh co dhiu is amaidiche do dhaoine iad fein earbsa ann an lamhan muinntir a tha na ’s cumhachdaiche na iad fein, na iongantas a bhi orra a rithist gu bheil am muinghinn ’s an dochas air am mi-ghnathachadh, agus an cuid ’s an coir ar an spuinneadh. Eadar. le MAC-MHARCUIS. SOP AS GACH SEID. Cha ’n ’eil daoine sam bith cho falamh riusan a tha lan diubh fein. Na comharraich a mach mearachdan dhaoine eile le coraig shalaich. An uair a tha daoine a’ fas crabhaidh ’n an seann aois cha ’n ’eil iad ach a’ tairgseadh do Dhia fuighealach an Diabhuil. Tha esan a mhionnaicheas, ag aideachadh nach ’eil ’fhacal lom airidh air creideas. Is ann orrasan a ’s mo air am bheil de eagal De is lugha tha de eagal duine. Ciod e saibhreas? Is e saibhreas gach ni a tha daoine a’ solaireadh ’s an t-saoghal air son am beò-shlaint agus an toilinntinn fein. Is i saothair a bheir saibhreas gu buil. Tha gliocas a’ cumail saibhreis ’n a criochaibh fein trid am bheil i ’meudachadh agus a’ fás cumhachdach. Tha na daoine saibhre air an deanamh suas dhiùbh-san a fhuair cuid o mhuinntir eile,—dhiùbh-san air an do thuit beartas gun fhios gun aire dhoibh,—agus dhiubh-san a choisinn e dhoibh fein le fallus an gruaidh. Air an dòigh cheudna, tha na daoine bochda air an deanamh suas dhiùbh-san a shèalbhaich bochduinn o mhuinntir eile,—dhiubh-san air an d’tháinig i gun fhios gun aire dhoibh,—agus dhiubh-san a thug le h-amaideachd orra fein i. Ginidh leisg agus diomhanas bochduinn. Cha saothraich duine, cha choisinn e a’ bheag, agus tha e, uime sin, bochd. Cha ’n ’eil leigheas ann air son na bochduinn sin a ta ’sruthadh o’n leisg, ach dichioll agus saothair. Is coir do na h-uile a bhi dichiollach, ionraic, agus glic. Faodaidh slaightire tuilleadh a bhuidhinn ann an aon latha na ’ni an duine onorach; ach buidhinnidh an duine onorach tuilleadh anns a’ bhliadhna na ’bhuidhinneas an slaightire. [TD 23-32] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 33] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] TREAS MIOS AN EARRAICH, 1874. [26 AIR. SILIS NIC-COINNICH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. II. Bha Morair Eidirdeil, a nis air a chur thuige gu goirt. Thug e a ghealladh d’ a fhine, air ’fhocal agus air ’onoir. Choimhlion iadsan am pairt fein de ’n chordadh a rinneadh eatorra, agus mar sin cha b’ urrainn esan air ’onoir claonadh o a phairt fein a choimhlionadh mar an ceudna. Dh’ ullaich e dinneir ghreadhnach, chosdail, a thug barrachd air gach fleadhachas a chunnacas riamh an taobh a stigh de thallachan Chaisteil Gharnaid, agus a dh-ionnsaidh an do chuir e na maithean a chaidh ainmeachadh cheana. Shuidh a’ bhan-mhoraire aig ceann a’ bhuird, le deise shioda de bhreacan Chlann-Choinnich, agus i a’ dearrsadh le usgraichean òir agus le seudan ro luachmhor. Cha ’n fhac iad riamh i a’ sealltuinn cho aillidh, cho aoibheil no cho ionghradhach; agus an uair a dh’ eirich i o ’n bhord agus a dh’ fhag i iad leotha fein, cha robh suil thioram anns an talla; cha b’ urrainn a h-aon dhiubh smid a labhairt ri aon eile; shuidh iad gu tosdach samhach ag amharc ann an aodannaibh a cheile. An uair a chunnaic Eidirdeil an deargadh druighteach a rinn lathaireachd agus giulan caoin, flathail Silis air faireachduinnean nan aoidhean gu leir, ghlac e misneach gu tuilleadh dalach ’asluchadh orra. Chuir e f’ an comhair gu ’m b’ fhearr leis gu mor a bheatha fein a chur ’n an cumhachd na dealachadh rithese a b’ i annsachd a chridhe; gu ’n robh a bheatha gu buileach ceangailte suas innte, agus mar sin nach b’ urrainn e air chor sam bith aontachadh ri lamh a chur ’n a beatha; agus a thaobh litir-dhealachaidh a thoirt dhi, no a fogar o’ bhroilleach, ni a bhiodh dh’ ise ni ’bu chruaidhe na am bas fein, nach robh e ’n a chomas a dheanamh air bonn laghail no onorach; gu ’n robh a leithid do bhuaidh aice air a chridhe agus air ’aignidhean is gu ’n robh e lan chinnteach na ’n deanta ciurram no ainneart oirre gu ’n diobradh a chiall agus a thabhachd e, agus nach treoraicheadh e gu brath tuilleadh a chinneadh gu iomairt nan lann ann an aobhar an duthcha; agus labhair e mar an ceudna gu faireachail mu an dian ghradh leis an robh a cridhe uasal neo-chiontach ceangailte, cha b’ ann a mhain ris fein ach ris an iomlan de ’n fhine. Bha nis gach aon de na h-uaislean a’ caoineadh agus a’ suathadh [TD 38] nan dorn; cha d’ thug iad focal freagairt do ’n Mhoraire; agus aig deireadh na cuirme, thog iad orra; dhealaich iad ri an ceann-feadhna mar a choinnich iad, ann an an-dochas neo-umhaileach, gun chuing no cumha a leagail air, mar a runaich iad m’ an d’ thainig iad a dh-ionnsaidh na cuirme; ach air dhoibh a bhi cheana air an gairm gu eirigh a chogadh ri naimhdean an Righ, thainig iad gu codhunadh gur h-e a bu ghlice dhoibh gach ni a sheachnadh a dh’ fhaodadh troimhe-cheile no easaonachd a dhusgadh am measg an fhine aig an am ud, ach a’ cur rompa an ni a chuir iad ri ’n suil a thoirt gu buil ’n uair a thigeadh àm a bu fhreagarraiche. Cha b’ fhada ’n a dheigh so gus àn robh Eidirdeil, le buaireas iomaguineach inntinn air a leagadh sios le fiabhrus a chuir a bheatha ann an geur chunnart, agus a chuir am fine uile fo eagal agus fo churam d’ a thaobh. Cha robh guth a nis air cur as do ’n bhan-mhoraire, oir na ’m basaicheadh am Moraire, bha fios aca, am fad ’s a bu bheo ise as a dheigh, nach b’ urrainn Nagaar, ged a b’ e a b’ fhaisge ann an daimh do ’n cheannfheadhna, seilbh a ghlacadh air an oighreachd, no am fine fhaotainn fo ’smachd agus fo ’ughdarras. Bha Eidirdeil uine fhada, an deigh dha dol am feothas o ’n fhiabhras, mu ’n robh o air a lan aiseag gu neart agus deadh shlainte; agus re na h-uine ud, nochd am fine, eadar mhaithean agus iochdarain, a leithid de chaoimhneas agus de dhilseachd dha fein agus d’ a cheile a’s gu ’n robh e nis ann an dochas gu ’n robh a leithid do bhuaidh aig aillidheachd, cliu, agus ard-bheusan Silis air an cridheachan, a’s nach cuireadh iad gu brath tuille dragh no tuairgneadh air as a leth—sliochd a bhi aice no uaipe. Thug an dochas ud a leithid do shonas agus de sholas dha, a’s gu ’n robh e ’n a mheadhon air a shlainte ’aiseag air ais dha, ged nach robh car greis, a bheag a dhuil gu ’n tigeadh e idir uaithe; agus an taobh a stigh de chuig miosan, bha e cho slan fhallain ’s a bha e riamh. Ach thainig gasaidean eagalach o ’n taobh deas, agus bha Eidirdeil a rithis air a ghairm gu màrsadh gun dail air ceann gach mac mathar de ’n fhine d’ am b’ urrainn lann a ghiulan a chuideachadh Mhontrois, air dha bhi ann an cruaidh-chas cunnartach, air a chuairteachadh le naimhdean, roimhe agus ’n a dheigh. Bha Eidirdeil agus a dhaoine cho ullamh a’s a b’ abhaist; ach cha b’ urrainn e aig an am, airm a sholar ach airson tri cheud fear, coma co dhiu, mhàrs e leis an aireamh ud fo dhubhar na h-oidhche. Air an t-slighe, mu bhristeadh na faire thainig e tarsuing air na Rothaich agus air na Forbesich; thug e deannal sgaiteach dhoibh anns an dol seachad, agus rainig e campa Mhontrois ann an deadh am gu a phairt fein a ghiulan de bhlar fiuilteach Dhon, a chuireadh air an dara latha de July anns a’ bhliadhna 1645, agus anns an d’ rinn e fein agus a dhaoine casgairt sgriosail air sgiath chli feachd na Parlamaid—agus an deigh dha an ruaig a chur orra gu dian agus gu dannara, thill a dhaoine dhachaidh d’ an glinn fein luchdaichte le creich, gun duine dhiu a chall [TD 39] ach dithis leointe, a dh’ fhag iad ’n an deigh; ach air do ’n fheachd rioghail a’Ghaidhealtachd fhagail, thoisich ar seann chairdean, maithean a’ chinnidh air ceannairc agus ar-a-mach a dhusgadh aon uair eile gu h-uaigneach, an aghaidh a’ chinn-fheadhna, agus ni bu deine na a rinn iad riamh. Chunnaic iad a nis gu soilleir meud a’ chumhachd agus na h-onoir a bhuineadh do cheann-feadhna flathail, priomhathaireil d’ am biodh dian ghradh agus urram aig a chuid iochdaran; agus as eugais a leithid sud de Cheann-feadhna, nach b’fhada gus am biodh Clann-Choinnich air an ditheachadh, no air a, char a b’ fhearr, gu ’n tuiteadh iad o’ n t-seasamh thoiseachail, ainmeil a bha aca riamh am measg fhineachan na Gaidhealtachd mu thuath. Dh’ fheumta rud eigin a dheanamh—rud sam bith, maith no olc, a thiorcadh iad o chumhachd Nagair, a bhiodh a reir am beachd, ’n a thamailt dhoibh mar fhine, agus ’n a isleachadh tubaisteach o ’n chliu agus o ’n ainm fhiughail a bhuineadh riamh dhoibh. Bha fiosaichean, buidsichean agus taibhsearan air am fasdadh gu bhi a’ faighinn a mach ciod a bha ri tachairt. Bha taisbeanaidhean nam fiosaichean air an cumail ’n an diomhaireachd, agus binn eagalach air a toirt a mach air Silis. Chaidh na maithean aon uair eile le teachdaireachd a dh-ionnsaidh a’ Chinn-fheadhna, ach aig an am so, cha b’ ann a dh-iarraidh air dealachadh ri annsachd a chridhe, ach a chomhairleachadh dha uidheamachadh a dheanamh airson turus-cràbhaidh soluimte gu uaigh an Naoimh Bothain, air latha Nollaig; oir gu ’n d’ fhoghluim iad o chaochladh fhiosaichean agus thaibhsearan as an robh iad earbsach, mar thoradh air an turus, agus a reir nadur agus luach na h-ofrail a leagta leis a bhan-mhoraire air naomh-chobhan Bhothain, nach b’ fhada gus am beirte leatha oighre air teaghlach aosda Ghlinn-Garnaid agus Eidirdeil; agus gu ’n d’ thugadh dearbh chinnt dhoibh, nach tuiteadh am fine gu brath fo chumhachd no fo riaghladh teaghlach mallaichte Nagair. Bha Moraire Eidirdeil a nis air a lionadh le gairdeachas dòchasach agus le taingealachd. Shaoil e gu ’n robh gach cunnart agus buaireas leis an robh e air a sharuchadh re ioma latha, a nis air tighinn gu crich. Chur e litirichean-cuiridh a dh-ionnsaidh an iomlain de mhaithean a chinnidh, iad fein agus am mnathan a thighinn gu pairt a ghabhail anns an turus-chrabhaidh ud gu uaigh Naomh Bothain, oir bha e ’cur roimhe gu ’m biodh an turus ud air a chomharrachadh le greadhnachas morchuiseach. Ach thainig an Nollaig le stoirm cho gaillionnach, a’s gur gann a b’ urrainn do neach sam bith sealltuinn a mach thar doruis; bha a’ ghaillionn uamhasach. Ged tha an geamhradh mar is trice gle iargalta anns a’ Ghaidhealtachd, thug an geamhradh ud barrachd orra uile. Bha an sneachd anabarrach trom, agus air an fheasgar roimh latha Nollaig, thainig aiteamh le garbh-fhrasachd agus le gaoith dhoinionnaich nach bu chuimhne leis an fheadhain bu shine a bha ’s an duthaich, a [TD 40] leithid ’fhaicinn. Bha an duthaich uile ’n a h-eabar sluaistreach le sneachd leth-leaghta; uillt chaoireach a’ taomadh o gach leathad; air chor agus nach measteadh neach air bith a bhi ’n a chiall, a smaointicheadh air dol a mach a dorus air maduinn na Nollaig, oir bha gach abhuinn agus allt thar am bruachan, agus mar sinn cha d’ thainig de na maithean a bha air an cuireadh gu Caisteal Gharnaid ach ceathrar, gun bhean gun nighean comhla riu, oir b’ ann air chunnart am beatha a thainig iad fein. Chuir na maithean ud rompa, nach faodteadh air chor sam bith dàil no dearmad a dheanamh air a’ ghnothuch chudthromach airson an d’ thainig iad, ciod air bith cunnart no saruchadh a thigeadh ’n a lorg; oir chaidh ’innseadh dhoibh na ’n cumadh eagal roi fhuachd agus roi fhliuchadh air an ais iad air an latha ud, nach tigeadh latha eile gu deireadh an t-saoghail anns am biodh an turus-crabhaidh air a chrunadh le buaidh, no le beannachd Naoimh Bhotain. Bha earrann de ’n rathad gle chunnartach, ach cha robh an t-astar ro fhada; chaidh Silis ’n a h-uidheam gu toileach, sunndach air a comhdach cho math ’s a dh’ fhaodadh i, agus a mach ghabh iad air an turus. Anns a’ cheud dol a mach, bha aca ri dol thairis air an drochaid-mhaide. B ’e sud an sealladh eagalach; cha ’n fhacas riamh roimhe a leithid an Albuinn. Bha an abhuinn a’ ruith ’n a caoirean mulanach, nuallanach, agus a’ leum thar nan stallachan le toirm uamhasaich leis an robh iad ach beag air am bodhradh; bha an tuil ’n a stioman cobhragach a’ ruith fo ’n drochaid le a leithid de luathas a’s nach b’ urrainn neach a shuil a chumail oirre car mionaid gun dol ’s an tuainealaich, agus an drochaid i fein, laidir mar bha i, air chrith mar shlataig chaoil. Chriothnaich Silis, threig a misneach i, agus tharruing i air a h-ais o ’n t-sealladh uamhasach; ach ’n uair thug i fainear an dannarrachd a bha gu soilleir ri fhaicinn ann an gnuis gach aon de chach, chuir i roimhpe gu ’n leanadh i iad; dhuin i a suilean agus ghreimich i gu teann ri gairdean a fir, agus gabh iad an toiseach. Lean Carnach agus mac a bhrathar, Bar-a-mhuilinn, air an sail, agus Achadh-na-sion agus Monar air dheireadh. Air meadhon na drochaid, ghlac Carnach agus Bar-a-mhuilinn Silis, agus ann am priobadh na sul’ thilg iad bharr na drochaid i. Bha an gniomh air a dheanamh cho grad ’s nach robh uine aice air sgal no sgread a thoirt aisde, no eadhon a suilean ’fhosgladh; ann an tiota chaidh i as an t-sealladh; bha an sruth cho laidir a’s gu ’n do ghiulain e air ’uachdar i cho aotrom ri iteig. Thuit i air a druim ’n a leth shuidhe, cha deachaidh i oirleach fodha, dh’ fhalbh i air uchd na tuil mar shaighead o ’n t-sreing, agus ann an uine ro ghoirid chaidh i as an sealladh. MUILEACH. (Ri leantuinn.) COMHAIRLEAN MHIC-CAILEIN D’ A MHAC.* MU ’N TUATH’S MU ’N OIGHREACHD. A MHIC,—Bidh e duilich dhuit tighin air ceart nan nithean so a thaobh gach cuimrig a bhios ’s an rathad ort ri lìnn dhuit tighin a stigh air an oighreachd. Gun * The Marquis of Argyll’s Instructions to his Son. London, 1689. [TD 41] ghuth thoirt air na shluigeas an Crùn d’ i, is ioma fear-fuadain a th’ ann gu tagartas a dheanamh oirre, agus sin an ainm na còrach. Cha ’n fhuilear dhut, ma ta, d’ uile-dhìcheall a dheanamh, agus a bhi air do ro-fhaicill, ’s na tha de naimhdean mu ’n cnairt dut. Is e d’ fhearann-sinnsireachd gun teagamh is dualaiche leantuinn riut. H-uige so, ma ta, féumaidh tu an t-seann-tuath a chumail air an aon-laraich, agus an tàladh gu caidreach riut le mùirn ’s le caoimhmeas. Le bhi bho chian an làraichean an seanairean fo dhìon Mhic-Cailein, tha iad a nise cho deòthasach umpa ’s nach togair iad air chor sa bith gu d’ dhìobairt, na ’s lugha na thuigeas iad gu ’m beil thu air cìnntinn fuar riu, agus coma mu d’ bhuannachd fhéin. Fhad ’s is Mac-Cailein is ainm dhut, agus a sheasas an tuath air do chùl, bidh e ionann ’s do-dhèante dhut do chòir-dhligheach a chall. Tha ’n oighreachd cho farsainn agus bailtean dh’ i cho leth-oireach ’s gu ’m beil cuid dh’ i nach aithne dhòmhsa mi fhéin, gun ruig a’s i bhi fo leagadh làmh na h-arfuntachd: is ioma dligheachas a fhuair mi, agus seirbhis-claidhimh a rinneadh dhomh air son còrach nach deachaidh riabh an leabhar. Thaobh an fhearainn-cheannaich, tha farmad-cùirte nach deic mar a thà ris, air chor ’s nach comhairlichim dhut moran strìth a dhèanamh mu dhéibhinn a tharrainn a’ chòrra ort. Bidh màl na seann-oighreachd ’n a làn phailteas dhut. Cha robh riabh agam air mo thighin-a-stigh bhàrr na h-oighreachd an Albainn, ach ionann ’s mar dhìoladh-fhiach an éirig mo chostais. Cia dhiùbh ni e suas sin dutsa no ’n còrr, cha ’n ion dut bhi cùnntadh air. Cha ’n àm na tìmeannan so gu seasamh a mach mar a b’ àbhaist: is iomad arfuntachachadh a rinneadh air uaislean na h-Alba; ach cha ’n fhiosrach mi gu ’n cuala mi riabh gin is dòcha dha tachairt da na dhutsa. C’ uime cheilinn ort e? mar a dh’ innis mi roimhe dhut, is culaidh fhuath a’s éud nach ’eil faoin sinn. Air an aobhar sin, féumaidh tu gach meadhon laghail a thàrras tu, a chur an gnìomh, gus do theasraiginn bho léir-sgrios. Féumaidh tu truas a dhùsgadh ’n ad aobhar—rud nach nach duilich dhut. Tàirnidh sin bàigh ort, agus gabhar spéis dhiot; agus bho spéis, thigear gu bun a’s earbsa chur annad—an rud is luaithe sa bith a ni do shocrachadh ’n ad sheilbh. Ma gheobh thu mar so air a h-ais do chòir-dhligheach,—agus tha h-uile dòchas agam gu ’m faigh, cia dhiùbh, gheobh no nach fhaigh thu d’ ainm a’s d’ inbhe—cuimhnich nach dean thu dearmad air do thaingealachd a dhearbhadh do d’ dhìlsean a bhuin gu h-onorach riut; ach thoir an t-seal-aire nach teid thu tuilleadh ’s fada leis, fàgail a tha mar is trice fuaighte ri uaislean na h-Alba. Oir, bho ’n a ghearrar dhìot sgiathan do mhòrachd, cha teid agad air éirigh suas a dh-aon-ionnsaidh; agus an àite d’ earbsa chur ’n ad chumhachd fhéin is ann a dh’ fhéumas tu nise do bhun a chur an gaol ’s an tairisneachd do chuid tuatha,—oir ’s iadsan do chùltaice ’s do chala-tiarnaidh. Dean m’ ainm-sa ghlanadh bho ’n droch-alla thogadh orm—a bhi ’n am uachdaran cruaidh-chridheach gun iochd; agus le feothas do nàduir, fiach am faigh thu le ciùine làmh-an-uachdar air gach buaireas a’s anshocair a dh’ fhaodas tighin ’n ad rathad,—nì, ’n a uaireannan, a thug dùlan dómhsa an là a b’ fhèarr a bha mi riabh. Fhad ’s a tha ’n ad chomas seachainn lagh a’s cònspaid—leò, nitear do ghnothaichean uaigneach follaiseach. Gabh ealla ris gach calldach a’s éucoir nach dèanar suas dhut gun dol [TD 42] a dh-iomairt lagha; agus bi strìochdte fo gach ainneart nach gabh leasachadh dhut. Air tùs cruinnich d’ fhortan, ’s gur sgapteach e, gu dluitheil ri chéile; agus le caitheamh-beatha stòlta, sìtheil, daingnich do ghréim air do sheilbh; air chor ’s ma chuirear mu d’ choinneamh do chòir-dhligheach a dhearbhadh, nach bi thu ’n cunnart, a thaobh an nì sin nach leat. Suidhich d’ fhearann air cho beag de làmhan ’s a dh’ fhaodas tu. Na cuir air imrich tuathanaich a thug thu aonta dhaibh roimhe, no neach sa bith a bha fo d’ rian air sheòl eile. Gu h-àraid na cuir air falbh seirbhisich do ’n aithne do ghnothaichean a mharachadh; oir, a thuilleadh air e bhi ’n a shocair dhut, gleidhidh e dhut tiarainnteachd nach beag. Mar nach b’ àill leam lughdachadh a thighin air do mheas leis an dubh-bhochdainn, amhuil sin cha bu mhath leam gu ’n deanadh ailis-bheairtis béud ort; agus gus an seachnadh le chéile, féumaidh tu tighin suas air cuibheas—gun chrìne gun strògh, gun a bhi mar a bha Diogenes no mar a bha Divus. Mar is mò dh’ fhidrichear mu staid na h-oighreachd, ’s e ’n gliocas dut a’ mhiad sin a cumail an ceilt,—rud is urrainn dut a deanamh gun chunnart ’s gur h-ann ’n ad leisgeul fhéin a bhìos tu. Ach tha mi creidsinn gu ’m faod an oighreachd a bhi na ’s tiarainnte fo bhiùthanas an ama chaidh seachad—is e barail feadhnach gu ’n d’ fhàg mise i air rian cuimseach, math—na bhios i le seòltachd do ghliocais-sa, no air gabhaltas, no bonn stéidhe nobha sa bith eile; agus saoraidh sin thu o bhi ’n ad chulaidh-fharmaid. Cum thu fhéin an luib-a-stigh asgailt an fhortain a bhuilich Dia ort, ciod sa bith e; ma bhios tu làn-thoilichte leis, meallaidh tu rùintean do naimhdean. Co aig tha fios nach e dòigh is fhèarr. Is ioma caisleachadh bu mhò fhuair oighreachdan eile; ach an ionad an cur ás am bonn, ’s ann a fhriamhaich iad le barrachd gramalais na bha aca riabh roimhe. Ge b’ e fear ris an earb thu riaghladh na h-oighreachd, thoir an t-seal-aire nach leig thu ’n ailm á d’ achlais fhéin. Cùm mion-chùnntas air gach bónn a phàidheas tu agus a thig a stigh dhut; cumaidh e d’ fhadal dhìot, agus thig e gu d’ bhuannachd; oir cumaidh a’s gleidhidh e do sheirbhisich ri ’n dleasnas, agus, air an aobhar sin ’n ad dheagh-ghean. A chaoidh na tarrainn téinn ort fhéin le mi-chiall no struidhealachd—le airgead a ghabhail an iasad air urras, no ’n geall na h-oighreachd, no ràthan a’ mhàil. Bheir iomfhuasgladh caraid ort dol an urras; ach thoir an aire nach ’eil e saor bho chunnart dut; ach a bharrachd air nach gnìomh duin’-uasail an dà sheol eile, caillidh tu do chreideas leo, agus bidh iad ’n an réudain ag cnàmh na h-oighreachd. Nullum numen abest, si sit prudentia tecum. Eadar. le ABRACH. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn.) Thainig air toiseach nan ceannard, Mac-Mhaoilein mor a’ Chnaip— Air chuairt an Gròb-phort, ’S Mac-Calum, Domhnull Lag-an-fheoir, ’S Duibhneach Bhracluinn Bho ghleann cas nam preasan tric, ’S Mac-Alasdair Thigh-na-luachrach— Sgiobair cruadalach de Chlann-Domhnuill. Chuala na maithean an sgeul; Dh’ iarr iad gu leir crois-tarra A ruith gu Caradail an toiseach, A’s as a sin da fhear dheug taghta A dhol feadh gach cearn, ’S air cunnart bàis cach a dh’ eirigh A thoirt an sgeoil air fad na duthcha, ’S bantrach Mhic-Dhomhnuill Le ’macan fo churam na Fine A chur do Dhun-a’-Chlachain, [TD 43] ’S muinntir a’ Chinn-shiar A chur leth-cheud fear do Dhun-abhartaidh A ghleidheadh baideal ard Chlann-Dhomhnuill; ’S gach ni diubh sin an ainm an oighre, ’S na daoin’ a choinneachadh gun dàil Air faiche Bhracluinn ’n an lan armachd, ’S Mac-Ionmhuinn Thigh-nan-corn A chur Dhun-Charadail an uidheam seisdidh, ’S na birlinnean o ’n Mhaoil gu Loch an-Tairbeart A bhi aig traigh Shunadail an ordugh cogaidh, ’S Dun-sgiobnais a ghleidheadh na th’ ann Gus an tig àm sgaoilidh gu cath na faiche, Ma chuireas an namhaid sinne ’n eiginn cunnairt; Tein’-eiginn a lasadh air Beinn-an-tuirc A thoirt rabhaidh do mhuinntir Ile ’s Chòmhail, Clann-Domhnnill gu leir le ’n luchd-leanmhainn A theachd a dhion an leanabain, oighr’ an cinnidh. MAC-MHAOILEIN.—Co theid a dh-fhairadh na linne M’ an tig na naimhdean oirnn gun fhios? OIGHRE MHANAINN.—Tha sin deant’ a dhaoin’-uaisle; Mac Iain-ghearr le ’sgioba treun, Ghabh e air fein a’ chuis sin. Cha ghluais Rurach clar o ’n chladach Nach faigh sibh rabhadh o ’n fhear ainmeil; Bidh e ’n so trath gu leoir A dh-aindeoin na tha beo dhiubh A Manainn thursach. Mar sgaoth bheachan o ’n sgeap; A’ cruinneachadh air geug an còmhail, B’ ionann fineachan da ghleann deug Chinn-tire A’ tional as gach cearn— Gaisgich de gach ainm, ’S Faiche Bhracluinn anns gach beul, ’G an ceangal ri cheile mar aon; Na birlinnean-cogaidh, le ’m brataichean gorm, Suaicheantas cabhlach rioghail na h-Alba, A’ teachd an ear ’s an iar gu cala Shunadail; Gach caisteal a’s tùr-faire Air fad a’ chladaich sgolbaich, Fo chrannaibh seisdidh, ’N uair a chunnacas eithear Mhic Iain-ghearr, ’S cobhrach m’ a guallainn a’ srachdadh Thonnan Chaolas-Bhranndain, ’S i ’giulan fios,—‘Tha Rurach a nios an linne; Dh’ fhag e Manainn an de le cabhlach A lionas o ’n Mhaoil gus an tràigh so; Bheir madainn am maireach sinn an greim ris.’ Dh’ fhalbh gach ceannard gu Faiche Bhracluinn A rianachadh ceart a dhaoine; Gach ceann-feadhna am broilleach a mhuinntir, A’ comhdach an fhuinn ’n am buidhnean lionmhor. Thagh na maithean, le aon rùn, Mac-Mhaoilein mor a’ Chnaip ’N a cheannard an iomlain— Curaidh iomraiteach ’s ceann-feadhna Na treubh a shloinnear o ’n fhreumhach A thug ainm dha. Dh’ fhalbh e le Mac-Iche mor gu Sunadal A chur an comhairle runaich ri cheile Mar gu ’m b’ e sin an là mu dheireadh A bha aca ri ’fhaicinn, A’s Rurach garg a’ teachd, nach till Ach le claidheamh cosgarrach na h-Alba. Bha oighre Shunadail, oigear ciatach A’ cur airm an tighe an rianachd— Luirichean, clogaid, a’s sgiathan, A’s claidheamhan liath gun smùr. Bha tri claidheamhan neart A bha ’n deigh a cheile aig seanair, mac, a’s ogha Cinn-tighe o shean, sinnsear an fhir mhoir— Bha na h-airm sonraicht’ ud an oisinn, Fo chomhdach corcuir a’s obair ghreis, Le pabagan airgid a’ filleadh air am faobhair. Thainig an t-oighre far an do shuidh An dithist a’ comhradh. Bha claidheamh loinnireach, ur A rinn gobha Shunadail, Mac-Thuileann An lamh an oighre, a dh’ fheoraich d ’a athair,— ‘An toir mi leam am fear so? Na ciod è ’thaghas mi ’measg nan arm?— Orduich na ’s aill leat.’ SUNDAL.—Cuist a rudain chrìn! an saoil thu An cuideachd leamsa a chumail Cnoc-na-còmhail, Thu fein ’s am bioran sin ’S an cogadh ann? A Mhic-Mhaoilein amhairc an so. Fhaic thu geimhleag do shin seanar, Alasdair mor a’ Chnaip: is cuimhne leat Gu ’n do bhrist a chlaidheamh latha Ghlinn-Rìgh-’s-dail. Thainig e gu tigh Chlachair-an-tuim; Bha ’bhean ’s an dorus; thuirt e rithe,— ‘Am bheil arm ’s am bith a steach?’ Fhreagair i, ‘Tha mo dhuine ’s a’ chath; So na th’ agam;’ shin i dha gheimhleag; Thill e riutha; sheas e ’m Bealach-na-h-iolaire; Leag e seachd air fhichead diubh, [TD 44] Nach d’ eirich fathast. Air a thighinn dachaidh Dh’ fhag e gheimhleag an so; Tha i ’s an oisinn sin gus an diugh; Ghleidh mo sheanair ’s m’ athair i Gun smur gun smal. Is tusa ’n t-oighre; ’s mis am fear-gleidhidh; Co dhinn aig am bi gheimhleag am maireach? Abair na ’s aill leat, iar-ogha ’n diùlnaich. MAC-MHAOILEIN.—Cha ’n ’eil fear dhinne ’n diugh air thalamh Is urrainn a’ gheimhleag sin ’iomairt; Tha thusa, Mhic-Iche, ad aonar De spionnadh nan laoch a shean. Thuirt an t-oighre ’s an oidhch’ air tuiteam— ‘Tha birlinn an tighe air an traigh Am fag sinn i? na ciod è their m’ athair? MAC-MHAOILEIN.—Fhir Shunadail, thig a nuas ’S dean aon uair eile mar d’ abhaist, ’N uair bhiodh tu ’g a tarruinn, ’S mise ’g a cumail direach. Co ni e ma thuiteas tu maireach? SUNADAL.—’S fearr a toirt as a sud, Na ’faicinn ’n a connadh aig Rurach. Dh’ eirich an t-oighr’ a’s triuir eile, A dh’ fhalbh leis gus a’ bhirlinn. MAC-MHAOILEIN.—Biodh dithist air gach taobh, ’G a cumail direach, Ach spionaibh ’n a aghaidh le ’r n-uile neart Gus am faic sibh ceart am fear mor. Ghlac Mac-Iche toiseach na h-eithir; Thug e leis i gun stad, gus an do choinnich Barr creig’ i, am falach ’s a’ ghaineimh; Mhothaich e ’n grabadh clis; las e, ’s gun fhacal, Thug e saidh-thoisich na sè-ramhaich, Na cinneadan ’s an ailbheag, ’N an spealgan air grinneal na tragha! SUNADAL.—A Mhic-Mhaoilein, Cha do mhothaich mi riamh cho trom i. MAC-MHAOILEIN.—Cha ’n ioghnadh ged a mhothaich thu trom i; Dh’ iarr mis’ air a’ cheathrar tarruinn ad aghaidh Le ’n uile spionnadh, ’s rinn iad sin.— Co oighre na geimbleig a nis ’S a sheasas aite Alasdair Mhoir, Ach thus’ air foid comhraig? SUNADAL.—Cha ’n fhearr thu fein na na balachain, ’S thu ’faicinn gu ’m bheil mi a’ dol air m’ ais; Tha ’n t-am a bhi ’m Bracluinn Am measg nan daoine. (Ri leantuinn.) LARACH NINEBHEH. (Bho Fhear-tathaich nam Beann.) B’ e Ninebheh aig aon am ceann-bhaile Iompaireachd mhor Asiria—an t-aite anns an do thuinich prionnsachan agus maithean na rioghachd sin re ioma linn; agus b’ e baile a bu mho agus a bu shluaghmhoire a bha ’s an am sin air aghaidh an t-saoghail. Tha e air innseadh dhuinn ann an leabhar Gheneses (x. 11.), gu ’n deach Asur, aon de mhic Sheim, a mach o thir Shinar, agus gu ’n do “thog e Ninebheh;” ach cha ’n ’eil sinn a’ cluinntin tuilleadh cunntais uime ’s na Sgriobtuirean naomha gus an do chuireadh am faidhe Ionah le teachdaireachd o Dhia a dh-ionnsuidh a luchd aiteachaidh, a chur an ceill doibh gu ’m biodh am baile air a sgrios an ceann “da fhichead la,” do bhrigh gu’n robh an aingidheachd air dol suas ’an lathair Tighearna nan sluagh. Tha Ionah a’ cur an ceill gu ’n robh ann an Ninebheh “tuilleadh agus se fichead mile pearsa (120,000), nach b’ aithne an lamh dheas seach an lamh chli,” ’s e sin de chloinn bhig; air choir ’s nach b’ urrainn gu ’n robh an luchd-aiteachaidh gu leir dad fo shea ceud mile sluaigh (600,000) ’n a aireamh—tuilleadh ’s a tha ’n Glaschu! Bha e ’n a “bhaile ro-mhor, astar thri laithean,” no thri fichead mile mu ’n cuairt. Cha robh e idir coltach ri bailtean mora nan laithean so—cha robh an luchd-aiteachaidh air am pacadh suas ann an sraidean cumhann, salach, far a bheil sea no seachd de theaghlaichean domhail a chomhnuidh os ceann a cheile, mar a tha iad aig an am so ’s na bailtean mor a’s ainmeile ’s an Roinn-Eorpa; oir cha ’n e mhain gu ’n robh sluagh lionmhor ann, ach bha mar an ceudna “moran spreidh” ann. Mar so, ’n uair a bheir sinn fainear meudachd Ninebheh, agus [TD 45] mar an ceudna an teisteas a tha Nahum a’ toirt uimpe; ’s e sin gu ’n robh i ’n a “cathair fhuiltich? uile ’n a ceilg, lan de reubainn,” cha ’n ’eil e idir iongantach gu ’n d’ oidhirpich duine iosal ann an inbhe ’s am misnich mar bha Ionah, air “teicheadh do Tharsus o’ fhianuis an Tighearna;” oir “bheir eagal duine ribe leis,” Ged a ghabh muinntir Ninebheh aithreachas fo shearmonachadh Ionah, agus a bha iad car uine air an caomhnadh; gidheadh tha e coltach nach robh “am maitheas ach mar neul na maidne, agus mar an druchd moch a shiubhlas air falbh:” oir gle ghoirid na dheigh so tha ’n Tighearna, le beul nam faidhean Nahum agus Sephaniah, a’ cur an ceill “trom eallach Ninebheh”—ag innseadh gu’m biodh e air a’ dheanamh “’n a larach luim, tioram mar an fhasach,” agus gu’m biodh cumhachd agus moralachd rioghachd Asiria air an toirt gu lar. Tha Nahum ag radh mu ’dheighinn gu’m bu bhail’ e le moran dhaingneach, le geatachan lionmhor agus croinn-dhruididh—gu’n robh a luchd-malairt lionmhor thar reultan neimh—gu ’n robh a phrionnsachan lionmhor mar na locuist, agus nach robh crioch air ’ionmhais. “So (arsa Sephaniah) a’ chathair luaghaireach a ghabh comhnuidh gu tearuinte; a thubhairt ’n a cridhe, Tha mi agus cha ’n ’eil ann ach mi. Cionnus a dh’ fhas i ’n a fasach, ’n a h-aite air son bheathaichean gu luidhe sios ann!” A reir a’ chuntais a tha air a thoirt seachad le luchd-eachdraidh creideasach, bha ’n fhaidheadaireachd so air a coi’-lionadh o cheann da mhile agus ceithir cheud gu leth balidhna. Chaidh righ Mhedia agus Phersia, agus Nabopolasar, righ Bhabiloin ann an co-bhoinn an aghaidh Ninebheh, agus do bhrigh gu’n robh tomhas aingidheachd a’ bhaile sin air a lionadh, thug an Tighearna thairis e do lamhan a naimhdean. Thainig “esan a phronnas ann am bloighdibh a nios fa comhair;” bha “fuaim slait-sgiursaidh, agus torman farum nan rothan, agus nan each meamnach, agus nan carbad leumnach” r’an cluinntinn anns na sraidean; “bha geatachan na h-aimhne air am fosgladh, agus bha ’n luchairt air a sgaoileadh;” “cha robh crioch air na cairbhinnibh;” bha chreach airgid agus oir air “a glacail;” agus “cha chualas guth a teachdairean ni’s mo;” “chunnaic na cinnich a lomnochduidh, agus na rioghachdan a naire.” Tha ’n cunntas a dh’ fhag seann sgriobhairean ’n an deigh, agus mar an ceudna aithris an luchd-turuis sin a shiubhail troimh ’n aite, a’ cordadh air dhoigh ro-chomharraichte ris na dh’ innis na faidhean a bha gu tachairt. Tha e air a radh gu’n robh ballachan Ninebheh ceud troidh air airde, tri fichead mile mu ’n cruairt, agus air an dion le cuig ceud deug tur (1500)—gach aon diubh da cheud troidh air airde. Tha Lucian, aon de luchd-aiteachaidh Samosata dluth air an abhainn mhoir Euphrates, a sgriobh mu cheud bliadhna an deigh bas Chriosd, ag innseadh gu n deach as do Ninebheh gu tur, agus nach b’ urrainn neach air bith innseadh urad agus c’ ait an robh e ’n a sheasamh. Re nan ochd ceud deug bliadhna a chaidh seachad o na sgriobh Lucian, cha robh aithne air bith air Ninebheh ach a mhain ann an ainm. Chaidh eadhoin a laraichean briste as an t-sealladh; agus an uair a bha luchd-turuis agus daoine foghluimte eile a’ tionndadh suas agus a’ rannsachadh gach ni bha air mhaireann de riomhadh ’s de mhoralachd na Greig agus na Roimh, cha robh ach gann for’ais air bith ’g a dheanamh mu Ninebheh no mu Bhabilon, no [TD 46] oidhirp air bith air a toirt gus an t-aite ’s an do sheas luchairtean greadhnach righrean Asiria agus Chaldea fhaotuinn a mach. O cheann beagan uine thug cuid de’n luchd-turuis a thaoghail an Asiria fainear aireamh mor de dhuintean ’s de tholmain air taobh na h-airde tuath de’n abhainn sin ris an abrar an Tigris—abhainn a tha ruith ’s an aon chursa ri abhainn Euphrates; oir tha iad araon ag aonadh r’a cheile tacan maith mu’m bheil iad a’ taomadh a mach ann an Geodha mor Phersia (Persian Gulf). Thug aon no dha oidhirp air cladhach am measg nan duintean ud, dh’ fheuch am faigheadh iad ni air bith a chuireadh solus air eachdraidh an aite ’s an am a dh’ fhalbh; ach do bhrigh nach robh aca gach goireas a bha iomchuidh a chum obair de ’n t-seorsa a ghiulan air a h-aghaidh, b’ eiginn doibh sgur gun a bhi dad ni bu ghlice na bha iad an uair a thoisich iad. Air mullach aon de na duintean so tha uaigh ris an abrar “Uaigh Ionah,” agus tha beul-aithris ag radh gur h-ann an so a bha am faidhe air adhlacadh. Air do dhuin’ og, tapaidh d’an ainm Layard, agus a tha de naisinn Fhrangaich, iomradh a chluinntin air na duintean ’s air na tolmain air an robh sinn a’labhairt, thog e air, agus cha deach stad air a chois gus an d’ rainig e bruachan na Tigris. Cho luath ’s a rainig e ’n t-aite, ’s a dh’ amhairc e gu mion mu’n cuairt air gach coslas balla, agus tuir a bha r’am faicinn; agus air dha beagan phiocaidean agus shluasaidean a sholar, agus muinntireas a chur air leth-dusan de na h-Arabaich a tha fuireach mu’n aite, thoisich e air cladhach anns an aon a’s motha de na duin, a tha mu ochd ceud deug troidh air fad, naoi ceud troidh air leud, agus cuig ’s tri fichead troidh air airde. Cha deach iad fad’ air an aghaidh ’n uair a thachair iad air seomraichean ro-eireachdail. Bha ballachan nan seomraichean so air an deanamh suas de leachdan mine air an robh dealbhan each agus charbadan cogaidh, saighdearan mar gu’m biodh iad ag caitheadh le’n saighdean, agus moran grabhalaidh eile de iomad seorsa; ach a thaobh ’s gu ’m b’ ann le teine a chaidh an tur so a mhilleadh, mar a tha gu soilleir r’a fhaicinn, bha ’chuid mhor de na seomraichean air am briseadh, agus na leachdan air an losgadh gu h-aol. Ach ged a bha moran de na leachdan ’s de na h-iomhaidhean a thuit ’n an smur co luath ’s a chaidh an rusgadh, gidheadh bha feadhain co cruaidh, shleamhain, agus an grabhaladh co soilleir, cuimir ’s a bha iad riamh? Bha cuid de na dealbhan a bha air an tilgeadh thairis le h-or agus le nithibh luachmhor eile; agns ’n uair a chunnaic na h-Arabaich an t-or cha robh teagamh aca nach b’ ann air toir ulaidh, no ionmhas foluichte a bha Mr. Layard; agus bha mor ioghnadh orra, ’n uair a thuirt e riu gur clachan a bha esan ag iarraidh, agus gu ’m feudadh iadsan gach or agus airgiod a gheibheadh iad a ghleidheadh. Bha na daoine so, mar a tha sluagh na cearn’ sin gu leir, ro aineolach araon air eachdraidh an duthcha fein agus dhuthchannan eile, agus mar sin cha b’ urrainn doibh a thuigsinn ciod an toileachadh no ’bhuannachd a bheireadh e do neach, a mhaoin agus ’uine chaitheadh air ni a bha co faoin ’n am beachdsan. Cha d’ fhairich iadsan riamh an dian iarrtas a bha aig Mr. Layard gu ni-eigin fhaotainn a chuireadh solus air cleachdadh agus suidheachadh nan Asirianach anns na linntean cian ’s an do labhair na faidhean, agus air son an robh e nis “a’ rannsachadh mar air son ionmhas foluichte.” [TD 47] Goirid ’n a dheigh so chuir na Mahomadanaich a bha mu ’n cuairt an aite stad air Mr Layard s air a chuid daoine, a’ cumail a mach gu ’n robh iad a’ milleadh uaighean nam fior Chriosduidhean (na Mahomadanaich!); ach dhearbh Mr Layard gu ro sheolta dhoibh nach b’ uaighean Chreidmheach a bh’ annta; “oir (ars esan) nam b’ eadh bhiodh an dara cuid an ceann no ’n casan ri Meca (an t-aite ’s a bheil am faidhe breige Mahomad adhlaichte); ach tha sibh a’ faicinn nach ann mar sin a tha, agus air an aobhar sin feumaidh gur uaighean Ana-creidmheach a th’ annta.” Leis a’ mhineachadh so bha na Mahomadnaich lan riaraichte, agus cha do chuir iad tuille grabaidh air. Gidheadh chuir cuid eile de na cinn-chinnidh ioma bacadh air; ach le siobhaltachd, ’s le gleusdachd fhuair e thairis orr’ uile. Aon la, ’n uair a bha iad a’ cladhach am measg nan laraichean, ruisg iad iomhaigh shnaidhte de mheudachd mhoir. Cho luath ’s a chunnaic na h-Arabaich ceann na h-iomhaigh so, chrith iad le h-oillt agus thug dithis dhiubh as co luath ’s a ghiulaineadh an casan iad a chum an sealladh eagallach a chunnaic iad a chur an ceill d’an ceann-cinnidh. Ann am beagan uine, ’n uair a bha Mr Layard a’ togail air falbh na h-urach a bha ’comhdach na h-iomhaigh, chual’ e talmraich chos a’ tarruing dluth dha, agus ’n uair a thug e suil os a chionn chunnaic e sgaoth de na h-Arabaich le’n ceann-feadhna, uile air mharcachd, ’n an seasamh air bruaich na claise. ’N uair a chunnaic ian ceann na h-iomhaigh, ghlaodh iad le aon ghuth, “Cha ’n ’eil dia ann ach Dia, agus ’s e Mahomad ’Fhaidhe!” Cha chreideadh na h-Arabaich an toiseach nach b’e aon de na bocain, no de na h-urraisgean air a bheil iomradh ro thric ann an seann sgeulachdan an duthcha ’bh’ ann; ach an deigh moran iompaidh, ghlac an ceann-feadhna de mhisnich na theirinn do ’n t-sloc. ’N uair a laimhsich e ’n iomhaigh, ghlaodh e gu h-ard, “Cha d’ rinneadh an obair so riamh le lamhan dhaoine,—’s iad na famhairean ana-creideach mu ’m bheil am Faidhe—sith gu ’n robh maille ris! ag radh, gu ’n robh iad na bu mho na chraobh a b’ airde ’s a’ choille—’s e so aon de na h-iodhalan a mhallaich Noah,—sith gu ’n robh maille ris! roimh laithean na dile;” agus anns a’ bheachd so dh’ aontaich gach Arabach a bha ’lathair. ’N uair a shocraich na cuisean thoisich an luchd-cladhaich a rithis, agus mu ’n deach a ghrian fodha ruisg iad iomhaigh eile de ’n aon mheud, ’s de ’n aon choltas ris a’ cheud aon! Aig na h-iomhaighean so bha aghaidhean mar aghaidh duine, bha ’n cuirp agus an cosan mar leoghain, agus bha sgiathan aca mar sgiathan iolaire. Bha gach aon diubh mu dhusan troidh air fad, agus mu ’n tuaiream cheudn’ air airde! Leis an toil-intinn a ghabh Mr Layard ris na h-iomhaighean so rinn e feisd ro mhor do na h-Arabaich air an oidhche sin, agus chaith e fein agus iadsan tacan maith ’an cuideachd a cheile, le mor chridhealas agus ghreadhnachas. Chomhdaich Mr Layard na h-iomhaighean so thairis le peallagan ’s le luirichean ioma-gnetheach, ’s chum e luchd faire orra ’latha ’s a dh-oidhche. S. (Ri leantuinn.) Tha briathran coltach ri saighdean—cha bu choir an tilgeil air thuaiream. Tha againn dà chluas ach gun ach aon teanga, uime sin bu choir dhuinn moran a chluinntinn agus beagan a labhairt. Tha an ti a ta ’deanamh maith do dhuine eile, a’ deanamh, mar an cendna, maith dha fein, cha ’n e mhain ’s an am a ta ri teachd, ach ’s an am a ta lathair. Is mor an duais deagh choguis a bhi ’toirt fianuis air deagh dheanadas. [TD 48] SEANN SGEULACHDAN MU BHRAID-ALBANN. II.—DONNACHADH DUBH. Anns na laithibh ’s an robh Donnachadh Dubh ’n a Mhorair air Bealach a’s Braid-Albann thainig ordugh mach o ’n Righ gu Clann-Ghriogair a sgrios. Chaidh na Caimbeulaich agus Donnachadh Dubh cho fada ’s a b’ urr’ iad gus an ordugh oillteil ud a choilionadh le bhi murtadh gach neach de Chloinn Ghriogair a choinnicheadh iad. Bha nighean aig Donnachadh Dubh a thuit an gaol air fear de Chloinn-Ghriogair. Theich an dithis a’s phos iad. Bha Donnachadh Dubh gu dian an toir air companach a nighinn, air feadh nam beann, nan gleann ’s nan coilltean; agus mu dheireadh ghlac e e. Chaidh an Griogarach a thoirt gu Bealach, agus an ceann a sgathadh dheth le tuaidh. Rinn nighean Dhonnachaidh (bean Mhic-Griogair) an cumha a leanas, air di a h athair agus Cailean a brathair ’fhaicinn a’ marbhadh a fir, ’s a ceud leanabh air a glun:— Moch madainn air la Liunasd Bha mi ’sùgradh mar ri m’ ghràdh, Ach mu ’n d’ thainig meadhon latha Bha mo chridhe air a chradh. Ochan, ochan, ochan, uiridh, ’S goirt mo chridhe ’laoigh; Ochan, ochan, ochan, uiridh, Cha chluinn d’ athair ar caoidh. Mollachd aig maithean ’s aig cairdean ’Rinn mo chradh air an doigh, ’Thainig gun fhios air mo ghradh-sa ’S a thug fo smachd e le foill. Na ’m biodh da fhear dheug deth ’chinneach A’s mo Ghriogair air an ceann, Cha bhiodh mo shuil a’ sileadh dheur No mo leanabh féin gun dàimh. Chuir iad a cheann air stocan daraich ’S dhoirt iad fhuìl mu lar; Na ’m biodh agam-sa ’n sin copan Dh’òlainn d’ i mo shàth. ’S truagh nach robh m’ athair ann an galar Agus Cailean ann am plaigh Ged bhiodh nighean an Ruthainich ’Suathadh bhas a’s lamh. Chuirinn Cailean liath fo ghlasaibh ’S Donnachadh Dubh an laimh; ’S gach Caimbeulach a tha ’m Bealach Gu giulan nan glas-laimh! Rainig mise Reidhlean Bhealaich ’S cha d’ fhuair mi ann tàmh; Cha d’ fhàg mi roinn de m’ fhalt gun tarruing, No craicionn air mo laimh. ’S truagh nach robh mi ’n riochd na h-uiseig ’S spionnadh Ghriogair ’ann am laimh; ’S i chlach a b’ airde anns a’ chaisteal A chlach a b’ fhaisge do ’n làr! ’S truagh nach robh Fionnlairig ’n a lasair A’s Bealach mor na ’smal, ’S Griogair bàn nam basa geala Bhi eadar mo dha laimh. Ged tha mi gun ubhlan agam, ’S ubhlan uil’ aig cach, ’S ann tha m’ ubhal cubhraidh, grinn A’s cul a chinn ri làr. ’S ged tha mnaithibh chaich aig baile ’S na ’n laidhe na ’n cadal seimh ’S ann ’bhios mis’ aig bruaich mo leapa Bualadh mo dha laimh. ’S mòr a b’ annsa ’bhi aig Griogair Air feadh coille ’s fraoich, Na ’bhi aig Baran crion na Dalach A’n tigh cloich’ a’s aoil. ’S mor a b’ annsa ’bhi aig Griogair A’ cur a’ chruidh do ’n ghleann, Na bhi aig Baran crion na Dalach ’G òl air fion ’s air leann. ’S mor a b’ annsa bhi aig Griogair Fo bhrata ruibeach ròinn, Na bhi aig Baran crion na Dalach ’Giùlan siod’ a’s sròil. Ged bhiodh cur a’s cathadh ann A’s latha nan seachd sion, Gheibheadh Griogair dhomhsa cragan ’S an caidleamaid fo dhion. Ba hu, ba hu asrainn bhig, Cha ’n ’eil thu fhathasd ach tlà; ’S eagal leam nach tig an latha Gu ’n diol thu d’ athair gu brath. B ’i “Nighean an Ruthainich” a th’ air a h-ainmeachadh ’s an oran, [TD 49] mathair na te a bha ’caoidh a fir. Air do ’n leanabh fas gu bhi ’n a dhuine mor, thug e turus gu Caisteal Bhealaich, agus chaidh an tuadh leis an do mharbhadh ’athair a chur ’n a laimh. Sheall e gu bronach oirre, ’s an deigh sin thug e i do ’n neach a thug dha i. Bha cuid a theireadh gu ’m bu ghealtaire e bho nach do sgath e ’n ceann de ’n neach a thug dha i. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ rinn an gille na b’ fhearr leis mar rinn e. III.—IAIN GLAS. Bha Iain Glas, Morair a Bhealaich, ’n a dhuine ro sheolta agus ro chuilbheirteach. ’S ann gle ainmig a dheanadh e mearachd ann an ni sam bith anns an cuireadh e ’laimh. Le faicil agus geur-thuigse air nadar na muinntir ris an robh e roinn, bheireadh e air gach ni tachairt mar bu mhiann leis; air an aobhair sin bha sluagh na duthcha ’creidsinn gu ’n robh buidseachd aige; a’s cha chuireadh iad diumb air, ni mo dhiultadh iad e. Bha a chuid daoine ’creidsinn gu ’m b’ urrainn d a an gleidheadh bho gach cunnart. Tha ’n sgeul a leanas air ’aithris mar dhearbhadh air a thapachd:— Bha fearg air Iain Glas ris an Iarla Chatach, agus chuir e roimhe creach a thogail uaithe. Thug e ordugh do ’chuid dhaoine a bhi cruinn air latha araid aig Fionnlairig. Chruinnich na fir bho gach gleann mar a dh’ iarradh orra. An sin ghabh Iain Ghlas doigh air na daoine ’bu thapaidhe a thaghadh airson na seirbhis a bha ’n a bheachd. Chaidh breacan a chrochadh eadar dithis dhiubh gus an robh an oir a ’beantainn do ’n làr. Gach fear a leumadh thairis air a’ bhreacan mar so fo lan armachd chuireadh air leth e airson dol do Chataobh. Leum tri cheud fear thairis air a’ bhreacan; agus an sin dh’ ordaich Iain Glas biadh a chur air beulaobh nam fear mu ’n gabhadh iad an turus. Am measg nam biadh bha mios bhrochain, agus chaidh iarraidh air gach neach ol aisde. Thuig na daoine gu ’n do chuir e giseagan anns a’ bhrochan, agus dh’ òl iad an sath dheth. Chaidh iad air an turus. Thug iad creach mhor leo bho na Cataich gun aon duine chall. ’N uair a bha iad a’ pilltinn dachaidh dh’ fhas fear de na fir gu tinn as dh’ eug e. Cha do ghabh an duine so de ’n mheis bhrochain mu ’n d’ fhalbh iad, oir bha e aig an tigh a’ toirt leis ni-eigin a dhi-chuimhnich e. Le so bha cach an lan bharail gur h-i a ’bhuaidh a bha ’s a’ bhrochan a chum iadsan bho gach olc a’s aimhleas. D.C. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Failte na maidne dhuit, a Choinnich; is moch a dh’ fhag thu an Goirtean Fraoioh an diugh. Tha duil agam gu ’n robh thu a’ strith ris a’ ghrein, agus a reir mo bheachd-sa is tusa a’s luaith’ a dh’ eirich oir tha astar fada eadar so a’s do dhachaidh-sa agus a thuilleadh air sin tha ’n la fliuch, na raointean bog, agus an t-slighe gun teagamh gach ni ach taitneach. Dean suidhe a steach ris an teine, cuir dhiot do chas-bheart, agus dean na ’s urrainn thu chum thu fein a thiormachadh. COIN.—Moran taing dhuit, a Mhurachaidh, ach tha mi co tioram ri arcan. Cha d’ thainig mi o ’n bhaile an diugh; cha d’ eirich mi gus an robh e sea uairean, cha do ghabh mi mo lon-maidne gus an robh e seachd, agus cha do choisich mi an diugh ach o thigh Alasdair Mhic-Ruairidh, ogha brathar mo sheanar far an d’ rainig mi an raoir, agus far an cuala mi moch an diugh gu ’n do chuir thusa an oidhche seachad an [TD 50] so maille ri do charaid coir fein, Uilleam Mor. Uime sin, ghreas mi orm chum gu ’m faicinn thu, agus fhir mo chridhe, thugadh a nis an solas sin dhomh. MUR.—Cha ’n fhaca ’s cha chual’ mi riamh ni sam bith ni ’s fortanaich’ na sin, oir cha chluinn Uilleam Mor guth air mise so fhagail an diugh, agus ma leigeas do ghnothuch leat-sa e, a Choinnich, fanaidh tu maille riumsa gu feasgar agus bithidh la againn dheth, agus mo lamh-sa dhuit gu ’n altaich Uilleam Mor agus Cairistiona a bhean eireachdail do bheatha an so, gad a dh’ fhanadh tu fad seachdain. COIN.—Cha ’n ’eil mi ’cur sin ’s an teagamh idir, a Mhurachaidh, fanaidh mi gu feasgar co dhiubh, agus cha ghoirid an uine sin. Ach ciamar tha iad uile agad, a Mhurachaidh, eadar bheag agus mhor, agus ciamar tha ’n crodh? MUR.—Tha sinn uile gun deireas, agus tha dochas agam gu ’m bheil Seonaid agus an oigridh gu leir air an cosaibh. COIN.—Cha ’n ’eil fath a bhi ’gearan. Bha Seonaid o cheann da la gle chrosda, frionnasach leis a’ chneidh-fhiacal, ach is eucail sin nach tarruing moran truais o’ n chridhe. MUR.—Is eucail i gidheadh, a tharruingeas na cnamhan as an fheoil, agus cha ’n fhurast do mhac an duine, mar is deagh-fhios domhsa, cur suas le sin. Tha a chneidh-fhiacal gabhaidh guineach gun teagamh, ach o nach ’eil i, mar a theirear marbhtach, cha ghabh iadsan nach do mhothuich riamh i suim di, agus uime sin, cha nochd iad ach co-fhulangas ro bheag. COIN.—Ach ciod an leabhar a tha agad an sin, a Mhurachaidh, a tha air a cheangladh co ro ghrinn? Faiceam e. Ochan! mo dheagh charaid, an GAIDHEAL? Nach tu a chuir suas gu riomhach, grinn e! Seadh, da aireamh dheug. Is maiseach e, agus c’ait am faighear a leithid? MUR.—Tha thu ’faicinn, a Choinnich, gleidhear gu curamach, glan, tearuint’ e mar sin, agus cha ’n eirich dochunn sam bith dha. COIN.—Cha ’n eil e co furasd an t-Ard-Albannach ceanalta a dheanamh suas mar sin a thaobh a mheud, ach thoill esan curam a bhi air a ghabhail deth mar an ceudna. MUR.—Tha e ceart co furasd, ma ghleidheas tu gach aireamh gun reubadh, gun mhilleadh. COIN.—Ma ghleidheas mi iad! gleidhidh ceart co curamach ris na puinnd Shasunnach, agus moran ni ’s cinntiche, oir tha gne sgiathan aig na puinnd Shasunnach agus gun fhios gun aire dhomh itealaichidh iad air falbh. Le tuiteamas thachair mi an la roimh air duine tuigseach, tlachdmhor, coir a mhuinntir Inbhirnis, agus thainig aige air labhairt mu ’n toilinntinn a bh’ aige o bhi ’leughadh nan seann sgeul aig an TEACHDAIRE GHAIDHEALACH, aig CUAIRTEAN NAN GLEANN, FEAR-TATHAICH NAM BEANN, agus aig a’ GHAIDHEAL, an t-Ard-Albannach, agus an leithidibh sin. Rinn mi solas ris a’ choigreach cheanalta d’ am b’ ainm Sim Friseil, duine da-rireadh gasda, ceatharnach foghainteach aig an robh deagh eolas air an Sgiathanach, a chaidh, thubhairt e, gu minic a dh-amharc air, an uair a bha e ’fulang le euslaint ’n a chosaibh; ach an uair a chunnaic mise e bha na cosan gu ro mhaith a’ deanamh an dleas ’nais; agus bha la ann an uair nach cuireadh na h-uile fear druim an Fhriseilich choir sin gu talamh! MUR.—Tha mi ’cluinntinn gach lide a deir thu, a Choinnich, ach dean suidhe, agus stoldaich thu fein, agus innis domh beagan mu d’ thuras Eireannach, agus mu gach cearnadh chum an deachaidh Sir Seumas agus thu fein air feadh na seann rioghachd sin? [TD 51] COIN.—Dh’ innis mi roimhe dhuit, a Mhurachaidh, gu ’n do chuir an toit-long air tir sinn ann am Belfast agus b’e sin Belfast na bochduinn dhomhsa. MUR.—Ciod a dh’ eirich dhuit a Choinnich, ann am Belfast, baile mor le sraidibh fada, farsuing, agus lionmhorachd sluaigh? COIN.—Agam-sa tha fios air sin, a Mhurachaidh, agus fios air mo chosdas. Chaidh sinn dh’ ionnsuidh Tigh-osda mor le dealbh feidh os ceann an doruis, agus gun teagamh rinn mo chridhe solas ris a’ cheann chrochdach an duil gu ’m fac e Gaidhealtachd na h-Alba roimhe so. Ach co dhiubh, an deigh dhuinn gach goireas a dheanadh maith dhuinn ’fhaotuinn, chuir mo mhaighstir a mach mi an deigh dhorch-oidhche a dh-iarraidh gne thombaca air an robh ainm neonach a thug e dhomh sgriobhta air cuibhrig geal litreach. An sin dh’ fhalbh mi, agus bha na sraidean gle thaitneach agus leth-shoilleir leis na lochranaibh a bha air an suidheachadh aig astar araidh o cheile. Sheas mi aig aite a bha ann an cuil ri taobh na sraide, agus chunnaic mi Eireannach an sin ’n a sheasamh aig dorus tighe big a thogadh le fiodh; agus bha e ag eigheach gu cruaidh, agus le ’uile neart, ris an t-sluagh gu dol a steach, agus gu ’m faiceadh iad ni miorbhuileach, eadhon each le ’cheann far am bu choir ’earball a bhi. Bha cuireadh aig na h-uile gu dol a stigh air son da sgillinn. Stigh a ghabh mise maille ris na ficheadaibh eile, agus mar amadan mor sheas mi an sin, agus chunnaic mi an t-each miorbhuileach sin mu ’n do ghlaodh an t-Eireannach le ’uile sgairt, chum n’ am b’ urrainn dasan, gu ’m faiceadh na h-uile e. MUR.—Seadh, chunnaic thu an t-each, agus an robh e mar a thubhairt an duine luideagach, bith-bhriatharach a bha co cruaidh a’ cur bhuaidhean iongantach an ainmhidh an ceill? COIN.—Ochan! is e ’bha. Chunnaic mi each beag, ballach, gorm ’n a sheasamh le ’cheann a mach agus le thulchainn aig ceaim shuas na prasaich far am bu choir d’ a cheann a bhi. Thuig mi gu h-ealamh an cleas a rinneadh orm, ach cha dubhairt mi diog; mar nach dubhairt neach eile de na bha a stigh. An uair a chaidh sinn a mach air duinn a bhi, ma b’ fhior, lan iongantais, bhruchd na ficheadan eile a stigh, gu bhi air am mealladh mar a bha sinne. Ach cha ’n e sin a mhain a chuir dorran orm, oir bu bheag agam e, ach dh’ eirich altrap ro thubaisteach dhomh. Cha luaith’ a dh’ fhag mi am bothan ’s an robh an t-each, agus a rainig mi’ an t-sraid na dh’ iondrainn mi mo sporran anns an robh tri puinnd Shasunnach ann an or, agus beagan a dh’ airgiod briste. Thugadh as mo phoca an sporran le fear-reubainn gun fhios gun aire dhomh, anns an domhladas sluaigh a bha ’g amharc air an each thubaisteach a bha an sin, agus cha ’n fhaigh mi e a chaoidh. MUR.—Cha mhaith a dh’ eirich dhuit idir, a Choinnich choir, is daor a phaigh thu air son an t-seallaidh a a fhuair thu dhe ’n each bhallach; ach ciod a dh’ eirich dhuit—ciod a rinn thu? COIN.—Sheas mi tacan beag far an robh mi, a’ rannsachadh gach aite mu ’n cuairt domh, ach ochan! bha ’n call gun teagamh deunta. Bha duin’-uasal, co dhiubh ann an coslas, ’n a sheasamh ri m’ thaobh, chunnaic e gu ’n robh ni-eigin am mearachd, agus dh’ fhoighneachd e ciod a dh’ eirich dhomh? Dh’ innis mi dha, agus thubhairt e rium stad an sin mionaid no dha. Rinn mi sin agus ghlaodh esan fear-eigin air ainm, agus ghrad thainig duine foghainteach, ard, le bioraid bhioraich air a cheann, crios mor, dealrach m ’a chom, agus [TD 52] băta beag, buidhe ’n a laimh; agus chuir e lan a’ pheice de cheistibh orm. Dh’ fharraid e co as a thainig mi, c’ ainm bha orm, ciod a bha mi ’deanamh, cait an robh mi fuireach, ciod an dath, a’ chumadh, agus an deanamh a bh’ air mo sporran, ciod an t-airgiod a bha ann, cuin a dh’ ionndrainn mi e, agus ceistean gun cheann gun chrich mar sin, ach dh’ fhalbh esan, agus dh’ fhalbh mise gu bronach dhachaidh chum Tigh-osda an Fheidh. MUR.—Cia mar a dh’ eirich dhuit a ris? COIN.—Dh’ innis mi gu saor gach ni mar a thachair do Shir Seumas, agus rinn e lasgan gaire. Thubhairt e, “A nis, a Choinnich, teagaisgidh fear an eich bhig, bhallaich, ghuirm, gliocas duit, agus feumaidh tu sin mu ’n suibhail thu Innis-fail o cheann gu ceann. Ach c’ ait am bheil mo thombaca, air son an do chuir mi mach thu? An do chaill thu esan mar an ceudna?” Fhreagair mi Sir Seumas, agus thubhairt mi gu ’n robh an tombaca far an robh a riamh air mo shonsa, do bhrigh nach robh sgillinn ruadh agam a cheannaicheadh e. Cha dubhairt an duin’-uasal a bheag, ach a mhain so, gu ’n teagaisgeadh cleachdannan an t-saoghail agus nan Eireannach gliocas dhomh. MUR.—Cha d’ fhuair thu do theagasg a nasgaidh, a Choinnich, agus cha ’n ’eil fhios agam c’ ait am faigheadh. Comadh co dhiubh, cha ’n ’eil teagamh nach d’ thug do Mhaighstir sporran ur le ’lan airgid dhuit an ait an fhir a chaill thu. COIN.—Is esan a rinn sin air ball. Mach a ghabh mi a ris, agus cha do chum each, no asail, no Eireannach mise gun tilleadh gun dail leis an tombaca, agus bha gach cuis ceart. MUR.—Ach ciod a dh’ eirich dhuit a ris, a charaid choir, agus c’ ait an deachaidh tu air an ath la? COIN.—Dh’ fhalbh Sir Seumas agus mi fein air an ath mhaduinn, agus thug sinn Baile-Cliath oirnn air an t-slighe-iaruinn; agus O! b’ e ’m baile maiseach e, le aitreabhan aluinn, sraidean lurach, tighean greadhnach, agus gach ni eile a reir sin. Gu dearbh chord Eirinn air fad rium anabarrach maith. Is briagh an duthaich i, agus is aluinn na glinn, na beannta, na machraichean, na h-aibhnichean, agus na lochan sail agus uisge a chithear ann. MUR.—Cha ’n ’eil teagamh idir nach i sin an fhirinn, a Choinnich, ach am fac thu moran dhe ’n duthaich re na h-uine a bha thu innte? COIN.—Chunnaic mi ach beag gach siorramachd ’s an rioghachd. Bha sinn a’ siubhal gach la o dheas gu tuath, o ’n ear gus an iar, agus a’ taghal bhailtean, agus mhachraichean, thighean nan tuathanach, agus chaistealan nan uaislean, agus mhaithean na tire. Seadh, c’ ait anns nach robh sinn, oir bha luchd-eolais aig Sir Seumas anns gach ait agus ionad. Chunnaic sinn moran spreidh de gach seorsa, crodh-dubh, caoraich, agus eich; agus cheannaich mo mhaighstir na chuireadh stoc air an oighreachd aige air fad; agus cha ’n fhios domh-sa c’ ait an cuir e an darna leth dheth, ach ’s e sin a ghnothuch-san. MUR.—Ach am bheil sgil aige-san air feudal? Am faithnich e deagh bheathach cruidh, no eich, no caorach? COIN.—Is ainneamh fear aig am bheil suil ni ’s fearr air each agus air damh, ach cha ’n ’eil e co tur eolach air fior chaora mhaith. Ach dh’ earb e na bha a dhith air ri uaislibh thall agus a bhos gu bhi air an cur ’n a dheigh air muir aig an am fhreagarrach, agus le sin cha robh iad chun dragh sam bith dhomhsa, ach a mhain gu ’m fac’ mi iad; agus ma chunnaic b’ fhearr leam gu mro [TD 53] feudal nam beann Albannach; ach gach duine d’a thoil fein. MUR.—Bu mhor a b’ fheairrd thu do thuras Eireannach, a Choinnich, oir thug e eolas duit air daoinibh, agus air an cleachdannaibh—eolas nach faigheadh tu re linn ’s a’ Ghoirtean-Fhraoich. COIN.—Cha ’n ’eil teagamh idir air sin, agus cha robh mo shaothair caillte a thaobh gu ’m fac’ agus gu ’n cuala mi iomadh ni ris nach b’ urrainn thu gun ghaire a dheanamh. Tha iad ’n an sluagh air leth air son beumadaireachd, cas-fhreagairtean, agus geur-chainnte. MUR.—Is fhad o ’n chual’ sinn mu thapachd agus mu theomachd nan Eireannach, ach is i mo bharail gu ’m bheil na buaidhean aca air an doigh so air am meudachadh thar tomhais, agus nach ’eil iad ach mar shluagh eile. Gun teagamh fhuair iad an t-ainm, agus tha deagh fhios agad-sa air firinn an t-sean-fhocail, “Am fear aig am bheil an t-ainm gu bhi ’g eirigh gu moch, gu ’m feud e cadal a dheanamh gu h-oidhche.” COIN.—Tha sin uile gle cheart, agus gu sonraichte a thaobh an t-sean-fhocail, ach an deigh sin uile, fhuair mise iomadh dearbhadh, re mo cheilidh ghoirid ann an Eirinn, gu ’m bheil muinntir na rioghachd sin air an deacadh gu nadurra chum a bhi geur-bhriathrach, bearradach, agus thar tomhais beumach. Agus is iomadh gaire mor a thug iad air Sir Seumas a dheanamh, ’n àm doibh a bhi labhairt ris anns a’ Bheurla, cainnt nach tuiginn-sa ach air mhodh neo-iomlan. MUR.—Tha mi ’g ad chreidsinn, a Choinnich, ach chum a’ chuis sin fhagail gu uair eile an deigh so, theid sin dh’ ionnsaidh ni eile, agus ’s e so e, an cual thu idir na h-Eireannaich a’ labhairt na Gaidhlig? COIN.—A’ labhairt na Gaidhlig! Ochan! bha iongantas orm air la araidh, air domh a dhol a mach a h-amharc mu ’n cuairt domh, an uair a bha Sir Seumas a’ deanamh ghnothuichean maille ri duin’ uasal o ’n do cheannaich e feudal; thug mi an rathad-mor orm fad leth-mhile, eadar da riagh de chraobhaibh aillidh, dosrach, uaine, ard, agus thainig mi air seisear dhaoine calma, tapaidh, air an robh fallus a’ leasachadh an rathaid. Air domh dluthachadh riutha, thog iad an cinn, agus thubhairt iad rium ’s a’ Bheurla, “Is briagh, blath an la so.” Bha iongantas orm, gun teagamh, ach fhreagair mo gu siobhalta na fir, agus ghrad thoisich iad air an obair fein. Ach, feuch m’ iongantas an uair a chual mi iad a’ labhairt na Gaidhlig r’ a cheile. Dh’ eisd mi, agus chunnaic iad gu ’n robh ioghnadh orm, agus an sin bu mhoide an seanachas aca r’ a cheile a’ gaireachdaich, agus a ’g radh, “Is coigreach so, agus tha iongantas air ann a bhi ’cluinntinn canain nach ’eil e a’ tuigsinn.” Bha gun teagamh iongantas orm an uair a chual mi a’ Ghaidhlig far nach robh duil agam rithe, ach bha mi ’tuigsinn a’ chuid bu mho dhe ’m briathraibh ged a bha iad ’g an labhairt ni ’s braise, agus ’g an gearradh ni ’s caise na chual mi a’ Ghaidhlig ’n ar duthaich fein. Ach co dhiubh, ann an uine ghoirid, thubhairt mi, “Tha mi ’faicinn. fheara, gu ’m bheil Gaidhlig agaibh.” Thog iad an cinn, thilg iad am piocaidean air an lar, sheall iad orm mar gu’m biodh adhaircean air mo cheann, leum iad air an aghaidh, agus rug iad air mo dha laimh, agus thug iad crathadh cairdeil, cridheil dhoibh, ag eigheach, “Albannaich, Albannaich tha sinn toilichte d’ fhaicinn!” Dh’ fhan mi maille riu re uair na dinneir aca. Thug iad cuireadh dhomh a dhol maille riu gu tigh-osda a bha goirid o laimh chum deoch a ghabhail maille riu, ach dhiult mi an caoimh- [TD 54] neas aca le taing, agus dhealaich sinn ’n ar deagh chairdibh. MUR.—Bha sin uile ro thaitneach, a Choinnnich, agus tha mi gle chinnteach gu ’n robh iongantas ort a’ Ghaidhlig a chluinntinn ann an Eirinn. Ach thuigeadh iadsan thusa a labhairt ni b’ fhearr na thuigeadh tusa iadsan. Tha àitean ann an Eirinn far nach tuigeadh thu ach fior neoni dhe ’n chanain aca, agus àitean eile far an cumadh tu comhradh ris an t-sluagh direach mar a tha thu ag innseadh. COIN.—Ach tha chùis mar sin ’n ar duthaich fein. Cha dean mise a’ bheag de Ghaidhlig Chataobh, no de ’n Ghaidhlig a ta ’g a labhairt ann an Gleann-sithe, no ann am Braigh-Mhàrr goirid o Bhaile-Mhorair, caisteal na Ban-righ coir againn fein. Cha tuig mi ach neoni de Bhardach Rob Dhuinn, agus ochan, ochan, cha b’ e Donnachadh Bàn againn fein, oir is ann aige-san a bha a’ Ghaidhlig bhlasda, ghrinn. “’S e Coire Cheathaich nan aighean siubhlach, An coire rùnach is ùrar fonn, Gu lurach, miad-fheurach, min-gheal, sughar, Gach lus a’s ur-bhlath is cùbhraidh leam.” MUR.—Sin thu fein, a Choinnich, feumaidh sinn la air chor-eigin an deigh so do chluinntinn ri rannaireachd, agus a’ gabhail oran, ach leigidh sinn leo sin aig an am so, gus an cluinn sinn tuilleadh mu Eirinn. Ach a nis, co a chual no ’chunnaic thu anns an rioghachd sin air do thuras, a dhearbh dhuit gu’ m bheil muinntir na tire sin ni’ s geur-bhriathraich, agus ni’ s ealanta ann am freagairtibh na muinntir eile? COIN.—Cha robh mise fad anns an duthaich sin mar a ta fios agad; ach an deigh sin, thachair mi air na h-uiread a thug barrachd gaireachdaich orm na’ s urrainn mi a chur an ceill, agus na’ n tuiginn iad gu ceart, cha ’n ’eil fios agam ciamar a dh’ fhàgadh iad mi. Air dol a stigh dhomh la àraidh do bhuth grèasaich, bha Eireannach bochd an sin, a bha air a sharuchadh co mor ’s gu’ n robh ’fhallus fein ’g a dhalladh, a’ tarruing air a chosaibh bòtan ura a bha tuilleadh ’s teann dha. Mu dheireadh, a’ lasadh be corruich, thilg e air falbh uaith iad gu ceann eile an tighe, agus ghlaodh e a mach ris a’ ghreasaich, “Ochan! cha ’n fhaigh mise na bòtan tubaisteach sin orm gu brath, gus an caith mi là no dhà iad air mo chosaibh an toiseach!” MUR.—Bha sin gasda da-rireadh, a Choinnich, agus bu mhaith an airidh Pat bochd air na botan fhaotuinn na ’n rachadh iad idir m’ a chosaibh, ach ciod tuilleadh? COIN.—Ciod tuilleadh! So agad, ma ta, a Mhurachaidh; Bha balach beag Eireannach aon la air an t-sraid a’ ranaich gu goirt an uair a chunncas e le Ban-tighearna sheirceil a’ bha ’gabhail na slighe. Labhair i ris, agus thubhairt i, “Ciod a tha ’cur ort, a bhrogachain thruaigh, an uair a tha thu a’ gal mar sin?” “Tha mi ’gal a chionn gu ’n do chaill mi sgillinn a thug mo mhathair dhomh an diugh.” “Bi samhach, bi samhach, mo ghiullan bochd, agus so dhuit sgillinn eile ’n a h-aite,” agus dh’ fhalbh i. Cha deachaidh i ach beagan shlat air a h-aghaidh an uair a chual i am brogach ag eigheach ni ’s cruaidhe na rinn e riamh. An sin, phill a’ bhan-tighearna gu h-ealamh air ais, agus dh’ fhoighneachd i dhe ’n bhalachan ciod a bha cur air a ris; agus thubhairt e, “Tha direach so, a bhean-uasail, mur caillinn a’ cheud sgillinn, bhiodh a nis da sgillinn agam.” MUR.—Bha am brogach bochd airidh air an sgillinn eile fhaotuinn, agus a reir coslais fhuair se i. Ach a nis, a Choinnich, faigheamaid aon sgeul eile, agus an sin bithidh sinn, le beannachd, a’ bogadh nan gad. [TD 55] COIN.—Na ’n ceadaicheadh ùine bheirinn na ficheadan dhe ’n leithidibh sin duit, a Mhurachaidh, a chunnaic mo dhà shùil fein; ach aig an àm so foghnaidh aon sgeul eile. Bha Eireannach ann an àit’ àraidh, cha ’n ’eil cuimhn’ agam air ’àinm, ach rinn e còrdadh air son suim shonraichte airgid chum tobar a chladhachadh ann an ionad a chaidh fheuchainn da; agus bha ’n toll gu bhi da fhichead troidh ann an doimhne, chum an t-uisge a ruigheachd. An uair a chladhaich e sios dluth air an doimhne sin, thainig e air maduinn mhoich, agus chunnaic e gu ’n do thuit an uir a stigh gus an robh an toll gu bhi lan, agus ochan, is e a bha cianail, dorranach da-rireadh. Ach ghrad bhuail innleachd ’n a cheann ciod a dheanadh e. Sheall e mu ’n cuairt da air gach taobh, agus cha ’n fhac e mac mathar am fad no ’m fagus. An sin, thilg e dheth a’ chuid a’s mò dhe ’n eudach aige, agus chroch e suas air craoibh e goirid o bheul an tuill, agus dh’ fholuich se e fein ann an meadhon pris a bha am fochair an tobair. Cha b’ fhad gus an d’ thainig muinntir an rathad, agus ma thainig chunnaic iad an toll air a lionadh leis an ùir a thuit a stigh, agus bheachdaich iad air an eudach aig Pat bochd air a’ chraoibh. Thogadh glaodh cianail, agus ruith iad thall ’s a bhos a chruinneachadh sluaigh, oir cha robh teagamh aig neach, nach do thuit an uir a stigh, agus nach do mhuchadh Pat bochd ann an iochdar an tuill. Chuir iad ris gu maith agus gu ro-mhaith. Chruinnich iad cuinneagan, agus taoid, sluasaidean, agus gach inneal air am b’ urrainn iad greim a dheanamh, agus dh’ oibrich iad gun sgios gun sgur, agus ann an uine nach robh fada, rainig iad grunnd an an tuill, ach bha iongantas gun choimeas mor orra nach robh Pat Murphy ri fhaicinn an sin beò no marbh. Air do ’n obair a bhi criochnuichte, ghluais Pat gu ciuin, socaireach a mach as a’ phreas, agus thug e moran taing do ’n luchd-oibre air son an caoimhneis agus an dichill ann an cuideachadh leis mar a rinn iad. MUR.—Mile taing, slaint is furan duit, a Choinnich, is gle thaitneach na nithe sin uile, an uair a bhios iad air an deagh aithris, mar a rinn thusa. Ach tha mi ’n dochas gu ’m bheil la maith eile a’ tighinn fathast, agus gu ’n comhlaich sinn a ris r’ a cheile, chum barrachd naidheachd a bhi againn. Ma tha thu ’cur romhad an Goirtean-Fraoich a thoirt ort an nochd, cha ’n eil uine ri chàll, oir tha ’n t-slighe fada, agus an rathad garbh. An dochas gu ’m faigh thu Seonaid, na paisdean, agus an crodh, gun dith, gun deireas; beannachd leat, a’ charaid dhilis; agus gu ’m bu maith a ruigeas tu dhachaidh! ALASDAIR RUADH. AIMSIREAN NA BLIADHNA. A GHAIDHEIL RUNAICH,—Bha mi a’ runachadh o chionn iomadh latha sgriobhadh ad ionnsaidh mu ’n doigh anns an do chunnt na seana Ghaidheil aimsirean na bliadhna, mar a tha am Faoilteach; an Fheadag; a’ Ghobag; “Iomadh sgrios na Feadaig ’s nam Faoilteach;” Seachdain a’ Ghearrain; Seachdain na Caillich; Neoil dhubha na Caisge; Glasadh na Cuthaige; an Ceitein Earraich; agus “Latha buidhe Bealltainn.” Ged a chleachd mi gach oidhirp air so a dheanamh gu coimhlionta, gidheadh tha amharus agam nach ’eil e ceart agam; cha ’n fhaighinn dithis a bha a’ co-chordadh r’ a cheile anns a’ chunntas; agus air eagal gu ’n caillear e gu buileach tha mi ’g a chur ad ionnsaidh mar fhuair mi e—theagamh an uair a chithear e anns a ’GHAIDHEAL, gu ’m [TD 56] bi neach eigin ri ’fhaotainn a chuireas ceart e, oir is duilich gu ’n rachadh e as an t-sealladh uile gu leir. Oidhche agus gearr-mhios o Shamhain gu Feill-Andrais, agus tri oidhcheachan a dh-easbhuidh a’ ghearr-mhios eadar Feill-Andrais agus Nollaig. Seachdain Nollaig, Seachdain Coinnle, agus Seachdain Sainseil. Toisichidh am Faoilteach Geamhraidh aig ceann cheithir seachdainean agus tri laithean an deigh Latha-Coinnle, eadhon an 29mh là de cheud mhios na bliadhna (January), agus criochnaichidh e air an 12mh latha d’ an dara mios (February). Toisichidh am Faoilteach Earraich air a’ 14mh latha agus criochnaichidh e air an 28mh latha; mar sin is i uine an Fhaoiltich ceithir-la-deug air gach taobh de Latha-Fheill-Brìghde. Thig an sin Tri latha Feadaig agus ceithir latha Gobaig—fìor dhroch shìd; mar a theirear:— “’S mise ’n Fheadag sgriosadh luath; Marbham caora, marbham uan, ’S marbham gabhar ri aon tràth.” Thig a nis Seachdain iomadh-sgobach nam Feadag ’s nam Faoilteach: criochnaichidh so air a’ 14mh latha d’ an Mhàrt. Tha an sin ann— “Sgiorraidhean na Feill-Conain, ’S doinionn na Feill-Pàraig.” Is e so àm cur an t-sìl. “Eisd a’ chiad Mhàrt, ’S an dara Màrt, ’S an treasa Màrt ma ’s eudar e; Ach olc air mhaith g’ am bi an t-sìd, Cuir an sìol ’s an fhior Mhàrt, Gar an rachadh tu do cheithir fad fein an aghaidh na gaoith tuath.” Tha a nis agad an 28mh latha d’ an Mhàrt. ’N a dheigh so tha agad Seachdain na Caillich, a chriochnaicheas air a’ 4mh latha d ’an Ghiblin (April). Air an latha so tilgidh a’ Chailleach uaipe an slachdan-druidheachd leis an robh i a’ cumail fodha a’ chinneis fad na dùbhlachd, agus tha i ag radh:— “Dh’ fhag e shios mi, Dh’ fhag e shuas mi, Dh’ fhag e eadar mo dha chluais mi; Dh’ fhag e thall mi, Dh’ fhag e bhos mi, Dh’ fhag e eadar mo dha chois mi.” Tilgidh i an sin uaipe an slachdan aig bun craoibh-chuilinn air nach cinn duilleach no dos gu toiseach na h-ath dhùbhlachd, agus teichidh i le sgread oillteil do’ n fhàsach. Tha an sin ann Neoil dhubha na Càisge, agus Glasadh na Cuthaige, a mhaireas ochd latha deug; an deigh sin ochd latha deug de Cheitein Earraich, agus an sin “Latha buidhe Bealltainn.” ARGATHALIAN. Baile ’n Obain, Am Màrt, 1874. SOP AS GACH SEID. Esan a tha a ghnath deas gu bhi ’toirt comhairle, tha feum mor aige fein oirre. Is ann aige-san is mò a their is lugha tha ri radh. Is aithne do ’n duine ghlic ’aineolas fein, ach tha an t-amadan am barail gur aithne dha na h-uile nithe. Seachain an t-suil a tha teoma air faicinn an uilc agus mall a dh-fhaicinn a’ mhaith. Tha eadar-dhealachadh mor eadar a bhi ag urnaigh, agus a bhi ag aithris urnaigh. Cha ’n urrainnear a radh gu ’n d’ thainig bàs ath-ghoirid air-san a chunnaic laithean fada. Cha ’n ’eil ni sam bith urramach nach ’eil neo-lochdach, no ni sam bith suarach nach ’eil a’ tarmachadh an uilc. Iadsan a tha toigheach air a bhi ’cur an ceill a’ h-uile ni a ’s aithne dhoibh, tha iad ealamh gu bhi ’cur an ceill tuilleadh ’s a ’s aithue dhoibh. Do na daoinibh treuna tha deagh shoirbheas agus droch shoirbheas, mar an lamh dheas agus an lamh chli; ach tha iad ’g an cur le cheile gu feum. Is e arcridhe fein, agus cha ’n iad barailean sluaigh eile, a bhuilicheas meas agus urram oirnn am measg ar co-chréutairean fein. [TD 57] CHLUINN MI NA H-EOIN. [Ceòl] NOTE.—I have to express my obligations to my excellent friend and your valuable contributor, Muileach (Mr. D. Macphail), for this beautiful lyric, the composition of his grandfather. The Captain Campbell referred to was Captain Alexander Campbell, of Achnacroish, in the parish of Torosay, in the island of Mull. In the version of the air, with which I was familiar, the final note of the verse rose a third higher than in that given me by my friend. I have given the note double, thus {sm} so that your musical readers may have their choice. J. W. LUINNEAG Chluinn mi ha h-eoin, ’s binn leam na h-eoin, Na h-eoin, na h-eoin bhoidheach bhinne. Chluinn mi na h-eoin, ’s binn leam na h-eoin. ’S binn leam fhein, na bha mi ’g eisdeachd, Madainn cheitein ’s spreidh a’ sileadh. Chluinn mi, &c. ’S binn leam smeorach air bharr geige, ’S uiseagan ’s an speur ri iomairt. Chluinn mi, &c. ’S binn leam coileach dubh ri durdail, ’S cearc an tùchain dluth ’g a shireadh. Chluinn mi, &c. ’S binn leam gog nan coileach-ruadha ’S moiche ’ghluaiseas ’s a’ bhruaich fhirich. Chluinn mi, &c. ’S binn leam cuthag le gùg-gùg, ’S a’ mhadainn chiùin air stuc a’ ghlinne. Chluinn mi, &c. ’S binn leam guth na h-eala buadhaich,— Luinneag is glan fuaim air linne. Chluinn mì, &c ’S binne na iad sud gu leir An naidheachd eibhinn a fhuair sinne: Chluinn mi, &c. Na Scots greys air tigh’nn á Eirinn Sabhailte gun bheud, gun mhilleadh. Chluinn mi, &c. An Captain Caimbeul le ’chomannda, De na bh’ ann ’s e b’ annsa leinne. Chluinn mi, &c. O, na ’n greasadh Righ na grein’ thu Gu d’ thir fein gu’ m b’ eibhinn leinn’ e! Chluinn mi, &c. Gu tigh mor nan tuireid arda, ’S e ’dol fàs gun àird’ air inneal. Chluinn mi, &c. An tigh a thog dhuit Flath na feille; ’S ioma suil ’bha deurach uime. Chluinn mi, &c. Sliochd Iain bhig ’ic-Iain-’ic-Dhòmhuill, G’ an robh coirichean Bhraigh’-Ghlinne. Chluinn mi, &c. [TD 58] NAIDHEACHDAN. Thill am Prionns Alfred do ’n rioghachd so le a “cheile nuadh-phosda,” “Mairi Bhan og,” nighean Impire Russia aige air laimh aig toiseach a’ mhios a chaidh seachad. Air an dara la deug nochd a’ chàraid og iad fein ann am baile-mor Lunainn. Na ’n cuideachd bha ar Ban-righ chaomh fein agus cuid eile d’ an teaghlach rioghail. Bha an latha sneachdar, fuar, ach cha robh a ’so ach rud a chleachd a’ Bhan-duic ’n a duthaich fein. Coma co dhiu, ma bha an t-sìd geamhrail, bha aoibh an t-samhraidh air gach gnuis anns an dumhladas mhor shluaigh a thainig a mach a chur failte ’s furain air Alfred agus air a “Mhairi bhoidhich ’s a Mhairi ghaolaich.” Chaidh a’ Pharlamaid ùr ’fhosgladh ach cha do chuir iad fathast a’ bheag troimh ’n lamhan. Bha soirbheachadh mor aig an rioghachd air a’ bhlidhna chaidh seachad; tha suil gu ’m bi suim mhor airgid a chòrr thairis ann an sporan mor na duthcha an deigh gach cosdais coitchinn a dhioladh. Cha ’n ’eil fhios ceart fhathast ciod na sochairean, ann an rathad saorsa bho chisean, a thig an lorg an t-soirbheachaidh agus a’ bheairtis so; feumar sin ’fhàgail an earbsa ri gliocas na parlamaid agus ràidh gille-sporain na rioghachd. Tha na saighdearan a bha thall ann an Africa a’ cogadh ri righ an-iochdmhor, borb Ashantee an deigh tilleadh dhachaidh. Am measg an airm a bha thall, bha am “Freiceadan dubh” ainmeil, agus tha e air ’aideachadh leis gach aon a bha ’n am fianuisean air an giùlan ’s an euchdan—ged a bha an t-arm gu leir airidh air gach urram—gu ’n do choisinn iadsan gu sonraichte, agus mar bu dual doibh, mor chliu agus onoir air son na gaisge agus na treubhantachd a nochd iad. “’N uair thainig an trioblaid S i ‘Dhà-’s-an-da-fhichead’ Bha dana le misnich ’S le meas orra fein; Bras, ardanach, fiosrach, Gun fhàillinn gun bhristeadh, ’S cuid àraidh d’ an gibhtean, ’Bhi ’n gliocas ’s an ceill.” Tha gorta ro mhor an drasta ann am Bengal, aon de earrainean nan Innsean-an-ear. A thuilleadh air gu ’n do chuir Uachdaranachd na rìoghachd so suim mhor air leith g’ an cuideacheadh, tha sluagh na duthcha mar an ceudna a’ tional airgid a chum còmhnadh a dheanamh le ’r comh-chreutairean bochd ann an Bengal. Cha ’n ’eil teagamh againn ma ni airgiod e nach deantar fòir orra. Tha corp an eilthirich ainmeil, Dr. Livingstone air an rathad dhachaidh do Shasunn. Tha a run oirnn cunntas a thoirt uime air an ath mhios. Air an 16mh d’ an mhois a dh’ fhalbh thainig am prionnsa og, mac Impire na Fraing nach maireann gu aois-lagha—is e sin, a reir lagh na Frainge, ochd bliadhn’ deug. Thainig moran de sheann iochdarain athar ’a nall a h-uille ceum as an Fhraing a thoirt umhlachd da’s g’a chomh-fhailteachadh mar an uachdaran. Faodar a smuaineachadh nach robh a’ so ach feala-dha air neo dian-dhealas a tha a’ sruthadh o thairiseachd agus o ghradh do ’n fhear a dh’ fhalbh; ach tha na Frangaich gu nadarra cho neo-sheasmhach ’s nach ’eil fhios aca fhein no aig daoin’ eile cia cho fada ’s a bhios iad toilichte leis a’ ghne riaghlaidh fo ’m bheil iad an dràst, no cia cho luath ’s a ghairmeas iad a nunn Napoleon òg gu cathair-rioghail ’athar, ’s a chrunas iad e, “gun bhuille gun urchair,” mar Impire na Fraing. Bu choir do chomhairle tuiteam gu sèimh mar an druchd, ’s cha ’n ann mar fhrois chlacha-meallain. [TD 59-68] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 69] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] CEUD MHIOS AN T-SAMHRAIDH, 1874. [27 AIR. SILIS NIC-COINNICH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. III. Cha bu luaith’ a thilgeadh Silis bharr na drochaid-mhaide, na ghlac na maithean ud an ceann-fine ’n an gairdeanan, agus ghiulain iad eatorra e air ais do ’n Chaisteal. Chaidh e gu buileach as a chiall; bha e mothachail air a chall, ach cha robh beachd toinisgeil aige ciamar a thachair e, cha b’ urrainn e a thuigsinn. Anns a’ cheud dol a mach mhallaich e Barr-a-mhuillinn, agus bhoidich e gu ’m faca e le a shuilean fein e ’g a putadh bharr na drochaid; ach bhoidich cach an aite sin, gur h-ann a thug Barr-a-mhuillin ionnsaidh air greim a dheanamh oirre ’n uair a mhothaich e i a’ tuisleachadh leis an tuaineal a chaidh ’n a ceann, leis an t-sealladh uamhasach a bha air gach taobh dhi, agus a thug oirre leum bharr na drochaid; agus mu ’n d’ thainig an oidhche, thug iad air a chreidsinn gur h-ann mar sin a bha chuis. Cho grad ’s a ghabhadh e deanamh, chuir iad eich agus gillean air falbh gu beul na h-aibhne, ann an dochas gu ’m faighte corp Silis an oir a’ mhuir-lain; fhuair iad bàtaichean agus iasgairean, le ’n lìn agus le an greimichean ann an ordugh cho cabhagach ’s bu chomasach dhoibh; sgriob iad an cladach thall ’s a bhos gus an d’ thainig an oidhche orra, ach cha d’ fhuair iad Silis. N’ uair a chuala am Moraire nach d’ fhuaradh i, chaidh a bhron thar cuimse, chaill e a chiall agus a bhreithneachadh gu buileach; chuir e roimhe gu ’m feumadh e fein togail a mach air toir a Silis ionmhuinn ionghradhach; stoirmeil dorcha mar bha an oidhche, an e gu ’m fanadh esan fo dhion no fo fhasgadh gun fhios nach faodadh annsachd a chridhe a bhi ’g a luasgadh ann an oir a mhuir-lain re na h-oidhche, gun duine a sealltuinn a’ mach air a son; O! na ’m b’ esan a bhiodh na h-aite, is i a Shilis ghaoil, nach leagadh a ceann ri cluasaig air an oidhche ud mar a bha a chairdean ag asluchadh air a dheanamh. Ri h-uine, gheill e do chomhairle a chairdean; ach bha a bhron cho domhain agus nach e a mhain gu ’n robh a chridhe fein an impis sgaineadh, ach gu ’n robh a leithid de bhuaidh aige air cridheachan bruideil an-iochdmhor nam maithean uaibhreach ud, a’s gu ’n do chriothnach iad le uamhann agus le geur-aithreachas airson a’ ghniomh aingidh, fhuiltich anns an robh an lamhan air an deargadh. ’N a aonarachd dheuchainnich, bha, a reir an aideachaidh, an comh-fhulangas a’ bu chaomhala aca ris a’ cheann-fhine, cha ’n fhagadh iad leis fein e; ach cha ’n fhaodadh iad fuireach ro fhada ’n a chuideachd, agus air falbh bho an teaghlaichean fein: uime sin chomhairlich iad dha, e sgur d’ a chaoidh cho ealamh a’s a [TD 70] b’ urrainn e, oir ged a dh’ fhaodadh e bhi an aghaidh a thoil agus ’fhaireachduinn aig an am, gu ’m b ’e a dhleasdanas—cha b’ ann a mhain air a sgath fein, ach gu sonruichte air sgath a chinnidh chumhachdaich air air an robh e ’n a cheann—’inntinn a dheanamh suas gun dail gu sealltuinn a mach airson ceile a bhiodh airidh air a laimh, agus air an inbhe aird agus chudthromaich anns an robh e air a shuidheachadh. Agus ged bha a chall agus aobhar a thrioblaid aig an am ’n a fhreasdal dorcha, co aig an robh fios nach b’i toil an Uile-chumhachdaich gu ’n tachradh e, gu bhi toirt as an rathad a’ chuspair ud, uasal, aillidh agus ion-ghradhach ged bha i; ach a reir coslais, a bha seasamh eadar esan agus oighre dligheach ’fhagail ’n a dheigh gu bhi cumail suas ainm agus teaghlach ’athraichean, agus gu bhi tiorcadh a chinnidh o thuiteam n’ an traillean agus ’n an iochdarain fo neach do nach robh aon chuid, speis no urram aca. “Aidichidh mi” ars’ am Moraire, “gu ’m bheil na h-aobharan a chuir sibh fo m’ chomhair, cudthromach agus reusanta. Ged bha mi riamh mothachail gu ’n robh mo chrannchur a reir toil agus ordugh an Tighearna, gidheadh, bha e ’n a ’dhoilghois dhomh. Ach cha ’n ’eil na nithe so aig duine air bith, ’n a chumhachd fein, agus ged tha cuid ann, aig am bheil an cridheachan cho suidhichte air na nithe d’ an crioch am fein-bhuanachd, a’s gu ’m bheil am faireachduinnean agus an gniomharan air an riaghladh leo, cha ’n e sin cor mo chridhe-se aig an am so. Ma thig an latha anns an urrainn mise mo chridhe briste a lubadh gu bean eile a ghabhail do m’ ionnsaidh, ni mi sin, ach c’ uin a thig an latha sin orm, cha ’n urrainn mi a radh. Ciamar is urrainn mise mo lamh a thairgseadh do mhnaoi eile fo ’n ghrein? An gradh a thug mi do Shilis, cha toir mi gu brath do mhnaoi eile. Dh’ fhaodainn mo lamh agus mo bhoidean-posaidh a thoirt dhi; ach ’n uair a dhuisginn anns a’ mhaduinn agus a gheibhinn a mach gu ’r te air bith eile ach mo Shilis a choidil ’n am bhroilleach, chuireadh e a leithid de bhuaireas orm a’s gu r h-eagal leam gu ’n cuirinn lamh ’n a beatha, agus agus ’n am bheatha fein mar an ceudna. A chairdean gradhach, calma, creidibh mi agus na cuiribh teagamh ann,—tha call mo Shilis fein, air a dheargadh cho domhain air mo chridhe a’s nach urrainn mi gu brath te eile a chur ’n a h-aite. Ach ma ’s comasach gu ’n tig atharrachadh air mo chridhe, ge b’ e uair a thig e, geillidh mi d’ ur comhairle, ach gus an tig, cha gheill.” Cha robh freagradh a’ Mhoraire do chomhairle a chairdean idir cho fabharach ’s a bha fiughair aca; chuir e fo ghruaim agus fo amhladh iad; chrath gach aon dhiu a cheann le feirg agus le duil-bhristeadh. Thug iad fuil neo-chiontach air an cinn, gun a’ chuis a dheanamh dad ni b’ fhearr, ach moran ni bu mhiosa. Cho fad ’s a bha Silis beo, bha rud-eigin de dhochas aca nach basaicheadh Eidirdeil gun oighre fhagail ’n a dheigh, oir mo chreach! ghearradh as i mu ’n robh i ach gann naoi bliadhna fichead a dh-aois; bha a h-aite nis falamh, agus cuisean, a reir coltais, ni bu duirche na bha iad riamh. Bha cridheachan ardanach nam maithean uaibhreach ud a nis air am bioradh le geur-aithreachas. Ma bha mi-fhortan a’ Mhoraire gach latha, o mhoch gu anmoch, ’n a chuis sheanchais eadar e fein agus a chairdean, cha bu lugha bha e mar sin am measg nan seirbheiseach shios an staidhir, ach bha mor easaonachd am measg nan seirbheiseach d’ a [TD 71] thaobh—gach aon fa leth dhiu de chaochladh barail mu ’n doigh air an do thachair an sgiorradh craiteach ud leis an do chaill iad banmhaighistir a bha cho uasal, cho aoidheil agus cho so-riaghlaichte. Am measg nam fineachan Gaidhealach bha gach diomhaireachd agus comh-chordadh am bitheantas aithnichte do ’n iomlan dhiu, ard a’s iosal, ach dhoibhsan an aghaidh am faodadh falachd no aimhleas a bhi air a dheilbh. Am measg an fhine so, gu sonruichte, gheibhte na h-iochdarain de ’n aon bharail mu gach cuis ris na h-uachdarain. Bha na h-iochdarain cho trailleil agus cho eisimeileach a’s gu ’m faodadh na h-uachdarain, gun eagal gun soradh, gach diomhaireachd earbsadh riutha. Re ioma bliadhna, cha robh antlachd agus mi-run nan uaislean do Shilis, ’n an diomhaireachd do neach sam bith ach dhi fhein a mhain; cha do smuaintich ise riamh gu ’n robh i ann an cunnart. Bha geur-amharus aig na seirbheisich gu ’n robh lamh aig na maithean cuilbheartach ud, air doigh eigin, ’n a bas, ach ’n an traillealachd dhiblidh, cha ’n aidicheadh iad e; ciod air bith barail a bh’ aig a’ Mhoraire agus aig a chairdean shuas an staidhir mu ’n chuis, b’i sin am barail-san mar an ceudna. Ach bha caileag og, thapaidh, bhiorshuileach am measg nan seirbhiseach, d’ am b’ ainm Oighrig Nic-Coinnich, a bha ’n a comhdhalta do Shilis; agus d’ an robh mor speis aice. Bha Silis lan-earbsach a dilseachd Oighrig anns na h-uile ni, agus bha Oighrig da-rireadh airidh air a muinghinn. B’i barail Oighrig gu ’n robh na maithean ud ciontach do bhas na ban-mhoraire, agus cha b’ eagal leatha a h-amharusan aideachadh an lathair neach air bith, coma co e. Bha a h-amharus laidir air seann fhear Charnaich, mar cheann agus mar fhear-stiuraidh do chach; bha i lan-dearbhta ’n a beachd fein, agus cha b’ eagal leatha ’chur as a leth, gun athadh, gun soradh, gu ’n do mhoirt e a bhan-tighearna, agus gu ’n robh e a’ mealladh a’ Mhoraire, a chionn gu ’n robh deagh fhios aige gur h-e fein a b’ fhaisge ann an daimh do ’n cheann-fheadhna, agus na ’m basaicheadh am Moraire gun oighre fhagail ’n a dheigh, gu ’n tuiteadh an tiodal agus an ceannas-cinnidh air fein agus air a theaghlach, do bhrigh nach geilleadh am fine gu brath do Nagaar. Ged a bha na seirbheisich ’g a breugnachadh agus a’ maoidheadh gu ’n casaideadh iad i mur cumadh i a droch theanga fo smachd, a dh-aindeoin gach bagraidh, sheasadh Oighrig gu calma ris na thubhairt i; bha i coma co a chluinneadh e. Chuir i na seirbheisich fo eagal agus fo bhuaireas le a danachd neo-sgathach; chruinnich iad m’ a timchioll a’ crathadh an cinn, a’ splèucadh agus a’ dur-shealltainn an aodannaibh a cheile. “Tha mi lan-dearbhta” arsa Oighrig.—“Is math is aithne dhomh na bha de innleachdan diomhair, cuilbheartach air an deilbh le maithean suarach, drochmhuinte ur cinnidh, an aghaidh ur deagh bhan-mhaighistir, uasal, aobhach, neochoireach mar bha i; ach gu sonruichte leis an t-seann nathair lùbach ud, Carnach, a bha air ceann chaich, mar shealgair air ceann lothainn chon-luirge, a’ feuchainn gach innleachd gu cur as dhi; mo chreach agus mo dhiubhail gu ’n deachaidh leis; ach beiridh dioghaltas airsan gun dail. Thig fianuis do ’n Chaisteal mu ’n teid moran laithean seachad, a dhearbhas a chionta; tha mi lan-chinnteach as, oir chaidh ’fhoillseachadh dhomhsa bho an duthaich tha taobh thall na h-uaigh nach fada gus am faic mi a sheann chorp mosach, gun deo gun anail ’n a shineadh air bearradh na creige eadar an abhainn agus an [TD 72] Caisteal, le ’fheoil air a reubadh agus a chnamhna air am bristeadh.” MUILEACH. (Ri leantuinn.) RAONULL MAC AILEIN OIG. FHIR MO CHRIDHE,—Is math tha fhios agam ciod a their thu an uair a ruigeas so thu: “Puirt, a’s droch-uair!” Dìreach sin puirt na ’m b’ àill leat e. A réir coltais, thachair dhòmhsa ’s do na puirt, mar a thachair, ged nach ionann, do Mhac Mhaighistir Alastair agus do ’n Phrionnsa:— “Cha toir sibh asainn Tèarlach, Gu bràth, gus an téid ar tachdadh!” Tha iad ag ràdh nach misde gnothach sa bith bristeadh-seanchuis. Bho shean, cha ghabhadh fear no té port no dàn, gun an toiseach, eachdraidh ghoirid a thoirt seachad mu dhèidhinn; theagamh ma tà gu ’n tig dhòmhsa facal no dhà chur an céill an toiseach tòiseachaidh. B’e Raonull mac Ailein oig—Mac Dhùghaill Mhòrair. Theirteadh gur teaghlach Mhic Dhùghaill a bu dhligich a thàinig na teaghlach Mhic-Mhic-Ailein; ach is coma sin an diugh. Is so agad mar a chuala mi bhi sloinneadh Raonuill: Raonull mac Ailein òig, mhic Dhùghaill, mhic Raonuill bhàin (1513), mhic Ailein (1481-1500), mhic Ruairidh, mhic Raonuill, mhic Iain Ilich, mhic Aonghuis òig, agus eile. Is ann an Cros a bha thuinidh; ach a bharrachd air oighreachd Mhic-Dhùghaill, bha fearann aige an Uithist. A rèir ìnnse-sgeòil cha robh mac-samhuilt ann da air spionnadh; ach bha e ciùin, caomh, agus cho fìnealta ri maighdinn. Fidheall no clàrsach bu choimh-dheis; agus cha do leag a lùdag air sionnsar, pìobaire b’ fhèarr. Cha ’n fhac e neach an téinn no ’n airc nach d’ rinn e chulaidh-mhathais gu fuasgladh air. Is ioma diachainn chruadalach a sheas e an aobhar a chinnidh ’s na còrach, ach thàinig e slàn ás gach cunnart a’s téugbhail. Fhuair e aois mhór, agus bàs ri aghart. Thog na pìobairean a chumha; agus fhad ’s is aithne do fhear dhiubh cuairt a chluith, bidh cuimhne, ’s gur h-airidh, air Raonull mac Ailein òig. Is cuimhne leat mar a rinn e air a’ chreachadair-chuain a chuir an geall ri Iain Garbh mac Gille-Chaluim Ratharsaidh. Bha Iain Garbh ’n a mhac peathar dha. Ciod a bh’ aig an sgiobair so ach an sgoil-dubh, ’s cuirear geall na luinge ri Iain Garbh nach b’ urrainn da a thogail bhàrr na cathrach. Chuir Iain Garbh an oighreachd an geall gu ’m b’ urrainn, ’s thugar bràthair a mhàthar air. Bha Raonull ’n a sheann làithean ach dh’ ìmpich Iain Garbh e gu dol còmhla ris. Thàinig an là shònraicheadh agus chaidh Raonull an dàil a’ chrèineastair air clàr-uachdair na luinge. Thug e dà ionnsaidh, ach cha do ghlidich e e. Air an treas ionnsaidh, slàn far an ìnnsear e, thog e leis na bha os cionn a’ chrios d’e, ’s choisinn Iain Garbh a gheall. Bliadhna bha ’n sid bha coinneamh gu bhi aig Mac Dhònuill Duibh an Achadh-na-carra, ’s fhuair Raonull cuireadh. Thog e air, e fhéin ’s a ghille. Air an rathad taoghlar am muilionn na Corpaich. Rinn am muilleir prat air chor-eigin orra, ’s chuir Raonull stad air a’ chuibhle-mhuilinn, agus spìon e a bheò-bhéum bhàrr nan sorchan i. A’ ruigsinn Achadh-na-carra, ciod a’ cham-chòmhdhail a thachair orra, ach tarbh mòr caothaich, a leigeadh, mar a shaoil leis-san, fo sgaoil an uair a chunnacas e fhéin ’s a ghille tighinn. Ghabh e sàs ’s an tarbh, ’s shnìomh e an dà adhairc dh’ e, ’s mharbh e e. Ghabh e mire-chath, ’s an uair a ràinig e bha ceannsachadh-chiad aca [TD 73] air. Is sann an sin rinn e AN TARBH BREAC DEARG. ’S e ’n tarbh, ’s e ’n tarbh, ’S e ’n tarbh, ’s e ’n tarbh, ’S e ’n tarbh, ’s e ’n tarbh, ’S e ’n tarbh mharbh mi. ’S e ’n tarbh breac-dearg, &c. ’S e ’n tarbh mharbh mi, &c. Ri linn Raonuill, bhiteadh a’ faicinn “Colainn-gun-cheann”* eadar Cros ’s an Tràigh am Mòrair. Bha feadhainn an dùil gu ’m b’ e ’m bòcan so, spiorad créutair bhochd a chuir cuid-eigin gu bàs air son a bhi goid air an tuath. Ach coma; bha bràthair-altruim aig Raonull air an robh gaol gun chuibheas aige. Thuit dha a bhi oidhche anmoch ag gabhail an rathaid so, agus ma ’s fhìor, gu ’n do thachair “Colainn-gun-cheann” air. Ach co sa bith a thachair air, fhuaras marbh an là ’n ath-mhàireach e ’s a ghunna fhéin air a thoinneamh ’s e sìos ’n a amhaich. Bha Raonull, rud nach b’ ioghnadh, anbarrach duilich air son a bhràthar-altruim, agus bhóidich e ’n aichmheil a thoirt a mach. Goirid an deaghaidh so bha e oidhche ag gabhail an rathaid chiadna eadar Cros ’s an Tràigh, ’s cluinnear glaodh: “An tu ’n sid, a Raonuill mhóir?” “Is mi, beannaich a’s coisrig sinn! có thusa?” “Is mise ‘Colainn-gun-cheann.’ Is mi a mharbh do bhràthair-altruim ’s bidh do bheatha-sa agam an nochd.” Is e bh’ ann, a mhic-chridhe, gu ’n do ghabh e fhéin ’s “Colainn-gun-cheann” an dromannan a chéile, ’s ma ghabh cha bu ghleachd e gus an oidhche sin. Mu dheireadh, rinn Raonull pasgadh-na-pìoba oirre, agus sparrar ’n a achlais i g’ a toirt gu solus, los gu ’m faiceadh e có b’ ì. Ghrìos a’s ghrìos i air a leigeil ás ach mur do theannaich cha do lasaich e idir a ghréim. Mu dheireadh thall, an uair a thuig i nach robh dol ás aice, gheall i dha, nach cuireadh i dragh tuille air beathach no air duine fhad ’s a bhiodh gin a bhuineadh dha am Mòrair, ’s cha mhò chuir. Air na cumhlaidean so leig e a cead d’ i. Leum i ’s na spéuran a null thair a’ chaol rathad an Eilein; agus fhad ’s a bha sealladh aige oirre, bha e ’g a cluinntinn ag gabhail a’ phuirt so— BEALACH A’ MHORBHAIN. ‘S fhada bhuam fhìn Bonn Beinn Eadarainn; ’S fhada bhuam fhìn Bealach a’ Mhorbhain. ’S fhada bhuam fhìn Bonn Beinn Eadarainn; ’S fhada gun teagamh bhuam Bealach a’ Mhorbhain. Bho bhonn gu bonn, Bonn Beinn Eadarainn; Bho bhonn gu bonn, Bealach a’ Mhorbhain. ’S fhada bhuam fhìn Bonn Beinn Eadarainn; ’S fhada gun teagamh bhuam Bealach a’ Mhorbhain. Bho chùl nam beann, Bonn nam bealaichean; Bho chùl nam beann, Bealach a’ Mhorbhain. Bho chùl nam beann, Bonn nam bealaichean— ’S fhada gun teagamh bhuam Bealach a’ Mhorbhain. Cùl nam monaidhnean, Bial nam bealaichean; Cùl nam monaidhnean, Bealach a’ Mhorbhain. Cùl nam monaidhnean, Bial nam bealaichean— ’S fhada gun teagamh bhuam Bealach a’ Mhorbhain. Mur b’e dol romh m’ sgial bheirinn port-sìth eile dhut—port Dhònuill bhàin mhic Aonghuis. B’e Dònull so, seann sealgair a bha ’s a’ Bhràighe ri linn Bliadhna Thèarlaich. Bhe e turus a’ sealg an Srath-Oiseann ’s faicear e sìthiche a’ marcachd féidh an comhair a chùil ’s luinneag aige * See “Popular Tales,” by J. F. Campbell, vol. II., pp. 89-91. [TD 74] air a’ phort so. Is cuimhne leat a chluinntinn tric air an truimb. Di hoidinnean, hidinnean, Hoidinnean, iribhi, hoidinnean, Hó ohó. Di hoidinnean, hidinnean, Hoidinnean, iribhi, hoidinnean Hà ohà. Di hidinnean, hidinnean Iribhi hidinnean Hó ohó.— Dì hidinnean, hidinnean, Iribhi hidinnean, Hà ohà. An uair a leig Fear Bhaosdail dh’e an creideamh Caitliceach, chuir e roimhe cleas “a’ bhata bhuidhe” dheanamh air an tuath—an tionndadh a dheòin no dh’ aindeoin de ’n aidmheil aige fhéin; agus shònraich e air Didònaich àraid gus a rùn a chur an cleachdadh. Thàinig a’ chùis gu cluasan Raonuill, ’s ma thàinig cha bu rabhadh gun fhreagairt. Chuir e ’n àrdramhach fo bheairt, ’s thug e leis dà fhear dhiag a’s pìobaire, ’s bha e ’n Uithist moch Didònaich. Chaidh e fhéin ’s a ghille gu tìr ’s ruigear tigh a’ mhinisteir, B’ òlach fosgarra, còir, am ministeir, ’s cha robh cùram na moch-eirigh air. Cho luath ’s a chuala e an t-aoidh a bha stigh, ghrad-éirich e ’s chuir e uime thriubhas. Chuir e fàilte ’s furan air Raonull, ’s thugar tarrainn air an t-slige-chreachainn. Dh’ òl iad gu cridheil air a chéile; agus an uair a thuig Raonull gu ’n robh Mac-na-bracha beothachadh ri chompanach, thug e cuireadh dha thun a’ bhàta; gu ’n robh cnò aige thug e leis de shàr-bhranndaidh, ’s gu ’m biodh aon shlige aca dh’ i mu’ n dealaicheadh iad. Is e so a rinn iad; ach, eadar a h-uile rud a bh’ ann chaidh guth-thairis air an t-searmoin. A tharrainn dàlach, thuirt Raonull na ’n togradh e gu ’n cluitheadh e cuairt air an “Tarbh-bhreac-dhearg,” port ùr a rinn e. Bha ’m ministeir ro-thoileach, ’s dh’ iomair iad tacan a mach bho thìr. An uair a bha Raonull ag cluith a’ phuirt thugar an aire do Bhaosdal ’s co-thional mòr cruinn aige; agus is e bh’ ann gu ’n do leig e air tìr am ministeir; ach eadar spionnadh na branndaidh, agus e bhi chiad-lomaidh, an uair a ràinig e ’n sluagh bha e gun chumail-chas. Cha robh aig Baosdal ’s aig a’ phobull an latha sin ach sgaoileadh. Diluain ràinig Raonull Baosdal, ’s thuirt e ris, na ’n cluinneadh esan gu ’n teannadh e ri leithid a rithist, gu ’n deanadh e pasgadh-na-pìoba air; ach cha do theann, thug e tuille an toil-shaor d’ a chuid daoine. Buidheachas do ’n Tì is àirde chaidh linn an ainneirt ud seachad. Tha ’n diugh gach duine “gabhail tàimh gu sìtheil fo chrann-fìge fhein.” Sin agad ma tà am fàth mu ’n d’ rinneadh A’ GHLAS-MHIAR.* Bheir mi ’n toiseach dhut ùrlar a’ phuirt mar is àbhaist do na pìobairean a chluith; agus an sin, cuiridh mi sìos dhut ceithreamhnan d’ e, na th’ agam dh ’e, mar is cuimhne leat sinn fhìn ’g a ghabhail ’n a phort-á-bial. URLAR. Ol, òl, òl; òl, ol, ol; òl, ol, ol; Ol, òl, ol; òl, ol, ol; òl, ol, ol; Ol air an daoraich, òl, ol, ol. Ol, ol, ol; &c. Ol air an daoraich, òl, ol, ol; Ol mar a dh’ fhaodas, òl, ol, ol; Ol air an daoraich, òl, ol, ol; Ol mar a dh’ fhaodas, òl, ol, ol. Ol air an, &c. FONN— Ol air an daoraich, òl, ol, ol; Ol mar a dh’ fhaodas, òl, ol, ol; Ol air an daoraich, òl, ol, ol; Ol mar a dh’ fhaodas, òl, ol, ol. Ol air an dallanaich, ’S òl air an daoraich. Ol air an, &c. * See M‘Donald’s pipe music, p. 7. [TD 75] Bho dhallanaich, gu dallanaich, Gu dallanaich na daoraich. Ol air an, etc. Ol air mhisg, òl air mhisg, Ol air mhisg, òl air mhisg. Ol air an, etc. Chuid nach òl sinne dh’ e, Olaidh na gillean e. Ol air an, etc. Olaidh na gillean e, Iarraidh na gillean e. Ol air an, etc. Olaidh sinn, òlaidh sinn, Pàidhidh sinn, òlaidh sinn. Ol air ann, etc. Mach a mach, a mach, a mach, Fear nach pàidh an tigh, a mach. Ol air an, etc. Olaidh sinn ar boineidean, Ged lomadh air na maolaibh. Ol air an, etc. Olaidh sinn na gartana, Th’ air na casan caola. Ol air an, etc. Olaidh sinn na breacana, Ged bhimid ris a’ ghaoith. Ol air an, etc. Theid sinn a dh-òl do chrò nan caorach, Chrò nan gobhar, do chrò nan caorach Theid sinn a dh-òl do chrò nan caorach Theid sinn a dh-òl a dh-òl, a dh-òl. Ol air an, etc. Chùm thu, chùm thu, chùm thu ’n dé mi; Chùm thu, chùm thu, chùm thu ’n dé mi; Chùm thu ’n diugh mi, chùm thu ’n dé mi; Tinn an diugh mi, ’g òl an dé mi. Ol air an, etc. Chùm thusa mis’, chùm mis’ thus’ Chùm thusa mis’, chùm mis’ thus’ Chùm thu, chùm thu, chùm thu ’n dé mi, Tinn an diugh mi, ’g òl an dé mi! Ol, òl, ol; òl, ol, ol, etc. Sin agad na chuala mise dh’i; cha ’n ’eil ann ach an con-ablach, agus sin fhéin ’n a bhrolamas air feadh a chéile; ach na ’m biodh i agam na b’ fhèarr gheobhadh tu i.—Buaidh a’s piseach ort, agus, D’ fhaicinn slàn, ABRACH. An Tom-Buidhe, Céitein na h-Oinsich, 1874. SEANN SGEULACHDAN MU BHRAID-ALBANN. IV.—NA COIN DHUBHA. An uair a thainig an t-ordugh rioghail a mach gu Clann-Ghriogair a sgrios, agus gun aon sean no og, beag no mor d ’an chinne threun, mhisneachail sin ’fhagail beo, cha robh aon d’ an naimhdean fuileachdach a bu deine air an toir na na Caimbeulaich agus Donnachadh Dubh, Morair Bhealaich. Cha bu leoir leo daoine bhi ’ruagadh nan Griogarach agus ’g am murtadh, ach fhuair iad da chu a leanadh Griogarach cho dian agus nach robh seol dol as aige. Ghlac na Caimbeulaich bean de Chlann-Ghriogair agus thug iad oirre an da chuilean so ’thogail air a broilleach; agus an uair a dh’ fhas na coin, bha iad cho deigheil air na Griogaraich, agus gu ’n togadh iad faile aoin diubh an measg ceud fear de chinneach air bith eile. Mar so chaidh moran d’ an chinneach bhochd sin a ghlacadh ’n an àitibh-folaich leis na coin dhubh sin, agus a chur gu bàs, gus mu dheireadh an deachaidh doigh ’fhaotainn air na coin a mharbhadh. Thachair e mar so:— Bha duine d’ am b’ ainm Mac-Eoghain a’ tamh aig Taobh-Loch-Tatha aig an robh ban-Ghriogarach mar mhnaoi. Bha eagal air gu ’m biodh a bhean air a murtadh leis na coin, agus bha blàths ’n a chridhe do Chlann-Ghriogair air sgath a mhnatha. Chuir e roimhe cur as do na coin na ’m b’ urrainn da. Thoisich e le bhi ag radh nach robh na coin a’ glacadh ach neach air bith a thigeadh ’n an rathad, agus gu ’n robh gach uile neach an cunnart uapa. Air do fheill a bhi anns a’ Cheann-mhor, chaidh Mac-Eoghain chum na feille, ach m’ an d’ fhag e a thigh fein fhliuch e a lamh agus a dhorn [TD 76] le fuil a mhnatha. Chaidh na coin a leigeil am measg an t-sluaigh a a dh-fheuchainn an glacadh iad aon de Chlann-Ghriogair anns a’ chuideachd. Chuir Mac-Eoghain e fein ’n an rathad an deigh da bhi ag radh ris gach neach mu ’n cuairt da gu ’n leanadh na coin air Caimbeulach co ealamh ri neach eile. Thog aon de na coin faile na fola a bha air a laimh, agus ann am priobadh na sul bha e an sas ann. Bha ’fhios aig gach neach nach bu Ghriogarach Mac-Eoghain; dh’ eirich buaireas am measg an t-sluaigh, agus chaidh aon de na coin a spadadh an sin, agus am fear eile latha no dha as a dheigh: mar so chaidh cur as do na coin dhubha. V.—MAC-THAMHAIS BEAG NAN SAIGHDEAN. Bu chleachdadh leis na daoine treuna o ’n d’ thainig sinn, an uair nach bitheadh iad a’ cogadh an aghaidh a cheile no an aghaidh nan Sasunnach, a bhi a’ togail creiche. Anns na laithibh sin cha robh e air a mheas ’n a ni tamailteach do neach air bith a bhi ri meairleadh air an doigh so, ach is ann a bha e air a mheas ’n a ni ro mheasail a bhi a’ creachadh fine eile. Mar so bha e gle thric a’ tachairt gu ’n rachadh ard-uaislean le ’n cuid daoine a ghoid cruidh agus chaorach. Bha buidhnean beag de chreachadairean anns gach gleann, agus mar a b’ fhaide a rachadh iad a thogail creiche, is ann a bu mheasaile iad am measg an luchd-duthcha. Anns na linntibh a dh’ fhalbh, thog ochdnar de ghillean lùthor, tapaidh orra o Bhaideanach, agus thriall iad gu sunndach air an slighe troimh mhonaidhnean Atholl. Ghabh iad gach ath-ghoirid troimh nan beann gun tighinn am fagus do na bailtean. Chum iad, gun stad air an ceum, air an aghaidh gu deas. Theirinn iad air Srath-Thatha aig Laganràta, agus ghabh iad an ceum gu Srath-Bhreamhainn. Cha do stad iad an so, ach dhirich iad troimh Ghleann-Gamhar, mu thri mile an iar o Dhunchaillionn, agus an uair a rainig iad ceann eile a’ ghlinne, aig dol fodha na greine, rinn iad suidhe car tamuill a leigeil an sgìos. Bho ’n aite-suidhe chitheadh iad ceo deathaich baile Pheairt, agus iomadh achadh ruadh fo bharr tarbhach. Aig iochdar na beinne, dluth dhoibh, bha Tulaich-Bhealltainn le iomadh mart boidheach ag ionaltradh air a raointean gorm. Is ann a spuinneadh nan raointean sin a thainig na daoine gach ceum a Baideanach. Rinn iad tamh am beul a’ ghlinne gus an robh an oidhche dorcha, agus muinntir air dol gu tamh. An sin theirinn iad agus chruinnich iad an spreidh ri ’cheile, agus ghreas iad ris a’ bheinn iad gun aon neach ’g am faicinn no ’g an cluinntinn. Cha do chum iad an t-slighe air an d’ thainig iad, ach chaidh iad thairis air Breamhainn aig Allt-a’-mhadaidh, ceithir mile ni b’ airde, agus rainig iad aite fasail am fagus do Ruith-na-Scotach ris an abradh Ruith-an-t-srathain mu choig mile o Abar-Pheallaidh. Runaich iad fuireach an so gus an tigeadh an oidhche, agus an sin dol air an aghaidh troimh Shrath-Thatha. An deigh mheadhon latha thoisich na gillean air cluichean, a chur seachad na h-uine gu feasgar. Bha boghachan-saighead aig ceithir dhiubh, agus thoisich iad air bhi tilgeadh shaighead air comhar a chuir iad suas. Am feadh a bha iad gu cridheil a’ farpais ri ’cheile mar so, thainig gille beag de chìobair d’ an ionnsaidh, agus bha e a’ sealltainn orra, ma b’ fhior, le tlachd ro mhor. Thoisich e air ruith a thoirt air ais nan saighead a bha iad a’ tilgeadh. An uair a bha e greis mhor a’ ruith mar so, thuirt e na ’n [TD 77] tilgeadh iad na bh’ aca de shaighdean, gu ’n tugadh e air an ais iad comhla. Rinn iad so, ach ’s ann a thrus an ciobair na saighdean agus chuir e iad ann am balg a bh’ aige air a dhruim fo ’bhreacan. Thug e ann sin tarruing air bogha beag de stailinn a bha air a chleith fo ’chota. Thionndaidh e an sin ris na creachadairean agus thuirt e mur fagadh iad an crodh agus an rathad a thoirt orra gu luath, gu ’n cuireadh e saighead troimh gach fear dhiubh. Thug iad ionnsaidh air bhi aige, ach an uair a chunnaic iad an t-saighead deas air a’ bhogha stad iad. Thuirt an ceannard ris, “Ciod a tha thu ag radh, a phocain leibidich, no co thusa?” “Tha sibh a’ cluinntinn ciod a tha mi ag radh,” ars’ esan, “agus co air bith mi faodaidh tusa bhi cinnteach as an t-saighead so ma thig thu ceum na ’s faisge.” M’ an robh uine aige freagairt a thoirt rinn aon d’a chompanaich cagar ’n a chluais gu ’n robh e am barail gu ’m b’ e so Mac-Thamhais beag nan saighdean air an cual’ iad moran iomraidh. Bha Mac-Thamhais ro ainmeal mar am fear-bogha a b’ fhearr anns an duthaich air fad; agus bha e cheart cho ainmeil air son a luathais. Thug e mach iomadh buaidh air son a theomachd leis a’ bogha, agus air son ruith réisean. Rainig a chliu eadhon gu Baideanach gar am fac iad e fein riamh. “An tusa Mac-Thamhais nan saighdean o ’n tha thu cho sporsail as do thapachd?” dh’ fheoraich an ceannard dheth. “Is mise sin, gu dearbh, le ’r cead,” ars’ an cìobair. Chunnaic na spuinneadairean nach robh seol aca air cur ’n a aghaidh nis o nach robh saighead aca; agus ged rachadh iad g’ a ruith, bha fios aca nach robh aon ’n am measg a b’ urrainn a ghlacadh. A thuilleadh air sin, chaitheadh e an saighdean fein orra. An deigh comhairle a ghabhail am measg a cheile, chunnaic iad nach robh ach an aon doigh aca air dol as—falbh agus an crodh ’fhagail as an deigh. A’ guidhe mile mallachd air a chìobair, thionndaidh iad agus thug iad am monadh orra. Chruinnich an ciobair an spreidh agus thug e iad air an ais gus na daoine d’ am buineadh iad aig Tulaich-Bhealltainn. Air son a thapachd fhuair Mac-Thamhais aite fearainn d’ an ainm Arachail, am braigh Abar-pheallaidh, saor da fein, a mhac agus ’ogha. Tha a shliochd ann an Arachail gus an latha ’n diugh, ged a mhùth iad an sloinneadh gu Caimbeulaich; agus tha an sgriobhadh a fhuair Mac-Thamhais beag nan saighdean, fathast aca a leigeil ’fhaicinn mar a fhuair e còir air an àite. D. C. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn.) An uair a rainig iad Lochan Bhracluinn, Chual iad port-caismeachd Chlann-Domhnuill A nios an gleann. SUNADAL.—“Sin na h-Ilich! pongan-meoir a’ Ghruamaich, A’ ruith air an oiteig. Urram ’s lamh-dheas na h-Alba, Bratach ainmeil Chlann-Domhnuill, A’ so a dhion an oighre. Suinn gun fhoill an fhine threun ud,— Tha sinne reidh mar an iarrtas; ’S e teine Beinn-an-tuirc a rinn so.” MAC-MHAOILEIN.—“An cluinn thu phiob ud eile?” SUNADAL.—“Cluinnidh a nis: sin na Còmhalaich, ’S Grogair-nam-bò air an ceann; Sin cuir chathach nan Griogarach Fo bhratach a’ ghiubhais—‘S rioghail an dream!’ Gluaiseamaid ’n an còmhail. Treoraich iad gus an fhaiche. Theirear ‘Tachairt nam braithrean’ Ris an oidhche so cho fada ’s a bhios duilleach air coill, No creag air rudha.” An ath mhadainn, aig sgarthanaich nan neul, Chunncas cabhlach Ruraich Am beul Chaolais-Bhranndain, ’S nuallartaich nam borb a’ rànaich [TD 78] “Caismeachd nan ceann,” ’S mac-talla ’g am freagradh Bho chreagan Arainn ’s Chinntire,— Rabhadh gun mhearachd do na Gaidheil. Tharruing birlinnean Rioghachd an Leoghainn An ordugh-cath’ air am fiaradh, Bho bheul allt beag Ghrob-phort Gu Rudha Shunadail, le sruth siubhlach na linne An taobh a mach dhiubh, Riob a ghlac grad na naimhdean A thoisich an cath an toiseach an lionaidh. ’S bu chruaidh-strith ràmhachd A ghleidh an sreathan gun bhristeadh. Cha robh dith misnich no eolas-cogaidh Air feachd nam borb; Dh’ fhosgail iad le colg na frasan basmhor, Gathan a’s saighdean a’ tuiteam, Mar chlacha-meallain o neul faoiltich, Air cinn nan Gaidheal A chuir na naimhdean gu grad an sàs Le greimichean iaruinn a thug gun taing ud Gu buillean lamh. Dh’ fheuch na Lochlannaich ri bordadh; Cha robh ’sud ach leon as ùr dhoibh. Sheas na laoich do nach duchas eagal, ’N an sreathan, le ’n sleaghan fada A toirt dùlain do amas na tuaidhe,— Saidhean geur’ birlinnean nan Ceanntireach, Comhduichte le iarunn, A’ sgoltadh gus an uisge ’s na bu doimhne, Buird a’s aisnean daraich nan eithear laidir Bho ’n dromannan gu ’n stocan-beoil,— Croinn a’s slatan, stadhannan a’s fàraidh ’G an gearradh le tuadhan trom Nan Earraghaidhealach d’ am bu choingeis Duine, craobh, no crann luinge! Bha cinn a’s casan nan Lochlannach garg A’ tuiteam ’s an fhairge, ’S an linne ’n a lì dheirg. Lionadh na mara ’g eirigh, ’s cuislean a’ traghadh, Sleagh a’ sathadh ’s tuadh a’ gearradh, Beuc an leoghainn rioghail Albannaich Am beoil nan Ceanntireach o dheas gu clì, Sreath nach striochd a’s bord dhiubh ’n uachdar. ’N uair a dh’ fhannaich an sruth Chruinnich na Lochlannaich gun iochd A chuartachadh nan Gaidheal Le rùn an sgaradh o ’n traigh, ’s am mort Le aìrimh—da fhichead ri aon. Bha na fineachan air tir ’N an laidhe air an armaibh An talamh tolmach nam bruachan tric Bho chrioch Shunadail gu Craobh-a’-Bhaird Aig allt Dhun-leabhair, ’S an cinn-fheadna air tom-faire An sealladh a’ chabhlaich, a’ faicinn Am braithrean fo thosgan A’ mhathghamhain ghairg, thuathaich, ’S gun doigh air bualadh ’n an aobhar. An ath mhionaid chualas Guth ard misnich, le facal a’ chòmhraig— Ainn righ Alba, “Coinneach! Conneach!” An leoghann ’g a thogail Am barr gach croinn, ’S a’ phiob-mhor a’ toirt fuaim o ghleann ’s o charaig. (Ri leantuinn.) COMHRADH. AM MAIGHSTIR-SGOILE AGUS CALUM POSTA. [Chaidh an Comhradh ciatach so a sgriobhadh leis an Ollamh Urramach Tormaid Macleoid, “Caraid nan Gaidheal” goirid an deigh an àm anns an deachaidh cosdas-giulan litrichean a thoirt a nuas gu aon sgillinn.] MAIGHSTIR-SGOILE.—Tarruing do cheum, a Chaluim, cha fhreagair do ghillean na Ban-righ a bhi cho mairnealach, leisg; tha thu fad’ air deireadh an diugh. CALUM.—Tha—’s ann agam a tha fhios; ach na ’m bitheadh mo mhaileid air do dhronnaig-sa, agus d’ anail ad uchd, mar thachair dhomhsa, cha bhitheadh tu cho ealamh gu achmhasan a thoirt do ’n t-seana Phosta. M. SG.—’S ann da-rireadh a tha mi. So, so! tarruing ort—bha gille beag a’ Bhaillidh an so o cheann da uair a’ feitheamh ort—thug e cheardach air a sheideadh a’ bhuilg, a dh-fheuchainn blàis a chur air fhein; ach ’s mor m’ eagal gu ’n deachaidh e dhachaidh. CAL.—Ma chaidh, turus math dha: tha mo bhalgsa cho mor air a sheideadh ri aon bhalg ceardach ’s an duthaich. Ged robh am Baillidh [TD 79] fhein an so, agus am ministeir comhla ris—gun tighinn air gille na brigise buidhe, cha robh comas air. M. SG.—Ma ta o’n a thachair dhuit ’ainmeachadh, bha ’m ministeir an so cuideachd—chaill e fhoighidinn agus chaidh e dhachaidh—cha robh e idir toilichte. CAL.—Nach robh? ’S neonach leam sin! ’S iomadh latha ’thug daoin’ eile ’breabadh an sailtean aig ceann na h-eaglais a’ feitheamh ris-san, an duine coir, ’s gun a’ chridh’ agad fhein, ged is seorsa de phears’-eaglais thu, a radh ris gu ’m b’ olc; agus a thaobh ’fhoighidinn a chaill e, is suarach an ulaidh i dha-san a dh’ amaiseas oirre—bha i gu maith air a caitheamh. M. SG.—So, so! fosgail do bhroilleach ’s thoir dhomh na litrichean. CAL.—Mo bhroilleach! Fhir mo chridhe chaidh e bh’ uaithe sin a nis: cha deachaidh cliabh moine riamh air mo dhronnaig cho trom ris a’ mhaileid uir so. M. SG.—Maileid, a Chaluim? CAL.—’S eadh, maileid—no sac, ma ’s e ’s fearr a thuigeas tu—sac eich, ’s cha shac air son Criosduidh. Cha b’ ionann ’s an leobag bheag leathraich a b’ abhaist a bhi agam le sreing m’a muineal, cho soirbh r’a giulan ri aon spliucan tombaca ’chuir duine riamh ’n a phoca; ’s ged nach robh moran litrichean innte bha iad luachmhor—ceir uasal, dhearg orra, cho cruinn, leathann ri bonn cruin; tri no ceithir air son a’ mhinisteir, agus leobag bheag an ceann gach raithe air son a’ Cheannaiche bhain; agus da-rireadh b’ fhiach e a pris a’ bhraoisg fhaicinn a chuireadh e air ’g a leughadh. Chunnaic mi sinn a’ tarruing barrachd airgid air tri litrichean ’s an am sin na ni sinn air lan cumain de ’n t-seors’ ur a thug mi ’n diugh leam—cailc ruadh air a h-uile aon diubh, mar a chi thu air na seotaichean uain—“paighte,” “paighte,” air clar gach aodainn diubh: agus air son phaipeirean-naidheachd! cha ’n ’eil balach a thug foid moine fo ’achlais do ’n sgoil an diugh nach faod paipeir-naidheachd a thoirt dachaidh ’n a aite. Cha ’n fhoghnadh an t-seann fheadhainn, ach fear ur—fear Gaidhealach, ma’s fhior—Cuairtear nan Gleann! Cuairtear—ach cha ’n abair mi tuilleadh. Sin agad a’ mhaileid—se fichead litir, agus cuid diubh air son feadhainn nach d’ fhuair litir riamh. M. SG.—Fuir’ibh air ur n-ais gus an seorsaich mi na litrichean—cha ’n fhaodar lamh a chur air a h-aon diubh. CAL.—Cha chuir sinne corrag orra, ach foadaidh an cat amharc air an righ. Co dha tha i sud? a h-uile litir air a cul cho reamhar, gharbh ri m’ ludaig, ’s cho cam ri iomaire ’n amadain.—Stad, fhuair mi e—Donald M‘Lucais, Esquire, Shooter of Wild Beasts, Big-Craig. Esquire!! Fheara ’s a ghaoil! Domhnull Brocair ’s a’ Chreig-mhoir ’n a Esquire! thug so barr air na chunnaic mi riamh; ach co i so? Miss Christiana Mac O’ Shenag, Old Wife’s Point, Mull. Ubh! Ubh! Ubh! co i so? Feuchaidh so riut fhein, ge h-eolach thu. An aithne dhuit i? Old Wife’s Point; sin aite nach cuala mise ri m’ linn, no fear eile romham.—O! Bheurla, Bheurla, mar a tha i ’tolladh a stigh! M. SG.—Nach cum thu do theanga, Chaluim; an e nach aithne dhuit i? Cairistiona mhor aig Rudha-na-Caillich. CAL.—Rudha-na-Caillich! Old Wife’s Point. Mo chreach, mo chreach! C’ait’ an stad so? ’s culaidh-spuirt so gun teagamh; ach stad—tha mi ’tuigsinn co bhuaithe tha litir Cairistiona. Cuiridh mi geall gur e bodach na brigise cainbe ’bha ’g iasgach nan cruban ’s nan giomach air son an t-Sasunnaich [TD 80] mhoir ’s a’ Chaisteal, a dh’ fhag a chleibh ’s a lin an tigh Cairistiona; ach tha i ’mach a’ cladadh, ’s bidh greis mu ’n ruig an litir i. M. SG.—Uist! a Chaluim, air neo cuiridh tu fhein a’s mise ’mach air a cheile, ’s cha bhi sin freagarrach. CAL.—Cha chuir—gu dearbh cha chuir; b’ e sin an ordag an aghaidh na glaice, mise ’bhi ’stri riut-sa. So agad Eoghan figheadair ag iarraidh litreach. EOGHAN.—Feuchaibh am faic sibh te air mo shon-sa bho Ailein mo mhac; ’s fhad’ o ’n chuala mi bhuaithe. Bha e ann an Sasunn ’n uair a thainig an te mu dheireadh, ’s tha mi fo mhor iomaguin. M. SG.—Tha i ann an so, Eoghain—am fosgail mi i? EOGHAN—Ciod eile, fhir mo ghraidh; nach sibh fhein mo pheann ’s mo shuilean? M. SG.—Tha e slan, fallain, gun dith, gun deireas, agus gu dearbh ’s e fhein aig am bheil an gnothuch ri sgriobhadh; an gille gasda, tha sodan orm litrichean cho poncail, cheart, agus lamh-sgriobhaidh cho reidh, eireachdail ’fhaicinn bhuaithe. Fuirich an deigh chaich agus leughaidh mi air fad i. EOGH.—So agaibh na dh’ fhuasglas i. Reic mi ’n coileach ruadh ri Cailleach nan uibhean, ’s ar leam gur e tri-sgillinn-deug ’s bonn-a-se ’bha n te mu dheireadh a thainig. M. SG.—Cum d’ airgiod ad sporan, Eoghain, cha ’n ’eil dad r’ a phaigheadh: dh’ fhalbh an latha sin, ’s thainig latha ’s riaghailtean a’s fearr. CAL.—Chi sinn, mar a thuirt an dall. EOGH.—Cha ’n ’eil mi gu ro mhaith ’g ar tuigsinn. ’N e nach ’eil dad r’a dhioladh air son litrichean? M. SG.—Phaigh do mhac i, ’s cha robh sin ’n a uallach dha; thug an sgillinn ruadh a Sasunn i, agus cuiridh sgillinn eile fios-freagairt air ais. Sin agad an riaghailt ur. Nach cord sin riut? EOGH.—Cha chuala mi riamh a’ leithid; cha b’ fhearr a nasgaidh iad—riaghailt cheanalta? CAL.—A’ Bhan-righ, Eoghain; caileag laghach, Eoghain; ach tha i og; ’s beag tha fhios aic’ air a liughad ceum eadar so a’s Lunnuinn. Cha seas an riaghailt ur so, cha ’n urrainn i seasamh; cha ’n ’eil ann ach amaideachd! M. SG.—Uist! a Chaluim; cha tig e dhuit-sa bhi ’labhairt mar sin mu ’n Bhan-righ a tha ’cumail na spaine ’m beul do theaghlaich. Am bheul duil agad nach ’eil luchd-comhairle maith aice? CAL.—Theagamh gu ’m bheil—theagamh gu ’m bheil—ach cha do choisich iad riamh an Leathar Mhuileach, ’s cha mho bha iad air an aiseag ri sneachda ’s ri gaillinn mar bha mise ’n de, air neo cha smaointicheadh iad aon litir a chur an rathad so air son sgillinn. EOGH.—A’ bheannachd sin orra-san a chuir ann am chomas seanachas a bhi agam ri Ailein bochd air son sgillinn. Chi sibhse, mhaighstir-sgoile, gu ’m bi fichead litir a nis air son an aoin a bh’ ann roimhe so. Cha chaidil mi ’n nochd gus an sgriobh mi litir a dh-ionnsaidh Ailein, agus tha iomadh aon ’s an sgireachd a ni ’n gnothuch ceudna. ’S mithich do na sgoileirean a bhi ’cur nam peann air uidheam—litir do Shasunn air sgillinn! CAL.—A’ pheic air an sgillinn ’s gun an sgillinn ann. EOGH.—Tha ’n sgillinn ann. Tha mi ’n dhuine bochd, ach ’d é dheth sin, am bheil agam ach gun ghreim tombaca ’chur fo m’ fhiacail fad latha, ’s tha mi leis a sin a’ caomhnadh na chumas suas eolas air mo mhac, na leigeas domh mo chridhe [TD 81] fosgladh dha, suidhe le m’ ghaoilean mar gu ’m b’ ann taobh nan cnoc, no taobh a’ ghealbhain; tha mise ’g radh riut gu ’m paigh mi sgillinn cho togarrach ’s a rinn mi rud riamh ged nach robh agam r’a innseadh dha ach gu ’m bheil Robag bheag, an abhag beo, ’s mar a mharbh i ’m feocallan an la roimhe. Sgillinn ann!—cha ’n ’eil tigh as am bheil smuid nach faod cearc eile ghleidheadh, agus beiridh i de dh-uibhean air son na cailliche Gallda na chumas seanachas r’ an cairdean feadh an t-saoghail. Biodh iad a’ bruidhinn, ach ma ’s e ’n Reforum, no ciod a’s ainm dha, an Reform a rinn so, ’s maith na rinn e—an riaghailt ghasda! CAL.—’S oil leam nach robh do dha shlinnean air an rusgadh mar tha iad agam-sa; ’s cha bu ghearan na ’m paigheadh an gnothuch. Tubaist air na h-amhlairean gun tuigs’ a smaointich air a’ leithid! Ma tha ’h-uile comhairl’ eile ’tha iad a’ toirt do ’n Bhan-righ cosmhuil rithe so, cha seas ise no iadsan fada; bithidh iad cho bhriste ri long mhor an iaruinn, no ri marsant’ a’ ghuirmein. M. SG.—Ciod so ’n gearan a th’ ort? Fhad ’s a gheibh thusa ’s mise ar tuarasdal cha bhuin e dhuinn a bhi ’faotainn coire dhoibh-san a tha thairis oirnn. CAL.—Fhir mo chridhe, ’s fhurasda dhuit a bhi ’labhairt aig nach ’eil a bheag r’a dheanamh ach do sgian bheag, bhoidheach a thoirt a mach a d’ phoca ’s gob ur a chur air do pheann; ’s ionann duit-sa miltean litrichean ris an fhichead; ach na ’m biodh a’ mhaileid agad r’a giulan, dh’ atharraicheadh tu do chainnt. Cha phaigh e gu dilinn, tha mi ’g radh riut. M. SG.—Stad thusa, Chaluim; ged nach’ eil a’ bheag r’a fhaotainn air son na thainig, cuimhnich gu ’m bheil sgillinn air son gach fios-freagairt. CAL.—Nach iongantach leam sibhse, duine tuigseach! c’ ait am faigh iad an sgillinn? C’ ait’ am faigh Miss Christiana Mac O’ Shenag an sgillinn, te nach do shin a lamh riamh ri ladar nam bochd o’n a rugadh i, ’s nach ’eil a’ faotainn air son a ciridh ’s a cladaidh ach rusg cloimhe, no sliasaid bhragsaidh? Tha mise ’g radh riut nach ’eil de dh-airgiod odhar ’s an duthaich na dhioladh fios-freagairt do na tha ’n sin. Faodaidh na foirfich ùra ladair nam bochd a chur air na sparran taobh carbad nam marbh. Abradh am ministeir mar thogras e “Cuimhnichibh na bochdan,” no mar thubhairt am ministeir og a leugh dhuinn an t-searmoin thioram, chutach a sheachdain o’n Domhnach so ’chaidh, “Cuimhnichibh na buic;” ach coma, cuimhnichidh iad na litrichean. Ar leam gur leir dhomh Eoghan figheadair ’s an sgillinn ruadh ’n a ghlaic, ’n uair tha ’m foirfeach mor a’ cur nunn an ladair; tha Eoghan a’ toirt sreothairt aird agus a’ cromadh a chinn mar le naire gus an teid an ladar seachad; am ministeir ag radh “Cuimhnichibh na bochdan,” ach guth beag eile ’g radh, “Cuimhnich litir Ailein s’ na dealaich ris an sgillinn.” EOGH.—Ma ta, Chaluim, ’s mi nach deanadh e; an aite sinn ’s ann a bheir mi barrachd ’s a thug mi riamh. Bu neo-shuairce mi-thaingeil mi mur tugadh. Cha robh mo bhonn-a-se riamh air deireadh ’s tha dochus agam nach bi; ’s beag tha fhios cia luath ’s a bhios mi ’n a eisimeil. M. SG.—Togamaid d’ ar seanachas faoin; ach fheara, o’n tha na litrichean a nis air an seorsachadh, nach mor an t-sochair so da-rireadh? Comas aig daoine bochd’ eadar da cheann na rioghachd air seanachas a dheanamh r ’an cairdean, agus eolas a chumail orra; daoine bochda ’s eiginn [TD 82] dealachadh r’ an cloinn a dheoin no dh’ aindeoin, ’s an cur gu Galldachd gu cosnadh, gu ’m faod iad iomradh fhaotainn orra uair ’s a’ mhios fad na bliadhna air son fiach an leth-bhodaich ghrainde; agus cluinn mi, Chaluim, thor thusa leat gu ’m faod gillean bochda, no caileagan blath-chridheach ’tha aig cosnadh a nis, leth-chrun no crun, no ’bheag no ’mhor mar a thogras iad a chur dhachaidh a dh-ionnsuidh an cairdean le dol do ’n Phost-Office a’s dluithe dhoibh agus leis an airgiod a thoirt a stigh an sin, gheibh iad litir-chreideis a dh-ionnsuidh Post-Office an aite ’s am bheil an cairdean a chomhnuidh, agus diolar dhoibh e cho poncail, fhirinneach, ’s ged thigeadh iad fhein a h-uile ceum air bonnaidh an cas leis dhachaidh: agus cuimhnich so, cha ’n urrainnear a ghoid no ’thoirt as an litir; cha dean an litir-chreideis maith do neach ach dha-san d’ am buin i. Faodaidh mac Eoghain da sgillinn-deug Shasunnach, no punnd Sasunnach, beag, mor mar a thogras e ’chur dhachaidh a Sasunn g’ a ionnsuidh gun chunnart a chall no dol am mearachd; agus so le fior bheagan a phaigheadh air son an saoithreach. Cuiridh se sgillean mar so dhachaidh da phunnd Shasunnach. CAL.—Cha ’n fhaod mi radh nach ’eil seorsa de thuigse ’s a’ chuis sin; cha robh fhios agam air a sin; ach coma, cha ’n fhaic mi fhein ciod am moran rath ’tha ’n lorg an airgid a tha na gillean gaolach ’s na caileagan laghach a’ cur dhachaidh; cha ’n iad na daoine bochda ’bu mhiann leo-san fhaotainn a tha ’g a shealbhachadh, ach coma co dhiubh, cha ’n abair mi tuilleadh air an am. ’S fhad’ o’n a chuala mi, “Mar a leagas Murchan ithidh Mearchan.” M. SG.—Nach taitneach an ni ’bhi ’mothachadh mar tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh le innleachdan ura, mar tha eolas a’ craobh-sgaoileadh feadh an t-saoghail; rioghachdan a’ dluthachadh r’a cheile. ’S usa gu mor dol a nis do Lunnuinn na bha e ’n laithean m’ oige dol do Ghlaschu; agus air son Ghlaschu, nach ’eil e aig an dorus? Na carbadan iaruinn a’ siubhal deich-mile-fichead ’s an uair; litir o Lunnuinn ann tri laithean; am paipeir-naidheachd againn fliuch o’n chlo-bhualadh! Co ’nis a bhiodh a’ ruith gu bata-deathaich no soitheach-seolaidh le litir? co a dh’ earbadh litir ris a’ Cheannaiche mhor e fhein, no ri fear eile a chailleadh i air an rathad, ma dh’ fhaoidte, air neo a bheireadh dhachaidh ’n a phòc i; ’n uair a dh’ fhaodar air son aon sgillinn a cur leis a’ phosta, ’s e cho cinnteach gu ’n ruig i’n t-aite ’tha air a shonrachadh dh’ i ’s gu ’n ruig a’ ghrian ud shuas an cuan mor a tha cul Irt nan eun fionn, an nochd mu ’n caidil i. Mo bheannachd air an riaghailt ghasda, agus soirbheachadh dhoibh-san a smaointich oirre. Cha ’n fhaod an riaghailt so gun chinneachadh. CAL.—Cha ’n abair mi diog, ach chi sinn; air mo shon fhein cha leir dhomh am mor fheum a th’ anns a’ chabhaig so ’tha ’sgaoileadh thar an t-saoghail a nis, a h-uile h-aon agus a h-uile ni ’n a chabhaig: carbaid iaruinn a’ falbh leth-cheud mile ’s an uair; gu de dheth sin? Am bheil so ach a’ mealladh dhaoin’ o’n dachaidh. Nach fhaic thu daoin’ a b’ abhaist a bhi glic, a nis mar gu ’m biodh teine-sionnachain air an earbaill: cha ’n fhan iad seachduin aig an tigh, ach air an ais ’s air an adhart; a mach an Dun-eideann an diugh, ’s ’an Lunnuinn am maireach; aiteachan nach fhaca na daoine coire bho ’n d’ thainig iad, riamh; agus nach ’eil a bhuil, a h-uile sgillinn a chruinnich iad aig an tigh ’g a chost air falbh. Am bheil ar tighearnan a nis na’s fialaidh, na’s iochdmhoire, [TD 83] na’s cairdeile? Cha ’n fhiach leo am mal fhein a thogail a nis, ach Baillidh mor ’s Baillidh beag, sgriobhadairean ’s luchd-lagha maor-coille, maor sratha, agus iad fhein, uachdarain na tire ’siubhal leth-cheud mile ’s an uair, troimh Shasunn no’n Fhraing. Ma thig so gu rath ’s iongantach leam-s’ e; agus innsibh so dhomh. Am bheil na tuathanaich na’s cothromaiche? mo chreach ’s mo leireadh, ’s ann agam a tha fhios nach ’eil. Am bheil ar fleasgaich na’s modhala, na’s foghaintiche, ar maighdeanan na’s modhala, na’s malda, na’s beusaiche? Am bheil an co-thional a mach air an fhaiche sin shios air latha na Sabaid na’s tlachdmhoire na bha iad an linn d’ oige? Ach coma co dhiubh, ars’ thusa, tha Glaschu aig an dorus; thig litir a Lunnuinn an tri laithean; siubhlaidh daoin’ air rathaidean iaruinn na’s luaithe na ni gobhlan-gaoithe air iteig—’s mor a’ chulaidh-bhosd sin. Thig cnap feola dhachaidh a Glaschu ’n aite ’bhi marbhadh a’ mhairt reamhair; gheibhear slinnean tana caorach o’n bhuth an aite bhi ’feannadh nam mult mora—nach mor an t-sochair sin? Coma leam an spiocaireachd thruagh! Tha ’n saoghal a’ dol air aghaidh! Tha mi cho sgith de ’n t-seanachas so’ s a bha ’n losgann de ’n chleith-chliata? Cha robh ’s na daoine bho ’n d’ thainig sin ach na baothairean—ud, ud, cha robh! a chionn nach robh aca litrichean saora; ach bha fearann saor aca, agus cairdeas saor, agus biadhtachd shaor; agus mur robh na paipeirean-naidheachd lionmhor bha paipeirean a bu luachmhoire lionmhor. Gheibhinn iasad choig puinnd Shasunnach air m’ fhocal, far an diugh nach fheoraichear. An tu so, a Chaluim? Gabhaibh mo leth-sgeul, ach sin agaibh-s’ an fhirinn—thug sibh fhein a mach i lion beagan a’s beagan, mar a dh’ ith an cat an sgadan; ach slan leibh—cuiribh a’ mhaileid far nach ruig na radain oire. FAILTE DO ’N EILEAN SGIATHANACH. O, failt air do stùcan, Do choireachan ùdlaidh, Do bheanntainnean sùghor, Far an siubhlach am meann! Tha ’n geamhradh le ’dhubhlachd Mu na meallaibh a’ dunadh, ’S gach doire le ’bhùirean, Air a rusgadh gu bonn. Chi mi Cuchuilinn Mar leoghann gun tioma, Le ’fhiasag d’ an t-sneachd Air a pasgadh m’ a cheann; ’S a ghruaidhean a’ srùladh Le easanan smùideach ’Tha ’tuitean ’n an luban Gu urlar nan gleann. Do chreagan gu h-uaibhreach, Mar challaid m’ an cuairt dhuit, ’S na neoil air an iomairt, A’ filleadh mu ’m bàrr;— ’S am bonn air a sguabadh Le srùlaichean gruamach, Bho bharcadh a’ chuain A’ toirt nuallain air traigh. O, c’ àil ’eil na gaisgich A dh’ àraich do ghlacan? ’Bu shuilbeara macnus Mu stacan a’ cheo,— Le fudar ’g a sgailceadh Bho ’n cuilbheirean glana, ’S am miolchoin ’n an deannaibh, Nach fannaich ’s an tòir. Na laoich nach robh meata Ri aodann na batailt, Nach aomadh gu taise Ri caismeachd an nàmh; Cha ’n ’eil raon agus machair Air na sgaoil iad am bratach, Nach d’ fhag iad an eachdraidh Gun mhasladh do ’n àl. Ach tha ’m fàrdaichean sguabte, ’S an seomraichean uaine,— Iad fein a’s an gaisgeadh ’N an cadal fo ’n fhòid; ’S tha osag nam fuar bheann, Le ’h-osnaidhean gruamach, ’G an caoidh mu na cruachan, ’S a’ luaidh air an glòir. [TD 84] O, c’ àit ’eil gach sòlas ’Bha agam am òige?— ’Toirt meal’ as na ròsan Mu d’ chòsagan tlàth. Tha companaich m’ eòlais Air am fuadach o ’n còmhnuidh, Tha mhil air a deothal ’S tha ’n ròsan gun bhlath. Ach ’s caomh leam do ghleanntan, Do shrathan ’s do bheanntan, ’S an ceo ’tha ’n a chadal Air baideal nan àrd’, Na ciobhagan torach, Na srònagan corrach, ’S na sruthain ri coireal Do ’n eilid ’s d’ a h-àl! Gu ma buan a bhios d’ eachdraidh, Agus cliu aig do mhacaibh, Gus an crìonar an talamh, ’S am paisgear na neoil! Fhad ’s ’bhios sioban na mara A’ bualadh air caraig, Bidh mo dhurachd gun deireas Do dh-Eilean a’ Cheo! N. M. L. LARACH NINEBHEH. (Air leantuinn.) “Is tric (arsa Mr. Layard) a sheas mi re iomad uair de thiom a’ dil-bheachdachadh air na h-iomhaighean miorbhuileach so. Re dha mhile gu leth bliadhna bha na samhlaidhean iongantach so air morachd Asiria air am folach o shealladh dhaoine; agus tha iad a nis air seasamh a mach ’n an seana mhoralachd aon uair eile! Ach O, cia mor an t-atharrachadh a th’ air gach ni mu ’n cuairt doibh! Chaidh innleachd agus sogh a’ chinnich threin a thuinich aon uair ’s a’ mhor-roinn so gu tur as an t-sealladh, agus tha iad air an leantuinn le bochduinn ’s le aineolas beagan de fhineachan borba. The beairteas nan teampull agus saibhreas nam bailtean-mora air an leantuinn le laraichean briste, ’s le duintean salachair. Thairis air an t-seomar anns an do sheas na dealbhan so chaidh an crann-treabhaidh, agus os an ceann ghearr corran a’ bhuanaiche an t-arbhar! Anns an Eiphit tha carrachan-cuimhne a ghleidh an larach anns gach linn agus a bha ghnath r’ am faicinn a’ cur an ceill a cumhachd, a h-uabhair ’s a h-innleachd ann an laithean a soirbheachaidh agus a cliu, ’n uair nach d’ rinn na h-iomhaighean so ach an cinn a thogail eadhoin a nis á ’n seomraichean cadail udlaidh, a thogail fianuis leis an fhaidhe gu ’m ‘bu chrann-seudair ann an Leabanon an t-Asirianach, le geugaibh maiseach, agus le sgaile dhorcha, agus le airde mhoir; agus bha a bharr am measg nam meangana tiugha. . . . dh’ eirich ’airde suas os ceann uile chraobhan na machrach, agus bha a mheangana lionmhor, agus dh’ fhas a gheugan fada, le lionmhoireachd nan uisgeachan, an uair a sgaoil e mach. Rinn uile eunlaith nan speur an nid ’n a gheugaibh, agus fuidh a gheugaibh rug uile bheathaichean na machrach an alach, agus fuidh a sgaile ghabh cruinneachadh mhoran chinneach comhnuidh. . . . . Air an aobhar sin, mar so tha an Tighearna Dia ag radh, A chionn gu ’n d’ rinn e uaill as ’airde, agus gu ’n do chuir e suas a bharr ann am meadhon nan neul, agus gu bheil a chridhe air a thogail suas ’n a airde; uime sin thug mise thairis e do laimh aoin chumhachdaich nan cinneach: buinidh esan gu laidir ris, dh’ fhuadaich mise a mach e air son a chionta.’”—Esec. xxxi. Mu thoiseach an earraich, 1846, fhuaradh da iomhaigh mhor eile, car coltach ris a’ cheud dithis; agus goirid ’n a dheigh sin ruisgeadh aon seomar anns an d’ fhuaradh sea leoghainn deug, air an deanamh de mhiotailt ruadh, car coltach ri copar. Bha cuid diubh so nach robh thar oirleach air fad, agus cha robh an t-aon a bu mho dhiubh ach gann troidh air fad, agus bha iad uile ro [TD 85] sgeineil, chumachdail. Cha ’n ’eil teagamh air bith nach b’ iad so na diathan breige do ’n robh muinntir Ninebheh ag aoradh, agus tha e coltach gu ’n robh na h-iomhaighean beaga so air an deanamlh le luchd-ceird seolta, coltach ri Demetrius an ceard-airgid, a bha ’deanamh beairtis air taileadh saobh-chrabhadh an coimhearsnaich. ’S iad so “an iomhaigh shnaighte, agus an iomhaigh leaghta,” a tha Nahum ag radh a ghearradh Iehobhah “a mach a tigh nan dé:” agus da-rireadh tha na h-iomhaighean so a’ cur soluis ro iongantach air Nahum, ii. 11, 12. “C’ ait am bheil comhnuidh nan leoghann, agus aite-beathachaidh nan leoghann oga? far an do ghluais an leoghann, an seann leoghann, agus cuilean an leoghainn, gun aon air bith a chur geilt orra. Reub an leoghann gu leoir air son a chuileana, agus mharbh e air son a leoghanna-boirionn, agus lion e a thuill le cobhartach agus agus ’uaimh le creich.” Mor so tha e coltach, gu ’n robh ann an teampuil nan diathan breige so, mar tha ghnath ri fhaotuinn ’s gach aite de ’n t-seorsa, sagartan cuilbheartach a bha sior-sparradh air an luchd-aoraidh tabhartais a thoirt a steach a bhiodh freagarrach do chail nan diathan, gus am biodh “an tuill air an lionadh le cobhartach, agus an uaimhean le creich;” air chor ’s gu ’n robh am pailteas aca fein a chum an ciocras a shasachadh. An uair a chualas an Lunainn an soirbheachadh a bh’ aig Mr. Layard am measg laraichean briste Ninebheh, chuir an Comunn aig a bheil riaghladh a’ Bhritish Museum airgiod d’ a ionnsaidh a chum comhnadh a dheanamh leis ’s an obair mhoir ud. Cha ’n ’eil e ’n comas duinne aig an àm an deicheamh cuid de na ruisgeadh de sheomraichean ’s de iomhaighean, de gach dealbh agus cumadh, a chur an ceill. Air iarrtas a’ Chomuinn cheudna phac Mr. Layard a’ chuid a b’ usa ’ghluasad de na h-iongantais a fhuair e, ann am bocsaichean, agus an deigh moran saothair a’s cosdais chaidh aig’ air an cur gu cladach, far an robh soitheach Breatunnach a’ feitheamh gu an gabhail air bord a chum an toirt do Lunainn. An deigh dealbhan na cuid nach b’ urrainnear a charachadh a tharruing air paipeir, chomhdaich e le h-uir iad, agus phill e do Shasunn. Cha ’n ’eil neach air bith a tha ’creidsinn gu ’n do “labhair Dia o shean gu minic agus air iomadh doigh leis na faidhibh,” do nach toir na nithean a tha mar so air an toirt gu solus moran misnich; oir tha iad ’n an dearbhadh laidir, maille ri iomadh aon eile de ’n nadur cheudna, gus an “teid neamh agus an talamh thairis, nach teid aon lide no aon phuinc” de na labhair Dia “thairis, gus an coi’-lionar gach aon ni.” Biodh ar rioghachd-ne a’ foghlum gliocais o na laraichean briste air an robh sin a nis a’ beachdachadh. Ma chaidh “crann seudair Leabanoin” a leagail agus “a mheangain a bhriseadh,” gabhadh “crannaibh na frithe” rabhadh, air eagal ’s gu ’m bi iadsan mar an ceudna “air an toirt thairis gu bàs.” Ma bha Ninebheh, “uile ’n a ceilg agus lan de reubainn” air a caitheadh as le teine—ma “rinn Dia a h-uaigh a chionn gu ’n robh i graineil,” ciod a thachras do bhailtean mora fuileachdach an ama so, nach ’eil a’ toirt geill do shearmonachadh “neach a’s mo na Ionah,” ’s nach ’eil a’ pilltinn “o’n fhoirneart a ta ’n an lamhan!” Tha eachdraidh nan Impireachdan a chaidh seachad a’ cur an ceill gu soilleir gu ’m feum rioghachdan uaibhreach an t-saoghail tuiteam gu lar. Uime sin tha ’n Criosdaidh gu tric a’ miannachadh sgiathan a’ [TD 86] cholmain a bhi aige, chum gu ’n itealaicheadh e air falbh ’s gu ’m biodh e aig fois—far am faigh e lan sheilbh air an “oighreachd a ta neo-thruaillidh, agus neo-shalach, agus nach searg as, a tha air a coimhead ’s na neamhaibh.” Ach ged a rachadh rioghachdan an t-saoghail so as o na breitheanasaibh coitchionn mu ’n robh sinn a’ labhairt, gidheadh tha ’n t-am a teachd anns an “teid na neamhan agus an talamh thairis le toirm mhoir, agus anns an leaghar na duilean le dian theas.” “O’n theid gach ni mar so a sgrios, Mar fhuair sinn fios o Dhia, Nach iomchuidh dhuinne deasachadh Fa chomhair teachd ar Triath? Cia naomh bu choir dhuinn bhi gach uair ’N ar smuain’, ’n ar cainnt ’s ’n ar gniomh, ’N uair tha ar suil ri crioch an t-saogh’l, ’S ri caochla gach aon ni?” S. —Fear-tathaich nam Beann. DR. LIVINGSTONE. Air Disathuirne an t-ochdamh la deug d’ an mhios a chaidh seachad, dhùin an uaigh thairis air an uasal urramach agus ainmeil, Dr. Livingstone. Ged bha a chliu cho farsainn,—a’ ruigsinn thar an t-saoghail gu leir—agus ged dh’ fhaodar amharc air mar aon a bha cho mor anns an run no a’ chrioch araid a chuir e roimhe, ’s an obair mhoir anns an do chaith e a chuid a b’ fhaide ’s a b’ fhearr d’ a bheatha—’s gu ’m bu dhanadas do aite seach aite a radh, “so far an do rugadh e,” tha sinn toilichte gu ’m faod sinn a thagradh mar Albannach, agus cha ’n e mhain sin, ach mar fhior Ghaidheal agus mar mhac Gaidheil. Rugadh e ann am Blantyre dluth do Ghlaschu, anns a’ bhliadhna 1813. Bha a pharantan ann an inbh ro iosail; ach ged bha iad bochd ’n an cor saoghalta, tha e coltach gu ’n robh iad, air mhodh sonraichte, “saoibhir ann an creideamh,” agus fo dheadh chliu am measg an coimhearsnaich air son fior-chrabhadh agus fiachalachd an caithe-beatha. Ann an gearr-eachdraidh air a bheatha fein a chuir Dr. Livingstone, a mach anns a’ bhliadhna 1857, tha e ag innseadh dhuinn mar a leanas:—“Aon de m’ shinn-seanairean thuit ann am Blar Chuilfhodair a’ cogadh as leth sliochd nan seann righ, agus bha aon de m’ sheanairean ’n a thuathanach ann an Ulbhadh, far an do rugadh m’ athair. . . . . . Is math tha cuimhne agam mar a b’ abhaist domh eisdeachd ris le tlachd, oir bha ’inntinn air a lionadh le seann sgeulachdan, moran diubh gle choltach riusan a chuala mi uaith sin air an aithris leis na h-Africanaich, agus sinn ’n air suidhe comhla m’ an cuairt air an cagailtean cein, trath-feasgair. B’ abhaist do m’ shean-mhathair cuideachd a bhi ’seinn orain Ghaidhlig.” Tha e coltach gu ’m buineadh a shinnsrean aig aon am do dh-Eaglais na Roimhe, agus tha e ag innseadh dhuinn gu ’n robh iad “air an deanamh ’n am Protastanaich le tighearn an fhearainn, a thigeadh m’ an cuairt agus duine leis aig an robh băta buidhe ’n a laimh, a bha a reir coltais a’ tarrainn tuilleadh aire na bha a theagasgan, oir b’ e a b’ ainm do ’n chreideamh ur re uine fhada as a dheigh so, agus theagamh gus an latha ’n diugh, ‘creideamh a’ bhăta bhuidhe.’” Aig aois dheich bliadhna chaidh Daibhidh Livingstone a chur a dh-obair ann am muileann-cotain ann am Blantyre. Bha de dheigh aige air foghlum agus air leughadh, ’s gu ’n do chuir e cuid de ’n cheud phaigheadh a fhuair e a cheannach grammar Laidinn, a b’ abhaist da [TD 87] a bhi ag ionnsachadh an deigh d’ a obair-latha a bhi seachad. Cha robh leabhar air an ruigeadh e nach robh e a’ leughadh le deine agus le gionachd do-riaraichte. M’ an robh e ach gle og bhuail iarrtas mor e gu dol a mach do dhuthchannan cein mar lighiche; agus a chum an rùn so a choimhlionadh, aig aois naoidh bliadhna deug, chaidh e do Oil-thigh Ghlaschu, far, ri uine, an d’ fhuair e na mhiannaich e. As a dheigh so, chuir e roimhe e fein a thairgseadh do chomunn mor an Lunainn a bha ag uidheamachadh agus a’ cur a mach mhinisteirean do dhuthchannan fad as; agus air do ’n chomunn so gabhail ris, chaidh a chur air leth mar mhissionary do dh-Africa a chinn a deas, agus sheol e anns a’ bhliadhna 1840. Cha b’ ann an aon aireimh d’ an Ghaidheal a b’ urrainnear a chur an ceill na rinn e ann an Africa—mar a shaothraich e am measg nan daoine dubha, an da chuid chum an leas spioradail agus aimsireil a chur air aghaidh—mar a chaith e a bheatha ann an aobhar a dhuthcha fein, a’ farsainneachadh ar n-eolais air cruth, air cor, agus air toraidhean na duthcha duirche sin, Africa, agus a’ fosgladh suas rathaid troimh an ruigear air a luchd-aiteachaidh le teachdaireachd phriseil an t-Soisgeil agus leis na buaidhean tarbhach agus feumail a thig an lorg co-mhalairt agus co-chomunn eadar rioghachdan Criosdail agus cinnich bhorba agus aineolach—mar a thog e a ghuth, gun sgur gun sgìos, as leth nan daoine dubha bochd, agus an aghaidh na malairt mallaichte sin leis an robh ar co-chreutairean air an reic mar spreidh gu bhi ’n an tràillean, agus gu bhi air an gnathachadh air mhodh nach buineamaid ri ainmhidhean na machrach. Eadar an t àm anns an d’ fhalbh Livingstone an toiseach, agus àm a bhàis, rinn e turas no dha air ais do ’n rioghachd so. Is ann ’s a’ bhliadhna 1866 a dh’ fhalbh e air an turas mu dheireadh. Goirid an deigh sin thainig fios a nall gu ’n d’ fhuair e am bàs, agus re uine ghabh moran daoine ris an sgeul mar fhirinn, ach chaidh cuideachd a chur a mach á Sasunn anns a’ bhliadhna 1867 a rannsachadh co-dhiù a bha an t-iomradh fior no nach robh. Thill iad leis an naidheachd thaitnich nach robh e fior; agus goirid as deigh sin thainig litir o Livingstone fein, a chaidh a sgriobhadh bho ’n àm anns an robh e air a radh gu ’n do shiubhail e. Bha e fad uine an sin gun iomradh againn c’ àite ’n robh e, gus an deachaidh duine og, tapaidh a mhuinntir America, H. M. Stanley, ’uidheamachadh agus a chur air falbh a dh-fheucainn an amaiseadh e air Livingstone—nì a rinn e, agus thug e fios air ais gu ’n robh an t-eilthireach caomh gu lan-mhath ’n a shlainte, ach gu ’n robh e feumail gu leoir air a’ chuideachadh a thug esan g’ a ionnsaidh—caoimhneas nach do dhi-chuimhnich Livingstone gu latha ’bhàis. Cha ’n ’eil moran forais againn fathast air a ghluasadan an deigh tilleadh Mhr. Stanley. Mu thoiseach na bliadhna so thainig fios gu ’n d’ fhuair e bàs air a’ 4mh latha de cheud mhios an t-Samhraidh an uiridh, ach bha moran daoine neo-thoileach gabhail ris an sgeul. Mu dheireadh thainig litrichean ag innseadh gu ’n robh cuid d’ a luchd-leanmhainn air an rathad dhachaidh le ’chorp, agus chuir so gu buileach mar sgaoil a’ h-uile dochas a bha aig daoine gu ’n robh am fios so neo-airidh air geill, mar bha gach fios a thainig roimhe. Tha e coltach gu ’m b’ e a b’ aobhar d’ a bhàs, fliuchadh agus baothaiseachadh a fhuair e air a [TD 88] thuras troimh fhearann bog, féitheach, far an robh e iomadh uair gus na h-achlaisean ann an uisge. Thog so galar a bhàis. Air latha araidh, ’s e ’g a mhothachainn fein tinn, thuirt e riusan a bha leis, “Togaibh dhomh bothan anns am faigh mi am bàs.” Chaidh bothan a thogail agus leaba a sgaoileadh dha. Air an treas latha thuirt e, “Tha mi ro-fhuar; cuiribh tuilleadh tuthaidh air a’ bhothan.” Tha iad ag innseadh gu ’n robh e bitheanta ag urnaigh air leaba a bhais, agus aig aon àm gu ’n cual’ iad e ag radh “Tha mi a’ dol dachaidh.” Chaochail e air a’ 4mh latha de mhios Màigh 1873. Cha b’ urrainn duinn taisbeanadh a b’ fhollaisiche ’iarraidh air dillseachd agus air teas-ghradh nan seirbheiseach dubha a bha aig Dr. Livingstone, agus air mar ghabh a chaoimhneas greim air an cridheachan, na mar bhuin iad r’ a chorp. An deigh dhoibh a chur an ordugh ’s a phacadh le salann—agus sin ann an uaigneas, air eagal gu ’n cuirteadh stad orra le uachdaran an aite ’s an robh iad aig an àm—ghiùlain iad e troimh gach cruadal agus deuchainn, ro iomadh latha gu h-acrach sgìth, thairis air tuilleadh agus mile de mhìltean astair, ann an duthaich gun rathad-mor gun slighe, gus an do rainig iad an cladach far an deachaidh a chur air bord luinge agus a thoirt a nall do Shasunn. M’ an do sheol e air a thuras mu dheireadh thuirt e, an cursa seanchuis, ri caraid da, “Na ’m faighinn m’ iarrtas bu mhath leam a bhi air mo thìolacadh ann an meadhon coille far nach cuirteadh dragh orm gu Madainn na h-Aiseirigh.” B’ i so a roghainn; ach mheas an rioghachd so nach robh urrain a ghabhadh cur air duine an deigh a bhais air nach b’ airidh Dr. Livingstone. Chaidh a thìolacadh ann an Abaid mhor Westminster am measg duslach nan righ, agus na dream a bha air am meas airidh air an onair a b’ airde. Ann an lathair aireimh mhoir shluaigh, agus maithean as gach cearn de Bhreatunn, ás an Roinn-Eorpa, agus America, chaidh a leagail anns an duslach far nach cuirear dragh air “gu Madainn na h-Aiseirigh.” “Na ’m bu daoine bheireadh dhinn thu, Dh’ eireadh miltean air an tòir, . . . . . . . A rachadh togarrach ga d’ dhìoladh Nach obadh dol a sìos le deòin. ’S ann tha chùis na ’s fhearr mar thà i,— Dochas laidir thu bhi beò Am measg nan aingeal a tha ’m Pàrras, Ann an gairdeachas ro mhor: Gur e ’n Tì a ghlac air làimh thu, Thug ’s an àite sin duit còir Air oighreachd is fhearr na dh’ fhàg thu, ’N àros àdhmhor Righ na glòir’.” MAC-MHARCUIS. COINNEAMH CHAIDREACH. Is e ar beachd gur h-i a’ Choinneamh Chaidreach a bha aig Gaidheil Ghlaschu air a’ chiad latha d’ an Ghiblin so chaidh, coinneamh d’ an t-seorsa a bu mhò a chaidh a chumail riabh. Bha an talla is mò anns a’ bhaile, agus anns an faod mu dha mhile sluaigh suidhe aig bord, lan bho dhorus gu dorus, gu h-ard ’s gu h-iosal; agus sin gu h-iomlan le Gaidheil, sean a’s og, firionn agus boirionn. A thuilleadh air gu ’m biodh cothrom air a thoirt do Ghaidheil a’ bhaile-mhoir cruinneachadh agus aon oidhche chridheil, chairdeil a chur seachad, mar gu ’m b’ eadh mu ’n aona bhord, bha a run orrasan a chuir air chois a’ choinneamh, beagan airgid a thional mar chuideachadh a chumail air a h-aghaidh na h-oibre a tha ga ’deanamh le comh-thional Eaglais Chaluim-chille, [TD 89] ann an ceann tuath a’ bhaile, far a bheil eaglais bheag air a cur a suas, agus meadhona nan gràs air am frithealadh ann an Gaidhlig. Fada roimh àm toiseachaidh, bha an Talla Mor loma-làn; agus chum an sluagh a chur air ghleus, agus an cumail bho fhadal gus an tigeadh àm dol an caraibh na cuirme, bha pìobairean eireachdail a’ spaidsearachd air an urlar-àrd ’s a’ cluich—mar a bu ghlan a b’ urrainn daibh—cuid de na seana phuirt shughach, inntinneach, spreigeil sin a bu mhinig a chuir sunnd fo chridheachan ar sinnsearan air feill s’ air banais, ’s a bhrosnaich ar gaisgich gu euchdan iomraiteach air iomadh faiche dheirg—cho math ri cuid de na fuinn thiamhaidh agus bhinne sin a tharraingeas na deoir bho shuilean a’ Ghaidheil ann an tìribh cein, no am measg nan Gall, agus a ghiulaineas ’inntinn air a h-ais gus na beanntan fraoich ’s na leacanna gorma air am b’ eolach e an laithibh ’oige, ’s a bheir, ma dh’ fhaoidte, ’n a chuimhne an cladh tosdach, fuar anns am bheil iadsan a bu ghaolach leis ’n an suain—an cladh anns an cual’ e na ceart phuirt so mu dheireadh, an àm a bhi ’g an leagail ’s an ùir. Air ceann na cuirme shuidh an t-uasal Donnachadh Mac-a’-Mhaighstir, a bha air ’eideadh gu sgiamhach—mar a bha aireamh nach bu bheag anns a’ chuideachd—anns an deise-ghoirid. An deigh do ’n Urramach Mr. Blair beannachadh ’iarraidh ann an Gaidhlig, chaidh an tea—an t-aon rud a bu Ghallda a bha air a’ chuirm—le aran de gach seorsa, bho ’n aran chruaidh, choirce a nuas gu breacagan cruithneachd de gach dealbh agus dath, a sheirbheiseachadh do ’n t-sluagh. Chaidh buidheachas a thairgseadh le bhi a’ seinn earrainn d’ an 145mh Salm. Dh’ eirich an sin fear na cathrach, agus labhair e gu snasmhor ann an Gaidhlig ris a’ chuideachd. Dh’ innis a cho toilichte ’s a bha e a leithid de choinnimh thaitnich ’fhaicinn. Bha e an dochas, ged a b’ i so a’ chiad choinneamh d’ an t-seorsa a chaidh a chumail, nach b’ i an te mu dheireadh. Thug e buidheachas daibh air son na h-onoir a chuir iad air an uair a roghnaich iad e gu suidhe air ceann na cuirme. Bha e lan chinnteach nach biodh a dhleasnasan mar fhear na cathrach duilich a choimhlionadh, oir bha làn fhios aige gu ’n deanadh gach aon a bha lathair a dhichioll a chum ’s gu ’n rachadh gach ni air ’aghaidh gu h-ordail agus gu h-eireachdail; agus b’ e a mhiann nach e mhain gu’m biodh iad uile air an riarachadh, ach gu ’m faigheadh iad mor bhuannachd o’n co-chomunn cairdeil ri cach a cheile. Chaidh e an sin air ’aghaigh gu labhairt air muinntir a dhi-chuimhnich an Gaidhlig—nach bruidhneadh i agus nach b’ urrainn a tuigsinn, ma b’ fhior iad fein, agus a bha mar so a’ taisbeanadh gu ’n robh naire orra d’ an tir-bhreith agus d’ an luchd-duthcha. An robh so nadurra? dh’ fheoraich e.—Cha robh; cha robh ann ach meud-mhoir agus cion tùir. Is fhada m’ am b’ i so barail muinntir eile mu ’n Ghaidhealtachd, oir nach robh iad a tighinn as geach cearn, miltean de mhiltean astair a dh-fhaicinn na duthcha ainmeal agus aillidh sin anns an robh seallaidhean ri ’m faotainn do nach faighteadh coimeas ann an cearn eile air uachdar an t-saoghail. Ma bha an duthaich mar so airidh air mor mheas, neo-ar-thainig mar robh an sinnsearan airidh, a dh’ fhag an ainmeannan agus an euchdan, an cliu agus an comharra, sgriobhte ann an litrichean buan-mhaireannach air clar-eachdraidh an t-saoghail. Nach robh Gaidheil r’ am faighinn gus an latha ’n diugh a’ lionadh nan àitean a b’ airde ana an comhairlean ar [TD 90] rioghachd, anns an eaglais, agus anns an arm. Co a fhuair urram anns na h-Innsean-an-Ear? co a bhuidhinn cliu anns a’ Chrimea? co ach na Gaidheil; agus nach robh an duthaich o cheann gu ceann anns na laithibh so fein a’ deanamh uaill agus gairdeachais thairis air gaisge agus treubhantas nan Gaidheal ann an Ashantee, as an robh am Freiceadan Dubh an deigh tilleadh, luchdaichte le urram agus gloir. Is i a’ chomhairle a bheireadh e air gach aon d’ an chuideachd,— “Lean gu dluth ri cliù do shinnsear, ’S na dìobair a bhi mar iadsan.” Dh’ earailich e orra gu durachdach iad a bhi dileas agus firinneach araon daibh fein agus do mhuinntir eile, ge b’ e suidheachadh anns an tuiteadh dhaibh a bhi, agus an dleasnasan a choimh-lionadh d’ an Duthaich, do ’n Chrùn, agus, os cionn gach nì eile, do Dhia—le bhi a’ deanamh mar sin cha bhiodh iad ach a’ leantainn cheuman na dream o ’n d’ thainig iad. Thagair e an sin gu laidir agus gu deas-bhriathrach as leith na Gaidhlig,—a’ chainnt mhilis, bhlàth sin a b’ fhearr gu càineadh no gu moladh—agus ged nach robh i a nis, le dith na cleachdainn, cho freagarrach gu gnothaichean malairt a chur troimh lamhan—a’ chainnt anns an deachaidh iomadh treud mhor chaorach, agus iomadh buaile chruidh, a reic agus a cheannach. Dh’ asluicheadh e orra le uile dhurachd a chridhe iad a leantainn r ’an Gaidhlig, iad a dheanamh an uile dhichioll gu a cumail beo, am feadh ’s a bha a naimhdean a’ feuchainn ri cur as di, agus iad g’a sìneadh sios mar oighreachd luach-mhoir d’ an cloinn agus do chlann an cloinne. B’ e an ath fhear-labhairt an t-Urramach Mr. Blair, ministear Eaglais Chalium-chille. Thoisich e le bhi a’ moladh choinneamhan coltach riutha so, ag ràdh gu ’m faodadh iad a bhi chum mor bhuannachd do na Gaidheil a bha, mar gu ’m b’ eadh, air an call ann am bailtean-mora na Galldachd, agus aig nach robh cothrom ach fior ainneamh air coinneachadh r’ a cheile. Thug e an sin beagan earailean ro fhreagarrach agus dhurachdach gu sonraichte do ’n oigridh iad a bhi dileas, stuama agus firinneach, oir mur biodh iad mar so nach biodh moran meas orra agus nach soirbhicheadh leo—iad a ghabhail gach cothroim a gheobhadh iad gu bhi deanamh maith d’ an luchd-duthcha, gu sonraichte iadsan a dh’ fhaodadh a bhi ann an euslaint no trioblaid, no fo throm uallaich. Dh’ earailaich e orra iad a chumail air mhaireann le ’n uile dhichioll canain an sinnsrean—iad a thional agus a sgriobhadh sios a mheud ’s a b’ urrainn daibh de sheann orain, de thoimhseachain, de sheuna agus de shean-fhacail na Gaidhealtachd, oir gu ’n robh am t-am a’ tighinn anns nach biodh ann a bhruidhneadh a’ Ghaidhlig ach cnuic agus aibhnichean na duthcha. Chaidh e an sin air ’aghaidh gu bhi labhairt air bardachd na Gaidhealtachd,—bardachd a bha gun choimeas air son fallaineachd agus beusachd, agus a bha ach beag gu tur saor o gach truaillidheachd cainntea gheobhar ann an ranntachd iomadh duthaich eile. C’ aite an robh leithid bardach Oisein agus Dhonnachaidh Bhain air son gloinead agus snas de gach seorsa, araon ann am minead bhriathar agus airde smuain. Nach b’ eireachdail, mar eiseimpleir, an rann sin ann an Coire Cheathaich,— “Tha bradan tarra-gheal s a’ choire gharbhlaich, Tha tigh’nn o ’n fhairge ’bu ghailbheach tonn, Le luinneasmheamnach a’ ceapa’mheanbh-chuileag, Gu neo-chearbach le cham-ghob crom: Air bhuinne borb, a’s e leum gu foirmeil, [TD 91] An éideadh colgail ’bu ghorm-glas druim, Le shòislean airgid, gu h-iteach, meana-bhreac, Gu lannach, dearg-bhallach, earr-gheal sliom.” Is minig a bheireadh e ni sam bith air son a bhi og a rithist a chum ’s gu ’m b’urrainn da na seann nithean sin a chur sios a bha a nis a’ dol air dhi-chuimhne gu bras, agus nach gabhadh gu brath toirt air an ais. Ann an co-dhunnadh dh’ iarradh e orra gu leir, le ’n uile eolas agus ionnsachadh, iad a shireadh an eolais sin a b’ airde—eolas Chriosd. As eugmhais so ge b’ e air bith cho saoibhir no cho foghluimte ’s a dh’ fhaodadh iad a bhi, cha bhiodh stàth ann daibh; ach leis an eolas so, bha iad air an cur an seilbh air sòlasan agus toil-inntinnean an t-saoghail so, agus air sonas siorruidh anns an t-saoghal ri teachd. Thug Mr. Domhnullach o America beagan fhacal ro thaitneach air cor nan Gaidheal anns an duthaich sin. Chaidh taing na cuideachd gu leir a thairgseadh dhaibhsan a bha aig dragh ann an cur na coinnimh air chois, agus labhair Mr. Sharp as an leith ag radh nach bu dhragh idir leo e, ach gur ann a bha lan duais aca air son gach ni a rinn iad ann a bhi faicinn cho math ’s a shoirbhich leo, agus gu ’n robh e an dochas gu ’m biodh aca an ath bhliadhna, coinneamh eile d’ an cheart seorsa. Thagair e as leith gun rachadh gach cuideachd bheag Ghaidhealach ann an Glaschu comhla agus gu ’n deanadh iad aon chomunn mor, laidir de mhuinntir tir nam beann, agus mar so, gu ’m biodh iad na bu chomasaiche air math a deanamh d’ an luchd-duthcha le bhi ’cur suas thighean-taghail air son nan Gaidheul anns am faigheadh iad air neoni, leabhraichean agus paiperan-naidheachd r’ an leughadh agus cothroman air co-chaidreamh a chumail r’a cheile, ceilidh bhuannachdail a dheanamh, agus seana chairdeas agus choimhearsnachd ’ùrachadh agus a chumail air chuimhne. Chaidh aireamh mhor de dh-orain Ghaidhlig a sheinn an cursa na h-oidhche agus cha robh dìth air piobaireachd ’s air dannsadh. Gun aon seach aon de ha h-oigearan ’ainmeachadh a chuidich mar so cridhealas agus sunnd na coinnimh a chur air aghaidh, faodaidh sinn a radh gu ’n do rinn iad uile an dleasnasan fa-leth gu toileach agus gu tapaidh—ni air son an d’ fhuair iad mar bu ghlan a choisinn iad, cliu agus taing na bha lathair. Sgaoil a’ chuideachd mu airde mheadhon-oidhche an deigh dhaibh earrann no dha a sheinn ann an Gaidhlig d’ an oran iomraideach sin, Auld Langsyne. SOP AS GACH SEID. Na ’m bu mhiann leat do bhiadh a bhi blasda, oibrich air a shon—na ’m bu mhath leat d’ aodach a mhealtainn, paigh e—na ’m bu mhath leat cadal gu suaimhneach, thoir coguis ghlan a laidhe leat. Tha spiorad an fhior Chriosdaidh, gu h-araidh spiorad an fhior chreidimh a’ deachdadh caoimhneis agus macantais anns na h-uile. Tha e comunnail, cairdeil, aoibhneach, agus seirceil. Cha ’n ’eil gnothuch aige ris an t-saobh-chrabhadh agus an dall-eud sin a ta co dubhach, fuar, agus neo-sheirceil ’s gu ’m bheil iad a’ comhdachadh na gnuise le dubh-bhron, a’ truailliadh an nadair, a’ tilgeadh an spioraid fo lag-mhisnich, agus a’ tarruing cuirtean duibhre agus cianaileis thairis air an duine gu h-iomlan, eadar spiorad, anam agus chorp! Dean t’obair fein gu ciallach, socaireach. Tha iomaluasg agus ro churam ’n an aobhar do thinneas agus mi-fhoisneachd. Feumaidh sinn ar tuisge a ghnathachadh chum ar ciocras agus dian-thogradh a cheannsachadh, oir mar dean sinn sin, geillidh ar neart corporra, agus theid as duinn. Cuimhnicheamaid gu ’n toir sinn a mach a’ bhuaidh le neart nach leinn fein. Is cogadh e nach ’eil an crochadh aon chuid riu-san a ta luath no laidir. [TD 92] MO NIGHEAN DUBH. [Ceòl] SEISD. Mo nighean dubh, tha boidheach dubh, Mo nighean dubh, na treig mi: Ged theireadh cach gu bheil thu dubh, Cho geal ’s an gruth leam fhein thu!* Moch là Coinnle anns a’ mhadainn, ’M leaba ’s mi gun eirigh, Gu ’m facas oigh an taice rium, ’S a gnuis ro dhreachmhor, ceutach. Toisichidh mi aig do chasan, Chum do mhaise ’leughadh;— Didomnuich a’ dol an chlachan, Bean do dhreach cha leir dhomh. Thig stocaidh gheal air rogha dealbha Air do chalpa gle-gheal; Brogan barra-chumh’nn, ’s bucaill airgid— Oigh air dhealbh na grein’ thu! Seang chorp fallain, mar shneachd meallain, No mar chanach sleibhte; Mar fhaoileag chladaich, ri là gaillinn, Air chuan mara ’g eirigh. ’S math thig gùn ’s an fhasan duit, Cho math ’s a tha ’n Duneideann, Mu d’ mheadhon caol ’g a theannachadh, ’S a’ chamhanaich ’s tu ’g eirigh. Do shuilean mar na dearcagan, Do ghruaidh air dhath na ceire, Cul do chinn air dhreach an fhithich, ’S gradh mo chridhe fhein ort. Suil chorrach ghorm fo d’ chaol mhala Bho ’n tig an sealladh eibhinn, Mar dhealt camhanaich ’s an Earrach, ’S mar dhruchd meala Cheitein. Tha falt dubh, dualach, trom, neo-luaidhte, ’N ceangal sguaib air m’ euchdaig; Gur boidheach e mu d’ chluasaibh, ’S cha mheas’ an cuailein breid e. Cha dean mi tuilleadh molaidh ort— O, ’s tu mo rogha ceile! ’S ann ort a tha ’n cùl fàinneagach, Mar sud ’s am braighe gle-gheal. ’S olc a rinn do chairdean orm ’S gu ’n d’ rinn iad pairt ort fein d’ e, ’N uair chuir iad as an dù’ich mi, ’S mi ’n duil gu ’n deanainn feum duit. ’S ged nach deanainn fidhleireachd, Gu ’n deanainn sgriobhadh ’s leughadh; ’S a Nàile! dheanainn searmoin duit Nach talaicheadh neach fo ’n ghrein roir’. * Repeat the chorus after every verse. [TD 93-100] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 101] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1874. [28 AIR. SILIS NIC-COINNICH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. IV. An uair a chunnaic fear de na seirbhisich d’ am b’ ainm Aonghas Saor, cho dian-bhriathrach agus cho dannarra ’s a bha Oighrig ’n a beachd fein agus nach cumteadh ’n a tosd i aon chuid le impidh no le bagradh, chaidh e agus dh’ innis e do ’n Mhoraire gach ni a bha i ’cur as leth nan uaislean, agus ars’ esan, “Mur cuirear stad oirre gu h-ealamh, bheir i masladh air a’ chinne gu leir.” Dh’ eisd am Moraire, gun bhi a reir coslais air a ghluasad gu ro mhor leis gach ni a bha air ’innseadh dha le Aonghas; thug e taing dha air son a dhillseachd; ach thug e breth air a shon fein; bu mhath dha na ’n d’ rinn e mar sin roimh laimh. Ach aig an am ud cha bu chomasach dha bhi caoin-shuarach mu ni sam bith a theirteadh no a shaoilteadh mu bhas a Shilis. Mar sin, cho luath ’s a bha an dinneir thairis, chuir e fios gu Oighrig Nic-Coinnich gu ’m feumadh i tighinn an lathair nan seachd uaislean de ’n fhine a bha ’n an suidhe leis mu ’n bhord air an fheasgair ud. Ann an tiota, bha Oighrig suas an staidhir, agus ’n a seasamh gun athadh, gun ghriobhaig air beulthaobh nan uaislean. “So agaibh,” arsa Eidirdeil, ri ’chairdean, “baobh chrosda de shearbhanta, aig an robh comhdhaltas ri m’ cheile uasail nach maireann; agus d ’an robh mor speis aice. Tha e air ’innseadh dhomh gu ’m bheil i a’ sgaoileadh a mach a leithid de chasaidean tuaileasach ann ur n-aghaidhse agus ann am aghaidh fhein a thaobh bas na ban-mhoraire, agus gu ’m feumar a toirt gu cunntas air a shon gun tuilleadh dalach. Oighrig, thig ni’s dluithe; seas air mo bheulthaobh, agus seall direach ann am aodann. Ciod e so an tuaileas mallaichte, droch-mheineach a tha thu a’ sgaoileadh cho dalma agus cho bathaiseach am measg nan seirbhiseach?” “Cha d’ thubhairt agus cha do sgaoil mi dad ris nach seas mi ann ur lathairse agus an lathair ur cairdean; cha ’n e sin a mhain, ach ri aghaidh an dearbh dhuine sin a tha gu sonruichte ciontach ann ur measg uile.” “Oighrig, cha ’n urrainn thusa ni sam bith a dhearbhadh, mar fhirinn, air nach robh thu fein ann ad shuil-fhianuis.” “An e nach urrainn?—Tha fios agam air barrachd na’shaoileas [TD 102] sibh. Tha moran air ’fhoillseachadh dhomh, nach faca mi riamh le m’ shuilean. Tha sibhse a’ saoilsinn nach ’eil fhios agam co a thilg mo bhain-tighearna ionmhuinn thar na drochaid. Dh’ fhaodadh sibh fein, mo thighearna, a bhi lan dearbhte mu ’n chuis, mur do dhi-chuimhnich sibh gach innleachd a bha air an deilbh ’n a h-aghaidh o àm gu àm. Ach ma tha sibhse air ur dalladh cho mor, mar is i mo bharail gu ’m bheil, innsidh mise dhuibh mar thachair. Is ann le lamhan na dithis sin a tha ’n an suidhe aig ur laimh dheis agus chli, a thilgeadh leis an t-sruth ur ceile uasal, ionmhuinn, ach gu sonruichte les an t-seann abharsair sin-Carnach, a bha o cheann bhliadhnachan a’ sior dheilbh innleachdan cuilbheartach gu cur as d’ ur Silis uasail, ionghradhaich; agus a thug gu buil iad aig a’ cheann mu dheireadh, le fath a ghabhail air a’ bhreislich a thainig oirre fo uamhas na tuil a bha ’ruith fo ’n drochaid-mhaide. Agus cha ’n esan a mhain tha ciontach de ’n ghniomh mhortail; bha e air a chuideachadh le mac a brathar—Barr-a-mhuilinn, an lasgaire uasal sin a tha air bhall-chrith fa m’ chomhair, agus ’n a shuidhe gu statail ri ’r guallainn. Faodaidh iad am fiaclan a chasadh rium. Is mise tha coma. Tha deagh fhios agamsa ciod e bu mhathair aobhair d’ am feall-chomhairlean ifrinneil. Cha do thuig sibhse fhathast a’ chrioch shonriuchte a bha aca ’s amharc. Air son crioch shuarach, fheineil, mhort iad bain-tighearna neochiontach, cho glan, cho uasal, cho ionmhuinn agus cho teo-chridheach ’s a tharruing riamh anail na beatha. Ah! gu dearbh, gu dearbh! cha ’n ioghnadh leam am faicinn a’ clisgeadh ann am lathair, agus na deoir a’ sileadh o an suilean an-iochdmhor. Tha sar-fhios aca gur h-i an fhirinn a tha mise ag innseadh dhuibh, agus is e an di-bheatha gu bhi cnamh an cir oirre.” “Ciod e so tha mi ’faicinn? C’arson a tha thu a caoineadh, a mhic bhrathar-mi-athar?” arsa am Moraire ri Carnach. “Mar is aithne do gach neach de m’ luchd-eolais,” arsa Carnach, “bha mi riamh o m’ oige, forfhaiseach mu nithibh sonruichte a dh’ fhaodadh a bhi ’s an dàn dhomh anns an fhreasdal; agus o chionn bhliadhnachan, bha roimh-bharail agam gu ’n tugteadh a’ bhan-mhoraire air falbh uainn le bàs obann agus tubaisteach; agus mar tha beatha aon neach gu tric an crochadh ri beatha neach eile, bha e air m’ inntinn gu ’m biodh a bàs air doigh eigin ’n a aobhar air mo bhàs fein a thoirt mu ’n cuairt. Ach ged bha mi ach beag lan dearbhta uime, chaidh e ri h-uine as mo chuimhne, gus an d’ thug a’ ghaorsach dhalma, bheag-narach so, le a tuaileas mi-runach gu m’ chuimhne e as ur; agus a nis, tha mi lan-chinnteach gu ’n toir a bhiasd shuarach dhroch-mheineach so gu buil e. O, mo thighearna agus mo cheann-feadhna ionmhuinn, an leig thu a leithid so de ladarnas as gun pheanas?” “Cha teid an ciontach as gun pheanas,” arsa Eidirdeil, “ach leanaidh peanas air sail dearbhaidh. Cho fad ’s a theid m’ fhocal agus mo riaghladhsa, cha ditear [TD 103] neach, co air bith e, as eugais dearbhaidh.—A nis, Oighrig, tha iad uile an so, a bha ’n an suil-fhianuisean air bàs na ban-mhoraire. Tha fhios againn nach faca tusa cia mar a thachair e.” “Ann e nach faca mise le m’ shuilean fein e?” arsa Oighrig “Thugadh na mortairean an aire dha. An saoil sibhse gu ’m b’ urrainn mise mo bhan-mhaighistir uasal, mo bhan-charaid chaomhail, a leigeadh thar na h-aibhne ann an cuideachd nan con-luirge sin, gun sealltainn as a deigh? Tha sar-fhios aca-san gu ’m bheil mi ag innseadh na firinn, agus dearbhaidh mi orra e. Thugadh iad an aire d’ an amhaichean,” ars’ ise, agus i a’ tarruing a meoir mu ’n cuairt a muineil fhein. Chiteadh gu soilleir air gnuis a’ mhoraire, gu ’n robh e air a chur thuige le uamhunn agus le iongantas le bhi ’cluinntinn a chairdean air an casaid mar so ’n an lathair fein; agus cha ’n ’eil e mi-choltach gu ’n do thoisich e aig an am ud ri tomhas eigin de amharus altrum a thaobh an cionta agus an dubailteachd; ach dh’ eirich Carnach suas ann am braise feirge, tharruing e a chlaidheamh, agus, ars’ esan ris a’ mhoraire, “Cha ’n fheudar a leithid so de chasaid a ghiulan, agus cha ghiulainear leatha ni ’s mo. Cha ’n fhaod a’ bhiasd dho-bheartach so a bhi beo ni ’s faide.” “Air d’ athais, Fhir Charnaich!” arsa Oighrig, le a dorn bheag, gheal togta suas ri’aodann. “Cha ’n fhaod mi basachadh an nochd, aill ar ’n aill leat e. Tha fios agam gu ’r h-e sin a riaraicheadh do chridhe an-iochdmhorsa, mar is math is aithne dhuit do chunnart cho fad ’s is beo mi; ach coidlidh mise an nochd far nach ruig do ghairdein brùideilse orm, agus far an bi comh-chaidreamh agam rithese a bha air a tilgeadh sios leis an dearbh ghairdein sin agadsa. Thugaibh deagh aire do na tha mi ag innseadh dhuibh. Na gabhaibh mi’ fhocalsa a mhain air cionta nan uaislean so,” arsa Oighrig, agus i a tionndadh ris a’ mhoraire; “mur tig fiannis á duthaich eile a dh-ionnsaidh a’ Chaisteil, an taobh a stigh de thri laithean, a lan-dhearbhas dhuibhse cionta nan daoine so, ceadaichidh mise dhuibh mo chorp a ghearradh ’n a bhloighdean, agus m’ fheoil a thilgeadh am mach a dh-ionnsaidh nam feannagan agus nan iolairean. Cha bhàsaich mise an nochd, Fhir Charnaich, is eiginn gu ’m mair mi beo gus an toir mi lan dearbhadh do ’n mhoraire air ur ciontasa. A mhortairean, mar tha sibh ann, tha dearbh chinnt agaibhse gur h-i an fhirinn a tha mi ag innseadh. Fhir Charnaich, bhruadair mi gu ’m faca mi do chorpsa ’n a ablach reubta aig bonn a’ chaisteil, agus tha fhios agam gu ’n tachair e. Ach, O, tha mi an dochas gu ’n crochar thu an toiseach! Oidhche mhath leat; ach cuimhnich, nach basaich mise an nochd—bidh mi beo ge b’ oil leat e.” “Ciod a tha an dubh-chaile mhallaichte so a’ ciallachadh?” arsa na h-uaislean, agus iad a’ sealltainn an aodannaibh a cheile. “Ceadaichidh i dhuinn a corp a reubadh ’n a bhloighdean mur tig fianuis gu ’r diteadh á duthaich [TD 104] eile; agus gu ’m bi comh-chaidreamh aice an nochd ris a’ bhan-mhoraire nach maireann. Ciod a tha a’ bhuidseach ifrinneil a’ ciallachadh?” “Tha e do-thuigsinn dhomhsa,” arsa Eidirdeil, “ciod a tha i a’ ciallachadh; ach tha mi a’ lan-thuigsinn nadur na casaid a thog i ’n ur n-aghaidhse. Agus bu shona ’bhithinn an nochd na ’m bithinn saor o amharus gu ’m faod i bhi fior. Coma co dhiu, tha e furasda gu leoir dhuinn feitheamh gu ceann nan tri laithean, gus am faic sinn an tig no nach tig an fhianuis dhiomhair ud mu ’n d’ thug i sanas dhuinn. Agus mur tig, an deigh sin, bheir sinn a’ ghaorsach gu breitheanas.” “Faodaidh i dol as oirnn mu’n tig an t-am sin,” arsa Carnach. “Thuig mi air a cainnt gu ’m bheil e ’n a run sin a dheanamh air an oidhche so fhein. Is e ’bu choir dhuinn a’ bhiasd a ghlacadh air’ a mhionaid so. Is i mo chomhairle-se mata, gu ’n ceanglar a casan agus a lamhan, no gu ’n teid a glasadh a stigh anns an toll-dhubh gun tuilleadh seamsain. Gabhaidh mi fein orm a bhi am fhear-coimhid a’ phriosain.” “Cha ruigear a leas aon chuid a ceangal no a priosanachadh,” arsa Eidirdeil. “Theid mise an urras oirre, gu ’n cuirear ’n ur lathair i, beo no marbh, aig ceann nan tri laithean.” MUILEACH. (Ri leantuinn.) Tionndaidh do shuilean ort fein ’s air do dheanadas, agus na toir breth air deanadas feadhnach eile. BLAR SHUNADAIL. (Air leantuinn.) “A chlanna nan con, Thigibh a’ so ’s gheibh sibh feòil.” AILEIN-NAN-SOP.—A dhaoin’-uaisle ’s cruaidh so ’fhaicinn a’s ’eisdeachd; Sin beuc-dùbhlain an Leoghainn; Cha ’n fhag aon diubh beo an larach. Ceadaichibh dhomh ruith le comhairle; Iarraibh orm ’innseadh dhaibh An ruith air tìr, no caillear Na chi sibh, gun aon diubh ’fhagail. NA CINN-FHEADHNA.—’S math a thuirt thu, Mhic Thorr-loisg— Mar sin bitheadh. Ach ciamar gheibh thu air bord, ’S gun chlar air cladach a bheir am mach thu? AILEIN.—Tha na raimh agam fhein, ’S ni Ailein, an eiginn, a’ bhirlinn! Chrioslaich e ’chlaidheamh air a leine; Ruith e gu traigh; Leum e gun sgàth am buillsgean nan tonn; Shnamh e gu birlinn Mhic Iain-ghearr; Dh’ innis e ’naidheachd am briathran athghearr:— “A Mhic-Alasdair ’s fhir-chinnidh, Air iarrtas nan uaislean, Ruithibh gu luath air an traigh iad; Cha dean misneach no toil tuilleadh; Cha ’n urrainnear dol thar na rinn sibh; Tha ’n t-sreath fhathast an dubhlan gun bhristeadh; Gluaisibh mar sin gus an traigh, Cho dlùth ’s a shnamhas iad, bord ri bord; Sin an t-ordugh a fhuair mise.” Sheid Mac-Alasdair an dudach; Ghabh na Gaidheil gu tìr, ’S na naimhdean lionmhor ’n an deigh. MAC-ALASDAIR.—Ciod e ’nis, a Mhic Thorr-loisg? AILEIN.—Cuiribh teine riutha; cumaibh balla lasrach Eadar sibh fein ’s na naimhdean; Tha na gaisgich sin thall deas gu bualadh Cho luath ’s a bhios sibh air an talamh. An ath shealladh a chunnacas, Traigh Shunadail am buidealaich dheirg Bho Dhun-sgolb gu lagan Ghrob-phort, ’S na Lochlannaich a’ teicheadh Do dhoimhne na Linne. Chaill iad dochas aon a ghlacadh; Cha d’ fhuair iad ach sgrios gun eirig— Creuchdan nach druideadh eolas. Chaidh maithean nam fineachan an comhairle Co-dhiubh choinnicheadh iad air an traigh iad No ’n leigeil an aird air an aonach. [TD 105] MAC IAIN-GHEARR.—Tha ceart a’s cearr a reir barail: Tha na naimhdean dannara lionmhor; Fanamaid as an t-sealladh Gus an dirich iad o ’n traigh, S iad an duil gu ’n do theich sinn gun tilleadh. An uair a gheibh sinn an eangladh nan glac iad, Bidh cothrom a’ bhruthaich leinne. Cha ’n urrainn iad an sreathan a shineadh, ’S lann ri lann bidh an strìth ’s na bealaich. Cha ’n ’eil fear am shealladh nach triuir dhiubh! An uair a gheibh sinn iad air barraibh Lannan nan ceann Ileach ’s coma co dhiubh A tha iad lionmhor no ainneamh. SUNADAL.—Air m’ onoir, a Leathainich threin, ’S firinn o d’ bheul na chualas. A dhaoin’-uaisle, leigibh a nios iad Air lìonadh na madainne Gun tuilleadh dàil’; fanaibh samhach Air cul ur n-armaibh. Air aird’ an lionaidh ’s a’ mhadainn Tharrainn na Lochlannaich an cabhlach Ri bile na tràghad, ’s an deireadh gu tìr, Taobh ri taobh mar rathad leathann Air an coisicheadh da fhichead an guaillibh a cheile. Sheas iad gun eagal, gun aon ’s an t-sealladh; Chaidh iad an ordugh caismeachd Gun duil ri namhaid. Bruadar foilleil! An uair a dhirich iad ri bruthach Nan sgolban glas,—mar gu ’m fosgladh an talamh A thoirt anail as ur dha— Chualas beuc an Leoghainn, ’S na Gaidheil a’ brucadh troimh na glacan, Claidheamh leathann a’s tuadh Abrach A’ plathadh ri gathan na greine, Crios air leine ’s gairdean ruisgte; Fhreagair cnuic a’s sluic Do nuallan cath-bhuidhnean nam borb A’ bualadh nan Gaidheal, ’S a’ spealtadh luirichean; Clogaidean, claiginn a’s cnamhan Nan coimheach iargalt, ’G an gearradh mar bharrach crionaich; Gargaich ghnù Lochlann a’ tuiteam Le buillean nam fineachan; Glacan an aonaich an smùidrich ’N an caochan dearg. Air bearradh Bhracluinn Nach b’ urrainn na creachadairean alld’ a ghlacadh— A dh-aindeoin na sheas ’s na thuit dhiubh ’S a’ chath gun bhuaidh ud, Far nach d’ fhuaradh iochd Ri fear a dh’ fhagadh air a leon De laoich nan earraibh ioma-dathach— B’ e facal-comhraig nan naimhdean An garg aonach: “Na gheibh, casgair ’s na caomhain!”— Dian, dioghaltach, leanailteach, Chuir iad an cath Gun troidh a bhuidhinn no ’chall. Sheas na Gaidheil gun bhristeadh Mar a chleachd iad, ’s nach cualas riamh An iarrtas striochdaidh an talamh nam beo— Còir a thug Nadur dhaibh ’s gach linn.— Cha toir ùine dhinne i, A chlann nam fear ud! MAC-MHAOILEIN.—A Shunadail, tha iad searbh de ghreadadh nam faobhar; Chi mi gluasad ùr. Tha na fir-bhogha a’ teachd gus an toiseach Greasaibh gu cul a’ bhearraidh,— Staing-ghrabaidh nam friobhag basmhor;— Tha Rurach seolta; ’S ma ni e bealach leis na saighdean Buailidh luchd nan sleagh a steach Cho grad ri oiteig o ’n speur; Theid sinne do ’n eug—’s an latha caillte. Laidhibh dlùth ri cul a’ bhearraidh G’ am mealladh gus an saoil iad Gu ’n do sgaoil sinn ’s an ruaig. An uair a rainig na naimhdean An druim thoirmisgte, an ruith chuthaich ’S mar a shaoil iad a dh-fhaotainn buaidh a’s tòrachd, Far an d’ eirich na seoid riù, uchd ri uchd. ’S ged a ghlacadh le giorag. Na biothanaich ghrag, Nach do thairg ’s nach do ghabh Maitheanas o namhaid riamh,— Iarrtas nach cualas ’n an sgeul,— Thog iad nuallan a’ chath as ùr, Bùireadh mortach nan tuadh A’ bualadh le confhadh an duthchais Na sreath dhluth nach do bhrist; Gun taing do sgrios nam borb, A’ lionadh nam bealach A dh’ fhosgail an sgathadh nach d’ fhag beatha An deigh buillean nan Gaidheal; Ròmhan garg cheann-feadhna Lochlainn A’ brosnachadh nan gnùsgach iargalt, Gus an d’ fhailnich anail, cnamhan, as féithean. ’S na chaidh as diubh, Mar mhisgear ag iarraidh a rathaid An uair a bhios a lùithean A’ diùltadh a chumail dìreach, ’S mùn an Diabhuil air ghoil ’n a eanchainn. A CHRIOCH. [TD 106] MORAIR CHOLASA. 1.—AM FEAR-LAGH. Tha e ’n a chleachduin aig Gaidheil, agus is ion-mholta a’ chleachduin sin, an uair a chruinnicheas iad am measg a chéile, a bhi ’cur cuimhne air daoine ainmeil d’ am fuil fein. Beagan bhliadhnachan roimhe so, an uair a rachadh cunntas a dheanamh air na Gaidheil sin a dh’ ardaich, ’n ar latha-ne, cliu an stuic o’n do dh-fhas iad, a’s a dhearbh do ’n t-saoghal gu bheil buaidhean inntinn co maith ri neart cuirp co-cheangailte ris an fhuil Ghaidhealaich, bha triuir gu h-araid air an deanteadh luaidh ’s gach cuideachd—Morair Chluaidh—Morair Cholasa—agus Daibhidh Mac-an-Léighe. Tha e comharraichte mu thimchioll nan uaislean urramach so gu ’n robh an duthchas anns na h-Eileanan-an-Iar. Bho linn Shomhairle Bhuidhe cha do thog Ile gaisgeach cho foghainteach ri Cailean Caimbeul; is urram do Mhuile, ged is iomadh ceatharnach treun a dh’ araicheadh ’n a ghlinn, gu bheil coir aige air Mac-an-Leighe; agus dh’ fhag Donnachadh Mac-Neill iomraiteach Eilean iomallach Cholasa. Ged nach ’eil curam gu ’n teid iomradh nan laoch so air di-chuimhn’ am measg ar luchd-duthcha an cabhaig, tha e freagarrach gu ’m biodh cuimhne Ghaidheal air am bu mhiann leis an rioghachd gu leir a bhi ’cur urraim, air a gleidheadh luachmhor agus ùrail ’s an leabhar so. Anns an aireimh so de ’n Ghaidheal is e ar run a bhi ’toirt cunntais aithghearr air Morair Cholasa mar fhear-lagh; ann an aireimh eile, ma dh’ fhaoidte, ni sinn iomradh air mar uachdaran Gaidhealach. B’ e Donnchadh Mac-Neill dara mac Iain ’Ic-Neill, Tighearna Cholasa agus Orasa, dà eilean bheag taobh a cheile, air ceann-an-iar Earraghaidheal. Rugadh Donnachadh ann an Orasa ann am foghar na bliadhna 1793. Fhuair e tus ’fhoghluim an tigh ’athar. Bho ’leanabaidheachd thug e dearbhadh air an tùr agus a’ gheiread inntinn sin air son an robh e comharraichte re a bheatha. Their iad an Colasa gus an la ’n diugh an uair a bha e ’n a choisiche gu ’n do thachair Eachann figheadair air ’athair ’s air fein, agus an t-slat-thomhais aig Eachann ’n a laimh. An uair a dh’ fhag iad am figheadair thuirt Donnachadh: “Nach i ’n t-slat-thomhais a bh’ aig Eachann an sud a’ deanamh bata dhith?” “Cha ’n ’eil teagamh nach i,” ars’ ’athair, “ach ciod e dheth sin?” “Tha eagal orm,” fhreagair am balachan, “ma bhios i tric ris an obair ud, gu ’m feum gu ’m bi a tomhas gann.” Smuainich ’athair air briathran a mhic, agus, ma ’s fior an sgeul, thuirt e ’n oidhche sin fein, “Ni mi fear-lagh de Dhonnachadh.” An uair a bha e gle og—da-bhliadhna-dheug a dh-aois—chaidh e do oil-thigh Chill-ribhinn. ’S an oil-thigh dh’ fhag an Colasach og a chompanaich fada ’n a dheigh, ged bha a’ chuid mhor dhiubh ni bu shine na e. ’N a ochd-bliadhna-deug, chaidh e ’Dhuneideann a dh-iunnsachadh lagh, agus an uair a bha e tri-bliadhna-fichead thainig e mach ’n a fhear-tagraidh ’s a’ chuirt. Bho ’n am sin gu latha ’bhais cha robh ainm eile ni bu trice ’m beul sluagh Albainn na ainn Dhonnachaidh Cholasa; agus feudar le firinn a radh nach robh fear-lagh riamh an Albainn a choisinn an da chuid uiread meas agus tlachd o gach neach ris an robh a ghnothuch, ri Donnachadh Mac-Neill, Morair Cholasa. Bha, gun teagamh, moran nithean a’ co-chuideachadh a dheanadais fein a chum soirbheachadh a bhuannachd dha. Bha e de theaghlach urramach, agus bha cairdean cumhachdach aige [TD 107] —nithean a bha ni b’ fheumaile do fhear-tagraidh ’s an la ud na ’n diugh. Bha a bhuaidhean ard, lionmhor, agus air an deagh ghiullachd—inntinn fhallain ann an corp treun, air nach deargadh an saruchadh a bu ghoirte; aignidhean togarrach; cridhe blath; gluasad fearail; teangadh dheas-bhriathrach; cuimhne gheur; eolas farsuing; nadur neo-ghluasadach; agus misneach nach failnicheadh. A thuilleadh air so, bha e aluinn ’n a dhreach. Chaidh a dhealbh a tharruing iomadh uair agus dearbhaidh gach oidheirp re iomadh linn eireachdas a phearsa, ged their na h-eolaich nach ’eil aon diubh a thig a nios ris an fhior dhuine e fein. Bha a cheann air liathadh ’s a cheum air tromachadh o’n is cuimhne leam e, ach saoilidh mi gu faic mi ann an gnuis an t-seana bhreitheimh—stolda, foisneach mar tha i—ciamar a dh’ amhairceadh am fear-tagraidh ’n a dheich-bliadhna-fichead, an uair a bhiodh e air a bhrosnachadh gu foirneart a sgiursadh, no gus am priosanach a chur fa sgaoil. Anns an àm ud, cha robh a’ coiseachd sraid Dhuneidinn gille ’bu dreach-mhoire na Donnachadh Mac-Neill. Bha e os cionn se troidhean air airde; lughmhor, fearail. Cha robh iad ach tearc a ruitheadh, no ’leumadh, no ’shnamhadh ris. Pearsa dhireach, dheas; ceann mor, fada, air a chomhdach gu trom le falt dubh; aghaidh shoilleir, thuigseach, fhosgailte, anns am faiceadh tu, mar an sgathan fior, gluasadan na h-inntinn; “A ghruaidh mar an t-iuthar caoin, A shuil nach b’ fhaoin a sgaoileadh ard, Fo mhala chròm, dhorcha, chaol; A chiabh (dhubh) ’n a caoir mu ’cheann, ’Taomadh mu ghnuis aluinn an fhir.” Is ann ’s a’ bhliadhna 1816 a a fhuair Mac-Neill comas tagraidh ’s a’ chuirt. Anns an am ud bha daoine treun ’s an lagh. B’ i sud “linn an àigh” do luchd-lagh Albainn. Riamh o’n a chaidh an da rioghachd fo ’n aon chrun, agus gu h araid o’n a chaidh Parlamaid Albainn a shlugadh suas ann an Parlamaid Bhreatuinn, b’ ann troimh bhealach an lagha a bha ’n aon slighe gu h-urram agus gu cumhachd ’s an rioghachd. Dhruigh, mar so, a’ chuid mhor de dh-uaislean ’s de dhaoine foghluimte Albainn a stigh do ’n dreuchd so, air chor ’s gur gann a gheibhear, re moran ghinealach, comhairliche, fear-eachdraidh, oid’-fhoghluim, ughdar, no sgoilear ainmeil an Albainn nach robh anns a’ cheart àm ’n a fhear-tagraidh. An uair a bha, mar so, na h-uiread de dh-eanachainn agus de fhoghlum na rioghachd ’s an lagh, feudar a thuigsinn cia cho duilich ’s a bha e aite-toisich ’fhaotainn no ’ghleidheadh ann. An uair a thoisich Mac-Neill air tagradh ’s a’ chuirt, bha cathraichean nam breitheamhna air an lionadh le daoine gleusta, foghluimte; am measg an luchd-tagraidh a bu shine na esan, bha fir a thog cliu na rioghachd so le ’n iomadh buaidh; agus gheibhte am measg a chomh-aoisean oganaich air nach deanadh aon ach burraidh tàir. Gidheadh bha soirbheachadh maith aig Donnachadh Mac-Neill o’n cheud la a dh’ fhosgail e ’bheul ’s a’ chuirt. “Cha bhi dicheall air deireadh;” agus a thuilleadh air gach talann eile a bhuilicheadh air an duine ainmeil so, bha a dhicheall comharraichte. Cha robh fein-fhiosrachadh aige air leisg. Cha robh saothair air bith tuilleadh ’s cruaidh leis a mheudaicheadh eolas. Cha ’n fhagadh e clach gun tionndadh a shaoileadh e ’chuireadh solus air a’ chuis a ghabhadh e os laimh. Cha robh car no lùb ’s an lagh nach do rannsaich an inntinn gheur, bheo ud le mor-churam. Cha do lean a sheanair ni bu deine riamh air luirg [TD 108] Mhic-a-Phì, leab-fholuich gu leab-fholuich gus an do ghlac e ’s a’ Chaolas-iarach an Eilean-nan-Ròn e, ’s an do dhaighnich e ’chòir air Colasa le fuil a namhaid, na leanadh Donnachadh “a charaid foghluimte air an taobh eile” troimh gach toll, a’s fròg, a’s lùb anns am feuchadh e ri e fein ’fholach. Bheir na paipearan-naigheachd a’ sgriobhadh ’s an am ud fianuis air barail a chomh-luchd-dreuchd mu Mhac-Neill. Thuirt Jeffrey, aon cho ainmeil ’s a bha ’n am measg, “Gearraidh Donnachadh Mac-Neill troimh chridhe cuise, glan mar sgian gheur.” Rinn e gu h-aithghearr ainm dha fein a’ dion phriosanach. Lionadh iad deagh leabhar gach naigheachd a tha fathasd air an innseadh mu ghleustachd Dhonnachaidh Cholasa ann an tilgeadh chuisean-ditidh bun os ceann, a’s air gach seol a’s cleas a chleachd e chum a phriosanach fhaotainn á inean an lagha. Thug a theomachd anns a’ chearn so de ’n lagh cliu agus buannachd d’ a ionnsaidh. Gu h-araid ’s a’ Ghaidhealtachd chaidh ’ainm am fad ’s am farsuingeachd. Cha robh Gaidheal a bhiodh “an teanntachd, no an ainfhiach, no fo smuairean ’n a inntinn,” nach feumadh a chomhairle ’chur ris an uasal og a bha ’deanamh ainm dha fein an cuirtean na rioghachd. Anns a’ bhliadhna 1820 fhuair e ’n a fhear-tagraidh fo ’n Chrun, agus bha nis am mion-eolas air an lagh, agus an t-seoltachd a chleachd e cho buadhmhor a’ tilgeadh chuisean-ditidh, air an cleachdadh an cur ri cheile chùisean anns nach faigheadh neach eile failinn. Tha na cuisean-ditidh a tharruing e ’n an riaghailt fathasd air son soilleireachd agus diongmhaltachd. Bha nis a chas ’s an fhàradh, agus a lion ceum a’s ceum, gun tuisleadh, gun mheareachd, rainig e ’mhullach. Rinneadh ’n a Shiorramh air Peairt e ’s a bhliadhna 1824, agus deich bliadhna ’n a dheigh sin, thaghadh e gus an dara aite ’s an lagh fo ’n Chrun; agus bha, mar so, ’cheud aite cinnteach dha co luath ’s a bhiodh e falamh. Tha ’n rioghachd air a riaghladh le aon bhuidheann no buidheann eile, agus is ann aig a’ bhuidheann a tha ’n cumhachd a tha comas gach dreuchd ’s gach oifig fo ’n Chrun a lionadh. Thilg Donnachadh Mac-Neill o’n toiseach a chrannchur leis a’ bhuidheann ris an can iad ’s a’ chainnt eile na Tories. Feudaidh tusa agus mise, ma dh’ fhaoidte, a bhi ’saoilsinn gur i bhuidheann eile is fearr a dh’ oibricheas a chum leas na rioghachd, ach cha ’n abradh neach do ’m b’ aithue Donnachadh Mac-Neill nach b’ ann le coguis shaor a roghnaich esan a’ bhuidheann ris an do lean e cho dileas re a bheatha. Ach gleusta agus seolta ’s mar bha e air son cuis fir eile, cha robh e cho dana air a shon fein. Is i mo bharail gun robh e daonnan car narach—ni bu deise gus a sholus a mhuchadh na ’chur far am bu leir do gach neach e. Tha e air ’aithris gur beag nach do chaill ’fhaiteachas, anns a bhliadhna 1834, ’aite dha. Ach fhuair e ’dhuais, agus air bàs Sir Uilleam Rae ’s a’ bhliadhna 1842, rinneadh Fear-tagraidh na Ban-righ dheth. Nochd a chomh-luchd-dreuchd an earbsa ’n a chumhachd ’s an tlachd d’ a phearsa le ’thaghadh gu bhi ’n a cheann orra fein ’s a’ bhliadhna 1843. Chuir a Shiorrachd fein, Earra-ghaidheal, do Pharlamaid e ’s a’ bhliadhna so, agus re nan ochd bliadhna a shuidh e ’s a’ Pharlamaid thug e dearbhadh air farsuingeachd ’inntinn a’s air a run gu bhi cothromachadh an lagha ri feum an t-sluaigh—air am bheil againn mar fhianuis “Lagh nam Bochd” (1845), maille ri iomadh atharrachadh feumail air doigh-riaghlaidh an lagha, agus air deanamh soilleir coraichean fearainn. [TD 109] Anns a’ bhliadhna 1851 dh’ ardaicheadh gu bhi ’n a bhreitheamh e; agus, anns an ath-bhliadhna, an uair a bha ’chairdean an cumhachd, chuireadh air ceann na cuirt an Albainn e. Bha e ’n a ard-bhreitheamh an Albainn re chuig-bliadhna-deug, gus an d’ ardaicheadh do thigh uachdarach na Parlamaid e ’s a’ bhliadhna 1867, fo ainm Baran Cholasa agus Orasa—a’ cheud fhear-lagh an Albainn a fhuair an t-urram o ’n a dh’ aonadh an dà rioghachd ri cheile. Suidh e ’n Tigh nam Morairean a’ toirt seachad a chomhairle luachmhoir agus a’ co-chumadh gach Achd a thigeadh fa chomhair na h-ard Chomhairle ri fior-leas a luchd-duthcha. Chaochail e ann an deireadh a’ cheud mhios de ’n bhliadhna so, air a chaoidh gu goirt leis gach neach d’ am b’ aithn’ e, a’s air ’iundrainn gu mor le ard-mhaithean na rioghachd air son a ghleustachd, ’fhoghluim a’s a sheirc. Air feasgar aillidh Earraich ’s a’ bhliadhna 1867, sheas mi an tigh na Parlamaid an Duneideann. Bha ’n luchuirt aluinn sin air a lionadh o thaobh gu taobh—cha robh aite-suidhe ri ’fhaighinn. Thionndaidh uaislean a’s mnathan-uaisle a’ bhaile-mhoir am mach. Bha na breitheamhna gu leir, sgeudaichte ann an eideadh an dreuchd, ’n ’n an aite. Bha gach dreuchd ’s an lagh—fir thagraidh, sgriobhadairean, cleirich—an t-ard ’s an t-iosal, an sean ’s an t-og—cruinn an sud. Bha Donnachadh Mac-Neill a’ gabhail a “chead deireannach” do ’n chuirt anns an do shaothraich e fad leth-cheud bliadhna. Cha robh aite fosgailte dha ’s an lagh nach do lion e le mor-mheas dha fein, ’s le onoir d’ a dhuthaich. Re nan cuig-bliadhna-deug a bha e air ceann lagh Albainn, dhearbh e air gach doigh gu ’m b’ e da-rireadh a b’ airidh air an inbhe urramaich sin. Dh’ ardaich e an lagh agus chuir e urram air. Agus bha e nis a’ fagail nan luchuirtean sin anns an do chaith e ’bheatha, air a ghairm le ordugh a’ Chruin do luchuirt a b’ urramaiche gun teagamh, ach do thir choimhich, am measg choimpirean ùra, a lionadh ’n a shean aois—bha e tri deug a’s tri fichead—aite nach deach’a lionadh riamh roimhe,—breitheamh Albannach ’s an ard-chuirt an Lunainn. Chunnaic mi a dhealbh air a chrochadh ’s an “Talla ’m bu ghnath le (Mac-Neill)”—urram nach d’ thug a bhraithrean re a bheatha do neach riamh ach dhàsan a mhain. Chuala mi ’chliu ’g a seirm le beoil o ’m bu bhinn a thigeadh moladh. Rinneadh luaidh air a dhillseachd ’n a dhreuchd;—air an earbsa a bh’ aig sluagh Albainn ’n a bhreith chothromaich;—air an tlachd a bh’ aig ard agus iosal, sean agus og, do ’n uasal a bha anns gach ceum da bheatha, “Mar shruth ris na sàir; Ri laigse nan lann cho ciuin Ri aiteal gaoith air raon an fheòir.” Chuala mi anns gach beul, “Ma ’s e ’s gu ’n teid fear-lagh a chur do Shasunn, cha ’n airidh neach eile air an urram fhad ’s is beo Mac-Neill; ach ‘Co nis a thogas an claidheamh, No ’ni a’ chathair a lionadh.’ Ciod a ni a’ chuirt as eugmhais Cholasa.” Chunnaic mi rugha an gruaidh an t-seana bhreitheimh; chuala mi a ghuth critheach a’ freagradh na soraidh chairdeil a chuireadh leis; agus shaoil mi gu ’n do thuig mi cuid de na smuaintean a bha ’luasgadh ’inntinn ’n uair a bha e ’gabhail a chead de ’n aite a bha ceangailte ri ’chridhe le cho iomadh suaim. Bha mi taingeil gu ’m faca mi ’n sealladh ’s gu ’n cuala mi ’n guth;—thaisg mi le cheile ann am chridhe iad, oir “bha m’ uaill as m’ uachdaran mor.” D. M‘K. [TD 110] DUANAG LEANNANACHD. (With translation by the Author.) AIR FONN—“Tha durachd mo chridhe leat.” O, theid mi do ’n choill leat, Mo mhaighdean deas, òg; O, theid mi do ’n choill leat, Mo mhaighdean deas, òg; ’S cha chum eagal maoir ’Bhi ’g ar glaodhaich gu stòl Mi fein gun dol do ’n choill leat, Mo chaomh chailin òg. ’S e miann daormunn suaraich ’Bhi ’cnuasach gach lò; ’S e miann an-laoch cruaidh-chridheach Ruagadh a’s leon; ’S e miann ain-tigh’rn aibhreach An tuath chumail fò; ’S e mo mhiann-sa ’bhi ’gluasad Le m’ luaidh ’choill nan cnò. O, theid mi do ’n choill, &c. Mar ghrian-ghath do chuailein, ’Thug buaidh air an òr; Do mhiog-shuil mar dhrùchd, Madainn chiuin air an lòn; Do ghruaidh ’s do bhilean bìth-bhlath, Bho ’m millse thig pòg, Dh’ fhag fann taobh deas nan ùbhlan A’s ùr-bhlàth nan ròs. O, theid mi do ’n choill, &c. Nach ann m’ an tig an aois oirnn A shaoileas tu ’s coir Dhuinn flaitheas ’dheanamh ’n t-saoghal, ’S an gaol chumail beo? ’S bho ’n is gearr an ùin’ Eadar glùn ’s caisil-chrò, O, caitheamaid i, rùin, Ann an sugradh ’s an ceòl. O, theid mi do ’n choill, &c. Ma ’s e ’s gu ’m beil e ’n dàn duinn, Mar dha dhuilleag òg, Craobh mhor na beatha-s’ ’fhagail ’D é ’m fàth bhi fo bhròn? Tha ’n gliocas fein a’ glaodhaich, Gur faoineachd mar sgleò ’N uair threigeas togradh gaoil sinn ’Bhi ’n gaol air ’bhi beò. O, theid mi do ’n choill, &c. DOMHNULL MAC-MHUIRICH. We’ll go, lassie, go, To the green wood alone; We’ll go, lassie, go, To the green wood alone: In spite of kirk and elders And frowning Mess John, We’ll go, lassie, go, To the green wood alone. Give misers their treasures To count o’er and o’er; Give mad-brained ambition His red fields of gore; Give tyrants such slaves As ne’er pant to be free; Give me the calm eve In the green wood with thee. We’ll go, lassie, go, &c. No gold with thy bright flowing Ringlets can vie; No dew drops can rival The light of thine eye; No wild budding rose Whence the bee honey sips Can equal the sweets Nor the glow of thy lips. We’ll go, lassie, go, &c. Since youth is the season That Nature has given, To taste what this life has That savours of heaven. Let us seize on its joys, Dearest maid, ere it flies, Nor spend our gay spring-time In groans and in sighs. We’ll go, lassie, go, &c. I ask not long life, Since by sages I’m told, That age is like winter, Unpleasant and cold; But let the vital stream In my veins cease to move, When no longer I feel The warm raptures of love! DONALD MAC-PHERSON. 1847. ALASDAIR SGIOBALTA, TAILLEAR LAG-AN-DROIGHINN. Thachair do mhinistear òg, aighearach a bhi ’cur seachad oidhche gheamhraidh ann an Tigh-osda Lag-an-droighinn. Cha robh a bheag aige r’ a dheanamh, ’s bha e a’ faireachdainn na h-uine fada. Chuir e fios air fear an tigh-osda dh’ fheuchainn an robh duine tuigseach, [TD 111] cracairiche math, no fear a dh’ innseadh sgeulachd anns a’ bhaile, a gheobhadh e a chur seachad an fheasgair leis. Thuirt fear an tighe gu ’n robh,—an t-aon duine a b’ fhearr a dh’ aithris naidheachdan, no a ghabhail oran na ’m b’ eiginn e, eadar Maol-Chinntìre agus Tigh-Iain-Ghroid,—b’ e sin Alasdair Sgiobalta, an taillear. Dh’ iarr am ministear air fios a chur air Alasdair ma tà; rud a rinn fear an tighe, ’s cha d’ fheith an taillear an dara cuireadh: is duilich leam gur iomadh uair a rachadh e an rathad ceudna gun chuireadh idir. Coma co dhiùbh, thainig Alasdair ’s chaidh a sheoladh a stigh do sheomar a’ mhinisteir. Chaidh am botul a thoirt air bonn agus lan slige a chur leth ri goile an tailleir g’ a chur air fonn seanchuis; ’s Moire! cha robh sin duilich! An taice nan sgeulachd chaidh an taillear. Bheireadh am ministeir dha an deàrrsach eile as a’ bhotul, “eadar dha naidheachd,” mar their iad—’s faodar a bhi cinnteach nach robh e ’deanamh dearmaid air fhein ’s a’ cheart àm—gus mu dheireadh an d’ fhàs an companas cho cridheil ’s gu ’n robh aon air bith d’ an dithis—gu sonraichte an taillear—deas air son gniomh cuimsich sam bith. Mar bha ’n t-olc ’s a’ mhinistear, ars’ esan ri Alasdair, “Innsidh mi dhuit ciod e ’nì mi—bheir mi dhuit gini òir air na cumhnantan so: gu ’n leum thu air d’ ais ’s air d’ aghaidh thar na cathrach so fad leth-uair—gu riaghailteach, socair—a’ glaodhaich am mach aig a’ h-uile leum, ‘Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn;’ ach ma bhruidhneas tu aon fhacal eile, no ma stadas tu de d’ leum gus am bi an leth-uair thairis, caillidh tu do dhuais.” Chuir neonachas na tairsge a thug am ministear dha, ioghnadh air an taillear, ’s bha e tiota beag ann an ag am bu choir dha aontachadh leatha, ach ars’ esan ris fhein, “Tarrainnidh mi snathainn no ’dha an Lag-an-droighinn m’ an coisinn mi ’urad; agus bidh latha ’s bliadhna m’ an tig a’ cheart tairgse am charaibh a rithist—gabhaidh mi rithe.” “Is bargan e,” thuirt esan ris a’ mhinistear; “cha ’n ’eil ann ach sinn fhein, agus cha ’n ’eil na cumhachan duilich a choimhlionadh;—is mairg a theirteadh Alasdair Sgiobalta rium mur leumainn fad leth-uair, no fad latha na ’m b’ eiginn e, thairis air cathair!—is iomadh leum a b’ airde, agus theagamh a b’ amaidiche a thug mi air son duais a bu shuaraiche” Thug am ministear am mach ’uaireadair agus thilg an taillear dheth a chota. A’ cur a laimhe air cul na cathrach, thoisich e air leum, ’s e gu farumach ag aithris nam facal a chaidh iarraidh air, “Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!” An deigh da so dol air aghaidh fad mu thuaiream choig mionaidean, thug am ministear tarrainn air a’ chlag ’s thainig seirbheiseach a stigh. “Ciod air an talamh a bu chiall duibh,” thuirt am ministear; “a leithid so de dhuine cuthaich a chur a stigh leamsa? Nach do shaoil mi gu ’m bu duine tuigseach a bha ann; an ann toileach amadan a dheanamh dhiom a bha sibh?” Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta, taillear Lag-an-droighinn!” Seirbheiseach.—“Air chinnt, a mhinistear, cha ’n ’eil fhios agam ciod a dh’ fhairich e; cha ’n fhaca mi riabh roimhe e ’dol air ’aghaidh mar so—Alasdair, Alasdair! ciod is is ciall duit?” Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. Seirbheiseach.—Beannaich mise! Alasdair thailleir, cuimhnich c’ àite bheil thu; nach ’eil meas agad air an duin’-uasal a chuir fios ort? C’arson a tha thu a’ deanamh burraidh dhiot fhein?” [TD 112] Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. Fear-an-tighe (a’ tighinn a stigh le cabhaig).—“Ciod an ainm an Fhreasdail a tha ’so?—tha an duine air mheara-chinn—nach ann agad ’tha ’n dearg aghaidh, dhuine, dol a thoirt maslaidh do dhaoin’-uaisle ann am thigh-sa le ’leithid so de chluicheachd?” Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. Fear-an-tighe (ri aon d’ a sheirbheisich).—“Ruith air son a mhnatha, oir cha ’n urrainn domh cur suas le so. A chairdean, tha e soilleir gu bheil an duine air dearg lasair a’ chuthaich; agus tha dochas agam nach tig dìmeas air mo thigh an lorg a’ ghnothaich so.” Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. Bean Alasdair (a’ ruith a stigh).—“O! Alasdair, Alasdair, ciod a thainig ort? Nach aithne dhuit mise—do bhean fein?” Alasdair.—“Is mise Alasdair Sgiobalta,” &c. Bean Alasdair (a’ caoineadh).—“Mur ’eil umhail agad domhsa, cuimhnich air do leanaban aig an tigh, agus thig dachaidh leam.” Alasdair.—“Is mise Alas——” Cha b’ urrainn d’ a mhnaoi an gnothach a sheasamh na b’ fhaide; leum i ’s thilg i a lamhan m’ a mhuineal, ’s chroch i ris air a leithid de dhoigh ’s nach robh comas aige air leum tuille a thoirt. Is ann an sin a bha a’ ghleachd—esan an geall air a’ ghini, ’s a’ feuchainn ri ise ’thilgeil dheth; ach chunnaic e nach gabhadh so deanamh, ’s gheill e dhi. “Droch bhàs ort! òinseach gun tùr,” thuirt esan gu muladach; “cha do bhuidhinn mi riabh gini cho furasda na ’n leigeadh tusa leam.” Feumar ’innseadh gu ’n robh an t-òsdair moran na bu toilichte leis a’ mhineachadh a chaidh a thoirt air a’ chùis na bha bean an tailleir. A chur saod air Alasdair bochd thug am ministear dha gu saor an gini a bu ghle mhath a choisinn e. MAC-MHARCUIS. Rudha-nam-faoileann, A’ Bhealtainn, 1874. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Is minic a chual’sinn, a Choinnich, “Nach tig an cota glas co maith do na h-uile fear,” ach gun teagamh sam bith is maith tha ’n cota glas a’ tighinn dhuit-sa, fhir mo chridhe, agus gu mo slan a bhitheas tu g’a chaitheadh. Ach ciod i do naidheachd, agus ciamar tha Seonaid choir, agus an teaghlach gu leir o’n chunnaic mi mu dheireadh thu? Is mi tha toilichte d’ fhaicinn. Dean suidhe an sin, agus cluinneamaid gach ùrachd a tha agad ri aithris. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, far greim air do laimh, agus innis domh do chor, agus cor gach sean agus og ’n ad fhardaich. Cha bheag mo sholas tachairt riut an duigh, a charaid ionmhuinn, agus mar an ceudna co trath ’s an la. Mur ’eil cabhag ort, cuiridh sinn beagan uairean uine seachad cuideachd, a chum gu ’n tig sinn air na cuisean a thachair air feadh an t-saoghail o’n chunnaic sinn a cheile roimhe, agus tha nis iomadh seachdain o sin. MUR.—Mo lamh-sa dhuit, a Coinnich, gu ’n suidh mise gu socaireach fhad ’s a thogaireas tu, chum gach ur-sgeul a chluinntinn, agus comhradh taitneach a bhi againn mu na nithibh a bha agus a bhitheas. Ach, a’ charaid, cha laidh mo shuil air do chota glas, oir is maith e. Cha ’n ’eil teagamh agam nach i obair Seonaid choir tha ’n sin, agus is [TD 113] tlachd-mhor a dh’ fhag i e; agus rinn an taillear, ge b’ e co e, a chuid fein de ’n ghnothuch gu snasmhor, ceanalta. COIN.—Tha thu gle cheart, a Mhurachaidh, oir roghnaich Seonaid na h-urad de rusgaibh nan caorach a bh’ agam air an Leitear-Bhuidhe, chum an trusgan so a dheanamh do charaid araidh d’ an ainm Murachadh Ban. Le ’lamhaibh fein chard, agus cho-thlam, agus shniomh i e. An sin, thug i do Dhomhnull Breabadair e; a ris chuireadh air a’ bhord-luaidhe e, gus an d’ rinneadh e co tiugh ri cluais laoigh. An deigh sin ghearradh ’n a dha leth e, agus leis an darna leth rinn Fionnladh Tailleir suas e mar a tha thu ’g a fhaicinn, agus tha ’n leth eile aig Seonaid anns a’ chiste dheirg, agus á sin cha tig e gus an teid Murachadh Ban g’ a iarraidh. MUR.—Direach, glan, ceart, a Choinnich, tha Murachadh Ban fada fada an comain Seonaid, tha gun teagamh; cha ’n ’eil fios co a dheanadh a leithid ach i fein; ach tha i tuilleadh ’s ceanalta, coir, air an doigh sin, agus bu dual athar agus mathar dhi sin, mar is maith tha fios agam-sa. Tha ise a’ dearbhadh an t-sean-fhocail a deir, “Gu ’m bheil gride nan sinnsear anns an t-sliochd.” COIN.—Cha tig e dhomh-sa gun ’aideachadh gu saor, a Mhurachaidh, gur gleusda, tapaidh, dileas, agus glic a’ bhean Seonad. Tha i dleas’nachail d’ a companach agus da cloinn, cairdeil do ’n bhochd, suairce ris na h-uile, agus air gach seol ’n a deagh bhean-tighe. Na ’m biodh i a chaochladh sin, bhriseadh i mo chridhe, oir is minic a chual thu “Gu ’n ceannsaich gach fear an droch bhean, ach esan aig am bheil i. MUR.—Ro fhirinneach, a Choinnich, ach chaomhain am Freasdal thusa o gach trioblaid agus briseadh-cridhe air an doigh sin; agus tha fios aig an t-saoghal gur i Seonaid a rinn duine dhiot, a Choinnich. Mu ’n do phos thu, tha cuimhn’ agad fein, nach robh annad ach sliomair mor de bhalach luidseach, neo-chuimir agus slaodach ’n ad phearsa agus ’n ad sgeudachadh. Seadh, a charaid, tha deagh fhios agad nach robh anns an am sin aite sam bith cho taitneach leat, agus anns am bu trice am bitheadh tu, an tigh-osda Dhonnachaidh Thaileir. Ochan is iomadh sgillinn gheal agus ruadh a dh’ fhag thu ’s an tigh sin; agus is iomadh la agus oidhche a chuir thu seachad ann, air bheag buannachd do d’ chorp no do d’ anam. Ach air sin gu leir chuir Seonaid grad chrioch, agus cha b’ ann ’n a thrath. Is cianail ri ’smuaineachadh air a liuthad teaghlach ’s a tha air an creachadh le amaideachd ceannard an teaghlaich anns an tigh-osda. Tha e ciontach do pheacadh a ta ’n a mhathair-aobhair do gach peacadh. Tha e a’ milleadh a chliu agus a chodach, a’ cur as do ’n chloinn aige leis an ocras, agus ’g an sgeudachadh le luideagaibh suarach agus salach. Tha e ’toirt air falbh gach sithe agus suaimhneis ’s an t-saoghal a ta lathair, agus ’s an t-saoghal a ta ri teachd, agus ’g a sgriosadh fein, le ’shuilibh fosgailte, eadar anam agus chorp. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, cha ’n ’eil duil agam nach deanadh tu ablach mhaith de ministeir, oir cha b’ fhearr na sin a b’ urrainn seann Mhaighstir Domhnull againn fein a chur a mach as a’ chupaid aige. Gidheadh, feumaidh mi ’aideachadh le taingeileachd, gu ’m bheil Seonaid bhochd airidh air gach cliu a tha thu a’ caradh air a ceann. C’ uin a thig thu do ’n Ghoirtean-Fraoich a dh-fhaotuinn do chota-glais oir cha chuir Seouaid ’n ad ionnsaidh e gus an teid thu g’a iarraidh? Thig, a charaid, ann an uine ghoirid le run gu fantuinn [TD 114] maille ruinn re dha na tri oidhchean agus gabhaidh Fionnladh Tailleir do thomhas, agus ni e do chota gu freagarrach dhuit mu ’m fag thu an tigh againn. MUR.—Tha mi fada, fada ’n ad chomain, a’ Choinnich choir, agus tha mi moran nis mo na sin an comain Seonaid air son a’ cuimhneachain agus a caoimhneis do m’ thaobhsa. Bheir mi oidhirp air dol a shealltuinn ort an uair a bhios comas agam, agus air fuireach maille riut fhad ’s a cheadaicheas mo ghnothuichean domh sin a dheanamh; agus cuiridh mi litir do ’n Ghoirtean-Fraoich la no dha mu ’n ruig mi, a dh-innseadh an ama air am feud duil a bhi agad rium. COIN.—Mo bheannachd agad, a Mhurachaidh, bheir an naidheachd sin solas nach beag do Sheonaid, an uair a dh’ innseas mise sin dhi; ach na cuir dail ro fada ’s a’ ghnothuch air eagal gu ’m bi sinn a’ call ar foighidinn. MUR.—Ach a nis, a Choinnich, air duinn na cotaichean glasa, agus an turas d’ on Ghoirtean-Fraoich a chur air doigh, cluinneamaid ma ’s e do thoil e, ciamar tha do mhaighstir mor, Sir Seumas, agus ciamar tha an spreidh Eireannach, a’ tighinn air an adhairt ’s an duthaich so, a tha gu tur coimheach dhoibh, agus air iomadh seol ni ’s gairbh’ agus nis creagaiche na bha na machraichean comhnard’ agus reidh air an d’ araicheadh og iad, ann an seann Innis-Fail? COIN.—Direach “an eatorras, mar a bha ’m baile am Baideanach.” Tha Sir Seumas fein gu slan, fallain, ach cha ’n ’eil aon chuid an crodh no na caoraich a’ tighinn air an aghaidh mar bu mhaith leinn. Chaill sinn na h-uiread de na caoraich le gne thuaineal a thainig ’n an ceann; agus tha ’n crodh a’ fuireach caol, seargta, agus neo-bheothail. Cha ’n ’eil iad idir ’g am faicinn fein aig a’ bhaile; agus na ’n tugadh an diugh dhachaidh an dè dh’ fhagadh Sir Seumas an tuath ’n am fearainn fein, agus cha ghabhadh e gnothuch ri sgriob dheth ’n a laimh fein; is e nach gabhadh. MUR.—Tha mi ga d’ dheagh chreidsinn, a Choinnich, agus o ’n toiseach cha robh a’ chaochladh barail agam; oir, cha ’n fhaca mi riamh uachdaran a’ soirbheachadh an uair a ghabhadh e am fearann aige ’n a laimh fein. Chan ’eil e ceart sin a dheanamh, agus chan ’eil, cha robh, agus cha bhi beannachd ’n a lorg. Ach is iad na laghanna seilge sin a chuir eadar Sir Seumas agus an tuath agus b’ fhearr da gu mor an diugh na ’m biodh e air lan-chead a thoirt doibh air gach gearr agus cearc fhraoich, gach fiadh agus earb air an oighreachd a smaladh as, na dealachadh ri deagh thuath mar a rinn e. COIN.—Ro cheart, oir is fhad o ’n chual sinn gu ’n “teagaisg cleachd agus fein-fhiosrachadh na h-amadain,” agus theagaisg iad gu dileas Sir Seumas, ge b ’e co d’ an aidicheadh se e. Gu cinnteach fhuair e a chorragan a losgadh, agus bithidh tacan maith mu ’n slanaichear iad, oir bha na leoir guineach agus searbh. MUR.—Cha robh ni sam bith co taitneach mu ’n ghnothuch gu leir ris an toilinntinn a thug do thuras Eireannach dhuit fein, a Choinnich, an uair a chual agus a chunnaic thu iomadh ni a thug lasgan gaire ort, ged nach d’ fhuair mise cothrom ort fathast chum a bheag de na nithibh sin a chlunntinn. Ach is e nis an t-am, agus sooraich thu fein re sealain gus an aithris thu dhomh beagan tuilleadh dhe ’n tapachd a dh’ fhiosraich thu. COIN.—Ni mise mo dhichioll, ma ta, air sin a dheanamh. Bha mi aon la air feill, agus co a bha ri m’ [TD 115] thaobh ach saighdear a bhuineadh do’n aite sin. Bha e ’n a sheasamh agus a cas-labhairt, gus an robh e air a’ chuairteachadh mu dheireadh leis na-ficheadaibh sluaigh a bha ’g amharc air an aid aige le toll peileir innte. “Seallaibh air an toll so,” ars’ esan, “agus tha sibh ’faicinn na ’m biodh i ’n a h-aid le crun iosal, chaidh am peileir troimh ’n cheann agam.” MUR.—Is maith a thubhairt an saighdear bochd, ach ciod tuilleadh? COIN.—Air la eile, bha duine beag, luideagach ’n a sheasamh goirid uam, agus dhluthaich coimhearsnach dha fein ris, a thubhairt “Cha deachaidh thu do bhaile Chorc an diugh, a Phat.” “Ochan! cha deachaidh, a ghraidh-geal mo chridhe, oir dh’ innis duin’-uasal domh gu ’n robh dubhradh gu bhi air a’ ghealaich an so an nochd, agus dh’ fhuirich mi gus am faicinn e.” MUR.—Mo bheannachd air Pat bochd! bha duil aige nach robh gealach idir ann an Corc, mar a bha far an robh e, agus dh’fhan e gu glic gus am faiceadh e an dubhradh. Ach am bheil cuimhn’ agad air dad tuille. COIN.—Air la araidh bha Eireannach a’ gabhail na slighe an deigh lorg mhor mhaide a ghearradh a’ coille oig a bha ri taobh an rathaid. Chomhlaich an t-uachdaran e anns an eudann agus thubhairt e ris, “Fhir gun naire, innis domh air ball, c’ ait an do ghearr thu an lorg sin, oir is maith a’ chraobh a mhill thu? C’ ait an do ghearr thu e?” Thionndaidh Pat a ghnuis ris an duin’-uasal, agus a’ cur a chorraig ri barr a’ mhaide, thubhairt e, “ghearr mi direach tarsuing an sin e.” MUR.—Cha robh an duin’-uasal air a dheanamh a’ bheag ni ’bu ghlice leis na ceistibh a chuir e ris a’ bhalach bhochd. Ach cha ’n ’eil sin co maith ri Eireannach a chunnaic mise ’g iarraidh oibre air tuathanach a bha goirid o Ghlaschu. Sheas an duine bochd ri taobh an tuathanaich, a thubhairt ris—“Cha ruig thu leas, a bhalaich, cha ruig thu leas a bhi ’cur dragh’ orm-sa, oir fhuair an dithis mu dheireadh a bha agam as an duthaich agadsa bàs air mo laimh, agus b’ eiginn domh an cur fo ’n talamh air mo chosdas fein, agus agus cha bhi gnothuch agam ri anam tuille as an tir sin, uime sin, bi falbh ma ta.” “Ochan! a dhuin’-uasail, cha ’n eagal domh-sa, gu firinneach, cha ’n eagal domh-sa, oir gu cinnteach gheibh mi teisteanas o gach maighstir aig an robh mi riamh nach d’ fhuair mi bàs aig aon diubh. Is mi nach d’ fhuair, agus feudaidh sibh mo chreidsinn a dhuin’-uasail urramaich.” COIN.—Cha d’ rinn an tuathanach gu ceart mar d’ thug e obair do ’n duine bhochd an deigh gach dichill a rinn e gu dhearbhadh gu ’n robh e beo. Gun teagamh is ro iongantach freagairtean nan Eireannach air amannaibh. Chual’ mi mu dhithis shaighdear a bha ann roimh so aig an robh mor-speis d’ a cheile. Bha ’n t-aon ’n a Albannach, agus an t-aon eile ’n a Eireannach. Mu ’n deachaidh iad sios do ’n chath, rinn iad cordadh r’ a cheile na ’n rachadh a h-aon diubh a leonadh gu ’n cuidicheadh an t-aon eile leis. Thachair e ann am blar fuilteach gu ’n do leonadh an t-Albannach le peileir air an leis, agus ghrad ghlaodh e ri ’charaid Eireannach air son cuideachaidh. Thog Pat suas air a ghuaillibh e, agus d’ fhalbh e leis chum an leigh. An uair a bha e air an t-slighe sguab peileir eile an ceann dhe ’n Albannach bhochd, gu ’n fhios, gu ’n aire d’a chompanach. Chunnaic an leigh an t-Eireannach a’ giulan na closaich gun cheann, agus thubhairt e ris, “C’ ait am bheil thu ’dol le sin, a Phat?” “C’ ait am bheil mi ’dol? [TD 116] Co a chual riamh a leithid, c’ ait ach chum an leigh, gus an leighisear an duine truagh a leonadh co searbh?” “Ach, a’ charaid,” deir am fear eile, “am bheil thu ’faicinn gu ’m bheil thu ’giulan closaich gun cheann?” “Ochon! mo thruaigh an gnothuch cianail! tha mi ’faicinn sin a nis, ach smuainich air na breugaibh eagallach a labhair an droch-fhear rium; oir co cinnteach ris a’ bhas, dh’ innis e dhomhsa gur ann a leonadh e le peileir ann an lag na sleisde.” MUR.—Is e fior Eireannach a bha ’s an fhear sin gun teagamh, a Choinnich, an uair a bha e an duil gu ’n robh comas aig fear gun cheann labhairt ris, agus na breugan a chur an ceill da. Ach chuala mise mu Eireannach eile a bha cheart co iongantach ris an t-saighdear sin, agus innsidh mi dhuit m’ a thimchioll. COIN.—Tha sin ceart, a Mhurachaidh; ach rach air d’ aghaidh, agus cluinneamaid ciod a thachair. MUR.—Bha Eireannach bochd, luideagach aon la ag imeachd air a shocair, agus a’ gabhail an rathaid-mhoir a’ feadaireachd dha fein. Ghrad chomhlaich e tarbh mor, fiadhaich, aig an robh suilean a’ lasadh mar theine leis a’ chuthach a bha air. Ann am priobadh na sula, leum e air an duine thruagh, thog e suas air adhaircibh e, agus le aon bhras-upag, thilg se e thar garadh-cloiche a bha ri taobh an rathaid. Air do ’n Eireannach bhochd eirigh air a chosaibh mar a b’ fhearr a b’ urrainn e, thilg e suil air an ainmhidh fheargach agus chunnaic se e le ’shroin air an lar, a’ sgriobadh agus a’ reubadh suas na talmhainn le ’chois thoisich, mar is cleachd le bruit ’s an staid sin a dheanamh. Rinn Pat bochd snodh-gaire, ’n am da a bhi ’crathadh a chuid luideag, agus a’ tionndaidh ris an tarbh, thubhairt e, “A bheist ghrannda, chrosda, mur faicinn thu a’ striochdadh, a’ sgriobadh, agus a’ deanamh mor-umhlachd air an doigh sin, air m’ onoir gu ’n saoilinn gu ’n robh thu ann an da-rireadh, an uair a thilg thu mi thairis air a’ gharadh.” COIN.—Nach b’ e am blaomasdar gun ’cheill e, le bhi ’n duill gu ’n robh an tarbh a’ deanamh umhlachd dha, an uair a bha e ’n a chas-fheirg, a’ sgriobadh suas an rathad-mhoir. Bu mhaith dha nach deachaidh e ’s an am a dheanamh suas na reite ris an ainmhidh fheargach, oir bu ro chinneach gu ’n tilgeadh se e an dara uair thar mullach a’ gharaidh, mur deanadh e na bu mhiosa air. MUR.—Moran taing dhuit, a Choinnich, is neonach, ach is taitneach do sgeulan Eireannach, agus tha mi an dochas nach do theirig iad uile fhathast, agus gu ’m bheil la maith eile a’ teachd. Ach ciod an carbad a chaidh seachad le leithid de ghleadhraich? Seall a mach agus faic. COIN.—A Mhurachaidh, ’s e carbad Shir Seumas a th’ ann. Cha ’n fhac’ mi riamh ni ’s fearr. Stadaidh iad aig an Tigh-gheal a bheathachadh nan each. Gheibh mise dhachaidh maille riu, agus caomhnaidh sin iomadh ceum coiseachd dhomh. Greas ort do ’n Ghoirtean-Fraoich, a charaid ionmhuinn, agus altaichidh Seonaid do bheatha. Gabh mo leisgeul air son a bhi ’dealachadh riut co cabhagach, ach comhlaichidh sinn an ath-ghoirid. Slan leat! le moran bheannachd dhoibh-san gu leir aig a’ bhaile. Slan leat! ALASDAIR RUADH. Is fhasa gu mor fuireach samhach, na gun fhacal a thuilleadh ’s a chòir a labhairt. Cha labhair neach air bith gu tèarainte ach esan a tha ’sireadh a bhi ’n a thosd. Cha ’n ’eil neach air bith tèarainte ’n a mhaighistir ach esan nach ob a bhi ’n a sheirbheiseach. Cha ghabh neach air bith toil-inntinn thèarainte ach esan aig am bheil teisteanas deadh chogais. Is mor an gliocas gun bhi cas an gniomh, no dìorasach ’n ar barail fein. [TD 117] LITIR O FHIONNLADH PIOBAIRE G’A MHNAOI. A Mhairi, a Ghraidh,—Is bliadhna leam gach la o ’n a dhealaich mi riut fhein agus ris na paisdean. Tha mi ’n tras’ ann an Glaschu mor nan stiopall, baile na gleadhraich. O! nach robh mi aon uair eil’ am shineadh air bruach na h-aibhne far nach cluinninn ach torman nan allt, bairich nam bo, agus ceilearadh nan eun. Tha mi ’nis, mar a gheall mi, ’dol a dh-innseadh dhuit mar fhuair mi a mach. Tha cuimhn’ agad fhein mar a dhealaich sinn. Thog mi orm le bocsa na pioba gu beul a’ chaolais; ’s ann an sin a bha ’n othail: Marsali Mhor agus na buanaichean a bha leatha cho aoibhinn, aighearach, ’s ged nach biodh iad ach a’ dol do ’n choille-chno. Co ’bha ’m broilleach na cuideachd ach Para Mor le ’eile-beag ’s le ’bhoineid, mar a b’ abhaist da—cuaille de bhata daraich ’n a laimh—maileid de bhian gaibhre air a dhruim. “Failt’ ort, Fhionnlaidh Phiobaire,” ars’ esan, “gu ’m meal thu do bhrigis.” “Ma ta,” arsa mise, “tubaist oirre—’s i so a’ cheud uair a chuir mi orm i; na ’m fuir’eadh i shuas cha bu ghearan e; ach tha mi cheana cho sgith dh’ i ’s a bha da bhliadhnach eich de ’n ghad, a’ cheud oidhch’ a chuireadh air e.” A mach ghabh sinn an coinneamh soitheach na smuide, a’ Mhaighdean-Mhorairneach, mar a their iad rithe. Bha i ’teannadh oirnn o Mhuile, a’ cur nan smuid d’ i. “Tha i so a’ tighinn,” arsa Para Mor, “an aigeannach mhaol ghranda, le ’gleadhraich, ’s le ’h-upraid; cha b’ ioghnadh leam ach a’ Mhaighdean a radh rite; b’ i sin a’ Mhaidhdean gun mhodh, gun eisimeil.” Tharruing i oirnn, le caoiribh bana fo ’sroin—a’ slachdraich, agus a’ sloisreadh na fairge foipe, ’bha ’g eirigh ’n a h-iomairean bana cobhragaich a nunn gu h-Aros. Thainig i ’nuas oirnn a’ bagradh ar smaladh fo ’cuibhleachan. Fa dheireadh stad a’ bheist—a’s cha luaith’ a stad na cuibhleachan o ’dhol mu ’n cuairt, na ’thng feadan fada caol, a bha suas ri taobh an t-simileir mhoir, aon ran as a shaoil mi ’sgaineadh mo cheann. ’S ann an sinn a bha ’n uinich ’s an othail an dol ri cliathaich na Luinge, a h-uile beul ’s a’ bhata fosgailte ’s an aon am—gun urram fear d’ a cheile. Ma ’s i Marsali Mhor thug i ’mach a’ Bheurla sin nach do chleachd i o ’n a bha i ’n uraidh air a’ Ghalldachd; co ach ise—bha ’Bheurla ’s ’ Ghaidhlig am measg a cheile. “Dean fodha,” ars’ an dara h-aon;” “nach iomair thu, a mhic do mhathar,” ars’ an t-aon eile: “a stigh an ramh braghad shuas, buille ’g a deireadh shios.” “Cani, cani illean,” arsa Marsali Mhor—“gu reidh,” ars’ a h-uile h-aon. Mur bhith mo naire, ’s mar a bha mi ceangailte ’s a’ bhrigis, bha mi ’mach a shnamh gu tir. Fa dheireadh thainig ball cainbe le fead mu ’r cluasaibh, agus ghlaodh gach neach, “Cum air gu gramail, Iain Bhain.” Thug a’ Gheola aon sathadh aisd’ a nunn gu taobh na Luinge, agus shaoil leam gu ’n robh sinn thairis. Fhuair mi ’suas, ach cha ’n fhios domh cionnas; a’s cha mho bha ’fhios agam c’ait’ an tionnda’inn. “Tha thu ’n sin Fhionnlaidh,” arsa Para Mor, “mar bho mhaoil am buailidh choimhich. Thig leam dh’ amharc mionach na Maighdinn so fhein, a dh’ fheuchainn an tuig sinn mar tha ’bheairt innleachdach ag iomairt.” Ach, ma chaidh, ’s ann an sin, a Mhairi, a bha ’m fire, faire!—Sailthean iaruinn agas slatan a’ gluasad a nunn agus a nall, a sios agus a suas, air an ais ’s air an adhart, gun tamh, gun stad; cnagan agus gobhlan agus eagan a’ freagairt d’ a cheile. Cuibhleachan beaga ’n [TD 118] an deann-ruith mu na cuibhleachan mora. Duine truagh shios am measg na h-acfhuinn, a’ cur na smuid deth, far nach saoileadh tu am b’ urrainn do luch dol gun a milleadh; ach bha esan a’ gluasad air feadh na h-upraid, cho neo-sgathach ’s a rachach Para Mor no mise am measg nan caorach; ag armadh gach acfhuinn, achlais, udalain, agus feadain le h-olaidh agus le h-im.—“A dhuine thruaigh,” arsa Para Mor, “’s ann agam nach ’eil suil ri d’ aite; is daor a tha thu ’cosnadh d’ arain.” “C’ar son ars’ esan?” ’s e ’tionndadh suas a shul a bha ’snamh ann am fallus. Ged a labhradh a’ gheimhleag iaruinn a bha ’n a laimh, cha b’ urrainn duinn barrachd ioghnaidh a bhi oirnn na ’n uair a chuala sinn an duine so a’ labhairt na Gaidhlig. “Nach do shaoil mi,” arsa Para Mor, “gur Sasunnach, no Eirionnach, no Gall bochd a bh’ ann.” Thainig e nios, a’ siabadh an fhalluis o ’ghnuis le bad corcaich a bha ’n a laimh; agus thoisich e air beachd a thoirt dhuinn air an acfhuinn. Ach ’eudail, b’ i sin an fhaoineis. “An saoil thu, a Phara Mhor,” a deir mise, “nach anns a’ cheann a smaointich an toiseach air so a bha ’n innleachd?” “Coma leam e fhein a’s ’innleachd,” arsa Para mor. “Is mi-nadurra, peacach an innleachd so fhein, a cur sruth’ agus soirbheas an Fhreasdail gu ’n dulan, a’ dol ’n an aghaidh gun seol, gun ramh.—Coma leam i;—cha ’n ’eil an innleachd so cneasda. B’ fhearr leam a bhi ann an geola dhuibh Acha-na-craige—Eoghan an Rudha air an stiuir a’ ruith le croinn ruisgte, troi’ Bhuinne-nam-biodag, na ’bhi innte—tha mi ’g radh riut nach ’eil an innleachd so cneasda.” Mar a bha sin a nunn gu ceann Mhusdail chuala mi fhein sgal pioba air mo chul, agus air dhomh tionndadh co bha ’n so ach balach ronnach de mhuinntir Thirithe, a’ gleusadh a phioba, an fhad ’s a bheireadh duin’ eile cuairt aisde. “Ma ta,” arsa Para Mor, “‘Is ceannach air an ubh an gloc.’ Cia mar tha so a’ cordadh riut, Fhionnlaidh,” ars’ esan? “Is searbh a’ ghloir, a deir mise nach fhaodar eisdeachd.” Chluich e, fa dheireadh, “Bodach-nam-brigisean,” agus mu ’n do sguir e dh’i, bha mi cho sgith dheth fhein ’s da cheol ’s a bha mi de ’n bhrigis lachduinn. Co ’bha ’n deireadh na Luinge, ach Alastair ruadh Mac-an-Abraich, Tighearna Chola. Mhothaich e dhomh fhein, agus smeid e orm—cha robh maith a dhiultadh—bha moran uaislean shios leis air clar deiridh na luinge: Sasunnaich, Goill, agus Frangaich. Cuid diubh a’ leughadh, cuid ’n an cadal—cuid a’ meananaich, cuid ag itheadh. Fear dhiubh le gloin’ amhairc fhada, riomhach r’ a shuil, mar gu ’m biodh e ’dol a losgadh air Caisteal Dubhairt; mhothaich mi fear fada caol, glas-neulach le speuclair air a shroin, ’us bioran ruadh ’n a laimh leis an robh e ’tarruing dealbh a’ Chaisteal. Bha baintighearna mhor, riomhach ’n am measg agus measan leibideach de chu beag, molach ’n a h-uchd, ris an robh i a’ briodal, agus ’g a phogadh; agus da mhaighdean og leatha, air an robh rud nach faca mi riamh roimhe, brigisean geala anairt, fo ’n chuid eile d’ an aodach. Thug mi fhein a mach a’ phiob mar a dh’ iarr iad, ach a’ cheud sgal a thug i, theich gach aon diubh ach aon Sasunnach mor, reamhar, a shuidh mu ’m choinneamh le dha mheur ’n a chluasaibh, agus sgraing air mar gu ’m bithinn a’ dol g’ a itheadh. Ma bha ceol am measg nan uaislean, bha ceol agus dannsadh an ceann eile na Luinge. Ach mar ’bha sinn a’ dol sios gu Eisdeal, chaidh an ceol air feadh na fidhle. Bha ’n fhairge ’n a mill agus ’n a gleanntaibh; thoisich soitheach na smuide fhein ri [TD 119] dannsadh. Cha robh ran a bheireadh am feadan mor as nach saoileadh tu gu ’n robh muc-mhara r’ a cliathaich. Cha chluinneadh tu ’nis ach osnaichean o gach aite. Bha ’n Sasunnach mor a bha ’fochaid air a’ phiob, ’s a cheann thar beul-mor na luinge, an impis sgaineadh. “An tuilleadh teaanaidh ort,” a deir mise; “neo’ar thaing mur ’eil pluic piobair’ a nis ort fhein.” Rainig sinn an Crionan. Is priseil, arsa Para Mor, a’ chas air tir; a’ cheud fhocal a thainig as a cheann o’n a chaidh sinn seachad air beul Loch-faochann. Air an la maireach rainig sinn Glaschu, aite ris an abair iad am Broomielaw; b’ e sin Ceithe na h-upraid. Luingis na smuide a’ falbh agus a’ teachd lan sluagh, mar gu ’m biodh an saoghal a’ dol do Ghlaschu, agus an saoghal a’ teicheadh as. O nach d’ fhas mi bodhar leis a’ ghleadhraich a bha ’m chluasaibh, cha churam leam gu ’n caill mi mo chlaisteachd tuille. Bha sreath dhaoine* air an tarruing suas fa chomhair nan soithichean le ball cainbe mu ghuala gach aoin diubh, agus braiste riomhach air ’uchd. Bha iad so a’ smeideadh oirnn mar a bha sinn a’ dol gu tir, a h-uile beul fosgailte mar gu ’m biodh iad a’ cur failt’ oirnn; gach lamh sinte, agus gach suil siubhlach mar gu ’m biodh iad ag iarraidh luchd-eolais. Bha aon fhear, gu h-araidh a shocraich a shuil orm fhein, agus air dhomh amharc air gu geur, a dh’ fheuch an cuimhnichinn co e, chuir e ’lamh r’ a aid, agus chrom e ’cheann cho modhail, shiobhalta, ’s nach b’ urrainn domh gun an fhailt a fhreagradh; ann an prioba na sula bha e air clar na luinge, agus thog e leis bocsa mo phioba agus maileid Para Mhoir, cho eusgaidh ’s a ghlacadh Gaidseir Thobar-Mhoire buideal uisge-bheatha, gun chuireadh, gun chead. “Air d’ athais,” arsa Para Mor. “An cuala tu riamh, mo ghille maith, mar thuirt Clag Scain, ‘An rud nach buin da.’” “Leanaibh mis a dhaoin’ uaisle,” ars an duine, agus e ’falbh ceum romhainn. “’S ann ’s a’ bhaile mhor fhein,” a deir nis’, “a tha ’m modh. Is fad’ o ’n a chuala mi, gu ’m bi gill’ aig an fheannaig fhein ’s an fhoghar.” Dh’ iarr sin air e g’ ar toirt gu tigh Eoghain oig, far an d’ rinn iad ar beatha gu cridheil. Slan leat, a Mhairi, a ghraidh, air an am. Cuiridh mi litir eile ad ionnsaidh ann an uine ghoirid, ’n uair a gheibh mi cosnadh. Cha ’n ’eil thu fhein agus na paisdean tiota as mo chuimhne. O! bi furachair mu Lachann beag, mo chuilean gaolach. Am Freasdal a bhi maille riut guidhe durachdach, d’Fhir-phosda ghradhaich, FIONNLADH MAC-AONGHAIS. —Bho ’n Teachdaire Ghaidhealach. * Portairean a’ cheithe. DUAN OISEIN DO’N GHREIN. O thusa fein a shiùbhlas shuas, Co cruinn ri làn-sgiath chruaidh nan triath, Cia as a ta do dhearrs’ gun ghruaim, Do sholas ’ta cho buan, a ghrian? Thig thusa nach a’ t’ àille threin, A’s fal’chidh reultan bhuainn an triall; Theid gealach bhreac gun tuar bho ’n speur, ’G a ceiltinn fein fo stuaidh ’s an Iar. Tha thus’ a’ t’ astar mor a mhain; Oir co ’tha dan gu bhi a’ d’ choir? Bho ’n chruachan tuitidh ’n darach ard, A’s caithidh cam fo aois, a’s sgorr; Seadh traighidh agus lionaidh ’n cuan, A’s caillear shuas an ré* ’s an speur: Tha thus’ a’ t’ aon a chaoidh fo bhuaidh, An aoibhneas buan do sholuis fein. ’N uair dhubhas trom mu ’n domhan stoirm, Le torunn† borb as dealan beur,‡ ’N sin seallaidh tus’ a’ t’ aill bho ’n toirm, ’S fiamh ghair ort fein ’s an tailmrich ghéir. * A’ ghealach. † Tairneineach ‡ Uamhasach. [TD 120] Ach dhomhsa tha do sholus faoin, ’S nach faic mo shuil a chaoidh do ghnuis, A’ sgaoileadh cùil a ’s òrbhuidh ciabh Air aghaidh àillt’ nan nial ’s an ear, No ’n uair a chritheas tu ’s an Iar Aig dorsaibh ciar do shuain air lear. Math dh’ fheudt’ gu ’m bheil thu mar mi fein, An àm gu treun, ’s gun fheum air àm; Ar bliadhnaibh ’tearnadh luath bho ’n speur, A’ siubhal cas le cheil’ gu ’n ceann. Biodh aoibhneas orts’, a thriath gun bheud, ’S tu neartar, òg, fo ghleus nach gann. Is dorch’, mi-thaitneach làith’ na h-aois— Mar sholus faoin an rè gun chàil; I ’sealltainn sios bho neòil air raon, ’S an liath-cheo ’gluas’ air taobh nan carn, A’ ghaoth bho thuath air réidh neo chaoin, ’M fear-siubhail aosd fo bheud ’s e mall. LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG, AM BARD SGIATHANACH. Is lionmhor feart agus cumhachd-inntinn a leigeadh ris, agus a dh’ fhoillsicheadh leis na Bardaibh Gaidhealach. Gheibhear moran ’n am measg a bha ro chomharraichte, cha ’n e mhain air son deas-bhriathrachd agus oirdheirceas cainnte, ach mar an ceudna air son geiread, grad-leirsinneachd, agus dian-thuigse. Rugadh na feartan so maille riutha, agus bha iad, uime sin, nadurra dhoibh. Mar bu trice cha do tharruing iad a bheag sam bith de na buaidhibh a shealbhaicheadh leo, o fhoghlum, o theagasg, no air sheol sam bith o bhardachd nam filidh Greugach, no Romanach, no Sasunnach, do bhrigh gu ’n robh iad gu tur aineolach air gach ni a sgriobhadh leo sin fa-leth. Bha ’n luchd-dan a sgriobh ’n ar rioghachd fein ’s a’ Bheurla anns gach linn air ais, eolach air na Bardaibh Greugach agus Romanach, mar a bha Homer, Virgil, Horace, agus moran eile, agus bha iad a’ feudainn cuideachaidh o gach samhladh agus riochd-cainnte a bha air an gnathachadh leo sin anns na seann linntibh. Ach bha na nithe so uile, mar gu ’m b’ ann glaiste air luchd-filidh na Gaidhealtachd; agus an deigh sin, c’ ait am faighear ann an cainnt sam bith bardachd a bheir barrachd air moran de na danaibh a dhealbhadh ’s a’ Ghaidhlig? Tha Oisean mar gu ’m b’ ann leis fein, eadar-dhealaichte o na h-uile, air son maise agus freagarrachd nan samhladh a ghnathaicheadh leis. Ach gun ghuth a thoirt airsan, nach aillidh na samhlaidhean a ta air an dealbhadh leis a’ Bhard-Aosda, le Donnachadh Ban, Dughall Buchanan, Nighean Alasdair Ruaidh, Rob Donn, agus na ficheadan eile? Cha ’n ’eile creag, no beinn, no sruth, no cuan, no craobh, no luibh, no gaoth, no ceo, no ni sam bith ann an oibridh a’ Chruitheir mu ’n cuairt duinn, air nach d’ rinneadh greim chum an luinneagan aillidh a dheachdadh le maise agus beothalas! ’N am meag-san, uime sin, a rinn iad fein cliuiteach agus comharraichte air son fior dhuantaireachd bha am Bard Sgiathanach, Lachlunn Mac Thearlaich Oig. Ged nach ’eil mor-eolas aig an t-saoghal air, agus ged nach ’eil ach beagan a lathair de na danaibh a chumadh leis, gidheadh is airidh Lachlunn coir air ’aite fein fhaotuinn am measg nam Bard. Rugadh e am an sgiorachd an t-Srath, anns an Eilean Sgiathanach, ’s a’ bhliadhna 1665. Bu mhac e do Thearlach Og, Mac Thearlaich Mhic Ionmhuinn, ’s a’ Cheann-Uachdarach. Bha Fear a’ Chinn-Uachdaraich ’n a thuathanach co-thromach, measail, agus ’n a fhoirbheach eaglais. Bha e dluth ann an daimh ri Mac-Ionmhuinn, Uachdaran an t-Sratha. B’ i bu mhathair do [TD 121] Lachlunn, Mairi Nic-Leoid, nighean Iain Mhic-Leoid, fear na Droighnich, ’s an eilean cheudna. Bha paranta Lachluinn ro mheasail ’s an eilean, agus rinn iad an dichioll air gach foghlum ’n an comus a thoirt dasan, agus do ’n chuid eile dhe ’n teaghlach. Anns an linn sin cha robh sgoilean ach gle ana-minic air an suidheachadh ’s an Eilean Sgiathanach; agus chum leas a’ theaghlaich a chur air aghaidh, fhuair Fear a’ Chinn-Uachdaraich oganach as an Taobh-deas chum teagasg a thoirt d’ a chuid cloinne. An uair nach robh Lachlunn ach fathast ’n a leanabh, nochd e gu soilleir gu ’n robh caileachd agus gride na bardachd ’n a chridhe. Aig aois ochd bliadhda nochd e treoir agus beothalas-inntinn nach faichteadh ach gu tearcann am balachanaibh uiread eile na h-aoise sin. Bha e cridheil, sunndach, geur-bhriathrach, agus ro dheidheil air ceol agus bardachd. An uair a rinn a pharantan an dichioll chum gach foghlum ’n an comas a thoirt do ’n cloinn fein aig a’ bhaile, chunnaic iad gu ’n robh Lachlunn a’ toirt barrachd air cach, agus air an aobhar sin, air doibh a bhi cothromach ’n an staid fein, runaich iad Lachlunn a chur aig aois shea bliadhna deug gu Inbhir-Nathrunn, baile beag mu chuig mile deug an ear air Inbhirnis, far an robh sgoil ro ainmeil a dh-ionnsaidh an robh oganaich air an cur as gach cearnadh mu ’n cuairt. Dh’ fhan e anns an sgoil so re thri bliadhna, far an robh e cliuiteach, cha ’n e mhain air son tapachd a bhuaidhean-inntinn, ach mar an ceudna air son an durachd agus a’ bhuan-sheasmhachd leis an robh e ’g an gnathachadh, agus ’g an ath-leasachadh. Cha b’ fhad gus an d’ thug e barrachd air gach oganach eile a bha maille ris, agus gus an do choisinn e deagh-ghean a luchd-teagaisg gu leir. Dhasan cha b’ urrainn a bhi diomhain; agus an uair a bhiodh a chompanaich ri mireadh agus cluiche air na raointibh, gheibhte Lachlunn gu dian aig a leabhar fein. Bha e mar so a’ gnathachadh a mhionaidean taimh ann a bhi ’deanamh dhuanag ’s a’ Bheurla; agus bha cuid dhiubh gle bhiodheach. Ach do brigh nach b’ i a’ Bheurla cainnt a mhathar, cha robh na luinneagan sin airidh a bhi air an samhlachadh ris a’ bhardachd ghrinn a rinn e ’s a’ Ghaidhlig. B’ olc an airidh da-rireadh nach do sgriobh e sios ach fior neoni de na nithibh taitneach a rinn e ’s a’ Ghaidhlig, oir na ’m biodh iad gu leir air an gleidheadh, agus air an clodh-bhualadh ann an aon leabhar, thogadh iad an ughdar fein suas chum na h-ard-inbhe sin am measg luchd-filidh na Gaidhealtachd, air an robh e gun teagamh co ro airidh. ’N a phearsa bha Lachlunn Mac Thearlaich ’n a dhuine mor, sgiamhach calma, agus cha bu lionmhor iad a chuireadh a dhruim ri talamh. Gidheadh, bha e ciuin, macanta, agus stuama. Bha e comharraichte air son daimheileachd agus fior chairdeis. Bha tlachd aig na h-uile dha, agus bha a bheatha air a h-altachadh anns gach cuideachd. Bha e uasal ’n a nadur, gidheadh, iriosal ’n a ghiulan do ghnath. Bha gach ceann-cinnidh agus uachdaran air feadh na Gaidhealtachd eolach air, agus cha do mheas iad gu ’n robh cuideachd no comunn sam bith a chruinnicheadh air son aoibhneis no cridhealais, idir ceart agus iomlan, mur biodh Lachlunn Mac Thearlaich Oig a lathair maille riu. SGIATHANACH. (Ri leantuinn.) Is e an t-earchall a’s miosa a thig an car duiue, a bhi eu-comusach air ’earchall a ghiulan. [TD 122] AN RIBHINN DONN. [Ceòl] O ’s runach leam mo ribhinn donn ’S a’ ghleann taobh thall nam fuar-bheann— ’S an fheasgar chiuin theid mi le m’ run Gu doire dluth nam fuaran. Mo sheang-choin-seilg tha ’n garbhlach fhiadh, S’ mo chridhe cian tha ’n comhnuidh, ’S a’ ghleann ’s an eisd mo Mhairi ghrinn Ri ceilear binn nan smeorach. O ’s runach leam, &c. Tha eoin an t-sléibh air sgeith mu ’n cuairt, ’S cha duisg iad fuaim mo lamhaich, A’s mis’ am phramh an sgath nam bruach, ’S mo smuain mu ’n ghruagaich ghradhaich. O ’s runach leam, &c. ’S i ’s aotruim’ ceum ’s is dearrsaich’ suil, ’S a gair’ tha ciuin a’s caoimhneil, ’S a guth tha dhomhs’ mar sholas ciuil, ’S mi falbh nan stuc ’s an oidhche. O ’s runach leam, &c. A ciabhan fainneach ’s aillidh sgeimh, ’S a braighe ’s gle-gheal boidhche, Fo osna ’cleibh ag eirigh seimh, Mar fhaoillinn bhain air Lochaidh. O ’s runach leam, &c. A cridhe aobhach ’s aotrom sunnd, Mar mhang aig surd an reidhlein; Ach caomh a’s tlath mar bhlath fo dhriuchd, ’S fo mhaise chiuin a’ Cheitein. O ’s runach leam, &c. Mo ribhinn ghraidh a’s aillidh sgeimh, ’S do ’n araidh beus a’s boidhche, ’S a’ mhaise dh’ fhas air gradh nan ceud Cha treig i ’n Inbhear-Lochaidh. O ’s runach leam, &c. Ged gheibhinn lu-chuirt ’s crun an Righ A d’ iunnais dhiobrainn coir orr’; ’S tu bheann ’s a’ bhan-righ ’bheirinn leam Gu tamh aig bonn nam mor-bheann. O ’s runach leam, &c. A. M. CUMHA RAO. Air dhomh an t-oran a leanas fhaicinn deireadh na bliadhna anns leabhar ris an abrar anns a’ Bheurla an “Sunday Magazine,” dh’ eadar-theangaich mi e le run a chur a dh-ionnsaidh a’ Ghaidheil; agus a nis air dhomh cead fhaotainn o fhear-ullachaidh an leabhair sin a chur air adhart, tha mi ’g a sgriobhadh do bhur n-ionnsaidh. Chaidh an t-oran a dheanamh le bean bhochd ann an aon de na h-eileanaibh fiadhaich anns am bheil daoine ag itheadh feoil a cheile le mor bhlas. A reir a’ chunntais a chaidh a thoirt, bha Rao agus a fear-posda ro chaomh mu cheile gu aon latha mi-shealbhar a dh’ iarr i air am falt a bhearradh d’ a ceann. An uair a chunnaic e an craiceann cho geal, bhriagh thuirt e gu ’m feumadh e a ceann fhaotainn ri itheadh gun dàil, agus thoisich e ri teasachadh na h-àmhuinn, agus ri sgaoileadh dhuilleagan na craoibh pailm air a h-urlar. Thoisich Rao air deanamh a’ chumha so dhi fein: [TD 123] bha fios aice nach robh dol as ann di; agus bha a piuthar-cheile a’ gul ri ’taobh, oir bha an tinneas partanach (cancer) oirre, ’s bha Rao ro ghrinn rithe. An uair a bha an àmhuinn teth, mharbh a’ bhrùid an-iochdmhor a bhean bhochd, agus ròsd e a ceann, a riarachadh ’anamiann graineil. Chuir e an corr d’ a feoil am falach fo chraoibh. An uair a bha e an sin leis thainig da bhrathair Rao g’ a faicinn; dh’ innis a piuthar-cheile an sgeul bochd dhoibh, agus chaidh iad air tòir na beiste. Bha e a’ cur falach craoileig lan de fheoil a’ bhoireannaich bhochd; leum iad air gu grad, agus mharbh iad e, agus ròsd iad a cheann-san anns a’ cheart àmhuinn ’s an d’ ullaich esan ceann Rao. Is fheudar dhomh ainmeachadh gur ann ’s na h-eileanaibh a tha ’s a’ Mhuir Phacific a thachair so, gun fhios nach abair am fear-eachdraidh a thig an deigh an fhir a mhuinntir New Zealand air an robh Macaulaidh a’ sgriobhadh, gur an aig bun Beinn Nibheis a chaidh Rao itheadh, ’s gur ann an Gaidhlig a rinn i an cumha bronach, bochd so, na thachras seann aireamh d’ an Ghaidheal air anns am faic e CUMHA RAO AIR A SON FEIN. Freumh. Mo thruaigh, cia minic a bha againn comhradh diomhair! Guil, guilibh air mo shon! Slan leibh, tha sin a’ dealachadh gu siorruidh, O guilibh air mo shon! ’S tric bha againn comhradh diomhair leinn fein,— O nach gabh thu truas diom? Tha mo thìm air fas gearr, ’S dluth an oidhche bhuan domh,— O guilibh air mo shon, ’S sinn a’ dealachadh gu siorruidh! Guil, guilibh air mo shon! Ho rinn an o—ho ro io ro! Ceud mheas. O guilibh air mo shon, ’S mo ghrian ’dol sios air cul nam beanntan. O nach gabh thu truas diom? ’S mi ’faicinn ann an sud an amhuinn, A’s esan a’ gearradh a’ chonnaidh A ròsdadh mo chuirp bhochd gu biadh dha. O guilibh air mo shon, A’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! Dara meas. O guilibh air mo shon! Bu shona sinn aon uair comhla Ann an conaltradh grinn a’ ghraidh, ’S sinn gun dealachadh, gun dòlas,— Mise, rùn m’ athar Rongovi; A’s thusa, chliamhainn chiatach, Tri miosan na gorta móire, Bha ’g a chuideachadh gu gniomhach. O guilibh air mo shon, A’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! Treas meas. O guilibh air mo shon, A’s mi mar iasg air a tharruing A doimhne na fairge oillteil, ’G a thionndadh thairis a’s thairis Air grìosach na h-amhuinn teinntich. Mo cheile, tha thusa cho sgiamhach Ri eideadh de chraobh a’ mheas-arain, ’N uair a ghealaichteadh ri grian e. O guilibh air mo shon, A’s sinn a’ dealachadh gu siorruidh! Ceathramh meas. O guilibh air mo shon, Gabh thusa truas diom, O mo cheile; Tionndaidh o d’ smuaintean an-iochdmhor ’S paisg a rìs ri d’ bhroilleach fein mi. Guil, guilibh air mo shon! Ho rinn an o—ho ro éile. Tha an t-oran agam sgriobhte mar an ceudna anns a’ chànain anns an deachaidh a dheanamh, ach o nach leugh moran e cha chuir mi gu ’r n-ionnsaidh e. A’ guidhe deadh shoirbheachaidh do ’n Ghaidheal, is mi Bhur ban-charaid dhileas, MAIRI NIC-EALLAIR. Duneideann, Mios Maigh, 1874. Is esan an duine a’s saibhre am measg an t-sluaigh, a tha taingeil air son a chrannchuir fein, agus lan thoilichte leis na nithibh a ta e a’ sealbhachadh. Tha fior obair na h-eanchainn chum deagh shlainte agus beatha fhada, ach air an laimh eile, tha saruchadh na h-eanchainn a’ tarmachadh tinneis agus bais. [TD 124] CUMHA DHAIBHIDH AIR SON SHAUIL AGUS IONATAIN. Tha mais’ an t-sluaigh air beanntaibh garbh Ghilboa sinnt’ gun treòir; Oir thuit ar gaisgich chumhachdach An àird’ an tréin’ ’s an glòir: Na cluinnte ’n Gat no ’n Ascelon Gur h-ìosal cinn nan sonn, Mu ’n dean na h-òighean Philisteach ’N ar bròn-ne uaill le fonn. A shléibhtean àrd Ghilboa, Na sileadh oirbh gu bràth, ’S an earrach frasan gealltannach, No drùchd ’s an t-Samhradh bhlàth! Oir ’s ann an sin ’chaidh sgiath an rìgh A thilgeadh sìos le tàir, ’S a luidh, am measg nam mìltean marbh, Corp uasal, ungt’ an t-sàir. Bha bogha buadh’or Ionatain Air thoiseach anns gach càs; ’S air thùs bha claidheamh millteach Shauil, ’S na lorg chaidh sgrios a’s bàs; Mar fhìr-eòin luath, mar leògh’naibh treun Maraon bha ’m beatha chaomh; ’S a nis ’n an suain tha ’n rìgh ’s a mhac, Neo-sgairte, taobh ri taobh. A nighnean Israeil, deanaibh caoidh Air son nan gaisgeach mòr, A dh’ eudaich sibh le sgàrlaid, A’s a chrùn ur cinn le h-òr! O! Ionatain, mo bhràth’ir, ad dhéigh Is goirt mo dheòir ’s mo chràdh! Oir b’ iongantach, thar gaol nam ban, ’S bu taitneach dhomh do ghràdh. Cionnus, mo chreach! air beanntaibh àrd Ghilboa ’thuit na sàir! An àird’ an glòir ’s am mòralachd, ’S am builsgean dian a’ bhlàir! Cionnais a thuit na cumhachdaich Air faiche dheirg na strì, A’s sìnnt’ r’ an taobh an sgiath ’s an t-sleagh, Am bogha ’s lann, gun chlì! Eadar. le MAC-MHARCUIS. Ginidh Subhailc maise, ach ginidh Dubhailc duaichneachd. Sìnidh Suhbailc beatha an duine a mach, ach greasaidh Dubhailc e gu bàs. MAIGHDEAN GHOURI. (Bho ’n Bheurla.) A mhaighdean og, an teid thu leam, An teid thu leam, an teid thu leam? A mhaighdean og, an teid thu leam A nunn gu Carsa Ghouri? Air feasgar Samhraidh ’n am a’ Cheitein, Cian ro bheag roimh laidhe greine, Thainig oigh ’n a h-ùr-ghùn ceutach, Thar an t-sleibh do Ghouri. A maighdean og, &c. Cha robh am chrìdh’ dhi aon ni cearr, ’S mu ’braighe geal gu ’n chuir mo lamh, A’s thuirt mi rì am briathraibh graidh— “An teid thu sraid do Ghouri?” A mhaighdean og, &c. Is maiseach ceud-fhàs ros ’s an drùchd, Fo dhearrsa grein’ air madainn chiuin, Ach b’ àill’ Catrìona na gach flur A dh’ fhas o thùs an Gouri. A mhaighdean og, &c. Ni mi sgiamhach thu le sioda, ’S bheir mi thu do chuirt mo shinnsear, ’S ni mi ban-tighearn’ àillidh dhiotsa, Air na chì thu ’n Gouri. Le pogaibh milis a beoil cubhraidh Sgaoil rugha deirge ’n a gnùis ghil; Chagair i gu malda ciuin rium— “Theid mi, ruin, gu Gouri.” A mhaighdean og, &c. Thug na seann daoine an deoin doibh, ’S thainig sagairt gu am posadh; Feuch a nis a’ mhaighdean og, Le sìoda ’s srol an Gouri! A mhaighdean og, &c. Chuireadh a’ cheist air duine glic roimh so,—“Ciod is aois duit!” Fhreagair e, “Tha mi ann an slainte.” Chuireadh a’ cheist air a ris, “Cia co saibhir ’s a tha thu?” Fhreagair e, “Cha ’n ’eil mi ann am fiachaibh.” Cha d’ rinn aingidheachd riamh am maith a’s lugha do ’n duine. Cha ’n urrainn i neach sam bith a dheanamh ni ’s saibhre, ni ’s sona, no ni ’s glice. Cha ’n ardaich i duine ann an suilibh nan subhailceach, agus tha i uamhasach ann an sealladh nam firean. Uime sin biodh aingidheachd air a seachnadh leis na h-uile. [TD 125-132] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 133] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS AN T-SAMHRAIDH, 1874. [29 AIR. SILIS NIC-COINNICH SEANN SGEUL GAIDHEALACH. V. Cha robh focal tuilleadh ri radh mu Oighrig aig an am ud; ach bha dian-chonaltradh am measg nan uaislean a thaobh na casaid a thog i ’n an aghaidh. Ged bha an dithis a bu chiontaiche dhiubh a’ gabhail orra, an lathair a’ Mhoraire, a bhi caoin-shuarach mu ’n chasaid ud, chiteadh ’n an gnùis gu ’n do chuir i campar agus buaireas orra nach b’ urrainn iad a chleth; agus gu ’n robh iad le cheile fo eagal gu ’n robh stoirm a’ tarmachadh mu ’n timchioll a bhristeadh gun dail le maoim fhuathasach air an cinn. Bha am buaireas ud ri ’fhaicinn gu ro-shoilleir air gnuis aog-neulaich Charnaich. Bha Carnach uile gu leir ’n a dhuine iongantach—bha e fearail, calma, cruaidh-chridheach agus misneachail; dileas d’ a cheann-feadhna, agus baigheil teo-chridheach ris an iomlan de ’n fhine; ach cha robh riamh anns an duthaich ghrisreagaich ud aon chreutair eile a bu mho bha fo bhuaidh thrailleil an t-saobh-chreidimh. Bha lan chreideas aige anns an taibhsearachd, agus gheibhteadh e a’ sior-mheachranachd ris gach neach a bha ’g aideachadh a bhi ann an seilbh air an tiodhlaic dhiomhair sin. Cha rachadh e aig am air bith de ’n bhliadhna, air thurus-cuain, a dh-fhaicinn chairdean agus luchd-cinnidh dha, a bha ’chomhnuidh ann an Eirinn, gun sìd agus soirbheas fabharach a cheannach bho bhuidsich ainmeil a bha ’s an Eilein-Sgiathanach. Bha e ’creidsinn ann an tannasgan, bòcain, spioradan-mara agus tire, agus anns a’ chumhachd a bh’ aca tharais air beatha agus agus crannchur dhaoine. Uime sin, air do bhagraidhean Oighrig a bhi’comh-chordadh ri faoin-bheachdan saobh-chreidhmheach a bha ’luidhe air ’inntinn roimhe so, rinn a faistneachd mu na bha an dàn dha, deargadh cho domhain air a chridhe agus gu ’n robh e coltach ri duine as a chiall. Bu leoir e gu a reusan a thoirt uaithe, a bhi fo eagal gu ’n robh fianuis aogaidh, neo-thalmhaidh gu ’thighinn bho taobh thall na h-uaigh a dhearbhadh r’ a aghaidh, ann am fianuis a’ Mhoraire, an gniomh bruideil an-tromaichte d’ an robh e ciontach. Cho robh e freagarrach dha fuireach ni b’ fhaide air falbh bho ’theaghlach fein, agus mar sin, thoisich e ri deanamh deas gu tilleadh dhachaidh; ach chuir am Moraire gu naire e air son a chladhaireachd. “Ma tha thu ’dol a theicheadh air falbh o ’n chaisteal air an doigh so,” ars’ Eidirdeil, “is beag nach bi e comh-ionann dhuit ri saor-aideachadh air do chionta.” Air a’ bhonn sin, chuir e air ’fhocal e nach gluaiseadh e null no nall bho ’n Chaisteal gus am faicteadh ciod an fhinid gus an tigeadh casaidean agus faistneachd Oighrig. Air an ath oidhche as deigh do Oighrig [TD 134] a bhi air a ceasnachadh, thug Carnach mac a bhrathar a leth-taobh, agus thuirt e ris gu ’n d’ thainig e gu codhunadh nach robh ’nis leigheas a b’ fhearr air a’ chuis, na lan aideachadh a dheanmh air an cionta, gun tuilleadh dalach; ni ris nach aontaicheadh Bar-a-mhuilinn air chor sam bith, “oir tha mi dearbh chinnteach,” ars’ esan ri brathair ’athar, “gu ’m bheil bron a’ Mhoraire cho domhain agus cho geur, agus na ’n aidicheamaid ar cionta, gu ’n crochadh e sinn le cheile, gun bhreith, gun deuchainn, gun dail, gun soradh; agus a thuilleadh air sin,” ars’ esan, “ciod is fiach focal caile shuaraich nach faca ciod a thachair, ach aig astar fada uaipe, an aghaidh teisteas ceathrar dhaoin’-uaisle a bha ’n an suil-fhianuisean air. A Charnaich, cha ’n aidich sinn idir e; air dhuinn ar beatha ’chur an cunnart air son leas ar cinnidh, seasamaid gu daingean guala ri guala gus a’ chuid is faide mach.” Bha an dinneir car anmoch air an fheasgar ud, agus air do ’n Mhoraire ’thoirt fainear gun robh a chairdean, a reir coslais, iosal ’n an spiorad, choitich e am fion orra cho suilbhir agus cho fialaidh ’s a b’ urrainn e. Bha Carnach anabarrach neo-fhoisneach agus mion-mhothachail, ach rinn am fion ni bu mhiosa e. Bha a shealladh fiadhaich, neo-shuidhichte, agus a ghuth air uairibh ard, sgalanta, agus air uairibh eile mabach, iosal, critheanach. Shileadh a shuilean gu frasach ’n uair a chluinneadh e am focal bu lugha mu bhàs na ban-mhoraire. Anns an t-suidheachadh bhuaireasach so bha fleadhachas an fheasgar a’ dol air ’aghaidh, agus direach mu ’n am ’s an do ruith an gloine-ùine an naoitheamh uair, chaidh stad a chur air an cridhealas le aoidh iongantach a bhrist a stigh orra gun sireadh, gun iarraidh. B’ oidhche dhorcha i ann an treasamh mios a’ gheamhraidh. Shiolaidh an stoirm ghaillionnach ud a mhair moran laithean, gu fèath agus ciuine. Bha an speur fo mharbh-bhrat dorchadais. Bha an iarmailt coltach ri seomar-bais, ’n uair theid an ospag dheireannach seachad; agus bu leoir e gus a’ chuideachd a luasgadh agus a lionadh le uamhunn agus le iongantas, gu ’n tigeadh aoidh talmhaidh sam bith a dh-ionnsuidh a’ Chaisteil mu ’n am ud, air oidhche a bha cho dorcha agus cho ùdlaidh. An uair a b’ airde fuaim agus farum a’ chonaltraidh am measg nan uaislean mu bhord a’ Mhoraire, chualas maoth-bhuille sgaiteach, sgiobalta aig an dorus-mhor; aig nach buaileadh uair sam bith, ach luchd-tathaich urramach, ard-inbheach. Is cinnteach gu ’n robh rud-eigin anabarrach sonruichte ann am fuaim na buille ud; oir ma-dh’ fhaodta nach cualas riamh buille eile de ’n t-seorsa, aig an robh a leithid de bhuaidh air cridheachan agus air aghaidhean dhaoine, a bha cho misneachail, cho fearail agus cho chalma ri aoidhean Eidirdeil. Chuir a’ bhuille ud grad-chasg air farum na poiteireachd; bha gruaim dhorcha, iomaguineach air gach gnuis; gach suil air an dorus, oir le meud na h-oillt agus an eagail a thainig orra cho obann, cha b’ urrainn aon dhiubh sealltuinn direach ’san aodann air aon eile. Chualas ceuman aotram, sŭbailte air an staidhir, agus a’ tighinn direach gu cul dorus an t-seomair, far an do stad iad gu samhach car tiota—agus b’ i sin an tosdachd uamhasach do na h-uaislean a bha air an taobh a stigh. Ri h-uine, chaidh an dorus ’fhosgladh gu h-athaiseach, agus dh’èalaidh Oighrig Nic-Coinnich a stigh gu seimh, le a h-aodann cho glas-neulach ri tannasg; air a sgeadachadh le brai’-lin gheal, agus neapaigin gheal mu ’ceann. [TD 135] Is math a b’ aithne dhi cliu agus gne an duine ud d’ an robh sar-fhuath aice. Gun diog a radh, sheall i gu duairceach ann an aodann Charnaich; thog i a corrag ri ’aghaidh; thionndaidh i air a sail; dh’ fhosgail i an dorus, agus leig i stigh Silis, Ban-mhoraire Eidirdeil! Cha ’n ’eil focal anns an ursgeul so ach smior na firinn—cha ’n fhaoin-sgeul mac-meamnach e, no deilbh-inntinn baird no feallsanaich; ach firinn cho dearbhta ri eachdraidh teaghlaich sam bith, an taobh a stigh do chriochan Bhreatunn. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh, agus anns an dearbh eideadh leis an robh i air a sgeadachadh ’n uair a chaidh a tilgeadh ’bharr na drochaid mhaide. Bha a h-aodann glas-neulach; cha robh i idir cho aoigheil no cho failteach ’s a b’ abhaist dhi bhi; ach a thaobh gach dreach agus cruth, agus comharra-gnuise a bhuineadh dhi, cha bu chomasach do neach d’ am b’ aithne i an teagamh ’bu lugha ’altrum mu a timchioll. Chriothnaich gach mac mathar a bha mu ’n bhord. Ann am priobadh na sul, dh’ eirich Carnach, agus a dh’ aon sitheadh leum e mach troimh an uinneig a b’ fhaisge dha—bha uinneagan sean-fhasanta a’ chaisteil air an crochadh le ludagain, agus thachair do ’n uinneig ud a b’ fhaisge do Charnach a bhi leth-fhosgailte aig an am ud. Ciod air bith a b’ aobhar dha, dhearmaid Oighrig a crannadh air an fheasgar ud. Mu ’n gann a bha Carnach thar na h-uinneige, leum Bar-a-mhuilinn a mach as a dheigh; ach cha do ghluais a h-aon de na h-uaislean eile: bho nach robh lamh acasan, da-rireadh, ann am fuil na ban-mhoraire, chuir iad rompa gu ’n seasadh iad ris a’ chuis gus a’ chuid a b’ fhaide mach; ach bha iad uile air an grad-ghlacadh le a leithid de chaismeachd, agus nach d’ thug gin dhiubh fainear ’s a’ cheud toiseach gu ’n deachaidh Carnach agus mac a bhrathar am mach troimh an uinneig; ged a thug Oighrig sgread oillteil dhioghaltach aisde, an uair a chunnaic i fear an deigh fir dhiubh a’ dol as an t-sealladh. Ged a mheudaich sgreadail Oighrig breisleach bhuaireasach nan uaislean car tiota, cha b’ fhada gus an robh an inntinnean air an dusgadh suas leis an taisbeanadh iongantach a bha fa chomhair an sul. Sheas Silis car mionaid no ’dha air meadhoin an urlair, le a suilean silteach a’ dur-amharc ann an aodann a’ Mhoraire. Mu dheireadh, thog i suas a suil agus a lamhan ri neamh, agus ann an cruaidh-ghleachd anama, ghlaodh i a mach:—“Ciod e so a thainig orm, no ciod a rinn mi, nach ’eil duine an taobh a stigh de m’ thigh fein a chuireas failte no furan orm!” Bha gach teanga balbh, gach suil ris an lar; cha do ghluais, eadhoin Eidirdeil, a fein, lamh no cas, gus an do leum an tannusg ’n a dhail. Ghlac i e ’n a gairdeanan, leig i a ceann air ’uchd agus ghuil i gu goirt. “O, a Dhe m’ athraichean! mar is beo mi, is i mo Shilis fhein a th’ agam—Silis mo chridhe agus mo ghaoil,” thuirt Eidirdeil, agus e ’g a fàsgadh gu teann ri ’bhroilleach. Is i Silis a bh’ ann gun teagamh. MUILEACH. [F.S.—Giulaineadh luchd-leughaidh a’ Ghaidheil le an teagamhan mu fhirinn an ursgeoil so, gus am faic iad a chrioch anns an ath aireamh. M.] (Ri leantuinn.) Na ’n tionndadh duine a chulaobh a h uile uair a thigeadh a’ ghaoth ’n a aghaidh cha tig an latha a ruigeadh e ceann a thurais. Mar sin, esan a leigeas leis fein a bhi air ’amaladh leis gach ni a thig cearr air, cha dean e moran adhartais ann an turas na beatha. [TD 136] COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COIN.—Tha ’n Goirtean-Fraoich sona an diugh agus Murachadh Ban an taobh a stigh d’ a chriochaibh. Cha chomas domh ’innseadh an toilinntinn a ta oirnne gu leir gu ’n d’ thainig thu, a charaid ionmhuinn, a reir do gheallaidh; agus na ’m bithinn-sa co fileanta, snas-chainnteach ri Mac-Mharcuis an aigh, chuirinn-sa do chliu an ceill ann an rannaireachd; ach dhiult na deich oighean sin a ta ’chomhnuidh (mar a bha thu ag innseadh dhomh) air stucaibh ard Pharnasuis, comas na teangaidh dhomh chum sin a dheanamh. Ach an deigh sin uile cha lugha an durachd a th’ agam dhuit, agus an solas a ta ’lionadh mo chridhe air son do theachd. MUR.—Cha ’n fhac agus cha chual mi riamh thu cho deas-bhriathrach agus cho gleusda leis an teangaidh, ’s a tha thu an diugh, a Choinnich; is cinnteach leam gu ’n d’ rinn thu greim air aon no dithis de na h-oighean sin air am bheil thu ag iomradh, agus aig am bheil tàmhachas, mar a thubhairt thu, air mullach Pharnasuis. Ach ciamar a fhuair Fear a’ Ghoirtein-Fraoich eolas air na Ceolraidhean sin, agus co a dh’-innis da mu ’n timchioll? COIN.—A Mhurachaidh Bhain, is neonach leam do cheist. Fhuair Fear a’ Ghoirtein-Fraoich eolas air na Ceolraidhibh agus air iomadh ni eile uait fein, a charaid, mar a ta deagh-fhios agad, agus mar an ceudna o mo charaid ionmhuinn an Gaidheal ann an Glaschu, agus o ’n Ard-Albannach ann an Inbhirnis. Mo mhile beannachd aca maraon! B’ iad na diulnaich thapaidh iad, agus is mi fein a ta ’n an comain. Ach, a charaid choir, suidh a stigh ris an teine, agus dean thu fein co soimeach, socrach ’s is urrainn thu. Ma tha do chaisbheart fliuch no àitidh, tha osain agus brogan ni ’s leoir aig Seonaid; agus co d’ am bu choir di an tabhairt air thoiseach air Murachadh Ban? Ach mo dhi-chuimhne! is luaithe deoch na sgeul,—far nall am botal dubh, agus an t-slige-chreachainn, a Sheonaid, a ghraidh, oir is feàirrte do charaid sgailc bheag de dhruchd nam beann, gus am bi goireas ni ’s fearr agad deas. So, so, air do shlainte, a Mhurachaidh. Far do lamh, agus na h-uile la leat, “An la a mharbhas tu fiadh, agus an la nach marbh.” MUR.—Tha nair’orm, a Choinnich, an dragh agus an trioblaid a tha Seonaid agus thu fein a’ gabhail do m’ thaobh-sa. Da-rireadh, cha ’n ’eil feum idir agam air bad de na tha umam ’atharrachadh, oir tha mi co tioram ri àrcan, o bharr gu bonn, agus cha ’n aithne dhomh an diugh ciod a dh’ fhagadh air ’chaochladh mi, oir tha ’n la taitneach, tiorail, tioram, agus ged tha boglaichean air an t-slighe, gu sonraichte anns a’ Ghleann-Mhor, tha deagh shuilean ’n am cheann chum an seachnadh. COIN.—Cuir riut, a Mhurachaidh, cuir riut, gabh deur beag dhe ’n stuth sin aig Seonaid, agus tog greim dhe ’n aran agus dhe ’n chàise, gus am bi ni ’s fear r’a fhaotuinn; direach dean thu fein aige a’ bhaile. MUR.—Is druchd nam beann so da-rireadh, air am bheil iomadh deagh bhuaidh. Tha e mar a rinneadh e—cha do bhaisteadh e riamh, agus cha ’n ’eil droch fhaile na cise dheth. COIN.—Cha mheallar gu h-ealamh deagh bhreitheamh, a Mhurachaidh, oir tha thu gle cheart, Tha ’n druthag sin saor o uisge, agus ceart co saor ri sin o ’n chis. Rinneadh e ’s a’ Ghlaic-Bhuidhe o chionn leth-bhliadhna, le Gilleasbuig Mac Dhonuill-duibh, agus is maith an lamh air an obair e, na ’m biodh [TD 137] cead na coise aige. Ach tha eagal nan Gaidsear air, agus cha ’n ann gun aobhar. Tha ’n sean-fhocal ag radh. “Nach d’ rinn Theab riamh cron,” ach cha ’n fhior da sin. Theab an Gaidsear Gilleasbuig bochd a ghlacadh an uair a bha e ’deanamh na boinne bige so ’s a’ Ghlaic-Bhuidhe, ’n a bhothan uaigneach fein. Chunnaic a shuil fein an Gaidsear mar uidh cheud slat o ’n bhothan; bhuail an t-eagal e; ’n a chabhaig chuir e soitheach na ruith-shingilte thairis, agus dhoirt e a dharna leth, agus cha bu bheag an dorran sin. MUR.—An deachaidh an Gaidsear do ’n bhothan? COIN.—Cha deachaidh, gu fortanach, oir bha e air a thogail ann an slochd eadar da chreig, air a chomhdachadh le fraoch a bha ’fas os a chionn, agus air a chealachadh co maith ’s nach do thuairmeis an Gaidsear idir air, ged a rinn e deagh rannsachadh air a shon, air da a bhi o mhoch gu dubh air feadh chreagan agus choilltean na Glaice-Buidhe. MUR.—Ciod a dh’ fhag co dian, deas, diorrasach e ’s a’ Ghlaic-Bhuidhe, seach aite sam bith eile? COIN.—Ma ta, innsidh mi sin duit, a Mhurachaidh, thugadh brath dha gu ’n robh a leithid de bhothan ann. MUR.—Brath dha! an e tha thu ’g radh? Brath dha! Tha ’n truaigh air a’ ghnothuch; ach tha mi ’n dochas nach ’eil anam co mi-dhileas ’s na criochaibh so, ’s gu ’n treigeadh e coimhearsnach, agus gu sonraichte Mac Dhonuill-duibh, mac an deagh athar. Is nair’ r’a chluinntinn gu ’m biodh aon neach a bhrathadh a choimhearsnach r’a fhaotuinn anns a’ chearnadh so, an uair, ann am bliadhna Thearlaich, nach d’ fhuaradh fiu a h-aon a bhrathadh am Prionnsa ged a ghealladh deich mile-fichead airgid mar dhuais air a shon. COIN.—Tha eagal orm, a Mhurachaidh, gu ’radh riutsa, agus cha ’n ann ri Gall, gu ’m faighteadh na ficheadan an diugh am measg nan Gaidheal a brathadh e air son deich mile fichead sgillinn Shasunnach. MUR.—Ach co a rinn brath air Gilleasbuig Mac Dhonuill-duibh a tha ’n a dhuine cho neo-lochdach? COIN.—Co ach duine dona, suarach—creutair beag, crotach, d’ an ainm Leslie as a’ Ghalldachd, a bha an toiseach ’n a charbadair aig Sir Seumas, agus dhealaich e ris air da nighean Cailleach nan cearc aige a phosadh; agus tha e a nis ann am bothan beag, a’ teachd beo, tha mi lan-chreidsinn, air a’ mheirle! Dh’iarr e coingheall an eich bhain air Gilleasbuig coir air là araidh, agus thuirt Gilleasbuig ris, “A phiollain gun diu, tha ’n t-each ban marbh ri taobh a’ gharaidh ud thall, ach ged bhiodh e beo cha ’n fhaigheadh tu e.” Ghabh Leslie so ’s an t-sroin, agus air ball rinn e brath air Gilleasbuig; ach cha robh moran a nasgaidh aig Tomlin an Gaidsear de ’n ghnothuch. MUR.—Ciod a ghne fir a tha ’n Tomlin? COIN.—Tha sgonn-bhalach mor, drabasda, duaichnidh, a’ crathadh le reamhrachd, agus aig gach ceum a’ sileadh falluis mar bhuideal eu-dionach. Bha e ’cur neach ’n am chuimhne nach fhaca mi riamh, agus a chaoidh, a reir coslais, nach faic, agus ’s e sin an Tagradair mealltach Arthur Orton, a bha ’cumail a mach gu ’m b’ e fein Roger Tichborne. Chunnaic mi a dhealbh gu tric ann an Eirinn, agus cha ’n fhac mi riamh e, nach do chuimhnich mi air Tomlin mor, an Gaidsear dubh agam fein. Ach dh’ fhalbh e, agus is comadh co dhiubh, oir cha duirig neach poc a chur an toll, no am poll uisge, no poit-dhubh air teine air eagal nam fear sin a tha rannsachadh na duthcha mar brocairean an deigh [TD 138] nan sionnach. Is anabarrach cruaidh an lagh, a Mhurachaidh, nach ’eil a’ ceadachadh do dhuine gach ni a’s toil leis a dheanamh le chuid dhlighich fein. Cha ’n ’eil e idir ceart, oir tha e an aghaidh naduir. Cuid duine fein, an ni sin a choisinn e le fallus a ghruaidh! nach cruaidh ri ’smuaineachadh gu ’m biodh reachd, no lagh sam bith ’g a bhacadh chum na thogras e a dheanamh leis. MUR.—Cha ’n ’eil fios agam air sin, a Choinnich oir “tha dà thaobh air a’ Mhaoil,” agus tha da bharail gu bhi air an gabhail de ’n chuis sin. Tha cead agad aran a dheanamh dhe ’n eorna agad fein, agus a chur gu feum mar sin, air son maith do theaghlaich, ach cha ’n ’eil cead agad, air chor sam bith, uisge-beatha a dheanamh dheth gun fhios, agus gun ordugh an luchd-riaghlaidh, agus tha sin ro cheart. Na ’m biodh an cead so aig na h-uile mhilleadh iad, mar an ceudna, an duthaich le misg agus ana-measarrachd, agus dh’ fhagadh iad toll mor, falamh ann an sporran mor na rioghachd, leis na cisean a chumail air ais, a tha ’s an am air an tarruing o ’n deoch laidir. COIN.—Tha mi ’faicinn gu ’m bheil moran firinn anns na thubhairt thu, a Mhurachaidh, oir bu mhor am beannachd do iomadh neach mar biodh deur dheth ’s an rioghachd air fad. A reir mo bheachd-sa tha e mar shochair eile ’n a aite fein. Tha e ro fheumail air amannaibh—’n a dheagh sheirbhiseach, ach ’n a dhroch mhaighstir. Mo thruaigh an neach air am faigh e ard-cheannas. Gidheadh, mar a thubhairt mi cheana, tha e ann an tomhas cuimseach mar bheannachd aimsireil eile, agus cha chreid mi gur peacadh sam bith do dhuine ’fheumalachd fein a ghabhail deth, mar a ghabhas e de ni sam bith eile a tha toirbheartas an Fhreasdail a’ buileachadh air. MUR.—Cha ’n urrainn mi ’radh, a Choinnich, nach ’eil mi fein gle dhluth air a bhi dhe ’n bheachd cheudna. Ach their cuid riut gur peacadh mor barr na teangaidh a thumadh ann, no am boinne a’s lugha dheth a chur ’n ad bheul. Tha iad dian dhealasach ’n am beachd fein, agus cha ’n eisd iad ri reusan no ri tuigse. Tha iad a’ deanamh ’mach, do bhrigh gu ’m bheil deoch laidir ’n a h-aobhar iomadh truaigh agus sgrios anns an t-saoghal, gur peacadh do dhuine an gnothnch a’s lugha a bhi aige rithe, no eadhon beanntuinn rithe idir. Dh’ fheudadh iad co maith a radh gur peacadh greim ubhaill a chur ’n ad bheul, a chionn gur e itheadh an ubhaill a bha ’n a aobhar air gach sgrios agus amhghar anns an t-saoghal. Aidichidh mi, gibheadh, air an laimh eile, gu ’m bu sholasach an ni do ’n Rioghachd Bhreutannaich nan cuireadh na h-uile cul ris an deoch laidir sin, agus nach biodh iad idir ’g a cleachdadh, mur comusach dhoibh a gabhail le stuamachd. Ach deanadh iad sin air steidh cheairt, agus deanadh iad e gun ghealladh, gun mhionnan, gun bhoid, gun ni sam bith ach Focal De agus an coguisean fein ’g an stiuireadh. Na biodh iad ag iarraidh cur as do ’n aobhar truaighe sin le bhi ’togail air steidhibh meallta, a’ carnadh suas bhoidean agus ghealltanasan, agus ’g an sparradh le danachd air an t-sluagh, mar nach biodh Focal Naomh Dhe ’n a riaghailt iomlan agus freagarrach ann fein, air son giulan agus caith-beatha an duine anns an t-saoghal so. COIN.—Fagaidh sinn mar sin fein e, a Mhurachaidh, agus bu taitneach an ni na ’n gnathaicheadh na h-uile stuamachd agus measarrachd anns na h-uile nithibh, agus gu ’n giulaineadh siad iad fein ann an cothrom agus ann an ciuineas maille ris gach [TD 139] neach eile. Bu ghleusda, tapaidh, a thaobh nadair, gun ghuth a toirt air na buaidhibh spioradail a bhuilicheadh air, an ti a thug a’ chomhairle a leanas, o cheann fada, seachad:—“Biodh bhur measarrachd follaiseach do na h-uile dhaoinibh.” Tha nadur, reuson, agus taisbean a’ deanamh ’mach gu ’m bheil staid mheadhonach ann eadar da iomall criche, agus gur i sin an staid a’s sona, a’s glice, agus as fearr. Cha ’n ’eil an duine sin glic a theid dh’ ionnsuidh na cuid a’s faide a mach, a thaobh ni sam bith. Cha ’n ’eil e glic do dhuine a bhi tuilleadh ’s dian ’n a bharail fein, no tuilleadh ’s balbha. Seasadh e ’s a’ mheadhon thaitneach, eadar dha anabharr, agus na seoladh e tuilleadh ’s ard no tuilleadh ’s iosal. Faic ciod an strith tha crochadan an uaireadair mhoir a’ deanamh gu seasamh ’n a thamh, eadar null agus nall, nall agus null, na ’n leigteadh leis; agus ceart mar sin tha gach ni thaobh giulan an duine gu bhi measarra, meadhonach, agus stuama. MUR.—Ud! Ud! Ud! a Choinnich, is tu a dh’ fhas geur, foghluimte, agus fiosrach mu gach cuis. Tha mi gu cinnteach ag aontachadh leis gach lide a labhair thu; ach ciamar a thainig thusa gu beachd a ghabhail de na cuisibh sin uile? oir cha tric leo-san aig am bheil e mar dhreuchd a bhi ’gleidheadh nan caorach, an inntinnean fein a chur troimh a cheile le ceistibh diomhra de ’n ghne sin. COIN.—Thainig mise gu beachd a ghabhail air na nithibh sin o bhi ’leughadh mu ’n timchioll ’s a’ Ghaidheal agus ann an leabhraichibh eile. Is mor am fiosrachadh a gheibh neach a ta ’g iarraidh eolais o na sgriobhannaibh aig Renton, an Runasdach, Mac-Mharcuis, Cona, am Muileach, agus na ficheadan eile nach gabh tair ged nach ’eil uine agam an ainmeachadh aig an am. Tha Bun-Lochabar mar thobar nach traoigh, an comhnuidh lan, agus an comhnuidh a’ toirt seachad. Tha Renton, air an laimh eile, gun choimeas a thaobh ’eolais air gach bun agus barr, stoc agus freumh, a bhuineas do chanain na Gaidhealtachd. Is taitneach, mar an ceudna, na teagasgan fallain aig an Runasdach. Saoghal fada agus deagh bheatha do ’n triuir sin am measg chaich, oir is maith iad uile. Cha ’n eil a bheag agam ri ’radh aig an am mu ’n chreutair Sgiathanach sin. Tha eagal orm gu ’m bheil a cheann air a lionadh tuilleadh ’s mor le taibhsearachd, giosagan, agus seunachd an eilein sin. Ach ’s an am, bheir mi guth maith agus cead a choise dha, do bhrigh nach ’eil mi ro chinnteach as. Ach so tha mi ’g radh, a Mhurachaidh, tha eagal orm gu ’m bheil thusa a’ deanamh tair air dreuchd na buachailleachd, agus ma tha, cha ’n eil barrantas sam bith agad air son sin a dheanamh. Tha deagh fhios agad-sa gu ’n robh a’ bhuachailleachd ’n a dreuchd ro urramaich anns na ceud linntibh. Bha ar roimh-aithrichean ach beag gu leir ’n an aodharaibh, agus cha do mheas iad e ’n a thamailt an ceud mhac agus nighean a chur a ghleidheadh nan caorach. Agus co a’s fearr fios na thu fein, a’ charaid, gu ’n robh righ Israeil fein an toisich ’n a bhuachaill air machraichibh Bhetleheim; agus cha ’n e sin a mhain ach mar an ceudna Esan air an robh Daibhidh ’n a shamhladh a thubhairt le ’bhilibh beannuichte, “Is mise am Buachaill maith, agus is aithne dhomh mo chaoraich fein, agus aithnichear le ’m chaoraich fein mi. MUR.—Ud! Ud! a Choinnich choir, tha thu ’nis a’ ruith air falbh leis na cliathaibh gu buileach orm. Cha do smuainich mise riamh air tair a dheanamh air do dhreuchd, no [TD 140] ort fein ’n ad thigh fein, no ann an aite sam bith eile fo ’n ghrein; oir tha barrachd meas na sin agam ort fein agus air do theaghlach. Ach gun teagamh chuir thu iongantas nach bu bheag orm le farsuingeachd an eolais a leig thu ris dhomh o ’n chomhlaich sinn mu dheireadh, an coimeas ris na bha agad an uair a thainig sinn an car a cheile an toiseach. COIN.—Tha taing a thaobh sin dligheach dhuit-sa ad aonar, a charaid ionmhuinn; oir mar b’ e thusa, bhithinn-sa an diugh co aineolach ri loth na h-asail fhiadhaich. Is tu a stiuir mi air mo chairdibh urramach na Gaidheil fhogluimte sin a thug gach eolas domh ann an cainnt mhilis mo mhathar. MUR.—Is comadh leam do bholaich agus do ghoileam, a Choinnich, oir is iad do dhichioll agus do dhurachd fein a rinn an gnothuch air. Ach faic, a charaid, faic ciod a chuir Seonaid choir air mo ghluin, o ’n chaidh thu a mach—mir mor de ’n chlodh ghlas, chum a leithid eile ri d’ thrusgan fein a dheanamh dhomh, agus O! nach aillidh an t-eudach e! Nach e tha min, molach, maiseach, agus reidh! Cuir fios air Fionnladh tailleir gus an gabh e mo thomhas, agus gus an dean e mo chota glas air a’ shocair. An uair a bhios e deas is furast dha a chur am ionnsuidh le neach eigin; ach gu cinnteach tha nair’ orm air son caoimhneas Seonaid. COIN.—Nair’ thall no bhos, is comadh co dhiubh; ach so agad mar a bhios a’ chuis, a Mhurachaidh, cha teid ceann no cas dhiot á so, gus an dean Fionnladh tailleir an cota gu maith ’s gu ro-mhaith, ged a ghabhadh e caigeann sheachduin ris. Is tu nach caraich, fhir mo ghraidh, agus bi ’n ad thosd, agus na cluinneam focal tuilleadh as do cheann mu ’leithid do ni amaideach. Tha greim agam ort, agus cumaidh mi e gu daingeann. Mur urrainn mise annad, foghnaidh Seonaid dhuit, agus cha soirbh an ni dol á liontaibh nam ban. Tiugainn a mach, agus rachamaid a dh-fhaicinn seann chaisteal Shir Seumas, agus a ris bheir sinn suil air a’ chrodh Eireannach gus am bi greim dinneir deas aig Seonaid. MUR.—Ciod a smuainicheas iad aig a’ bhaile, a Choinnich? cuiridh iad a mach air mo thoir mur ruig mi dhachaidh gun dail. Cha dean e an gnothuch idir. COIN.—Cha ’n eagal doibh, oir cha smuainich iad gu ’n deachaidh Murachadh Ban ann an slochd, no air seacharan, o ’n tha deagh fhios aca gu ’m bheil e crionnta gu leoir chum an aire a thoirt dha fein. A Sheonaid, an cluinn thu mi? Cuir air falbh Seumas beag a dh-innseadh do Fhionnladh tailleir gu ’m bheil mise ’g a iarraidh am maireach. Biodh e an so aig naoi ’s a’ mhaduinn, thugadh e a chrios-tomhais leis, agus cuiridh sinn an diulnach air deananaich air a’ chlodh-ghlas. MUR.—“Is dan, misneachail an coileach air a dhunan fein,” a Choinnich, agus cha ’n ’eil e modhail domh-sa a bhi ’cur gu dian ’n ad aghaidh, ach tha a la fein aig gach neach, agus cha ’n ’eil fios nach faigh mise greim ort uair-eigin aig mo thigh fein, agus ma gheibh, cha bheo mise mar toirear ortsa an ni so ’iocadh da fhillte, ged nach geall mi aon chuid cota dubh no glas dhuit air son do cheilidh. Rachamaid a nis a shineadh nan cas, agus thugamaid caisteal an Ridire oirnn, agus a ris tilgeamaid air suilean car sealain air an fheudal Eireannach. COIN.—Rachamaid do ’n chaisteal an toiseach, ma ta, a chum amharc air na seomraichibh greadhnach, agus air gach earnais a chithear [TD 141] annta, agus an deigh sin, bheir sinn suil air a’ chrodh. MUR.—Cuir ceum ann, a ghille mo chridhe, gus an dean sinn a’ chuid a’s fearr d’ ar n-uine, oir tha ’n la a dol seachad. COIN.—Thugamaid an dorus oirnn ma ta, agus a ris an caisteal, air am faigh sinn lan chomus gu rannsachach o h-uilinn gu h-oisinn, air do Shir Seumas fein a bhi ann an Lunainn aig an am. MUR.—Ochan! a righ! nach ann an so tha na dealbhan—ach co i a’ chailleach bheag, bhiorach ud, aig am bheil sron co geur ’s gu ’n gearradh i caise? COIN.—Is i sud seann-sean-mhathair Shir Seumas, agus tha e air aithris gu ’n robh i anabarrach crion, coirbte, crosda, re laithean a beatha; agus an uair chaochail agus a dh’ adhlaiceadh i ann an Cladh-nan-cath, gu ’n do dhiult a spiorad faire a dheanamh aon oidhche thairis air innis sin nam marbh. MUR.—Tha e cosmhuil gu ’n robh a’ chailleach bhochd dùr, rasgach, ceannairceach, an uair bu bheo agus bu mharbh i, ma ’s fior an aithris. COIN.—Ach ciod bu chiall do ’n bharail neonaich sin, a bha moran a’ creidsinn, agus a ta cuid a’ creidsinn gu ruig an la an diugh? MUR.—Tha e cianail r’ a smuaineachadh am measg nam beannachd spioradail a tha sinn a’ sealbhachadh anns an tir shona agus shaor so, gu ’m biodh aon neach r’ a fhaotuinn a bheireadh geill anns a’ chuid a’s lugha do nithibh saobh-chrabhach mar so, gidheadh tha cuid ann a ta ’g an creidsinn; ach ciod a chual thusa mu na nithe faoine sin? COIN.—Ciod a chual mi, an e tha thu ’g radh? Chual mi an uair a dh’ adhlaichear duine anns a’ chladh, gu ’m bheil a spiorad-san mar fhear-freiceadain air na mairbh a ta ’s an àit’-adhlaic sin gu leir, agus gu ’m mair e anns an dreuchd dhuis-neulaich, oillteil sin gus an adhlaicear an ath chorp, an uair a ni spiorad a’ chuirp sin a dhreuchd a thogail gus an tig an ath adhlac a ris, agus mar sin air adhairt gun sgur. Ach ma ’s fior an sgeul, ’s i so an dreuchd ris nach gabhadh spiorad na caillich crosda, greannaich air an do ghabh thu beachd, gnothuch sam bith. MUR.—Ach c’ ait am bheil an saobh-chrabhadh muladach so ’g a chleachdadh? COIN.—Ann an iomadh ait’ air feadh na Gaidhealtachd,—ann an iomadh siorramachd,—agus ann an iomadh sgiorachd! Ach taing do chumhachd an t-Soisgeil, agus do ’n t-solus fhior-ghlan, shoilleir, neo-mhearachdach a tha e a’ craobh-sgaoileadh am fad ’s am farsuing, cha ’n ’eil duil agam gu ’m bheil neach sam bith air an la ’n diugh a’ toirt geill do ’n dian-chrabhadh so; ach cha robh a’ chuis mar sin anns na linntibh a dh’ fhalbh. Cha ’n ’eil fad o ’n chunnaic mi mo charaid coir agus ceanalta, Sim Friseil o Inbhirnis,—duine suairce, stuama, creideasach, agus air an aobhar sin duine air am bheul mor-mheas le a luchd-eolais fein air fad. Thainig againn air labhairt mu na seann chleachdannaibh millteach, mearachdach aig na Gaidheil, agus dh’ innis e domh gu ’n robh e fein, agus ar caraid an Sgiathanach a’ comhradh r’ a cheile mu na nithibh faoine, amaideach so, agus gu ’n robh deagh-chuimhn’ aige air daoinibh ’fhaicinn ann an Cill-taraglain, agus ann an Cill-mhoraig, a bha ’creidsinn nan nithe sin ceart co cinnteach ’s a bha iad a creidsinn sgriobhanna an abstoil Phoil,—agus cha ’n e sin a mhain, ach bha iad a’ creidsinn nach fagadh an t-anam corp gu buileach, agus nach biodh fior dhealachadh eatorra gus am biodh an corp [TD 142] air a chur ’n a shineadh ’s an uaigh. MUR.—O! a Choinnich, a Choinnich, an comas domh do chreidsinn? An urrainn e bhi gu ’m bheil na nithe sin fior? COIN.—Cha ’n ’eil mise a’ creidsinn gu ’m bheil iad fior, ach tha e fior gu ’n robh gu leoir ’g an creidsinn, mar a chual thu fein, agus mar a dh’ innis mi dhuit a chual mi o bheul na firinn, beul Shim Friseil choir, mu ’n chomhradh aige ris an Sgiathanach. Cha ’n ’eil, mo thruaigh! comas nan cas aig an duine cheanalta, air neo thigeadh e á baile Inbhirnis, ga d’ chomhlachadh chum moran a chur an ceill duit, mar a bha e ’deanamh ris an Sgiathanach mu na cleachdannaibh eagallach sin. Na ’m b’ e an Sgiathanach fein a leigeadh na nithe sin ris domh, cha bhiodh a dhanadas agam a radh nach robh e ag innseadh na firinn, ach theirinn gur ann as a’ ghealaich no as na reultaibh a fhuair e eolas air na nithibh sin nach buin do ’n talamh so againn idir, agus uime sin, nach ’eil iad airidh air creideas a thoirt doibh. Ach creididh mi Sim coir, oir cha ’n ’eil e ’toirt geill do chleachdannaidh talmhaidh nach ’eil air an steidheachadh air reuson, no do na nithibh saobh-chrabhach sin a dh’ aidicheadh am measg a luchd-eolais ann an duthaich a bhreith. MUR.—Stad, a’ Choinnich, stad, agus dean air do shocair. Tha mi ’faicinn gu ’m bheil thu an comhnuidh a’ cur amharuis agus teagamh anns an Sgiathanach a thaobh a reultaireachd an duil, feudaidh e bhi, gu ’m bheil e ’toirt geill do chleachdannaibh nan speuradairean, nan druidhean, agus an luchd-fiosachd, ann an laithibh Dhanieil? COIN.—Cha ’n ’eil mi ’dol co fada ri sin idir, a Mhurachaidh, ach an deigh sin cha ’n ’eil o cneasda, an uair tha e ag innseadh dhuinn, gu ’m bheil a’ ghealach, nach ’eil ni ’s mò ann am meud na guit-fhasganaidh co mor ’s gu ’m bheil glinn agus machraichean, creagan agus beanntan innte! Och! mo chreach! Co e an ti, le ’shuilibh fosgailte, a bheireadh an creideas a’s lugha do na faonachdaibh sin? Aon ni tha cinnteach, agus ’s e sin, nach dean Coinneach Ciobair e? MUR.—Tha Coinneach Ciobair ’n a dhuine gasda, treibh-dhireach, tuigseach, ach an deigh sin, feumar a shuilean ’fhosgladh gus am faic e na diomhrachdan sin mu ’n bheil e aig a’ cheart am gu tur aineolach? COIN.—Chum mo shuilean-sa ’fhosgladh ma ta mur dean an Gaidheal agus Murachadh Ban sin a chur air aghaidh, fanaidh Coinneach Ciobair co dall ris a’ chloich-niaraidh, agus co da ’n comas cron ’fhaotuinn da an uair tha e ’labhairt a reir an eolais agus na tuisge a bhuilicheadh air? MUR.—Ro cheart a’ Choinnich, ro cheart,—ach is coir do ’n aineolach a bhi iriosal agus tearc ’n a bhriathraibh, oir is glic an ti sin nach labhair ach beagan, agus biodh am beagan sin fein le stuamachd, air eagal gu ’n leig e ris ’eas-eolais fein, oir is trom an eire an t-aineolas. A nis, fhir mo chridhe, tha sgios a’s cadal orm le ’r sraid-imeachd. Rachamaid dhachaidh air eagal gu ’n saoil Seonaid gu ’n d’ fhalbh na sithichean leinn. Cuairticheamaid dleas’nas an fheasgair,—cuireamaid sinn fein agus ar luchd-daimhe air curam an Ti Uile-bheannuichte sin a ta ’faicinn agus a’ fiosrachadh nan uile, agus le buidheachas agus beannachd, cuireamaid ar cinn far am bheil dochas againn am faighear gu slan fallain ’s a’ mhaduinn iad. ALASDAIR RUADH. [TD 143] DEARMAD NA GAIDHLIG. A GHAIDHEIL IONMHUINN,—An toir sibh aite do charaid a tha toileach tighinn ’steach do ’r fardoich ’s ag radh “sith agus soirbheachadh do ’n tigh so?” Is tigh leam a’ Ghaidhlig, agus is toigh leam an dream leis an toil i, ach cha toigh leam an aimhreit a tha ’n am measg. Oir anns a’ cheart àm ’s am bheil an amhreit sin a’ dol air a h’ aghaidh tha a’ Ghaidhlig bhochd a’ fulang, ’s air a fogradh as an duthaich le cion a bhi air a teagasg ’s na sgoiltean—mar gu ’m biodh na brocairean a’ dian-chonnsachadh mu co am fear is fhearr coin, agus ’s a’ cheart àm an sionnach a’ toirt leis nan uan. Cha ’n ’eil facal ’n ar canain is luraiche na “da-rireadh,” agus b’ fhearr leam gu cinnteach gum biodh e air a chlo-bhualadh air cridhe gach neach a tha ’g aideachadh ’bhi ’n a charaid di. Na ’m biodh sin mar sin, cha b’ ann air na nithibh faoin a bhuineas di a bhiodh an aire ’socrachadh, ach air na nithibh cudthromach—na nithibh a chumadh ann am bith i—a chumadh suas le sgoinn i, ’s a bheireadh oirre freumh a sgaoileadh gu domhain ’s an duthaich. Ciod is fiach a bhi connsachadh m’ a timmchioll, ma leigear bàs i; agus cho cinnteach ’sin, bàs gheibh i mur teagaisgear ’s na sgoiltean i. Nach ’eil e soillear do ’n h-uile duine aig am bheil toirt-fainear ma bhuanaicheas cùisean car tri fichead bliadhna mar a rinn iad re nan tri fichead bliadhna ’chaidh seachad, gur gann a bhios facal Gaidhlig air a labhairt air Tir-mor. Nach muladach an sealladh ’bhios ri ’fhaicinn leis an fhuigheal bheag a bhios ann de na fior Ghaidheil, na Cinntirich, na Còmhlaich, na Latharnaich na Braid-albannaich, na Liomhanaich, agus muinntir Raineach, na h-Athollaich, na h-Arduilich, na Marranaich, na Baideanaich, na h-Abraich, na Rosaich agus na Cataich, gun ach gann aon smid de ’n Ghaidhlig ’n an ceann; bithidh tuille co-fhaireachduinn aca ris na Sasunnaich thioram, fhuara na ris na daoine blath-chridheach, ceolmhor, cairdeil o ’n d’ thainig iad. Bithidh na daoine truagh dall, aineolach air ainm gach ni a’s aite ’s an duthaich. Ochan nan och! an caochladh truagh ’S a’ Ghaidhealtachd ’thig ’s gach taobh mu ’n cuairt, Ma theid a canain chaoin ’n a suain, Le cion an t-sluaigh a labhras i! Luchd-àiteachaidh nan gleann ’s nan stùc, Thaobh ainm gach ni a’s ait ’s an du’ich, An teangaidh Ghalld’ cha ’n urrainn lùb’, Bidh iad gun tùr gun aithne orr’! Ochan nan och! &c. Gach creag, a’s sliabh, gach stuc, as carn, Gach lag, a’s cnoc, a’s slios, a’s learg, Gach glaic, a’s tulaich, eas, a’s allt, Bidh iad gu dall a’s aineolach! Ochan nan och! &c. Gach dail, a’s bail’, a’s dùn, a’s tom, Gach coille, doire, ’s leachduinn lom, Gach clachan, ’s cill, gach innis, ’s fonn, Cha chuir fonn ’s an anam ac’! Ochan nan och! &c. Gach coire dubh, gorm, liath, no glas, Gach fireach ard a’s aodann cas, Gach achadh, ’s raon, a’s caochan bras, Bidh iad neo-bhlasd mar Laidinn daibh. Ochan nan och! &c. Gach meall ’tha dubh, dearg, odh’r, no uain, Gach sroin a tha fo chaochladh snuadh; Gach àiridh ghorm, mo chreach! cho fuar Seach mar bha ’n sluagh a’ fanachd innt’! Ochan nan och! &c. Gach stair* a’s drochaid, ’s aiseag bàt’, Gach fuaran tobair, lochan, ’s fàir,† Gach lon a’s miadan, ’s crioch gach àit, An cainnt gu brath cha ’n aithris iad. Ochan nan och! &c. Gach rudha, ’s àird, gach màm a’s maol, Gach lochan sail, gach traigh a’s caol Gach acairseid a’s caladh saors’ Bha ’n cainnt ro chaoin an aithrichean, Ochan nan och! &c. Cha ’n aithne ’chainnt, ’s cha tuig a fuaim, Bho ni no àit a tha mu ’n cuairt, Oir reic am parantan, mo thruaigh! Iad uil’ le ’n uaill ’s le ’n amaideachd. Ochan nan och! &c. Rinn traillean dhiu do’n t-Shas’nach mhor, ’S an toirt fo chis do chainnt a bheoil; A Ghaidhealtachd chur iad fo chleoc— Nach cian an ceo a chaidleas oirr’! Ochan nan och! &c. Beinn-Nibheis ard is flathail snuadh, Bidh i fo mhuig, ’s air ’maladh gruaim, A chionn a’ chanain ’s binne fuaim, Nach cluinn a cluas ’g a labhairt i. Ochan nan och! &c. Beinn-Cruachan fein is guirme snuadh, Bidh ’cridh’ fo chradh ri tuireadh truagh, A chionn ’s nach cluinn i chaoidh gu buan Ach goileam cruaidh nan Sasunnach. Ochan nan och! &c. * Stair—Stepping stones. † Fair—The highest ridge of a hill as seen against the sky. [TD 144] Beinn-Ghlòdh nan eag—cha beag an t-ioghn’ A cridh’ bhi goirt ’s fo sprochd a’ caoin’— ’S nach cluinn i chànain mhilis, chaoin Bh’ aig luchd a gaoil, na h-Athallaich. Ochan nan och! &c. ’S Beinn-Labhr’, bidh i ’n a lasair dheirg— Ri luchd an fhoghluim bidh i ’m feirg, A chionn ’s gun mheall an sluagh le ’n ceilg, ’G an cur an geimhlean Sasunnach. Ochan nan och! &c. Gach creag a’s stachd, gach sgorr a’s stuc, Togaidh am fonn le comh-sheirm ciuil, Gu tiamhaidh trom le mulad ’s tùrs’ ’Chionn cainnt an dùthch’ nach mairionn i. Ochan nan och! &c. * * * * * * * * M’ an tachair sud, a luchd mo spéis, Grad eiribh suas ri guaillibh ’cheil, A’ boideachadh gu daingean tréun, Nach strìochd, nach geill, ’s nach tachair e. Ochan nan och! &c. Nach ceadaich sibh gu ’m bi ’n ur dù’ich, A’ chanain ghaoil ’g a cur air chul, Le traillean leibideach gun fhiu, D’ an ainm ’s d’ an cliu bhi fasanta. Ochan nan och! &c. Tha luchd-aiteachaidh na Gaidhealtachd, do thaobh na Gaidhlig air an roinn ’n an tri buidhnibh. Tha an aireamh is lugha teth; an aireamh is mò meagh-bhlath; agus aireamh mhor fuar. Tha cuid mhath de ’n bhuidheann mu dheireadh ni ’s miosa na bhi fuar—tha iad a’ miannachadh da-rireadh gu ’m basaicheadh i. Ged a tha moran dhiubh sin mor ann an cumhachd ’s ard ann an ughdarras cha ’n ’eil m’ fharmad riu, a chionn ma ’s ann de shliochd nan Gaidheal iad, tha rud-eigin gairisneach ceangailte riu; cha daoine iad idir—cailleachan bochd—traillean truagh! Tha iad air an atadh ’s air an seideadh suas le uabhar ’s le morchuis an cridheachan fein—a’ miannachadh bhi uasal, fasanta “cainnt an t-Sasunnaich ann am beul, gu proiseil, féineil, spagluinneach.” Fhuair na nithean sin a leithid de bhuaidh orra, a’ cur sogan mealltach ’s breislich ’n an cinn, a dh’ fhag iad cho mi-nadurra ri eich a’ geumnaich no crodh a’ sitirich—seadh, cho mhi-nadurra ris na Frangaich bhi deanamh Shasunnach dhiubh fein. Tha an aiteam ud a’ saoilsinn gur coir do gach neach amharc orra-sin mar na daoine, ach chaill iad an coir air an ainm—cha ’n airidh air an urram iad. Cha duine duine mur seas e a dhuthaich, seadh agus canain a dhuthcha mar an ceudna. Do thaobh na muinntir sin a tha meagh-bhlath cha ’n ’eil iad sin da-rireadh a’ miannachadh gu ’m bàsaicheadh a’ Ghaidhlig; tha iad a’ saoilsinn nach eagal di; ach a chionn ’s gu ’m bheil iad a’ meas na Beurla feumail do ’n cloinn air son an toirt troimh an t-saoghal, tha iad toileach a teagasg dhoibh ged a bhiodh dearmad air a deanamh air a’ Ghaidhlig. Cha ’n ’eil coire ’s am bith ri ’fhaotainn daibh air son a bhi toileach eolas na Beurla a thoirt d’ an cloinn, ach ’s i a’ cheist—co dhiubh is coir a Bheurla bhi ’n a ban-oglaich dhaibh, na bhi ’n a ban-mhaighstir os an cionn. Aon uair ’s gu ’n tig i gu bhi ’n a ban-mhaighstir chuir iad cul ris na Gaidheil. Agus a bharrachd air sin, ’d é am modh is freagraiche air eolas na Beurla ’thoirt do ’n chloinn? Co dhiubh ’s ann le tur chul a chur ri ’n canain fein mar a tha air a dheanamh ’s na sgoiltean, no le feum a dheanamh dhi mar mheadhon chum ruitheachd air a’ Bheurla? ’S e ’m modh mu dheireadh tha mi dearbhta ’tha ceart. ’S e am modh so tha ’h-uile duine ’gabhail ann a bhi foghlum chanainean coimheach; agus a bharrachd air sin, am bheil nì sam bith is mo a mheudaicheadh an eolas air an canain feìn na bhi ’g eadar-theangachadh o ’n Bheurla ’g a h-ionnsaidh, air chor ’s gu ’m bheil na Maighstirean-sgoile cearr ann an da sheadh—gun bhi gabhail a mhodh cheart air eolas na Beurl’ a thoirt d’ an sgoilearan, agus ann a bhi cur tur chùl ri ’n canain fein. Faiceadh na daoine meagh-bhlath sin ma ta, agus faiceadh na Maighstirean-sgoil’ mar an ceudna, ’d é gus an treoraich an t’ oileaneachadh so—gus a’ Ghaidhlig fhogradh as an duthaich. Tha mi a’ feoraich, am buanaich sibh ann a bhi ’g a dheanamh? Ma bhuanaicheas, tha sibh ’g ur comharrachadh fein am mach mar dhream a tha toileach cur as gu buileach do ’n Ghaidhealtachd, agus gu bhi ’n ur cuis ghrain do na fior Ghaidheil. Gu cinnteach cha bu math leam ’bhi ’n ur caiseart! Och mise! Cur as do ’n Ghaidhealtachd! Nach uamhasach an dall cheo a chomhdaich inntinnean nan Gaidheil, ’n uair nach ’eìl iad a’ toirt fainear an ni eagalaich a tha air a chur an gniomh ’n an tir! Tha iad a’ buntainn ris a’ Ghaidhealtachd mar a bhuineas cuid de dhaoine ris na sean eich gun fheum a bhitheas iad toileach a chur gu bàs cho seamh ’s is urrainn daibh. Fosglaidh iad cuisle ’s leigidh iad dhi sputadh gus an tuit iad sios marbh, traighte de fhuil am beatha. Ma ’s e ’s gu ’m bheil ni ann ris an feud sinn fuil beatha na Gaidhealtachd a radh [TD 145] ’s i a canain. An uair a chailleas i a canain, chaill i a beatha. Uime sin, teannaibh, teannaibh air falbh a dhaoine gairisneach, an-iochdmhor, mi-nadurra! An aill leibh mo dhuthaich chaomh a thraghadh de fhuil a beatha gus an tuit i sios marbh ’n ur lamhan? Na ’m biodh mo chomas a reir mo thoil, bheirinn urchair dhuibh a chuireadh an comhair ur cuil sibh agus ’s e mo mhiann an ni nach urrainn domhsa ’dheanamh, gu ’n dean mo luchd-duthcha e. Do thaobh na h-aireamh bhig a tha leth dhileas—tha iad ann, ach tha iad tearc. Tha chuid is mo dhiu ’g am faotainn fein air an guilan air falbh le sruth cho laidir ’s nach ’eil feum bhi stri ris; ann am beachd nach seas a’ Ghaidhlig—gu ’n cuir beagan de linntean as di gu tur—tha cuid de na daoine gaolach sin a’ gabhail misnich ged a bhasaicheas i ’s a’ Ghaidhealtachd gu ’m fan i beo ann an Canada—baothaireachd mhor! Ma thraghas a’ mhathair-thobair cionnas a sheasas na sruthanan? Seasaidh a’ Ghaidhlig, agus na h-abradh duine sam bith leis an toil i atharrach. Cha ’n urrainn mac Gaidheil tuilleadh maslaidh ’thoirt air fein na bhi ’g radh nach seas i. Am bheil iad dol a sheasamh air an ais mar na daor ghealtairean ag amharc oirre mar an t-uan ann am fiaclan easgraidh an leoghainn agus gun oidhirp a thoirt air a teasairginn, Mo naire! mo naire! an do chaill iad an gaisge? Na cluinneam a’ chainnt tuille ’tighinn o bhilean Gaidheil agus a h-uile duine o ’n tig i, biodh e uasal no inbheach, cuiribh ’n a thosd e. Na ’m bitheadh da fhichead gaisgeach treun againn coltach ri Lachann Mac-Illeathain, ughdar “Adhamh agus Eubh” am b’ urrainn daibh sin a bhi ’n an tosd? Cha b’ urrainn, cha ’n fhagadh iad clach gun tionndadh, gus am mosgladh iad suas an luchd-duthcha ann a leithid de dhoigh ’s nach tugadh iad cadal d’ an suilean no clo-codail d’ an rosgaibh gus am bitheadh i air a teagasg gu coimhlionta ann an sgoiltean na duthcha; agus tha mi dearbhta na ’m biodh sin mar sin, le feum a dheanamh dhi mar mheadhon chum ruitheachd air a’ Bheurla, gu ’m biodh ar cloinn ’n an sgoilearean Beurla gu mor ni ’s fhearr na tha iad. Gun teagamh tha daoine eudmhor ann an Comunn Oiseanach Latharn, ’s ann an Comunn Gaidhlig Ionar-Nis, ach tha daoine annta air atharrach, air chor ’s ged a bhiodh a’ chiad chuid ag iomram air an darna taobh, bhiodh cach a’ deanamh fodha air an taobh eile; ’s mar sin am bàta a’ sior dhol mu ’n cuairt gun an t’ àit ’s air robh i ’fhagail. A dh-ionnsaidh bhlair, a ghaisgich threin, Mar chlann nan Gaidh’l ri guaillibh ’cheil! Ma leanas càch sibh is math, ach mur lean tilleadh iad dhachaidh mar na daoine bha ’g ol an uisge air an gluinean. Is e Cluainidh Mac-a-Phearsoin, ceann Comunn Gaidhlig Ionar-Nis, Ceann-cinnidh is cliuitiche ’s a’ Ghaidhealtachd, air chor ’s ged a threig cach gu maslach canain an duthcha, tha esan air leth. Urram gu ’n robh dha a’s saoghal fada, le sonas siorruidh ’s an t-saoghal chein! Mhiannaichinn da-rireadh gu ’m biodh fior Ghaidheal cho urramach ris air a roghnachadh mar Cheann-feadhna do na Gaidheil uile, a chionn ’s gu ’n do threig an Cinn-chinnidh fein iad. Is mi bhur caraid dileas, GILLEASB. MAC-IAIN. An Cragan Soilleir, 1874. LACHLUNN MAC THEARLAICH OIG, AM BARD SGIATHANACH. (Air leantuinn.) An àm da a bhi mu thri bliadhna fichead a dh-aois, phos e Fionnaghal Chaimbeul, nighean Fir Rannda ’s an Eilean Earrach, boirionnach maiseach agus eireachdail. Air da a bhi ro dheigheil air Eilean a bhreith, ghabh e air mal o ’Cheann-cinnidh fein fearann Bhreacais maille ri eilean Phabaidh, ann an sgireachd an t-Sratha. Re beagan bhliadhnaichean an deigh sin shealbhaich e mor thoilinntinn ’s an tuathnachas so, maille r’a bhan-chompanach cheanalta fein; agus an uair a rinn ise, mar a cheile-san, a dleas’nas fein anns gach cuis, cha do chuir riamh fear cas ann am broig a bha ni bu dillse agus dleasnachail mar fhear-posda, agus mar athair teaghlaich, na bha esan. Ach mo thruaigh! luaineach mar a ta gach toilinntinn thalmhaidh, cha [TD 146] b’ fhad gus an d’ thainig crioch air mor-shonas an deagh dhuine so. Chaochail a cheile ionmhuinn ann am maise a h-oige agus a neirt, agus air do mhor-speis a bhi aige-san d’ a mhnaoi ghradhaich fein, ghrad bhuaileadh e le buille air nach d’ fhuair e riamh thairis. Chaill e a mhisneach gu tur. Ghabh e grain air an aite far an do shealbhaich e re uine ghoirid toilinntinn agus sonas co mor, agus chuir e dheth an tuathanachas air fad. Thainig duibhre air inntinn an fhilidh, agus cha b’ urrainn e a shuil a thilgeadh air ni sam bith a bheireadh solas d’ a chridhe. Chuir e cul ris an Eilean Sgiathanach air ball, thug e Ceanntail air, agus ghabh e seilbh fearainn an sin o Mhac-Coinnich. Cha b’ fhad gus am fac e atharrachadh mor eadar muinntir Chinntail agus a chuideachd chairdeil fein Clann-Ionmhuinn an t-Sratha. Bha na cleachdannan agus na doighean aig na coimhearsnaich ura aige co anabarrach fuar, ascaoin, coimheach, agus neo-ghineadail ’s nach b’ urrainn e cur suas leo. Bha iad air gach seol co tur neo-chaomhail ’n an gne, ’s nach robh e ’n a chomas gride na bardachd ’n a chridhe a chumail fo smachd. Uime sinn, rinn e na h-uiread de rannaibh sgaiteach, beumach, agus eisgeil an aghaidh muinntir Chinntaile, agus choisinn sin da gu h-ealamh am mi-ghean agus an corruich. Tharmaich iad ’n an cridhe fein fuath agus gamhlas do ’n Sgiathanach aonaranach, agus cha robh fior charaid aige no neach ris am fosgladh e ’inntinn fein ’s an duthaich sin air fad. Chuir e seachad ceithir bliadhna air an doigh so, anns nach robh aon la sonais aige, agus an sin runaich e dol air ais dh’ ionnsuidh sgireachd a bhreith. Rinn an Ceann-cinnidh aige solas mor ris, agus shuidhich se e a ris ’n a sheann thuathanachas fein ann am Breacais. An deigh dha a bhi da bhliadhna dheug ’n a bhantrach, chaidh e air turas dh’ ionnsuidh bai le Inbhirnis a dh-amharc air seann chompanaich a bha ’s an sgoil maille ris, agus a bha fantuinn ’s a’ bhaile sin. Cha robh e fad an sin, an uair a cho’-eignich a chairdean e chum bean-uasal araidh ’s a’ bhaile a phosadh. Bu bhantrach i de Chloinn-an-Toisich, agus bha ’n t-ainm gu ’n robh i saibhir. Thug e geill d’ an comhairle, ach cha b’ ann gu buileach le ’thoil fein. Cha ’n e mhain gu ’n robh Nic-an-Toisich gun sgillinn ruadh aice dhe ’n t-saoghal, ach bha i gu domhain an am fiachaibh. Air an ath mhaduinn an deigh a’ phosaidh, thaoghail na maoir air, agus thug iad dha gairm laghail gu cuirt a sheasamh air son cuid fiach na mna aige. Bu chruaidh sin uile air Lachlunn coir, a dh’ fheudadh a radh, “An d’ fhuair sibh mi, O mo naimhdean?” An uair a bha ’n sumain ’n a laimh, ghlac e peann, dh’ fhosgail e Biobull a mhna, agus sgriobh e na briathra a leanas air clar an leabhair naoimh:— “Tha ’n saoghal air a roinn, Tha dà dhàn ann; Tha dàn ann gu bhi sona, Ach chi mi dàn an donais ann.” Cha luaith’ a rinneadh am posadh truagh agus mi-fhortanach so na theich sonas Thearlaich, agus dh’ fhagadh e ’n a dhuine gun sunnd, gun mhisnich, gun chridhe chum ni sam bith a dheanamh mar a b’ abhaist da. Bha a’ bhean ardanach, uaibhreach, crosda, agus a’ sealltuinn, oirre fein mar stuth moran ni’s fearr na companach fein. Mar mhuime, bha i searbh, dalma, coimheach, agus ro chruaidh air a’ chloinn aige-san, a chaill am mathair chaomhail fein. Bhiodh i an comhnuidh ’g an smachdachadh gun aobhar, ’g am bualadh ’s ’g an ciobadh roimh shuilean an athar fein [TD 147] aig nach robh a’ chridhe a bheul fhosladh. Bha so uile anabarrach cruaidh air a’ bhard bhochd, agus cha robh aon mhionaid sithe no suaimhneis ’n a thigh, o’n la sin air an deachaidh ise a stigh air an starsnaich aige. Air la sonraichte chuir a’ bhean thuaireapach so gu searbh a mach air an nighinn bu shine aig a companach fein, agus thubhairt i ris a’ chaileig gu ’n robh grain cridhe aic’ oirre, agus gu ’m bu dubh dhi-se an la sin, air an do chomhlaich i an toiseach gu moch ’s a’ mhaduinn i. Ghrad fhreagair a’ chaileag a muime, agus gu ’n teagamh le beagan de gheur-bhriathrachd a h-athar fein, thubhairt i rithe, “Cha ’n ioghnadh leam ged a theireadh tu gu ’m bheil fuath agad domhsa agus tha moran aobhar agad a chreidsinn gu ’m bheil e mi-shealbhach mise a chomhlachadh, oir bu mhise ceud-chomhlaiche m’ athar thruaigh air a’ mhaduinn mhi-shuaimhnich sin air an d’ fhag se a a dhachaidh fein chum thusa a phosadh.” Rinn Lachlunn dichioll air giulan mar a dh’ fheudadh e leis gach amhghar agus trioblaid a thainig air, ach bha a spiorad briste, agus chaill e moran dhe ’n t-suilbhireachd-inntinn a bha aige a thaobh naduir. An deigh sin uile, bu duine e air an robh mor-mheas aig gach ard agus iosal; agus ged is fad an uine o ’n dh’ fhag e an saoghal, tha deagh chuimhne air fathast ann an duthaich a’ bhreith; agus is iomadh linn a theid seachad mu ’n di-chuimhnichear Lachlunn Mac Thearlaich Oig, le ’chinnidh agus le ’chairdibh ’s an Eilean Sgiathanach. Tha earrainnean de na h-oranaibh aige fathast air an aithris ’s an duthaich sin, agus tha moran de na briathraibh-gliocais aige air chuimhne gu ruig an la an diugh. Is anabarrach grinn an t-oran a rinn e air triuir oigh a chomhlaich e la araidh an uair a bha e air chuairt air na raointibh. Bha iad ro mhaiseach agus aillidh ’n an cruth, agus cha bu bheag an t-iongantas a bha air tachairt air an triuir d’ am b’ ainm “Iochd a’s Gradh a’s Fiughantas.” Ach innsear ni ’s fearr mu ’n timchioll ann am briathraibh Lachluinn Mhic Thearlaich fein, a thubhairt:— Làtha ’siubhal sleibhe dhomh ’S mi falbh leam féin gu dlùth, A chuideachd anns an astar sin Air gunna glaic a’s cù; Gu ’n thachair clann rium anns a’ ghleann, A’ gal gu fann chion iùil; Air leam gur iad a b’ àillidh dreach A chunnacas riamh le m’ shùil. Gu ’m b’ ioghnadh leam mar tharladh dhoibh, Am fàsach fad air chùl, Coimeas luchd an aghaidhean Gu ’n tagha de cheann iùil, Air beannachadh neo-fhiata dhomh Gu ’n d’ fhiaraich mi—“Cò sud?” ’S fhreagair iad gu cianail mi Am briathraibh mìne ciùin. “Iochd, a’s Gràdh, a’s Fiughantas, ’N ar triùir gur e ar n-ainm, Clann nan uaislean cùramach, A choisinn cliù ’s gach bàll; ’N uair phàigh an fhéile cìs do ’n Eug ’S a chaidh i fein air chàll, ’N a thiomnadh dh’ fhag ar n-athair sinn Aig maithibh Innse-Gall!” Bha Lachlunn ’n a dheagh shealgair. Gun teagamh cha robh a choimeas ’s an Eilean air fad chum nam fiadh a lorgadh, agus na faoghaid a ghiulan air aghaidh. Am measg nan iomadh buadh a bhuineadh dha, bha e ’n a deagh fhidhleir. Cha robh a leithid air son ciuil de ’n ghne so ’s an Eilean uile, uime sin, bu lionmhor iad de gach inbh a bha ’taoghal air, agus is esan a bha fialaidh, fiughantach, ceanalta, a thaobh nan uile. Cha biodh toil-inntinn a dhith orra, fhad ’s a dheanadh filidheachd, ceol, orain, sgeulachdan, agus glic-bhriathran an riarachadh! [TD 148] Mar dhearbhadh air fior dhillseachd Lachluinn Mhic Thearlaich, chaidh e re na slighe as an Eilean Sgiathanach air a chois do Inbhirnis, fad an aghaidh toil a Chinn-Chinnidh fein, anns a’ bhliadhna 1717, chum an t-ainm aige a chur ri Litir-ghairdeachais do Righ Deorsa I., air son a theachd chum na righ-chathrach Bhreatunnaich. Chuir e seachad iomall a laithean ann an Eilean agus sgireachd a bhreith. Chaochail e aig aois naoi agus tri fichead ’s a bhliadhna 1734. Bha ’n duthaich fad fo bhron air son bas an deagh dhuine so. Cha chualas riamh iomradh air uiread a bhi air adhlac ’s an Eilean Sgiathanach ’s a bha ’lathair ’n am a bhi ’cur Lachluinn do ’n chill. Bha, ach beag, gach Ceann-cinnidh ’s a Ghaidhealtachd, agus an luchd-leanmhuinn air an adhlac aige. Chunncas an sin a charaid Alasdair Dubh a’ Ghlinn-Garaidh, agus a chuid daoine, Mac-Dhomhnuill nan Eilean, Mac-Leoid Dhunbheagain, Mac-Ionmhuinn an t-Sratha, Mac-Coinnich na Comaraich, Tighearna Ghearrloch, agus moran eile, maille ri ’n comhlanaibh agus luchd-leanmhuinn. Bu la cudthromach sin ’s an sgireachd. An uair a thogadh an t-adhlac bha seachdnar phiobair le ’n nuallanaibh tiamhaidh a’ leantuinn na ciste. Bha Beilig, Blath-bheinn, Marsco, agus na beannta mu ’n cuairt a’ co’-sheirm le fuaim na piobaireachd, gus an d’ rainig a’ mhor-chuideachd Cill-Chriosd, aite-adhlaic na sgireachd ’s an d’ rugadh esan a chuireadh ’n a shineadh ’s an uaigh chumhainn, dhuirch, maille ri duslach a shinnsear o linntibh an cein! SGIATHANACH. Mar luing gun stiuir feadh thulgadh nan tonn, ’s amhuil duine mairnealach nach lean a ghnothach. MORAIR CHOLASA. II. AN T-UACHDARAN GAIDHEALACH. Bha Cloinn-Neill an inbhe urramaich an Earraghaidheal o chionn ceithir cheud gu leth bliadhna. Cha toir eachdraidh sinn ni ’s faide air ais; ach tha seanachas air gu ’n d’ thainig da bhrathair de Chloinn-Neill á Eirinn iomadh linn roimhe sin; gu ’n do thuinich fear dhiubh an Earraghaidheal, ’s gu ’n deachaidh am fear eile mu thuath. Tha e air ’aithris gu ’m be am fear mu dheireadh so a bu phriomh-athair do theaghlach Bharra. Fhuair clann an fhir a dh’ fhan an Earraghaidheal coir air Caisteal Suain o Dhomhnullach nan Eileanan ’s a’ bhliadhna 1422. Corr a’s da cheud bliadhna ’n a dheigh sin, ’n uair a bhriseadh cumhachd nan Domhnullach gu tur ’s na h-Eileanan, fhuair Duic Earraghaidheal còir air Colasa. Bhuineadh an t-eilean ’s an am sin do Chlann-a-Phi, agus do bhrigh gu ’n do lean iadsan aobhar nan Domhnullach, thug an Diuc seachad a choir air Colasa do Mhac-Neill air son fearann Airidh-Chonain a bh’aig an teaghlach ’s an am. Chaidh Mac-Neill le feachd do Cholasa; ghlac a’s mharbh e Mac-a-Phi; agus tha ’n oighreachd an lamhan an teaghlaich gus an la diugh. Bha Cloinn-Neill Cholasa ’n an daoine treun, gleusta—baigheil ri ’n sluagh, agus fo mhor-mheas aig an luchd-aiteachaidh. Tha e air aithris gu ’n robh athair Dhonnachaidh ’n a dhuine dreachmhor, tuigseach, foghluimte. Bha ’mhathair de theaghlach an Dun-mhoir, ainmeil ’n a latha air son eireachdas a pearsa agus beothalachd a h-inntinn. Rugadh do’n chàraid uasail so teaghlach mor—seisear mac agus ceathrar nighean—agus is fior e nach robh, da fhichead bliadhna roimhe so, teaghlach eile ’n Albainn a b’ eireachdaile na teaghlach og Cholasa. Cha [TD 149] b’ e Donnachadh a mhain a thug dearbhadh air buaidhean ard ’s an teaghlach. Chaidh am mac a bu shine—Alasdair—a bhathadh ’s an Orion ’s a’ bhliadhna 1846, air a chaoidh gu trom an Earraghaidheal ’s gu h-araid an Colasa. Chum an ceathramh mac—Calum Og—a suas cliu an teaghlaich mar dheagh shaighdeir. Tha an treas mac—Sir Iain—fathasd a lathair, agus a nis ’n a uachdaran air Colasa. Ann an rioghachdan cein—ann am Persia agus an Russia—choisinn esan mor urram dha fein agus do ’n teaghlach o ’n d’ thainig e. Fhuair Morair Cholasa seilbh air oighreachd ’aithrichean ’s a’ bhliadhna 1844. ’S an am sin, agus fad iomadh ginealach roimhe sin, bha suidheachadh an t-sluaigh ’s an eilean sin mar bha e ’m bitheantas air na h-oighreachdan a lean an lamhan nan sean teaghlaichean. Bu lionmhoire daoine na caoraich ann. Cha robh mal trom; bha ’n t-eilean torach, ainmeil air son buntata ’s crodh dubh. B’ aite Colasa anns an togteadh teaghlach air gle bheag. Rachadh am mal a phaigheadh le ceilp ’s le gamhuinn firionn, ’s an teaghlach a bheathachadh air beagan mine, moran buntata, ìm, a’s bainne. Cluinnidh sinn o chuid gu ’m b’ i sud an tim shona do Ghaidheil, ’n uair a bha ’n sluagh lionmhor, caoraich gann, ’s tighean ’s rathaidean-mora mar a dh’ fheudadh iad. Cluinnidh sinn o chuid eile, gu ’n robh sluagh na Gaidhealtachd ’s an am ud ’n an traillean, ann an suidheachadh a bha suarach do dhaoine saor a bhith, fo smachd ’s fo chumhachd neach a bha dhoibh mar Thighearna ’s mar Righ. Is i mo bharail gu bheil beagan de ’n fhirinn air an da thaobh; ach tha ’n so ceist fharsainn, air nach ’eil tim a bhi ’leudachadh air an am, ’s air a bheil caochladh barail aig na daoine is mo a smaointich mu ’deidhinn. Bliadhna no dha ’n deigh do Mhorair Cholasa an oighreachd ’fhaotainn, dh’ fhailnich am buntata, agus bha mar so, mor-chudthrom air a chur air iomadh uachdaran gu h-araid ’s a’ Ghaidhealtachd. Bha ’n sluagh lionmhor, ’s bha ’m beo-shlaind gu grad air a ghearradh air falbh. Chaidh suim mhor airgid a thogail air feadh na rioghachd air son daoine a bha ’basachadh le gort a chumail beo. Thar cuid de oighreachdan sguabadh air falbh an sluagh bochd gu neo-iochdmhor do bhailte-mora ’s do rioghachdan cein. Air cuid eile ghleidh na h-uachdarain, le mor-chostas dhoibh fein, beo an sluagh, choisinn iad mor urram ’s an rioghachd air son am fialuidheachd. Air oighreachd bheag Cholasa ghabh an t-uachdaran atharrach doigh air an am chruadalach a bha sud ’fhaotainn seachad. Cha robh e ’creidsinn gu ’m bu ni ceart sluagh a bheathachadh ’n an tamh. Bha e tuillidh ’s uaibhreach air son cuideachadh a ghabhail o choigrich; bha e tuillidh ’s ceart air son an luchd-aiteachaidh ’iomain air falbh ged a bha ’n uallach air fein. Bha tanachadh feumail gun teagamh do ’n t-sluagh ’s do ’n uachdaran, ach bha e ceart a’s freagarrach gu ’m biodh an tanachadh so air a dheanamh gu foighidneach ’s gu curamach. Thoisich Morair Cholasa air a bhi ’cur air aghaidh oibrichean feumail a chum leas na h-oighreachd agus an t-sluaigh. Re fhichead bliadhna, gun sgios gun sgur, bha ’n obair a’ dol air a h-aghaidh, agus bha ’n sluagh a’ faotainn cothrom air a bhi cumail an teaghlaichean le obair an lamha fein, ’s a ’g iunnsachadh dicheall, aghartas, agus eolas a bhiodh feumail dhoibh, ge be aite a ’m b’ eigin dhoibh a bhith na dheigh so. Bha ceann glic an uachdarain a’ dealbh gach obair a rachadh air bonn; bha ’shuil gheur [TD 150] a’ faicinn na h-obair air a criochnachadh gu ceart; agus bha ’eisempleir o la gu la, ’s o bhliadhna gu bliadhna am measg an t-sluaigh ’n a dheagh iunnsachadh air foighidinn, dicheall, gleustachd, agus soirbheachadh. Re na h-uine a dh’ ainmich mi chaidh tighean a’s aitreibh, gàraidhean a’s geataichean, a chur suas a chosd miltean punnd Sasunnach; chaidh rathaidean-mora a ghearradh roimh ’n eilean o thaobh gu taobh; chaidh acarsaid ur a dheanamh; tighean-sgoile ura; an eaglais a chur an ordugh; tigh-ministeir a chur suas, a’s ministeir suidhichte ’fhaotainn do ’n eilean; ceudan de dh-acraichean fearainn a thoirt a’s ur fo àiteach; innealan a’s beairte-treabhaidh a thoirt thar Galldachd, agus Goill ’n an cois a chum an deagh laimhseachadh iunnsachadh do ’n luchd-aiteachaidh; atharrach stuic; atharrach poir; duaisean dhoibhsan a bu sgileile air treabhadh ’s air àiteach fearainn. Cha robh, gun teagamh, tuaireasdail mor, ach bha obair cinnteach, bha paigheadh cinnteach, ’s bha ’n t-iunnsachadh maith. Bha ’n t-eilean o shean ainmeil air son crodh dubh a’s spreidh, ach fo uachdranachd a’ Mhorair dh’ fhas e ni b’ ainmeile. Cha robh spreidh air Gaidhealtachd a bu trice ’gheibheadh duais aig cruinneachadh, no b’ airde reiceadh air feill na treud Cholasa. Fhuair Morair Cholasa an oighreachd le tighean air dhroch càramh, le aiteachas fad air ais. Rathaidean-mora cha robh idir ann. Bha ’n sluagh lionmhor,—ann am bheachdsa ro lionmhor,—toilichte ann an tomhas, ach a’ mhor chuid diubh air dhroch cothrom. Fichead bliadhna ’n a dheigh sin, cha robh oighreachd eadar am Parbh a’s Maol-Chinntire anns am faiceadh fear-turuis tuilleadh de chomharan comhfhurtachd am measg an t-sluaigh. Chaidh moran de ’n t-sluagh re na h-uine sin air imrich do dhuthchannaibh cein—gu h-araid do Chanada; ach bha so comharraichte mu thimchioll na h-imrich á Colasa, nach d’ fhag aon an t-eilein an aghaidh a thoil fein gu ’n d’ fhalbh a’ chuid mhor diubh air costas an uachdarain; agus (ged gheibhear barrachd Cholasaich an diugh air falbh na gheibhear aig baile) gu bheil iadsan a dh’ fhag cho maith riusan a dh ’fhan, a dh-aon sgeul mu ’n tlachd ’s mu ’n speis do ’n uasal a b’ uachdaran thairis orra. Cia mar fhuair Morair Cholasa, am measg nan dleasdanais chudthromach a bhuineadh d’a dhreuchd, uiread d’a uine ’s d’a aire a chur air leth air son gnothuichean ’oighreachd ’s a shluaigh, tuigidh iadsan a mhain aig a bheil eolas air na chuireas duine gleusta nach ’eil uair sa bith ’n a thamh seachad de dheagh obair. Ged nach robh duine ’n Albainn aig am bu mho bha ri dheanamh, no bu churamaiche ’bheireadh aire air a dhleasdanas na esan, fhuair e cothrom air tri miosan de gach bliadhna ’chur seachad an Colasa, agus air a bhi mion-eolach air gach neach ’s gach ni a thachradh ann. Bha iomadh uachdaran Gaidhealach, creididh mi, a bu mho ’tharruingeadh speis sluaigh, air bheag eolais, na Morair Cholasa; ach ’s i mo bharail gur gann a bha Tighearna ’s a’ Ghaidhealtachd o chionn ceud bliadhna a choisinn uiread urraim agus tlachd o gach neach d’a shluagh fein, ’s a choisinn an t-uasal ainmeil so o gach Colasach, ge b’e aite an robh no bheil iad. Cha robh Baird an Colasa a sheinneadh a chliu; agus, ma dh’ fhaoidte, nach cordadh moran d’a dhoigh ris a’ chuid mhoir de na Baird Ghaidhealach a sheinn o chionn da cheud bliadhna. Bu duine e aig an robh firinn a’s ceartas mar riaghailt stiuiridh air ’oighreachd an Colasa cho maith a’s anns a’ chuirt an Duneid- [TD 151] eann. Duine cruaidh, cumhnantach, theireadh cuid; ach, a reir mo bheachd sa, cruaidh ris an leisgein a mhain. Ris an dicheall, ris an fheumach, bha e caoimhneil, seirceil, còir. Agus gheibh firinn agus ceartas buaidh thairis air inntinnean agus cridheachan Ghaidheal cho maith ’s thairis air duilean a’ chruthachaidh mhoir gu leir. Na ’m biodh uachdarain Ghaidhealach a’ buntainn ri ’n sluagh air an doigh so, saoilidh mi nach bu lughaide ’n cliu am measg an iochdarain fa dheireadh. Na ’n cleachdadh iad fas ni b’ eolaiche air cor ’s air feum an t-sluaigh; a ghabhail orra fein mar dhleasdanas an sluagh a theagasg le ’m focal ’s le ’n eiseimpleir gu deagh dheanadas; cothrom a thoirt do ’n dicheall, an uair a bheireadh iad achmhasan do ’n t-slaodaire; agus thar gach ni, a leigeil fhaicinn do ’n t-sluagh gu ’n robh iad fein ’s am fior-leas gu tric ’n an smuaintean, ’s nach fuilingeadh iad eucoir a dheanamh air aon diubh le neach air bith ’n an ainmsan, chluinneamaid ni bu lugha mu thimchioll cruaidh-chas nan Gaidheal, ni bu lugha mu sgapadh theaghlaichean air son aite ’dheanamh do dhaoine ’s do fheidh. B’ ann mar so a chunnaic mi Morair Cholasa—re fhichead bliadhna—a’ dol mu ’n cuairt am measg a chuid daoine. Duine e fein a fhuair urram am measg ard-chomhairlichean na rioghachd nach d’ fhuair Gaidheal eile ’n ar latha-ne; ach a lean ri canain ’s ri cleachduin ’aithrichean cho dlu ’s ged nach fagadh e riamh Colasa. Cha robh duine air ’oighreachd, sean no og, bochd no beairteach, air nach robh e mion-eolach. B’ aoibhinn leis an soirbheachadh; bu duilich leis an uireasbhuidh. Gu sunndach, foighidneach, suairce, labhradh e ris an neach a b’ isle ’n a chanain fein. Cha chualas riamh focal suarach as a bheul; cha ’n fhacas riamh cabhag air ’n uair bha gnothuch ri ’dheanamh. Bheireadh e ’thuarasdal do ’n bhuachaille-laogh cho suilbhearra ’s cho modhail ’s a ghabhadh e mal o ’n tuathanach. Ri gearan nam bochd bha ’chluas an comhnuidh fosgailte. Cha robh truas aige do ’n lunndaire no do ’n mhisgeir; ach b ’e caraid na bantraich ’s nan dilleachdan e,—uachdaran, a dh’ aon fhocal, a bha “chum dioghaltais air luchd-deanamh an uilc, ach chum cliu dhoibhsan a ni maith.” Bu bheatha so, agus b’ eiseimpleir so, ann am bheachdsa,—nach ’eil a’ creidsinn gu bheil “leughadh a’s sgriobhadh a’s cunntas” uile-chumhachdach air son iunnsachadh sluaigh,—a b’ eifeachdaiche na obair fichead maighstir-sgoile, agus, le cead na cleire, leth-dusan ministeir. Agus bha ’bhuil. Am mach á Gaidhealtachd Albainn tha e do-thuigsinn an t-urram agus an speis a bh’ aig a dhaoine dha. Fhuair an luchd-lagh an Duneideann a dhealbh air a tharruing, ’s cha ’n ’eil uair a choisicheas mi ’n luchairt aluinn ’s am bheil an dealbh crochte, nach tog mo chridhe ’n uair a chi mi air a nochdadh an tlachd agus am meas a bh’ aig a chomh-luchd-dreuchd air-san a bha cho fada air an ceann; ach cha ’n’ e so dealbh is mo a bheothaicheas mo chuimhne air maitheas an uasail a nis nach mairionn. Chaidh a dhealbh a tharruing air iarrtas luchd-aiteachaidh Cholasa o chionn se bliadhna, na eudach clo mar bha e cleachdte ri dol mu ’n cuairt ’n am measg; agus chi mi ’n so comharra nach ’eil tric ri ’fhaicinn air speis iochdarain da ’n uachdaran. Chithear an dealbh so crochte an aite-tuinidh a’ ghille oig Cholasaich ’s a’ bhaile mhor; chithear an tigh an tuathanaich an Colasa e; chithear am bothan na bantraich e, agus chithear aoibh a gnuis roimh a deoir ’n uair a [TD 152] dh’ innseas i d’ a dilleachdain laga mu ’n uasal urramach a dh’ fhaodadh a radh, le Fionn o shean, “Bha ’m feumach riamh ri mo laimh, ’S dh’ fhas an lag dana fo m’ chruaidh.” Cha ’n ’eil eagal gu ’n teid a leithid so de bheatha air dichuimhn’; agus cha maith an comharra ma theid “fhad ’s a dh’ innsear sgeul an Gaidhlig.” Chi sinn gu bheil uaislean Earraghaidheal a’ cur air bonn cuimhneachan dha an tigh na Siorrachd an Inbhir-aora, agus tha so freagarrach. Tha fios againn gu bheil muinntir Cholasa a’ cruinneachadh airgid air son a chuimhne a ghleidheadh ur do ’n dream a thig ’n an deigh ’n an eilean fein, agus tha dochas againn nach ’eil Colasach am muigh no aig baile a chluinneas iomradh air rùn a luchd-duthcha nach “cuir clach ’n a charn.” Gun teagamh, as eugmhais carra-cuimhne, bithidh e fior an Colasa, “Gus an crion gu luaithre a’ chlach, ’S an searg as le h-aois a’ gheug, Gus an sguir na sruthain a ruith, ’S an dèagh mathair-uisge nan sleibhtean; Gus an caillear an dilinn aois Gach filidh, ’s dan, a’s aobhar sgéil,” nach feoraich an t-aineol “Co Morair Cholasa?” ach gidheadh tha e iomchuidh gu ’m biodh cuimhne an uasail agus speis an t-sluaigh dha air an comharrachadh re iomadh linn do choigrich. Cha suidh oighre ’n a chathair. Cha ’n ’eil ’uir am measg a shluaigh. An tir choimhich bhasaich e; an Duneideann dh’ adhlaiceadh e. Bu cheol mu ’n cuairt d’ a chreathail an Orasa “meaghal mhiol-chon ’cleasadh ard,” geumnaich bha-laoigh, ’s gaoir a’ chladaich; agus b’ e miann muinntir Cholasa gu ’n laidheadh e “an eilean fuar nan geotha crom” ri taobh ’aithrichean “gus am biodh cadal na h-uaighe criochnaichte.” Ach cha do thachair mar so. Soraidh mhaith, ma ta, agus soirbheachadh leosan a tha ’deanamh ni ’s urrainn doibh air son cuimhneachan a chur air bonn do ’n Ard-urramach Morair Cholasa. D. M‘K. Duneideann, 1874. SEALLADH O MHULLACH BEINNE AN EARRA-GHAIDHEAL, MU DHOL FODHA NA GREINE. Bho ’n is cuimhne leam beathach no duine b’ e mo thlachd a bhi ’siubhal nam beann; agus is minic a ghabh mi sealgaireachd mar leth-sgeul, chum an srath ’fhagail, agus farsuingeachd a’ mhonaidh a ghabhail fo m’ cheann. Tha toileachas-inntinn r’ a fhaotainn air mullach beinne aird’, leis an t-sealladh fharsuing a tha uaithe air muir agus air tir, nach fhaod gun ardachadh-inntinn a dhusgadh a tha air doigh araidh taitneach agus tarbhach. Is ann uaithe so a tha e ’tachairt, gu ’m bheil speis mhor aig gach aon do ’n bheinn a’s dluithe do ’n aite ’s an d’ fhuair e ’arach—baigh a leanas ris fhad ’s beo e; agus thigeadh e dhachaidh a Innsibh na h-aird’ an Ear no ’n Iar, cha bhi e fada ’s a’ choimhearsnachd gun togradh a dh-ionnsaidh an ait’ anns an d’ fhuair e, ar leis, a’ cheud bheachd air farsuingeachd an t-saoghail; agus bithidh e deidheil mar an ceudna air ’eolas ath-urachadh air gach glaic agus coire a b’ abhaist da ’thaghal ’n a oige, ’n uair’ a bu luthmhor a cheum, agus a bu bheag a bha ’n saoghal a’ cur air a chridhe de churam. B’aluinn an la an an ceitein an t-samhraidh, ’n uair a dh’ fhalbh mi gun duine maille rium, le run fior mhullach na beinne a ruigheachd, agus sealladh ’fhaotainn air dol fodha na greine. Bha ’n la ’s an am sin ’n a fhad agus ’n a bhlàs; bha gach eun a’ seinn aig beinn ’s aig baile, agus obair na [TD 153] cruitheachd fo sholas. Dhirich mi o ghuala gu guala, o choire gu coire, gus an d’ rainig mi an t-aite ’s an robh an airidh ri m’ cheud chuimhne; bha laraichean nam bothan fhathast r’ am faicinn; bha cro nam meann ’n a tholman uaine, an t-sobhrach ’s an neoinein a’ fas air. B’ aighearach an sugradh a b’ abhaist a bhi ’n so moch-thrath agus feasgar an am bleodhan na spreidhe. Bha ’n t-alltan beag a’ siubhal gu seimh troimh ’n ailein, le torman cho tuchanach ’s a bu ghnath leis. Shuidh mi car tamuill air a’ bhruaich ag iarraidh fionnachd ’n a bhraonaibh tlatha. Cha deachaidh mi seachad air aon tobar a chaisg iota m’ oige gun ’fheuchainn, no air air eas no leum-uisge gun seasamh air an cul a dh-fheuchainn an robh cho liugha bogha-frois r’ a fhaicinn ’s a b’ abhaist. Mar so chaidh moran de ’n latha seachad, ach rainig mi fa dheireadh mullach na beinne. Shuidh mi ’m fasgadh an liath-chuirn a bh’ air a mullach, agus dh’ amhairc mi air an duthaich mu ’n cuairt— “B’àluinn a beinnean ’s a srathan; B’ éibhinn dath a gleanntan.” Bha tir-mor na duthcha ri m’ chul, ach bha ’mach calg-dhireach mu m’ choinneamh a’ chuid ’bu mho a dh-Innse-Gall, an cuan mor le ’chaoil ’s le ’luingeas, agus a’ ghrian ghlormhor fhein a’ tearnadh o airde nan speur ann an ailleachd an fheasgair. Cha robh eilean eadar Caol-Ile mu dheas, agus an Caol-Sgiathanach mu thuath; cha robh sliabh eadar Beinn-an-òir an Diura, agus a’ Chul’inn ann an Eilean-a’-Cheo, nach robh gu soilleir am bheachd. Bha Muile dorcha, le ’chaol-mara mar abhuinn aluinn ag iadhadh mu ’n cuairt da, direach fo m’ shuil. Bha I nan Deoraidh le ’laraichibh briste, ann an uaigneas samhach r’ a thaic; Staffa ainmeil le uamh’ nan tonn mar dhuradan beag a mach air an fhairge; Tirithe iosal an eorna—Cola creagach—Eig, le ’Sgur ri speur; ’s an t-Eilean Sgiathanach, ban-righ an iomlain; agus a mach air an cul gu leir, ann an iomall na rioghachd, an t-Eilean Fada mar mhile sgeir, ag eirigh air aghaidh a’ chuain, smuid ghairdeachais ag eirigh o gach aon diubh, ’n uair ’bha ’ghrian a’ siubhal seachad os an cionn, ’g am fagail mile de mhiltibh ’n a deigh. Bu diomhain oidhirp a thoirt air a’ choi’-lion smaoint a bha taitneach, agus tha dochas agam, tarbhach, a dhuisg suas leis an t-sealladh so. Air a’ leithid so a dh-am cha ruigear a leas an inntinn a chumail fo smachd. Bu shona a bhiodh daoine na ’n giulaineadh iad, am measg uinich agus othail na bheatha so, caileigin de ’n aigne mhaith sin, a tha uaigneas agus samhchair a shamhuil so de dh-ait’ a’ tarmachadh. Oir, gu cinnteach, mar is mo a thairngeas sinn air falbh o iorghuill an t-saoghail so, ’s ann is mo a ruigeas sinn air an fhonn spioradail sin, trid am bheil an t-anam air a chur air ghleus gu co-chomunn ard a chumail r’ ar n-Athair neamhaidh. Na ’m bu mhaith leinn blasad de ’n aoibhneas so, cha bu neo-iomchuidh dhuinn air uairibh comunn an t-saoghail so ’fhagail, agus a radh ris gach imcheist bhuaireasaich a bhuineas dha, mar thubhairt Abraham r’ a oganaich, “Fanaibhse an so, agus theid mise suas a thairgseadh na h-iobairt.” Bha ’ghrian a’ tearnadh gu luath; bha dath an oir air aghaidh nan speur; bha a leadan aillidh cheana ’s a’ chuan, agus an fhairge, mar gu ’m b’ ann, a’ dunadh mu ’n cuairt dhi. Is blasd’ a’ chainnt a chleachd Bard na duthcha so fhein, ’n uair a bha ’n sealladh so aige, ma dh’ fhaoidte, o ’n mhullach cheudna, mar a chi sinn ann an “Dan Oisein do ’n Ghrein an àm luidhe.” Ach bu dall sinne mur gabhamaid beachd [TD 154] a b’ aird’ air an t-sealladh so na dh’ fhaodadh esan ’fhoghlum o thuigse naduir. An neach nach mothaicheadh o ’n t-sealladh so, gloir an Ti naoimh a chruthaich a’ ghrian, agus a sgeadaich an saoghal le ’uile ailleachd, bu bhochd, gu dearbh, a chor, agus cha chulaidh fharmaid a chridhe; oir, gu deimhin, bu ghlormhor an taisbeanadh a bha ’n so air cumhachd agus maitheas Dhe. A bhi ’mothachadh do ’n ghairdein threun sin air am bheil an domhan crochta, a’ fosgladh air an dara laimh dhiom dorsan na h-oidhche do ’n ghrein, ’g a cur a mach a shoillseachadh taobh eile ’n t-saoghail, ’s a dhusgadh nam miltean as an suain; ’s a bhi ’faicinn a’ ghairdein cheudna a’ togail na gealach dhuinne ’n a h-aite, an robh e comasach gun eigheach a mach, “Is glormhor thusa, O Dhe uile-bheannaichte! tha neamh agus talamh lan de d’ ghloir, a Thighearna nam feart; tha thu ’toirt dhuinne gach beannachd ’n a thrath, agus cha ’n ’eil thu, air am sam bith, ’g ar fagail fo an-dochas no dith!” Chaidh a’ ghrian fodha, agus shaoileadh tu gu ’n robh an saoghal a’ caoidh; bha ’n druchd trom, mar dheoir na oidhche ’n a dheigh, a’ braonadh gu lar. Dh’ fhalbh a’ ghrian, ach bha fhathast airde nan speur air an òradh le ’dathan aghmhor a’ lubadh a nuas gu fann fhathast air an t-saoghal ’s ’g a bheannachadh le eadar-sholus an anmoich. Bha ’n ceo a’ sgaoileadh sios air an leacainn, agus bha ’n t-am dhomh ’nis am monadh ’fhagail. Bu bheannaicht’ an t-samhchair a bha ’mach air feadh an domhain; bha corr fhuaim ann, ach cha bu chulaidh eagail no uamhais iad—torman nan allt, mar a bha iad a’ tuiteam leis an aonach o chreig gu creig—sgriach na h-iolaire, ’s i ’g itealaich air bile a’ chreachainn ag iarraidh a h-àil air an aisridh chorraich; an fheadag ghuanach o thom gu tom; gogail a’ choilich-ruaidh ’g am dhoichioll o ’n bheinn; a’ chearc a’ gairm a h-àil fo ’sgeith, agus miogadaich nan gabhar ag iarraidh nam meann. O! cia iomadh mile beo-chreutair air feadh an t-saoghail, smaointich mi, a tha ’s a’ cheart am so a’ dol gu tamh fo shuil-choimhead an Fhreasdail sin a bha ’faireadh thairis orra, agus a dh’ uidheamaich aite taimh do gach aon aca fa leth. Tha suilean nan uile ort, O Dhe; tha thu ’toirt doibh gach sochair ’n a thrath. Agus ma tha Dia mar so a’ buileachadh orra-san uiread de churam, an dean e dearmad air mac an duine? “Feuch,” a deir Criosd, “eunlaith an athair; cha chuir iad, agus cha bhuain iad, agus tha Dia ’g am freasdal; agus nach fearr sibhse gu mor na iadsan?” Eisd so, O thusa air bheag creidimh; giulain na smaointean so leat do d’ leabadh; earb thu fhein ri Dia, leis an dochas a tha ’g eirigh uatha, a’s bithidh do chadal taitneach.—Leabhar nan Cnoc. A Chaothain nan solus àigh, Tha do lòchrains’ an tràsa fo smal; Amhuil darag air crionadh gu luath Tha do phàillinn, ’s do shluagh air treigsinn. Soir no siar air aghaidh d’ aonaich Cha ’n fhaighear do aon diubh ach larach. An Seallama, ’n Taura no ’n Tigh-mòr-righ Cha ’n ’eil slighe, no òran, no clàrsach. Tha iad uile ’n an tulachain uaine, ’S an clachan ’n an cluainean féin; Cha ’n fhaic aineol o ’n lear no o ’n fhàsaich A h-aon diubh ’s a bhàrr romh neul. ’S a Sheallama, theach mo ghaoil! An e ’n tòrr so d’ aos-làrach, Far am beil foghnan, fraoch a’s fòlach, Ri bròn fo shileadh na h-oidhche? Mu thimchioll mo ghlas-chiabhan Ag iadhadh tha chomhachag chòrr, ’S an earbag a’ clisgeadh o ’leabaidh, Gun eagal romh Oisean a’ bhròin. —Sean Dana. [TD 155] NIGHEANAG A’ CHUIL DUINN. [Ceòl] Nigheanag a’ chuil duinn, nach fhan thu? Fhios a’s tìr gur mi do leannan. Nigheanag a’ chuil duinn, nach fhan thu? Nigheanag a’ chuil bharr’inn bhoidhich, Tha mi ’n tòir ort o chionn tamuil. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’S ann o ’n bha mi beag am phaiste Thug mi ’n gradh dhuit a bhios maireann. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’N uair a bha sinn ris a’ chuallach, Thug mi luaidh do d’ chuailein barr’ionn. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’S leis na dh’ fhas de dhreach ’s de dh-aoidh ort, Thàlaidh thu mo ghaol gu daingean. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Gorm-shuil mheallach aig mo ghaolsa, Mala chaol a ’s caoine sealladh; Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Gruaidh a ’s deirge na an caorunn, ’S e fo bhraon am barr nam meangan; Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Beul o ’m binne ceol a’s gàire, Deudach aluinn mar a’ ghaillionn; Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Muineal geal mar chanach sleibhe, Broilleach ceutach mar an eala; Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Seang-chruth cuannda, cuimir, éutrom, ’S e gun éislein no gun ainneamh. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’S tric a fhuair mi treis de d’ mhanran, Air an airidh, anns na gleannaibh Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’S minic bha mi riut a’ sugradh Fo na geugan cubhraidh barraich Nigheanag a’ chuil duinn, &c. ’S ann ’s a’ mhadainn latha Càsga, Thug thu dhomh do lamh ’s do ghealladh. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Ach ma dh’ fhagas tu an duthaich, ’S trom mi ’giulan do chion-falaich. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. C’ uime rachadh tu gu Galldachd Dh’ fhoghlum fealltachd o na Gallaibh? Nigheanag a’ chuil duinn, &c. Fan, a ghaoil, an tir nan Gàidheal, Far am bheil an abhaist cheanail. Nigheanag a’ chuil duinn, &c. S. M. —An t-Ailleagan. [TD 156] DARA LITIR FHIONNLAIDH PHIOBAIRE G’ A MHNAOI. A MHAIRI, EUDAIL NAM BAN.—Gheall mi sgriobhadh ad ionnsaidh, agus da-rireadh is faochadh do m’ chridhe conaltradh beag a bhi agam riut. Cha ’n ’eil thu fhein no na paisdean tiota as mo chuimhne. Am chadal no ’m fhaireachadh tha sibh fa chomhair mo shul agus ann am beachd m’inntinn. Is taitneach leam uaigneas gu bhi smaointeach’ oirbh. Is minic a ghoideas mi ’mach ’s an anmoch, gu bruach an uillt, a tha dluth do ’n aite ’s am bheil mi chum conaltradh diomhair a chumail ribh; saoilidh mi gur e torman an uillt againn fhein a th’ ann agus ceileireadh nan eun buchallach a dh’ fhag mi as mo dheigh. Fhuair mi o cheann oidhche no dha, bàta beag seileistir a’ snamh ’s an linne, ’s ge faoin e r’a radh, shil mo dheoir, oir thug i mo lurachan gaolach, Lachann beag, am chuimhne. A Mhairi, a ghraidh, ma dheonaicheas am Freasdal dhomh-sa dol dachaidh, cha bhi e soirbh mo chur a rithist o ’n tigh. Tha mi taingeal nach d’ thainig moran riamh eadaruinn, oir is gann gu ’m bheil focal crosda no ath-ghoirid a labhair mi riut nach ’eil a’ tighinn gu ’m chuimhne; ’s cha ’n eil e am chomas am fuadach; ach toir thusa eudail maitheanas dhomh. Bha mi seachdnin ann an Glaschu mu ’n d’ fhuair mi cosnadh. Chunnaic mi Righ Uilleam ’s an t-each odhar—an Eaglais Mhor, an Tigh-eiridinn, ’s am Priosan. Chunnaic mi iad a’ sniomh an tombaca ’s a’ chotain—a’ deanamh nan gloineachan; chunnaic mi beairtean a’ figheadh leo fhein, ’s a’ falbh cho ciallach ’s ged a bhiodh Iain figheadair e fhein aig ceann gach snathainn. Stad thus’, a Mhairi, ’s mur toir mise dhuit-sa naidheachd, ma tha e ’n dan domh dol dachaidh. Bha mi ann an tighean moran d’ ar luchd-duthcha, agus b’ iad sin, am bitheantas, na frogan dorcha anns nach facas riamh gnuis na greine, cha b’ ionann ’s mo bhothan boidheach. A Mhairi, a ruin, biomaid taingeil; cha b’ i ’n fhaoineis a chuireadh do ’n bhaile mhor mi; ged nach bi againn ach a’ chearc bhananach, maorach a’ chladaich, faile glan nam beann, agus samhchair bheannaichte, seach mar tha iad ann an so, air an tachdadh le toit, ’s air am bodhradh le gleadhraich. Cha d’ fhuair mi fhein cadal socrach, samhach o ’n oidhch’ a dhealaich mi riut. Shaoil leam gu ’m biodh fois ann air la an Tighearna, ach mu ’n gann a dh’eirich mi thoisich na cluig, ’s ma thoisich! ’s ann an sin a bha ’m farum—fonn air leth aig gach aon diubh—agus a h-uile h-aon a’ stri co a b’airde pong. A mach bhruchd an sluagh, as a h-uile cuil agus caol-shraid, a’ taosgadh a mach ’n am miltean; sruth agus saobhshruth, a sios agus a suas air gach sraid, carbadan air an ais agus air an adhart, saighdearan le ’n drumaichean tartarach, agus na cluig a’ cur nan smuid diubh. An e so, deir mise, la na Sabaid! O! nach robh mise aon uair eile ann an Uladal fo sgaile ’bharraich ri taobh an uillt shamhaich, an t-athar ard as mo chionn, na beanntan mora mu ’m choinneamh—mo dhaoine, mo chairdean, ’s mo leanaban ri m’ thaobh, sith agus samhchair na Sabaid am mach air an t-saoghal; fear teagaisg mo ghradh fo sgaile na creige; anam gach aoin ann am fonn an Domhnaich, agus an co-thional caomh, cairdeil a’ togail le Somhairle runach an fhuinn thiamhaidh, a sheann iad gu tric leis na daoin’ o ’n d’ thainig iad! ’S mor an cothrom a th’ aig na Gaidheil anns a’ Bhaile mhor so, thigeadh iad o ’n ear no o ’n iar gheibh iad Gaidhlig an duthcha fhein ann an eaglaisibh a’ bhaile. [TD 157] An saoil thu ’Mhairi nach do theab Para mor agus mis’ a bhi ’s a’ phriosan an oidhche roimhe. Bha sinn a’ dol dhachaidh gu samhach, ciallach, gun fhocal as ar ceann; mise ’giulan bocsa na pioba fo ’m bhreacan, ’n uair a thainig triuir no chearthar mu ’n cuairt duinn, agus mu ’n abradh tu seachd, spionar uam bocsa na pioba, agus glacar mi fhein air sgornan. Mar a bha ’n tubaist air Para mor, dh’ eirich e air cach le ’bhata daraich, agus rinn e pronnadh nam meanbh-chuileag orra. Bha clachbhalg aig fear dhiubh ’s cha luaithe ’thug e srann aisde, na thainig sgaoth dhiubh mu ’n cuairt duinn, agus giulainear air falbh sinn do dh’ aite ris an abrar am Police Office. Ait’ an uamhais! Tha oillt orm fhathast smaointeach’ air. Daoine ’n an sineadh air dall na daoraich thall agus a bhos, a’ call fola, a’s mallachadh ’n am beul; mnathan (b’e sin an sealladh graineil), air an dallanaich, cuid diubh ’caoineadh ’s a’ ranaich; a’s cuid eile ’gabhail oran, agus, Ni-maith d’ ar teasraiginn! duine marbh ’n a shineadh air an urlar. Dh’ fheoraich mi fhein cho modhail ’s a b’ urrainn domh, c’ ar son a thugadh an so sinn? “Chi thu sin a thiota,” deir fear dhiubh ’s e ’cur a laimhe ann am bocsa na pioba: thug a’ phiob ran bronach aisde, agus chlisg e mar gu ’m biodh nathair innte. “Faodaidh tus’ ’ille mhaith a radh,” arsa Para mor, “mar ’thuirt an sionnach a bha ’g itheadh na pioba. Is biadh a’s ceol so dhomh-sa.” Ciod a tha agad air, ’s ann a shaoil iad gur corp leinibh a bh’ againn, ach ’n uair a thuig iad mar a bha ’chuis leig iad as sinn. Fhuair mi cosnadh, ’s a’ cheud dol a mach, o thuathanach se mile am mach a Glaschu. Thug e sinne agus sgaoth Eirionnach, agus dorlach bhan leis. ’N uair a thainig an oidhche chuireadh air fad sinn a luidhe do ’n t-sabhal. Is fad’ o ’n a chuala mi mu leabaidh mhoir na h-airidh, agus da-rireadh b’i so i; na mnathan air an dara taobh, agus na ’m biodh meas ceart aig na mnathan orra fhein, ghabhadh iad fasgadh an tuim a roghainn air a leithid a dh-aite; ach is iomadh aon a tha modhail narach na ’s leoir, do reir coltais, ’n an duthaich fhein (co ach iad, le ’m boineidean connlaich, le ’n gnuis-bhrat uaine a’ cleth an aodainn), a tha gle shuarach m’ an gnathachadh ’n uair a thig iad gu Galldachd? Ged a bhiodh fichead nighean agam (cha ’n e idir, a Mhairi, gu ’m bu mhiann leam an uiread sin a bhi ann) cha leiginn am feasd gu foghar’ iad air an doigh so. Gheibhinn dhoibh, ni ’tha soirbh r’ a fhaotainn, cosnadh maith seasmhach ann an teaghlaichean measail; ach an cur am mach am measg Eirionnach agus bheistean, o bhaile gu baile, nar leag am Freasdal gu ’m faicinn-se aon a bu mhaith leam gu maith air an doigh so. Dh’ fhag mi tigh an duine ud, agus fhuair mi fhein agus Para mor cosnadh a mhaireas gu Samhuinn, ma chaomhnar sinn, an tigh an duine bheannaichte, mu ’n cuala tu Anna mhor nighean Eoghain ’Ic Ailein cho tric a labhairt—fear Mr. Ponton. Tha deadh thuarasdal againn, agus cha bhi e cruaidh orm am mal a chur r’ a cheile. An saoil thu, Mhairi, nach faca mise buth ann an Glaschu, far nach robh sion saoghalta ach boineidean connlaich, agus bha mi ’feoraich luach an aodaich sgarlaid a bhios anns na cleocaichean; cha ’n abair mi bheag, ach cum thusa, eudail, suil air na paisdean, agus cha ’n ’eil ’fhios ciod a dh’ fhaodas tachairt. Tha tuiltean coimheach againn ’s an aite so; bi furachail air Lachann. Slan leat, a ghraidh, na bi fo iomaguin do m’ [TD 158] thaobh; tha mi gun dith gun deireas. ’S e ’m Freasdal a chuir do ’n teaghlach so mi, far am bheil iomadh deadh chleachdadh r’ a fhaicinn. Leig fios do ’n Mhinisteir ’s Fhear-a’-bhaile mar a dh’ eirich dhomh. Cha ’n abair mi tuilleadh air an am, ach gur mi, D’ fhear-posda dileas, FIONNLADH MAC-AONGHAIS. —An Teachdaire Gaidhealach. SEARMOIN GHAIDHLIG.* Chaidh an t-searmoin so—bho ’n cheann-teagaisg Ecsod. i, 6, “Agus fhuair Ioseph bàs, agus a bhraithrean uile, agus an ginealach sin uile.”—eadar-theangachadh leis an fhior Ghaidheal chaoimhneil, cheanalta sin, Mr. Uilleam Catanach ann an Duneideann leis an robh leas a luchd-duthcha riabh air a thoirt fainear; agus is iomadh Gaidheal bochd do ’n d’ rinn a chairdeas dealasach feum agus fuasgladh ann an aimsir airce. Tha cliu an ughdair fad agus farsuing, ’s ged “tha e marbh tha e fhathast a’ labhairt.” Tha ’n t-searmoin so barraichte am measg feadhnach eile a tha comharaichte air son an teagaisg ’s an cumhachd cainnte. A’ chuis mu ’m bheil an teagasg buinidh dhuinn, uile gu durachdach a thoirt fainear, mar choigrich ’s mar luchd-cuairte air thalamh, chum ’s gu ’n deanamaid an aireamh iomchuidh sin air ar laithibh le bhi ’g ullachadh air son ar criche deireannaich. Cha do chaill an t-searmoin a bheag d’ a brigh, d’ a cumhachd, ’s d’ a maise anns an eadar-theangachadh. Tha a’ Ghaidhlig snasmhor agus furasda ’thuigsinn. Tacharaidh beagan fhacal oirnn nach faighear ’s an Fhocalair ach b’ fhearr do ’n Fhocalair iad a bhi ann no as, ann an aite iomadh facail nach faighear ann an leabhar ’s nach cluinnear an cainnt. Bha aig Iudhaich, aig Cinnich ’s aig Criosdaidhean iomadh cuimhneachan seadhar air a’ bhàs, ’s co dhiubh ’s i ’n uaigh ’s an lios no chiste mhairbh taice na leapa, no ’n claigionn air bord-taobh seomar na cuirme no searmoin dhruighteach mar i so, a tha mar chuimhneachan air a’ bhàs—Righ nan uamhas agus uamhas righrean—is coma ma ’s e ’s gu bheil an Spiorad Naomh a’ deanamh cuimhneachain air bhith ’n a aobhar brosnachaidh dhuinn gu ullachadh feumail gu codhail a chumail ri r’ Dia. Mholamaid do gach Gaidheal an t-eadar-theangachadh so a leughadh no ’eisdeachd gu tric agus gu sonraichte dhoibh-san do ’m bheil a’ Ghaidhlig ’n a h-amar araidh no aonarach chum teagaisg dhiadhaidh. A. M. C. SALM. (Long metre version by J. W.) Gach uile shloigh air thalamh ’tha, Seinnibh le iolach àrd do Dhia; Le aoibhneas deanaibh seirbheis dha, ’S le binn-cheòl àrdaichibh an Triath. Tuigibh gur Dia Iehòbha treun; ’S e ’mhàin a chruthaich sinn ’s a dhealbh; Mar shluagh ’s mar chaoraich fòs dha féin, Is leis-san sinn gu léir mar shealbh. Le buidheachas ’n a làth’r a steach ’N a gheataibh àillidh thigibh dhlùth; Togaibh, an cùirtibh naomh a theach, D’ a ainm-san moladh àrd a’s cliù. Oir tha an Tighearn maith gu fìor, Gu bràth cha dìobair tròcair Dhé; Bidh ’fhìrinn maireannach gu sìor, Gun chaochladh buan o ré gu ré. * DEARBH-SHAMHUILT AIR GACH UILE NI—“AGUS FHUAIR E BAS:” Searmoin leis an Ollamh Ard-urramach R. S. Candlish. Eadar-theangaichte gu Gaidhlig le Uilleam Catanach. Duneideann: Clo-bhuailte le Lorimer & Gillies, an Sraid Chluaidh, 1874. [TD 159-164] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 165] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] CEUD MHIOS AN FHOGHAIR, 1874. [30 AIR. SILIS NIC-COINNICH. SEANN SGEUL GAIDHEALACH. VI. Air taobh thall na h-aibhne mu choinneamh a’ Chaisteil, bha, a reir dual-chainnt an aite, duthaich eile nach buineadh do oighreachd Chlann-Choinnich. Is i an abhuinn ud a bu chomharradh-criche eotarra. Air an taobh ud de ’n abhuinn, goirid bho ’n Chaisteil, bha ceatharnach foghainteach a chomhnuidh, d’ am b’ ainn Mungan Mac-Rath—muilleir Lag-a’-mhuilinn. Anns na laithean ud, cha robh muillnean na Gaidhealtachd—le an clachan, le an acfhuinn, le an cuibhlean, le an linnteachan uisge agus le an tuil-dhorsan, air an togail, no air an deilbh cho diongmhalta, cho snasmhor agus cho ealanta agus a tha iad a nis. Is ioma tuil ghailbheach a chunnaic Mungan; ach bi a bharail, mar theireadh e, “Nach facas riamh o laithean Noah, agus nach faicear tuille gu latha ’bhreitheanais leithid na tuil a thainig le aiteamh na Nollaig air a’ bhliadhna ud.” Chuir i Mungan ’n a chabhaig, oir bhruchd i thairis le maoim air callaidean-taobh na linne-mhuilinn air chor agus gu ’n robh am muileann agus gach tigh eile a bhuineadh dha, ann an cunnart a bhi air an sguabadh air falbh. Thug e ’mach a bhean, a mhac agus a nighean, a dh-fheuchainn ciod a b’ urrainn iad a dheanamh gu bhi ’tionndadh an uisge seachad air a’ mhuileann, le bhi a’ torradh suas callaid-dhidein air culthaobh na comhla-uisge, le maidean, le clachan, le sgrathan agus le lòid de ’n inneir as an dun-aolaich. Bha Mungan a’ cur na smuid dheth, a’ camadh agus a dinneadh ri cul na comhla-uisge, gach ni a thigeadh gu ’laimh; agus a’ smàdadh ’s a brosnuchadh a luchd cuideachaidh gu barrachd adhartachd agus dichill. “A bhean gun mhath, siuthad, siuthad, crom do dhruim ris an obair; na biodh eagal ort do lamhan min a shalachadh; bi falbh gu luath agus lion gach poca a tha anns a’ mhuileann leis an innear; luathaich do cheum; bi grad-charach. A Sheonaid, a ghleosgaid bhog, luideach, ciod e air am bheil thusa a’ smaointeachadh? Mar is beo mi; cha ’n ’eil os cionn deich clachan de ’n inneir agad anns a’ phoca sin air do dhruim. Uisdein, a shlaodaire leisg, cha tusa dad is fearr na cach; nach ’eil thu ’faicinn mar tha sinn an impis a bhi air ar sguabadh air falbh as an t-saoghal, mur dean thu barrachd dichill.” “Athair, an bheil urchair anns a’ Cheapaich?” “Mo mhile mallachd ort, a bheisd gun chiall, gun naire. Is beag na bheireadh orm do chlaigionn a bhristeadh; ciod e a tha dhith ort a dheanamh leis a Cheapaich aig an am so?” “Chi mi coslas eala bhreagha a’ tighinn a nuas leis an t-sruth.” “Ruith, cho luath ’s a rinn thu riamh; greas ort; tha a’ Cheapach daonnan làn, gu tioram, glan; greas [TD 166] ort, agus cuiridh sinn smuid ris an eala, ciod air bith a dh’ eireas do ’n mhuileann.” “O! a Mhuire ’s a Righ! Cha ’n i eala a th’ ann, ach boirionnach baite.” “Obh! obh! nach mise an duine truagh ’n ur measg. Ciod a thainig ri Uisdean; ciod a tha ’g chumail cho fada; agus sibhse, a luidean boga, gun tapadh, gun chruadal ri am na h-eiginn, ach caoineadh agus bas-bhualadh.” Anns an dol seachad rinn Mungan greim bais air a’ chorp, agus ann am priobadh na sul, shlaod e gu tir e; ach ’n uair a sheall e mu ’n cuairt, bha a bhean agus a nighean a’ teicheadh uaithe cho luath ’s a bheireadh an casan iad. “C’ aite a nis am bheil sibh a’ dol, a’ chreutairean gleadhradh, neo-smaointeachail. Pillibh agus cuidichibh leam a giulan a stigh. Na cluinneam tuilleadh d’ ur donnalaich. So, a nis, glacaibh mo dha laimhse; leigibh sios a ceann, a dh’ fheuchainn an cuir i mach pairt de ’n uisge a tha air a giulan; cha ’n ’eil fhios nach faod an deo bhi innte fhathasd.” “O, a Mhungain, na dean sin, cum suas mo cheann; cha ’n eil moran cearr orm; cha deachaidh mo cheann riamh fodha ’s an uisge.” “O, mo chreach ’s mo dhiubhail!” arsa Mungan, “cho cinnteach agus a theid mise chur air m’ fhocal aig a bhreitheanas mhor, is i baintighearna uasal Eidirdeil a tha againn. Gu ’m beannaich an t-Athair Naomh sibh; ciod e a chuir an so sibh; cia mar a thainig sibh; an cualas riamh a leithid!” “Thainig mi direach mar a chunnaic thu; coma co dhiu, cuir ann an leabaidh bhlath mi, agus innsidh mi dhuit an t-iomlan ri h-uine; oir bha taisdeal eagalach agam a dh-ionnsuidh do thighe-se; turus cabhagach da-rireadh. Cha ’n ’eil thar mionaid de thim bho ’chaill mi greim air laimh a’ Mhoraire a’ dol thairis air an drochaid-mhaide.” Cha b’ fhada gus an robh Silis air a cluthachadh gu seasgair comhfhurtachail ann an leaba bhlath, thioram a’ mhuilleir, agus air a h-eiridinn leas gach curam agus frideam a b’ urrainn a theaghlach caoimhneil a bhuileachadh oirre. Dh’ asluich i orra a’ chuis a chumail ann an diomhaireachd gus am faiceadh i iomchuidh i fein a dheanamh aithnichte; ach cha deachaidh i am feobhas cho luath ’s a bha duil aice. Thug an clisgeadh uamhasach a fhuair i, caisleachadh goirt d’ a caileachd agus d’ a h-inntinn. Bha i air a cur thuige gu mor le amharus piantach gu ’r h-e am Moraire, e fein, a thilg thar na drochaid i. Cha b’ urrainn i an t-amharus so, a rinn deargadh craiteach air a cridhe, a dheanamh aithnichte do theaghlach a’ mhuillear; ach chuir i roimpe fuireach leo ann an uaigneas folaichte, gus an cluinneadh i ciod an cunntas a bheirteadh leis a’ Mhoraire agus le a chairdean mu thimchioll a bais. An deigh beagan laithean, thairg i duais mhor do Uisdean, na ’n gabhadh e os laimh dol gu h-uaigneach a dh-ionnsuidh a’ chaisteil, agus sanus a thoirt d’ a comh-dhalta, Oighrig Nic-Coinnich i ’thighinn g’ a faicinn. “Mo chreach leir!” ars’ a mhathair, “Is beag a ruigear a leas duais bheag no mhor a thairgseadh do Uisdein còir airson dol air gnothuch uaigneach gu Oighrig Nic-Coinnich. Tha mo ghille math ni ’s trice ann an cuideachd Oighrig, na ’chithear ’s an Eaglais e; cha bu duais fhaoin a chumadh uaipe e; agus tha ise cho seolta agus cho cuireideach agus nach d’ fhuaradh a mach iad riamh fhathasd, aon chuid leibhse, no le neach eile timchioll a’ chaisteil. Theid mise an urras dhuibhse, nach ‘ceum air ghàig’ le Uisdein dol leis [TD 167] an teachdaireachd gu Oighrig; ach ma ghabhas e aon ruadh-bhonn copair airson a shaothair, beathaichidh mise e air dubh-bhrochan eorna, gun im, gun bhainne gu ceann mios an deigh so.” An uair a chuala Oighrig bhochd, sgeul Uisdein, bha a cridhe an impis sgaineadh le aoibhneas, ghuil i gu frasach, agus phaisg i a lamhan geala mu mhuineal garbh a’ mhuilleir, phog i e; ach cho robh furas no foighidinn aice airson a bheag d’ a bhriodal aig an am ud; ann an tiota, bha i deas, agus ghoid i air falbh le Uisdein, a dh’ fhaicinn a caomh bhan charaid. Cha bhiodh e comasach cainnt a chur air na faireachduinnean measgaichte leis an do choinnich Silis agus Oighrig ri ’cheile, ’n an aonar, ann an seomar samhach Mhungain Mhic-Rath. Aig a’ choinneimh ud, dh’ innis Oighrig gu saor d’ a ban-charaid, a mheud agus a b’ aithne dhi de gach comh-chordadh, agus de gach innleachd dhorcha agus dhroch-mheinneach a bha air an deilbh le maithean a’ chinnidh, gu dealachadh a chur eadar i fein agus a ceile uasal, beo no marbh; agus mar an ceudna, cho daingean agus cho dileas ’s a sheas am Moraire an aghaidh an uile chomhairiean, a dh-aindeoin gach bagraidh agus dian-iarrtuis leis an do sharuich iad e d’ a taobh o chionn bhliadhnachan; gus mu dheireadh an do bhuadhaich iad air gu aontachadh ris an turus chrabhaidh ud gu uaigh Naoimh Bhothain; agus gu ’r h-e Carnach, gu sonruichte, le cuideachadh mac a bhrathar—Bar-a’-mhuilinn—a thilg thar na drochaid i; agus gu ’n do ghiulain iad am Moraire eatorra ann an riochd mairbh, air ais do ’n chaisteal; agus nach b’ fhada gus an d’ thug iad air a chreidsinn gu ’m b’ ann le a saor-thoil fein, fo eagal breisleachail, a leum i thar na drochaid mhaide. Thug am fiosrachadh a fhuair Silis bho Oighrig, faothachadh agus lan-shaorsa dhi bho gach amharus leis an robh i air a sarachadh a thaobh neochiontas agus treibhdhireas a’ Mhoraire; agus air dhi a nis, a bhi lan-earbsach ’n a dhilseachd agus ’n a ghradh, bha i caoin-shuarach mu gach ni, no neach a dh’ fhaodadh a bhi ann an droch run dhi, air uachdar an t-saoghail. Mu ’n do dhealaich i fein agus Oighrig, rinn iad suas eatorra, an oidhche, agus an uair, air an tilleadh i dhachaidh, ann an cuideachd, agus fo sheoladh Oighrig. Thachair so oidhche no ’dha, mu ’n robh Oighrig air a ceasnachadh leis a’ Mhoraire, an lathair nan uaislean; agus bha e air a choimhlionadh gu seolta, sgiobalta le tapadh Oighrig, mar a chaidh ainmeachadh cheana, agus mar an ceudna, a’ chrioch eagalach gus an d’ thainig e. An uair a chaidh iad a mach a shealltuinn as deigh nan uaislean a leum troi an uinneig bha Oighrig, gun sgath gun eagal air toiseach na cuideachd, le leus ’n a laimh. Fhuair iad Carnach ’n a shineadh eadar an caisteal agus bruach na h-aibhne; bha e cheana marbh, oir bha e as an amhaich, agus a chorp air a phronnadh gu deistinneach. Goirid o ’n aite ’s an robh Carnach ’n a luidhe, fhuair iad Bar-a’-mhuilinn air a dhroch bhruthadh ach cha robh e marbh. An deigh dha dol am feobhas, dh’ aidich e do Shilis, an t-iomlan de gach innleachd mhallaichte a bha air an runachadh leis na maithean airson a cur as an rathad. Air dhi a thuigsinn, nach b’ ann le falachd no le mi-run d’ a taobh fein, gu pearsanta, ach le suil ri leas coitchionn a chinnidh, a bha iad air an gluasad gu feuchainn ri a dealachadh bho ’n Mhoraire, thug Silis saor-mhaitheanais dha; agus le a h-eadarghuidhe as a leth, fhuair e as gun pheanas; ach bha e ’n a eirbleach crubach cho fad ’s bu bheo [TD 168] e. Tha an t-aideachadh a rinn e do Shilis, ’n a thaisbeanadh riochdail air dilseachd uaislean nam fineachan Gaidhealach d’ an iochdarain, anns na laithean a dh’ fhalbh. Dh’ innis e dhi nach b’ ann gus an d’ fhairslich orra, an deigh ioma deuchainn, am Moraire eigneachadh gu dealachadh rithe, agus bean eile a ghabhail ’n a h-aite, a smaointich iad air an turus-chrabhaidh gu uaigh Naoimh Bhothain, a dh-asluchadh air, na ’m b’ fhior, ise a bheannachadh le leanabh mic, a bhiodh ’n a cheann-feadhna do ’n fhine ann an aite ’athraichean; ach gu ’r h-e a bha da-rireadh ’n an run, nach tilleadh, aon chuid, i fein no aon de na mnathan-coimheadachd a bha gu bhi comhla rithe beo air an ais bho ’n fheisd chrabhach ud. Cha robh e riamh ’n an run, a bathadh; gus a’ mhionaid air an d’ fhuair iad i air mullach na drochaid-mhaide. Bha searrag de fhion puinnseanaichte aca, a bha gu bhi air ’òl le Silis agus leis na baintighearnan ard-inbheach eile a bha gu bhi ’n a cuideachd, á cupan-comanachaidh òir; oir mar nach biodh e comasach dhoibh eadar-dhealachadh a dheanamh, chuir iad rompa gu ’n iobradh iad beatha gach aon de na baintighearnan eile, gu iad fein a shaoradh bho amharus d’ a taobhse. Ach is e deireadh mo sgeoil a’ chuid is fearr de ’n iomlan. Co aca is ann o bhi a’ cadal fad cheithir-la-deug air leaba chruaidh fhraoich, no le bhi air a beathachadh re na h-uine ud air brochan-bainne agus im; no co dhiu a bha no nach robh buaidh-atharrachaidh aig a ghàbhadh troi an deachaidh i ’n a cuairt eagalaich air uchd na tuil gu Lag-a’-mhuilinn, air a caileachd agus air a slainte—coma, co dhiu—mu ’n deachaidh bliadhna eile thairis, rugadh nighean dhi, agus ri h-uine, dithis mhac. Chaith i fein agus a companach uasal feasgar an laithean ann an sonas agus ann an siochainnt; chaochail iad aig seann aois, ann an urram agus ann an ard-bhiuthas; ach tha an gineil gus an latha an diugh, fhathast ann an seilbh dhligheach air cuibhrionn chuimseach de sheann oighreachd fharsuing, iomraideach Eidirdeil. MUILEACH. A’ CHRIOCH. COMHRADH EADAR CUAIRTEAR NAN GLEANN AGUS EACHANN TIRISDEACH. CUAIRTEAR.—An ann a rithist, Eachainn? Cha chreid mi nach ’eil leannan agad ’s a’ bhaile-mhor; cha ’n urrainnear do chumail as. EACHANN.—Cha ’n ’eil, cha robh, agus cha bhi! Chaidh laithean mo leannanachd fhein seachad, ’s ged bhithinn og ’s air toir mnatha, da-rireadh cha ’n ann am measg ghuanagan a’ bhaile-mhoir a rachainn a shuirdhe: ’s olc a fhreagradh iad do m’ leithid—ach suidhidh mi le ’r cead air a’ chathair—tha mo cheann ’s an tuainealaich. CUAIR.—Ciod so ’dh’ eirich do d’ cheann, Eachainn? EACH.—Thig e uaithe ri uine, tha dochas agam, ach cha seasadh ceann iaruinn, gun ghuth air eanchainn cumanta an t-aite ’n robh mise ’n diugh. CUAIR.—C’ ait’ an robh thu, Eachainn? EACH.—An robh mi! Ma ta, le ’r cead, cha ’n ann gu droch fhreagairt a thoirt duibh—’s coma e’ ait’ an robh mi—bithidh latha ’s bliadhna mu ’m bi mise ’s an aite cheudna ’rithist. Nach robh mi ann am Paisley air carbad na smuide; ach c’ arson a bhithinn a’ gearan; ’s ann agam tha ’n t-aobhar taingealachd gu ’m bheil mi beo, ’s nach do sheideadh a suas mi am bhloighdean anns na speuraibh. O, b’ e bhi ’buaireadh an Fhreasdail, do dhuine sam bith ’n a bheachd, cuid a [TD 169] chunnairt a ghabhail d’ a leithid a dh-aite, fhad ’s a tha comas nan cas aige, no dh’ fhaodas e suidhe an cairt shocraich, chiallaich, air boitein connlaich. CUAIR.—An ann mar sin a tha thu ’labhairt mu ’n aon doigh shiubhail a’s innleachdaiche ’fhuaras riamh am mach le mac an duine? EACH.—Cha ’n ’eil ceist nach ’eil i innleachdach; cha ’n ann an sin tha ’n fhaillinn ach an cluinn sibh mi—b’ fhearr leam latha ’ghabhail g’ a choiseachd no dol an dail na h-upraid cheudn’ a rithist. Cha robh mi tiota air falbh innte ’n uair a bheirinn na chunnaic mi riamh gu robh mi aon uair eile air bonn mo choise air fonn, no ged a b’ ann suas gu m’ amhaich am mach air a’ mhuir. Fheara ’s a ghaoil! b’ e sin an carbad siubhlach; tha mi am barail na ’n gabhadh e air ’aghart uair an uaireadair na b’ fhaide gu ’n robh m’ eanchainn mar bhrochan an claigeann mo chinn. CUAIR.—Seadh, Eachainn, innis domh mar thachair. EACH.—Tha mac agam, mar tha fhios agaibh, ’s an aite so—gille deanadach, glic, grunndail. Tha mi ’deamamh dheth gu ’m bheil suil aige ri mnaoi fhaotainn ann am Paisley, ’s cha ’n fhoghnadh leis gun mise ’dhol a mach g’ a h-amharc. Cha robh mi deidheil air carbad na smuide, ach bha Niall (’s e sin ainm mo mhic), agus buirdeasach og eile, sgaomaire ’mhuinntir an Obain a bha maille ris, deidheil air feala-dha ’bhi aca air mo thailleadh. A stigh do charbad na smuide chairich iad mi; ag radh rium gu ’m bithinn cho socrach, shamhach, fhoisneach ’s ged a bhithinn ann an cathair-mhoir taobh an teine. Ghabh mi beachd air a’ charbad—chunnaic mi fear na stiurach a’ gabhail ’aite, le ailm iaruinn ’n a laimh, agus fear eile ’s an toiseach mar gu ’m biodh fear-innsidh nan uisgeachan ann, ag amharc a mach. Bha smuid as an t-simileir ’s na h-uile ni samhach, socrach na ’s leoir. Chaidh mi ’stigh, agus shuidh mi dluth do ’n uinneig chum sealladh a bhi agam air an duthaich. Tiota beag ’n a dheigh sin chuala mi beuc mor—ran tuchanach ard, agus an sin fead oillteil. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall; rinn esan ’s an Latharnach gaire. “Sud agaibh, athair” arsa Niall, “sitirich an eich iaruinn, ’s e ’togairt falbh.” “Sitirich na h-oillt!” arsa mise, “leig a mach mi.” Ach bha ’n dorus air a dhruideadh. Thug an t-each iaruinn stadag—bhuail an carbad anns an robh mise am fear a bha roimhe, agus bhuail am fear a bha ’n a dheigh am fear anns an robh sinne, ’s cha mhor nach do phronnadh m’ fhiaclan an aghaidh a cheile. Thug e ran eile, agus fead; agus an sin leig iad siubhal a chas da—’s thar e as. Thoisich an stairirich ’s a’ ghleadhraich. “An i so a’ chathair-mhor, a Neill?” arsa mise. Bha e ’dol a nis ’n a shiubnal, ’s cha ’b e siubhal an eich, no luas an fheidh; cha tugadh ceithir chasan riamh do bheo-chreutair air an talamh a bhos, no sgiathan do dh-eun ’s na speuraibh shuas a chumadh ris. Cha d’ thubhairt mi fhein diog—rinn mi greim bais, gun fhios c’arson, air an aite-shuidhe. Dhuin mi mo bheul—chas mi m’ fhiaclan, mu ’n cuirinn troi’ m’ theangaidh iad—dh’ fhorc mi mo chasan gu daingeann, ’s bhithinn ceart shuarach ged robh mo chlaisteachd ’s a’ chiste ruaidh ann an Tirithe ’s mi fhein cho bodhar ri Iain Balbhan. Chuir Niall a bheul ri m’ chluais—“Athair” ars’ esan “am bheil sibh ’n ur cadal?” “Uist!” arsa mise “bi samhach.” Chuir an t-Obanach og a cheann ri m’ chluais. “Eachainn,” ars’ esan, “nach e ’n t-each iaruinn fhein an gille? “Uist!” arsa mise. Bha mi ’nis a thiginn gu seorsa de thur, ghabh mi misneach, ach bha [TD 170] seorsa do nair’ orm; oir bha bean mhor, shìodach, ribeineach, reamhar, ’s a’ charbad, agus ge b’ ard gleadhraich an each iaruinn, bha a guth cho ard, agus a teanga neo-ar-thaing cho luath. Bha ’n uinneag fosgailte; dh’ amhairc mi ’mach a ghabhail seallaidh air an t-saoghal, ach ghrad spion iad air m’ ais mi. “Thoir an aire dhuit fhein,” ars’ iadsan, “cum a stigh do cheann, air neo theagamh gu ’m fag thu mile ’d dheigh e mu ’n ionndrainn thu o d’ ghuaillibh e.” Ghrad tharruing mi air m’ ais, ’s bu mhaith gu ’n do tharruing, oir chuala mi geumnaich agus ranaich oillteil a’ dluthachadh oirnn. Cha robh a’ mhucmhara sin riamh air cuan a dheanadh seidrich coltach ris. Thainig seorsa de bhreislich orm—ach ghrad chaidh steud-each iaruinn eile seachad oirnn—’n a ruith ’s na dheann-ruith, a’ seidrich ’s a’ feadalaich le boile ’thug orm criothnachadh le h-oillt. Bha na ficheadan carbad ’n a dheigh ach cha deachaidh peileir riamh o bheul a’ ghunna-mhoir le luas a bu mho na chaidh iad seachad oirnn. Cha robh duil agam gu ’n robh leud na ludaig eadar an da charbad, ’s na ’m biodh iad air a cheile ’bhualadh, c’ ait’ an sin an robh Eachann? Tharruing mi m’ anail. “Tha ’n sud aon rudha fodhainn,” arsa mise rium fhein. Dh’ fheuch mi ’nis beachdachadh air an duthaich mu ’n cuairt, ach cha robh so comasach; cha robh a’ bheag air am b’ urrainn an t-suil socrachadh ach a h-uile achadh, a’s craobh, a’s cnoc, a’s tigh, a’ ruith mu ’n cuairt an deigh a cheile; tighean mor’ a’ tighinn ’s an t-sealladh, ach ge b’ fhada bhuainn iad cha fhada ’gan ruigheachd—ann am prioba na sula bha sinn seachad orra. Chunnaic mi achadh air an robh moran mhulan a’s ruchdan feoir. Bha iad a’ ruith mu ’n cuairt, a h-uile h-aon air a bhonn fhein mar ghille-mirein, ’s an iomlan mar gu ’m biodh iad a’ dannsadh ceithir-chuir-fhichead Ruidhle thulachain. Dh’ fheuch mi an aireamh ach mu ’n do chunnt mi leth-dusan diubh bha iad as an t-sealladh. Bha mi ’nis ga m’ fhaireachduinn fhein rud-eigin socrach, agus an t-eagal ga m’ fhagail, ’n uair a thainig an dubh-dhorchadas oirnn! Cha robh grian no leus soluis ann, creag mhor dhubh ri cliathach a’ charbaid agus an aon fhuaim fhasail, eagalach, air chor agus eadar ranaich an eich iaruinn, gleadhraich na h-acfhuinn agus co-fhreagradh mhic-talla ’s an uaimh dhuirche tre ’n robh sinn a’ dol, gu ’n robh mi uile gu leir fo eagal na bu mho na bha mi fhathast—air mo bhodhradh, air mo dhalladh, ’s mo cheann ’s an tuainealaich. “Ciod e so?” arsa mise ri Niall. “An Tunnel,” ars esan. “B’ e ’n donnal e gu dearbh,” arsa mise, “an donnalaich a’s grainde ’chuala mi;” ach am prioba na sula bha sinn a mach taobh eile ’chnoic—tharruing mi m’ anail agus thog mo chridhe. Chaidh sinn a nis troimh dhuthaich aillidh—bha eich, a’s crodh, a’s caoraich ag ionaltradh—ach cha robh a h-aon diubh, no beo-chreutair, nach do theich o thaobh an rathaid mar a dhluthaich sinn orra, an cinn ’s an earbaill ri h-athar, ’s cha b’ iongantach sin, b’ e ’n t-annas e do na bruidean bochda. Bha ’nis, mar a shaoil leam, an anail an uchd an eich iaruinn—thug e ran. “Fhalbh,” arsa mise, “cha ’n iongantach leam pathadh a bhi ort.” Chuala mi beuc—a’s fead—bha ’n siubhal a’ fas na bu mhoille. “Cha ’n urrainn sud seasamh,” arsa mise ri Niall. Stad an carbad. “Leig a mach mi,” arsa mise; oir smaointich mi gu ’n deachaidh mionach an eich iaruinn air aimhreit, ’s gu ’n sgaineadh an coire mor anns an robh ’n t-uisge goileach. “Leig am mach mi,” arsa mise. “Air ur socair, [TD 171] ’athair,” arsa Niall. Dh’ fhosgail duine modhail, agus cuairt oir mu ’aid, an doras. “Thigibh a mach, a dhaoin’-uaisle,” ars esan. “’N e gu ’m bheil sinn aig ceann an rathaid?” arsa mise, “ochd mile ann an ochd-mionaide-deug!” Chaidh sinn a mach, ach ’s gann a b’ urrainn domh seasamh leis an tuainealaich a bha am cheann. Ciod a th’ agaibh air, ach gu ’m faca mi leannan Neill, ’s air m’ fhocal, caile eireachdail! An uair bha e fhein ’s an t-Obanach og ag innseadh mu ’n eagal a bha orm, sheas i mi gu gasda, agus chain i an carbad iaruinn gu foghainteach. Sin agaibh mar thachair dhomh. CUAIR.—Mo mhile taing, Eachainn! ach cia mar a thainig thu air d’ ais? EACH.—Thill mi ’s an doigh cheudna; cha dealaicheadh iad rium, cha robh feum a bhi’cur ’n an aghaidh. Chaidh mi stigh, sheachainn mi ’n uinneag, dhuin mi mo shuilean, dh’ fhorc mi mo chasan. “Chuir an leann a dh’ ol mi,” arsa mise, “cadal orm, leigibh leam.” Dh’ fhalbh sinn; thoisich mi air Laoidh Mhic-Cealair agus gach laoidh eile bha agam air mo theangaidh ’aithris; ach mu ’n d’ fhuair mi leth rompa bha sinn aig ceann ar turuis, agus a rithist tearuinte air sraidibh Ghlaschu. Sin agaibh, a Chuairteir runaich, eachdraidh mo thuruis do Phaisley. CUAIR.—Agus a nis, Eachainn, nach aidich thu gur mor an t-sochair na h-innleachdan sin? Is eiginn gu ’m bi daoine ’siubhal o aite gu h-aite—tha de ghnothuichean a nis eadar ait’ agus aite, eadar duin’ agus duine; de mhalairt ’s de dh-iomairt de gach seorsa, ’s gur anabarrach an t-sochair a tha daoine ’faotainn uapa. Cha ’n urrainnear Lunnuinn agus Glaschu ’tharruing na ’s dluithe d’ a cheile na tha iad—Lunnuinn a shlaodadh a nuas, no Glaschu a a sparradh a suas; cha ’n ’eil e comasach an t-astar a dheanamh na ’s giorra na tha e; ach ma gheibhear an t-astar a dheanamh anns a’ cheathramh cuid de ’n uine ’b’ abhaist da ’ghabhail, nach e sin an t-aon ni ’s ged a bhiodh iad air an dluthachadh r’ a cheile? Tha leth-cheud mile ’nis mar bha deich mile ri linn m’ oige. Siubhlaidh daoine ’nis ann an ceithir-uaire-fichead astar a ghabhadh seachduin o cheann fhichead bliadhna, agus cha chost e ’n deicheamh cuid a dh’ airgiod; agus nach mor an t-sochair sin? EACH.—Cha leir dhomh fhein gu ’m bheil a’ chuis mar a tha sibh ag radh. Ma tha cothrom aig daoine ’nis air dol o aite gu h-aite nach robh aca, ciod e sin? Am bheil iad na ’s lugha cost aig deireadh na bliadhna? An aite sin tha iad a’ cost a dheich uiread ’s a bha na daoine bho ’n d’ thainig iad—tha iad a dheich tricead o ’n tigh. Mur biodh cothrom aig ceatharnaich air dol gu Galldachd ach air bonn an coise, no aig na h-uaislean ach air muin eich le Valise, no maileid leathraich air cul na diollaid, mar a b’ abhaist, cha bhiodh uiread de dh-or ’s de dh-airgiod dhaoine ’g a chost a ruith o aite gu h-aite, ’s bhiodh iad a’ cheart cho maith dheth aig ceann na bliadhna CUAIR.—Faodaidh tu a radh gu ’n robh an duthaich cho maith dheth ’n uair nach robh drochaid, no rathad-mor an righ, no cairtean, no baracha-rotha ’s an tir; am ministeir fhein a’ marchachd do ’n Eaglais, ’s a bhean air pillein air a chul, ’s a da laimh m’ a theis-meadhoin; agus an tuath air chul srathrach, le taod connlaich. EACH.—Ma ta cha ’n ’eil fhios agam nach robh, agus moran na b’ fhearr. Ged labhradh sibh fad bliadhna, cha toir sibh orm a chreidsinn nach ’eil bochdainn, agus fuachd, agus dith cairdeis a’ tighinn a stigh [TD 172] do dhuthaich mar tha na cleachdainnean ura, Gallda sin a’ tighinn oirnn. Nach taitneach an ni marcachd air muin eich, no gu socrach, ciallach, athaiseach, air cairt, agus mar a thubhairt mi, boitein connlaich fo dhuine, agus sealladh a bhi aige de ’n t-saoghal aillidh mu ’n cuairt da, gun sgath no imcheist, seach a bhi air a ghlasadh a stigh ’n a’ leithid a dh-aite ’s an robh mise; bruach ard air gach taobh dheth, agus an ait eile a’ ruith mar nathair fo ’n talamh; agus cridhe duine ’bualadh ’n a uchd, mar gu ’m bu mhaigheach bhochd, ghealtach e ’s am mhiol-chu as a deigh. Coma leam iad! CUAIR.—Am bheil truas idir agad ris na h-eich bhochda? Nach deistinneach an ni ’bhi air do tharruing air carbad cheithir each, agus mothachadh mar tha iad air an liodairt—air an claoidh—air an sarachadh—air am murt—cuid diubh a’ tuiteam, mar a chunnaic mi, gun phlosg air an rathad-mhor fo sgiursadh eagalach, neo-iochdmhor nam beistean a tha ’g an iomain. Tha solas orm gu ’n d’ fhuaradh am mach doigh anns am bi na h-eich ghasda air an caomhnadh. An ceann uine ghoirid bithidh malairt na duthcha air a giulan air na slighean iaruinn. A bharrachd air so tha iad ag isleachadh luach gach seorsa teachd-an-tir, agus iomadh ni eile dhuinne. Faic thusa na carbadan iaruinn a a tha air toiseachadh an diugh fhein eadar Glaschu ’s Ionar-Air; nach anabarrach am fosgladh tha e ’deanamh? Thig iasg a’s uibhean, a’s im, a’s meas, a nuas a nis o gach aite eadar sinne agus Ionar-Air; bruchdaidh gach baile ’mach na th’ aca r’ a sheachnadh; thig iad a nuas ’s a’ mhaduinn leis gach goireas a shaoileas iad a ghabhas reic, agus pillidh iad dachaidh ’s an fheasgar le ’fhiach ’n an sporan! Am bheil sochair an sin? EACH.—Cha leir dhomh gu ’m bheil. Gun teagamh is sochair e do Glaschu; tha ’h-uile cearn a’ dortadh a stigh na tha aca r’ a sheachnadh, a reamhrachadh a’ bhaile-mhoir so, agus tha ’bhuil: tha e ’fas ’s a’ fas—tighean ura—oibrichean ura—sraidean ura—gus nach eil fhios c’ ait’ an stad iad—soithichean smuid’ o gach eilean, o gach cearn an Eirinn ’s an Sasnnn—a’ toirt luchd air muin luchd a bheathachadh sluaigh mhoir an aite so; agus a nis, carbadan iaruinn a’ slaodadh a stigh gach ni. Tha sin ’n a shochair mhor, gun teagamh, do Ghlaschu, ach b’ e sin “Calum beag a chur a dhith chum Murchadh mor a reamhrachadh.” Ciod an t-sochair do mhuinntir Ionar-Air agus Irvine, agus nan aiteachan sin, anns nach urrainn doibh a nis cudainn, no bodach-ruadh, no ubh, no im a cheannach, gun uiread a dhiol air a shon ’s a tha muinntir Ghlaschu a’ deanamh. ’S mor an t-sochair dhomhsa, da-rireadh, nach toir mo bhean ubh dhomh air latha Caisg, ach ’g an gleidheadh air son Ghlaschu. Tha mise ’g radh ribh, na ’m biodh Glaschu, agus a leithid am mach air a’ mhuir, gu ’n robh pailteas ’s an tir. ’S iad na bailtean-mora ’tha ’g itheadh na duthcha. Nach ’eil a nis lan chinnteach ceud mile fear a’ giulan bidh a lionadh bronna muinntir Ghlaschu. Tha e ’cur am chuimhne-sa muc mhor a bha mo bhean aon uair a’ reamhrachadh. Cha robh cal no buntata, no fuigheall eorna no coirce, no mionach eisg, no ni air an gramaicheadh fiacail nach robh i a’ slaodadh a dh-ionnsaidh na beiste. Chluinneadh tu na cearcan a’ gogail ’s a’ sgriobadh an dunain leis an acras—an coileach Frangach, cha d’ rinn e guguil fad mios—am mada’ breac, an t-aon chu-uisge ’s fearr an Tirithe, ’earball eadar a chasan, ’s a chnamhan a’ tighinn [TD 173] troi’ chraicionn—na tunnagan ’s “fag, fag” a’ ghearan uapa bho mhoch gu h-anmoch, agus so uile chum an torc breac a reamhrachadh. Cho luath ’s a mharbhadh e, b’ e sin latha ’n aigh do gach creutair mu ’n dorus; chluinneadh tu na geoidh a’ sgeigil gu farumach, na cearcan a’ gogail le solas—upraid air gach aon diubh—an coileach Frangach ’s a sprogan cho dearg ris an sgarlaid a’ guguil gu cridheil—’s am mada’ coir a’ tathunn gu togarrach—na tunnagan a’ snamh air linne nan geadh agus a’ mireag gu subhach: agus c’arson? Mharbhadh a’ mhuc mhor; bha na chaith a’ bheist air a roinn eadar gach creutair eile. CUAIR.—Tha sin gle mhaith, Eachainn, ach c’ ait’ an deach’ an t-airgiod a fhuair do bhean air son na muice? EACH.—Ma ta chuir sibh ceist orm; sin ni ’tha duilich a fhreagairt; cheannaicheadh sud agus so—gùn ur—currachd ur—umbrella ur—soithichean ura creadha ’s na fiacheadan ni eile nach d’ ionndraich sinn gus an d’ thug am fasan a stigh iad;—tha mi am mearachd—thug i dhomh a’ pheiteag so tha orm. CUAIR.—Ach c’arson nach do reic thu fhein a’ mhuc, ’s nach do phaigh thu do mhal leis an airgiod? EACH.—Fhir mo chridhe, thug mi mhuc ’n uair a bha i ’n a h-uircean, do m’ mhnaoi. “So,” arsa mise, latha bha i ’g iarraidh ni-eigin uam,—“so,” arsa mise, “uircean; reamhraich e ’s reic e, agus ceannaich na tha dhith ort.” “Mo bheannachd ort, Eachainn!” ars’ ise. “Chuireadh ann an cro e, thoisich an reamhrachadh; ma bha ’m meog goirt, “thoir do ’n mhuic e” ma bha ’bhlathach tana, “thoir do ’n mhuic i”—na dallagan a b’ abhaist duinn fhagail air a’ chladach b’ eigin an toirt dachaidh do ’n mhuic. Ann an aon fhocal, bha ’h-uile ni air a shlaodadh do chro na muice—ach chuireadh a’ chorc innte mu dheireadh. “Mo mhuc fhein,” arsa mo bhean; bha i cho bosdail as na bha de shaill oirre ’s ged robh i aice air a cich. Cha dubhairt mi diog. ’S aithne dhuibh na mnathan, a Chuairteir, cha ’n ’eil maith ’bhi ’cur ’n an aghaidh—’s mor an t-sochair sith. Ach ’s eiginn domh falbh. Slan leibh! fhir mo chridhe—ma chaomhnar mi bithidh mi air m’ ais an uine ghoirid le luchd de bhuanaichean, agus chi mi sibh. Slan leibh! CUAIR.—Slan leat! Eachainn. ’S e ’m baile-mor mionach na duthcha, agus is olc a thig do na lamhan ’s do na casan a bhi ’gearan ’n a aghaidh.—Ach slan leat! EACH.—Aon fhocal; tha mi ’guidhe oirbh gun iomradh thoirt anns a’ Chuairtear mu ’n mhuic, air neo cha ruig mise ’leas tilleadh. Slan leibh! fhir mo chridhe.—Cuairtear nan Gleann. SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. (DUAN II., sreathan 484-492, 638-644, 729-737. DUAN III., sreathan 428-449). URNAIGH NA CEOLRAIDH. A Cheolraidhean binn an dàin Tha ’n gorm-lùchuirt àrd nan réul, Is dearbh gur leibhse fios na bhà,— ’S fios na thà, ’s ann duibh gur léir; Is fios duibh neamh ’s an talamh cian, ’S an dubh-dhoimhneachd shìos fo ’n bhonn; Ar sùil-ne cha ’n fhaca nì, Chualas a mhàin brìgh nam fonn Innsibh cia lian gaisgeach tréun A threòirich a’ Ghréig gu buaidh: Cha ’n fhuilgeadh mo ré ’s mo neart Gu ’n àirmhinn-sa feachd an t-sluaigh; Ged chuirteadh deich teanga ’m cheann, A’s deich beòil gu ranndachd dhuan, Onfhadh neo-bhristeach an càil ’S mo sgairt-chuim de ’n stàillinn chruaidh. Innsibh leams’, a Naoinear Oigh Tha ’n tighean àrd Iòbh bhith-bhuain, [TD 174] Gach ceannard a’s long a sheòl Thair an tuinn’ gu Tròidh nan stuadh. . . . . . . . AIREAMH NAN ÆTOLACH. Thoas mac Andrœmoin chòrr Ceannard nan Ætolach garg, A Pleuron is déine taic, ’S Calidon nan leacainn dearg, Olen nan ciar-aonach cas, Sgurr Philéne nam bac cróm Calchis ìosal air craig dhuinn ’G a sloistreadh le luinn nan tonn Œneus gaisgeil cha robh ann, E fhéin ’s a chlann gun bhi buan, Meleäger, a’ chuil òir Fo thasgadh nam fòd ’s an uaigh. Dh’ earb na h-Ætolaich ri ’smachd Thoäis nach bu lag ’s an stoirm: ’S bha ’n da fhichead long ’n an sgrìb Null thair dìlinn nan stuadh gorm. . . . . . . . Sluagh Œchalia thamh an tìr Eurituis bu rìoghail smachd, Daingneach Thricca ’s ìsle stuaidh ’S mur Ithome nan cruach breac. Chìteadh ’triall tarsainn an fhuinn A’ mosgladh nam buidhnean tric Dà mhac Æsculapiuis àigh Podalir ’s Machaon glic Dh’ fhogradh iad so le sgil làmh Gach aon ghaoid a thàrr an cóm; ’S air trì deich àrdraichean slìm Sguab iad clàiridh mhìn nan tonn. Sliochd Ormenium làr a’ ghlinn Hiper nan sruth fior-ghlan, luath, Aster d’ an cul-taice ’n sliabh, ’S Titan nialach nan sneachd buan. Euripil air cheann nan tréun Mac Ebhemoin a b’ àrd cliù: ’S bha dhà fhichead iùrach grinn Ag crònan thair druim nan sùgh. AN FHREAGAIRT A THUG PARIS AIR HELEN. Thàinig thu bho ’n ghleachd, a shuinn, A rìgh nach robh ’n ruinn ad chréubh Bho laimh neartmhoir an fhìor laoich M’ fhear-gaoil mu ’n do ghabh mi ’n téum. Is tric a chualas uaill do bheòil Mu ’n rìgh Spartach is mòr blagh— Nach seasadh e riut air blàr, An neart làmh no ’n còmhraig shleagh. Falbh, ma tha ’mhisnich ad chóm, Fògair an tréun gu strìth lann; Ach ’s mór gur seasgaire tàmh ’S gun imeachd air gàbhadh teann. Nochd thus’ thu fhéin air an raon, ’S dearbh gur crìoch do ’n chòmhraig fhaoin Nach buail thu ’n t-ath laoch ’n a dhéigh. Fhreagair Paris: Ainnir thlàth, Le goirt-thàir na cràidh mo chrìdh’ Fhuair esan a’s Pallas buaidh, Ach buannaichdear leinne rìst. Leinne tha diathan ’s an spéur, A chogas gu tréun ri ’r taobh: Ach thusa ’s mise biodh réidh, Fad ar céilidh, am buan-ghaol. Is àill leam dlùth chaidreamh, a rùin, Ri d’ gheal chneas is ùire sgiamh; Riabh bho ’n chunnacas do shàr ghnùis, Mo shannt cha do dhùisg cho dian; Bho ’n dh’ aisig thu ’m luing thair chuan, A tìr Sparta nam buaidh caoin, ’N eilein Chranaë, glac mu ghlaic, ’N uair dhearbh sinn cleas ait a’ ghaoil. Togradh gu feart do dheilbh ghrìnn, An drast thug am inntinn bàrr, Gach uile bhuaidh a tha ’m chóm Dearg-laste le fonn do ghràidh. Ghluais esan gu ’uirigh-phòst’ Mar ri Helen nan òr-chùl: Dh’ iadh i mu ’n òg a glac àigh, ’S mheal a’ chàraid an làn rùn. (Ri leantainn.) IAIN DUGHALLACH A BHA ANN AM PICTOU, AMERICA MU THUATH. Rugadh Iain Dughallach an deigh bas ’athar ann an Gleann Urchadain aig taobh Loch-nis air a’ 15mh latha d’ an Mhàrt ’s a’ bhliadhna 1805. B’ iad a pharantan, Iain Dughallach agus Oighrig Pheuton agus b’ esan a b’ oige de ’n teaghlach, anns an robh deichnear—coigear bhraithrean agus coigear pheathraichean. Bha Iain Dughallach ’athair ’n a ghobhainn-airm, agus bha e ’fuireach ann an Dun-Eideann maille ris an Reiseamaid d’ am buineadh e; agus an uair dh’ eug e phill a bhean agus an teaghlach dhachaidh do Ghleann Urchadain, tir an duthchais. B’ ann an deigh dhise pilltinn gu Urchadain a rugadh Iain òg, agus dh’ ainmicheadh e air son ’athar. Bha a mhathair ’n a mnaoi dhiadhaidh aig an robh breathnachadh geur, inntinn fhallain, agus tuigse, shoilleir; agus bhuineadh i do Pheutonaich an Eilein Sgiathanaich a thainig a nuas o na Peutonaich a bha ’n an lighichibh ainmeil ann am Muile agus an Ile o shean. Leatha-sa bha [TD 175] Iain òg air a theagasg o aois a leanabaidheachd ann an eolas nan Sgriobtur agus an eagal an Tighearna cosmhuil ri Timoteus mac Eunice. Bha cuimhne mhath aige oirre, agus is tric a rinn e luaidh air a h-ainm le caomhalachd agus gradh, air dha bhi lan mhothachail air a’ chomain fo ’n robh e dhi. Ann an laithibh ’oige bha cothrom aige air an t-Soisgeul a chluinntinn o bheul nan teachdairean urramach, ainmeil, diadhaidh, Iain Ceanaidheach a’ Chaisteil-Ruaidh, agus Iain Domhnullach na Toiseach. Bha e mar an ceudna a’ cumail comuinn ri daoinibh diadhaidh eile, mar a bha Iain Domhnullach ann an Bun-leothaid, fear ceasnachaidh Urchadain a bha ainmeil air son an eolas a bha aige air teagasgaibh an t-Soisgeil. Dh’ fhas Iain òg suas an oilean aig casaibh nan daoinibh so, agus mheudaich e ann an eolas nan Sgriobtur ionnus gun d’ thainig e air adhart thar moran d’ a chomhaoisibh ann an fiosrachadh agus ann an foghlum na diadhaireachd. B’ abhaist da mar an ceudna a bhi dol gu Inbhir-nis, Inbhir-narunn, Allt-Eireann, agus Aird-chlach, far an do choinnich e ri Criosdaidhean soilleir, diadhaidh a bha ’n an aithrichibh ’s an Eaglais. Ann am mios meadhonach an t-Samhraidh (June), 1828 ’n uair a bha e corr agus tri bliadhna fichead a dh-aois chaidh e air imrich o thir a dhuthchais gu Nuadh Albainn an ceann Tuath America. Thainig e air tir am Pictou agus an deigh dha beagan bhliadhnachan a chur seachad thall ’s a bhos air feadh na duthcha, ghabh e tuineachas fadheoidh air a’ Bheinn Ghuirm os ceann Ghlaschu-Nomha far an robh moran d’ a cho-luchd-duthcha d’ am bu mhinistear aig an àm sin an t-urramach Domhnull Ailean Friseal, Ministear Beinn Mhic Gill-fhinnein. An sin phos e Seonaid, nighean Ruairidh Dhughallaich o Urchadain, ris an robh sliochd aige de ’m bheil dithis air mhairionn ’n a dheigh fein—mac d’ an ainm Ruairidh, agus nighean d’ an ainm Oighrig a tha posda ri Domhnull og mac Dhomhnuill Rois mhic Uilleim Rois o Urchadain. Fhuair Seonaid Dhughallach, a bhean bàs air an 22mh latha dhe ’n Mhàrt 1843, agus bha e ann an staid bantrachais corr a’s da bhliadhna, le da leanabh òg air a churam; agus an deigh sin phos e a rithist ann an September 1845, Seonaid Nic-Gill-fhinnein an dara bean, a tha fathast air mhairionn. Aig àm Dealachadh na h-Eaglais ’s a’ bhliadhna 1843, agus 1844, thilg e a chrannchur a stigh leis an Eaglais Shaoir, agus dh’ fhuirich e innte ’n a bhall dileas, seasmhach gu latha a’ bhais. Rinneadh ’orduchadh ’n a sheanair ’s an Eaglais Shaoir air a’ bhliadhna 1848, ’n uair a bha an t-Urramach Alastair Caimbeul a’ searmonachadh eadar Lochabar, a’ Bheinn Ghorm agus Abhuinn Mairi. Choimhlion e dleasdanasan a dhreuchd gu dileas, foghainteach, agus bha e ’n a cheann-iuil agus ’n a chomhairliche d’ a bhraithribh anns an t-seisean; agus an uair a bhiodh iad ann an imcheist is ann d’ a ionnsaidh-san a thigeadh iad daonnan air son seolaidh. Ann am mios meadhonach a’ Gheamhraidh (December) 1855, bhuaileadh e le teasaich-sgamhain a dh’ fhag breoite ’n a shlainte e fad laithean a bheatha an deigh sin; oir cha robh e riabh tuille an duine a bha e roimhe sin ann am fallaineachd agus neart. Thug so air a bhi ’cuimhneachadh gu tric air a’ bhas ’g a shamhlachadh fein ri duine a’ feitheamh ris an aiseag gus an tigeadh am bàta nall g’ a thoirt a nunn thar na h-aibhne. Mhothaich e mar an t-Abstol iarrtas a bhi air suibhal agus a bhi maille ri Croisd ni ’bu ro fhearr dha, oir bha e ’miannachadh [TD 176] a bhi air choigrich as a’ choluinn agus a bhi lathair maille ris an Tighearna; gidheadh dh’ fheith e le foighidinn gus an d’ thainig an uair. Is minic a chuir e an ceill do ’n sgiobair am miann a bha aige air son caochladh cabhagaich mar a fhuair an t-Ollamh Chalmers agus an Ollamh Welsh. Is cosmhuil gu ’n d’ fhuair ’urnuigh eisdeachd. Air latha na Sabaid, an 15mh latha de mhios June, 1873, bha e aig frithealadh sacramaid Suipeir an Tighearna aig Baile-an-tobair air an Abhainn Mhoir (East River, Pictou). Air an 22mh latha d’ an mhios cheudna bha e aig a’ chomunachadh aig Abhainn Bhairnidh. Air Diluain an 23mh latha chaidh e do Ghlaschu Nuadh agus fhritheil e aig an aoradh, latha na taingealachd an deigh na sacramaid; as a sin chaidh e a thaghal air cuid d’ a chairdibh rè na seachdain, agus bha e na bu treise ’n a shlainte na b’ abhaist da bhi o chionn bliadhna roimhne sin. Air Diluain an 30mh latha de June, 1873, bha e cho treun ’s a bu ghnath leis gus an d’ thainig am feasgar. Eadar naoidh ’s a deich ’s an fheasgar chaidh e am mach do thigh a mhic a dh-innseadh dha naigheachd an t-Seanaidh. Mu dheich uairean phill e a stigh agus chaidh e a chadal, ach dhuisg e eadar aon agus da uair dheug; dh’ eirich e agus shuidh e aig an teallaich anns an ospardaich le dith na h-analach; agus an ceann beagan uine ghiulaineadh air ais do ’n leabaidh e le ’mhnaoi agus le ’mhac. Cha robh e fada ’s an leabaidh an uair a thionndaidh e ’aghaidh ris a’ bhalla mar gu biodh e ri urnuigh, oir bha fios aige gu ’n robh a chrioch air teachd, agus air ball thug e suas an deo, beagan roimh aon uair ’s a’ mhadainn, Dimairt, a’ cheud la de July, 1873, an uair a bha e corr agus ochd a’s tri fichead bliadhna dh’ aois. Thriall an Spiorad neo-bhasmhor a dh-ionnsaidh an t-saoghail shiorruidh. Tha e air ’ionndrainn leis na h-uile d’ am b’ aithne e, agus gu sonraichte le coithional na Beinne Guirme, a dh’ fhaodas briathran Dhaibhidh mu Abner a ghabhail doibh fein, “Nach ’eil fios agaibh gu ’n do thuit prionnsa agus duine mor an diugh ann an Israel?” Cha ’n ’eil duine eile anns an aite a bhiodh cho mor air ionndrainn leis na h-uile neach; agus dhearbhadh so air latha a thìolaicidh oir chruinnich iad as gach cearna dhe ’n duthaich m’ an cuairt, agus bha muinntir a’ choithionail uile a lathair, araon daoine agus mnathan. Bha so a’ nochdadh gu ’n robh meas mor aca air an t-seanair a ghairmeadh air falbh as am measg. Bha e eudmhor air son aobhar Chriosd agus fialaidh do reir a mhaoin agus a chomais. Bha e caoimhneil ris gach neach agus gu sonraichte ris an oigridh, aig an robh mor speis da. Bha e ’n a chomhairliche tairis, dileas do na h-anamaibh sin a bha ag iarraidh na slighe gu Sion, ach nach robh a’ faicinn a’ cheum gu soilleir. Bha curam mor air mu ’n eaglais agus an uair a chual’ e mu bhreith an t-Seanaidh ann an Ceist a’ Phosaidh eadar luchd-daimh, rinn e gairdeachas mar a rinn Simeon an uair a thuirt e, “A Thighearna, a nis leig do d’ oglach triall ann an sith, oir chunnaic mo shuilean do shlainte.” Laidh e sios air a leabaidh an oidhche sin fein agus ghabh e a chead d’ an t-saoghal. Chuir a theaghlach leac air ’uaigh air am bheil na briathra so air an gearradh ann an Gaidhlig—“Air chuimhne gu brath bithidh am firean.” D. B. B. Cuir do chomhairle ri duine tùrail agus cogaiseach, agus bi air do stiuradh le fear is glioca na thu fein a roghain air do dhoigh fein a leantainn. [TD 177] LEOMAG.* Tha ghrian a nis air eirigh, A’s sgaoil o na sleibhtean an ceo; ’S tha solus suilbhear an latha A’ dusgadh aighir anns gach beo. Tha ’n uiseag air sgiathaibh lùth’or A’ seinn a ciuil air aird nan speur; ’S a’ chuthag, le ’deise chùl-ghuirm, A’ gairsinn le sùrd air a’ gheíg. Tha na laoigh a’ ruith do ’n bhuaile, A’ freagradh do nuallan nam bò; ’S a’ bhanarach a’ falbh gu h-uallach Le cuinneig a’s buarach ’n a dòrn. Tha ’n tuath’nach as a léine A’ gearradh an fhéir air an raon, A’s buidheann de nìghneagan sunndach, Gu deas ’g a thionndadh ’s a’ ghaoith. Tha na h-iasgairean ’s a’ chladach, Gu h-ealamh a’ sailleadh an eisg— Chi mi thall ’s a bhos m’ an cuairt domh, Gach creutair a’ gluasad gu feum. Ach tha Leomag bhochd ’n a laidhe An glacaibh a’ chadail gu dluth; ’S gus am buailear an clag-madainn, Cha ’n fhosgail i baltan a sùl’. ’S duilich leath’ a ceann a ghluasad Bho ’n chluasaig d’ an chanach mhìn; ’S cha leig i ’n t-aodach dheth a h-uachdar, Le eagal fuachd ’thigh’n air a druim. Ni i dha no tri de mhianain M’ an cuir i a troidh air an làr; ’S m’ an dean i a h-aodann ionnlad, ’S eiginn do ’n bhùrn a bhi blàth. Bidh botail de ola cubhraidh ’N a steathan dlùth air a’ bhord; ’S bocsaichean cuimir le fùdar, Tha aice gu sgùradh a beoil. ’N uair a theid i ’n a lan ordugh, Cha ’n fhaicear cho boidheach ’s an tìr. Am faile ’tha ’sgaoileadh ’n a seomar, ’S e “otto nan ròs” e, air chìnnt! Ciod an iomhaigh tha ’n a coinnimh, Anns an sgàthan shoilleir, reidh? ’N e ’cruth fein a tha i coimhead, No aingeal sholuis as an speur? Tha cneapanan buidhe d’ an òmar M’a muineal geal, mòdhar, mìn; A’s ciabhan d’ an fhalt is aillidh, ’G an cumail ’n an aite le cìr. Air a broilleach uasal, gasda, Tha bràiste maiseach d’ an òr, A’s saighead chorranach ’g a ghlasadh, Leis an spadadh i na seòid. Thoir an aire! gluais gu sicir! ’S na bi idir ’tigh’n ’n a coir; Chi mi, as aonais fios-fiosaich’, Fuil do chridhe air a smeoirn! Fire, faire! co ach Leomag! ’S i thogas a sroin a suas, O ’n fhuair i urram na bòidhchead Thar nan oighean ’tha m ’an cuairt! Tha na h-uile uimpe ’seanchus,— Fleasgaich chalma ’s bodaich mhaol; ’S is lionmhor iad, na gaisgich ainmeil ’Cheangail i ’m failbheagan a’ ghaoil. Ann am measg nan gillean oga A thainig do Leomag fo chìs, ’S aithne dhuibh Fionnladh Mac-Leoraidh ’Tha ’chomhnuidh am braigh a’ ghlinn. Tha Fionnladh ’n a ghille surdail, Agus grunndail anns gach doigh,— Tha aige fearunn agus feudail, Le iomadh treud de chaoraich-mhor. Bha Leomag, air latha faoilich, Ag imeachd ’n a h-aonar troimh ghleann, Shil an t-uisge, sheid na gaothan, ’S ard a dh’ eirich gaoth nan allt: Thainig na frasan gu minic, Le clacha-meallain nimheil, cruaidh, A’s dh’ fhagadh Leomag ’n a gibein, An impis a milleadh le fuachd. Chaidh Fionnladh gu luath ’n a coinnimh; Sheas e le ’bhoineid ’n a laimh;— “Is doirbh an latha, Mhiss Leomag, A thug sibh, o ’n t-sroin, a nall. Tha am monadh momha ’s fiadhaich, Is iargalt tha dreach nan speur, ’S cha bhiodh ann ach ni gun chiall duibh Dol g’ a fhiachainn ’s sibh leibh fein; Thigibh tiota beag gu fasgadh, ’S am faigh mi a’ chairt ’s an t-each bàn; Dh’ easbhuidh suidheachan is boidhche, Bidh boitein math feoir ’n a màs.” Bha gach ni gu deas ’n a uidheam— Sud Leomag ’n a siubhal troimh ’n t-sian, A’s Fionnladh ’n a shuidhe lamh rith’, Le ’bhreacan glas, blath ’g a dion. Thainig i gu ceann a turais; Oir cha robh cunnard dhi fo ’laimh; ’S dh’ fhag e i gun chnead, gun fhailing, Gu sabhailte ’n a h-aìte taimh. * A lazy, conceited girl. [TD 178] “’S mor an diubhail,” arsa Leomag, “Ma theid Mac-Leoraidh as gu saor.”— Thilg i an t-saighead gu seolta, ’S air mo bhòid! cha robh i maol. M’ an d’ rainig e ceann an rathaid Dh’ fhairich e acaid ’n a chóm; ’S an uair a dh’ eirich e ’s a’ mhadainn, Bha ’osnaidhean fad agus trom. (Ri leantuinn.) THEODORUS, BUACHAILL ORMAI. Bu bhuachaille-chaorach Theodorus caomh; air cluanaibh glasa ghlinn Ormai bha ’n treud sin ag ionaltradh a bha ’n earbsa r’ a churam. Co bu stolda giulan na Theodorus? Co bu chiuine spiorad na e? Bha gnath ’s a chaithe-beatha co reidh, samhach ri uisgeachan an alltain bhig, lubaich a bha ’siubhal a sios le borbhan iosal roimh ghleann Ormai. Bha ’n t-slighe air an robh e ’g imeachd do ghnath glan, ’s cha ’n fhacas riamh smal no sal air a thrusgan geal. Dh’ eisd a threud le dealas r’ a ghuth, oir bha ’ghuth taitneach agus binn r ’a eisdeachd, mar cheol o chruit nan teud. Thuit a bhriathran blasda o ’bheul mar mhil o na ciribh meala. Bha ’chomhradh mar dhruchd an fheasgair air na lusan maoth. Bu mhacanta, ciuin a nadur—bu chaomh, iriosal aigne Theodoruis. Ach ma bha a spiorad macanta, seimh, bha e fein ’s an am cheudna gealtach, meath-chridheach. Mur b’ urrainn e le briathran tlath an t-uainean geal a dhusgadh o ’shuain, agus sanas a thoirt da gu ’n robh an sionnach dluth, cha robh de mhisnich aige a ghuth a thogail gu h-ard agus rabhadh smachdail a thoirt seachad. Na ’n tachradh do ’n chaora ghoraich dol air seachran air bilibh nan creagan cas no na sgairnich aird, theagamh gu ’n comhairlicheadh Theodorus dhi fuireach air a h-ais agus pilleadh ris an treud; ach air eagal sgath ’chur oirre, no oillt a dhusgadh ’n a cridhe—air eagal oilbheum a thoirt di, leigeadh e leatha gabhail air a h-aghaidh mar a b’ aill leatha, agus tuiteam thairis o mhullach nan creag. Labhradh e ris an treud ann am briathraibh coitchionn mu chunnart nan creag ’s nan tuiltean; agus co a b’ urrainn a chur an ceill ann an cainnt bu taitniche, mu neart an leoghainn, seoltachd an t-sionnaich, luathas na h-iolaire air toir na creich, na Theodorus, buachaille nan caorach ann an gleann Ormai? Co b’ fhearr a dh’ innseadh cunnart nan caorach? agus da-rireadh bu taitneach, milis a ghloir, ’s bu cheileireach an t-oran a sheinneadh e air ’fheadan binn: ach cha duraicheadh e radh i h-aon seach aon diubh, “Seachain sud, no so.” Cha leigeadh a chridhe miapaidh leis a radh. “Is tusa chaora ghorach, sheachranach.” Bu leisg leis a h-aon seach aon diubh a chronachadh. Cha duraichdeadh e radh “Is tusa cheart chaora a bhrist am mach o ionaltradh nan treud—’s tusa ’sheas air a’ mhadainn so air a’ bhruaich a dh’ iarradh ort a sheachnadh—’s tusa an t-aon aig am bheil an nadur agus an cleachdadh sin a tha ag aomadh gu cumart, gu truaighe agus gu bas, mur caisgear e.” Chanadh e riu ann am briathran coitchionn, “Bithibh ’n ar n-earalas an aghaidh an leoghainn agus an t-sionnaich;” ach cha robh de mhisnich aige na theireadh ri aon chaora seach caora eile, “Tha thusa gu h-araidh ann an cunnart; oir tha thu ’tathaich nan aiteachan anns am bheil an leoghann ’s an sionnach a’ tamh. Anns an t slighe sin ’s an deach thusa air seachran, agus a dh’ iarradh ort a sheachnadh tha namhaid laidir, carach a tha ’g iarraidh do sgrios.” Do bhrigh nach do labhair Theodorus gu sgaiteach, smachdail ris na caoraich agus gu ’n robh e do ghnath ciuin, seimh agus siothchail, smaointich iad gu ’n robh anabarr graidh aige dhoibh; agus uime sin ghradhaich an treud esan gu mor. Bha iad da-rireadh ’n an treud samhach, soirbh, neo-lochdach; agus ged nach robh Theodorus ’n a bhuachaille eudmhor, durachdach, saoithreachail, gidheadh air ioma doigh shoirbhich a’ bhuachailleachd leis. Bha e fein lan toilichte leis na rinn e, gun a thoirt idir fainear na dh’ fheudadh e a dheanamh. Thug e buidheachas do Dhia gu ’n robh a shaothair air a beannachadh gu mor; gun eagal, gun mhulad do bhrigh nach robh i deich uairean ni bu mho air a beannachadh, mar a dh’ fheudadh i ’bhi, nam biodh esan cho eudmhor ’s a bu choir dha. Thug e fainear gu ’n robh buachaillean eile ni bu neo-churamaiche na bha esan. Riaraich so e—bha e lan toilichte leis fein, agus smaointich e gu ’n robh Dia lan toilichte leis mar an ceudna. Mar so bhruadar Theodorus seachad a laithean agus a bhliadhnachan, agus bha e fo lan dochas gu ’m fosgladh e ’shuilean ann an neamh ’n uair a thigeadh a bhruadar ’s an t-saoghal so gu crich. Lan de na smuaintibh solasach sin, dhirich e air feasgar aillidh samhraidh uchdach na beinne os ceann gleann Ormai, a bheachdachadh air dol fodha [TD 179] na greine mar a bha i ’tearnadh o airde nan speur a chleith a leadain oir air cul a’ chuain ’s an iar. “O!” deir esan, “is sona da-rireadh an duine sin a tha ’g imeachd ann am feasgar a laithean, mar a’ ghrian ud thall, ann an sith, agus coltach ris a’ ghrein sin nach ’eil a’ dol fodha ach car tamuill gu eirigh a ris ann an saoghal eile. Mar so deonaich, O! Dhe, ’n uair a thig mo laithean-sa gu crich, ’s is eiginn domh triall, gur h-ann mar sin a shiubhlas mise, ’chum ’s an uair a thig madainn na h-aiseirigh gu ’n tog mi mo cheann le gairdeachas anns an aite bheannaichte sin far nach bi feum air grian no air gealach—far am beathaich an t-Uan a th’ ann am meadhon na righ-chaithreach a chaoirich fein, agus far an treoraich e iad gu tobraichean uisge, agus an tiormaich Dia gach deur gu brath o ’n suilibh.” Air dha labhairt mar so, chual e mar gu ’m b’ ann fann ghuth a’ teachd air oiteig an anamoich mar bhorbhan iosal am measg dhuilich nan craobh air a chul-thaobh. Thionndadh e gu grad, agus chunnaic e urra aillidh, neo-shaoghalta, aig an robh eugmhas agus dreach ni bu shoilleire gu mor na gath or-bhuidhe na greine a bha nis a’ dol as an t-sealladh ’s an iar. Bha ’n fhaluing a bha uime mar aile glan nan neamh. Bha ’ghuth co tlath ri fuaim thiamhaidh na clarsaich, ’n uair a bhuaileadh an oigh na teudan reidh. Lub Theodorus a cheann gu lar, agus bha e ’n thosd—bha ’anam air a lionadh le uamhas ard agus naomha. Thuirt an t-aingeal ris, “Sith gu robh dhuit,” agus mar so, ged a bha Theodorus air a lionadh le urram ard cha robh eagal air a spiorad. “Amhairc a sios air a’ ghleann,” ars an t-aingeal, “agus thoir fainear gu maith na chi thu.” Thionndaidh Theodorus a ghabhail beachd mar a dh’ iarradh air. Bha solus gu mor ni bu dealraiche na gathana na greine air a’ mheadhon la a’ dearsadh air srath a’ ghlinne. Chunnaic e ann an sin aitreabh ard agus dhreachmhor ’g a togail, a thug barr ann an ailleachd air Teampull iomraiteach righ Solamh, no Pailiuin ainmeil Thadmor ’s an fhasaich. Bha deich uairean deich mile lamh a’ togail na h-aitreabh; agus am feadh ’s a bha e ’beachdachadh bha an obair air a criochnachadh, agus bha ’chlach-mhullaich air a cur a suas le gairdeachas. ’N a dheigh sin bha gach fuigheal agus spruidhleach mu thimchioll an aite air a chruinneachadh, ’s air a thilgeadh ann ann an sloc dhomhain a bha air a chladhach air a shon. Bha na sailean agus na lobhtaichean air an robh an luchd-togail ’n an seasamh fhad ’s a bha ’n aitreabh a’ dol suas fathasd ’n an aite fein. Dh’ fheoraicheadh do ’n ard-mhaighstir ciod a dheantadh riu?” “Gabh a’ chuid a’s fearr dhiubh,” deir esan, “agus deasaich iad gu bhi ’n am puist, ’s gach aon diubh mar charragh, a stigh ’s an teampull far an seas iad gu suthain agus gu brath; ach a’ chuid eile cha ’n ’eil feum na’s faide agam dhiubh. Fhreagair iad a’ chrioch air son an do chleachdadh iad; agus a nis tilg iad maille ris an spruileach, ’s ris an t-salachar eile, agus faic gu ’m bi iad air an losgadh leis an teine a’s sgaitiche.” Mar a thubhairt an t ard-chlachair rinneadh. Bha sail an deigh saile air an toirt gu lar—cuid diubh air an caradh air an laimh dheis, gu bhi air an gabhail a stigh gu bhi ’n am puist ’s an teampull, agus ciud air an laimh chli gu bhi air an tilgeadh ’s an t-sloc. ’N uair a laimhsich an luchd-frithealaidh aon sail araidh a bha ’n sin, ’s a bha iad ’g a cur air leth gu ’tilgeadh ’s an teine, chriothnaich Theodorus le oillt—thainig uamhas air ’anam—chlig e mar gu ’m biodh mile deamhan an deigh a ghlacadh, agus ann an doilgheas ’anama ghlaodh e mach, “O! Dhe uile ghlormhor, caomhain mi ann ad throcair, mar ’eil e nis tuilleadh a’s anmoch dhomhsa guidhe air son trochair no aithreachais.” Na ’m biodh e tuille a ’s anmoch,” ars’ an t-aingeal, “cha robh mis air mo chur ad ionnsaidh mar theachdaire grais. Tha tiota beag fathasd de aimsir air a dheonachadh dhuit anns an t-saoghal so, ged a tha ’m feasgar a’ ciaradh mu d’ thimchioll, cha deach do ghrian fathasd fodha. Duisg, mosgail agus bi eudmhor—bi glic, saoithreachail, deanadach—guidh air an ard bhuachaille barrachd durachd a thoirt duit; agus na di-chuimhnich fhad ’s is beo thu an rabhadh a fhuair thu ’n diugh.” “O! mo Thighearna,” arsa Theodorus, “ciod is ciall do ’n t-sealladh a chunnaic mi ’n so? ged a tha, ’ar leam, seorsa de dh’ fhiosrachadh agam air.” “An aitreabh a chunnaic thu,” ars’ an t-aingeal, “sin agad Eaglais Chriosd. ’S iad ministearan na h-Eaglais sin na meadhonan a tha esan a’ cleachdadh a chum an aitreabh sin a thogail. Tha cuid diubh a bha dileas, durachdach, saoithreachail; agus bidh gach aon diubh so ’n a charragh glormhor anns an teampull shuas. Bha cuid eile dhiubh nach robh uile gu leir diomhanach, ach cha d’ rinn iad spairn—cha do chleachd iad durachd. Rinn iad beagan ach cha d’ rinn iad an deicheamh cuid de na dh’ fheudadh iad a dheanamh. Cha [TD 180] ’n ’eil feum tuille orra, ’s mar nithe suarach gun fheum tha iad air an diteadh. Mhothaicheadh an cunnart anns an robh thusa—ghabhadh truas dhiot—chuireadh mise ann an cairdeas ad ionnsaidh a chum a sparradh air d’ intinn nach dean giulan riaghailteach, gun eud, gun saothair, cuis—gu bheil durachd agus spairn an anama ri bhi air an cleachdadh. As eugmhais so cha dean gach lethsgeul eile feum. Nach do spion mi thu mar aithne as an teine? Imich ann an sith. Cuimhnich do chunnart, agus biodh d’ anam ’s an obair, anns an am a tha romhad.” An deigh do ’n aingeal labhairt mar so chriochnaicheadh an taisbein a chunnaic Theodorus ann an gleann Ormai. Sgaoil an t-aingeal a sgiathan aillidh, airgiodach ’n uair a dhirich e suas air oiteag an anmoich gu neamh. Bha ’n fhuaim mar thorman an uillt ’s a’ ghleann ’n uair a thuiteas e sios eadar gheugan nan craobh o chreig gu creig, gu aigeal iosal a’ ghlinne. T. —Fear-tathaich nam Beann. AM MAIGHISTIR AGUS AN GILLE. Bha uair-eigin roimhe so droch thiomannan ann agus bha moran de sheirbhisich ag iarraidh aiteachan, agus cha robh moran de aiteachan ann daibh. Bha tuathannach an sin, agus cha gabhadh e gille sam bith ach gille a dh’ fhuireadh leis gu ceann seachd bliadhna, agus nach iarradh de thuarasdal ach na ghlacadh e ’n a bheul de ’n t-siol, ’n uair bhiodh e a’ bualadh an arbhair anns an t-sabhal. Cha robh gin a’ gabhail aige. Mu dheireadh thubhairt e, gu ’n leigeadh e leo an siol a chur anns an ire a b’ fhearr a bhiodh aige, agus gum faigheadh iad na h-eich, s an crann aige fein a dheanamh an treabhaidh agus na h-eich aige fein thun a’ chliathaidh. Bha gille og an sin, agus thubhairt e, “Gabhaidh mise agad,” ’s chuir an tuathanach muinntireas air. ’S e am bargan a rinn iad, gu ’m b’ e an tuarasdal a bha gu bhi aige a’ ghille, na ghlacadh e de graineanan sil ’n a bheul, tra bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, anns an t-sabhal. Agus bha e gus faotuinn an siol sin a chur anns an ire b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach, agus bha e gus na chinneadh air an t-siol sin a ghleidheadh agus ciod air bith an siol a ghlacadh e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh an arbhair, a chur comhla ris, agus sin a chur anns an ire a b’ fhearr a bh’ aig an tuathanach an ath bhliadhna. Bha e gu eich ’s crann, no goireis air bith eile a bhiodh feumail da airson cur no buain, fhaotuinn o ’mhaighistir; agus mar sin gu ceann ’n an seachd bliadhna. Gu ’m bitheadh aige, seachd geamhraidhean ’s an t-sabhal a’ bualadh, seachd earraich gu cur, seachd samhraidhean cinneis de ’n bharr, agus seachd fogharaidhean buana, agus ciod air bith an tighinn am mach a bhiodh ann an siol a’ ghille ’s na seachd bliadhna, b’ e sin an duais a bha gu bhi aige ’n uair dh’ fhalbhadh e. Chaidh an gille dhachaidh gu ’mhaighistir agus daonnan ’n uair bhiodh e a’ bualadh anns an t-sabhal, bhitheadh a mhaighistir a’ bualadh leis. Agus cha d’ rug e ’n a bheul, ach air tri graineanan gus an d’ thainig an t-earrach, agus chuir e iad anns an ire b’ fhearr a bh’ aig a’ bhodach. Chinn asda sin tri diasan, agus bha air gach dias, tri-fichead graine math sil. Ghleidh an gille iad sin gu curamach, agus ciod air bith graine sil air an do rug e, chuir e comhla riu iad. Chuir e iad sin a rithis air an ath earrach. Agus aig an fhogharadh a rithis bha toradh aige, cho math ’s a bh’ aige a’ bhliadhna roimhe sin. Chuir an gille seachad a shiol gu curamach, agus ciod air bith a ghlac e ’n a bheul, ’n uair bhitheadh e a’ bualadh ’s an ath gheamhradh, chuir e maille ris a’ chuid eile e. [TD 181] Agus mar sin do ’n ghille, o bhliadhna gu bliadhna gus mo dheireadh, a dheanamh sgeul fada goirid, gu ’n do chuir an gille, air a’ bliadhna mu dheireadh na h-uile ire threabhaidh a bh’ aig a’ bhodach. Agus bha corr sil aige r’ a chur agus cha mhor nach robh am bodach air a chreachadh. B’ fheudar da mal a phaigheadh do ’n tuathanach a b’ fhaisge dha, air son ire ’s an cuireadh an gille an corr sil a bh’ aige, agus pairt de ’n spreidh aig a chreic, a chion gruinnd air an ionaltradh iad; agus cha deanadh e baragan air a’ cheart doigh ri gille gu brath tuille.—Sgeulachdan Gaidhealach, le I. F. Caimbeul. CLACHAN GHLINN-DA-RUA’IL. [Ceòl] SEISD. Mo chaileag bhian-gheal, mheall-shuileach, A dh’ fhas gu fallain, fuasgailt’, Gur trom mo cheum o ’n dhealaich sinn Aig Clachan Ghlinn-da-Rua’il. Didomhnaich rinn mi ’chomhlachadh, Bean og is modhar gluasad: Tha ’guth mar cheol na smeoraiche, ’S mar bhilean ròs a gruaidhean. Mo chaileag, &c. ’N uair b’ fhileant’ briathra mhinisteir, A’ fiosrachadh mu ’r truailleachd, Bha mise ’coimhead durachdach, Na seirc tha ’d shuil neo-luainich. Mo chaileag, &c. Cha suaimhneas oidhch’ air leaba dhomh, Ga d’ fhaicinn ann am bruadar; ’S am Biobull fein cha laimhsich mi Gun d’ iomhaigh ghraidh ga m’ bhuaireadh. Mo chaileag, &c. Ged shuidheas cleir na tire leam, ’S mi ’sgrìobhadh dhoibh le luath-laimh, ’S ann bhios mo smuaintain diomhaireach Air Sìne dhonn a’ chuach-fhuilt. Mo chaileag, &c. Is caoin a seang-shlios furanach, Neo-churaidh a ceum uallach; Tha ’gàirdean bàn gle chumachdail, ’S deud lurach ’n a beul guamach. Mo chaileag, &c. ’S ro fhaicilleach ’n a comhradh i, Gun sgilm, gun sgleo, gun tuaileas; Gur fiathail ’coiseachd sraide i, Air bheagan stàit no guaineis. Mo chaileag, &c. Ged bheireadh Deorsa àite dhomh, Cho ard ’s a tha ’measg ’uaislean, Air m’ fhacal, ’s mor a fheàrr leam A bhi ’n Coire-chnaimh am bhuachaill! Mo chaileag, &c. O, ’s truagh nach robh mi ’s m’ àilleagan Air àiridh ’n cois nam fuar-bheann! Bu shocair sèimh a chaidilinn, ’S i ’m achlais, air an luachair. Mo chaileag, &c. Ach ’s eagal leam, le m’ cheileireachd, Gu ’n gabh an seisein gruaim rium.— Ged dh’ fhogras iad do ’n Olaind mi, Ri m’ bheo cha toir mi fuath dhuit! Mo chaileag, &c. [TD 182] SEANN SGEUL GAIDHEALACH. O chionn corr a’s ceithir cheud bliadhna, dh’ eirich comh-strith mhor eadar na Cuimeanaich agus Clann-an-Toisich, aig an robh oighreachd mhath, goirid o fhearann a’ Chuimeanaich, Iarla Bhaideanach agus Athull. Bha Ban-Iarla a’ Chuimeanaich, a reir na h-aithris ’n a bana-gheocaire anabarrach; agus a chum an ciocras so a shasachadh b’ eiginn di buntuinn gu ro-chruaidh ris an tuath bhochd. Theirteadh gu ’n itheadh i seipein smior gach aon la air a dinneir, a bharr air iomad goireas soghar, annasach eile. Le ’leithid sin de strogh agus de ana-caitheamh, chlaoidh i a cuid tuatha co mor ’s nach robh iad ’n an urrainn na mail a dhioladh, no ’m fearann a shaoithreachadh, ionnas gu ’m b’ eiginn di dol a dh-aslachadh faoidhe air a coimhearsnaich shaoibhir. An deigh dhi an duthaich imeachd ag iarraidh faoidhe, dh’ innis i d’ a fear an soirbheachadh a bha ’n co’-lorg a turais, agus gu ’n d’ thug Mac-an-Toisich mor Thir-eni dhi da-bhà-dheug agus tarbh. An aite a thaingealachd, is ann a dhuisg an fhialachd shomalta so a dhiumb, ’fharmad, agus a chorruich ri saoibhreas a choimhearsnaich. Bha sgath air r’ a bheairteas, agus do thaobh sin, chuir e roimhe gu ’n cuireadh e as da; ’s a chum sgail a chur air a’ ghniomh mhi-chneasda sin, chuir e ’n ceill gu ’n robh an t-uasal sin tuilleadh ’s mor aig a mhnaoi. Air leis gu ’n robh so ’n a dheadh leisgeul, agus ’n a chion-fath freagarach air connspoid. Bha e nis a’ feitheamh nam fath chum a run a chur an gniomh; ni a fhuair e gu grad a dheanamh, le caisteal an duin’ eile aig Tomafuir (aite bha goirid o Bhlar-Athull), a chuairteachadh mu mheadhon oidhche, ’n uair a mharbh iad an teaghlach gu h-iomlan eadar fhirionn agus bhoirionn, a bha ’n an suain-chadail gun fhiamh, gun amharus. Le so a dheanamh ghabh e sealbh air a chuid fearainn, a bha ni bu mho na bha aig aon duin’-uasal eile bha ’s an duthaich. Bha, dlu do mhur Mhic-an-Toisich, seann duine a chomhnuidh, aig an robh greim beag fearainn uaithe, air nach robh de mhal ach boineid ur uair ’s a’ bhliadhna; agus thug a mhaighstir an t-seana bhoineid dha an am na te ùir ’fhaotainn; agus air a shon sin theirear Croit-na-boineid ris an fhearann sin gus an latha ’n diugh. Bha ioghnadh air an t-seann duine co samhach ’s a bha talla muirneach a mhaighstir, ’s a’ mhadainn an deigh a’ chas-graidh mhuladaich sin, agus chaidh e a dh-fhaicinn an aobhair. Cha luaithe chaidh e stigh na chunnaic e cuid de na cuirp bheubanaichte gun deo air an urlar. Le mor ioghnadh agus uamhunn leis na chunnaic e, laimhsich e gach aon fa leth dhiu, a dh-fheuchainn an robh iarmad beatha ann an aon sam bith dhiubh, ach bu diomhain a shaothair. Air a lionadh le mulad, thog e suas a’ chreathall, a bha bun-os-ceann air an urlar, agus fhuair e ’n leanabh-beag foidhpe, ris an abradh iad am brideach Eoghan, agus le mor sholas thuig e gu ’n robh e beo, ach ro lag le cudthrom na creathlach agus an aodaich. Ghrad rug e air, agus ghiulain e e chum a sheanar a thaobh a mhathar, Mac-Glaisein Ionarbhac, a chuir gu grad air falbh leis e gu dlu charaid de shliochd Dhiarmaid ann an Earraghaidheal, chum nach biodh e mar fhad laimhe do ’n Chuimeanach; far an d’ fhuair e a dheadh arach. Bha e ’n a ghnathachadh aig an t-seann duine thug an sin e dol gu tric g’ a fhaicinn; ach a chionn gu ’n robh na Cuimeanaich co cumhachdach ’s an am [TD 183] sinn an Albainn, mheasadh feumail a chumail an cleth gu ’n robh an leanabh beo, gus am fasadh e suas, agus gu ’m biodh e air son ’athar a dhioladh. Ged a bha e car uine lag, gun mhor chinneas, thainig e air aghaidh, agus dh’ fhas e gu laidir, eireachdail, agus bha e ro theoma leis a’ bhogha, ni a thug mor mhisneach d’ a sheana charaid, an duil gu ’n tugadh e aicheamhail a mach air son na sean fhalachd. Air am araidh chaidh e g’ a fhaicinn, agus chunnaic e co math ’s a bha e air a’ chusbaireachd; thuirt e ris gu ’n robh broilleach an fhir a mharbh ’athair ni bu leatha na ’n comharadh ud—ni a chuir mor ioghnadh air an fhleasgach, nach cuala riamh roimhe iomradh air. Ghrad leag an seann duine ris an diuras, leis gach durachd a bha ’n a chomas, mu thimchioll a chairdean agus ’oighreachd. Dh’ eisd an t-og-fhlath le ro-aire ris an sgeul, agus air dha bhi air a bhualadh gu goirt ri aithris a’ chraidh, bhruchd e ’mach, le ard bhas-bhualadh, agus a’ bras shileadh nan deur; agus thaosg e mach ’inntinn agus a run an uchd an t-seann duine. Air dha a nis a bhi lan-fhiosrach air na thachair, bha fadal air gu dol a bhuannachd oighreachd ’athar ’s a sheanar, agus a dheanamh dioghaltais air naimhdean an-iochdar a thighe. Cha ’n urrainnear a chur an ceill an solas a thug e do ’n t-seann duine meud na h-iomaguin a bh’ air an fhleasgach gu bhi ’triall g’ a dhuthaich fein. Dh’ asluich iad le cheile air a chairdibh iad a chur ceathuirne leo a bheireadh aghaidh air a naimhdibh, agus dheonaich iad an iarrtas, le ceithir-fir-fhichead a chur air falbh maille riutha, fo ’n lan armaibh agus rainig iad tigh Mhic-Glaisein, a sheanair, a chaidh leo agus ochdnar thaghta fo ’n lan armaibh maille ris. Uaithe sin rainig iad coille Urard-bhig, far an d’ fhuirich iad gu seimh samhach gus an do chuir iad fios a dh-ionnsaidh banaltrum Eoghain. Chaidh e fein g’ a h-ionnsaidh, agus rinn e cagar aig a dorus; dh’ fheoraich i co a bh’ ann aig uair co anmoch? Fhreagair e gu ’n robh a dalta Eoghan Mac-an-Toisich. “Tha ’n guth coltach r’ a ghuth,” a deir i; “ach ma sheideas tu t’ anail a stigh troimh tholl na glaise, tuigidh mi ’n sin gu cinnteach ma ’s tu th’ ann.” Rinn e sin, agus thuig i gu grad gur e fein a bh’ ann; agus bha i ro ait a chionn i ga ’fhaicinn. Chaidh a mhuime chur a dh’ fhaighinn sgeoil mu ’n Chuimeanach, agus phill i leis an teachdaireachd gu ’n deach e le ’chuid daoinibh gu drochaid Teilt, mu thimchioll mile air asdar, a thoirt abhachd dha fein agus d’ a chuid daoine. Le so a chluinntinn roinn Mac an-Toisich a chuid daoine ’n an da bhuidhinn, agus bha Mac-Glaisein air ceann an dara buidhinn, a chumail freiceadan air Caisteal Bhlair, agus bha Eoghan air ceann na buidhinn eile maille ris an t-seann duine, nach do dhealaich idir ris, agus chaidh iad air toir a’ Chuimeanaich. Co luath ’s a thuig e gu ’m bu naimhdean a bha ga ’iarraidh, theich e dh’ ionnsaidh a’ chaisteil, far an do choinnich a’ bhuidheann eil’ e, a mharbh moran diubh mun do thàr iad as. agus lean iad an ruaig a mach Gleann-Teilt, a’ marbhadh agus a’ leonadh moran diubh. Chaidh an t-sron a chur de dh-fhear aig allt ris an abrar o’n latha sin Allt-na-sroine; lotadh fear eile ’s a bhroinn aig Allt-nam-marag. Am feadh a bha iad mar so air an rugadh suas ann gleann le Mac-Glaisein, ghabh muinntir Eoghain falach-talandadh orra, agus thachair iad riutha aghaidh-mu-chnoc. Tha e air a radh gur e’n seann duine a bha do ghnath air thoiseach, agus ann am briathraibh smachdail [TD 184] ghlaodh e, “Sud agad do namhaid, an Cuimeanach agus ma leigeas tu as e toillidh tu bas cladhaire fhaotainn.” Chuir Eoghan gu grad a bhogha air lagh, agus chuir e ’n t-saighead troimh chridhe a’ Chuimanaich. Thuit e air lic leathain ri taobh na slighe, far an do thog iad, mar bu ghnath, carn chlach mar chuimhneachan air an euchd, ris an abrar Carn-a’-Chuimeanaich gus an la ’n diugh. Their na Gaidheil ris na cuirn sin, Cuirn-na-falachd.—An Teachdaire Ur. ALNASCAR. “Am bruadar so, am faoin-sgeul e, No ’m faodadh e bhi fìor?” Cha robh ann an Alnascar ach lunndaire leisg nach oibricheadh car ’s nach salaicheadh a lamh cho fhad ’s a bu bheo ’athair. Aig am a bhais, dh’ fhag ’athair aige coig fichead bonn òir. A chum na cuid a b’ fhearr a dheanamh dhiubh, chuir e am mach iad ann an gloineachan, botail, agus soithichean creatha ro luachmhor agus ro riomhach. Iad so chuir e ann am bascaid mhoir, agus an deigh dha bùth beag a ghabhail air mhàl, shuidh e ann; chuir e a’ bhascaid aig a chasan, agus leig e a dhruim ris a’ bhalla a’ feitheamh luchd-ceannaich. Am feadh ’s a shuidh e mar so gu socair ag amharc air a’ bhascaid agus air a’ bhathair phriseil a bha innte, thuit e ann an trom-smaoin anabarrach taitneach; agus chualas e le cuid de na coimhearsnaich a’ bruidhinn ris fhein mar a leanas:—“Chosd an cliath so dhomhsa mo choig fichead bonn òir—mo chuid an t-saoghal. An uair a reiceas mi na th’ ann tilgidh e air a’ chuid is lugha deich fichead bonn òir. Ann an uine gle ghoirid eiridh an t-suim so gu ceithir chiad agus ri h-uine, cinnidh so a rithist gu ceithir mìle. Cha bhi e doirbh ceithir mile bonn òir a dheanamh ’n a ochd mile. Cho luath ’s a bhios mo mhaoin mar so air cinntinn gu deich mile, cuiridh mi dhiom obair ghloineachan as bhotal, agus gabhaidh mi gu malairt ann an seudan agus clachan luachmhor. An sin reicidh mi gach seorsa dhaoimean, neamhnaid, agus usgraichean briagha. An uair a chuireas mi r’ a cheile de shaoibhreas na mhiannaichinn, ceannaichidh mi an tigh is eireachdaile a ghabhas faotainn, maille ri fearann, seirbheisich agus feudail. Tòisichidh mi an sin air toil-inntinnean na beatha so a mhealtainn; agus mur dean mise stairirich anns an t-saoghal! Ach cha chum so idir rium; leanaidh mi air gus an cuir mi cruinn ciad mile bonn òir; agus, le so fo m’ laimh, is dùth dhomh bhi ag amharc os cionn barr mo shroine; cha bhi prionnsa ’s an rioghachd nach bi mi cho miadhor ris, agus iarradh mi nighean an Uachdarain air laimh mar mhnaoi; an deigh dhomh an toiseach a chur an ceill da an cunntas ard a fhuair mi air an eireachdas, an tuigse, agus a’ chrionntachd air son am bheil i comharraichte agus ainmeil. Leigidh mi ris da, aig a’ cheart àm, gur e mo run mile bonn òir a shìneadh dha mar thiodhlac air oidhche na bainnse. An uair a phosas mi nighean an Uachdarain gheobh mi dhi deich seirbheisich a dh-fheitheamh oirre, cho math ’s a ghabhas faotainn, ma ni airgiod e. ’N a dheigh sin theid sinn le greadhnachas, agus le riomhaidh gun a leithid a dh-fhaicinn m’ athar-ceile. An uair a chuireas e mi am shuidhe air a laimh dheis—rud a ni e gun teagamh, ged nach biodh ann ach a chur urraim air a nighinn—sìndih mi dha am mile bonn òir a gheall mi, agus an deigh sin, chum a mhor-ioghnaidh, builichidh mi air sporan anns am bi uidhir eile ag radh rud- [TD 185] eigin mar so:—‘Tha thu a’ faicinn gur duine mi a sheasas ri m’ fhacal—seadh, is gnath leam daonnan tuilleadh ’s a gheallas mi a thoirt seachad.’ “An deigh domh a’ bhan-phrionnsa a thoirt dachaidh chum mo luchuirt, bheir mi an aire mhath gu ’n oileanaich mi i gu mor mheas agus urram a chur orm m’ an toir mi an t-srian d’ ar sugradh agus d’ ar gaol. Chum na criche so cumaidh mi ’n a seomar fein i car tamuill, a’ dol an drast ’s a rithist g’ a faicinn, ’s gun a’ labhairt ach beagan rithe. Thig an sin a mnathan-frithealaidh a dh-innseadh dhomh gu bheil mo mhi-chaoimhneas an impis a cridhe a bhristeadh, agus guidhidh iad orm, le deoir ’n an suilibh, mi ’dhol g’ a caidreadh, agus mi ’leigeil leatha suidhe lamh rium; ach gabhaidh mi orm a bhi do-lùbadh agus tionndaidhidh mi mo chul oirre. Thig a mathair agus bheir i a h-ighean am ionnsaidh ’s mi leam fhein air suidheachan riomhach. Tilgidh an nighean i fein aig mo chasan, a’ sileadh nan deur, agus aslaichidh i orm mi g’ a gabhail air a h-ais a dh-ionnsaidh mo chridhe agus mo ghaoil. An sin a chum ’s gu ’m bhi i air a lionadh le lan urram domh, agus gu bhi umhal, iriosal, tàirngidh mi mo chas, agus tilgeadh mi uam i le breab a chuireas an comhair a cùil i thun taobh eil ’n tighe.” Bha Alnascar cho mor air a shlugadh suas leis an taisbeanadh fhaoin so ’s nach b’ urrainn da gun a chur an gniomh le ’chois an ni sin a bha aige ’n a smaointean; air chor ’s gu ’n d’ thug e gu mi fhortanach breab do ’n bhascaid làn d’ an bhathar bhrisg, a bha gu bhi na bhunait aig a ghreadhnachas gu leir, a thilg i fein ’s na bha innte ’n am pronnan am mach air meadhon na sràide. Eadar. le MAC-MHARCUIS. Latha Mhartainn-bhuilg, 1874. BAS A’ MHARAICHE. Ged a b’ iad maraichean agus cabhlach Bhreatuinn a dhion an rioghachd ri linn cogadh mor na Frainge, agus ged a tha sinn ’n an eiseimeil air son a bhi ’giulan ar bathar-malairt do dhuthchan cein air feadh an t-saoghail, ’s a’ toirt moran d’ ar ionnsaidh chum ar beathachaidh ’s ar sgeadachaidh; gus o chionn ghoirid ’s beag a chaidh a dheanamh air son leas aimsireil no spioradail nam maraichean bochd. Tha, a nis, tighean mor air an cur suas anns na bailtean-puirt a dh-aon ghnothach air an son, far am faigh iad tuineachadh an uair a tha iad air tir, gun chunnart a bhi air an spùinneadh le creachadairean mar bu tric a thachair dhoibh roimhe. A tuilleadh air sin, tha àiteachan-aoraidh agus ministearan air an cur air leith dhoibh. Is e an t-àite aoraidh a gheobhar an cuid de chalaidhean, seann long air a deasachadh le lobhta agus suidheachain; agus sean seoladair cràbhaidh a chomhnuidh innte ’s a’ cumail aoraidh moch a’s anmoch. Chuala mi an sgeul a leanas mu bhàs fir a bha fada an aon de na h-aiteachan-aoraidh so. An uair a bhuail galar a bhais e, thainig cuid d’ a sheann chompanaich g’ a fhaicinn. Dh’ fheoraich iad ciod am beachd a bha aige a thaobh an turais-mhara air an robh e a reir coslais gu seoladh. Fhreagair e, an cainnt na mara, “Tha ’m fearann an sealladh, tha ’m fearam an sealladh” (Land a-head, land a-head)! An ath uair a thainig iad bha e na bu laige. Dh’ fheoraich iad ciod an staid ’s an robh e. Fhreagair e, “A’ dol timchioll an rudha, a’ dol timchioll an rudha” (Rounding the point, rounding the point). An uair a thainig iad a rithist bu ghann a b’ urrainn da an ceistean a fhreagairt; thubhairt e, “Gach ni gu maith, gach ni gu maith” (All is well, all is [TD 186] well). An uair mu dheireadh a thainig iad g’ a fhaicinn bha e gun chainnt, ach cha do chaill e a phurp. Bu leisg leo ’fhagail gun sanas eigin fhaotainn a thaobh a mhisnich agus e cho dluth d’ a chrich. An uair a bha iad gu ’fhagail chruinnich e am beagan neart a bha aige ’s thuirt e, mar bu ghnàth leo ’n uair a ruigeadh iad an cala miannaichte, “Leig sios an acair” (Let go the anchor), a’s le sin thug e suas an deo. J. W. Lag-na-h-abhunn, 1874. BROSNACHADH BHRUCE D’ A FHEACHD AIR BLAR BHANNOCKBURN. Fheachd Alb’, le Wallace, ’shil fo chreuchd, ’S fo Bhruce ’chaidh dan gu blar nan euchd, ’Nis iarraibh bàs an àr nan eug, No buaidh gu treun ’s an strith! ’N diugh latha chruais—’s i ’n uair tha làth’r! Feuch feachd fo ’n cruaidh, fo ghruaim a’ bhlàir; Feuch Iomhar ’s ’fheachd gu gleachd a’ tàr A dheanamh thraillean dhìbh! Co thig do ’n strìth, neo-dhileas, claon? Co dh’ iarras uaigh ach uaine ’n raoin? Co striochdas sios gu diblidh faoin?— Air cul an claon-fhear clìth! Co, ’n càs a Righ, a Riogh’chd, ’s a Reachd, Bheir beum nan geur-lann treun an gleachd? Gu buaidh am blàr, no bàs ’n a bheachd! An gaisgeach leanadh mì! Air truaigh a’s teinn ar n-ainneirt thruaigh! ’S ar sliochd an sàs ’n an geimhlibh cruaidh! Bho ’r cuislibh tràight’ air sgàth ar sluaigh, Thig saorsa ’s buaidh le sìth! Na coimhich caisgibh, fheachd nan sàr! ’S cruaidh dhaoi gun iochd na thig gu làr! Thig saorsa fhein o ’r beum am blar! (Ar n-aghaidh!) Buaidh no bàs ’s an stríth! Eadar. le A. M. [TD 187] AN T-EARRACH. An t-Earrach! àm ath-urachaidh na talmhainn. Tha ’n t-Earrach a’ giulan air a sgiathaibh moran a bharrachd air gorm-dhreach na macharach, agus faile cubhraidh nam blath. Tha ’n t-Earrach ’n a ghealltanas air na nithibh sin a dhuisgeas suas gach dochas, an da chuid a thaobh an t-saoghail so agus an t-saoghail a ta chum teachd. Is ann o ath-philleadh riaghailteach an Earraich a ghabh Cinnich o shean beachd gur eiginn a leithid de ni ri Neo-bhasmhorachd a bhi ann. Ma tha ’n saoghal ’n a laidhe gu neo-mhothachail, marbh, fo chuirtean reota a’ gheamhraidh, agus ma thig aiseirigh thairis air, leis an duisgear suas gach luibh agus blath, agus gach eun-cheol agus suilbhearachd, an urrainn e bhi nach eirich an duine sin a ris a tha ann an trom chodal a’ bhais, agus nach duisg e suas chum beatha nuaidh, agus chum gach deagh-dhochas a shealbhachadh! Tha sinn gu leir a’ creidsinn so, do bhrigh gu ’m bheil Focal Dé ’g a theagasg dhuinn; ach tha iadsan, ann an seadh, ’g a chreidsinn nach ’eil fathast eolach air an Fhocal sin, air da a bhi air a sparradh orra le oibribh Nadair mu ’n cuairt doibh. Ach an deigh sin uile, tha an smuainte mu thimchioll na firinn cudthromaich so, air an comhdachadh le sgaile diomhaireachd agus neo-chinnteachd. Biodh na h-uile, uime sin, taingeil air son an Taisbein Naoimh sin a thugadh dhuinn leis an Ti a’s Airde, trid am bheile beatha agus neo-bhasmhorachd air an toirt chum an t-soluis. S. CRIONNTACHD. Tha e gu tric a’ tachairt gu ’m bi a’ cheud fichead punnd Sasunnach a chosnas oganach glic, an deigh gach ni a’ chur ’n a aite fein, chum mor bhuannachd dha air son a dheagh ghiulain an deigh laimh. Tha ’n t-suim sin, ged nach ’eil i ro mhor, a’ teagaisg curaim agus dichill dha a leanas ris uile laithean a bheatha. Tha e moran ni ’s fearr air a shon fein gu ’n cosnadh e le saothair a lamh am fichead punnd Sasunnach sin, na gu ’m faigheadh e mar thiodhlac iad o neach eile. Ma chosnas e an t-airgiod sin, tha fios aige air an dichioll a ghnathaich e ga ’chur r’ a cheile. Bha a’ chuid a’s mo dhiubhsan a ta saibhir ’n ar measg aon uair bochd, agus air doibh le ’n dichioll onaraich fein beagan a chur mu seach, tha meas ni ’s mo aca air. Bha iadsan a rugadh le spainibh airgid ’n am beul a ghnath buailteach air bliadhnaichean an oige a chur seachad ann an ruiteireachd agus diomhanas, agus mar is minic a chunncas, cha d’ eirich iad suas gu bhi aon chuid ’n an cliu dhoibh fein, no’n am buannachd idir do ’n t-saoghal mu ’n cuairt doibh. S. LUCHD-CLUICH NAN CAIRTEAN AGUS NA SEOLADAIREAN. Tha fhios aig neart de na tha ’dol moran feadh na duthcha, gu bheil muinntir ann a tha ’g an toirt fhein troimhe le bi gu foilleil a’ toirt an cuid bho ’n mhuinntir shocharach a gheibh iad a chluich leo air cairtean. Shuidhich càraid dhuibh iad fein ri taobh an rathaid, dluth do bhaile àraid air latha feille. Chuir iad iompaidh air tuathanach ’s an dol seachad a lamh fheuchainn. Fhad ’s a chluich iad le argiod-geal leig iad leis a bhi buidhinn ach an uair a thòisich iad air na notaichean, chuir iad “car ùr an ruidhle bhodaich;” le ’n ceilg thug iad eutromachadh air a sporan. Air dha dol do ’n bhaile agus innseadh d’ a choimhearsnaich mar chaill e ’chuid, co ’thuit a bhi lathair ach sgioba soithich de sheoladairean. “C’ àite bheil iad?” dh’ fheoraich iad. “Cha ’n ’eil iad fhathasd fad as,” fhreagair esan. “Tiugainn as an deigh,” ars’ iadsan; “thig ’s leig fhaicinn duinne na daoine thug uait do chuid ’s bheir sinn orra’ thoirt duit air ais.” Air an toir ghabh iad; ’s air dhoibh teachd a nios riutha, “Thugaibh a chuid airgid do ’n duine so,” arsa na seoladairean. So cha robh iad air son a dheanamh, a’ reusanachadh gu ’n d’ fhuair iad e gu dligheach. Cach cha ’n eisdeadh ri ’n leisgeul, ach le ’n dorn ris an leth-cheann aca, b’ eiginn doibh a h-uile sgillinn d’ a chuid a thoirt do ’n tuathanach. Cha b’ e a mhain sin, ach thug iad orra beagan a thoirt doibh a dh-fhaotainn dram air son an dragh a fhuair iad ann an tighinn as an deigh. J. W. Lag-na-h-abhunn, 1874. [TD 188-196] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 197] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS AN FHOGHAIR, 1874. [31 AIR. AIR AN DU’IRTICH. Bha toil mhor agam o chionn iomadh latha dol a dh-ionnsaidh na Du’irtich. Cha robh iongantas ann. Rugadh a’s thogadh mi an sealladh na creige. Chiteadh a’ sgeir o dhachaidh m’ oige, cruinn, maol, a’ snamh gu socrach air uchd a’ chuain mhoir, an uair a bhiodh an aimsir siochail; ach “’n uair dh’eireadh gaillionn a’ chuain ard,” bu ghreadhnach agus b’ uamhasach an sealladh a bhi ’g amharc air na tonnan buaireasach a’ sior shlachdraich air a’ chreig, ’s a’ tilgeadh an onfha fein ceudan troidh do na speuran. B’ i a’ sgeir aonarach, dhubh ud, se mile deug a mach ’s a’ chuan, an aon bhòcan air son smachd a chumail air cloinn bhig anns a’ chearn ’s an do thogadh mi. Cha robh taibhse, no manadh, no glaistig, no ban-shith roimh ’n robh a leithid de dh-eagal againn. Mur gabhadh tu do bhiadh an uair a dh’ iarrteadh ort, rachadh fhagail air an Du’irtich; ni sam bith a bhiodh a dhith ort, mur biodh toil a thoirt dhuit, bha e air an Du’irtich; agus mur deanadh tu gu h-ealamh gach car a bhiodh air ’iarradh ort, rachadh do chur air an Du’irtich. Tha e duilich leam a chreidsinn gu ’n robh a’ sgeir ’n a culaidh-uamhais ni bu mho do ’n t-seoladair a bu ghealtaiche ’s a’ chabhlach Bhreatunnach, na bha i dhomh fein cuig-bliadhna-fichead roimhe so. Gun teagamh, an inntinn an t-seoladair, bha ’n Du’irteach co-cheangailte ri oidhchean dorcha, luingeas ’g am briseadh, mnathan ’n am bantraichean, ’s clann ’n an dilleachdain; agus dhomhsa cha duisgeadh i ach cuimhneachain air brochain fhuar, leasain gun iunnsachadh, ’s laoigh ’s a’ ghart: ach, a charaid, ’s beag t-eolas air nadur nan òg, ma their thu gu bheil coguis chiùrrte agus gu sonruichte broinn fhalamh ’n a ni faoin, soirbh a ghiulan do aois naoi bliadhna de bhalach ’n a chorp shlainte. Bho chionn beagan bhliadhnachan chaidh tigh-soluis ceutach a thogail air a’ sgeir, agus bha ’so aobhar eile air son dol a chur eolais ni bu dluithe air mo sheana bhana-charaid (no bhan-namhaid). Cha luaithe ’chaidh iomradh air an turas cuain so, na rinneadh suas a thiota dà chuideachd. Chaidh dà bhirlinn chomasach a chur ’n an uidheam; agus bha sinn a’ feitheamh, le uiread foighidinn ’s a dh’ fhaodamaid, ri latha freagarrach air son na slighe. Moch ’s a’ mhadainn air an t-seathamh-la-deug de mhios deireannach an t-samhraidh a chaidh seachad “thog sinn na siuil bhaidealach, bharra-gheal ri croinn fhada, fhulangach, fhiughaidh” na Maighdinn Orasaich ’s a bana-chompanaich ann am Port-na-feamanta. “Bha soirbheas beag, lom againn mar a thaghamaid fein.” Bha sinn earbsach as ar teomachd fein, ’s gu h-araid as a’ Mhaighdinn, “Nach ’eil bata ’n taobh so Chluaidh A bheir a fuaradh thar a sroin.” [TD 198] Bha sinn ’s a’ Mhaighdinn seachdnar a chuideachd, a rugadh ’s a dh’araicheadh ’s an aon sgireachd. Chaidh seisear dhinn iunnsachadh ’s an aon sgoil; ’s i an aon t-slat a smachdaich sinn. Bha ’n t-seachdamh air an t-saoghal ginealach roimh chach, ach, mo bheannachd air, b’ e rogha ’s tagha an fhir-thurais e, air muir no air tir; oir “Ged nach dean e fidhleireachd, Sgriobhaidh e a’s leughaidh, ’S air m’ fhacal, ni e searmoin dhuit, Nach talaicheadh neach fo ’n ghrein oirr’.” Bha sinn ’n ar cuideachd cho sunndach, thuigseach, ’s a gheibhteadh air latha samhraidh; air coinneachadh aon uair eile “aig an tigh” a dh-urachadh ’s a neartachadh eolas a’s tlachd ar n-oige. Chaidh, gun teagamh, gach aon againn roimh “’amhuinn theinntich” fein, agus bu shona esan, ma bha e ann, a fhuair an amhuinn air a teasachadh ni bu mho le ordugh an Righ na le ’dheanadas fein; ach an deigh gach dathadh a rinneadh oirnn, bha sinn fathasd an trein ar neirt, le ar misneach laidir, ar cridheachan blath, agus sinn gaolach mu chomunn a cheile air dhoigh nach faighear, saoilidh mi, ach an eileana beaga na Gaidhealtachd a mhain. Rugadh ’s thogadh sinn taobh na mara; bu choingeis leis gach fear againn stiuir, ramh, no taoman; ’s gheibhteadh ’n ar cuideachd sgeul, iorram, no searmoin. Feudar a bhi cinnteach gur iomadh cuimhneachan a chaidh a dhusgadh, naigheachd a chaidh ’innseadh, oran a chaidh a sheinn, ceist a chaidh a chur ’s a fhreagairt; ’s gur iomadh focal maith Gaidhlig a chaidh a sgoltadh, re nan tri uairean a thug a’ Mhaighdeann “a’ gearradh a h-astair feadh thonn, gun churam,” o chladach bearnach Cholasa gus an Du’irteach. Bha uiread othail ’n ar measg a’ ruigheachd na sgeire ’s ged a bhitheamaid a’ dol a thoirt a mach baile-daighnich. Bha stri co bu luaithe ’bhitheadh air tir. Chaidh ar beatha ’dheanamh gu cridheil le fir an tigh-sholuis; ’s bu mhor ar moit an uair a dh’ innis iad dhuinn gu ’m bu sinn a’ cheud chuideachd, a mach o luchd-riaghlaidh ’s luchd-freasdail, a chaidh a dh’ aon ghnothuch g’ am faicinn o ’n a thogadh an tigh. Chaidh an t-slige mu ’n cuairt, ’s ol air slainte na Du’irtich ’s a luchd-àiteachaidh. Tha chreag da cheud ’s da fichead troidh air fad, deich is se fichead troidh air leud, ’s ag eirigh á doimhneachd a’ chuain mu dheich troidhe fichead os cionn airde a’ mhuir-lain. Cha ’n ’eil tanalach a’ briseadh cumhachd na fairge mu ’n cuairt di, ach a mhain tri sgeirean beaga air an taobh an iar a chithear ri isle-mhara. Cha ’n ’eil sgeir air an deach’ togail a dheanamh ceithir thimchioll Bhreatuinn air an d’ fhairicheadh buille na fairge cho trom. Leis gach àsaig a b’ urrainn innleachd a’s airgiod a chur an comas luchd-togail an tighe, cha d’ fhuair iad air tir air a’ sgeir a’ cheud bhliadhna a thoisich an togail ach seachd latha fichead, ochd latha deug thar fhichead an ath bhliadhna, tri fichead an treas bliadhna, agus mu thri fichead gach bliadhna ’n a dheigh sin. Chithear a’ chreag air a treabhadh ’s air a sgolbadh, ged ’s cruaidh a gne, le cumhachd na fairge—dearbhadh laidir air cho deanachdach ’s a tha buille na tuinne a tha ’briseadh oirre. Is e tigh-soluis na Du’irtich am fear mu dheireadh a chuireadh suas anns an t-sreath a tha ’coinneachadh luingeis a thig o’n chuan air iar-bhord na h-Alba. Maol-Chinntire, Port-na-h-aibhne, Du’irteach, Sgeir mhor nan ròn, Ceann deas Bharra, Haoisgear, Ceann tuath Leoghais,—gach aon o oidhche gu oidhche a’ tilgeadh a mach do ’n chuan a sholus dealrach fein an coinneamh a’ mharaiche, a’ [TD 199] cur failte air do dh-Albainn, ’s ’g a threorachadh air a shlighe. Tha solus na Du’irtich mu sheachd fichead troidh air airde; solus laidir, seasmhach (mar their na maraichean), a’ dearrsadh geal ris an airde-’n-iar, an airde-deas, ’s an airde-’n-ear; ach dearg ris an airde-tuath. Anns a’ bhliadhna 1867 thoisich an t-ullachadh air son na togalach. Anns an ath bhliadhna chladhaicheadh steidh an tighe. Bha chlachaireachd criochnaichte ann an tri bliadhna eile; agus ann an geamhradh 1872 bha ’n solus laiste, gun sgiorradh gun dochann air neach de ’n luchd-obair. “Ciosnaichear Nadur le geilleadh dhi,”—is fior an radh so; agus b’ fharsuing, geur-sheallach inntinn an fhir a chuir an fhirinn an cainnt. Cha ’n ’eil e farasda dearbhadh is laidire fhaotainn air a’ ghnath-fhocal na gheibhear a’ beachdachadh air tigh-soluis na Du’irtich. Is e crioch araid tigh-soluis, an solus is neartmhoire anns an togail is tearuinte. Is iomadh lagh Naduir air am feumar a bhi mion-eolach, agus d’ am feumar geilleadh mu ’n toirear a’ chrioch so gu deagh bhuil. ’S ann air a ghluinean a thug esan buaidh a dhealbh ’s a chriochnaich tigh-soluis na Du’irtich. Tha steidh an tighe domhain ’s a’ chreig. Chaidh gach clach ’s an togail a chladhach, a thomhas, a chuimreachadh, ’s oibreachadh an Eilean-Earraid an iochdar Mhuile, far a bheil a nis dachaidh luchd coimhead ’s luchd freasdail an tighe. Se mile deug air falbh o ’n chreig, chaidh gach clach a chothromachadh, gach aon air son a h-aite fein. Cha ’n ’eil seol no innleachd a fhuaradh a mach nach robh air a chleachdadh a chum na clachan a cheangal ri cheile air an doigh a bu laidire ’s a bu diongmhalta. Bha gach aon air an eagadh ’s air an ealpadh ’n a cheile, ’s air an tàthadh leis a ghlaodh a bu teinne greim; air chor ’s gu bheil an tùr ard a nis cho laidir ’s cho seasmhach ’s ged a b’ aon chlach e o mhullach gu bonn. Agus tha ’n t-eolas ’s an t-seoltachd cheudna air an cleachdadh, ’s neo-ar-thaing cho buadhmhor, air son neart a’s tearuinteachd an t-soluis. A’ direadh gu mullach an tighe, tha os cionn deich troidhe fichead d’ an t-slighe air fàradh prais a tha sinte ri cliathaich an tùir, agus, gun teagamh, is feairrde duine suil a’s lamh a’s cas chinnteach a bhi aige mu ’n teid e ’s an fhàradh. ’N a dheigh so tha ’n tur fosgailte, ’s tha ’n direadh air an taobh a stigh le seachd staidhrichean—gach te mu dheich no dusan troidh air airde. Tha chuid fhosgailte de ’n tigh air a roinn ’n a sheachd urlair; ’s gach aon air a chur air leth air son a ghnothuich fein. Seomraichean cadail a’s suidhe do ’n luchd-faire; aitean-tasgaidh air son gach goireas a bhitheas feumail do na daoine, ’s gach ni a bhitheas a dhith air son an tigh a chumail laiste agus glan;—gheibhear so anns na urlair is isle. Os an cionn sud tha clag trom a bhithear a’ seirm ri àm ceò, ’s a chumar a’ bualadh le bhi nis ’s a ris ’g a thoinneamh mar nithear air uaireadair; glaineachdan a’s innleachdan air son a bhi ’g innseadh teas na side, luathas na gaoithe, ruith na tìm, ’s a leithide sin. Am mullach an tighe tha seomar an t-soluis, agus is leoir a radh nach ’eil innleachd no seol air an d’ fhuair luchd-eolais greim gus an latha a chaidh an solus a lasadh, nach ’eil cuideachadh is urrainn curam a dheanamh le eolas o ’n am sin, nach ’eil air an cleachdadh air son cumhachd agus cinnteachd an t-soluis a mheudachadh. Le mor-chaoimhneas threoraich am fear-faire sinn troimh ’n tigh, agus le mor-thoinnisg chomharraich e [TD 200] mach gach aite ’s gach innleachd a bh’ ann. Bho mhullach an tighe tha ’n sealladh mu ’n cuairt farsuing, greadhnach ach neo-chumanda. Chithear Tirithe, “tir iosal an eorna” a’ sgaoileadh a mach ris an iar-thuath; ’s an ear-thuath chithear I-Chaluim-Chille, sgarte o “Mhuile nan craobh” le caolas mu mhile air leud, ’s a’ sealltuinn mar chunnaic Calum-Cille fein e ’n uair bha e ’seoladh seachad air an Du’-irtich tri cheud deug bliadhna roimhe so, ’n a dhachaidh thearuinte do ’n t-soisgeulach ann an linntibh borb, ’s cho iosal ’s nach faicteadh Eirinn thar a’ chnuic a b’ airde dheth; air n ear fearann Cholasa a luidhe iosal fo bheanntan riabhach Dhiùra; ’s “Ile ghlas an fheoir” a teicheadh air falbh a dh-ionnsaidh na h-airde deas. An cuan mor fosgailte o ’n airde-’n-iar, le ’thuinn air an la ud, a’ glasadh gu seimh mu ’n sgeir a bha ri ’faicinn fothainn corrach, dubh, le birlinn air acair air gach taobh dhi. Ag eisdeachd ri osna throm na fairge air a’ chreig, shaoileamaid gu robh an cuan mor, mar ghaisgeach treun, a’ leigeadh a sgios, ’s a’ cruinneachadh tuilleadh neart a chum a bhi ag urachadh a’ chath ris a’ sgeir, a thòisich air a’ mhadainn “air an do chruinnicheadh na h-uisgeachan a ta fuidh neamh a dh-aon aite, ’s an do leigeadh ris an tir thioram.” Cia mor an leirsgrios a rinneadh o’n sguabadh an ar-fhaich so ’n toiseach, cia lionmhor beatha a chaidh a chall, cridhe a chaidh a bhriseadh, ’s teaghlach a chaidh an culaidh-bhroin, bithidh fios a mhain “an uair a bheir an fhairge uaipe na mairbh a bhitheas innte.” B’ eigin tearnadh. Sgriobh sinn ar n’ ainm, mar is gnath le luchd-tathaich, ann an leabhar a th’ air a ghleidheadh air son a’ ghnothuich so. Sgaoil sinn beagan mhionaidean air a’ sgeir—gach aon titheach air son cuimhneachan a bhi dhachaidh leis—mir de ’n chreig, bàirneach, duileasg, ni eigin a ghabhadh toirt air falbh; agus chruinnich sinn a ris a dh-fhagail beannachd chairdeil aig na fir chaoimhneil, thuigseach a tha ’gleidheadh an tighe, ’s a dh-ol “deoch an doruis.” Bha ’n t-am a’ chreag ’fhagail. Bha ’n t-slighe buan; cha robh a’ ghaoth ach lag, agus na bh’ ann cho direach ’n ar n-aghaidh ’s a b’ urrainn di seideadh. Bha ’n tilleadh fadalach; ach bha chuideachd sunndach. Thuit dalla-bhrat na h-oidhche oirnn ’s sinn fathasd moran mhiltean o cheann ar turais. Dhealaich sinn fein ’s ar bana-chompanach. Dh’eirich a’ ghaoth; dh’ fhas a’ Mhaighdeann, a bha cho morasda re an la ’s an fheasgair, sunndach, curaideach; ’s thug mi ’n aire gu ’n d’ fhuiling i do ’n fhairge “mholach, cheannaghlas” a beul a phogadh gu tric ’s an dorcha. Ged nach “sgoilteadh i cuinnlean caol coirce le fheobhas ’s a dh’fhalbhadh i,” cha robh i fada ’g ar giulan gus a’ chaladh, “A tha crom mar bhogha air ghleus, A tha seimh mar uchd mo ghaoil.” Cha robh ar bana-chompanach fada ’n ar deigh. Chaidh an glaine uair eile mu ’n cuairt; agus sgaoil a’ chuideachd;—am fear a bu ghlice ’n ar measg a’ meas gu robh an la air a dheagh chaitheamh, ’s am fear a b’ oige dearbhta nach di-chuimhnich e ’n turas fhad ’s a ghleidheas cuimhne a h-aite am measg buaidhean ’inntinn. D. M‘K. Thigeamaid beo air sheol ’s nach creidear neach a labhras gu h-olc mar timchioll. Is sonas aon de na nithibh sin a gheibhear, cha ’n ann aig astar fad as, am measg nan coigreach, ach mu ’n chagailt aig a’ bhaile. [TD 201] SAOBH-CHRABHADH ANNS NA H-INNSIBH. Is ceart a thubhairt an Salmadair gu’m bheil “Aitean dorcha na tire lan de ionadaibh-comhnuidh an fhoirneirt.” Cha ’n fhaicear fo ’n ghrein tir ni’s maisiche agus ni ’s oirdheirce air iomadh seol na Innsean na h-Aird-an-ear; gidheadh, cha ’n ’eil tir eile ann, feudaidh e bhi, far am bheil nithe ’g an deanamh a ta ’nochdadh truaillidheachd nadair an duine air mhodh ni ’s soilleire agus far am bheil nithe ’g an deanamh a ta ni’s leoir chum gach neach aig am bheil an comus, a dheachdadh le dichioll agus deagh-dhurachd, gu cur as do ’n t-saobh-chrabhadh sin leis am bheil na h-Innseanaich air an toirt co cianail air seacharan. Tha ’n duthaich fein aillidh gun teagamh. Tha gach ni air muir agus air tir, mar gu ’m b’ ann ag oibreachadh le cheile chum gach eolas agus toilinntinn a bhuileachadh air an luchd-àiteachaidh. Thairis air an duthaich fhad’ agus fharsuing sin gu leir tha ghrian a’ soillseachadh le toirbheartas ro tharbhach, agus a’ toirt air gach ni ann an nadar a bhi aoibhneach ann an ailleachd a soluis dealraich. An sin, feudar a radh gu ’m bheil uile chraobhan na machrach a’ bualadh am basan, agus na glinn a’ deanamh gairdeachais air gach taobh. Tha gach ni a’ cur an ceill gloire an Ti bheannaichte a ta ’riaghladh os an ceann, agus a’ toirt gu cuimhne, ann an seadh, dealbh-choslas nan ionad sin far an do ghluais ar ceud sinnseara gun truaillidheachd ann am parras. Ach mo thruaighe! anns a’ cheart tir sin, air an do bhuilich an Ti a ’s airde iomadh buaidh urramach, tha nithe cianail ’g an cur an gniomh air an la ’n diugh! Anns an tir sin, a dh’ fheudadh, a thaobh maise, a bhi ’n a gàradh do ’n t-saoghal gu leir, tha clann air an co-eigneachadh gu bhi ’faicinn am parantan fein agus parantan gu bhi ’faicinn an cloinne fein, a’ dol gu muladach a dhith! Tha so a’ tachairt, cha ’n ann do bhrigh nach ’eil lon air na h-achaibh, treudan anns a’ mhainnir, agus feudal air na roiointibh, ach a’ chionn gu ’m bheil iad air am buaireadh, agus air an co-eigneachadh le saobh-chrabhadh ifrinneach agus air gach seol, ro dheistinneach chum bas eagallach fhaotuinn le lamhaibh aoin a cheile. Faicibh an comhlan cianail sluaigh ud a’ deanamh cabhaig fo ghathannaibh teth na greine gu taobh an t-sruth naomha, agus a’ deanamh grad-sheasamh air a bhruaich. Ach faicibh ciod a tha iad a’ giulam air an guaillibh chum an ionaid far am bheil iad a’ seasamh ri taobh na h-aibhne. So agaibh mic agus nigheana, gu crabhach, diadhaidh, a’ tarruing air an adhairt an athar no am mathar fein, a bhuaileadh le tinneas, chum gu ’m bi iad air an tilgeadh mar so le’n sliochd fein do ’n doimhneachd mhoir uisge a ta air am beulaobh, far am bi iad gu h-ealamh air am bathadh, air son leas an anama. Grad ghiulainidh an an sruth sios iad far an ithear iad le eunlaith agus le uile-bheistibh nan uisgeachan! Is eagallach an cleachdadh, so. Tha e co mi-nadurra ’s nach ’eil idir cumhachd aig briathraibh an gniomh oillteil a chur gu freagarrach an ceill. Ach faicibh a ris, a’ chruach ard sin, air a togail suas, agus air a deanamh de fhiodh tioram, air a sgoltadh as a cheile; agus ciod is ciall do ’n torr sin? Carson a charnadh co cas suas e? Air ’uachdar chithear air an sineadh taobh ri taobh, corp marbh, breun an athar, agus coluinn bheo na mathar! Tha iad air an suidheachadh an sin gu bhi air an losgadh [TD 202] cuideachd gus am bi iad ’n an luaithre! Buidheachas do ’n Ti Bheannuichte a ta ’riaghladh os ceann nan uile, tha na torran fiodh sin air an cur as anns gach cearnadh de na h-Innsibh a bhuineas do ’n Rioghachd Bhreatuinnich, ach cha’n ’eil na reachdan uamhasach sin a dhealbh iad air an cur air cul, ni mo tha ’n spiorad a tharmaich iad air a smaladh as. Na ’m biodh gairdean treun na Cumhachd Bhreatuinnich air a tharruing air ais an diugh, bhiodh air an la maireach mile torr a’ lasadh air comhnardaibh nan Innsean! Far nach ’eil lagh na Rioghachd so a’ ruigheachd, tha ’n cleachdadh ghraineil so fathast air a gnathachadh mar a b’ abhaist. Tilgibh bhur suilean, ma ta air an torr chianail sin, air a dheanamh de chuailtibh tiorma agus corp marbh an athar, agus coluinn bheo na mathar ’n an luidhe air ’uachdar. Mu ’n cuairt da chithear ’n an seasamh a’ chlann bhochd, thruagh, a’ dil-bheachdachadh air an t-sealladh bhronach. Ach c’ arson tha iad ’n an seasamh an sin? An ann a dhusgadh suas truacantais agus co-fhulangais na mathar? Cha ’n ann. An ann chum na lasraichean eagallach a smaladh as le ’n deuraibh? Cha ’n ann. An ann gu gach innleachd a ghnathachadh chum cuirp am paranta fein a theasairginn beo no marbh? Cha ’n ann. Ach tha iad ’n an seasamh an sin, chum, ann an ainm nan dia d’ am bheil iad a’ deanamh aoraidh, gu ’n cuir iad an leus teinnteach ris a’ chruaich trid an eirich na lasraichean millteach suas, leis am bheil na creutairean truagh sin air am fagail ann am priobadh na sula ’n an dilleachdanaibh gun athair, gun mhathair, ann an saoghal coimheach, fuar. An comas do chuilbheartaibh na h-ifrinn fein dol ni ’s faide an aghaidh aitheantan agus iarrtais Soisgeul an Tighearn Iosa Criosd? Feudaidh,—oir tha paranta ’s na criochaibh iodhol-aorach sin a ni greim air an cloinn fein, agus chum dia eigin a thoileachadh, a thilgeas a mach iad, aon chuid gu bhi air an itheadh suas le fiadh-bheathaichibh na macharach, no gu bhi air an cagnadh beo, slan, le geur-fhiaclaibh uile-bheistean a’ chuain. Ach anns na criochaibh iomallach sin, far am bheil gach dichioll ’g a dheanamh leis gach Eaglais ’n ar measg fein chum teagasgan an t-Soisgeil a chraobh-sgaoileadh, tha cleachdadh eile ceart co deistinneach, graineil’ ris na nithibh a dh’ ainmicheadh cheana. Tha e air a dheanamh ’mach, gu ’n do chuireadh, o laithibh Chriosd air an talamh, corr agus ochd ceud deug mile leanabh-nighinn gu bas le ’m maithrichibh fein! O, nach eagallach da-rireadh an saobh-chrabhadh sin trid am bheil mortadh co uamhasach ’g a dheanamh le mathairichibh air an cuid cloinne fein, an duil le sin gu ’m bheil iad a’ ciuineachadh an diathan fein, agus a’ cosnadh an deagh-ghean d’ an taobh. Tha na mathairichean so a’ deanamh mach gu ’m bheil a’ chlann-nighean a’ toirt gach tubaist, donais, agus mi-sheilbh a stigh do na teaghlaichibh aca; agus, uime sin, gur e an dleas’nas d’ an diathaibh agus dhoibh fein na leanaba sin a ghearradh as eadar bhun agus bharr! Gu cinnteach is e so ro mheud gach cumhachd agus buaidh a bhuineas do Shatan, thairis air a’ chreutair bhochd, thruagh sin a chaill iomhaigh a Chruiteir fein, agus a rinn e fein buailteach do mhearachd agus do sgrios. Is e dleas’nas nan uile a bhi beachd-smuaineachadh air na nithibh so, agus a bhi ’guidhe air an Dia sin, a tha ’riaghladh os ceann nan uile, gu ’n tionndaidheadh e a’ mhuinntir [TD 203] shaobh-chrabhach sin o dhorchadas gu solus chum seirbhis a dheanamh dha fein a mhain. Eireadh na h-uile suas air ball, chum an dleas’nas a dheanamh d’ am fuil agus d’ am feoil fein, agus na fagadh iad clach gu ’n charachadh chum na criche sin. Tha, agus bha moran de dhaoinibh treun ’n ar duthaich fein de gach creidimh agus eaglais, a nochd iad fein tairis agus eudmhor chum an soisgeul a chur a dh-ionnsuidh nan cinneach so. O, nach bu dian, dealaidh anns an obair mhor agus chudthromach so an diadhair urramach sin Tormaid Og Macleoid, a chaidh e fein do na h-Innsibh, gus am faiceadh e le ’shuilibh fein meud, farsuingeachd, agus cumhachd an t-saobh-chrabhaidh a bha ’lionadh na duthcha sin, agus gus an deachdadh e le lathaireachd thaitnich, agus le a chomhairlibh glice, na teachdairean durachdach agus eudmhor a bha ’cur a’ chatha le armachd Dhe an aghaidh dhaimhneachdan nan iodhol-aorach! Ach, mo leon! bha eud cridhe, agus durachd inntinn an deagh dhuine sin tuilleadh ’s mor air son a neart agus a shlainte; agus cha ’n ’eil teagamh nach do ghiorrach e a laithean, ann an seadh, agus nach do dh-iobair e a bheatha agus a bhuaidhean cumhachdach ann an obair chudthromach so a Mhaighstir neamhuidh fein. O gu ’n leanadh na miltean esan ’n a threibhdhireas chum cleachdanna co sgriosach do ’n duine, agus co eas-urramach do Dhia a sguabadh, le cuideachadh an Spioraid Naoimh, bharr aghaidh na talmhainn! SGIATHANACH. Na creid ni sam bith an aghaidh do choimhearsnaich, ach le deagh-ughdarras, agus le lan dearbhadh. Na cuir an ceill an ni sin a dh’ fheudadh dochunn a dheanamh do neach eile, mur bi e ’n a dhochunn ni’s miosa do mhuinntir eile a chealachadh. SPIORAD NA H-AOISE. SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACH— LEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN. Bha ann roimhe so, air chul Beinne-nan-Sian, aireach ghabhar d’ am b’ ainm Gorla-nan-treud, aig an robh triuir mhac agus aon nighean. Bha buachailleachd nam meann an earbsa ri ailleagan an fhuilt oir. Latha de na laithean, an uair ’bha i ’mach ri uchd na beinne a’ buachailleachd nam meann, theirinn badan de cheo druidheachd cho geal ri sneachda na h-aon oidhche, agus air dha iadhadh mu ghuala na beinne, chuairtich e an t-ailleagan aonaranach, ’s cha ’n fhacas i na ’s mo. An ceann latha ’s bliadhna ’n a dheigh sin, thuirt Ardan, mac mor an airich, “A’ bhliadhna gus an diugh dh’falbh mo phiuthar, ailleagan an fhuilt oir, agus is boid a’s briathra dhomh-sa nach dean mi fois no tamh, a latha no dh’ oidhche gus an lorgaich mi ’mach i, ’s bithidh mi air cho-dhiol rithe fhein.” “A mhic,” arsa ’athair, “ma bhoidich thu sin cha bhac mise thu; ach bhuineadh dhuit, mu ’n deachaidh am focal a d’ bheul ciad d’ athar iarraidh. Eirich a bhean, agus deasaich bonnach do d’ mhac mor, a’s e ’dol air thurus fada.” Dh’ eirich a mhathair agus dheasaich i bonnach mor agus bonnach beag. “A nis,” ars’ ise, “a mhic, an fhearr leat am bonnach mor ann am feirg do mhathar air son thu dh’ fhalbh gun chead, no am bonnach beag le ’beannachd?” “Dhomh-sa,” ars’ esan, “am bonnach mor, ’s gleidh am bonnach beag ’s do bheannachd dhoibh-san a roghnaicheas iad.” Dh’ falbh e: agus ann am prioba na sul’, bha e a sealladh tigh ’athar. Chuir e sad a’s gach lodan agus o bharr gach tomain; bha e dian-astarach gun chaomhnadh air bonn no eang, no ruighe, no feith. Bheireadh esan [TD 204] air a’ ghaoith luaith Mhairt a bha roimhe; ach a’ ghaoth luath Mhairt a bha ’n a dheigh, cha bheireadh i air. Mu dheireadh bhuail acras e. Suidhear air cloich ghlais a dh’ itheadh a bhonnaich mhoir; thigeadh fitheach dubh an fhasaich agus suidhear air sgorr creige os a cheann. “Mir, mir, a mhic Ghorla-nan-treud,” ars am fitheach. “Mir cha ’n fhaigh thu,” arsa mac Ghorla; “mir no deur cha ’n fhaigh thu uam-sa, ’bheathaich ghrainde stur-shuilich, star-shuilich, lachduinn; tha e beag na ’s leoir dhomh feinn.” ’N uair bha sud thar bearradh a chleibh, ghluais e ’rithist gu siubhal nan eang—bheireadh esan air a’ ghaoith luath Mhairt a bha roimhe, ach a’ ghaoth luath Mhairt a bha ’n a dheigh cha bheireadh i air. Chriothnaich a’ mhointeach mar a dhluthaich e oirre—thuit an druchd o ’n fhraoch bhadanach ghorm, agus theich an coileach-ruadh do ’n chàthar a b’ airde. Bha toiseach aig an fheasgar air ciaradh—bha neoil dhubha, dhorcha na h-oidhche a’ tighinn, agus neoil shioda, sheimh an latha a’ triall; na h-eoin bheaga, bhuchullach, bhachallach, orbhuidhe ’gabhail mu thamh ann am bun nam preas ’s am barraibh nan dos anns na h-innseagan laghach, ’s gach ait’ a b’ fhearr a thaghadh iad; ach ged a bha, cha robh mac mor Ghorla-nan-treud. Chunnaic e tigh beag soluis fada uaithe ’s ge b’ fhada uaithe cha b’ fhada ’g a ruigheachd. ’N uair a chaidh e stigh, chunnaic e seann urra choltach de dhuine mor, toirteil, liath, a’ gabhail socair shàsda air beinge fhada air dara taobh an teine, agus gruagach dhreachmhor a’ cireadh cul dualach a leadain oir, air an taobh eile. “Gabh a nios, ’oganaich,” ars’ an seann duine, ’s e ’g eirigh; “’s e do bheatha. ’S minic a thalaidh mo leus loinnreach, astaraiche nam beann. Gabh a nios, ’s leat blàs agus fasgadh, ’s gach cobhair a tha ’m bothan an t-sleibh. Dean suidhe; ’s ma ’s miann leat, cluinnear do sgeul” “’S olach mise,” arsa mac mor an airich, “a tha ’g iarradh cosnaidh—thalaidh do leus loinnearach mi a dh-iarraidh blàs agus fasgadh na h-oidhche.” “Ma dh’ fhanas tu agam-sa,” arsa ’n seann-duine, “gu ceann bliadhna, a bhuachailleachd mo thri mairt mhaol’, odhar, gheibh thu do dhuais, a’s cha bhi fath talaich.” “Cha b’ e mo chomhairle dha,” arsa nighean an fhuilt oir ’s na cir’ airgid. “Comhairle gun iarradh,” arsa mac mor Ghorla, “cha robh meas riamh oirre. Gabhaidh mi do thairgse, a dhuine—ann an camhanaich na maidne, ’s mise do ghille.” Roimh langan an fheidh ’s a’ chreachann, bhleodhainn gruagach an fhuilt oir ’s na cir’ airgid, na tri mairt mhaol’, odhar. “Sin iad agad a nis,” ars’ an seann duine; “gabh m’ an cul—lean iad—na pill iad—na bac iad—iarradh iad an ionaltradh fhein—’s leig leo imeachd mar is aill leo—fan thus’ as an deigh—agus thigeadh aon ni ’thogras ann ad rathad, na dealaich thusa riutha—biodh do shuil orra agus orrsa-san a mhain; agus a dh-aon ni g’ am faic thu no g’ an cluinn thu, na toir suil air. So do dhleasnas—bi dileas—earb á m’ fhocal—bi saoithreach, ’s cha bhi do shaothair gun duais.” Dh’ fhalbh e mu chul na spreidhe, agus lean e iad. Cha robh e ach goirid air falbh, ’n uair a chunnaic e coileach oir agus cearc airgid a’ ruith roimhe air a’ bhlar. Ghabh e air an toir; ach ged a bha iad a nis agus a rithist, air leis, ’n a ghlaic, dh’ fhairtlich air gramachadh orra. Phill e air ’ais o’n t-siubhal fhaoin, agus rainig e ’n t-aite ’s an robh na tri mairt mhaol’, odhar ag ionaltradh, agus thoisich e ’rithist air am buachailleachd; ach chu b’ fhada ’bha e [TD 205] air an cul ’n uair a chunnaic e slatag oir agus slatag airgid a’ cur nan car dhuibh air an reidhlean, agus ghrad thoisich e air an ruith. “Cha ’n fhaod e bhith,” ars’ esan, “nach iad so a’s usa ’ghlacadh na na h-eoin a mheall mi o cheann ghoirid.” Sinear as ’n an deigh; ach ged bhiodh e ’g an ruith fhathast, cha bheireadh e orra. Thug e ’bhuachailleachd air; agus mar a bha e ’leantuinn nam mart maol’, odhar chunnaic e doire coille air an robh na h-uile meas a chunnaic e riamh, agus da mheas dheug nach fhac e. Toisichear air e fhein a shasachadh leis na measaibh—thug na mairt mhaol’, odhar an aghaidh dhachaidh, agus lean e iad. Bhleodhainn gruagach an fhuilt oir iad, ach an aite bainne cha d’ thainig ach nus glas. Thuig an seann duine mar a bha: “Olaich gun fhirinn ’s gun dilseachd,” ars esan, “bhrist thu do ghealladh.” Thog e a shlacan-druidheachd—buailear an t-oganach, ’s deanar carragh cloiche dheth, a sheas tri laithean a’s tri bliadhna ri taobh an teine ann am bothan an t-sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh. ’N uair a bha latha ’s bliadhna eile air dol scachad, thuirt Ruais ruadh, mac meadhonach Ghorla, “Tha da latha ’s da bhliadhna air dol seachad o ’n a dh’ fhalbh mo phiuthar aillidh, agus tha latha ’s bliadhna o ’n a dh’ fhalbh mo bhrathair mor; ’s boid a’s briathar dhomh-sa imeachd an diugh air an toir, agus an co-dhiol a bhi agam.” Ceart mar thacair do ’n bhrathair a bu shine anns gach doigh, mar sin thachair do ’n mhac mheadhonach; agus ’n a charragh cloiche tha esan an ceann tighe bothain an t-sleibh, mar chuimhneachan air bristeadh focail, agus co-cheangail fasdaidh. Latha agus bliadhna ’n a dheigh so, thuirt am mac a b’ oige—Caomhan donn an aigh—“Tha ’nis tri laithean agus tri bliadhna o ’n a chaill sinn mo phiuthar aillidh. Dh’ fhalbh braithrean mo ghaoil air a toir. ’Nis, ’athair, ma ’s deonach leat-sa, ceadaich dhomh imeachd ’n an deigh ’s an co-dhiol a bhi agam—agus na deanadh mo mhathair mo bhacadh. Guidheam ur cead—na diultaibh mi.” “Mo chead ’s mo bheannachd tha agad, a Chaomhain, ’s cha bhac do mhathair thu.” “An deasaich mise,” ars’ a mhathair, “am bonnach mor as eugmhais mo bheannachd, no am bonnach beag le durachd mo chridhe agus deothas m’ anama?” “Do bheannachd, a mhathair, thoir thusa dhomh-sa; agus beag no mor a thig ’n a chois, tha mise toilichte—bu bhochd leam oighreachd an t-saoghail mhoir ’s do mhallachd ’n a lorg. Air beannachd mathar, ’s mi nach dean tair.” Thog Caomhan donn, mac Ghorla-nan-treud, air ’s mar a bha tigh ’athar ’s a mhathar ’g a fhagail ’s a’ cheo, bha ’chridhe lan. Thug e gu siubhal nan eang—ruigear doire nan earb—suidhear fo chraoibh a dh’ itheadh a’ bhonnaich sin a dh’ fhuin a mhathair chaomh dha. “Mir, mir,” arsa fitheach dubh an fhasaich; “mir dhomh-sa, Chaomhain, ’s mi fann.” “Gheibh thu mir, a bheathaich bhochd,” arsa Caomhan, “’s docha gu ’m bheil thu na ’s feumaiche na mi fhein—foghnaidh e dhuinn le cheile—tha beannachd mathar ’n a chois.” Dh’ eirich e, ’s ghabh e air a thurus. Ghabh e fasdadh aig an t-seann duine; agus dh’ fhalbh e a bhuachailleachd nan tri mart maol’, odhar. Chunnaic e ’n coileach oir ’s a’ chearc airgid, ach thionndaidh e air falbh a shuilean; lean e ’n spreidh—chunnaic e ’n t-slatag oir agus an t-slatag airgid; [TD 206] ach chuimhnich e a ghealladh, ’s cha deachaidh e air an toir. Rainig e an doire—chunnaic e ’m meas a bha boidheach, aillidh do ’n t-sealladh; ach cha do bhlais e e. Ghabh na tri mairt mhaol’, odhar seachad air a’ choille, ’s rainig iad aonach farsuing air an robh falaisg—am fraoch fada r’ a theine—ghabh iad g’ a ionnsuidh. Bha ’n fhalaisg a’ sgaoileadh air an raon a’ bagairt e fhein ’s na mairt mhaol’, odhar a losgadh: ach ghabh iad troimpe—cha d’ fheuch e am bacadh, oir b’ e so an gealladh a thug e; lean e iad troimh ’n teine, ’s cha do loisgeadh roinne ’dh’ fhalt a chinn. Faicear ’n a dheigh sin abhuinn mhor a bha air at le tuiltibh nam beann. Thairis oirre ghabh na mairt mhaol’, odhar, agus as an deigh ghabh Caomhan gu ceo-sgathach. Tiota beag ’n a dheigh sin, faicear tigh-aoraidh geal, boidheach air reidhlein uaine, ri cul gaoithe ’s ri aodann greine, as an cual’ e fuaim nan dana milis agus nan laoidhean binne. Luidh an spreidh air a’ bhlar, ’s chaidh Caomhan donn a stigh a dh’ eisdeachd sgeul an aigh. Cha b’ fhada ’bha e ’g eisdeachd teachdaireachd an aoibhneis, ’n uair a thainig oganach guanach a stigh air dorus an tigh-aoraidh, le suil bhuaireasaich a’s ’anail ’n a uchd, a dh-innseadh gu ’n robh an crodh maol, odhar anns a’ ghart agus e ’dhol a mach g’ an saodachadh as. “Imich uam,” arsa Caomhan: “b’ usa dhuit-sa, ’bhobaig, an cur as thu fhein, na ruith mar so ’s an anail ad uchd a thoirt, an sgeoil a ’m ionnsuidh-sa—eisdidh mise na briathran taitneach.” Tiota beag ’n a dheigh sin, thainig an t-oganach ceudna air ’ais—buaireas a’s boile ’n a shuil agus anail ’n a uchd:—“A mach, a mach, a mhic Ghorla-nan-treud,” ars’ esan, “tha na coin againn-ne a’ ruagadh do chuid mart—mur bi thu ’mach am prioba na sul’, cha ’n fhaic thu ’n t-ath-shealladh dhiubh.” “Air falbh, a bhobaig,” arsa Caomhan donn, “b’ usa dhuit-sa do chuid chon a chasgadh na teachd mar so ’s an anail ’ad uchd g’ a innseadh dhomh-sa. Eisdidh mise teachdaireachd an aoibhneis.” ’N uair ’bha an t-aoradh seachad chaidh Caomhan a mach, agus faighear na tri mairt mhaol,’ odhar a’ cur an sgios, gun ghluasad as an aite ’s an d’ rinn e ’m fagail. Dh’ eirich iad agus ghluais iad air an t-slighe dhachaidh, agus lean Caomhan iad. Cha b’ fhada bha e air an cul, ’n uair a chunnaic e machair fharsuing cho lom ’s gu ’m faiceadh e ’n dealg a bu chaoile air an lon lar; agus mhothaich e capull agus searrach og meamnach, lughmor ag ionaltradh, agus iad cho reamhar, fheolmor ri ron a’ chuain mhoir. “Tha so iongantach,” arsa Caomhan donn. Faicear tiota beag ’n dheigh sin, machair eile, fo bharr fasaich, air an robh capull agus searrach nach seasadh minidh nan cuaran ’n an druim leis a’ chaoile. Faicear ’n a dheigh so, lochan uisge, agus moran a dh-oigridh aoibhinn, aighearach, ur, aillidh, ag imeachd le caithream bhinn, agus ’n am buidhnean ait, a dh-ionusuidh ceann ard an lochain, gu tir na greine, fo sgaile nan craobh a bu chubhraidh boltrach: chual’ e torman nan allt a bha ’n duthaich na greine—ceileirean nan eun—fonn theud air nach robh e eolach, agus inneil chiuil nach cual’ e riamh roimhe sin. Mhothaich e buidhnean eile de mhuinntir thruaigh a’ triall gu ceann iosal an lochain do thir an dorchadais. B’ eagalach an sgreuch a thod iad—bu chulaidh-oilt am bas-bhualadh bronach. Bha ceo agus neoil dhorcha thairis air a’ triall, agus chuala Caomhan tairneanach trom. “Tha so,” ars’ esan, “da-rireadh iongantach.” Lean e na tri mairt mhaol’, odhar. Bha [TD 207] ’n oidhche ’n sin a’ cur roimpe ’bhi fiadhaich, gun bhrath air fasgadh no fardaich anns an cuirte seachad i, ach co ’thachair air Caomhan ach madadh na maoile moire? agus cha luaithe ’thachair na thug an co-dhalaiche coir, agus an deadh bhiadhtaiche dha cuireadh. ’s cha b’ ann gu gnu, doichiollach, ach gu fiughantach, fial, e ’chur seachad tri trianan d’a sgios agus an oidhche air fad maille ris. (Ri leantuinn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—A dhiulanaich mo ghraidh, ciod ris am bheil thu mar so, le d’ chaibe mor, le d’ gheimhleig fhada, agus le d’ phiocaid gheur? Ann an ainm an aigh, ciod is obair duit, agus ciod is ciall do ’n toll mhor, fharsuing a tha thu a’ cladhach air a’ chomhnard so? COIN.—Gleidh mise! Am bheil mo shuilean a’ cur an ceill na firinn, no am bheil iad ga m’ mhealladh le faoin-sgailibh luaineach, no le taibhs’-shealladh air mo charaid runach? Is tusa th’ ann, fhir mo ghaoil, is tu a th’ ann gun teagamh. Ochan! ochan! tha sòlas an diugh mar chaomh-sholus na greine a’ boisgeadh anns gach ionad agus oisinn mu ’n cuairt, do bhrigh gu ’n do nochd thu thu fein gun fhios gun aire, gun duil gun dochas riut. Is mairig a their nach ’eil brigh ann am bruadar. Chunnaic mi ’n am chadal an raoir thu, agus thubhairt mi ’s a’ mhaduinn ri Seonaid, “Cha ’n fhada gus am faic sinn Murachadh Ban,”—agus nach b’ fhior e! Ochan, a Righ! Is i do bheatha do ’n Ghoirtean-Fraoich, ’S aighearach, aobhach an diugh mi; A Mhurachaidh, thig, ’s dean suidh’ ri m’ thaobh, Dh’ fhag d’ fhaotainn bàlbh gun ghuth mi. Tha Seonaid ’dannsadh air an raoin, Tha ’n Goirtean-Fraoich gu cridheil; Gach beag a’s mor a’ glaodhaich maraon— “Tha Murachadh Bàn air tighinn!” MUR.—B’ e ’n t-ioghnadh e, a Choinnich, b’ e n t-ioghnadh caraid fhaicinn a chunncas leat gu tric roimhe, a chunncas leat o cheann ghoirid, agus a chithear leat fathast gu tric ma bhios cothrom agus comas nan cas aig seann Mhurachadh Bàn. Ach tha moran agam r’ a fhoighneachd mu ’n ghne oibre a th’ agad os laimh an sin; mu ’n bhardachd a rinn thu a dh-altachadh mo bheatha aon uair eile do ’n Ghoirtean-Fraoich, agus mu chor Seonaid a tha ’dannsadh air na raontibh, ma ’s fior a deagh chompanach. Tha eagal orm, gidheadh, nach ’eil anns an dannsadh sin ach aon de na dealbhaibh luaineach a shuidhich na Ceolraidhean anns an inntinn innleachdaich aig Coinneach Ciobair. Ach biodh sin mar a’ fheudas, cha d’ innis thu riamh dhomh gu ’n robh gride na bardachd ’s a’ chlaigeann chruaidh sin agad, agus cha do smuainich mi riamh gu’n robh thu air do dheachdadh le spiorad nan ceolraidh, gus an cual mi na rannan ud a rinn thu air ball, an uair a thainig mi ort gun fhios gun aire dhuit. Tha deagh fhios agam gu ’m bheil thu taghta air na h-oranaibh ged nach robh comas agam aig am sam bith do chluinntinn. Ach cluinnidh mi an deigh so caileigin de ’n rannaireachd air am bheil thu gun teagamh co ro ghleusda. Aig an am so, gidheadh cha ’n ’eil uin’ agam r’ a bhuileachadh air na nithibh sin, dh’ aindeoin co taitneach ’s a bhitheadh iad. COIN.—Nach minic a chual thu, a’ Mhurachadh, “gur luaithe deoch na sgeul!” Air do ’n chuis a bhi mar sin, fagam an toll mosach, salach so, far am bheil mi, mar a tha thu ’faicinn, co bog, fluich, tartmhor, sgith, agus rachamaid a choimhead [TD 208] air Seonaid, air am bheil fadal gu leoir, gu d’ fhaicinn, agus feuchaidh sinn ciod a dh’ fheudas a bhi s’ an t-searraig-dhuibh, oir tha e cinnteach gu ’m bheil feum nach beag agad-sa air boinne ’s air bonnach an deigh do thurais; agus cha mhiste mi fein an t-suil a fhliuchadh an deigh m’ aornagain agus mo luidridh ’s an t-sloc dhuibh ud. Tiugainn, ma ta, thugamaid an tigh oirnn, oir co cinnteach ris an airgiod bhaistidh, tha Seonaid air call a foighidinn. MUR.—“Co cinnteach ris an airgiod bhaistidh,” an e a thubhairt thu, a’ Choinnich choir. Bha ’n la sin ann, ach am measg nithe eile, dh’ fhalbh e. Cha ’n ’eil guth an diugh air airgiod baistidh, ach ’n a aite bheirear seachad mir mor paipeir co leathann ri dorus a’ mhuillinn, air am bheil gach ni mu ’n leanaban air a chur sios; ach is tu fein a’s eolaiche air so a chleachd e. Air mo shon-sa dheth, tha ’n la sin seachad, ach cha d’ eirich sin duit-sa, fhir mo ghraidh. Ciod, gidheadh, is ciall do ’n t-sloc uamhasach sin anns am bheil thu a’ cladhach?” COIN.—Is comadh leam sin, a’ Mhurachaidh, agus cha ’n ann a thoirt droch fhreagairt ortsa; ach cha chuireadh e mor-dhuilichinn orm, ged dheanadh e leabadh re seachdain do ’n fhear a’s coireach ri bhi ga ’dheanamh. MUR.—Seadh, ach co e am fear sin? COIN.—Co, ach Sir Seumas an aigh! So mar a bha ’n gnothuch. Bhruadair e air oidhch’ araidh gu ’n robh am fearann aige lan guail, agus nach robh an gual ach beagan shlat sios o bharr na talmhainn, anns a’ cheart aite far am bheil mi a’ cladhach. Uime sin, dh’ orduich e dhomh-sa cumadh an tuill a ghearradh a mach, agus a bhi ’criomadh ris mar a dh’ fheudas mi, gus an cuir e comunn laidir ga ’oibreachudh air an ath sheachdain. Theid e sios, tha e ’g radh, gu doimhneachd thri no ceithir fichead aitheamh; ach ged a rachadh e sios gus an tig e a mach air taobh eile pheileir na talmhainn, cha ’n fhaigh e smad guail. MUR.—Cha chual mi a leithid riamh! An e so aobhar a’ bhurachaidh a tha thu a’ deanamh, a charaid? Tha ’n obair mor, ach cha ’n ’eil i taitneach, agus gu cinnteach, mar a thubhairt thu, cha bhi i tarbhach. COIN.—A reir mo bheachd-sa, a Mhurachaidh, tha ’n gnothuch mar so—cha ’n ’eil teagamh agam ann—agus ’s e sin, gu ’m bheil bruaillean iongantach ann an eanchainn Shir Seumas riamh o ’n dhealaich e ris an tuath mhor aige, agus o ’n ghabh e na fearanna ’n a laimh fein. Gach la o ’n am sin, bha e cosmhuil ris a’ bhuideal a bha cas-ruidhleadh leis an leathad, gun arcan ann, agus a bha sìor chur nan car dheth, ach cha robh car ach car gu call. Mar sin, dh’ eirich do Shir Seumas. Bho am an dealachaidh so, cha robh tlachd no rath air ni sam bith a bhuineadh dha. Ghabh e searbh aithreachas, ach cha ’n aidich se e. Dh’ fhas e co frionasach, crosda, greannach ’n a nadur ri cearc-Fhrangach, agus cha robh e ’faotuinn fois ’n a inntinn fein a la no dh-oidhche. Cha do fhreagair an spreidh Eireannach ’s an tir so idir. Chaidh na h-uiread de na h-eich a dhith air, agus iadsan nach deachaidh, dh’ fhas iad co caol, cruaidh ri bulas na poite. Chaill an crodh na laoigh, shearg na caoraich as leis a’ ghalar-greidh, agus cha ’n ’eil ach mi-shealbh air gach ni o ’n la dheistinneach sin air an d’thainig eadar e fein agus na tuathanaich cheanalta a bha ’g àiteachadh an fhuinn aige. Cha sugradh mi-ghean agus droch-ghuidhe an duine bhochd. Cha ’n ’eil teagamh nach iomadh mallachd a ghuidheadh dha leo-san a chuireadh air imirich, gun fhios [TD 209] aca c’ ait an rachadh iad. Agus is iad na feidh, na gearain, agus na cearcan-fraoich bu choireach ri sin. Bu cho maith, tha mi an duil, le Sir Seumas urchur a losgadh air a chuid cloinne agus a losgadh le tuathanach air na h-eoin-ruadha, no air na coilich-dhubha, a bhiodh a’ milleadh nan adag, agus a’ saltairt air an arbhar fo ’n cosaibh. Bu chruaidh a bhi ga ’m faicinn mar sin a’ milleadh toradh na talmhainn, agus gun chridhe bhi aig neach ite a chur asda le fudar agus luaidh, no le innleachd sam bith eile. Cha ’n ’eil mi ga ’mheas ’n a pheacadh idir, a Mhurachaidh, urchair a ghabhail ma gheibhear i gun fhios; agus cha ruig duine a leas a bhi fo rugha-gruaidhe ged a bheireadh e crann á coille, bradan à sruth, no fiadh à fireach. Ach tha ’n t-am air teachd chum gu ’m biodh na nithe sin air an socrachadh le lagh na rioghachd. Tha uachdarana-fearainn mar dhaoine air bhainidh a thaobh na seilg. Tha iad caoin-shuarach, coma, ciod an diomhail a ni na creutairean sin air pòr an tuathanaich, agus a dh-aindeoin na ni iad de chall, cha mhaithear aon sgillin ruadh air a shon, air an la anns an togair na màil. MUR.—Chual mi gach lide a labhair thu, a’ Choinnich. Tha mi ag aontachadh leis gach ni a chuir thu an ceill, agus tha duilichinn orm gu ’m bheil Sir Seumas co fada, fada ’n a sholus fein, agus co dian an aghaidh soirbheachadh nan daoine ceanalta a rugadh agus a dh’ araicheadh air an fhearann aige. An aite sin, bu choir uaill a bhi air, air son muinntir co treun, cliuiteach, gaisgeach a bhi ’n a fhochair, agus ann an seadh a bhi leis fein. Is mor am milleadh agus am mi-shuaimhneas a tha ’n sealg sin a’ deanamh. Tha seann oran ag radh:— “Is aoibhneach an obair an t-séilg, Is màirg nach faigh comas air.” Ach cha meas na tuathanaich bhochda ’n a ni ro aoibhneach e, a bhi faicinn nan raon aca air am milleadh leis, an deigh gach cosdais a tha ’n an lorg. Cha ’n ’eil e furas do Shir Seumas seasamh an aghaidh nan nithe sin, oir tha ’n calldach mor agus dorranach,—agus cha lughaid e idir nach ruig a leas duil a bhi aige ri co’-fhulangas sam bith fhaotainn uatha-san a ta mu ’n cuairt da. Their iad:—“Tha chead aige—thoill e gu leir e—is maith an airidh gu ’m faigheadh e a cheannsachadh, oir cha d’ rinn e baigh ri ard no iosal air an oighreachd aige. Cha sugradh gaoir an duine bhochd.” COIN.—Is mise tha sgith dhe bhi cluinntinn seanachais de ’n ghne sin gach la tha mi ’g eirigh agus a’ gluasad, agus o bheul gach neach a dh’ fhosgaileas am bilean mu ’n chuis. Tha eagal mor orm gu ’m bheil na nithe sin uile a’ cur bruaillein ann an ceann an ridire oir tha e ’g orduchadh gu ’m biodh sud agus so air a dheanamh gun fhios idir c’arson. Nach amaideach an obair so fein, a bhi ’cladhach tuill ann an aite far nach faigh e gu brath fiach na sgillin ruaidh air son a shaothaireach? MUR.—Cha ’n ’eil thu fad am mearachd, a Choinnich, agus cha mhinic a bha, ach fhad ’s a bhitheas tu ri sin cha bhi thu ri ni eile, agus cha ’n ’eil comas agad air. COIN.—Gle cheart, ach is fhad o ’n chual sinn gur “cruaidh a bhi ’breabadh an aghaidh nan dealg.” MUR.—Tha ughdarras againn gu ’m bheil sin ceart, ach an deigh sin, a Choinnich, tha thusa cosmhuil ris a’ ghiullan Ileach a bha ’breabadh agus a’ bualadh a bhroige ri creig, an uair a ghlaodh e gu ’m “bu mhiosa do ’n chreig na dhi.” Mar sin, tha do chuid bhrog-sa a’ bualadh nan dealg ’n an smuir, gun dochunn sam bith a dheanamh air do bhrog- [TD 210] COIN.—Tha mi ga d’ thuigsinn gu ro maith, ach cha ’n fhuras idir do dh-fhuil agus do fheoil pheacach giulan leis na nithibh sin. Tha e air innseadh dhuinn, gidheadh, gu ’m faigh foighidinn furtachd, agus air an aobhar sin, feumar foighidinn a ghnathachadh gu ’n fhios c’uin a chuireas “cuibhil an fhortain” car dhi. MUR.—Is maith nach ’eil fios againn air na nithibh a ta chum teachd, oir n’ am biodh, cha bhiomaid sona re aoin la; tha iad gu glic’ agus gu trocaireach air an ceiltinn uainn. Ach tha ’n t-am agam-sa, a’ Choinnich, an gnothuch a thug air car so mi, a chur an ceill duit. COIN.—Ma ta, Mhurachaidh, cha ’n fhurast do Choinneach Ciobair mar dean e spairn chruaidh chum do thoil-sa a dheanamh a reir a chomais. Ach, a charaid, ciod a th’ air d’ aire? oir cha ’n ann gun ghnothuch a thainig thusa do ’n chearnadh-sa, gun fhios gun aire dhuinn. MUR.—Innsidh mi mo ghnothuch ann am beagan bhriathraibh, a Choinnich, agus ’s e so e: tha duil aig Seonaid—a’ chaileag is sine againn—ri posadh; agus do bhrigh gur ì a’ cheud aon dhe ’n teaghlach a chaidh a mach air an doigh sin, tha sinn a’ cur romhainn beagan de na cairdibh a thoirt cuideachd, agus crioman beag bainnse a bhi againn; agus thubhairt a’ bhean agam nach biodh rath air a’ ghnothuch mar biodh Coinneach Ciobair, agus a dheagh-bhean, Seonaid maille ruinn. Dh’ fheudainn litir a chur ad ionnsaidh, agus dh’ fheudadh tusa an litir a dhiultadh; ach an aite sin thainig mi fein, oir air gnuis bheirear breith, agus cha ghabh mi diultadh, cha ’n ’eisd mi ri diultadh, agus cha bhi diultadh ’s a’ ghnothach idir. COIN.—Dean air do shocair, a charaid, dean air do shocair, agus na tig co ro chas orm. Guidheam ort, thoir cead smuaineachaidh agus labhairt dhomh. Sgeul an aigh! Seonaid og gu posadh! Tha i òg da-rireadh, coimh-aois Dhomhnuill againn ach aon tri laithean. Ach co tha i ’faotuinn?—a’ chaileag cheanalta agus, bu dual mathar di sin!—co tha i faotuinn? MUR.—Tha deagh dhuine, duine sìobhalta, duine ionraic, agus duine cothromach, eadhon Seumas, aon mhac fir Ach-an-t-seilich. COIN.—Oganach ceanalta, tapaidh, tlachdmhor. Fhad ’s a chi suilean dhaoine, tuitidh Seonaid òg air a cosaibh an la sin, agus gu robh buaidh agus piseach a’ leantuinn nighean a h-athar agus a mathar, uile laithean a cuairt! Ach c’uin tha ’n la taitneach sin a’ tighinn, no am bheil e air a shonrachadh fathast? MUR.—Ud! Ud! ’s e tha—tri seachdain o maireach ’s e sin a’ cheud Dimairt de ’n ath-mhios; ach bithidh duil agam riutsa agus ri Seonaid air deireadh na seachdain roimhe sin, gun ath-sgeul, gu ’n leisgeul sam bith. COIN.—Ma bhios Seonaid agus mise ann an slainte, ged tha ’n uidh fada, cha diobair agus cha treig sinn ar deagh chairdean ’n am an solais agus am mor-thoilinntinn. Ud, ud! cha treig; oir le falbh trath ni an t-each dubh an gnothuch air mu ’n tig an oidhche. Is mor an t-aobhar taingeileachd a ta aig fear agus aig bean-na-bainnse maraon, gu ’m bheil an athraichean beo, slan, fallain, oir “is lom tigh gun bhunait;” no mar thubhairt an t-oran: “Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha ’n ’eil tlachd no sealbh; Gean no gaire cha bhi stigh, Is fhear-mo-thigh’ air falbh.” MUR.—Gu ma h-aighearach dhuit, a Choinnich! dh’ aithnich mi gu ’m bu bhard thu, agus a nis thug thu [TD 211] dearbhadh dhomh gu ’m bheil fonn, cail, agus ceol ’s a’ cheann sin. Feumaidh mi an ath-ghoirid an t-oran sin a chluinntinn o thus gu déis, agus a nis feuch gu ’m bi e air mheothair agad. COIN.—Ma tha sin chum toileachadh dhuit-se, a Mhurachaidh, ni mi mo dhichioll air an oran sin a ghabhail. MUR.—Buaidh leat! rach air d’ aghaidh, ma ta. COIN.— SEISD. Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha ’n ’eil tlachd no sealbh; Gean no gàire cha bhi stigh, Is fear-mo-thigh’ air falbh. ’S am bheil làn-chinnt gur fior an sgéul, Gu ’m bheil e fallain, slàn? Bhur cuibhle tilgibh uaibh gu grad; Cha ’n àm gu sniomh an t-snàth. Cha ’n ’eil tlachd, &c. An àm gu sniòmh no obair so, Is Cailean dlùth air làimh? A nuas mo bhreacan, ’s théid do ’n phort, Gu ’fhaicinn tighinn gu tràigh. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Greas, sguab dhomh taobh an teallaich glan, ’Phoit shomalta cuir air, A chòta Dòmhnach do dh-Iain beag, ’S a frŏgan sròil do Cheit. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Am bróg biodh dubh mar airneagaibh, An stocaidh bàn mar shneachd, Gach aon ni ’thoileachadh mo chiall, ’S e ’m faicinn briagh a thlachd. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Tha dà chearc reamhar anns a’ chrò, A bhiadhadh mios a’s còrr; Grad-shniomh am muineal ’s cur air doigh, Gu cùilm dha ’s blasda sògh. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Is cuirnnich bòrd gu h-eireachdail, Le h-eilein a’s le dealbh, ’Chur furain failt’ air fear mo ghràidh, A bha cho fad air falbh. Cha ’n ’eil tlachd, etc. O, fair an so mo bhoineid dhomh, Mo rogha gùin de ’n t-siòd’; ’S do bhean a’ Bhàille ’n innis mi Mu Chailean ’thighinn gu tir! Cha ’n ’eil tlachd, etc. Mo bhrògan biorach cuiream orm, Mo stocnais fiamh-ghorm fann, A los gu ’n toilich fear mo ghaoil ’Sheas fior ’n a ghaol gun fheall. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Gur binn a ghuth, gur mìn a ghlòir, Mar àileadh ’anail caoin; Tha fuaim a’ chos ’s e tighinn a steach, Mar èun-cheol àit nan craobh. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Gach fead-ghaoth fhuaraidh gheàmhradail, Mo chridhe tròm a chraidh, Air séideadh seach’, ’s e tear’nt’ am ghlaic, ’S cha dealaich—ach am bàs. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Ach ’d e chuir dealachadh am cheann? ’S maith dh’ fhéudt’ gur fad’ e ’n céin; An t-àm ri teachd cha ’n fhac aon neach, An t-àm tha làthair ’s leinn fein. Cha ’n ’eil tlachd, etc. Biodh Cailean slàn, ’s làn thoilicht’ mi, Cha ’n iarr mi ’n còrr gu bràth; ’S ma bhios mi beò air son a leas, Gur sona mis’ thair chàch. Cha ’n ’eil tlachd, etc. An e gu ’n cluinn mi ’ghuth a rìs! Gu ’m faic mi ’ghnùis gun smal! ’S ann ’tha tuaineal inntinn orm, ’S mi ’n-impis dol a ghal. Cha ’n ’eil tlachd sam bith mu ’n tigh, Cha ’n ’eil tlachd no sealbh, Gean no gàire cha bhi stigh, Is fear-mo-thigh’ air falbh. MUR.—Mile taing dhuit, a Choinnich, air son an orain thaitnich sin d’ an d’ rinn thu fior-cheartas ga ’sheinn. Is minic a chual mi ’s a’ Bheurla e, ach am bheil fios fo ’n ghrein co a dh’ eadar-theangaich air mhodh co grinn e?* COIN.—Cha chual mi riamh ’s a’ Bheurla e, agus ged a chluinneadh, cha mhor a dheanainn-sa dheth; ach tha e anmoch a nis, a’ Mhurachaidh, * Translated by the late Rev. Dr. Macintyre, Kilmonivaig. [TD 212] rachamaid le beannachd an Ti a’s airde gu tamh, agus na bi mar chearc air groideil theth, ag eirigh ’s a’ mhadainn. Direach fuirich ad leabaidh gus an duisg mise thu. Fhir mo ruin, deagh chadal duit. Beannachd leat. MUR.—(Anns a’ mhadainn.)—Failte na maidne dhuit, a Choinnich! Ma dh’ eirich thu gu moch, cha d’ thainig thu gu moch ’n am char-sa. Tha e fada ’s an la. Mo nair’ orm fein! bu choir domh a bhi leth na slighe dhachaidh. COIN.—Cha bhiodh tu sin ged dh’ fhalbhadh tu an uair a thug thu do leabaidh ort, a’ Mhurachaidh chòir. Gabh an gnothuch air do shocair. “Cha ’n ann na h-uile la a bhios mod aig Mac an Toisich,” agus cha b’ fhearr gu ’m biodh. MUR.—Cha dean e an gnothuch idir, a Choinnich, oir bu choir domh a bhi dhachaidh air airde an fheasgair. Tha liubhairt agam ri ghabhail moch ’s a’ mhaduinn am maireach á deich fichead caora a cheannaich mi air Feill-Chalamain, gu stoc a chur air aite nam molt air Beinn-a-Chlaiginn, agus feumaidh mi mo chasan a thoirt as. COIN.—Ciod nach dean fear an airgid, a Mhurachaidh? Ach cha ’n fhalbh cnaimh dhiot gus an teid thu ’mach a dh-fhaicinn a’ bheagain cruidh a bhuineas domh-sa. MUR.—Rachamaid, ma ta, dh’ ionnsaidh na buaile a dh-fhaicinn a’ bheagain a th’ agad, ma ’s fior thu. COIN.—Beagan da-rireadh, an coimeas ris a’ moran a th’ agad-sa thall ’s a bhos; ach tha thu ag iomairt gu cruaidh chum do chuid a mheudachadh; agus is minic a chual sinn—“Cha chaill ’s a’ bhuinnig, am fear nach cuir a chuid an cunnard.” A nis, a Mhurachaidh, am bheil thu a’ faicinn na bà riabhaich ud? MUR.—Is mi a tha, agus is maith i. Cha tric a chithear a leithid. COIN.—Tha laogh ’n a cois; tha deagh bhainne aice; tha i cho soilidh ri uain; air a ceud laogh; agus cha ’n ’eil i na ceithir bliadhna a mach. Tha mi ga ’sonrachadh mar chuspair comain do bheann-na-bainnse—Seonaid og—agus bithidh i na toiseach piseach dhi, le mile beannachd o Choinneach Ciobair ’n a cois. MUR.—Tha chomain mò ’s mor; ach chi sinn, mar a thubhairt an dall; agus mu chairdeas Seonaid, cha ’n abair mi, ach a mhain—“gur mise ’bha thall ’s a chunnaic.” ALASDAIR RUADH. BRIATHRA CAIRDEAL. Cha mhor a’ chosdas briathra cairdeil. Cha ghabh e uine fhada chum an labhairt. Cha tog iad leus aon chuid air an teangaidh, no air na bilidh, air an turas a stigh do ’n t-saoghal, ni mo an dean iad dochunn sam bith do ’n chorp no do ’n anam. Ged nach cosd iad moran, ni iad moran. Tha daoine glice ag innseadh dhuinn gu ’m bheil na briathra feargach a ghnathaicheas duine ’n a dhian-chorruich mar chonnadh do lasair na feirge, leis an loisgear ni ’s seirbhe agus ni ’s seirbhe e. Ach, air an laimh eile, bheir briathra tla agus caoimhneil a mach toradh cairdeis agus sithe a reir an gne. Meudaichear caoimhneas le briathraibh caoimhneil, agus sin gu h-ealamh cinnteach. Ni briathra caoimhneil iadsan caoimhneil a dh’ eisdeas riu, gun fhios gun aire dhoibh fein. Marbhaibh briathra fuara muinntir eile le fuachd; losgaidh briathra teth iad le teas; lotaidh briathra geur iad le lotaibh; nithear garg iad le briathraibh searbh; agus feargach le briathraibh corruich; ach dealbhaibh briathra caoimhneil an iomhaigh fein air anam an duine, agus is maiseach, aluinn, oirdheirc, an iomhaigh e! S. [TD 213] SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. (DUAN IV., Sreath 419 gus a’ chrìoch.) CIAD IOMARBHAIDH AN DA AIRM. Labhair e ’s ’n a éideadh grinn, Thòirleum á charbad an sonn; B’ earraghlaiseach, ’s e ruith ’n a dheann, Slinntrich nan arm-pràis’ mu ’chóm. Mar shìor ghluasad nan stuadh gorm, Gu leitir is onfhach fuaim, ’N am maomaibh glas, càirgheal, cian, Iorghuill nan gaoth dian ’g an ruag. Ag greannadh air réidh a’ chuain, ’S ag garbh-at romh luas na stoirm’, Bristidh gach lùnn le béuchd àrd, Cur sguim bhàin mu ’n charraignich dhoirbh; ’S sin mar shìor ghluaiseadh romh ’n lòn Feachd na Gréige ’n òrdugh-blàir. Fo ’n aon chéum ’n an tosd a’ triall, ’G éisdeachd facail nan cliar àigh. B’ ioghnadh siubhal sluaigh cho mòr, Gun aon lide de ghlòir-chinn. Loinntrich ’n an imeachd romh ’n tràigh, Beairtean màillich nan dealbh grinn. Chluinnteadh Tròidhich ri àrd ghaoir, Mar chaoirich fìor phailt an sògh, A’ dìol bainne geal nan tràth, ’N an deich mìltean ’s an làn chrò; Iad a dh-aon deòthas gu léir, A’ freagairt mèilich nan uan; Is sin mar chluinnteadh ’s an fheachd mhòr An iomaghlòir bu bhruidhneach fuaim. Cha b’ aonmhiar-cinnidh an sréud, Idir cha b’ aon an téis-bheòil: Cànain measgnach nan ciad brìgh— B’ ioma tìr bho ’n thàrr an slògh. Thog Màrs na Tròidhich gu sùrd, ’S Pallas nan gorm shùl a’ Ghréig; Dh’ éirich gart, a’s oillt, a’s fearg, ’S confhadh ruaimleach nan dearg chréuchd; Chiteadh còmhstrith ’n goil a fraoich, ’S an fhuil ’g a taosgadh ’n a deann, Comhstrith, baobh-chaothaich a’ ghrunnd, Piuthar Mhàrs is pronntach lann. ’S beag an tùs i, ’s luath a fàs, An Tarmasg nach àillidh greann, ’S uaibhreach air talamh a triall, ’S àrd am measg nan nial a ceann. ’S cràiteach, goirt an cinne-daond’ Gach taobh ’s an saltair a bonn. A’ miadachadh ànraidh bhlàr, Sgrios, a’s bàis, a’s osnaich shonn. Dhruid gu còmhraig an dà fheachd, Dhlùthaich beairt ri beairt gu gléus, Sreathan nan ceann mhàilleach breac, Ruinnean nan sleagh, neart nan tréun. Air copaibh sgiathan nan béum, Dhùisg torunn béuchdach a’ bhlàir. Bha gaithean iarainn ’n an deann, ’S mìltean lann ag iomairt àir. ’N sin dh’ éirich sgreadail nan truagh, ’S caithreim bhuadhach àrd ’s an spéur; Cuid ri tur mhilleadh gu dian, Cuid ’g an spealtadh sìos fo ’n éug. Og-fhiùrain bu ghairsneach dìol, Thuiteadh sear a’s siar gu dlùth,— Fuil an cneas ’n a caoiribh dearg, A’ taosgadh thair learg nan lùb. Amhuil fuar thuiltean nan sian ’N an dian-ruith le slios nam beann, Ag co-thilgeadh nan steall bàn ’S an aon chlais air làr nan gleann. Am buachaill’ air chrith ’s an àrd Ag éisdeachd ri gàir nan stuadh; B’ amhuil, ’n uair mheasgnaich an stréup, Toirm earraghlaisich éubh an t-sluaigh. Mharbh Antilochus air thùs Gaisgeach armach, ùr bho Thròidh, Echepolus nan cruaidh-bhéum, Measg nan tréun an uchd a’ ghleòis. Thilg e ’n t-sleagh air an òg bhras Mu ’n cheann-bheairt bu bhabach dos, Chaidh an calg frith bhacach, glas, Romh ’chlàr-aodainn le tróm lot, Spealg an t-iarann an cruaidh chnàimh, Dhorchaich nial a’ bhàis a shùil, Thuit e sìos mar dhaingneach àigh A dh’ aomas gu làr ’n a bhrùchd. Thainig Elpenor gun dàil, Ceann Chlann-Abais bu mhath cruas, Ghlac e cas a chuirp gu dàn, ’G a tharrainn bho ’n àrfhaich ruaidh, Bho stoirm mhìlltich nan gath caol, ’S gu ’n coisneadh e ’m faobh ’s na h-airm; Ach, ’s sid an t-seilbh nach robh buan, ’S bu ghèarr ’uaill os cionn a’ mhairbh. An àm tarrainn a’ chuirp a nùll, Bheachdaich Agenor an sonn, Air a leis bha sgiath gun mheang, A thaobh nochdte ’s a cheann crom. Leig e ’n t-sleagh lìomhaidh romh ’chneas, Thuit esan gun neart air làr, Shiubhail an deò ás a chorp Am fuil dheirg an lot a’ snàmh. An sin gu h-àirde dhùisg am fearg Mar mhadaidhean garg nan toll, Dhruid iad gu chéile ’s a’ ghaoir, ’S leag gach laoch a sheis’ air fonn. Chasgradh leis an Ajax bhorb Oigeir ùr bu taitneach dealbh, A rugadh am measg nan tréud, Air bruaich Shimois nan céum balbh, Air teachd dh’ a mhàthair a nuas Bho uchd Ida nan cruach àrd, Mar ri h-athair ’s ri ’mathair ghaoil, A shealltainn nan caorach bàn, Rug i ’n sin an t-òg gun truaill’, [TD 214] Simoisius nan gruaidh àigh, Neart a toil-inntinn ’s a mùirn; Ach b’ e chrannchur ùine ghèarr Bu dìomhain an dragh ’s an sùrd Ag altrum an fhiùrain ghràidh, Air teachd dha gu cath nan déur Thilg an Gréugach sleagh a’ bhàis, Buailear ’s a’ chìch dheis an t-àgh Leis an ruinn bu ghràineil lot; Shiubhail romh ’n t-slinnein an calg ’S thuit gaisgeach nan arm gun phlosg. Amhuil ’s craobh-chrithinn air lòn Le stoc sleaghach, còmhnard, réidh, Dosrach ag cinntinn mu ’bàrr, ’S lùisreadh bhlàth air slios a géug, ’N uair ghearras saor i le loinn Gu cuibhle a’ charbaid ghrinn, Aomaidh an t-ùr-ghallan àrd, ’S tuitidh sìos air làr a’ ghlinn, A’ seargadh fo chaochladh shian Gun aon mhiagh de sgiamh a cròc. B’ amhuil an t-òg àrmunn tréun ’S e sìnt’ air an fhéur gun deò. Thainig Antiphos le sgaoim— Tròidheach de chloinn an rìgh, Thilg air cóm an Ajax bhuirb, Cha robh an sid ach cuimse chlìth. Rainig an t-sleagh Leucus còrr, Og do ’n d’ thug Ulisses spéis ’S e tarrainn a’ mhairbh a nall Bho mhì-chàramh nan lann géur; Chaidh ’n a chruachan an gath ’S dh’ fhosgail e lot-bàis romh ’bhroinn, Thuit e fhéin ’s an corp mar aon Taobh ri taobh air cruaidh an fhuinn. Mu éug a chompanaich ghaoil, Dh’ at Ulisses le fraoch dian; Theann-ruith e gu tùs an t-sluaigh, ’S chìteadh bho ’chruaidh foidhleus cian. Sheas e ’m buillsgein nam paidhc dlùth ’S bheachdaich dùr a null ’s a nall; Stiùir e ’n sin le glaic gun chearb ’S an t-sleagh dhealrach thilg le srann. Sgap na Tròidhich le crith-oillt, ’N uair thilg an saoidh ruinn nam béum, ’S e mac-dìolain an t-seann-rìgh A bhuail an trì-ghlacach ghéur Democon air teachd ás ùr O thir nan stéud cruibheach, seang; Airsan chuimsich an sonn garg, ’S rainig an gath searbh ’n a dheann; Romh chlaigeann bho dheas gu clì, Ghluais an calg bu mhìllteach toll; Dhuin an dorcha mu ’shuil dheirg Thuit e, ’s ghliongraich airm mu ’chòm. Dh’ oilltich Hector ’s na ciad shuinn Grad-mhaomar a null romh ’n tréun; Thog na Gréugaich iolach shearbh Tharrainn cuirp nam marbh bho bhéud, Bhruchd iad a steach a dh-aon bheum. Chunnaic Phœbus le fior fhraoch, Dhearrs e ’n a làn ghlòir bho ’n dùn ’S le àrd-chaismeachd dhùisg na laoich. A ghaisgeacha Thròidh nan steud, Na coisneadh a’ Ghréig oirbh geall; Cha ’n iarann ’s cha chlach am feoil Nach snaoidhear le spòltadh lann, Tha ’n t-Aicheall gun chuimhn’ air féum, Deagh mhac Thetis a’ chùil òir, Fada thall ’n a luing air tràigh, Fearg a chuim ’g a chnàmh le bròn. Is sin mar labhair dia nan calg, Eaglach a’ dealradh bho ’n tùr, ’S Pallas ghàir-chathach ’n a léum A’ mosgladh na Gréig’ le sùrd. Fhuair Diores dàn an Eig Bho Phirus làmh-fhéum a’ ghleòis Ceannard-iúil nan Tracach géur, Ghluais bho Ænos le ’thréun lòd. Ghrad-thug Pirus ’n a ghlaic ghairbh Sgealb de charraig chraimnich, chruaidh; Bhuail e aobrunn deas an rìgh, ’S phronn e ’n cnàimh ’n a mhìle bruan; Ghéarr am meall bu bhaobhail neart Sreang nam faltan taic a’ bhuinn; Bheuchd Diores le sgread-chràidh, ’S thuit e sìos air làr an fhuinn; Gu chàirdean shìn e ’dha làimh, ’S aileag-bhàis am bràigh’ a chléibh. Bha Pirus a’ léum a nall ’S shàth ’n a imleig lann nan créuchd. As an lot bu chraosach gàg, Thaosg am mionach blàth ’n a bhrùchd; Dh’ fhalbh an sgàil a dh-ifrinn fhuair, ’S dhùin ceathach bith-bhuan mu ’shùil. Sheas an t-Ætòlach tréun, Thug duibh-léum gu Pirus àigh, Lot e fo ’n chìch an sonn ùr, ’S chrith an crann ’n a ghrùdhan blàth. Sheas air a mhuin Thoas garg, Spion e sleagh nan calg á ’chóm, Tharrainn e ’n sin lann nam blàr ’S bhéum gu gràineil sic a bhronn; Sgap e bheath’ air ghaotha luath, Dh’ aindeoin sid cha d’ fhuair e ’m faobh. Timchioll dhòirt na Tracaich bhorb, ’S fad-shleaghan nan gorm-ghath caol. Ged bu mhordhach, calma, gnùth An laoch cliùiteach ’s a’ chath chruaidh, Dh’ iomain iad e null bho ’n chairbh,— Bu leisg ’fhalbh, ’s bu ghreann-dhubh ’shnuagh. Is sin mar thuirt an dà fhear-iùil An teas carraid dhlùth nan sonn, Ceannaird Thracach nan àrd bhéum, ’S Epeidheach nan éideadh tròm, Dh’ iadh mu ’n sùilean cadal buan ’S dhùin iad fo laimh fhuair a’ bhàis— Léir-sgrios ag caitheamh mu ’n cuairt, ’S mairbh ’g an cruachadh fad a’ bhlàir. Na ’n siùbhladh aon neach romh ’n leirg, ’S nach ruigeadh ball-airm a chóm, ’S gu ’m faiceadh e ’n sluagh gu léir [TD 215] ’G iomairt iorghuill ghéur nan conn, Pallas ’g a dhìon air gach làimh Bho neart gàbhaidh nan ruinn cruaidh, Mheasadh e foghaint gach seòid Ionmholta le glòir bhith-bhuain. B’ ioma Tròidheach a b’ àrd gléus, B’ ioma Gréugach gaisgeil, còrr, A bha ’n là sin taobh ri taobh Sìnt’ an smùr an raoin gun deò. (Ri leantainn.) [MEARACHD.—Tha sin duilich gu ’n deachaidh sreath fhagail a mach á “Sgialachd na Troidhe” anns an airimh mu dheireadh. Os cionn na còigeamh sreath o ’n iochdar, air taobh-duilleig 174, an deigh an fhacail “raon” cuireadh ar luchd-leughaidh a stigh an t-sreath so—“’S dùisg an triath gu caonnaig ghéir.”] IOMLANACHD. Bi-sa an toir air iomlanachd anns gach ni, ged nach ’eil e comusach ruigheachd oirre ach gann ann an ni sam bith. Thig iadsan a ta ’g iarraidh iomlanachd, agus a ta ’buannachadh ’n an dichioll, moran ni ’s faisge dhi na iadsan a ta air an co-eigneachadh le ’leisg agus mi-churam gun strith sam bith a dheanamh ’n a deigh. S. AN T-EILEAN. Bha sinn a chomhnuidh air eilean mor air ar cuairteachadh le farsuingeachd a’ chuain. Mar a dh’ amhairceamaid m’ an cuairt cha robh sìon ri ’fhaicinn ach na h-uisgeachan agus an speur. Bha sinn gun luingis leis am b’ urrainn duinn an t-eilean ’fhagail—a’ tighinn beo mar so leinn fein. Bha againn fearainn, a’s tighean-malairt, ’s gach ni direach mar a tha againn a nis, ach a mhain gu ’n robh sinn air eilean. Aon ni eile: a h-uile drast ’s a rithist thigeadh long mhor a dh-ionnsaidh an eilein; thigeadh an sgiobadh air tir agus bheireadh iad air ar coimhearsnaich ’s ar cairdean, agus shlaodadh iad air falbh iad as an t-sealladh. An ceann latha no dha thigeadh long eile, ’s long eile; agus mar so bha iad a ghnath a’ tighinn oirnn gun fhios co as agus a’ giulan air falbh sean a’s og, cairdean a’s coimhearsnaich, agus cha robh fhios no forais againn ciod a bha ’tighinn riutha. Bha sinn ri gal ’s ri caoidh, agus fo gheilt mu ’r timchioll fein, ach cha b’ eol duinn ciod a dheanamaid. Mu dheireadh faicidh sinn duine a’ ruith gu bras a sios a dh-ionnsaidh na tràighe gu bàta beag a bha e air a thogail aig a chosdas fein. Tha e ’leum a stigh innte, agus a’ sgaoileadh a shiuil bheaga ris a ghaoith, tha e ’cur a toisich ris a’ chuan mhor ’s a’ seoladh air falbh air lorg nan luingeas eagalach, a dh-fhaicinn ciod a tha air tachairt d’ ar cairdean. Tha ar suil a’ geur-amharc thar a’ chuan as deigh na h-eithir aotroim, bhochd gus am bheil i as an t-sealladh, fo amharus an till ar caraid gu brath. Tha na soithichean dubha oillteil a’ sior-thighinn mar bha iad roimhe agus a’ glacadh air falbh ar luchd-daimh agus ar luchd-eolais a dheoin no dh-aindeoin. Is tric ar suil air a’ chuan ag amharc a mach air son ar caraid agus a bhàta beag, agus fo ioghnadh ciod a tha ga ’chumail; oir thuirt e ruinn na ’n amaiseadh e air ar cairdean a chaidh a ghiulan air falbh, gu’n tilleadh e air ais le brataich ghil am barr a’ chroinn. Mu dheireadh faicear am bàta ’tighinn an sealladh. Is i a tha ann gun teagamh sam bith, agus a’ bhratach gheal a’ crathadh am barr a croinn! Fhuair e ar cairdean. Tha an sluagh gu leir a dian ruith a sios an cladach a chluinntinn an sgeòil. Tha am bàta beag a’ tighinn gu tir agus ar caraid a’ leum air talamh tioram. Tha na h-uile a’ glaodhaich a mach, “Ciod an sgeul—bheil naidheachd agad mu ’r cairdean—an d’ amais thu orra?” “Dh’ amais.” “A bheil iad beo?” “Tha iad uile beo.” “A bheil iad sona—ciod a tha iad a’ deanamh?” [TD 216] “O, tha iad gu leir air an giulan do dhuthaich fad as, le soithichean an righ. An uair a tha iad a’ ruigheachd, tha iad air an cur fo dhearbhadh agus iadsan a sheasas an deuchainn so gu math, tha iad a’ faighinn urraim, tha iad gu seasgair, sona, ann an tighean-comhnuidh anabarrach àillidh, agus cha tigeadh iad air an ais a’ so air son an t-saoghail. Ach iadsan nach urrainn an deuchainn a sheasamh, tha iad air am fuadach air falbh do ’n fhàsaich, agus tha iad ann an cor ro thruagh.” Ach an tig na soithichean air an ais tuille?” “Thig; thig iad a rithist agus a rithist agus bheir iad air falbh a h-uile gin agaibh. Ach faodaidh sibh sibh fein ullachadh air son na deuchainn, agus an sin bidh sibh sona, agus cha ruig leas eagal a bhi oirbh falbh.” Ach ciod—ciamar a ni sinn an t-ullachadh so—ciod a dh’ fheumas sinn a dheanamh? O! innis dhuinn gu luath, oir faodaidh na soithichean a bhi againn m’ am bi sinn deas.” “Cha ’n urrainn domh innseadh dhuibh a nis; tha mi air mo chlaoidh gu bàs. So dhuibh; am faic sibh an leabhar so a tha mi a’ toirt a mach as mo bhroilleach? Innsidh e dhuibh ciod agus ciamar a tha sibh ri ’dheanamh. Tha e so-thuigsinn agus lan eolais. Thugaibh geill d’ a theagasgan agus bidh sibh uile sona. Seallaibh, o nach b’ urrainn domh ’fhaighinn air atharrach, dh’ fhosgail mi aon de m’ chuislibh, agus sgriobh mi e, ach m’ an robh crioch agam air shil an fhuil direach o m’ cridhe. O! gabhaibh e mar chuimhneachan agus mar dhearbhadh deireannach air meud mo gràidh.” Tha e ’sgur a labhairt, agus a’ toirt thairis le sgios agus laigse, tha e a’ tuiteam marbh air an traigh. O! a leithid de charaid!—nach anabarrach an leabhar a dh’ fheumas a bhi againn an so! Tha sibh ga m’thuigsinn, nach ’eil? Tha sinne air an eilean: is iad tinnis agus anshocairean na soithichean uamhasach a tha a’ tighinn agus ’g ar giulan air falbh; is i an t-siorruidheachd an duthaich chéin gus am bheil sinn air ar giulan; is e Criosd an caraid caomh sin a chaidh troimh ’n uaigh a stigh do ’n t-siorruidheachd; is e am Bìobul an leabhar sin a sgriobh e dhuinn g’ ar n-ullachadh air son a’ bhreathanais mhoir; dhoirt e ’mach anam gu bàs a chum ar deasachadh mar so gu dol a stigh do ’n t-siorruidheachd, agus gu bhi beo ann an sonas neo-chriochnach. Nach mor an caraid air am bheil iadsan a’ deanamh tàir agus dimeas nach ’eil a’ toirt gràidh do ’n Tighearn Iosa Criosd! Nach ro luachmhor an leabhar sin a tha iadsan a’ cur an neo-shuim ’s a’ dearmad a tha ’teachd beo o latha gu latha gun lamh no smuain a thoirt air a Bhìobul!—An t-Urr. Iain Todd. Eadar. le MAC-MHARCUIS. Rudha-nam-faoileann, Toiseach an Fhogh. 1874. Na biodh naire ort ’aideachadh gu ’n robh thu am mearachd. Cha ’n ’eil ann ach aideachadh air an ni sin de nach ruig thu leas naire bhi ort—gu bheil tuilleadh tuigse agad ’s a bha agad roimhe, gu bhi faicinn do mhearachd, tuilleadh umhlachd gu ’aideachadh, agus tuilleadh gràis gu ’chur ceart. MAR A SGRIOSAS TU DO MHAC.—1, Leig a thoil fein leis. 2, Leig leis ’airgiod a chur gu buil mar thogras e. 3, Ceadaich da siubhal far an toilich e air an t-Sabaid. 4, Thoir lan chothrom da dol an cuideachd dhroch chompanach. 5. Na gairm uair sam bith gu cunntas e ciamar a chuir e seachad am feasgar. 6, Na leig gu dreuchd no obair e. Lean na comhairlean so agus mur faigh thu saoradh iongantach ni thu bron os cionn leinibh air a thruailleadh agus air a sgrios. Dh’fhairich na mìltean an deireadh truagh so, agus chaidh iad sios do ’n uaigh le doilgheas agus le bron. [TD 217] ORAN. (Fonn “Cumha Airdmeàrnaig.”) [Ceòl] SLAN LE BEANNTAN AN FHRAOICH AGUS LE GLEANNDARUAIL. Le Ughdar “Slainte ’Chomainn Chòmhlaich.” Air a sgriobhadh anns a’ Bhliadhna 1839 air son oganach a mhuinntir a’ Ghlinne a bha ’dol do dh-Australia. Air Fonn “Cumha Airdmeàrnaig.” Slan le beanntan an fhraoich Dhosach, ghucagach, chaoin,— Badan suaicheantais dheadh Chloinn-Dòmh’uill,— Le shugh meala a’s céir, ’Tàladh ’n t-seillein, ’s an fheidh, A’s ’g an sàsach’ dheth fein le sògh; ’S a’ toirt fasgaidh ri fuachd Do chaoraich ’s do dh-uain, ’S, do na cearcagan ruadh, an lòn. ’S a’ toirt fasgaidh, &c. ’S le Gleanndaruail mo chrìdh’, Righ gach gleann tha ’s an tir! Far an d’ araicheadh mi bho m’ òig— Gleann nan coilltean ’s nan raon, Gleann nan glacag ’s nan craobh, Gleann nan aighean, nan laogh, ’s nam bo; Gleann nam bradan, ’s nan grìs, Gleann nan cam-lùba mìn, Gleann is pailte ’s an cinn gach pòr! Gleann nan bradan, &c. Far am binne na h-eoin, Far an grinne na h-òigh’n, ’S iad gu ceileireach, ceolmhor, còir; Modhail, beusach, gun ghruaim, Teisteil, cuirteil, grinn, suairc’, Tuigseach, foghluimte, stuaim’, gun phrois; Dreachail, meachair, gun mheang, Ann am pearsa ’s an cainnt, ’S iad deas, nosail, gun sgraing, gun sgleò. Dreachail, meachair, &c. A’s na fleasgaich is àill’, Foinnidh, fearail, lan baigh, Uasal, smiorail, air sraid ’s aig mod; ’S iad ard-inntinneach, dian; ’S anns an tir am mor mhiadh— ’S iad a sheasadh gun fhiamh a’ choir! ’Reachadh foirmeil ’s an strìth, ’Bheireadh naimhdean fo chìs, A’s nach geilleadh gu siorruidh beo. Rachadh foirmeil, &c. [TD 218] M’ an cuir gleanntan m’ an cuairt Dhiubh cranndachd an fhuachd, Bidh Gleanndaruail nam buadh ’n a ghloir; Bidh chraobh-ubhal fo bhlath, Bidh an duilleach aig ’fhas, ’S ceileir cuthaig an sgath nam fròg; Mac ’S-’Illeathain le ’phiob, ’N àm na grein bhi ’dol sios, A’ toirt fuaim as an tir le ’cheol. ’S Mac-’Illeathain, &c. Achaidh-teangain an àigh, Soraidh slan leat gu brath! S leis gach neach a tha ’tamh air d’ fhòd;— Slan le cuideachd mo ghraidh, Slan le m’ athair ’s le m’ mhath’ir, Slan le m’ pheathraichean baigheil, og; Slan le m’ bhraithrean gu leir, Slan le m’ chairdean ’s luchd-speis, Slan le uiseag nan speur ’s a ceol! Slan le m’ bhraithrean, &c. ’S eiginn domhsa nis triall, ’Dh-fhagail duthaich nan triath, Nam filidh nan cliar ’s nan seòd; Na h-earba, ’s an fheidh, Agus iolair nan speur, Na h-eala, nam peuc, a’s nan còrr; Nan sìthean, ’s nan cruach, A’s nan dùn, a’s nam bruach, Nan doire, nan cluan, a’s nan còs. Nan sìthein, &c. Ged tha ’n dùth’ch so lan bhuadh, ’S iomadh diomb ’tha rith’ fuaight’,— Cha chum ceileir na cuaich rium lòn,— Tha na fearainn ro dhaor, A’s na tuarasdail saor, ’S cha ’n ’eil farraid air saothair dhaoin’ òg; Ach tha siuil ris an long ’Tha gu m’ aiseag thar thonn, Gu Australia, fonn an fheoir. Ach tha suil, &c. LEOMAG. (Air leantainn o’n aireimh mu dheireadh.) Bha Fionnladh ’n a dhiunlach laidir A shiubhladh an fhasach mar fhiadh; Ach a nis tha ’neart ’g a fhagail, ’S cha ’n ’eil aige cail gu biadh. ’S i Leomag a rinn a dhoch’nnadh, ’S a chumas e ’n a bhoil’ a chaoidh; Tha i ’n a smaointe ’s an latha, ’S ’n a aisling an cadal na h-oidhch’. Anns an fheasgar shìochail, bhoidheach, ’S na h-eoin a’ cluich am barr nan geug, An aite ’radh, “An cluinn thu ’n smeorach?” ’S e “Leomag” a thig ’n a bheul. Uair-eigin mu àm na Callainn’, Chaidh e le caraid gu bàl; Mu ’n chois dheis gu ’n chuir e stocaidh, ’S mu ’n chois thoisgeil osan gearr. “Ciod a their mi,” arsa Fionnladh, “Ris na caochlaidhean tha ann? Bheil an saoghal air dol tuaitheal, No ’n tuaineulaich ’th’ air teachd am cheann? “Bho ’n latha ’thachair mi air Leomag Tha m’ inntinn fo sgleo gu leir; Mi ’m bhall-fanoid aig na h-eolaich, ’S am iongantas ro mhor dhomh fein. “’S beag nach saoil mi ann am bhreislich Gu bheil an deas air dol gu tuath; ’S an uair a sheideas gaoth romh m’ chlàraidh, ’S e ceol na clairsich ’bhios am chluais. “An t-uisge a bha fuar a’ sileadh ’N a bhoinnean minic o a ciabh, Gheobh mi e ’n a shruithean blatha, A’ siubhal gun tamh troimh mo chliabh. “Fhad ’s a bhuanaicheas an latha, Tha ’h-iomhaigh ga m’ leantainn a chaoidh; ’S an uair nach leir do m’ shuil a faileas, Thig a h-anail orm ’s a’ ghaoith. “Och gur mise ’th’ air mo riasladh Le spleadhachas a bhos a’s thall! ’S mur a’ faigh mi fois o m’ iarguin, Cha ’n fhada gus an liath mo cheann. “’S iomadh cuspair a tha ’dusgadh Na cnuimh ciùrrail ’tha ga m’ leon; Tha ’n druidheachd gu cinnteach laidir, A rinn mo shàrachadh cho mor. “Ma theid mi le m’ chairt air thuras, Bidh mi muladach leam fein; ’S ma bheir mi am boitean feoir leam, ’S ann chuireas e mo bhron am meud. “Tha rud a nise nach robh roimhe An ceann ’s an dronnaig an eich bhàin Tha ’m breacan fein air fas neonach, Leis ’n do chum mi Leomag blath. “’S tric mo smuainte air an àille A choisinn anns gach àite buaidh; [TD 219] Mus a h-i a rinn mi craiteach, ’S i fein a bheir dhomh slainte bhuan. “A’s ciod air son a dheanainn maille? Tha bhi ’fantainn ’n a ni faoin; Mar bhios an ceangal n’ is tràithe, ’S ann is blaithe bhios an gaol.” ’N sin thoisich Fionnladh gu sgoinneil Air a thigh a chur air doigh; Rinn e na seomraichean soilleir, A cur gloine ’n aite bhord. Fhuair e brat air son an urlair, Agus uidheam buird d’ a reir; ’S dh’ fhalbh e ’n sin le mor dhurachd, Gus a run a chur an ceill. Rainig ’s chunnaic e an og-bhean, ’S thubhairt e an comhradh fann,— “Bu mhise am fear sona, soghach, Na ’n tigeadh Miss Leomag an ghleann.” Fhreagair i le seorsa gaire, ’S an t-ardan a’ cluich ’n a beul,— “’S cuimhne leam do chailleach mathar, ’S thusa ’n ad ghàrtach ’n a deigh. “Tha thu gun urram gun chairdean; ’S graisg a tha annaibh gu leir; Chaill thu do thuisge ’s do naire, A bhalaich is ro dhàine beus. “Fuich, fuich, ach am fàileadh ’Tha gu laidir ’tighinn am shroin! Gabh romhad, a bhumailleir ghràinde, ’S odhar le tearr do dha chròg!” Chunnaic Fionnladh, a’s e ’clisgeadh, An nathair shligneach ’s an fheur, A’s sud e a mach an tiota, Mar gu ’m biodh an t-Olc ’n a dheigh! Thubhairt e ’s e suas am fireach,— “’S ann domh is mithich a bhi saor; Ach fhuair mi mo chas as an ribe, ’S dh’ fhalbh am bior a bha am thaobh. “Tha mi nise sunndach, laidir— Cheart cho slan ’s a bhi mi riabh; ’S leumaidh mi cho aotrom mheamnach, Ri boc-earb a th’ air an t-sliabh. “Bheir mi air Leomag mo bheannachd, A dh’ aisig dhomh mo neart cho luath; Leighis i chreuchd le tri facail, A dh’ fhairtlich air an Doctor Ruadh.” Bha Fionnlaidh gun dìth, gun dolaidh, ’N a dhuine sona anns a’ ghleann; Fhuair e bean ’bha ciallach, gleidhteach, ’S bu ghlan ’n am beus i fein ’s a’ chlann. Cha robh spiocaireachd no gorta ’N taobh a stigh d’ a dhorsaibh fial; Bheireadh e aoidheachd do ’n choigreach, ’S gheobhadh am bochd ann a dhiòl. Saoil sibh fein nach b’ i an tubaist ’Dhiult gu tur an duine coir, A bheireadh dhi gun dìth, gun dearmad, Im a’s aran agus feoil? Mar a theid an sgeul am mearachd, ’S fad o ’n ghabh a claigionn gaoth; ’S is tric i an toir air faileas, Nach fhaigh i ’n a glaic a chaoidh. Tha a suil ri nithe mora, ’S duilich dhomhsa chur an cainnt,— Saibhreas, a’s urram, a’s soghachd, ’Dol m’ an cuirt mar cheo ’n a ceann; ’S ann mar sin tha inntinn Leomaig, Lìonta le goralas ro fhaoin, Eich, a’s carbadan, a’s caisteil, ’S brataichean a’ snamh ’s a ghaoith. Air sgiath aotrom a mac-meamna Siubhlaidh i Albainn gu leir, ’S a h-uile ceann a chi i ruisgte,— Tha sud mar umhlachd dhi fein. Ach chaochail a nis na laithean; Thuit na caisteil ard a nuas; Threig a neart, a’s dh’ fhalbh a h-àille, ’S tha sruth an ardain air fas fuar. Ann am measg nan armunn oga Cha ’n olar a nis air a slaint’; Cha ’n ’eil iomradh air a bòidhchead, ’S cha ’n fheoraichear mu ’h-aite-taimh. Tha a maise air a treigsinn; Shearg, as a h-aodann, an ròs; Tha’h-amhach feadanach, féitheach, ’S a smig air eirigh r’ a sroin. Tha ghnuis, a bha roimhe tlachdmhor, Air fas claiseach leis an aois, Mar bhalg craicinn tioram, preasach, Bho ’m fada a theich a’ ghaoth. Tuille cha tig neach ’g a h-iarraidh, Oir dh’ fhalbh gach ciatadh a bha ann; ’S i ’n a briogaid bhochd air liathadh, Gun urad a’s fiacail ’n a ceann. [Rinneadh an Duan so leis an Urramach nach maireann, Mr. Eachann Mac’-Illeathain, Lochaillse. Anns an aireimh mu dheireadh, taobh duilleig 187, rann 19, an aite “gaoth nan allt.” leugh, “gaoir nan allt.”] [TD 220-228] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 229] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1874. [32 AIR. SGEUL AIR MAIRI A’ GHLINNE. A’ CHEUD EARRANN. B’ ann air feasgar ceud latha na bliadhn’ uire, mar a bha mi air mo cheum a’ teachd mach a Tigh-eiridinn ann am baile-mor araidh nach ’eil fad’ o ’n ait’ am bheil mi ’chomhnuidh a fhuair mi a’ cheud sealladh de Mhairi a’ Ghlinne. ’S maith a tha cuimhn’ agam air an latha. Bha cridhealas, sunnd, agus gleadhar a mach air na sraidibh—aobhneas air gach gnuis; ach tre an aitreibh ’s an roblh mise, cha robh r’ a eisdeachd ach osnaidhean agus bron, gearan agus caoidh. Chaidh mi le lighiche ’n tighe troimh gach seomar, agus da-rireadh bu chruaidh an cridhe nach faigheadh aobhar smuain agus cuis bhroin anns gach aon diubh. “Tha cuid de na leapaichean so,” ars’ an lighiche, “falamh an diugh, anns an robh daoine an de; agus tha moran an diugh ag osnaich ’s an tigh so, a bhitheas ’n an cuirp gun deo mu ’n tig an la maireach.” B’ aobhar taingealachd an curam agus an aire ’bha air an taisbeanadh do gach aon. Ged dh’ abradh sibh gu ’m b’ iad mo chairdean a bu dilse ’bhiodh ann, cha ’n iarrainn am barrachd caoimhneis a bhi air a nochdadh dhoibh na ’chunnaic mi ’s an tigh-eiridinn eireachdail so. Bha mi air mo cheum a dh’ ionnsuidh an doruis, ’s an lighiche ’dealachadh rium, ’n uair a mhothaich mi dithis no triuir a’ cuideachadh le og-mhnaoi laig, bhreoite, euslaintich, a’ gluasad a dh’ ionnsuidh leapa ’bha air a h-uidheamachadh air a son, ann an seomar beag leth-oireach anns an robh da leabaidh: aon air son na h-og-mhna so, agus an t-aon eile air son mnatha coire, tlachdmhor a bha maille rithe, agus a dh’ iarr cead fuireach oidhche no dha g’ a faire. Bha ’n dùile bhochd og so cho lag ’s a b’ urrainn do neach a bhith anns an robh an deo. Cha d’ rinn iad ach an cleoc’ agus a comhdach-cinn a thoirt dh’ i, ’s leig i i fhein ’n a sineadh air uachdar na leapa le osna thruim. Dh’ amhairc mi oirre gu dluth. Is ainmic da-rireadh a chunnaic mi aodann a bu bhoidhche, no gnuis a b’ aillidh. Cha robh, gu dearbh, blath na slainte air a gruaidh; bha ’h-aodann geal, ban fo shnuadh a’ bhais: shearg gach deirge, ach aon bhoinne beo ’bha fhathast ag iadhadh an deigh chaich, a’ tighinn ’s a’ falbh ’n a gnuis chiuin. Thuig mi gu luath nach b’ ann ’s a’ bhaile-mhor a fhuair an ailleag fhann so a h-arach—bha fonn nam beann air a cainnt; agus o na briathraibh briste a labhair i, thuig mi gu ’m b’ ann an aon de na h-eileanaibh tuathach a fhuair i ’togail. Bha seana bhean thlachdmhor maille rithe, a shuidh taobh a leapa fo imcheist mhoir. Bha gnuis fhlathail aig an t-seana mhnaoi so, ged ’bha preasadh na h-aois’ agus curam an t-saoghal an [TD 230] deigh iomadh clais dhomhain a dheargadh oirre. Chunnaic thusa (arsa mise ’m chridhe fhein), latha ’b’ fhearr: mur ’eil mi air mo mhealladh, dh’ fhiosraich sibhse le ’cheile bhur cuibhrionn fhein de dh’ atharrachadh an t-saoghail chaochlaidich so. Dh’ aithnich an t-seana bhean mi. “Deanaibh suidhe,” ars’ ise, ’s i ’comharrachadh a mach cathrach dhomh, dluth do ’n leabaidh. Tharruing i osna throm, agus thoisich i air a suilean a thiormachadh. “Thugaibh maitheanas domh,” ars’ ise, “tamull beag.” Dh’ fhosgail an oigh a bha ’s an leabaidh a suil agus dh’ amhairc i mu ’n cuairt d’i. “Co,” deir i, “’tha ’m choir? Co ’tha lamh rium?” “Mise, ’ghraidh,” ars’ an t-seana bhean, “do bhana-charaid nach treig thu. Nach aithne dhuit mi, ’Mhairi? Nach labhair thu aon fhocal a thruaghain mo chride; nach innis thu am bheil thu idir na ’s fhearr?” Dh’ fhosgail i a suil bhoidheach, ghorm. Bha fiamh de ghaire faoin air a gnuis—agus braon a dh’ fhallus fann a’ teachd a mach air a bathais aird. “Tha mise,” arsa Mairi, “mar bu mhiann leam a bhith—tha mi air leabaidh mo bhais; ach O! ann an tigheiridinn am measg choigreach—fada, fada o thir m’ eolais—an tir nach faic mise gu brath! Ach nach coma? Cha seas so fada. Tiota beag agus bithidh gach deuchainn shaoghalta gu brath seachad. O! gu ’n robh mise cinnteach a aon ni; agus an sin”—Dhuin i a suil—tharruing i aon osna throm, mar gu ’n biodh a cridhe bochd an impis sgaineadh. Bha a bilean a’ gluasad; agus b’ fhurasd’ fhaicinn gu ’n robh iomaguin throm air a h-anam. B’ fhurasda ’thuigsinn air caochlaideachd a gnuise gu ’n robh smaointean buaireasach, troma ’n a cridhe: mar chitear air uairibh neula dorcha, bruailleanach air aghàidh nan speur, air feasgar aillidh samhraidh. “O! mhathair,” ars’ an truaghan fann ’s i ’fosgladh a rithist a sul; “mo mhathair,” ars’ ise, “na ’m bu leir dhuit mise air an am so—annsachd do chridhe fhein, d’ aon duine cloinne, do chaileag bhochd, aonarach! na ’m bu leir dhuit mi ’n so am measg choigreach, gun duine air am bheil mi eolach, no ’dhuineas mo shuilean!” “A Mhairi,” arsa ’n t-seana bhean, “nach ’eil mise ’n so? Cha treig mi thu;—nach do gheall mi fuireach leat! Bi samhach, ’eudail; cha ’n ’eil thu gun charaid. C’ait’ am bheil do chreidimh? An do dhi-chuimhnich thu an caraid a thubhairt, “Cha treig ’s cha dibir mis’ thu gu brath?” An do dhi-chuimhnich thu “an caraid a leanas na ’s dluithe na aon bhrathair?” Phaisg ise ’bha ’s an leabaidh a da laimh air a h-uchd, agus dh’ amhairc i suas. “Cha do dhi-chuimhnich,” ars’ ise, “tha esan maille rium; tha mo lan earbs’ as; tha, tha; mur bitheadh, bu truagh da-rireadh mise.” Tharruing mi dluth, agus le guth cho caoimhneil agus cainnt cho baigheil ’s a bha ’m chomas a chleachdadh, labhair mi rithe. Dhuin mi ’n dorus; leig mi mi fhein air mo ghluinibh taobh a leapa, agus chuir mi suas guidhe dhurachdach as a leth. Tharruing mi a h-inntinn gu caoimhneas a h-Athar neamhaidh, a thug fasgadh dh ’i an am a h-airce ’s an tigh anns an robh i. Labhair mi uime-san aig nach robh aite far an leagadh e a cheann; labhair mi air toillteanas a bhais; gras agus saorsa na slaint’ a choisinn e; ’iochd agus a ghradh do pheacaich bhochda; labhair mi air ’aiseirigh ’s air an eadar-ghuidhe ghlormhor a tha e ’deanamh as leth a chuid chaorach fein air deas-laimh an Ti a’s airde. Labhair mi mu n [TD 231] Chomhfhurtair, an Spiorad Naomh; ghuidh mi air son a shòlais, a chul-taic’ agus a lathaireachd a bhi maille rithe an am a teinn. Labhair mi rithe mu ghradh an Ti sin a tha ’faire thairis air an eun a’s faoine ’tha ’s an ealtainn; athair nan dilleachdan, agus leigh mor chorp agus anamannan an t-sluagh. Ann an aon fhocal, labhair mi rithe na shaoil mi a bha ceadaichte dhomh a radh ri h-aon air nach robh ’bheag no ’mhor a dh’ eolas agam, ach gu ’n robh i do reir coslais air leabaidh a bais agus fo iomaguin spioradail. ’N uair a bha mi deas gu falbh, shin i ’mach a lamh. “Mile, mile taing,” ars’ ise. “O ’s mise ’fhuair am faochadh! Bha tart air m’ anam, agus thug sibhse dh’ ionnsuidh an fhuarain mi. Bha m’ anam, meat’ air seargadh, ach thainig druchd grasmhor air. Tha mi ’n duil gu ’m faigh mi cadal—tha sith naomh air teachd air mo spiorad. Mise a’ gearan! O! am bi mi ’gleachd ’n a aghaidh gus an thilg mi ’n deo? An tig an t-uabhar so gu brath gu lar? An Ti a’s airde ’thoirt maitheanais domh!” Thug i fasgadh cairdeil do m’laimh; agus an deigh dhomh focal na dha a labhairt, dh’ eirich mi gu falbh. Lean an t-seana bhean mi dh’ ionnsuidh an doruis. “Mile buidheachas, fhir mo chridhe,” deir ise, “na ’m b’ aithne dhuit co i, bhiodh tu baigheil rithe—b’ eolach ur da athair air a cheile.” “Pillidh mi ’maireach, deir mi, ma ’s beo mi, g’ a h-amhairc; ’s cha ’n ’eil baigh no cairdeas a tha ’m chomas a nochdadh dh’ i nach dean mi. Ciod a tha ’cur oirre? “Tha,” deir an t-seana bhean, “cridhe briste; ach cluinnidh sibh sin ’n a dheigh so.” Phill mi mar a gheall mi, ’s fhuair mi Mhairi gu mor na bu laidire;—bha i comasach air seanachas; agus dh’ fhiosraich mi le solas gu ’n robh i eolach air a Biobull, air a dleasnas d’ a Cruith-fhear, agus air obair na Slainte. Fhuair i cothrom maith ’n a h-oige, agus thug deuchainnean, tinneas, agus bochdainn gu trom-mhothachadh i. Bha iomadh seanachas taithneach againn. Chinn sinn eolach air a cheile; dh’ fhosgail i a cridhe rium, agus cha do cheil i uam na bha ’cur curaim agus bruaillein air a h-anam. “Air son an t-saoghail so,” arsa Mairi, “tha mi sgith dheth; mheall e mi gu trom; chuala mi iomradh air saoghal a’s fearr,—air saoghal aillidh agus sona, agus air na rinn mo Shlanuighear chum a chosnadh dhomh. Saoilidh mi air uairibh gu ’m bheil mi a’ lan-chreidsinn cairdeis, iochd, agus graidh mo Dhe; saoileam gu ’m bheil mi tearuinte, nach ’eil fath iamaguin. Anns na h-amannan sona sin tha seallaidhean glormhor air am fosgladh dhomh trid creidimh; ar leam gu ’m bheil Dia gu cinnteach agus gun teagamh air bith ann an sith ri m’ anam, air sgath na rinn Iosa, agus na tha Iosa ’deanamh air mo shon. Agus O! anns na h-amannan taitneach sin, bu mhiann leam sgiathan na h-iolaire bhi agam, itealaich air falbh, agus a bhi aig fois. Ar leam anns na h-amannan sin gur leir dhomh Criosd aig ceann na slighe, a dhuais mhor ghrais ’n a laimh, agus a dheas lamh sinte ’m cho-dhail. Seadh, ar leam gu ’m bheil mi ’g eisdeachd caithream naomh laoidhean arda nan aingeal, agus am focal aghmhor sin o bheul m’ Athar,—‘Thig, na bi fo eagal, tha do pheacaidhean air am maitheadh dhuit: bhasaich Criosd air do shon-sa, c’arson a tha thu fo eagal? O! thus’ air bheag creidimh, eirich agus thig dhachaidh.’ Ach O! air uairibh eile tha teagamh, a’s amharus, a’s eagal, agus eu-dochas ga m’ bhuaireadh—stad a’ chuisle ard spioradail—tha [TD 232] marbhantachd agus uamhas ’g am ghlacadh. Tha a’ cheist mhor sin, An gabh Dia ri m’ anam? a rithist a’ dusgadh oillt. Tha mi ’clisgeadh air m’ ais o ’n bhruaich, agus ag eigheach, ‘O! leig dhomh a bhi beo.’ So an cor bronach anns am bheil mi. Is sibhse h-aon de theachdairibh an t-soisgeil—labhraibh agus eisdidh mi—dh’ fhosgail mi mo chridhe ribh.” ’S ann de theachdairibh an t-soisgeil mi, aeo-airidh ’s mar tha mi air urram cho mor, agus so barantas mo theachdaireachd, “Imich air feadh an t-saoghail uile, agus searmonaich an soisgeul do gach duil.” Agus ma tha thu ’feoraich ciod e an soisgeul? innsidh mi sin duit ann an cainnt aingil o neamh. “Feuch (ars’ an t-aingeal, Luc. ii. 10,) tha mi ’g innseadh dhuibh deadh sgeil mhor-aoibhneis, a bhitheas do ’n uile shluagh:” agus ciod e an deadh sgeul, no an soisgeul, a bh’ aig an teachdaire ghlormhor?” “Rugadh dhuibh an diugh Slanuighear”—Slanuighear o pheacadh, o ifrinn, agus o thruaighe. Agus co e a thainig air turus an aigh? “Criosd an Tighearna,” “Dia air ’fhoillseachdh ’s an fheoil.” Dhuit-sa tha an Slanuighear so air a bhreith—dhearbh e ’n a bheatha co e le umhlachd do thoil Dhe—le toillteanas a bheatha agus iobairt a bhais—le ’aiseirigh agus le ’eadar-ghuidhe aig deas-laimh an Athar, choisinn e beatha shiorruidh dhuit-sa agus dhomh-sa, agus do gach aon air feadh an t-saoghal a chreideas ann, a dh’ earbas an anamannan ris, agus a tha air an co-eigneachadh gu bhi beo dhasan a ghradhaich iad agus a bhasaich air an son. Creid aim, agus bithidh tu air da thearnadh: earb as, agus cha mheallar thu. So gealladh Dhe; dhuit-sa tha an gealladh so air a dheanamh; earb ann—tha e sgriobhta le peann siorruidh—air a thoirt seachad fo bhoid nach failnich. Tha fasgadh mu d’ choinneamh—teich d’ a ionnsuidh; ’s e do bheatha—do lan bheatha; thig mar a tha thu—thig a nis—na bi fo amharus—is e d’ Athair fhein a tha ga d’ ghairm—tha e ann an reite riut—fhuair e fhein iobairt air do shon. Thoir an aire nach cuir thu teagamh ann an Dia, agus nach creid thu namhaid d’ anama ’roghainn air; oir ’s esan a tha ’dusgadh an amharuis thruaigh a tha ga d’ chumail o uchd d’ Athar. Thog Mairi a suilean ri neamh, a’s phaisg i a da laimh air a h-uchd. “Tha mi ’n duil,” ars’ ise, “gur e. A Thighearna tha mi ’creidsinn; neartaich Thusa mo chreidimh! O! gu ’n deanadh an Spiorad Naomh gach amharus agus teagamh fhuadach, agus gu ’n tugadh e dhomh-sa lan earbsa laidir, shocrach a charadh air toillteanas mo Thighearna—air obair na saorsa!” Thubhairt mi rithe gu ’m b’ e sin miann Dhe—gloir a thabhairt dha le earbsa as. Air falbh ma ta le d’ amharus agns le d’ eagal; tha d’ eagal a’ fuarachadh do ghraidh—tha so a’ pasgadh a suas sgiathan a’ chreidimh a tha ’togairt sgaoileadh a mach agus itealaich air falbh. Earb ma ta ann am focal, ann an gealladh Dhe, agus dean uaill ’s an t-Slanuighear. Bochd, mi-airidh, truagh, peacach, mar tha thu, creid; agus abair, Bhasaich Criosd air mo shon-sa, agus is leam e—’s leam an iobairt reite ’thug e seachad—air mo shon-sa tha e beo, ’s a’ deanamh eadar-ghuidhe shuas ann an neamh. Abair, ’s i so acair m’ anama ’tha air a tilgeadh fad’ a stigh do ’n ionad naomh; agus ged tha ’n t-eithear beag, breoite, air a luasgadh, ’s air a h-udal air aghaidh nan uisgeachan ann an latha na gaillinn agus ann an oidhche ’n dorchadais, gidheadh cha ’n eagal d’i. Cha ’n eagal bonn; [TD 233] oir tha ’n acfhuinn ris am bheil i ’n earbsa ceangailte ri Righ-chathair Dhe—an acfhuinn luachmhor nach failnich a chaoidh! Tog do ghuth ma ta, maille ris an t-Salmadair, agus seinn le caithream taingealachd:— “O m’ anam c’ uim’ a leagadh thu Le dìobhail misnich sìos? A’s c’ uim’ am bheil thu ’n taobh ’stigh dhiom Fo thrioblaid a’s fo sgìos? “Cuir dòchas daingeann ann an Dia, Oir fathast molam e; Air son na furtachd a’s na slàint’ ’Thig dhomh o ’aodann réidh.” Fhuair Mairi solas. Ged a b’ e meadhon a’ gheamhraidh a bh’ ann, bha e dh’ise mar mheadhon an t-samhraidh agus àm seinn nan eun. Dheonaich am Freasdal caomh a beatha ’shineadh a mach; chumnaic mi i gu tric ’n a dheigh so, ’s bha i ann an staid shamhaich, shiochail, shona. Bha i ann an caitheamh trom, a’ sioladh as o la gu la. Chunnaic mi nach robh an t-ait’ anns an robh i freagarrach—’s i ’n eiginn chruaidh a thug air a bana-charaid bhochd a cur ann—cha robh aice na chumadh ’n a seomar beag fhein i—chost i na bh’ aice air aghadh an t-saoghail, ach dol a dh’ iarradh na deirce cha b’ urrainn dh’i. “Thoir air a h-ais i,” arsa mise, “agus na biodh aon ni a dhith oirre ’tha freagarrach, feumail air a son. ’S a’ bhaile-mhor so tha sporan nan Gaidheal furasd’ fhosgladh; cha robh snaim chruaidh riamh air ’s bean-duthcha no fear-duthcha an airc. Thoir air a h-ais i,” arsa mise, “dh’ ionnsaidh do dhachaidh fhein, agus gheibh sinn mu ’n teid a’ ghrian fodha ’n nochd, na dh’ fhoghnas. Gheibh—’s cha chluinn cach co dha ’tha sinn ’g a iarraidh no co ’bha an airc.” Thug so fuasgladh mor d’ a cridhe, ged dh’ fhas i co lag ann an latha no dha ’s nach deachaidh againn air a gluasad. Latha dhomh, le bean-duthcha cheanalta, a bhi ’g a h-amharc ’s i moran na bu laidire, dh’ innis i dhomh a h-eachdraidh, agus oidhirpichidh mi a toirt seachad ’n a cainnt bhlasda fein.—Leabhar nan Cnoc. (Ri leantuinn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. MUR.—Is e duil do chomhlachadh an so, a Choinnich, a thug o ’n bhaile mi, agus cha bheag an solas a ta ’lionadh mo chridhe, aon sealladh eile fhaotainn dhiot, a charaid, agus mar an ceunda de Sheonaid, a thainig, tha mi ’tuigsinn, maille riut. Tha mi ’n dochas gu ’m bheile sibh air fad ann an slainte ’s a’ Ghoirtean-Fraoich. COIN.—Tha sin gun dith, gun deireas, a Mhurachaidh, agus tha mi ’s an earbsa gu ’m bheil an teaghlach agus an crodh air an cosaibh agad fein, agus gach ni eile ag eirigh leat, fhir mo ghraidh. Cha do chuir mi suil ort ’s a’ bhaile no ’s a’ mhachair, o ’n chunnaic Seonaid agus mi fein thu re na seachdain sin a bha sinn na d’ fhardaich fhialaidh fein air banais Seonaid oig; agus Ochan! b’ i bhanais i! Cha ’n fhac mi a h-aicheadh riamh, agus cha ’n fhaic. Bha an comunn lionmhor, ach bha iad uile co taitneach, beusach, riaghailteach, cridheil—uile mar aon duine, a dh-aon inntinn, agus a’ dol gu ’n dulan a thoirt toisich agus urraim do aon a cheile. Tha mi an dochas gu ’m bheil a’ chuideachd og a’ tighinn air a cheile gu ro mhaith, agus gu ’m bheil deagh-slainte agus gach sochair eile air an sealbhachadh leo. [TD 234] MUR.—Is og an nollaig a’ cheud oidhche, a Choinnich, is mò ’s trath dhoibh a bhi ’gearan fathast; deanadh iad stad gus am bi iad cuideachd darna leth nam bliadhnaichean o ’n phos thusa agus mise, a’ Choinnich, agus chi iad an sin gu ’m bheil iomadh car, agus cleas, agus cluich-iomart aig an t-saoghal thrioblaideach so, nach fhac iad fathast, agus air nach do smuainich iad riamh. COIR.—Ro cheart gun teagamh, a Mhurachaidh, ach tha iad ’n an dithis glic, agus ged a bhiodh iad air a chaochladh sin, tha deagh fhear-iuil ’n an fochair,—deagh chomhairliche dlùth air laimh, eadhon Murachadh Ban. MUR.—Bi ’n ad thosd, a Choinnich, agus sguir dhe d’ mhiodal agus ghoileam. Cha ’n ’eil Murachadh Ban bochd ach mar a tha e, agus ged bhiodh e ni b’ fhearr cha bu mhiste se e. Ochan, cha ’n ’eil. Is lag, neo-iomlan, agus amaideach sinn uile, ma dh’ fhagar sinn dhuinn fein, agus mur iarr sinn an neart agus an gliocas sin a ta a dhith oirnn chum ar stiuireadh air sligibh ar dleas’nais fein. COIN.—Tha sin uile gle cheart, a’ Mhurachaidh, ach is maith an gnothuch gu ’m bheil cuideachadh iomlan agus freagarrach r’ a fhaotuinn a nasgaidh, seadh, gun airgiod agus gun or, ma dh’ iarrar e uaith-san a tha ’thoirt air gach ni a bhi ag oibreachadh le cheile chum ar leas aimsireil agus spioradail maraon. MUR.—Am measg gach uile chuis agus ghnothuich, cha ’n fheum sinn dearmad a dheanamh air an dleasnas dha-san o ’m bheil ar beatha, ar bith, agus comas ar gluasaid againn, a Choinnich; cha ’n fheum idir, oir cha ’n ’eil fios againn air ciod a bheir aon la mu ’n cuairt. COIN.—Is maith nach ’eil fios againn air sin. Tha e gu trocaireach agus gu glic air a chealachadh oirnn, oir mur biodh, cha b’ urrainn sinn a bhi beo air an talamh. Is gasda, grinn a mhinich Maighstir Iain, an seann mhinisteir coir againn fein, an teagasg sin duinn air an t-Sabaid a dh’ fhalbh, air da a bhi ’searmonachadh o ’n earrainn a ta ’g innseadh dhuinn gu ’n “Teid sgiamh an t-saoghail so seachad.” MUR.—Am bheil banais mhor gu bhi againn an so an nochd, a Choinnich? Chuir Seumas Mor fios dh’ ionnsuidh na mna, a bhi cinnteach gu ’n tigeadh i maille rium-sa dh’ ionnsuidh na bainnse aig Isiobail agus gu ’m faiceamaid Coinneach Ciobair agus Seonaid romhainn an so. Agus ged is e mac brathar mo mhathar Seumas Mor, cha tiginn idir an nochd, mur b’ e gu ’n cual mi gu ’n robh thusa, a charaid, agus Seonaid gu bhi romham. Fagaidh sinn a’ bhanais ’s a’ chuid a’s mo de ’n oigridh, agus theid thusa agus mise do chuil air chor-eigin, a labhairt air cuisibh an t-saoghail, agus na rioghachd. COIN.—Mar sin bitheadh e, a Mhurachaidh, gheibhear uine air son gach ni; oir mar a thubhairt an duine glic, “Aig gach ni tha trath, agus am aig gach run fuidh neamh. Am gu gul, agus am gu gaire; am gu caoidh agus am gu dannsadh.” MUR.—Is firinn sin, gun teagamh, a’ Choinnich, an aghaidh nach urrainn neach ni sam bith a radh. COIN.—Cha ’n ’eil fios agam air sin, a Mhurachadh, tha e air a radh gu ’m bheil “am ann gu dannsadh,” ach cha ’n e nochd e, oir bha mi bacach, crubach fad seachduin leis na rinn mi dhe ’n dannsadh air banais Seonaid oig agad fein, agus mo lamh-sa dhuit, nach faicear air an urlar an so mi. MUR.—Na toir boid, a’ Choinnich, oir an uair a thainig litir-chuiridh o Sheumas Mor dh’ ionnsuidh an tighe gu dol gu banais Isiobail dh’ ain- [TD 235] micheadh gu robh Coinneach Ciobair agus Seonaid gu bhi ann, agus thubhairt an t-seann bhean bhochd agam-sa, gu ’n rachadh i ann direach chum aon ruidhil dannsaidh a bhi aice maille ri Coinneach Ciobair. Feuch, ciod do bharail air a’ chailleach bhochd agam-sa. Ochan! nach bi ’n oisneach i,—te a dh’ fheudadh i bhi ’n a sean-mhathair! COIN.—Gle cheart, a’ Mhurachaidh. Tha bhean choir agad-sa co sunndach, cridheil, geanail, ’s gu ’m bheil tlachd aice ann a bhi ’faicinn gach neach sona mu ’n cuairt di; agus mar an ceudna gach og agus aosda a’ gabhail toil-inntinn neo-chiontaich dhoibh fein, agus c’ait an deanadh iad sin, mar deanadh iad air banais e? MUR.—Is comadh co dhiubh, a Choinnich, fagaidh sinn sin mar a tha e, agus rachamaid a mach car tacain a dh-amharc an t-saoghail mu ’n cuairt, agus a dh’ fhaotuinn do naigheachd. COIN.—Tha deagh naigheachdan tearc agus gann, agus cha tig mo bheul air an droch naigheachd ged bhiodh i ann. Ach ciod i do bharail air a’ chogadh rongach sin a thainig o cheann ghoirid gu crich ’s an Roinn-Africa? MUR.—Seadh direach, an cogadh a bha againn ris na h-Ashanteich,—sluagh cealgach, mealltach, dubh air gach doigh, agus lionmhor mar na cuileagan. Cha robh e ’n a chogadh taitneach idir; ’s e sin, cha robh moran moralachd, urraim, molaidh no aird-chliu ri ’m faotuinn o bhi ’ruagadh chreutairean cho suarach, aineolach, agus iodhol-aorach am measg choilltean agus gharbhlaichean na duthcha aca féin; ach an deigh sin, bha e ’n a chogadh anabarach cunnartach a thaobh seoltachd agus foill nan naimhdean, a bha ’g am folach fein thall ’s a bhos, agus a’ losgadh an uaigneas air na saighdeiribh againn-ne. COIN.—Tha sin uile, a’ Mhurachaidh, gle nadurra dhoibh r’ a dheanamh. Tha e nadurra dhoibh iad fein agus an cuid a dhion mar a dh’ fheudas iad, agus an dichioll a dheanamh gu cur an aghaidh gach cumhachd eile a dh’ fheudas ionnsaidh a thoirt orra. MUR.—Cha ’n e mhain gu ’n robh sin nadurra dhoibh a dheanamh, ach rinn iad e, agus is iomadh mac mathar treun agus gaisgeil a thuit marbh air na raointibh aca, ’n am doibh a bhi ’cogadh nan aghaidh. Thuit aireamh nach bu bheag dhe ’n Fhreiceadan Dhubh, a bha riamh co cliuiteach agus gaisgeil o ’n thogadh an toiseach e. COIN.—Tha mi ’n duil gur fad an uine o ’n thogadh am Freiceadan Dubh an toiseach. MUR.—Thogadh e air tus aig ceann drochaid Obairfeallaidh ’s a’ bhliadhna 1740, agus cha robh mac mathar ’s a’ chuideachd air fad ach clann dhaoin’-uaisle, agus cha robh a h-aon duibh fo shea troidhean ann an airde! Thug am Freiceadan Dubh buaidh anns gach blar ’s an robh iad riamh, ach a mhain aig Ticonderoga, agus aig Fontenoi. Agus eadhon anns na h-aitibh sin rinn iad gaisge do chur an ceill,—gaisge, air son an d’ rinneadh iad ’n an Albanaich Rioghail anns gach linn ri teachd? Na ’n rachadh eachdraidh an treubhantais agus an tairisneachd a sgriobhadh sios ann an ordugh, lionadh agus dheanamh e suas leabhar anns am biodh na ceudan duilleag. COIN.—Cha ’n ioghnadh, ma ta, ged a bheireadh iad, maille ri ’n comhlannaibh dileas, buaidh air Righ Coffi Calcalli, agus ged a chuireadh iad Coomassi ’n a lasair theine. MUR.—Is iomadh oran-molaidh a rinneadh do na fior “Albanaich [TD 236] Rioghail” so, ach ’n am measg sin gu leir, cha ’n ’eil duil agam gu ’n d’ thugadh barrachd air a’ chliu a thugadh dhoibh leis an Urramach Roibeart Mac-Griogair, a bha aon uair ’n a Mhinisteir ann an Cill-Mhuire, ’s an Eilean Sgiathanach. COIN.—Cha ’n ’eil duil agam gu ’n cual mi riamh an cliu sin, a Mhurachaidh, am bheil a’ bheag sam bith dheth agad air do mheomhair? MUR.—Tha duil agam gu ’m bheil a’ chuid a’s mo dheth air chuimhn’ agam, a Choinnich, ach tha eagal orm gu ’m bheil cuideachd na bainnse ’g ar n-ionndrain air falbh uatha, oir cha ’n ’eil sinn gle chomunnail riutha air sheol sam bith. COIN.—Ma tha, mo thogair, cha ’n eagal doibh. Cha ’n iad seann bhodaich mar a tha sinne a tha iad ag iarraidh, ach muinntir chridheil, eutrom, og; agus theid mise an urras nach ’eil guth aca idir m’ ar timchioll. Le sin, a Mhurachaidh, cuir seisde ris an oran, agus bhear sinn luchd na bainnse oirnn an uair a thig crioch air. MUR.—“Is trian oibre toiseachadh,” uime sin thoir cluas, a Choinnich, agus ged nach ’eil cail agam gu seinn, tha teangadh agam chum na focail a chur an ceill. COIN.—Tha teangadh agad gun teagamh, a’ Mhurachaidh, ach tha mi meallta mur ’eil i gle thioram, cosmhuil, ri mo theangadh fein. Is feairrd sinn ar teangannan a fhliuchadh le boinne beag de dhruchd nam beann, oir tha tart oirnn le cheile, agus tha pailteas an so, agus ’s i ar bheatha d’ a ionnsaidh. A nis rach an t-adhairt leis an oran-molaidh do ’n Freiceadan Dhubh, a tha mar a thubhairt thu, air fonn an siubhail fein. MUR.— MOLADH DO ’N FHREICEADAN DHUBH. Faigheadh cliu o gach rànn fhear, gu ceòlmhor ’s gu binn, An Dubh-Fhreiceadan Gaidhealach a dh’ àraich na glinn;— Cuimir, fuasgailteach, fìnealta, slàinteil ’s a’ chom, Fearail, ceannsgalach, cruadalach, tréun, agus trom. ’S gu robh buaidh leis na seòid ghuineach, ghàrg, agus bheo, Chaidh do bhuillsgein nam Fràngach, mar ghaoth ’dol ’s a’ cheo; Is nach d’ fheuch fathast cùl do neach riamh nach robh leò; Oir cha striochd sliochd nan ghàrbh-chrioch, a’s annta an deò! ’S maith thig breacan-an-fheilidh, gu leir do na sùinn,— Osain ghèarr air an calpannaibh dòmhail, geal, cruinn; A’s iteagan dorch’, air slios gorm-uidheam cheann, Sud i éididh nam blàr, ’s cha bi ’n té fhada theànn. ’S gu robh buaidh, &c. ’S ceart a labhras iad canain na h-Alba o chiàn, Mar a bha i aig Fionn a’s aig Oisian gu diàn; Cha do ghluais chum na tuasaid, ’s a’ chaoidh iad cha ghluais, Gun am bolg-fheadain mhèur-thollach, fhuaimneach ’n an cluàis! ’S gu robh buaidh, &c. Cha tearc gàbhadh a’s àit, as an d’ thainig le buaidh, Gaisgich chalma na comhraig, ’s nan dlùth-bhuillean cruaidh; Roimh gach diomhanas, sògh, aidhear, ’s aoibhneas a thagh, A bhi ’dionadh an saorsa an duthcha, ’s an lagh’! ’S gu robh buaidh, &c. ’S iomadh deuchainn a fhuair na fir àrdanach bhras, Bho ’n nach geilleadh diùbh làmh, ’s o ’n nach tionndadh dhiùbh cas; Bho ’n nach fhéudadh gun caochaileadh an dualchas n’ an cleachd, Leis an d’ fhàgadh gun sàmhladh an sinnsir ’s a’ ghleachd. ’S gu robh buaidh, &c. [TD 237] Mar a bhlàth-mhaduinn shàmhraidh, iad ciùin ann an sìth, Ach mar gheàmhradh nam beann aca, searbh ann an strìth; Sgaiteach, gruamach, a’ luaithreadh nan naimhdean le féirg, ’G an cas-ruagadh ’s gan sguabadh á araichibh dearg! ’S gu robh buaidh, &c. Cha ’n ’eil ùine ni ’s mò a’ ruith dhàsan nach géill, Bidh mar dhearbhadh corp màrbh, gu ’m bu ghànn e de chéill; Seachnadh ’n tì leis nach fearr guin an éig, na bhi slàn, Casadh riusan a suas, a ta millteach a’s dàn! ’S gu robh buaidh, &c. Mar a’s gairge an nàmh, mar a’s cruaidhe an cath, ’S ann is àirde ’n sin inntinn luchd-trusgain nan dath; Tha ’s an doruinn a’ fàs anam mòr dhoibh air fad, Leis an rèub, leis am mill, ’s leis an claoidh iad gun stad. ’S gu robh buaidh, &c. ’S i so ’n fhirinn gu dearbh, air gach seòl agus doigh, ’S ga co’-dhàingneach’ gu dilinn, bidh là Fontenoi; Sud an là a thug ainm dhoibh air tùs anns an fheachd, Bha an rùn uile-dhìleas do ’n Righ ’s do gach reachd. ’S gu robh buaidh, &c. Och! chaidh ’n sàruch’ ’s an leonadh; bha ’n ceud charraid teth Oir aig Ticonderoga, ged chàill iad an leth, Na sheas bhuadhnaich le còmhnadh na dh’ aom gu ro ghrinn! Rinn a’ chonnstridh ud Rioghail iad, ’nuas feadh gach linn! ’S gu robh buaidh, &c. Rinneadh gniomharra leò anns gach tìr chum an deach’, Bhios ’n an ioghna, ’s nam miorbhuil’, gu brath do gach neach; Cha leig air dearmad an saoghal, an tréun’tas gu sior, ’M feadh ’bhios speis agus mòr-mheas do shaighdaireachd fhior! ’S gu robh buaidh, &c. Ach co Cheòlraidh no ’n teangair is òirdheirce th’ ann, ’S urrainn innseadh mar ’bhuadhaich ’s an Eiphit a’ Chlànn? Luaidh neo-ghann, gathan-lann, sleaghan-chrann, chaidh gu luath, ’M fir do-cheannsach’ do chàch, o na h-armuinn o Thuath! ’S gu robh buaidh, &c. As na gàirdeanaibh lùth-chleasach, féitheach, ghrad léum, Goimh a’s bàs a chuir mìltean o chàinnt a’s o fhéum! Ghabh na Laoghaich ’s an àm mireadh ’n-searbh-chath a’s conn ’Dol troimh dhùintean a’s àr-chlosach naimhdean le fonn! ’S gu robh buaidh, &c. ’S glan a dh’ eirich am buaireas air connlann an àigh, Oir le léir-sgrios, chaidh Frangaich a bhualadh gun bhàigh! Thuit gach aon air an làr dhiubh, ’n a sheimh-chadal buan, ’S thug na Gàidh’l leo ’n sròl aca nall thar a’ chùan! Mar so buaidh leis na seòid, ghuineach, gharg, agus bheò, ’Theid do bhuillsgein nam Frangach, mar ghaoth ’dol ’s a’ cheò; ’S nior fhéuch iad an cùlaobh do ’n dream nach bi leò, O, nior striochd iad gu siorruidh, a’s annta an deò! COIN.—Is gleusda a rinn am bard a dhichioll, agus is gle-mhaith a chuir e a bhriathran an altaibh a’ cheile. Agus, a Mhurachaidh, is glan a dh’ aithris thu an t-oran-molaidh sin, agus is iongantach do chuimhne. Moran taing dhuit, ach bithidh tuilleadh againn mu bhardachd an deigh so, ma chaomhnar sinn. A nis, biomaid a’ toirt an t-seomair- [TD 238] iosail oirnn, oir tha mi ’cluinntinn gu ’n d’ thainig am Ministeir a chur na snaim sin le ’bhilibh nach fuasgail eadhon Murachadh Ban le ’fhiaclaibh. So, so, ma ta, rachamaid sios. ALASDAIR RUADH. SPIORAD NA H-AOISE. SEANN SGEULACHD GHAIDHEALACH—LEIS AN DR. MACLEOID, NACH MAIREANN. (Air leantuinn.) Fhuair Caomhan gabhail aig’ air an oidhche sin gu maith carthantach maille ri madadh na maoile-moire, ann an uaimh thioraim, gun tighinn-fodha no thairis—na ’m foghnadh sin a’s feoil mhilis, uanach, mheannach, gun dith, gun ghainne, gun dolum; agus an am falbh ’s a’ mhaduinn, gu leoir air son turuis an latha. “A ’nis,” arsa madadh na maoile-moire, “slan leat a Chaomhain! Soirbheachadh leat ge b’ e ait’ an teid thu—sonas ’n ad shiubhal ’s ’n ad ghluasad. Thairg mi aoidheachd, ’s cha do dhuilt thu i; ghabh thu gu cridheil, sunndach na thairg mi: chuir thu oidhche seachad ann an uaimh madadh na maoile-moire—dh’ earb thu as—naisg thu a chairdeas, agus cha mheallar thu. A nis thoir fainear mo bhriathran. Ma thig cas cruaidh no eiginn gu brath ort, anns an dean luas coise agus gniomharan eusgaidh feum dhuit, cuimhnich air madadh na maoile-moire—miannaich e ’s bithidh mise ri d’ thaobh.” Dh’ amais an cairdeas agus an fhialachd cheudna ris an ath oidhche o ’n t-sar-bhiadhtaiche iomairteach, shiubhlach, fitheach dubh choire-nan-creag, air nach luidheadh an cadal, agus air nach eireadh a’ ghrian, gus am biodh aige na dh’ fhoghnadh dha fein agus dha-san a thigeadh s’ a dh’ fhalbhadh. Gu gearr-leumnach, clapartach, sgiathach, rinn e ’n t-iul da air choraibh sgeithe troimh aisridh chasa-gabhar gu còs sgorra dhionaich creige, far an d’ iarr e air tri trianan d’ a sgios agus an oidhche gu leir chur seachad maille ris. Fhuair e gabhail aige ’n oidhche sin gu maith ’s gu ro mhaith comhla ri fitheach dubh choire-nan-creag, na ’m foghnadh feoil a’s sithionn; agus an am falbh ’s a’ mhaduinn thuirt e ris, “A Chaomhain mhic Ghorla-nan-treud, thoir leat na dh’ fhoghnas air do thuras—cuid a’ choigrich cha d’ ionndraich mi riamh;—agus cuimhnich mo bhriathran deireannach. Ma thuiteas dhuit a bhi ’n càs no an eiginn gu brath anns an dean sgiath laidir agus misneach nach dibir, feum dhuit, cuimhnich orm-sa: ’s blath do chridhe, ’s caoimhneil do shuil—dh’ earb thu thu fein riumsa—bheathaich thusa fitheach an fhasaich roimhe so, agus roinn thu ris do lon—’s mise do charaid, chuir thu ’n oidhche seachad ann an cos nan creag—earb asam.” Air an treas oidhche dh’ amais comhdhail agus biadhtachd nach bu mhiosa air Caomhan o ’n dobhran-donn; an sgorr-shuileach, an siriche teoma, eusgaidh, air nach biodh cuid fir no gille ’dhith fhad ’s a bhiodh e r’ a fhaotainn air muir no air tir. Ged nach robh ’n a gharaidh r’ a eisdeachd ach sgiamhail a’s mealanaich chat, a’s bhroc, a’s thaghan, a’s fheocallan, threoraich e e gun sgath, gun eagal, gun sgiansgar, gu taiceil, foghanta, raideil—gu roibeanach, bior-shuileach, mion-eolach, gu beul cuirn, far an d’ iarr e air tri trianan d’ a sgios agus an oidhche gu h-uile ’chur seachad comhla ris. Neo’-ar-thaing mur d’ fhuair e gabhail aige ’n oidhche sin comhla ri dobhran-donn an t-srutha, an sior shiubhlach, na ’m foghnadh iasg de gach seorsa ’b’ fhearr na cheile—agus leaba thioram, sheasgair, mhaith, de [TD 239] dhreamsgal ard-lain stoirme reothairt, a’s feamainn-chirein an dubh-chladaich. “Cuir seachad an oidhche, ’Chaomhain,” arsa ’n dobhrann-donn; “’s e lan dith do bheatha. Caidil gu samhach; ’s fear faire furachar an dobhran.” ’N uair a thainig an latha ’s a bha Caomhan gu imeachd air a thurus, chaidh an dobhran air choimheadachd greis de ’n t-slighe maille ris. “Slan leat! a Chaomhain,” ars’ esan; “rinn thu caraid dhiom. Ma thig càs cruaidh no teann eiginn ort anns an dean esan a shnamhas an sruth no ’thumas fo ’n fhairge freasdal duit, cuimhnich orm-sa, ’s bithidh mi ri d’ thaobh.” Fhuair e na tri mairt mhaol’, odhar ’s an lagan ’s an d’ fhag e iad—dh’ eirich iad, agus mu airde ’n fheasgair sin fhein rainig iadsan agus esan, gu sabhailte, socair, bothan an t-sleibh. Bha failte ’s furan ’s an tigh ’n uair a rainig Caomhan. Fhuair e gabhail aige gun airceas, gun chrine. Dh’ fheoraich an seann duine dheth cia mar dh’ eirich dha o ’n a dh’ fhalbh e, thoisich e air sud ’innseadh. Mhol an seann duin’ e chionn nach do ghabh e gnothuch ri aon ni ’chunnaic e gus an d’ rainig e tigh nan laoidhean binne, do bhrigh nach robh annta gu leir ach culaidh-bhuairidh—sgleo faoin a chum a mhealladh. “Fosglaidh mi dhuit dubh-cheist na cuise ’n a dheigh so,” ars’ an seann duine; “agus leigidh mi ris duit brigh gach seallaidh a chuir mor-iongantas ort. Bha thu dileas, a Chaomhain. Iarr do dhuais agus gheibh thu i.” “Cha bhi sin trom dhuit-sa, tha mi ’n dochas,” arsa Caomhan, “agus bithidh e pailt na ’s leoir leam-sa. Aisig dhomh piuthair mo ghraidh agus da bhrathair mo ruin a tha agad fo dhruidheachd, beo, slan mar a dh’ fhag iad tigh an athar; agus bonn oir no tastan airgid cha ’n ’eil a dhith air Caomhan.” “’S ard d’ iarrtas, oganaich,” arsa ’n duine; “tha duilgheadas eadar thu ’s na dh’ iarr thu os ceann na tha ad chomas a chothachadh.” “Ainmich iad,” ars’ Caomhan, “’s leig leam-sa ’n cothachadh mar is fearr is urrainn domh.” “Eisd ma ta: Anns a’ bheinn aird ud shuas, tha earb shiubhlach a’s caoile cas; a leth-bhreac cha ’n ’eil ann; ’s ballach, caisionn a slios, ’s a croc mar chabar an fheidh. Air an lochan bhoidheach dluth do thir na greine, tha lach a thug barr air gach lach—lach uaine a’ mhuineil oir. Ann an linne dhorcha a’ choire-bhuidhe, tha breac tarra-gheall nan gialan dearga, a’s ’earr mar an t-airgiod a’s gloine snuadh. Falbh, agus thoir dhachaidh an so eilid chaisionn, bhallach na beinne, lach aillidh a’ mhuineil oir, agus am breac a dh’ aithnichear o gach breac; a’s innseadh mise dhuit an sin mu phiuthar do ghaoil ’s mu dha bhrathair do ruin.” Dh’fhalbh Caomhan donn. Chaidh gruagach an fhuilt oir ’s na cir’ airgid na dheigh. “A Chaomhain,” deir i, “gabh misneach; tha beannach do mhathar agad agus beannachd nam bochd—sheas thu do ghealladh—thug thu urram do thigh nan laoidhean binne; imich, agus cuimhnich mo bhriathran dealachaidh—Gu brath na toir geill.” Thug e ’n sliabh air—faicear earb na beinne—a leth-bhreac cha robh ’s a’ bheann; ach ’n uair a bha esan air aon bhearradh bha ’n earb air bearradh eile; ’s bha cho maith dha oidhirp a thoirt air neulaibh luaineach nan speur. Bha e ’n impis geill a thoirt, ’n uair a chuimhnich e air na labhair gruagach an fhuilt oir. “O!” arsa Caomhan, “nach robh agam-sa ’nis madadh na maoile-moire ’s nan casan luthmhor!” Cha luaithe ’labhair e ’m focal, na bha ’m madadh coir r’ a [TD 240] thaobh; agus an deigh dha cuairt no dha ’thoirt mu ’n bheinn, dh’ fhag e eilid chaisionn an t-sleibh aig bonn a choise. Thug Caomhan ’n a dheigh sin an lochan air, agus faicear lach uaine a’ mhuineil oir ag itealaich os a cheann. “O!” arsa Caomhan, “nach robh agam-sa ’nis fitheach dubh an fhasaich a’s laidire sgiath ’s a’s geire suil!” Cha luaithe ’thubhairt e so, na chunnaic e fitheach dubh an fhasaich a’ dluthachadh air an lochan, agus air ball dh’ fhag e lach uaine a’ mhuineil oir r’ a thaobh. Rainig e ’n a dheigh sin an dubh-linne dhorcha, ’s faicear an t-iasg tarra-gheal, airgiodach, aillidh a’ snamh o bhruaich gu bruaich. “O!” arsa Caomhan, “nach robh agam-sa ’n dobhran-donn a shnamhas an sruth ’s a thumas fo ’n tuinn!” Ann am prioba na sul’ co bha ’n a shuidhe air bruaich an uillt ach an dobhran coir. Dh’ amharc e ’n aodann Chaomhain le baigh—thug e air gu grad as an t-sealladh, agus a mach a dubh-linne dhorcha nan gealag, thug e ’m breac tarra-gheal a bu loinnriche snuadh, agus leigear e aig cois Chaomhain. Thog e air dhachaidh, agus fagar an earb, an lach, agus am breac boidheach air stairsnich bothain an t-sleibh. “Buaidh a’s piseach le Caomhan donn!” ars’ an seann-duine. “Cha do chuir a ghuala ris nach do chuir tuar thairis. Thig a stigh, a Chaomhain; ’s ’n uair a bhleodhnas gruagach an fhuilt oir ’s na cir’ airgid na tri mairt mhaol’, odhar, fosglaidh mi dhuit dubh-cheist na cuise, agus tairngidh sinn gliocas o fhasdadh agus o thurus Chaomhain.” DUBH-CHEIST NA SGEULACHD AIR A FOSGLADH. “Cha d’ fhag thusa tigh d’ athar ’s do mhathar gun an cead. Beannachd d’ athar ’s do mhathair bha ’n ad chois, a Chaomhain. Cha do dhuilt thu an greim do ’n acrach ’n a airc. Bha beannachd nam bochd ad chois, a Chaomhain. “Rinn thu fasdadh—gheall thu agus choimhlion thu; ’s tha duais nam fìrean ad chois, a Chaomhain. “Chunnaic thu an coileach oir ’s a’ chearc airgid, buairidhnean an uilc—an sgleo ’tha or a’s airgiod a’ cur air an t-suil—chuimhnich thu do ghealladh—ghluais thu ann an slighe do dhleasnais—bha sonas air Caomhan. Dh’ fheuch am buaireadair thu a rithist fo shamhladh slataig oir a’s slataig airgid. ’S iad so do reir coslais a b’ usa ’ghlacadh; ach chuimhnich thu do ghealladh, a Chaomhain, agus lean thu an spreidh. ’N uair nach deachaidh aige air do mhealladh le h-or agus airgiod, dh’ fheuch e do mhealladh le meas boidheach na coille. Chuir e mu d’ choinneamh gach meas a chunnaic thu riamh, a’s da mheas dheug nach fac’ thu—ach thionndaidh thu air falbh. N’ uair nach do bhuadhaich e na bha ’n a bheachd le h-or no airgiod, no leis a’ mheas a bha taitneach do ’n t-suil dh’ fheuch e do mhisneach—an lasair agus an tuil; ach chaidh thu trompa ann an slighe do dhleasnais, agus thuig thu nach robh annta ach faoineis. Chual’ thu guth nan dan naomha—fuaim nan laoidhean milis—chaidh thu ’stigh—’s maith a fhuaras tu; ach lean am buaireadair an sin fein thu. ’S maith a fhreagair thu e—‘Eisdidh mise ’m focal.’ Chunnaic thu ’n t-ionaltradh lom ’s an fhalaire ard, mheamnach, le ’searrach mear a’ deanamh gairdeachais air. Mar sin gu tric, a Chaomhain, ’s an t-saoghal: tha tigh na h-aoidheachd air uairibh gann; ach tha sith, gairdeachas, agus cinneachdainn ’n a thaic. Chunnaic thu an t-ionaltradh fasail, agus gach ceithir-chasach chum basachadh leis a’ chaoile: mar sin ’s [TD 241] an t-saoghal, tigh a’ bhodaich chrionna; tha pailteis ann, ach cha ’n ’eil aige cridhe ’chum a shealbhachadh—tha gainne am meadhon a’ phailteis—tha daol aig bun gach freumha, agus tha gach blath air seargadh. “Chunnaic thu an lochan boidheach—chuala tu caithream nam buidhnean sona ’bha ’triall gu tir na greine. Sin agad iadsan a thug fainear mo ghuidhe-sa agus a bha glic ’n an latha fhein. Chuala tu tuireadh craiteach na muinntir eile bha ’triall gu tir an dorchadais. ’S iadsan an sluagh gun tuigse, gun steidhe, gun fhirinn, gun dilseachd, a chur an suarachas gach sanas, agus a nis tha iad a’ caoidh gu truagh. Cha d’ rinn thu tair air caoimhneas agus aoidheachd nam bochd; ghabh thu ann an cairdeas na thairgeadh gu fialaidh; cha do naraich thu an t-ainnis—leis a’ so naisg thu an dilseachd. Sheas thu do ghealladh—lean thu an spreidh—choisinn thu do dhuais—dh’ earb mi as do mhisnich. Cha do mheataich duilgheadais thu; chuir thu do ghuala riutha, ’s chaidh leat. Dh’ fhiosraich thu nach robh madadh na maoile-moire, fitheach dubh an fhasaich, no dobhran-donn an iasgaich, gun an feum. Cha d’ thug thu geill; agus a nis, a Chaomhan, a mhic Ghorla-nan-treud, eisd rium. ‘Aisig,’ ars thusa, ‘domh mo phiuthar aillidh agus braithrean mo ghaoil a tha agad fo dhruidheachd.’ Fo dhruidheachd, a Chaomhain! Ciod e druidheachd? Innleachd charach nan cealgach, leth-sgeul baoth nan gealtach. Ciod e druidheachd? Bòcan nan amadan—culaidh-uamhais nan lag-chridheach—ni nach robh ’s nach ’eil, ’s nach bi. An aghaidh an dleasannaiche ’s an fhirein, cha ’n ’eil druidheachd, no innleachd. Do phiuthar, ailleag an fhuilt oir ’s na cir’ airgid, gheibh thu leat dhachaidh; ach do bhraithrean, ged tha iad beo, rinn leisg a’s mi-dhilseachd iad ’n an allabanaich gun dachaidh, gun charaid. Imich thusa chum tigh d’ athar, a Chaomhain, agus taisg ann ad chridhe na chunnaic ’s na chual’ thu.” “Agus co thusa,” arsa Caomhan, “a tha ’labhairt?” “’S mise,” arsa ’n seann duine, “Spiorad na h-Aoise. Slan leat, a Chaomhain! Beannachd na h-aoise gu ’n robh air do shiubhal ’s air d’ imeachd.” BAS PEATHAR. (Le Raibeart Pollock, A.M.) Bu trom ar n-osnaidhean, ’s bu phailt ar deòir; Oir b’ ionmhuinn ise ’dh’ fhalbh, ’s bu ghràdhach leinn. Urail ’n ar cuimhne—ùr mar an là dé, Tha ’n latha Céitein air an d’ fhuair i bàs. Oigridh na Cruitheachd bha gu h-aoibhinn, ait A’ briosgail ann an gathan blàth na gréin’, ’S a’ gealltainn lànachd inbh’: a’s aoibhinn fòs Bha sinne, agus lèum an fhuil ’n ar crìdh’ Le aiteas fallain, ’n uair a fhuair sinn sgéul Gu ’n d’ rugadh leanabh: ’s thainig fios a rìs Gu ’n robh an té ’thug breth dha tinn gu bàs. Cia dlùth air sàiltean aoibhnis, céuma bròin! M’ an cuairt a leaba thionail sinn gu léir, [TD 242] A’s lùb ar glùn an guidhe dhùrachdaich Ri Cathair Tròcair, a’s le ’r n-urnaighean Chaidh osnan agus deura treibhdhireach; Ach ’s ann bha sinn a’ strìth ri aingeal naomh A chumail air an talamh—spiorad deas Chum glòir’; a’s Trocair ann a maitheas dhiùlt Ar n-iarrtas faoin: na ’s trocairiche ruinn An uair a’s lugha shaoil sinn! grasmhor fos, Mar ’s tric, ’n uair shaoileas sinn i bhi fo ghruaim! An seomar, a’s an leaba ’s cuimhne leam, Anns an do laidh i, a’s na h-aodainn fòs A chruinnich dlùth a’s muladach m’ an cuairt. A h-athair, a’s a màth’r, a’ cromadh, sheas; ’S a sìos an gruaidhean aosda thuit na deòir Gu lìonmhor, goirt; a’s mar an ceudn’ an sin, Bha a fear-posda gràidh, ’s a braithrean caomh, ’S a peathraichean, a’ caoidh gun chomhfhurtachd; Gach nì ’s an tigh fo mhulad bha ’s fo bhròn. So ’s cuimhne leam gu maith; ach ’s mór is feàrr Am bheachd, ’s gu bràth cha di-chuimhnichear leam, An t-sùil—an t-sùil a mhàin ’bha soilleir, glan, ’S a dh’ fhàs an soilleireachd mar dhlùth’ch am bàs! Amhuil mar chunnaic mi am flùran sèimh Ag amharc na bu ghrìnn’ ’s an aiteal ghréin A thilgeadh air troimh nèul dubh tàirneanaich, Gu grad a dh’ iadh a nuas, a bhuail, ’s a sgap Am flùran àillidh, sgiamhach, air an raon. Smèid i an leanabh òg a thabhairt dlùth; A’s chàirich sinn an naoidhean aig a taobh. Dhearc i gu caoin air ’aghaidh, nach d’ rinn gàir’ No gal, ’s nach d’ aithnich có bha ’sealltainn air; Leag i a làmh air ’uchd, a’s dh’ aslaich i, Le sealladh drùighteach suidhichte ri nèamh, Do ’n leanabh, beannachdan do-labhairt mor, ’Bheir Dia a mhàin, aig ùrnaigh-bhàis na dream Tha ’fàgail naoidheana ’n an déigh ’s an t-saogh’l. “Dhia gleidh mo leanabh!” chuala sinn i ’g ràdh, ’S cha chual’ ach sin. Gu dìleas mar a gheall, Sheas Aingeal a’ Chomh-cheangail, deas gu triall ’N a cuideachd troimh Ghleann Dorcha Sgail a’ Bhàis. ’S a nis a sùilean las, ’s cho dealrach dh’ fhàs, Nach b’ urrainn duinne amharc air a gnùis Le ’r sùilean dèurach làn: dhùin iad gun nèul. Chaidh ’n solus ás mar réul na maidne gloin, Nach teid a sìos feadh nèula dorch ’s an iar, ’S nach folaichear ’measg ghaillionn garg nan spéur, Ach ’shìolaidheas air falbh an solus nèamh. Eadar. le MAC-MHARCUIS. [TD 243] AN GOBHAINN SANNDACH. Bha taillear agus gobhainn a’ tilleadh le cheile air feasgar araidh á baile anns an robh iad ag obair air an ceirdibh fa-leth. Mar bha am feasgar a’ teannadh orra, chunnaic iad a’ ghrian a’ dol sios air cul nam beann, agus a’ ghealach ag eirigh ’s an airde-’n-ear. Aig a’ cheart am chual iad, fad as, ceol binn a bha a’ fas na bu chruaidhe mar a ghabh iad air an aghaidh. Bha an fhuaim car neo-thalmhaidh, ach bha i cho anabarrach binn ’s gu ’n do dhi-chuimhnich iad an sgios, agus ghabh iad an rathad le ceumaibh sunndach. An deigh doibh dol beagan astair, rainig iad aoinidh ghrinn, far am facaidh iad bannal de dhaoine agus de mhnathaibh beaga, greim aca air lamhan a cheile, agus iad a’ dannsadh gu h-aighearach ris a’ cheol a chual iad. Ann an teas-meadhoin na cuairt mu ’n robh na sithichean a’ dannsadh, sheas seann duine daigeil, beagan na b’ airde ’s na bu shultmhoire na càch. Bha cota de iomadh dath air a dhruim, agus bha ’fheusag cho geal ris an t-sneachd a’ ruigheachd sios gu ’bhroilleach. Sheas an taillear agus an gobhainn ag amharc le mor-ioghnadh air na dannsairean, ’n uair a smeid an seann duine riutha, agus rinn na daoine-beaga bealach dhoibh chum ’s gu ’n tigeadh iad an taobh stigh d’ an chuairt. Bha an gobhainn ’n a dhuine gaisgeil, le croit bhig air a dhruim, ’s leum e stigh ’n am measg gun sgath, ach bha an taillear an toiseach car gealtach, agus sheas e air ais. An ceann beagan uine, ged tha, air faicinn da cho aoidheil agus cho suilbheara ’s a bha iad, ghlac e misneach, agus chaidh e stigh do ’n choisir leis a’ ghobhainn. Ghrad dhuin na sithichean m’ an timchioll mar mhuinntir air mheara-chinn. Am feadh a bha so a’ dol air aghaidh, tharraing an seann duine ’bha ’s a’ mheadhon, sgian mhor a bha ’n crochadh r’a chrios, gheuraich e air cloich i, agus a’ feuchainn a géiread le barr a mheoir, thionndaidh e agus sheall e air na coigrich air mhodh a thug orra critheachadh le h-oillt. Cha deachaidh an cumail fada an imcheist, oir rug am bodachan air a’ ghobhainn, agus ann am priobadh na sul, ghearr e dheth a h-uile rib fuilt a’s feusaig le aon sguidse! Thionndaidh e ’n sin ris an taillear, agus rinn e ’n cleas ceudna airsan. Ach dh’ fhalbh an geilt an uine ghoirid, oir, an deigh do ’n t-seann duine an gnothuch a chur seachad mar so, thainig e agus dh’ fhàiltich e gu cridheil iad, a’ bualadh a lamh air an guallainn, mar gu ’m b’ ann ’g am moladh air son cho èasgaidh ’s a cheadaich iad dha an lomadh. Chomharraich e mach dhoibh an sin dun guail a bha dluth ’laimh, agus smeid e orra iad a lionadh am pòcannan. Fhreagair iad e, ged nach robh fios fo ’n ghrein aca ciod am feum a bhiodh anns a’ ghual doibh. An sin thog iad orra ’s dh’ fhag iad na daoine-beaga, oir bha e ’fas anmoch, ’s bha toil aca amas air codaichean-oidhche. Direach mar rainig iad an gleann, chual iad clag a’ bualadh da uair dheug. Ghrad sguir an ceol, shiolaidh na daoine-beaga air falbh mar sgàile, ’s laidh an aoinidh gu tosdach, ciuin fo sholus fuar na gealaichte. An ceann ghreis rainig na coisichean tigh-osda aig taobh an rathaid, ach cha robh an sin doigh air an cur suas mur laidheadh iad air boitean connlaich; rud a rinn iad gu toileach, ’g an sineadh fein a sios, le ’n aodaichean orra mar bha iad, agus iad tuilleadh ’s sgith gu smaointeacheadh [TD 244] air am pòcannan ’fhalachadh d’ an ghual. Moch air madainn, fada na bu trathaile na b’ abhaist, dhuisg cudthrom a’ ghuail iad as an cadal, agus ’n uair chuir iad an lamhan ’n am pòcannan, is gann a chreideadh iad an suilean air faicinn doibh, an aite guail, gur ann a bha an lamhan lan de dh-òr fior-ghlan! Cha bu lugha an t-ioghnadh a bha orra an uair a mhothaich iad gu ’n robh an cinn air an comhdach le falt. Bha iad ann an tiota air fàs beairteach; ach air do ’n ghobhainn a bhi ro shanndach ’n a nadur, lion e an dà phòca leis a’ ghual, air alt agus gu ’n robh a dha urad òir aige ’s a bha aig an taillear. An deigh so uile cha robh e lan thoilichte, agus chuir e an ceann a chompanaich gu ’m fuireadh iad gus an ath latha, gu ’n rachadh iad air an ath fheasgar agus gu ’m faigheadh iad tuilleadh òir as a bhodachan bheag. Dhiult an taillear so a dheanamh. “Tha gu leoir agam” ars’ esan, “agus tha mi buidheach, riaraichte. Cha ’n ’eil a dhìth orm ach cur suas air mo laimh fein, a’ mhaighdean àillidh air am bheil mo ghaol a phosadh, agus an sin tha mi am dhuine sona.” Coma-co-dhiubh, a thoileachadh a charaid, dh’ fhan e latha eile ’s an tigh-osda, agus anns an fheasgar thog an gobhainn air leis fhein, le da phoca air a ghuallainn, agus agus rainig e an aoinidh. Fhuair e na daoine beaga a’ dannsadh agus a’ seinn mar a bha iad air an fheasgar roimhe. Ghabh iad gu cairdeil a stigh do ’n chròileachan e, thug an seann duine dheth a rithist am falt ’s an fheusag, agus smeid e ris mar a rinn e roimhe e ’thoirt leis uidhir ghuail ’s a thogradh e. Cha d’ iarr an gobhainn na b’ fhearr; cha ’n e mhain gu ’n do lion e a phòcannan ach an da phoca-saic cuideachd, agus thill e dhachaidh lan gairdeachais a’ smaointeachadh air a dheadh fhortan. Ged nach d’ fhuair e leaba an oidhche sin, laidh e sios le ’aodach air mar bha e, ag radh: “Mothaichidh mi an uair a dh’ fhasas an t-òr trom; duisgidh e mi;” agus mu dheireadh thuit e ’n a chadal air a lionadh le duil chinntich gu ’n duisgeadh e anns a’ mhadainn lan maoin agus saoibhreis. Cha luaithe dh’ fhosgail e a shùilean na ghrad leum e suas, agus thoisich e air a phòcannan a rannsachadh; ach ciod a bu mhò a b’ioghnadh leis na am faighinn lan de ghual salach, dubh, mar a bha iad roimhe! Thilg e ’mach lan duirn an deigh lan duirn ach gun aon chrioman òir. “Cha ’n ’eil atharrach air” ars’ esan; “tha agam fathast an t-or a fhuair mi a’ chiad oidhche—tha a’ chuid sin cinnteach gu leoir;” ach an uair a chaidh e a shealltainn bha e uile air fàs ’n a ghual a rithist, agus bha e air ’fhàgail gun pheighinn an t-saoghal! Chuir e a lamhan salach a suas air a cheann ach bha e gun rib fuilt agus a smig cho mìn ri bonn a choise. Ach cha b’ e so fathast crioch a mhi-fhortain, oir bha a’ chroit a bha air a dhruinn an deigh fàs fada na bu mhomha na bha i riabh. An uair a chunnaic e mu dheireadh gu ’n robh e a’ fulang peanais air son a shanntachd thoisich e air bron ’s air caoidh gus an do dhuisg e an taillear còir. Chomhfhurtaich esan e mar a b’ fhearr a dh’ fhaod e, ag radh ris gu caoimhneil agus gu fialaidh, “Sguir de d’ chaoidh; bha sinn ’n ar companaich agus ’n ar luchd-turais le cheile agus a nis is e do bheatha fantainn leamsa agus co-roinn a ghabhail de m’ chuidse; bidh gu leoir ann duinn le cheile.” Sheas e ri ’fhacal; ach cha d’ [TD 245] fhuair an gobhainn riabh saor ’s a’ chroit a bha air a dhruim, agus b’ eiginn da daonnan tuille boineid a chaitheamh a dh-fholach a chinn mhaoil, sgailcich. Eadar. le SIUCRAM-CAM. SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. DUAN I. IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGAMEMNON. SUIM.—Bho shean bha a’ Ghréig uile air a roinn ’n a dùthchannan, ’s i fo fhlaitheachd cheann-feadhna, coltach ris a’ Ghàidhealtachd romh bhliadhn’ a’ chomhaich (1745). Mu dhà chiad diag bliadhna romh thighin Chrìosta, an uair a b’ e Agamemnon righ Argois, agus Menelaus a bhràthair righ Sparta, chaidh Paris, d’ am bu cho-ainm Alastair Og mac righ na Tròidhe, air chuairt do ’n Ghréig, agus thug e air fuadach leis Helen, bean Mhenelauis, an t-aon bhoirionnach a bu mhaisiche a bha beo ’s an linn sin. Ghabh na Gréugaich tàmailt anbarrach, agus gu aichmheil a thoirt a mach thog iad de armailt na luchdaich dà chiad diag long-chogaidh; agus leis a’ mhòr fheachd so sheòl iad gu rìgheachd na Tròidhe, ris an abrar an diugh Tuirc thuathach Aisia. Bha an cogadh deich bliadhna air chumail; agus mu dheireadh, an deaghaidh ni gun àirimh de ionmhas a chaitheamh agus mòran fala a dhòrtadh taobh air thaobh, ghlàc na Gréugaich baile na Tròidhe, ’s loisg iad e gu làr. Tha ciad duan na h-oibre so a’ tòiseachadh air an t-seanchus aig toiseach an deicheamh earraich bho thùs na h-iorghuille. Ghlac na Gréugaich cuid de bhailtean-dùthcha na Tròidhe, agus thiomsaich iad mòran cobhartaich. An àm a bhi roim na criche thàinig air righ Agamemnon boirionnach òg, àluinn d’ am b’ ainm Chriseis, nighean Chrises, sagart Apollo. Thugadh Briséis, nighean mhaiseach eile, do Aichioll mòr mac Pheleuis, ciad lamh-fhéuma na Gréige. Thàinig sagart Apollo do long-phort na Gréige a dh-iarraidh a nighinne air Agamemnon. Ach dhiùlt an righ e, agus mhaoidh e gu h-ascaoin air. Ghabh Apollo corruich, agus tharrainn e plàigh air an arm Ghréugach, a chionn nach d’ thug iad an t-urram dligheach do Chrises. Cho-ghairm Aichioll comhairle nan ceannard, agus fhuaradh a mach bho ’n fhàidh Calchus gu ’n d’ thainig a’ phlàigh a thoradh na tarchuise a rinn Agamemnon air an t-sagart ’s gu ’n do dhiùlt e a nighean da. Tha ’n duan an sin ag cur an céill mar a throd Aichioll agus Agamemnon mu ’n dà bhoirionnach, mar a chuir Agamemnon dhachaidh nighean an t-sagairt, mar a thug e Briseis bho ’n Aichioll le fòirneart, agus mar a sgaradh e fhéin agus an t-Aichioll bho chéile an teas feirge, an lorg na brionglaide. An deaghaidh do ’n chomhairle sgaoileadh rinn an t-Aichioll casaid ri mhàthair, Thetis, té de bhan-diathan na fairge, a thaobh a’ mhaslaidh a dh’ fhuilig e bho ’n righ. Chaidh ise gu Olimpus far an robh Iobh, àrdfhlath nan dia ’s nam ban-dia, agus ghrìos i air gu ’n cuireadh e leis na Tròidhich an aghaidh nan Gréugach, mar dhìoghaltas. Gheall Iobh d’ a réir; ach leis a’ ghealladh thug e oilbheum d’ a mhnaoi, Iuno, a thog lasan feirge. Dh’ aisig Vulcan réit eatorra; agus chaith na diathan na bha rompa de ’n latha sin an cuilm-éibhneis. Is e uile aimsir a’ chiad duain naoidh latha na plàighe, latha na comhairle, agus an dà latha dhiag a rinn Iobh fuireach an Ethiopia, mu ’n deachaidh Thetis a chasaid ris. Is e an t-ionad-gnìomha an long-phort Gréugach, Eilein Chrisa, agus sliabh Olimpuis. AITHRIS, a bhan-dia nam fonn, Fearg mhic Pheleuis nan glonn àigh— Fearg mhìllteach a chiùrr a’ Ghréig Le béud nan deich mìle cràdh;— Fearg a sguab do ’n uaigh romh ’n àm Anmannan dheich mìltean sonn, An cuirp aig àr-choin an fhuinn, ’S aig ianlaith nan spéur ’n am pronn. B’ e sid rùn an Dùilich àird: Ach ciod bu cheannfàth do ’n strìth? C’ uime chog an t-Aichioll còrr ’S ciad-fhlath ’n t-slòigh bu mhòr brigh? Co de luchd-àitich nan spéur A dhùisg àrdan nan tréun borb? Mac Latona ’sgaoil a’ phlàigh ’S lionmhor bàs a thàr ’n a lorg. Las falachd an dé ga chionn; Sgap a shaighdean sgrios gun bhàigh, ’S chàrn e marbh air làr an fhuinn. Ràinig an sagart gun fheall, Luath-chabhlach na Gréig’ air tràigh, Los inghean fhéin fhuasgladh saor, Luigheachd nan luach daor ’n a làimh, Crùn Apollo ’s an Colbh òir; [TD 246] ’S dh’ aslaich e ’n deagh ghean gu fòil, Air mic Atreuis ghuidh e ’n tùs, An dà righ a stiùir na slòigh: A dha cheann-riaghailt na Gréig’ ’S fheachda tréun nan cas-bheairt cruadh’ch, Grìosam air flaithean nan speur Gu ’n éirich leibh éuchd a’s buaidh. Chionn gu ’n leag sibh Tròidh ’n a smùr ’S gu ’n till sibh gu ’r dùthaich slàn. Fuasglaibh m’ òg nighean ’s glacaibh duais Air fiamh dia nan luath ghath bàis. An sin dh’ éubh le aon-ghuth na laoich Modh dligheach do ’n Aosda dhìol, Gu ’n grad-ghlacteadh ’n luigheachd chòrr ’S gu ’n deònaichteadh a réir a mhiann; Ach, dh’ aindeoin, cha d’ ìmpich crìdh’ Agamemnon, righ nan sonn, Dh’ fhògair e ’n seanfhear bho ’ghnùis Gu neo-chiùin le bagradh trom. As m’ fhianais a sheanfhir bhaoth, Bhàrr an raoin gun stad bi triall; Rìst, ma thilleas, tuig nach féum Crùn no colbh an dé gu d’ dhìon. D’ inghean cha leigim fo sgaoil, Seal mu ’n crìon an aois a blàth, ’S i ’n lùchairt Argois nan righ, Fada cian bho thir an gràidh, Cur leaba mo thaoibh air seòl, ’S air bhrat sròil a’ dealbh nan gréis. Mar sin na tog brionglaid fhaoin, Ma ’s miann leat dol saor a’s béud. Chrith an liath, a’s ghéill air ball, Dh’ fhalbh e ’s osna gu trom, trom, Romh ’n oitir bhàin le céum fann, Aig slios ioma-shloisreach nan tonn. Ag imeachd grathuinn bho ’n t-sluagh Thairg e suas an ùrnaigh dian Do àrd Phœbus nan colg còrr, Mac Latròna b’ òrbhuidhe ciabh: Ardrigh a’ bhogh’-airgid, éisd, D’ an rùn Cilla ’s céutach bàrr, Tenedos do d’ neart gu ’n géill, ’S Chrisa ’g éibhneas fo d’ chaoin bhlàs. Riabh, ma chroch mi ’d theampall àigh, Lus-chrùn ùr a b’ àillidh dealbh; Riabh ma chnàmh air d’ altair ghrinn, Sléisdean ìghmhor bhoc a’s tharbh; Eisd rium, Apollo nam buadh, Air m’ anshocair chruaidh dian fòir; Taosg do shaighdean calgach, géur, ’S dioghail air a’ Ghréig mo dheòir, Chual Apollo ’n acain-bhròin; An fhearg mhìllteach bhòchd ’n a chliabh; A nuas le cruaich Olimpuis àird, Thùirling e ’s bu ghàbhaidh thriall. Bogh’ air ghléus mu ’ghuailnean àigh, Balg fo làn-uidhim ri thaobh, Fhluinnteadh ’n a imeachd, ’s gach ceum, Fuainn ghliongrach nan réub-bhior caol. Mar oidhche nan sian a ghreann, ’S e teannadh a chòir nan long; Thilg e chiad urchuir ’n a deann, Thorchuir an tùs ’iùthaidh ghrag Mnileideon is geal-choin luath, Fad a’s liad a’ chaimp ’n a dhéigh, Fhrois e ’n t-éug am measg an t-sluaigh. Bu lionmhor air lom a’ bhlàir Teintean-soillse cràmh nam marbh; Naoidh làithean gun mhearachd gleòis, Sgap Apollo ’n dòrlach searbh. Cho-ghairm air an deicheamh là, Deagh mhac Pheleuis an làn-fheachd; An diol le Iuno bu truagh; B’ ise ghluais an smuain ’n a bheachd. (Ri leantainn.) MAC NA BANTRAICH. SGEUL FIOR. Ann am baile beag araidh anns an taobh-deas bha Sgoil-Shabaid, agus bha moran cloinne ’g a taoghal. Am measg chaich bha balachan beag, tapaidh, aon mhac a mhathar, agus bu bhantrach i. Cha ’n ’eil teagamh nach do mhilleadh e, gidheadh, le bhi ’toirt a thoil fein da anns gach ni, agus le bhi ’g a fhagail gun smachd a chur air, ge b’ e ni a dheanadh e. Is tric tha na miltean dhe ’n oigridh a’ dol air seacharan, agus a’ claonadh gu tur air falbh o shlighe na firinn trid mi-churam sgriosail am paranta fein. Nach tric a chual sinn uile an sean-fhocal—“Ni na big, mar a chi na big;” ach tha e ceart co fior gu ’n nochd an oigridh, an uair a ruigeas iad gu inbh agus aois, an deagh-ghiulan sin a sparradh orra ann an laithibh an oige le ’m parantaibh fein. Nach glic an ti a thubhairt, “Teagaisg leanabh a thaobh na slighe air an coir dha imeachd; agus an uair a bhios e sean, cha treig e i.” Bha mac na bantraich na dhroch ghille, steidhichte air a bhi ’deanamh an uilc—fiadhaich, reasgach agus droch-bheirteach! Chuireadh chum na sgoil e, ach cha robh sin chum feum sam bith. An ait dol do ’n [TD 247] sgoil, rachadh e air falbh maille ri droch chompanaich gu bhi ri milleadh agus ris gach olc a thigeadh na ’char. Is ann a thaobh meas a bhi air a mhathair a cheaduicheadh dha a bhi sa sgoil ach mu dheireadh cha do ghabh neach sam bith suim deth, agus runaich a luchd eolais cead a choise a thoirt dha, gus an tugadh a shroin fein comhairle air. An sin, thug e an t-aite so, agus an t-ait ud eile air, a’ dol a null ’s a nall, gus mu dheireadh an do dhruideadh a mach e leis na h-uile air son a dhroch ghiulan fein. La de na laithibh, air da a bhi fann, sgith, ocrach, agus eagal air dol dhachaidh dh’ionnsuidh a mhathair, o ’n bhris e a cridhe, ghabh Uilleam bochd anns na saighdearaibh, agus chuireadh e gu cogadh America. Ged a chaidh e do ’n arm, agus fad air falbh o dhuthaich a bhreith, cha d’ thainig caochladh idir air chum maith, ach d’ fhan e ceart co coirbte, aingidh, agus malluichte ’s a bha e riamh. Bha a mhathair bhochd fathast air a caomhnadh gu bhi ri caoidh air a shon, agus gu bhi ’guidhe air an Tighearn’ trocair a nochdadh dha. Air di a bhi fo mhor thrioblaid-inntinn air son a mic amaidich, chual i mu shaighdear eile, mac tuathanaich ’n a coimhearsnachd fein, a bhuineadh do ’n aon chuideachd ri Uilleam, agus a bha gu seoladh gun dail thar fairge chum dol dh’ ionnsuidh na reismeid. Dh’ fhalbh i, agus cheannuich i Biobull beag chum a chur leis an t-saighdear mar thiodhlac luachmhor d’ a mac. Cha ’n ’eil teagamh nach do fhliuch si e le ’deuraibh, agus nach do chuir i mile beannachd agus deagh-dhurachd ’n a lorg. Chuir an t-oganach truagh a cheana gu dian an aghaidh gach innleachd agus strith a rinneadh le ’mhathair chum ’ath-leasachadh, ach co a’s urrainn a radh nach cuir gras an Tighearna eifeachd anns a’ chuimhneachan graidh so chum an t-oganach a chasgadh ’n a bhras-ruith gu leir-sgrios. Rainig an saighdear gu tearuinte, agus ghlac e a’ cheud chothrom chum mac na bantraich fhaicinn, agus thubhairt e ris, “Uilleim, fhir mo chridhe, chunnaic mi do mhathair mu ’n d’ fhag mi Alba.” “Seadh,” ars’ Uilleam, “am beo a’ chailleach chrosda?”—agus chuir e a’ cheist air mhodh co mi-nadurra ’s a nochd gu ’n robh e comadh co dhiubh bha i marbh no beo. “O! Uilleim, Uilleim, an ann mar sin a tha thu ’labhairt mu d’ mhathair chaoimheil fein? Bha i beo, ach gle dhiblidh, fann, tuirseach, agus air cromadh gu lar le bron; ach chuir i tiodhlac beag leamsa ad ionnsuidh le moran bheannachd.”—“Tha mi ’n dochas,” deir an t-oganach, “gur e airgid a chuir i thugam, oir is mise tha feumach air.” “O! mo ghille maith,” deir an saighdear,” is tiodhlac e a ta ni ’s fearr na airgiod, agus ma ni thusa feum cheart dheth, feudaidh e ’bhi dhuitse ni ’s luachmhoire na uile airgiod agus or na cruitheachd,—is e Biobull a tha ann, Uilleim, am Biobull, Leabhar naomh an De bheo.” Thilg e a shuilean air an tiodhlac luachmhor le tair nach gabhadh cealachadh, ach cha dubhairt e guth. Dh’ fhan e ’n a thosd, a’ tilgeadh a shuilean iomluasgach air an lar. “Chuir do mhathair ’ad ionnsuidh aon iarrtas deireannach,” deir an saighdear,” agus ghuidh i ort an Leabhar so fhosgladh gach la, agus earrann deth a leughadh, ged nach biodh ann ach aon rann.”—Ghabh e an Leabhar, agus laimhsich se e, mar gu ’m biodh aon chuid eagal no nair air a mheur a chur air, no ’thogail ’n a laimh. Dh’ fhan e tamull ’n a thosd, agus a’ togail a chinn, thubhairt e, “Cha ’n ’eil e na ni mor gun teagamh aon rann a leughadh gach la ma bheir sin [TD 248] comhfhurtachd idir do ’n chaillich sin a’s mathair domh. An ceann tacain dh’ fhosgail e an Leabhar, agus thubhairt e, “Is iongantach an ni gu ’n do thuit mo shnuil air an aoin earrainn a bha riamh am chomas ionnsachadh ’s an Sgoil-Shabaid, agus ’s iad so na briathra,—“Thigibh am ionnsuidh-sa sibhse uile a ta ri saothair agus fo throm uallaich, agus bheir mise fois diubh.” Tha so ro iongantach da rireadh! Ach co e so tha ’g radh, “Thigibh am ionnsuidh-sa?” “Nach ’eil fios agad,” deir an saighdear ri Uilleam, “gur e Iosa Criosd Mac Dhe a tha ’toirt a chuiridh so do dhaoinibh truagh, peacach, saruichte, mar a ta thusa agus mise?” Dh’ fhalbh an saighdear, agus air da sealltuinn air ais, chunnaic e mac na bantraich le ’lamhaibh air a shuilibh, agus na deoir a’ tuiteam sios ’n an tuiltibh gu lar! O ’n la sin thoisich e air na Sgriobtuirean a rannsachadh, agus cha b’ fhad gus an robh e co comharraichte air son a naomhachd ’s a bha e riamh air son a pheacanna. Bhuanaich e tuille an deigh sin ’n a dhuine cliuiteach, measail, agus diadhaidh. Cha b’ fhad an uine, gidheadh, gus an d’ thugadh e a tir lan amhghair agus broin gu rioghachd a ta “neo-thruaillidh, neo-shalach, agus a chaoidh nach searg as.” Chuireadh cath deistinneach beagan an deigh sin, agus air do ’n t-saighdear a bhi air a chaomhnadh chaidh e seachad air an araich fhuiltich air a comhdachadh le closaichibh ’n am marbh, agus chunnaic e Uilleam mac na bantraich ’n a shineadh gu ’n deo fo chraoibh! Ghlac e am peileir mu ’n amhaich, ach bha e a’ leughadh a’ Bhiobuill a reir eolais an deigh dha ’bhi air a leonadh, o ’n bha e ’n a luidhe tharais air, agus bha e fosgailte aig a’ cheart earrainn a dh’ ainmicheadh a cheana. Thug an saighdear leis am Biobull, agus cha do dhealaich o ris fhad ’s bu bheo e. Chuir e litir dh’ ionnsuidh Ministeir na sgriorachd far an robh a’ bhantrach a chomhnuidh, chum gach ni a chur an ceill di mu thimchioll a mic. Rinn an Ministear sin, agus bha cridhe na bantraich lan solais a thaobh an atharrachaidh a rinneadh, le gras De, air mac a graidh, agus thug i cliu do ’n Ti a’s airde agus dh’ fhag i fein gu sona an saoghal beagan an deigh sin, le dochas gu ’n robh Uilleam air thoiseach oirre ann an rioghachd na gloire. Gu robh Focal naomh an Tighearna, uime sin, air a bheannachadh do na h-uile a ta mi-churamach, mar a bha e, gun teagamh do ’n oganach struidheil air an d’ thugadh a nis iomradh. SGIATHANACH. CAOIDH CHRIMINE. O thaibhse, bho airde nan nial, Cromaibh a dh’ iarraidh ur Deirg! A’s thigibh, oighean an Trein, o ’r talla, Le ur-fhalluinn leibh do m’ ghradh! C’ uime, Dheirg, an robh ar cridh’ Air an sniomh co dlu ’n ar com! A’s c’uim’ a spionadh thusa uam, ’S an d’ fhagadh mise gu truagh trom? Mar dha lus sinn ’s an druchd ri gaire, Taobh na creige ’m blas na greine, Gun fhreumh air bith ach an aon, Aig an da lus aobhach aoibhinn. Sheun oighean Chaothain na luis, Is boidheach leo fein am fas! Sheun a’s na h-aighean eutrom; Ged thug an torc do aon diu ’m bas. Is trom trom, ’s a cheann air aomadh; ’N t-aon lus faoin tha fathasd beo, Mar dhuilleach air seargadh ’s a’ ghrein— O! b’ aoibhinn bhi nis gun deo! A’s dh’iadh orm oidhche gun chrich; Thuit gu sior mo ghrian fo smal. Moch bu lannair air Mor-bheinn a snuadh, Ach anmoch chaidh tual an car. ’S ma threig thu mi, sholuis m’ aigh! Tha mi gu là bhrath gun ghean. Och! mur eirich Dearg a phramh, Is duibh-neul gu brath a bhean! [TD 249] ’S duaichnidh do dhreach; fuar do chridh’; Gun spionn’ ad laimh, no cli ad chois. Och! ’s balbh do bheul a bha binn; Och ’s tinn leam, a ghraidh, do chor! Nis chaochail rughadh do ghruaidh, Fhir nam mor-bhuadh anns gach cath? ’S mall, mar na cnuic air ’n do leum, A’ chas a chuir eilde gu stad. A’s b’ annsa Dearg seach neach fo ’n ghrein! Seach m’ athair deurach, ’s mo mhathair chaomh. Tha ’n suil ri lear gu tric ’s an eigheach; Ach b’ annsa leamsa dol eug le m’ ghaol! A’s lean mi ’n cein thar muir a’s glinn thu, ’S laidhinn sinte leat ’s an t-sloc; O! thigeadh bas no torc do m’ reubadh, Neo ’s truagh mo chàramh fein an nochd. A’s rinneadh leaba dhuinn an raoir, Air an raon ud cnoc nan sealg; ’S ni ’n deanar leab’ air leth an nochd dhuinn, ’S ni ’n sgarar mo chorp o Dhearg! Tuirlibh, O thaibhse nan nial, Bho ionadan fial nam flath! Tuirlibh air ghlas-sgiathan ur ceo, A’s glacaibh mo dheo gun athadh! Oighean tha ’n tallaibh an Trein, Deilbhibh ceo-eideadh Chrimine; Ach ’s annsa leam sgiobul mo Dheirg; Ad sgiobuls’, a Dheirg, biom! —Dan an Deirg.—Jerram. BEINN VESUVIUS. Anns a’ bhliadhna 1717, ann am meadhon a’ cheitein, rainig mi (arsa Easbuig Berkley) mullach beinne Vesuvius, anns am faca mi fosgladh farsuing as an robh smuid co mor a’ teachd a nios, ’s nach robh e am chomas doimhne no cumadh an t-sluichd fhaicinn. Anns an dubhaigean oillteil so, chuala mi fuaim eagalach, a’ teachd a nios, mar gu ’m b’ ann, a meadhon na beinne, agus air uairibh cosmhuil ri tairneanach no fuaim ghunnacha-mora, no leachdan creadha a’ tuiteam o mhullach thighean air a’ chabhsair. Mar dh’ atharraich an soirbheas air uairibh dh’ fhas an toit ni bu lugha, a’ taisbeanadh lasair dhearg, a bha mu ’n cuairt do bheul an t-sluichd, ballach dearg, agus air uairibh buidhe. An deigh dhuinn fuireach corr a’s uair, ’s an smuid a bhi air a h-atharrachadh leis an t-soirbheas, bha againn air uairibh sealladh aithghearr air an t-slochd mhor so. Ann an iochdar an t-sluichd, bu leir dhomh gu h-araidh da aite-theine dlu d’a cheile; bha ’n t-aon air an laimh chli mu thuaiream tri slatan air leud, as an robh lasair ruadh, a’ tilgeadh os a cheann doirneagan chlach a bha dearg-theith, le toirm anabarrach: agus an uair a thuit iad air an ais, rinn iad an stairirich choimheach sin a dh’ ainmich mi cheana. Air an ochdamh la de cheud mhios an t-samhraidh, dhirich mi moch ’s a’ mhaduinn an dara h-uair gu mullach na beinne so, agus fhuair mi beachd agus sealladh ur air an aite. Bha ’n toit ag eirigh suas co direach reidh, ’s gu ’n d’ fhuair mi lan-shealladh air beul an t-sluichd, a bha, a reir mo bharail, mile mu ’n cuairt, agus mu cheud slat air doimhneachd. O ’n a bha mi ’n so mu dheireadh, bha carn mor cruinn air cruinneachadh ann an iochdar an t-sluichd. Thachair so o na clachaibh a bha air an tilgeadh suas, agus a thuit a ris air an ais anns an t-slochd. ’S ann ’s a’ mheall ur so a bha ’n da theine a dh’ ainmich mi. Bha ’n dara h-aon diubh, gach tri no ceitheir de mhionaidibh, a’ tilgeadh an aird le fuaim uamhasaich, aireamh anabharrach de chlochaibh dearg, teinnteach, air a chuid bu lugha tri cheud troidh os mo cheann; ach do bhrigh nach robh gaoth ann thuit iad sios anns a’ cheart ait as an d’ thainig iad. Bha ’n t-aon eile lan do stugh leaghta dearg, teith, mar chi sibh ann an tigh deanamh ghloineachan, air ghoil agus tre a cheile, ag at ’s a’ gluasad mar thonnaibh na fairge, le toirm bhras, ghoirid. Air uairibh [TD 250] chuir an stugh goileach so thairis, agus ruith e sios air taobh a’ chuirn, dearg-theith mar thainig e mach, ach chaochail e ’dhath ’s a choslas mar chruadhaich agus mar chinn e fionnar. Na ’n atharraicheadh a’ ghaoth, ’s gu ’n seideadh i chum an taobh air an robh sinne, bha sinn an cunnart a bhi air ar marbhadh leis na mill leaghta a bha air an tilgeadh o ’n aigean; ach o’n a bha ’ghaoth freasdalach, fhuair sinn cothrom air sealladh beachdaidh a ghabhail air an ait iongantach sin car uair-gu-leth a dh-uine. Air a’ chuigeamh la de mhios meadhonach an t-samhraidh, chunnacas an sliabh so fad an rathaid o bhaile-mor Naples, a’ bruchdadh thairis; agus tri laithean ’n a dheigh sin dh’ ath-uraicheadh an fhuaim thorrunnach a thainig as, air chor ’s nach e a mhain gu ’n do chrithich gach uinneag, ach mar an ceudna gach tigh, a bha sa’ bhaile, chriothnaich iad o ’n steidh. O’ n am sin dh’ at e thairis, agus air uairibh san oidhche chithteadh mill theinnteach air an tilgeil fad’ os a ceann anns na speuraibh. Air an deicheamh la ’n uair a shaoil sinn gu ’n do sguir i, thoisich i as ur, ag at agus a’ beuchdaich gu h-oillteil. Cha ’n ’eil e ’n comas do neach beachd a’s firinniche bhi aige air an fhuaim a thainig uaipe, ’n uair bu choimhiche i, na smuainteachadh mar gum biodh doinionn ghailbheach a’ gheamhraidh, toirm atmhor a’ chuain mhoir, torrunn speur, agus callaid ghunnacha-mora, air an aon am, a’ deanamh co’-fhuaim eagallaich le cheile. Ged a bha sinne da-mhile-dheug air astar, bu chulaidh-uamhais an fhuaim. Chuir sinne romhainn dol ni bu dluithe air an t-sliabh, agus thug triuir no cheathrar againn bàta leinn, agus chaidh sinn air tir aig bun na beinne. Mharcaich sinn an sin ceithir mile mu ’n d’ thainig sinn a dh-ionnsuidh an stugh leaghta a bha sruthadh a nuas ’n a chaoiribh dearga air slios na beinne. ’S ann a nis a chinn an stairirich agus an fhuaim uamhasach thar tomhas. Anns an neul a bha os ceann beul an t-sluichd, mhothaich mi gach dath a bhiodh ann am breacan. Bha maraon rughadh dearg, uamhasach anns an speur, os ceann an aite far an robh an stugh teinnteach a’ tearnadh. Bha, mar gu ’m biodh, abhuinn mhor de stugh leaghta a’ ruith a nuas o mhullach gu bonn na beinne, agus le neart nach b’ urrainnear a chasgadh, a’ milleadh, a’ losgadh, agus a lom-sgrios gach fion-lios, gach craobh olaidh, agus gach tigh a thainig ’n a rathad; agus sgoilt am beum-sleibhe so as a cheile air gach taobh mar bha creagan agus cnuic a’ cur grabaidh air ’n a dheannruith mhillteach. Bha ’n sruth bu mho dhiubh mu leth-mhile air leud agus cuig mile air fad. Dhirich mi suas beagan ri taobh na h-aibhne teinntich so; ach b’ eiginn domh grad-theicheadh air m’ ais, a thaobh ’s nach mor nach do thachd faileadh a’ phronnaisc mi. Am feadh a bha sinn a’ dol air ar n-ais mu thri uairean s a’ mhaduinn, chuala sinn beucaich na beinne, a’ ranaich gu h-oillteil fad na slighe; agus chunnaic sinn i a’ tilgeadh os a ceann steallan lasrach agus clachan teinnteach, a bha, mar a thuit iad air an ais, cosmhuil ri rionnagan drileannach a thuiteas o theine ealanta a ni daoine le fudar. Air leam gu ’n robh na clachan teinnteach sin air an tilgeadh mile troidh direach anns an athar os ceann mullach an t-sleibh. Anns an t-suidheachadh so dh’ fhuirich e re sheachd no ochd de laithibh. Air an ochdamh-la-deug de’n mhios cheudna, sguir gach coltas de ’n t-seorsa so, agus bha beinn Vesuvius mu dheireadh gu ciuin samhach, gun smuid, gun lasair.—Leabhar nan Cnoc. [TD 251-60] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 261] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] TREAS MIOS AN FHOGHAIR, 1874. [33 AIR. SGEUL AIR MAIRI A’ GHLINNE. AN DARA H-EARRANN. “Rugadh mise,” arsa Mairi a’ Ghlinne, “ann an Eilein a’ Cheo—’s ard e bheanntan gorma—’s fasgach, uaine a ghlinn bhoidheach. Ged is lag, diblidh mi ’n nochd tha fuil dhaoine treuna, air an cuala sibhse iomradh, a’ ruith am chuislibh. Cha robh leanabh aig m’ athair ’s aig mo mhathair ach mi, agus ghradhaich iad mi le toighe mhoir. “Bha mi, gu truagh, air mo mheas na b’ aillidh agus na bu bhoidhche na aona chaileag eile ’bha ’s an duthaich. Bha crodh a’s caoraich againn, a’s gabhail bheag fhearainn: cha robh dith no uireasbhuidh oirnn, no farmad ri aon teaghlach ’s an eilean. “’N uair a thainig mi gu h-aois, bha ’h-aon no dha ag iarraidh mo phosadh; ach cia mar a b’ urrainn domh mo lamh a thoirt do dhuin’ eile, ’s gu ’n robh mo chridhe o cheann fhada aig Manus donn na Beinne? “Thogadh sinn le ’cheile, agus mar a dh’ fhas sinn ’suas neartaich ar gaol. Cha ’n ’eil stath innseadh a thricead ’s a bhoidich e nach robh air aghaidh an t-saoghail te d’ an d’ thug e gaol ach Mairi a’ Ghlinne; agus, mo chreach! ’s e mo chridhe bochd a dh’ innseadh dhomh-sa cho blath, sheasmhach ’s a bha mo ghaol-sa dha-san. Chaidh an aimsir seachad gu maith; bha m’ anam mar gu ’m b’ ann a’ snamh ann an solas. Cha robh cleth no falach eadaruinn: c’arson a bhitheadh? Cha robh ’n a bheachd ach na bha ceart agus measail, agus focal cha d’ thainig as a bheul ach a’ chainnt a bu bheusaiche agus a bu chliuitiche. “Bha cairdean Mhanuis dhomh-sa mar mo mhuinntir fhein, gach aon diubh ach a phiuthar, a bha fada, fada ’m aghaidh, gun fhios c’ arson. Cha robh doigh a b’ urrainn i ’chleachdadh nach d’ fheuch i chum cur eadaruinn; ach so cha deachaidh aic’ air an am a dheanamh. Bha ’n uine ’dol seachad, agus bha latha na bainnse bu bhi air a shuidheachadh, ’n uair a thainig litir as na h-Innsibh an Ear, o bhrathair-athar Mhanuis, ag iarraidh air e ’dhol thairis g’ a ionnsuidh agus gu ’m fagadh e ’bheairteas aige. Thainig a phiuthar le cabhaig agus le solas a dh’ innseadh so dhomh. Thainig e fhein air an la ’m maireach; agus tha mi ’lan-chreidsinn gu ’m b’ fhearr le Manus fuireach leam ’s a’ ghleann air a’ bheagan, na m’ fhagail air son òr nan Innsean. Ach cha d’ fhuair e tamh no fois o ’chairdibh. Bha brathair ’athar aosda, euslan, bha e saoibhir mar an ceudna; ann an uine ghearr bhiodh Manus dhachaidh a rithist, agus an sin choimhlionadh e gach gealladh dhomh-sa. Mar so labhair cairdean Mhanuis, agus chunnaic mi gu ’n robh e fhein deonach air falbh. Cha dubhairt [TD 262] mise gu ’m b’ olc, agus cha mho ’thubhairt mo mhuinntir. “Chaidh e mach do Dhun-Eideann a cheannach gach goireis a bha dhith air, oir thainig dhachaidh am pailteas chum na criche so. Fhuair e ’dhealbh fhein air a tharruing, agus coslas na b’ fhirinniche cha ’n fhacas le suil. Bha ’n dealbh so air a shuidheachadh ann an or, le ’fhalt donn fhein agus m’ fhalt-sa air an amladh le ’cheile mu ’n cuairt da. Thug Manus an dealbh so far an robh mi an oidhche mu ’n d’ fhalbh e. ‘So,’ ars’ esan, ‘a Mhairi, cuimhneachan beag a thug mi dhachaidh air do shon. Giulain ann ad uchd e, agus fagus air do chridhe; agus ma chluinneas tu tuaileas orm-sa, ma bhios eagal ort gu ’n di-chuimhnich mi thu, amhairc air an dealbh sin: chi thu firinn, a’s baigh, a’s gradh ’s an t-suil sin, nach caochail am feadh ’s a tha ’n t-anam am chom.’ Chairich mi ann am uchd e. ’S e ’m bas,’ arsa mise, ‘a dhealaicheas sinn,’ agus mar a thubhairt, b’ fhior. Ciod a th’ agaibh air—b’ eiginn dealachadh. Bha ’ghealach ag eirigh cul na beinne ’n uair a phill mi o ’n traigh. Tha farum nan ramh, agus onfhadh trom, tursach a’ chuain fhathast am chuimhne mar gu ’m b’ ann an raoir a dhealaich sinn. “Phill mise dhachaidh—ach chaidh an t-saighead am chridhe air an oidhche sin, a dh’ fhag guin nach d’ thainig, agus nach tig, as. Bha mi gorach, amaideach, aineolach; air mo Chruithfhear bha mi tur di-chuimhneach. Bha iodhol eile aig mo chridhe—a’s dhiol mi gu trom air a shon. Air-san bha mi ’smaointeachadh moch agus anmoch; bha e ann am smaointibh ’s an latha—bha e ann am aisling ’s an oidhche. Ge b’ e taobh a rachainn bhiodh ’fhaileas fa chomhair mo shul: a’ siubhal an rathaid-mhoir, bhithinn a’ meorachadh a bhriathran, agus, ge h-oillteil r’ a innseadh e, ’s ann air a bhiodh m’ inntinn a’ ruith ann an tigh-aoraidh an Tighearna; oir ged a dh’ eirinn ’s a shuidhinn mar a dheanadh cach—ged bhiodh am Biobull am laimh—ged bhiodh fonn nan salm air mo bhilibh, ’s ann anns na h-Innsibh, aig Manus na Beinne, ’bha gradh agus tlachd m’ anama. “O! ’s mise ’bha cealgach! ’s ann de throcairean an Tighearna nach d’ thainig sgrios orm an lorg mo ghiulain fhaoin, ghoraich. ’S ann air an dealbh a bha ’n crochadh ri m’ uchd, ag eirigh ’s a’ luidhe leam a bha ’cheud sealladh ’s a’ mhaduinn, agus an sealladh mu dheireadh ’s an oidhche. “Bha ’s a’ cheud dol a mach litrichean a’ teachd uaithe gu tric, lan de ’n chainnt a bu bhlaithe ’s a bu ghradhaiche; ach chinn iad na b’ ainmice agus na b’ fhuaire. Mu dheireadh stad iad gu buileach, agus cha robh fios a’ teachd am ionnsaidh ach mar a bha naidheachd na duthcha ’g innseadh. “Bha aonta m’ athar a mach; chuireadh mal mor mu choinneamh a’ bhaile; bha e fhein breoite, euslan; mhothaich e mar a bha mise ’sioladh as. Is minic a chanadh e rium, ’s na deoir a’ tuiteam gu frasach:—‘A Mhairi, chuilein mo ruin, cha ’n ’eil thusa mar bu mhiann le d’ athair.’ Thainig a’ bhairlinn—thainig latha Bealltuinn. B’ eiginn an gleann boidheach ’fhagail. Reiceadh gach crodh a’s caoirich; ach mu ’n d’ thainig latha na h-imrich, bha ’n t-athair a bu bhaigheile fo ’n fhoid? “Thog mo mhathair a’s mis’ oirnn; agus ann am bothan bochd air aon mhart, agus baidnein beag ghabhar, fhuair sinn gabhail againn ann an ceann eile na duthcha. Cha b’ fhad a sheas mo mhathair. Bliadhna an deigh bas m’ athar [TD 263] chaireadh a corp r’ a thaobh. Chaitheadh am beagan a bh’ ann, an am a bais, a’s dh’ fhagadh mise ’m dhuile bhochd, laig, bhreoite, gun athair gun mhathair, gun phiuthar gun bhrathair, gun duine air uachdar an t-saoghail mhoir ann an dluth-chairdeas domh. Ach ’s fad’ o ’n a chuala sibh e, ‘Thig Dia ri h-airc ’s cha ’n airc ’n uair a thig.’ ’S mis’ a dh’ fhiosraich gu ’m b’ fhior. Chuir Esan caraid am rathad. Bha ministeir ’s an eilean sin—fear a’ chridhe mhoir. ’S iomadh truaghan bochd a fhuair fasgadh ’n a thigh; ’s iomadh dilleachdan bochd d’ an robh e mar athair; ’s iomadh allabanach diblidh a fhuair e air seacharan, ’s a bha e ’n a mheadhon ’n an treorachadh a dh’ ionnsaidh an Ti aird a chum agus a chruthaich iad—’s b’ ann diubh mise. Chaochail thu, ’fhir mo chridhe!—ach tiota beag, agus coinnichidh sinn ann an duthaich a’s fearr! Bha cairdeas fad’ a mach eadaruinn, ’s cha ’n fhoghnadh leis ach mi ’dhol a dh’ ionnsaidh a thighe. Turus an aigh dhomh-sa! A mach o ’n latha sinn fhuair mi misneach—fhuair mi beachd ur air an t-saoghal—bha mi ’fas na bu laidire, ach bha mo chridhe fhathast goirt—agus bithidh. “Thainig bean-uasal cheanalta, bheairteach dhachaidh air an t-samhradh sin á Dun-Eideann, ’s cha ghabhadh i diultadh uam gun dol leatha gu Galldachd, a’ gealltuinn gu ’m faigheadh i cosnadh dhomh, leis an tugainn mi fhein troimh ’n t-saoghal gun a bhi ’m uallaich air neach air bith. So na bha ’dhith orm. Dh’ fhag mi tigh an duine bheannaichte, ’s rainig mi Dun-Eideann. Fhuair mi cosnadh ann an tigh measail, le teaghlach caoimhneil, far nach robh ’bheag agam r’ a dheanamh ach curam a gabhail de dhithis phaisdean, cho lurach, aluinn ’s a bha riamh ann an aon teaghlach. Bha mi dileas, faicilleach. Latha de na laithean mar a bha mi ’mach air na sraidibh leas na leanaban, mhothaich mi og-bhean uasal, eireachdail, agus duin’ uasal ard, flathail a’ labhairt r’ a cheile, dluth do ’n aite ’n robh mi ’am sheasamh. Dhealaich iad; ach mar a bha esan a’ gabhail tarsuinn air an t-sraid, chuala mi ise ’g eigheach gu h-ard ’n a dheigh air ’ainm. Ciod an t-ainm a bha so ach an t-ainm a bu bhinne leam-sa eisdeachd? Rainig am fonn mo chridhe. Dh’ amhairc mi agus mhothaich mi gu ’m b’ e Manus a bh’ ann. O! dh’ aithnichinn e ’m measg sluagh an t-saoghal. ’S e a th’ ann, arsa mise, ach ceum cha robh mi comasach air gluasad. Thainig tuainealach am cheann; thainig breisleach orm; ’s mur bithinn air mo thaic a leigeil ri ceann tighe ’bha dluth dhomh, bha mi air tuiteam air a’ chabhsair. Ghadh iad (ise ’leigeil a taic air a ghairdean), a nall far an robh mi, agus bha mo fhradharc a rithist a’ tighinn. Bha ’h-aon de na leanaban air a’ chabhsair, ’s thoisich a’ bhean-uasal ri briodal ris. Dhluthaich iad orm; mhothaich iad nach robh mi gu maith, oir bha mo thaic fhathast ris a’ bhalla ged a bha suil agam air na leanaban. Dh’ amhairc mi gu geur ’n a aodann. Dh’ fhag an deirge a ghruaidh—thug e clisgeadh beag as. Cha robh comas agam air aon fhocal a labhairt: thainig reachd am mhuineal. Cha d’ aithnich e mi—tha mi lan-chinnteach nach d’ aithnich: ach an deigh, dhoibh dol seachad chunnaic mi e ’toirt suil ’n a dheigh, agus uaithe so thuig mi a dh’ aon chuid, gu ’n d’ thug e fainear gu ’n robh samhlachadh eadar mi ’s Mairi a’ Ghlinne. “Thachair dhomh bhi ’mach latha eile, agus choinnich mi te de mhuinntir mo dhuthcha, a dh’ innis domh gu ’n robh Manus ’s a’ bhaile; [TD 264] gu ’n do phill e as na h-Innsibh le anabarr beairteis; agus gu ’n cual’ i gu ’n robh e fhein agus maighdean og Shasunnach a’ dol a phosadh. Chuala mi an t-aite ’s an robh e ’fuireach, ach cha leigeadh mo chridhe leam dol far an robh e. Chaill mi mo shlainte. B’ eiginn mo chosnadh ’fhagail. Chaidh an teaghlach aig an robh mi do Shasunn, ach cha robh e ’m chomas an leantuinn. Thainig mi do ’n bhaile-mhor so, gun fhios c’arson: agus fhuair mi fasgadh agus cairdeas ann an tigh na mnatha coire sin a chunnaic sibh maille rium ’s an aite so. Reiceadh na bh’ againn, a chuid ’s a chuid: bha mo bhana-charaid bochd—cho bochd ’s a bha mise. Thuig mi gu ’n robh am bas dluth. Chuala mi gu ’n robh Manus posda; ghlac mi ’m peann uair agus uair chum fios a leigeil d’ a ionnsaidh air a’ chor bhochd anns an robh mi, ach thainig fuil mo shinnsirean, ‘Sliochd Olghaire an Duin’ beo, lag mar a bha mi, agus thilg mi ’m peann as an t-sealladh. Cha dubhairt mi focal na bu chruaidhe riamh ’n a aghaidh na am Freasdal a thoirt maitheanais da. ’S e sin guidhe durachdach mo chridhe. Mheall iad e!—mheall iad e!—cha deanadh Manus riamh mar a rinn e mur biodh iad air a mhealladh. Tha mi ’n so a nis, agus am bas dluth. Is e ’bheatha—failt’ air! Tha mi sgith de ’n t-saoghal—tha mi ’nis a’ mothachadh gu ’m bheil gradh aig mo Dhia orm. Roimhe so bha ’m bas ’n a chulaidh eagail leam, ach mar is dluithe ’tha mo cheann-criche ’tighinn orm ’s ann a’s soilleire an sealladh a tha ’m Fear-saoraidh a’ toirt dhomh air ailleachd an Ard-Righ, agus maise na duthcha ’tha fad’ as. Tha m’ fhuil a’s m’ fheoil a’ failneachadh, ach anns an Tighearna Dia tha neart siorruidh. ’S e mo chul-taice ’s mo sholas, nach ’eil diteadh dhoibh-san a th ’ann an Iosa. Air-san a mhain tha m’ earbsa air son tearuinteachd. ’S tric a leugh mi ’s a’ Bhiobull nach ’eil saorsa ann ach tre fhuil Chriosd; ach a nis tha mothachadh agus fiosrachadh laidir agam air an fhirinn so. ’N uair a dh’ amhairceas mi air m’ ais air mo chaithe-beatha, cha leir dhomh ’bheag ach aobhar naire agus aithreachais—ach ’n uair a bheachdaicheas mi air mo Shlanuighear, cha leir dhomh ’bheag no ’mhor ach neart, agus slainte. Tha fhios agam gu ’n do riarach e ’n lagh, gu ’n d’ thug e steach fireantachd. Tha ’fhios agam gu ’n d’ thug e an gath as a’ bhas, agus gu ’n d’ thug e buaidh thairis air an uaigh; air chor agus ged a bhasaicheas mi gu ’m bi mi beo, oir tha m’ Fhear-saoraidh beo, agus seinnidh mi fhathast a chliu maille ri spioradaibh nan daoine maithe, foirfe, ann an gloir. Tha mo thaic air trocair Dhe ann an Criosd. O! cia mor a mhaitheas!” Mar so chriochnaich Mairi a’ Ghlinne a h-eachdraidh. Cha robh latha fhad ’s bu bheo i ’n a dheigh so, nach deachaidh mi g’ a h-amharc. Bu shoilleir gu ’n robh crioch a turuis saoghalta ’n impis a bhi seachad—bu shoilleir gu ’n robh an teud oir a’ failneachadh. Bha a tur ’s a tuigse, agus comas labhairt aice gach am. Cha ’n iarradh i ach a bhi ’leugadh a’ Bhiobuill. “O! leabhar an aigh!” arsa Mairi bhochd—“cliu dha-san a dh’ fhag againn e mar fhuaran fionnar, beo ’s an tir airsnealaich so.” ’S iomadh seanachas taithneach a bh’ againn le ’cheile. Thogadh i gu tric laoidh le guth fann, briste, ’N uair a shaoileamaid gu ’n robh i ’n a suain, dh’ fhosgladh i a suil chiuin le aomadh ard—“Tha mi ’n so, a Thighearna, a’ feitheamh d’ ama-sa, deonach, togaraach gu falbh: ach ma tha ’m barrachd agad-sa mu m’ choinneimh ’s an [TD 265] t-saoghal so, do thoil fein gu ’n robh deanta.” Latha de na laithean, mar a bha mi ’suidhe aig taobh a leapa, agus mo chul ris an dorus, thug Mairi sgread ard aisde, agus chunnalc mi neul a’ bhais air a gruaidh. Dh’ fhosgail i ’rithist a suilean—thug i oidhirp air a laimh a thogail—“S e gun teagamh,” deir ise, a th’ ann—cha ’n ’eil mo fhradharc ’g am mhealladh—’S e a th’ ann. O! ’Mhanuis, a Mhanuis, an tu a th’ ann!” Tuilleadh cha b’ urrainn dh’i—thuit i thairis. Thug mi suil a dh’ ionnsaidh an doruis, agus chunnaic mi ard uasal eireachdail ’n a sheasamh maille ri lighichte ’n tighe. Cha robh suim aige de ni: oir cha chual’ e na thubhairt Mairi. “Thig a nall,” arsa mise, “agus amhairc ’s an aodann so.” Shaoil mi gu ’n do chaochail i, agus chuir mi romhan ’innseadh dha co i. Bha ’dhealbh fhein aice ’n a laimh. Dh’ amhairc e gu geur—dh’ fhag an fhuil ’aodann—thainig seorsa de chrith air. “Is i a th’ ann,” arsa mise, “Mairi a’ Ghlinne. Sin agad buil agus crioch do cheilge!” Thuit e air a’ chathair—thilg e an neapaicean shioda ’bha ’n a laimh thairis air ’aodann—tharruing e osna throm: thug e taobh na leapach air—thilg e e fhein air a ghluinibh—ghlac e a lamh fhuair, agus chunnaic mi a dheoir a’ tuiteam gu frasach. Thigibh an so, a luchd na ceilge—a luchd nam breug, a mhealltairean! faicibh toradh an uilc! eisdibh na h-osnaicdean, a’ tha dusgadh as a’ chogais leonta so. Thigibh an so, sibhse ’tha le geallaidhnibh posaidh a’ dusgadh dochais nach ’eil a mhiann oirbh a choimhlionadh—faicibh an ailleag thruagh so air leabaidh a bais air tailleadh gheallaidhnean briste! Thainig Mairi as a’ phaiseanadh—dh’ fhosgail i a suil ghorm a rithist—bha ’m fallus fuar air a bathais ghil, ach bha fiamh a’ ghaire air a h-aodann ciuin. “Tha thusa ’n sin, a Mhanuis,” ars’ ise; “thig na ’s dluithe dhomh—tha mi lag, lag. Tha mi ’toirt maitheanais duit—tha, o ghrunnd mo chridhe. Mhealladh thu. O! ’s mor a dh’ fhuiling mi air do shon—ach nach coma co dhiubh—tha fuasgladh dluth. Tha mise sona, ’Mhanuis. O! gu ’n robh thusa mar a tha mise ’n uair a chairear thu air leabaidh bais. Tha thu posda, ’Mhanuis: gu ’n robh thu sona! ach O! cha ghradhaich te thu gu brath mar a rinn mise. C’ait’ am bheil thu? Tha tuainealaich am cheann. A Mhanuis, na fag mi—tiota beag.” “Cha ’n fhag—cha ’n fhag! O! nach robh mi riamh gun d’ fhagail! Cha do mheall duine mi ach mo chridhe uaibhreach fhein. Cha robh mi sona—’s cha bhi; slan le sonas an t-saoghail so dhomh-sa! Mhort mi thu, agus bithidh mallachd an uilc air mo shuibhal fbad ’s is beo mi. Cha d’ thug thu maitheanas domh, a Mhairi—cha ’n urrainn duit maitheanas a thoirt domh!” “Thug,” ars’ ise: “aige-san a thug dhomh an comas sin a dheanamh tha ’fhios gu ’n d’ thug mi lan mhaitheanas duit;—ach na foghnadh sin leat-sa—guidh air Dia maitheanas a’ thoirt duit.” Thug i ’mach an dealbh a bha crochta r’ a muineal—“So,” ars’ ise, “gabh air ’ais an cuimhneachan so—bha Mairi a’ Ghlinne dileas—thubhairt thu rium, ‘Gleidh e, a Mhairi, gu latha do bhais.’ Thainig an latha sin a nis—cha ’n ’eil feum air na ’s fhaide. So, a Mhanuis, gabh air ’ais e; ach stad—leig dhomh aon sealladh eile ’ghabhail deth—leig dhomh a chur aon uair eile ri m’ chridhe. Is iomadh latha ’thug e solas dhomh. Cha d’ thainig atharrachadh air an dealbh sin [TD 266] riamh: tha blàs na sula sin—tha fiamh a’ ghaire sin—tha ailleachd na mala sin, agus cumadh a’ bheoil sin, cho baigheil neo-chaochlaideach dhomh-sa gu latha mo bhais, ’s a bha air ait a’ cheud latha anns an d’ fhuair mi uait e air an traigh. O ’s iomadh faochadh a fhuair mo chridhe bochd o ’n chuimhneachan bheag sin. So, a Mhanuis, gabh air ’ais e—Slan leis—slan leis an t-saoghal!” Thuit i seachad tamull beag. Cha do labhair sinn focal. Thog i ’rithist a ceann—“Tha mi,” ars’ ise, “’dol air mo thurus—tha mi deonach. Tha mi ’mothachadh gu ’m bheil tobar na beatha a’ traoghadh—gu ’m bheil an teud airgid a’ fuasgladh. Tha dorchadas a’ tighinn orm. Tha mo chridhe fuar, fuar. Na fag mi, ’Mhanuis. An duin thu mo shuil ’s a’ bhas? Cha leir dhomh thu—O! trocair do m’ anam, a Dhe!” Thuit a ceann air uchd Mhanuis—tharruing i aon osna—mhothaich mi aon spairn lag. Bha ’n uspairn dheireannach seachad. Bha Mairi a’ Ghlinne ann am fois shiorruidh. BLAR NA STAIRSNICH. (Le George Roy.) Is fuathasach an uaill ’s an othail a bhios air daoine mu ’m blaraibh, an euchdan-cogaidh, an gaisgich ainmeil, chliùiteach, ’s cha ’n ’eil fhios ciod; agus cha ’n iad a mhain na blaraibh fein a tha iomraiteach—feumar farum mor a dheanamh mu eachdraidh nam blar fo linn Oisein a nuas gus an tuasaid mu dheireadh a thachair ’n ar linn ’s ’n ar latha fein. Am fear is deise ’s is eireachdaile ’chuireas an ceill do ’n t-saoghal mu threubhantas nan curaidh a sheas no ’thuit ’s an strith, tha a e air ’ardachadh gus an t-ionad is airde ’n am measg-san a tha air am meas airidh air fleasg ’s air suaicheantas na h-onoir. Cha ’n abair mi gu bheil so mar nach bu chòir dha; cha ’n ’eil mi ach a’ tighinn thairis air ga m’ neartachadh ann a bhi a’ tagradh gu ’m faigheadh mo bhana-charaid labhrach, Mairi Nic-an-Rothaich a h-aite fein am measg na dream a mheasar airidh air cliu nam bard ’s nan eachdraiche; oir tha mi dearbhte nach ’eil i dad air dheireadh air an fhear is cumhachdaiche dhiubh ’n uair a theid i an cinnseal sgeoil mu na batailtean a chunnaic a da shuil fein. Agus tha aon bhuaidh air a naidheachdan: tha iad a’ sruladh a mach as a beul gun umhail sam bith aice gu bheil i a’ cur an ceill ni air bith ùr no annasach. Thachair mi oirre an latha roimhe ’s mi a’ gabhail ceum a sios an rathad. Dh’ aithnich mi air a h-aodann gu ’n robh rud-eigin sonraichte air a h-inntinn. M’ am b’ urrainn domh facal a radh thuirt i, “A bhean mo ghràidh, nach ’eil naidheachd agam dhuit!” Arsa mise, “Ma ’s naidheachd mhath i mar is luaithe chluinneas mi i ’s ann is fhearr.” “Cha ’n ’eil ’fhios agam,” ars’ ise, “co dhiubh their thu gur math no gur h-olc i; ach ’d é do bharail, ’n uair dh’ innseas mi dhuit gu ’n robh blar na dunach air an stairsnich an dé eadar Anna bean Iain-Mhoir, Peigi bean Dhonnachaidh Mhicheil, agus Mairi bean Dughaill Mhic-Pharlain. “Is naidheachd sin da-rireadh,” fhreagair mi. “Naidheachd,” ars’ ise, “ris an robh suil agam o chionn iomadh latha. Cha b’ urrainn do ’n chairdeas ud a bhi buan; bha iad direach gairsinneach—’n an grain do ’n choimhearsnachd gu h-iomlan—Nic-Ille-Mhicheil ’s an dara ceann, bean Iain-Mhoir ’s a’ cheann eile, agus Nic-Pharlain ’s an tigh mheadhoin. Bho mhoch gu dubh bha an dorsan sinnte fosgailte, ’s rachadh iad a mach ’s a stigh ’s ghlaodhadh iad a mach ’s ghlaodhadh iad a stigh, ’s cha robh creutair a [TD 267] thigeadh an rathad nach feumadh iad a bhi mach aig na dorsan a’ spleuchdadh air; agus b’ i Nic-Pharlain—o nach ’eil duine cloinne aice fein—a b’ aon traill do ’n dithis eile; cha ’n fhaiceadh tu i o mhoch gu feasgar nach robh cuid d’ an iseanan aice air a gairdean. Ach cha ’n fhaca mi a bheag de mhath riabh ag eirigh o ’leithid so de chairdealachd, ’s cha mhò ’chunnaic mi e a’ marsainn fada. Bha, uime sin, ioghnadh orm cuin a thigeadh e gu aon-cheann; ach ’s beag suil a bh’ agam gu ’n tigeadh e le cho beag aobhair. Tha e coltach gu ’n robh an da bhalachan, mac Peigi Mhicheil, agus mac Anna Iain-Mhoir, ’a cluicheachd mu na dorsan agus air son ni-eigin faoin chaidh iad thar a cheile, mar is tric a ni clann bheag, agus ghabh an dithis am badaibh a cheile. Tha na balachain mu ’n aon aois, mar a tha fhios agad, agus bha ’choltas air an strith gu ’m biodh i righinn. Tha mac Anna cuid mhath na ’s mò d’ a aois na am fear eile agus bha ’shaod air lamh an uachdar fhaighinn thairis air Mac-Ille-Mhicheil, ’n uair thainig Peigi Mhicheil a mach agus thugaidh i sgailc ’s an leth-cheann do mhac Anna Iain-Mhoir. Ach mo chreach ’s mo sgaradh! bu mhath dhi na ’n do ghleidh i a da lamh aice fein, oir có ’bha ag amharc oirre ach Anna i fhein, agus gun fhacal a radh, a mach thainig i agus rinn i a leithid eile air mac Peigi Mhicheil, agus thoisich a’ bhrionglaid ann an da-rireadh. Thuirt Peigi Nic-Ille-Mhicheil ‘gu ’m bu neonach leatha Anna Iain-Mhoir a dh’ fhuilingeadh do sgonn balaich coltach ri a mac, buille ’thoirt do ’n leanabh.’ “‘An leanabh!’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘is i mo bharail gu bheil e cho sean ris-san; agus na ’m biodh a chuid bìdh a’ dol ann an craicionn cho fallain, dh’ fhaodadh e bhi a cheart cho mor ris; ach,’ ars’ ise, ‘thainig e de chinneach truaillidh co dhiubh.’ “‘Cinneach truaillidh!’ arsa Peigi Mhicheil. “‘Seadh direach cinneach truaillidh,’ arsa Anna; ‘ciod a tha ’n a athair ach an troicheilein truaillidh, bochd?’ “‘Is fearr a bhi beag,’ arsa Peigi Mhicheil, ‘agus a bhi iomlan, na bhi mor agus a dh-easbhuidh cuid d’ a bhuaidhean; taing do ’n Fhreasdal tha a chlaisteachd aige.’ “Bha so ’n a bhuille trom do dh-Anna; oir tha e coltach gu bheil Iain-Mor ro mhaol ’s a’ chlaisteachd, agus tha iad a’ feuchainn r’ a chumail uaigneach. Cha ’n ’eil fios cuin a sguireadh na mnaithean mur tuiteadh do Mhairi Nic-Pharlain tighinn a mach. Ars’ ise, ‘Nach sibh an da oinseach, a’ deanamh a leithid de iorghuill mu chonnspaidean cloinne. Shaoil mi gu ’n robh tuilleadh gliocais agaibh. Bidh a’ chlann a’ falbh ’s an lamhan gu cairdeil mu amhchannan a cheile, agus sibhse a’ cumail suas gamhlais agus droch rùin; ach na ’m biodh sibh a’ deanamh mar bu choir dhuibh, agus ’g an gleidheadh taobh a stigh nan dorsan, bhiodh na bu lugha connsachaidh ann.’ “‘Nach ann agad a tha ’n dearg aghaidh,” arsa Anna Iain-Mhoir. “‘Cha ’n ’eil mi ’faicinn ciod e an gnothach a tha agadsa buntainn ris a’ chuis,’ arsa Peigi Mhicheil; ‘ach cha ghnothach doirbh do chuid cloinne-se ’chumail aig an tigh.’ “‘Cha ’n eadh gu dearbh,’ arsa Anna Iain-Mhoir, ‘cha chuir iadsan na truaghain bhochd, moran dragh, air a’ choimhearsnachd!’ “Nis, tha fios agad fein nach ’eil Mairi Nic-Pharlain ’n a boirionnach connspaideach; thill i air a sail, chaidh i stigh, dhuin i an dorus, [TD 268] agus rinn an dithis eile mar an ceudna. “Ach is fhada m’ am b’ e so a bu deireadh do ’n chluich; bha aig Peigi Mhicheil coinghioll poite bho Anna Iain-Mhoir; cha luaithe bha a dorus, duinte na thilg i fosgailte e, agus a” sin a’ fosgladh dorus Anna, thilg i stigh a’ phoit ag radh, ‘So, sin agad do phoit;’ agus ciod a th’ agad air, ach gu ’n do bhrist i a’ phoit. “Ach, air an laimh eile, bha Anna Iain-Mhoir gu bhi cho fada mach rithe fein; oir tha e coltach gu ’n robh aice-se coinghioll d’ an eachan aig Peigi Mhicheil; agus an uair a bhi i ’g a shlaodadh a mach gu thilgeil a stigh mar a rinn an te eile air a’ phoit, thainig i tarsainn air ciobhal an doruis leis agus bhrist i e. Bha an da chailleach mar so air an aon ruith—rinn an t-eachan briste mu choinneamh na poite briste. Dhuin iad an dorsan a rithist agus shaoileadh tu gu ’n robh gach ni thairis; ach thachair gu ’n robh an tri fir phòsda, Donnachadh Mac-Ille-Mhicheil, Iain-Mor, agus Dughall Mac-Pharlain, a’ tighinn dachaidh comhladh aig a’ cheart am ud agus sheas iad a bhruidhinn car tiota mu choinneamh an doruis. Mar bha an còmhradh gu bhi thairis, a mach chuir Anna Iain-Mhoir a ceann, agus ars’ ise gu crosda, ‘Iain-Mhoir, thig a stigh thun do bhrochain, agus na bi a seasamh a’ sin ri goileam gun seadh; b’ fhearr leam gu ’n taghadh tu do chuideachd.’ Bha na tri fir a’ tionndadh m’ an cuairt le ioghnadh, an uair tharraing Peigi Nic-Ille-Mhicheil an aire, ag radh gu h-athaiseach, diongmhalta, ‘Seadh, a Dhonnachaidh Mhic-Ille-Mhicheil, thig a stigh a’s gabh do thea agus leig le Iain-Mor dol a stigh a ghabhail a bhrochain—brochan, brochan, brochan a ghnath; cha ’n iongantach an duine truagh a bhi bodhar; tha a chlaigeann tiugh, stallachdach air a dhinneadh làn brochain.’ “Fhreagair bean Iain-Mhoir a cheart cho athaiseach agus neo-ar-thaing cho nimheil ris an te eile, ‘Seadh Iain-Mhoir thig a stigh thun do bhrochain agus leig le Donnachadh Micheil dol a stigh thun a thea; tha an duine truagh bochail mu ’n tea; is e a’ chiad fhear d’ an t-sliochd no d’ an ghinealach a bhlais riabh tea; cha mhor tea a fhuair ’athair, Domhnull, a bhasaich an tigh-nam-bochd.’ “Bha Peigi Mhicheil dol a’ fhreagairt le rud-eigin a radh mu shinnsreachd Iain-Mhoir, a b’ abhaist, a reir iomraidh, a bhi a’ togail chorp; ach chuir an da fhear posda stad air an t-seanchus le ’fheoraich ciod air talamh a bu chiall do ’n chainnt sgainnealaich so. Thoisich an dara te air cur as leth na te eile gu ’n do leth-mharbh i a balachan; agus cha robh a shaod air na fir gu ’n tuigeadh iad cuisean idir, ’n uair a chuir Donnachadh Mac-Pharlain, aig a bheil teangadh gle sgaiteach, a mach a cheann ’s thuirt e, ‘Fhalbh, fhalbh, cha ’n ’eil ann ach da chat a’ cur a mach air a cheile mu ’n cuid phiseag.’ “Thug so an gnothach gu aon-cheann; oir dhi-chuimhnich an dithis bhan an connsachadh fein, leis a’ chorruich anns an do chuir iad iad fein a chionn de dhanadas a bhi aig Mac-Pharlain ‘piseagan’ a radh ri ’n cuid cloinne-san. Cha bu mhath leamsa tighinn thairis air a’ chainnt a ghnathaich iad ris. Faodaidh tu bhi cinnteach nach do dhi-chuimhnich iad innseadh dha nach ’eil ‘piseagan’ idir a’ cur dragh airsan. Tha mi dearbh-chinnteach gu ’m b’ fhearr le Mac-Pharlain gu ’n do ghleidh e a theangadh ’n a phluic oir bidh a [TD 269] cheann air liathadh m’ an cluinn e a’ chuid mu dheireadh de ‘na cait ’s an cuid phiseagan.’ Coma co dhuibh, tha na coimhearsnaich a’ cumail an dorsan duinte ’nis, ’s cha chreid mi nach faigh sinn sìth gu dol a mach ’s a stigh an dà latha so gun suilean a h-uile aon a bhi oirnn mar a b’ abhaist.” Sin agaibh naidheachd Mairi Nic-an-Rothaich, facal air an fhacal mar fhuair mise i; tha mi an duil gu ’n aidich sibh gur airidh an boirionnach gleusda air cùileig bhig am measg na muinntir a dh’ aithris dhuinn mu na blaraibh ainmeil a choisinn cliu do ’r duthaich. Eadar. le IAIN IAIN ’IC UILLEIM. IAIN GILPIN. Iain Gilpin bha ’n a bhuirdeiseach, Bu mhor a chliu, ’s a ni; Gu ’n robh e uair ’n a cheannard-ceud, Am baile-mor an righ. Thuirt bean Iain Ghilpin la r’a gradh, “M’ aighear thu ’s mo chiall, Ged tha sin fichead bliadhna posd’, La feill’ cha d’ ghabh sinn riamh. “’S e ’m maireach la co-ainm ar bainns’ Theid sinn gu sugradh ’mach, ’Sios gus an ruig sinn Edmonton, An carbad le da each. “Mo phiuthar, a’s a leanabh mic, Mi fein ’s mo thriuir le cheil’, ’S a’ charbad theid, a’s leanadh tus’ A’ marcachd as ar deigh.” “A bhean mo ghaoil!” ghrad fhreagair e “Dhuit fein gu ’n d’ thug mi gradh Os ceann gach te a tha fo ’n ghrein, A’s gheibh thu mar is aill. “Tha mise ’m mharsanta gu bheachd. Mar ’s aithne do gach neach; ’S mo charaid maith Tom Callander Bheir iasad dhomh d’ a each.” “Piseach ort,” ars’ is’ “a ghraidh, A’s o ’n tha ’m fion cho daor, Gu ’n toir mi leam mo shearrag fein, O’n ’tha e maith, a’s saor.” Thug Iain sgailce poige dh’ i, Mar b’ abhaist dha gu tric; Oir bha e subhach, toilichte, I bhi cho crionna, ghlic. Thainig an carbad ’nuas gu moch ’S a’ mhaduinn mar a gheall; ’S air falbh ’n a dheann-ruith ghabh e leo, Troimh eabar, a’s troimh pholl. Bu shiubhlach luath na cuibhleachan, ’S a’ chuip mu chluas nan each, Le gleadhraich shaoileadh tu gu ’n robh An cabhsair as a bheachd. Sheas Iain Gilpin taobh an eich, A’s ghlac e ’mhuing gu deas; Ach ’s gann a fhuair e ’suas gu h-ard, ’N uair b’ eiginn teachd air ’ais. Cha luath’ a rain’ e ’n diollaid shuas, Le ’thulchainn air an each, Na chunnaic e triuir cheannaichean D’a bhuth a’ dol a steach. Theirinn e, a’s cha b’ ann d’a dheoin, Oir bha e dian gu falbh; Ach leis an t-sannt cha duraichdeadh e ’N sgillinn ruadh a chall. Bu mha ’inneach na ceannaichean, Bha greis mu ’n robh iad reidh; ’N sin Beati ghlaodh a mach gu h-ard, “Dh’ fhagadh an fion ’n ur deigh!” “’Nail e!” ars’ Iain, “’s maith an t-am; Thoir dhomh a nuas mo chrios, Crios leathair mo dheadh chlaidhimh gheir, N’ uair bha mi ’m shaighdear deas.” Bha aig bean Gilpin (lamh a’ ghrunnd!) Da shearraig laidir ghlais, ’S am b’ abhaist dh’i an deoch a b’ fhearr A chumail teann fo ghlais. Bha aig gach searraig dhiubh fa leth, Da chluais tre ’n deach’ an crios; A’s chroch e iad mar sin r’ a thaobh, Te dhiubh air gach leis. ’N a dheighidh sin, a chum ’s gu ’m biodh E sgeadaichte le sgoinn, A chleoca maiseach sgarlaid ghabh, A’s thilg e air a dhruim. Faic e ’nis ’n a dhiollaid shuas, Air muin an steud eich dhuinn, Ag imeachd air a’ chabhsair chruaidh Gu socrach, a’s gu ciuin. Ach ’n uair a fhuair e ’n t-slighe reidh Fo ’bhrogaibh cruidheach cruaidh, Le sitrich dh’ fhalbh gu trotan garbh ’Ruisg masan Iain thruaigh. “Gu reidh,” ars’ Iain, “deis de! eich dhuinn:” Ach labhair e gun fheum, O throtan chaidh gu dian-ruith luath, Gun suim do mhuiseal srein’. [TD 270] Chrom e ’sios, mar d’ fhimireas iad Nach urrainn suidhe ’suas, Ghlac e munig an eich gu teann, ’S e ’dol a nis ’n a luath’s. An t-each a mhothaich air a dhruim Uallach cho deacair ur, Theich e le geilt; ’s mar theich e, dh’ fhag An saoghal air a chul. Air falbh chaidh Iain ’n a shradaibh dearg’, Air falbh chaidh ’n ad ’s a’ ghruag; Is beag a shaoil an duine coir Dol air a’ leithid de ruaig. Chaidh coin gu tathunn, ’s clann gu sgriach, Bha cinn a mach ’n an ceud, A’s ghlaodh gach aon, le ’uile neart, “’S tu fhein an gill’, a steud!” Air falbh chaidh Iain, co ach e! Na miltean air a thoir: “Is reis tha ’n so! ’s cha lugha ’n geall, Na mile bonn de ’n or!” ’S a nis, ’n uair dhluthaich e gu dan’ Air luchd na cise cruaidh, An tiota thilg iad fosgailte A’ chachaileith gu luath. ’N uair chrom e sios os ceann an eich Le ’cheann ’n a smuidibh teth, Bhuail an da shearraig air a chul, A’s spealg ’n am mile bloidh. Bu mhuladach an sealladh so, Am fion dearg mar a dhoirt, ’Thug smuid á cliathaich an eich dhuinn, Mar cheithreamh muilt-fheoil roist’. Gidheadh bha e mar mharcaiche, A’ ruith na reis le ’chrios, A’s amhach na da shearraig ghlais, Ag udal air a leis. Mar so troimh bhaile Islington, Faic e le mire ’triall, A’s fos a suas troimh Edmonton, ’S a stigh feadh lub nan giadh. ’S ann an sin bha ’phlubartaich, ’S an t-each a’ diultadh smachd, Mar sgaoth de gheoidh no ’thunnagan ’G an lubradh fein le tlachd. Aig uinneig ann an Edmonton Gu ’n d’ sheas a bhean a suas, A’s chunnaic i ’dol seachad e Le iongantas r’a luath s. “Stad, stad, Iain Ghilpin, so an tigh!” Gu ’n d’ ghlaodh iad uile ris, “Tha ’n dinneir reidh, ’s tha sinn sgith;” “Cha lugh’,” ars’ Iain, “tha mis’!” Ach ’s beag an t-suim a ghabh an t-each, De ghlaodh nam ban gu leir, Bha prasach mhaith a mhaighstir fein Deich mil’ air falbh aig Ware. Mar shaighead luath o laimh na treoir, O ’n iughar righinn, chruaidh, Gu ’n d’ theich an t-each—’s tha so g am’ thoirt Gu dara leth mo dhuain. Air falbh chaidh Iain le seideadh ard, ’S gu dearbh cha b’ ann d’a dheoin, ’S aig dorus tigh’ Thom Challander, Gu ’n d’ sheas an t-each fa-dheoidh. ’N uair chunnaic esan e mar so, A’ teachd gun ad, gun ghruag, Thilg e ’phiob thombac air falbh, A’s ruith e ’mach gu luath. “Do sgeul, do sgeul—thoir dhomh do sgeul! Do naidheachd innis dhomh; C’arson a tha thu cean-ruisgte? C’arson a tha thu ’n so?” Bha Iain lan a dh’ fheala dha, De shugradh beag, ’s de chleas, ’S a reir so ri Tom Callander, Gu ’n d’ fhreagair e gu deas. “Tha mise ’n so, oir thigeadh d’ each, ’S mur ’eil mi ’m fhaidhe breig’, Bidh m’ ad ’s mo ghruag an so gun dail, Oir tha iad as mo dheigh.” Bha solas air Tom Callander, A charaid ’bhi cho ait, ’S cha dubhairt tuilleadh ris ’s an am, Ach thill e stigh gu grad. ’S a mach gu ’n d’ thug e ad a’s gruag— Gruag mhor nan dualan cruinn, A’s ad a’s gann a chuir e riamh Seachd uairean air a cheann. Chum e suas iad ’s thubhairt e Le feala-dha ’n a chainnt; “Mo cheann-sa tha dha mheud ri d’ cheann ’s’, A’s theid iad ort gun taing. “Leig dhomh an t-eabar sin ’s am poll A ghlanadh bharr do ghnuis; Fuirich ri biadh, oir ’s cinnteach mi Gu ’m bheil thu ’call do luis.” [TD 271] “’S e so,” ars’ Iain, “co-la mo bhainns’, ’S bu sgeigeil e ri radh, Gu ’m biodh mo bhean aig Edmonton A’s mise ’n so fo phramh.” ’N sin labhair Iain ris an each, “Tha cabhag orm gu m’ bhiadh; Air d’ailghios thainig mise ’n so, Theid thus’ air d’ais do m’ riar.” O! bosd na tubaist’ a bha ’n so, Mar dh’ fhiosraich e gun dail; Oir asail fhad-chluasach bha dluth ’Thog raoichdeil choimheach ard. Le srann gu ’n d’ thog an t-each a cheann, Ceart mar roimh leomhan garg; ’S air falbh le ’uile lus a ris, Theich e ’n a shradaibh dearg. Air falbh chaidh Gilpin, a’s air falbh Chaidh ’ad ’s a ghruag ’n an deann; An tiota thuit iad, chionn gu ’n robh Iad momha ’s mor d’a cheann. ’N uair chunnaic bean Iain Ghilpin e A’ marcachd nuas cho bras, Tharruing i ’n sporan sioda ’mach, ’S bonn leth-chruin thug i as. ’N sin thu’irt i ris a’ charbadair, ’S a cridh’ le iomguin lan, ‘Gur leat-sa so, mo ghille gleusd’, A’s thoir air ’ais e slan.” Dh’ fhalbh e, a’s choinnich iad gun dail, A’s dh’ fheuch e ’n t-each a stad, Ach ’s ann a chuir an oidhirp so An rosad air air fad. ’N uair dh’ fhairtlich air na bha ’n a bheachd A chur a nis an gniomh; Gu ’n d’ chlisg an t-each, ’s air falbh gu ’n d’ theich Na ’s luaith’ na rinn e riamh. Air falbh chaidh Gilpin, a’s air falbh An carbadair cho bras, Gun straoidhlich chuibhleachan ’n a dheigh Gu meamnach a’ dol as. Bha seathnar uaislean ’chunnaic e A’ teicheadh air an each, ’S an gille-carbaid air a thoir, Gu ’n d’ ghlaoidh iad uile ’mach, “Meirleach! meirleach! glacaibh e!” Gu ’n d’ ghlaoidh iad dh’ iarraidh foir, A’s dh’ fhalbh iad fein ’s na chunnaic e ’N an teann-ruith air a thoir. ’S a rithist dh’ fhosgladh dha gu luath Cachaileith mhor na cis’; Oir shaoil na daoine, mar air tus, Gu ’n robh e ’ruith na reis. Bha e mar sin, a’s choisinn e; Oir fhuair e buaidh le ’luath’s; Cha d’ rinn e stad gus ’n d’ rainig e An t-ait’ an deach’ e suas. Nis seinneamaid fad-shaogh’l do ’n righ. ’S air Gilpin gu ’n robh agh; ’S an ath-uair ’theid e ’chur na reis, Bu mhaith leam fein ’bhi lathair! SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. DUAN I. IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGAMEMNON. (Air leantainn.) ’N uair thuinich air réidh an lòin, Co-chruinneachadh mòr nan cliar, Dh’ éirich air toiseach an t-sluaigh, Aichioll uaibhreach nan ruag dian. A mhic Atreuis, thuirt an sonn, ’S iomrallach ’s an fhonn s’ ar toisg. B’ fhèarr dol ás le ’r fuighleach tràth Mu ’n dian plàigh a’s blàir ar cosd. Fidrichear fàidhe gu grad, Fear aisling, no sagart géur, ’S e dia bheir do ’n aisling brigh Thoirt rabhaidh ’s gach nì mar théid. Mean-rannsaichear fàth gach béud, C’ uime tha Phœbus fo throm fheirg. An do dhiùlt sibh an cliù bu chòir, No ìobairt chiad bò air learg. Dh’ iobramaid gobhair gun mheang, ’S na h-uain is reamhra ’s a’ chrò, Na ’n caisgeadh e shaighdean-cràidh ’S gach truagh phlàigh thug bàs do ’n t-slogh. Sguir e ’s shuidh e. Ceart ’n a dhéigh, Dh’ éirich fear fàisneachd nan ian, Calchas d’ am b’ eòl sgoil nam fàth, ’S mar thigeadh gach dàn gu gnìomh. B’ iùl e ’n lorg fiosachd a dhé, Do chabhlach na Grèig’ thair tuinn; B’ fhaicleach a bhriathran ’s bu chiùin: Is so mar thùr e ’n gliocas cinn:— Annsachd Iòbh, Aichill nam béum, An àill leat mi gun bhréig a luaidh. C’ uime dhìth-mhiltear ar suinn Fo fheirg Phœbuis nan ruinn luath? Innsim, ge duilich sid leam, Saor fhirinn gun sgleò gun fhoill; Ach naisg-sa gealladh do mhionn Mo dhìdinn le d’ làimh ’s le d’ lainn, Ma spreigeas mi ’n dàn tha ceart, [TD 272] ’S e m’ fhior bheachd gur cunnart cruai dh; Lasaidh àrd chorruich an righ, ’G a bheil smachd air mhìltean sluaigh. Ma bhrosnuichear falachd righ, Tha dìdinn an iochdrain faoin; Grathunn, ged adhlaic e ’n fhearg, ’S mairg a chuireadh earbs á chaomh. Altrumaidh e ’n gannlas buan, ’S ni dioghailt an uair nach saoil: Tuig-sa sid, ’s thoir d’ fhacal fior, Gu ’n dearbh thu bhi ’d dhìon ri m’ thaobh. Fhreagair Aichioll nan ruag còrr: Spreig na ’s eòl dhut, spreig gun fhiamh, ’S bheirim trom mhionnan gun bhréig, Air a’ ghréin ud seachad siar, Dia d’ adhraidh bho ’m faigh thu ghnàth Fios gach toisg tha ’n dàn do ’n Ghréig. Fhad ’s is beo mis’ air do chùl, ’S a dhearcas mo shùil air féur, Greugach cha ’n iomair ort olc, Mith no math cha lot do chréubh. Cha ’n iomair ceann-toisich nam feachd, Ge mòr an diugh smachd an tréin. Ghlac misneach am faidhe ciùin, ’S rinn soilleir gach cùis mar bhà:— Cha deannal mu chliù an dé, Cha dìth iobairt chéud air blàr; Tha ’n fhearg mu ’n t-sagart gun fheall, Fhuair bho Agamemnon béum, ’Inghean nach leigteadh fo sgaoil, ’S nach gabhteadh ’n duais dhaor d’ a réir. Sir aobhar gach ciùrraidh-bàis, Rinn Fad-thilgeach nam plàigh trom; ’S tuigibh nach lasaich a làmh Ag càrnadh nan éug air fonn, Mur till sibh gu h-athair gaoil Ainnir chaoin is meallach sùil, Gu tìr fhein, gun duais, gun òr, ’S iobairt nan céud bò air chùl. Gnìomhaichibh an nì so tràth, Ma ’s roighneach leibh bàigh ur dé. Stad an t-Aosda glic ’n a chainnt, ’S shuidh e sìos an reang nan tréun. Agamemnon dh’ éirich grad, Bhòchd, a’s dh’ at, a’s reachd le feirg; Ghoil an leann-cathaich mu ’sgairt, ’S bha dhà shùil ’n an lasair dheirg. Air Calchas dhearc e gu gnùth, ’S brùchd e mach an domblas géur:— Fhaidhe nan toirmeasg ’s nan olc, ’N tig a chaodh ach lochd bho d’ bhéul? Le d’ fhàisneachd mhallaichte ghnàth, ’N éibhneas leat bhi cràdh do righ? Deagh-bheairt am fiosachd no ’n gnìomh, ’S tu fhéin nach d’ thug riabh gu crìch. An diugh a’ tarrainn sgleò bhréug Air a’ Ghréig le d’ chnuasachd chlaoin, Gur mise fáth gach truagh chréuchd A leag Phœbus nan ruinn caol, Bhrigh gu ’n gléidh mi òigh mo rùin Thair céile mo leapa-phòst’; Cha ghéill i dh’ ògmhnaoi mo chléibh Bho ’n ’s anns’ i na cùnradh òir; Fhuair i gu buileach mo spéis An ùr-chéutaibh no ’n céill cinn, An uaisle no ’m mòrachd bhéus, No ’n dealbh ghréis air éideadh grinn. Réubar mi, dh’ aindeoin sin, bho m’ ghaol, Chum gu ’n traoghar fraoch an dé, Cha choiglim aon leam, ge cruaidh, A dhìdinn mo shluaigh bho bhéud. Nis bho ’n ’s deòin leam gu leas chàich Caoin ulaidh nan gràdh thoirt bhuam, Fiachar an ionad na thréig Gu ’n deasaich a’ Ghréig dhomh luach. Ma fhuair càch a réir mar thoill An là roinn sibh creach nam buadh, An ceart gu ’n tilgear mis’ air chùl Mar neach nach b’ fhiù cliù no duais? Ghrad fhreagair Aichioll gun mheang, A righ bhuirb an t-sanntais bhréin, C’ àite ’n do thaisgeadh air chùl An t-slaim tha do shùil ’n a déigh? Nach math d’ fhios mar chaidh, gun dàil, Creach bhailtean a’s bhlàr a roinn? Cuid mu ’n goirt a shaothraich càch, B’ e ’n gnìomh nàr a h-ath-chur cruinn. Ach géill-sa ’n òigh ùr do ’n dia, ’S ceithir filltean dìolar duais, Ma chrìochnaicheas Iobh ar rùn, ’S gu ’n tuit Troidh na smùraich ruaidh. Aichill chliùitich, os an righ, Ge mòr d’ éuchd an strìth nan lann, Na saoil gu ’n dean caireachd bheòil Mo dhearbh-chòir thoirt thair mo cheann. ’N e gu ’n leiginn m’ òigh air triall, ’S tus an seilbh gach miann is àill, C’ uime ’m fuilginn do d’ bhreith chlaoin M’ fhàgail falamh, faoin thair chàch? Bhrìgh na cùis’ ud, fheara fial, Na biodh ur ciad thriath gun luach: Tiomsaichibh am measg nan cliar, ’S faiceam gur làn fhiach an duais. Mur dean sibh, le toil, mo riar, Glacaidh mo làmh diol d’ i fhéin Luach-saoithreach Ulisseis àigh, No ’n t-earras aig Ajax tréun Cha sheachnainn Aichioll nan ruag, Ge mòr uaill a’s neart an t-suinn; Gheobh mi cuibhrinn àill air n-àill, ’S de fhraoch ’àrdain cha ghabh suim. ’N a àm fhéin thig so gu crìch:— Taghteadh ’n dràsta birlinn luath, ’S gradh-bhiodh còmhlan iasgaidh cruinn Gu seòladh thair tuinn a’ chuain. Biodh ìobairt chiad damh air bòrd, ’S rìbhinn òg is àillìdh gruaidh, ’S fear ceannsgalach, glic maraon, Chnm a h-aiseag saor gu ’sluagh: Deagh mac Thìd a’s Ajax tréun, Sàr Ulisses bho ’n réidh glòir, No thusa ’s mìlltiche fearg, [TD 273] Aichill ghaisgeil, mheanmnaich, mhòir. Tairgear làn-ìobairt nan céud, Gu fraoch an dé thoirt gu ceann. Sheall mac Pheleuis nan ciar cholg, Air an righ ’s bu dorch a ghreann. A thràill mhìothair, os an tréun, Beag-nàir’ ad éideadh mar chruaidh, Co theid air ionnsaidh gu bràth, Le d’ òrdugh-sa ’bhlàr no ’ruaig? ’S dearbh nach e Tròidhich nan lann, Fàth mo theachd-sa nall thair chuan: Cha d’ iomair iad riabh orm foill, Cha mhò thog no thoill iad m’ fhuath. Air buailtean lìonmhor mo mhart, Air làn ghreighean m’ each an gleann, Air toradh mo dhailtean pailt, Riabh cha d’ rinn iad creach no call, Bho ’n crìochaibh tha Phthia cian, Daingneach ag iathadh mu ’fonn, Creagan duatharach bheann àrd, ’S muir fharsainn is gaireach tonn. Mòrachd do thighe-sa mhàin, ’S cùis do bhràthar, fhir gun sgoinn, A ghluais sinn gu léir thair sàil’: ’S beag an dràst ar taing ga chionn. Thu nis a’ bagairt orm fhéin, Ann-righ mhìomhail nam béus claon, Le fòirneart gu ’n réub thu bhuam ’N luach rinn mi chnuasachd daor. Ged chaisgt’ ar lan-mhiann air Tròidh, ’S a leagadh ’n a tòrr ’s an ùir, Dhutsa bhiodh tagha nan roinn, Dhòmhsa fuighleach air bheag diù Ge tric a chuir neart mo làmh Cudthrem ànraidh nam bàs goirt; Dh’ aindeoin co choisinn le spàirn, Leatsa dh’ agrar blàth gach toic’. Le munar gun tail, gun mhiagh, ’S tric mo thriall-sa thun nan long; An deigh buan-chumasg na strìth, Mo chorp sgith a’s m’ ìnntìnn trom. A righ chealgaich a’ bheachd àird, Tuig nach mi do thràill na ’s mò; Gradh-thillim gu m’ dhùthaich fhéin, ’S mo chabhlach am dhéigh fo sheòl. Bhrìgh gu ’n dhòirt thu ormsa tàir, ’S deacair gu ’n dian d’ àrdan gléus. (Ri leantainn.) [ERRATA.—Page 246, line 2 from bottom, for “Fhluinnteadh” read “Chluinnteadh,” and last line, for “Fuainn” read “Fuaim.” Ma ’s miann leat dol ann an suaimhneas chum siorruidheachd, na cuir do lamh ri ni sam bith a chuireas geilt ort n’ am biodh tu ’g a dheanamh aig uair do bhais. Na tarmaich miann no durachd sam bith ’n ad inntinn, air son am biodh nair ort ged gheibhteadh iad ’n ad chridhe, an uair a nochdar thu an lathair do Chruithear. COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COIN.—Bha duil agam riut an diugh, a charaid ionmhuinn, agus mile taing dhuit a chionn nach do mheall thu mi, ach gu ’n d’ thainig thu air m’ iarrtas, gu bhi lathair aig baisteadh a’ bhrogaich bhig a chuir am Freasdal oirnn; ach c’ ait am bheil mo bhan-charaid choir do bhean? An e nach d’ thainig i maille riut? MUR.—Ud! Ud! cha b’ urrainn i teachd, a Choinnich; is leoir aon againn a bhi o’ n bhaile aig an aon am, oir cha bhiodh gnothuichean rathach, riaghailteach, reidh, na ’m fagamaid le cheile an tigh comhladh, oir tha seirbhisich a nis air atharrachadh an gne agus an dillseachd, agus cha ’n fhurast aon diubh fhaotuinn anns am bheil fior earbsadh r’ a chur mu thionndaidheas neach a chulaobh. COIN.—Cha ’n ’eil comas air, ach bu ro mhaidh leinn uile ’s a’ Ghoirtean Fraoich, aon seachduin a bhi againn de Mhurachadh Ban, agus a cheile ghasda, cheanalta. MUR.—Mor-thaing dhuit, a Choinnich, ach cha fhreagradh sin, mar a thubhairt mi a cheana; ach mo dhichuimhne! Cia mar a tha Seonaid ’g a faireachadh fein, agus am balach beag? COIN.—Tha aobhar taingeileachd agam ri radh gu ’m bheil iad ’n an dithis mar bu choir doibh a bhi. Tha Seonaid air a cois o cheann seachdain, agus tha ’m brogachan a’ fas mar isean geoidh, agus ciod tuilleadh a dh’ iarramaid? MUR.—Ciod tuilleadh a th ’aig an leanabh bhochd r ’a dheanamh, am feadh ’s a ta slainte aige? Cleas nan craobh anns an fhireach, aig nach ’eil ni sam bith r ’a dheanamh ach a bhi ’fas; gidheadh, m ’a chaomhnar do leanabh-sa, cha ’n e mhain gu ’m fas e, ach fasaidh e ann [TD 274] an gliocas, ’s am meudachd, agus le beaunachd, ann an deagh-ghean aig Dia agus aig daoinibh. COIN.—Ma ta, a Mhurachaidh, is maith tha fios agamsa, gur e sin durachd do chridhe-sa, agus is taitneach an ni deagh-dhurachd caraid; ach mar a thubhairt thu fein mu na seirbhisich, cha ’n ’eil fior chairdean dileas furast ri ’m faotainn. Ochan, mo thruaigh an neach sin a tha ’cosnadh dha fein mìghean, agus droch-run a’ chomhearsnaich, oir olc ’s mar a ta an saoghal cha tric leis aimhleas no donas a ghuidhe do neach, mar bi aobhar eigin air a shon. MUR.—Gle cheart, a’ Choinnich, ’s e dleas’nas nan uile a bhi ’cuideachadh a cheile, a bhi deanamh, maith do aon a’ cheile, a bhi ’toirt toisich agus urraim do aon a’ cheile, agus a bhi ’leigeadh ris ar neo-iomlanachd do aon a’ cheile. Tha duil agam gu ’m bheil an t-Abstol Seumas a’ deanamh so soilleir, an uair a deir e, “Aidichibh bhur lochdan d’ a cheile, agus deanaibh urnuigh air son a’ cheile, chum gu ’n tearnar sibh: tha mor-eifeachd ann an urnuigh dhurachdach an fhirein.” COIN.—Cha ’n ’eil teagamh air sin, a’ charaid choir, oir tha Focal na firinn ’g a dheanamh cinnteach; ach air an laimh eile, cha ’n ’eil teagamh nach ’eil cumhachd mor air a cheadachadh do ’n aingidh chum a dhroch ruintean a shuidheachadh air an neach sin do nach ’eil speis aige. Tha cuid ann aig am bheil droch-cridhe—’s e sin, cridhe ni ’s miosa na cridheachan nan uile, a tha maraon air an truailleadh, a thaobh nadair, le nimh a’ pheacaidh. Tha cuid ann aig am bheil droch shuil, trid am bheil iad a’ deanamh millidh agus sgrios air cuid dhlighich an coimhearsnaich fein; agus a Mhurachaidh, cha ’n ’eil iad sin idir cneasda, oir cha mhaith do neach sam bith teachd ’n an car! MUR.—Ubh! Ubh! a choinnich, am bheil thusa a’ creidsinn ann am faoineis agus am baoghaltachd de ’n ghne sin. Tha thu a’ cur iongantais orm gun teagamh. Is cinnteach gu ’m bheil thu ri feala-dha; air neo, feudaidh e bhi gu ’m bheil do cheann ’n a bhreislich, no gu ’n robh thu a’ toirt geill do gheasaibh agus do dhruidheachd an Sgiathanaich amaidich sin, a bha air a mheas leat fein mar neach aig an robh seilean ’n a cheann, a thaobh an rothlais a labhair e mu na reultaibh, agus mu thaibhsaireachd, agus nithe eile. COIN.—Ud, Ud! a Mhurachaidh, is tric a chaidh feala-dha gu feala-rireadh. Agus cha ruig thu’ leas a bhi ’tilgeadh an Sgiathanaich orm-sa, oir an uair a mhinich thu fein domh gu ’n do labhair e gu ceart, freagarrach mu bhuaidhibh nan reult, cha d’ fhosgail mi mo bheul tuilleadh ’n a aghaidh, agus cha ’n fhosgail. Ach biodh sin uile mar a dh’ fheudas; b’ aithne dhomhsa duine a bha air a chunntas ’n a dhuine coir, ceart, ceanalta, a bha ’n a athair, agus ’n a shean-athair, aig an robh seilbh fearainn, agus moran chairdean agus luchd-eolais, agus ni’s leoir de nithibh maith an t-saoghail so. Gidheadh, aig a’ cheart dhuine so bha droch-shuil! Agus ni ni ’s iongantaiche na sin, bha cumhachd millteach na droch shula aige air a ghnathachadh an aghaidh a thoil fein. Rachadh Uilliam Ruadh a mach a dh’amharc air a’ bhual-cruidh’ aige fein, agus co cinnteach ri airgiod a’ bhaistidh, thoisicheadh am mart air an tilgeadh e a shuil ri geumnaich gu cruaidh, agus thuiteadh i gu grad marbh air an raon. MUR.—Tha sin ro iongantach ma tha e fior, a’ Choinnich; ach is tric a chual sinn gur i a bho a ’s miosa tho ’s a’ bhuaile, a ’s airde geum. MUR.—As àirde geum! Feudaidh sin a bhi ceart, a’ Mhurachaidh, oir [TD 275] cha ’n fhurast an sean-fhocal a bhreugnachadh; ach cha ’n ’eil sinn gu smuaineachadh gu ’m basaich a’ bho a ’s miosa ’s a’ bhuaile gun aobhar, agus is e an t-aobhar sin, gun teagamh idir, droch-shuil Ulleim Ruaidh leis an leis i. Bha ’n teaghlach aige fein co eolach air a’bhuaidh mhi-shealbhar so a bha dluth-cheangailte ris, a ’s nach leigeadh iad an duine truagh a mach air an dorus, na ’m biodh mart, no each, no caor ’n a fhochair. MUR.—Cha bu choir ainmhidh sam bith a bhi air ainmeachas an duine sin, ma ’s e sin an diol a dheanadh e orra; ach biodh sin mar a dh’ fheudas, bu choir da sgail a chur air a shuilibh, no an spionadh gu tur as a cheann; agus mo lamh-sa, air da a bhi dh’ easbhuidh nan sul, nach abradh neach sam bith an sin gu ’n robh droch shuil aig Uilleam Ruadh. COIN.—Tha thusa, a’ Mhurachaidh, a’ deanamh magaidh dhe ’n ghnothuch, ach creid thusa mise, tha iomadh droch shuil ann. Cha ’n ’eil seachduin o ’n dh’ innis Ealasaid Nighean Raonuill dhomh gu ’n d’ thug droch-shuil neach-eigin an toradh a bainne gach mairt ’n a buaile, agus ged a chuireadh i ri deanamh a’ mhuidh gu ruig an la ’n diugh, nach biodh an crioman a ’s lugha ime aice air son a’ saoithreach! B’ eiginn di mu dheireadh fios a chur air Donnachadh Glas, agus le seun agus giosagan araidh a ghnathachadh, thug e an toradh gun dail air ais, agus tha crodh Ealasaid an diugh mar bu choir doibh a bhi. MUR.—O! a Choinnich, a Choinnich, cha robh duil agam riamh, agus gu dearbh cha chreidinn o bheul neach eile gu ’m bheil thusa co saobh-chrabhach, agus so-chreideach! Thoir thusa beannachd uam-sa gu Ealasaid Nighean Raonuill, agus innis di a bhi cinnteach ’s an aimsir bhlath so, gu ’n sgallt i na measraichean agus na soithichean bainne le h-uisge goileach gach maduinn agus feasgair; agus gu ’n cum i na mairt-bhainne gun a bhi ’ruith air theas, mar gu ’n biodh an cuthach orra, agus gu ’n gnathaich i uisge fuar an tobair ann am pailteas, chum gach cuil, oisinn agus sgeilp mu ’n tigh-bhainne, fhagail fuar, fionnar, agus glan; agus ma ni ise sin, creid thusa mise, nach bi aobhar tuilleadh aice air fios a chur air Donnachadh Glas, no Geal, no air feum a chur air aon seun no giseag a bhuineas da. COIN.—Ochan! a’ Mhurachaidh, tha mi faicinn nach ’eil thu a’ toirt creideis sam bith do dhroch shuil a bhi aig neach, no cumhachd a bhi aig duine sam bith chum dochunn a dheanamh air cuid a choimhearsnaich. Am bheil thu a’ creidsinn gu ’m bheil, na gu ’n robh riamh a leithid do ni ann ri buidseachd? MUR.—Ma ta, a’ Choinnich, cha ’n ’eil mi ’creidsinn air sheol sam bith ann am buidseachd; ach tha mi ’creidsinn gu ’n robh na miltean a’ toirt geill da, agus gu ’n d’ rinneadh reachdan gu ’n aireamh chum cur as da. Dhealbh Ard-Chomhairle na rioghachd agus Ard-Chomhairle na h-Eaglaise a ris agus a ris laghanna cruaidhe agus teann an aghaidh na buidseachd a chum cur as di, agus an deigh sin uile, cha ’n ’eil mi ’toirt geill gu ’n robh a leithid do ni riamh ann. COIN.—Tha thu a’ cur iongantas orm, a’ Mhurachaidh; dh’ fheudadh tu a radh air an t-seol cheudna, nach ’eil a leithid de chreutairibh ann ris na sithichean no na daoine-sithe; ach co a bheireadh feairt ort, or tha deigh-fhios aig na h-uile gu ’n robh iad sin anns gach duthaich agus rioghachd, agus co aig am bheil a dhanadas gu radh, nach ’eil iad fathast ann? Is maith tha [TD 276] cuimhn’ agam-sa air seann duine coir anns an Eilean Sgiathanach air an robh Fearchar, agus cha leig mi gu brath air di-chuimhne an t-altachadh a theireadh e roimh ’n bhiadh. MUR.—Cluinneamaid altachadh Fhearchair oir cha ’n ’eil teagamh agam nach maith e. COIN.—’N am do ’n chuideachd a bhi ’n an suidhe aig a’ bhord, agus an lon deas, theireadh neach eigin, “Cuir riut, Fhearchair. cuir riut, abair an t-altachadh.” Spionadh an seann duine bochd a bhonaid bharr a chinn, shliobadh e sios na ciabhagan tana, geal aige, thogadh e suas a shuilean, agus theireadh e le guth tiamhuidh, trom na briathran a leanas. “O Thi bheannaichte, cum ruinn agus cuidich leinn, agus na tuiteadh do ghras mar an t-uisge air druim a’ gheoidh. An uair a bhios fear ’n a eiginn air gob rutha, cuidich fein leis; agus bi mu ’u cuairt duinn air tir, agus anns gach aite maille ruinn. Gleidh an t-aosda agus an t-og, ar mnathan agus ar paisdean, ar feudal agus ar spreidh o chumhachd agus o cheannas nan sithichean, agus o mhi-run gach droch shula. Bitheadh slighe reidh romhainn, agus chrioch shona aig ar turas, Amen.” MUR.—Bu dheagh altachadh a chuir Fearchar suas gun teagamh, ach tha mi ’faicinn gu ’n robh e ’toirt creideis do chumhachd nan sithichean agus na droch shula, agus a reir coslais chordadh barailean agus teagasgan mealltach sheann Fhearchair gu ro mhaith riutsa, a’ Choinnich, oir tha e soilleir gu ’m bheil thu fein agus Fearchar air an aon ramh, mu na nithe faoin agus amaideach sin. COIN.—Tha iongantas orm, a’ Mhurachaidh, nach ’eil aig fear d’ aois agus d’ fiosrachaidh, lan eolas air gach beachd agus barail d’ an robh na Gaidheil, anns gach linn, a’ toirt geill a thaobh nan nithe sin. Lionadh na chual mise mu ’n timchioll, leabhar co mor ri Eachdraidh na h-Alba nam biodh iad air an sgriobhadh sios; agus air moran diubh tha deagh chuimhn’ agam gu ruig an la ’n diugh. MUR.—Air domh-sa a bhi gu tur aineolach air na nithibh iongantach sin, feumaidh tu, uair-eigin eile, leudachadh orra ’n am eisdeachd, oir ged nach ’eil, a reir mo bheachd-sa, brigh, no blagh, no tairbhe annta fein, gidheadh tha iad freagarrach chum eolas a thoirt seachad air gnathannaibh, cleachdannaibh, agus saobh-chrabhadh ar luchd-duthcha fein anns na linntibh a dh’ fhalbh; oir bithidh beachd ni ’s fearr againn air beannachdaibh an t-soluis, mur a’s mo ar n-eolas air duibhre agus cianalas an dorchadais. COIN.—Is glic a labhair thu, a’ Mhurachaidh, agus is taitneach, tuigseach do bhriathra. Ma bhitheas sinn air ar caomhnadh gu la eile fhaicinn theid sinn cuideachd ann an cuil air chor-eigin, agus ni mise dichioll air cuid de na nithibh air am bheil cuimhn’ agam a leigeadh ris ’n ad eisdeachd. Tha mi’ cluinntinn gu ’n d’ thainig am Ministeir coir Maighstir Domhnull, agus is suairce, ceanalta e. Do brigh gu ’m feud cabhag a bhi air, tha e co maith gun dail mhor a chur ’s a’ ghnothuch a thug an so e. MUR.—Tha sin ro cheart, a’ Choinnich, oir cha ’n ’eil e beusach no modhail dhuinn fantuinn ni’s faide gu ’n fhailt a chur air an uasal urramach a thainig re na slighe so, chum do ghnothuch-sa a dheanamh. Ach ciod an t-ainn tha thu los a thoirt air an leanabh? COIN.—Sin agad teisteanas a bhreith, thoir suil air, agus chith thu an t-ainm. MUR.—Far a nall e, a’ Choinnich, oir an uair a rugadh, a bhaisteadh, [TD 277] agus a phosadh thusa agus mise, cha robh guth air na paipeiribh mor, leathann sin idir, agus air mo shon-sa dheth, cha do ghlaodhadh riamh ann an eaglais mi agus cha do chuir neach riamh an aghaidh mo phosaidh; ach faiceam am paipeir. COIN.—Sin agad e, agus is mor e a’n nasgaidh. MUR.—“Murachadh Ban!” O! a Choinnich, a Choinnich, an ann mar so tha ’n gnothuch? Ach, stad gus an leugh mi air fad e. “Murachadh, leanabh-mic, a thugadh am lathair le Coinneach,” seadh, seadh “agus le Seonaid” Ud, Ud! co eile! “ag us a chuir an ceill gu ’n d’ rugadh e anns a’ Ghoirtean-Fraoich, ann an Sgireachd” ro cheart, agus “ann an Siorramachd,”—seadh, air a’ leithid so la dhe ’n mhios—tha mi ’ga fhaicinn ach nach iad tha curamach, eagnuidh, poncail, a Choinnich? Ach car’ son, a ghille mo chridh, a thug thu Murachadh Ban air an naoidhean? Cha mhor an t-urram do ’n leanabh bhochd Murachadh Ban a thoirt mar ainm air,—ach tha mi ’n dochas,— COIN.—Bi ad thosd, a Mhurachaidh, tha ’n gnothuch deunta, agus tha ’n gnothuch ceart, oir cha luaith a chual Seonaid gu ’n d’ thug i leanabh-mic chum an t-saoghail na thubhairt i, “a Choinnich, ciod air bith a dh’ eireas domhsa, ma bhios an leanabh beo, bheir thu Murachadh Ban mar ainm air. MUR.—Cha ’n e sin a’ cheud chomain a chuir Seonaid orm-sa; rachamaid, ma ta, a dh’ fhaicinn a’ Mhinisteir a’ coisrigeadh Mhurachaidh Bhig Bhain anns a’ bhaisteadh. ALASDAIR RUADH. COMHAIRLE DO MHATHAIRICHIBH. An ni sin a’s miann leat a radh ri d’ chloinn, abair e a nis; oir feudaidh am bas do ghearradh as ad lan neart, agus feudaidh iadsan araon do lathaireachd agus do chomhairle a’s fearr a chall. Os ceann gach ni guidh a nis air son an ni sin a’s fearr leat, oir cha ghnathaichear anail na h-urnuigh gu diomhain. Ma shinear a mach laithean do bheatha, tha aobhar taingeileachd agad, ach thoir fainear gu ’m bheil t-uine a’ ruith seachad, agus tha do chlann a’ fas suas, gun fhios gun aire dhuit gu inbh fhear agus bhan, lan dhe ’m beachdaibh agus dhe’n innleachdaibh fein. Uime sin, teagaisg iad a nis ’n an oige aig do ghluin fein, agus bheir iad barrachd geill duit aig an aois sin na do ’n t-saoghal. Cuir nithe an ceill doibh a nis a reir an tuigse, agus la an deigh la doirt a stigh ’n an cridhe na teagasgan milis, soisgeulach sin, a sparradh ort le d’ mhathair fein ann an laithibh d’ oige. Bithidh na nithe sin dhoibh-san ’s an am ri teachd mar “thobar uisgeacha beo,” as an ol iad gu pailt agus anns am bi air an ath-urachadh. Anns an am a ta lathair, feudaidh iad a bhi mi-churamach, air doibh a bhi aineolach air luach nan teagasg a ta iad a’ faotuinn; ach is aithne dhuitse an luach, uime sin is e do dhleas’nas iadsan a dheanamh eolach orra mar nn ceudna. Abuichidh do bhriathra gliocais ri h-uine gu bhi ’n an sguabaibh oir, leis an deanar do shliochd da-rireadh saibhir, cia ac a chi no nach fhaic thu fein e. Cuimhnich gu ’m bheil an Droch fhear dichiollach ann an cur a’ choguill, a’ glacadh gach fath agus cothroim chum sin a dheanamh. Ach mar mhathair ghradhaich, dhileis, dhleas’nachail, dean barrachd dichill ann a bhi ’cur an deagh shil. Gabh comhairle an duine ghlic, a thubhairt, “Anns a’ mhaduinn cuir do shiol agus ’s an fheasgar na toir air do lamh sgur.”—(Eccles. xi-6.) SGIATHANACH. [TD 278] AN T-EILEIN MUILEACH. LE DUGHALL MACPHAIL. [Ceòl] Some of the lines of the song being a syllable longer than the others, require the bracketted notes. Ged tha mi ’m fhògarrach cian air m’ aineol ’S a’ Chaisteal-nuadh, ’s an taobh tuath de Shasunn, Bidh tir mo dhuthchais a’ tigh’nn fainear dhomh; An t-Eilein Muileach ’bu lurach beannaibh. An t-Eilein Muileach, an t-eilein àghmhor, An t-eilein grianach mu ’n iadh an saile; Eilein buadhmhor nam fuar-bheann arda, Nan coilltean uaine, ’s nan cluaintean fasail. B’ fhallain, cubhraidh ’s bu reidh an t-àilean, Le ’bhlathan maoth-bhog ’bu chaoine faileadh: Bu ghlan na bruachan mu ’n d’ fhuair mi m’ àrach An Doire-chuilinn aig bun Beinn-bhairneach. An t-Eilein Muileach, &c. Air Lusa chaisleach nan stachd ’s nan cuartag, Bhiodh bradain tharr-gheal nam meanbh-bhall ruadh-bhreac Gu beo-bhrisg, siubhlach, le surd ri luath-chleas ’N a cuislibh du-ghorm gun ghruid, gun ruadhan. An t-Eilein Muileach, &c. [TD 279] Bu chulaidh-shugraidh do dh-og-fhir uallach, Le gathan tri-mheurach, rinneach, cruaidh-ghlan, Air caol-chroinn dhireach, gun ghiamh, gun chnuachd-mheoir ’Bhi toirt nan làn-bhreac gu traigh mu ’bruachan. An t-Eilein Muileach, &c. Gheibhteadh ’n ruadh-chearc ’s na coilltean iosal, ’S a coileach tùchanach dluth ’g a briodal; ’S ged bha na beanntaibh gun fhaing, gun fhrithean Bha daimh na cròice ’n an còrsaibh lionmhor. An t-Eilein Muileach, &c. B’ e ’n sòlas inntinn leam a bhi ’g eisdeachd Ri còisir bhinn-ghuthach, ghrinn a’ Cheitein: A’ seinn gu sunndach an dluth’s nan geugan— A’ choill’ fo liath-dhealt, ’s a’ ghrian ag eirigh! An t-Eilein Muileach, &c. Chlaon gach sòlas dhiu sud mar bhruadar, ’S mar bhristeadh builgein air bharr nan stuadh-thonn: Ach soraidh slan leis gach loinn a’s buaidh A bh’ air eilein aghmhor nan ard-bheann fuara. An t-Eilein Muileach, &c. [An English translation of this song may be found at page 252.] SGEUL AIR BLIADHNA THEARLAICH. Air a’ mhios mu dheireadh de ’n t-samhradh 1747, chaidh Gaidheal guamach, sgairteil dh’ ionnsuidh tigh Innis-Croi, anns an robh uachdaran de na Stiubhartaich a’ gabhail comhnuidh. Bhuail e aig an dorus, agus dh’ fheoraich e an robh an tighearn a stigh. Fhreagair a’ bhan-tighearn, agus thubhairt i nach robh duine a stigh ach i fein agus a triuir nighean. Dh’ eirich fear-an-tighe le Tearlach—chaill e dithis mhac ann an Cuilfhodair, agus b’ eiginn da ionad-foluich a thoirt air. “Co thusa,” ars’ a’ bhan-tighearn, “agus ciod e do ghnothuch riumsa!” “Is mise,” deir e, “Searsan Caimbeul; agus dh’ àithneadh dhomh an tigh so a rannsachadh airson t-fhir-posda, airson Fear Chluanaidh, agus na h-uiread de dhaoinibh ceannairceach eile a dh’ eirich an aghaidh an Righ!” Air do ’n bhan-tighearn so a chluinntinn, thubhairt i ris, gu ’m b’fhearr leatha an t-aon bu shuaraiche de na ceannardaibh Sasunnach fhaicinn a’ teachd a rannachadh a tighe airson cairdean a’ Phrionnsa, na aon air bith do na Caimbeulaich an-iochdmhor sin a dh’ eirich an aghaidh a’ Phrionnsa dhlighich, agus a chaidh gu ’n dulan chum an luchd-duthcha a sgrios! “Dean foighidinn, a bhean-uasail,” ars’ an Gaidheal; “oir gun teagamh bithidh tusa agus do chuid nighean ni ’s tearuinte ann an lamhaibh fir-duthcha, na bhiodh sibh ann an lamhaibh saighdeir Sasunnaich.” Cha robh a’ bhan-tighearn leighte le sin idir; gidheadh thilg i na h-iuchraichean d’ a ionnsuidh, a’ guidhe gu ’m faiceadh i an la anns am biodh na Cambeulaich air an gearradh as, eadar bhun agus bharr, leis na fineachaibh eile! Thog e [TD 280] na h-iuchraichean, agus thoisich e air mion-rannsachadh a dheanamh air feadh gach cuil agus oisinn do ’n tigh! Re na h-uine so, bha a’ bhan-tighearn aig a shail, a’ labhairt ris anns na briathraibh bu tareil’ a b’ urrainn di a dhealbhadh. Ghrad sheas an Gaidheal. Sheall e an clar an eudainn air a’ mhnaoi uasal. Cha d’ thubhairt e lide; ach thomh e a lamh ri leabaidh a bha ’n sin, agus chrath e a cheann! Air ball bha ise ’n a tosd—chaochail a gnuis, agus bha i uile air chrith le h-eagal! Aig a’ mhionaid sin, thainig ceannard Sasunnach a steach, agus cuignear shaighdear maille ris, fo ’n lan armachd! “O! faicibh an so,” deir a’ bhan-tighearn, “crochair do na Caimbeulaich a chuireadh a rannsachadh an tighe; agus tha e ri milleadh agus briseadh, agus a’ tilgeadh gach ni bun os cionn.” “Leig dhiot gu h-ealamh, a shloighteir,” ars’ an ceannard Sasunnach, “agus thoir do chasan as; oir ma tha ceannaircich an so, gabhaibh mise curam dhiubh.” “Cha dean e ’n gnothach,” ars’ an Gaidheal; “oir am fear is luaithe lamh, ’s e is fearr cuid. Bha mise an so an toiseach; is leamsa, air an aobhar sin, coir an rannsachaidh, agus leamsa bithidh an duais airson na gheibhear. Air mo chomhairle, mata, thoir thusa gu grad an dorus ort.” “Feuch dhomh t-ughdarras, a choin Albannaich, airson rannsachaidh.” “Feuch dhomhsa an toiseach ciod a’ choir a ta agadsa airson sin iarraidh.” “Is mise an t-oifigeach Letam, aig am bheil ughdarras o Chobam, mo cheannard: ach co o ’m bheil ughdarras agadsa?” “Tha m’ ughdarras-sa o dhuin’-uasal ni ’s fearr na thusa, agus ni ’s fearr na aon a bha no bhitheas os do cheann.” “O dhuin’-uasal ni ’s fearr na mise, agus ni ’s fearr na aon a bha no bhitheas os mo cheann! Fhir mo chridhe, glacam thu air ball mar cheannairceach agus mar fhear-brathaidh an aghaidh do Righ agus do rioghachd.” Le sin, rug e air a’ Ghaidheal; ach an uair a chunnaic an Caimbeulach danachd an t-Sasunnaich, thug e buille do ’n dorn dha, leis an do thuit e gun deo air an lar! Ann am mionaid tharruing na cuig saighdeirean an dagaichean, chum an Caimbeulach a thilgeadh; ach ghrad leum e gu cul leapach a bha ann an ceann eile an tighe, le dag ’s an aon laimh, agus a chlaidheamh ’s an laimh eile; agus air do ’n t-slighe dh’ ionnsuidh an t-seomair a bhi co aimhleathan ’s nach rachadh dithis a steach comhladh, bha esan a rachadh a stigh an toiseach cinnteach gu cuirteadh gu bas e leis a’ Chaimbeulach ghaisgeil! Air doibh so fhaicinn, chaidh dithis diubh mach, chum losgadh a stigh air troimh uinneig bhig a bha air cul an tighe. Cha b’ fhurasd a nis do ’n Ghaidheal an triuir a bha stigh a chumail as an t-seomar, agus e fein a dhionadh o theine na dithis a bha muigh. Ach ghrad dhealbh e innleachd a shoirbhich leis. Shin e mach a bhoineid thar oisinn na leapach; agus air do ’n triuir a bha stigh smuaineachadh gu ’n robh a cheann innte, ghrad las an dagaichean, agus chaidh na tri peileirean troimh na boineid; ach bha ’n ceann tearuinte, agus b’olc an airidh mar biodh! Mar ghrad bhoisge an dealanaich, leam an Gaidheal a mach le a chlaidheamh ruisgte ’n a dhorn; agus mu ’m b’ urrainn na Sasunnaich an dorus a thoirt orra, bha dithis diubh air an gearradh as; agus rug e air an treas fear, agus chuir [TD 281] e gu dith e aig astar beag o ’n tigh. An uair a chunnaic an dithis aig an uinneig chuil mar a chaidh na cuisean, leam iad ’n an diollaidaibh, agus thug iad na spuir do na h-eich. Ghabh an Gaidheal each an oifigich Shasunnaich, agus ruith e ’n an deigh, ag eigheach riu, “Stad aibh, a chladhairean!—stadaibh!” Ach cha deanadh iad sin idir; agus ged a bha ’n Gaidheal a’ bualadh an eich air adhairt leis a’ chlaidheamh fhuilteach a bha ’n a laimh, cha robh e ’n a chomas beirsinn orra. Bha dithis dhaoine, Padruig Grannd agus Alasdair Mac-Eachainn, air a’ cheart am sin ann an aite-foluich aig Craig-neart. Chunnaic iad an reis, agus cha ’n fhac iad a leithid riamh roimhe! Mu dheireadh, chaidh each a’ Ghaidheil fodha ann am boglach, agus b’ eiginn da an ruaig a thoirt thairis: Air do ’n Ghranndach agus do Mhac-Eachainn so fhaicinn, dh’ fhag iad Craig-neart, chum failte a chur air a’ Ghaidheal ghaisgeil a rinn treuhhantas co mor. Ach feuch! ciod an t-iongantas leis an do bhuaileadh iad, an uair a chunnaic iad gu ’m b’ e an Gaidheal curanta so an ceannard urramach agus ionmhuinn fein—IAIN RUADH STIUBHART! Phill an triuir gu Innis-Croi, far an d’ fhuair iad na ban-tighearnan air chrith le h-eagal, agus na saighdeirean Sasunnach ’n an sineadh gun deo! An sin chaidh cuisean a mhineachadh air gach taobh. Dh’ innis a’ bhan-tighearn an t-eagal a ghabh i an uair a thomh an Caimbeulaich a lamh ris an leabaidh, a cheann gu ’n robh dorus beag aig cul na leapach sin a bha treorachadh dh’ ionnsuidh seomair uaignich far an robh a companach, agus uaislean eile a bha air taobh Thearlaich, air am foluchadh. Chunnaic i nach robh am Caimbeulach aineolach mu ’n t-seomar sin, agus lionadh a cridhe le geilt gu ’n glacteadh iad.—Dh’ innis Iain Ruadh Stiubhart, air an laimh eile, gu ’m fac e na Sasunnaich a’ deanamh direach air an tigh; agus air da fios a bhi aige gu ’n robh a chairdean air am foluchadh ann, runaich e a bheatha fein a chur an cunnart chum an teasairginn. Is iongantach mar a chealaicheadh an gniomh euchdach so, air chor is nach d’ fhuair Diuc Uilleam no a cheannardan riamh a mach co e an Caimbeulach gaisgeil a rinn an t-euchd a dh’ ainmicheadh! Ach cha robh na ban-tighearnan co h-aghmhor ri Iain Ruadh agus a chompanaich; oir, air do Dhuic Cumberland mor-thamailt fhaotuinn airson mar a chuireadh as d’a shaighdeiribh, chuir e buidheann eile dh’ionnsuidh Innis-Croi, chum an tigh a chreachadh agus a losgadh, agus chum priosanaich a dheanamh de na ban-tighearnaibh! Bha ’n gniomh dioghailtais so gu h-iomlan neo-dhuineil agus eas-urramach ann fein, agus ceart cosmhuil ri uile ghnoimharaibh eile Chumberland, a bha comharraichte airson ain-iochd agus cruas-cridhe! SGIATHANACH. Cia suaimhneach an inntinn, cia stolda an aigne, cia suilbhear a’ ghnuis, cia binn an guth, cia milis an codal, cia toillichte uile-bheatha an duine sin nach runaich droch-bheairt ’n a chridhe an aghaidh muinntir eile; agus nach smuainich gu ’m bheil a leithid air a runachadh le neach sam bith ’n a aghaidh fein. Air an laimh eile, nach graineil, mi-thaitneach an ni a bhi ’buanachadh ann an staid naimhdeis, connsachaidh, agus corruich, air do na smuaintean a bhi air an claoidh gu searbh le curam, amhuras, agus doilghios, a bhi maraon ag oibreachadh annta. [TD 282] AN T-OLLAMH SEUMAS GARIE. Bha ’n duine urramach so ’n a mhinistear soisgeulach, dichiollach agus curamach aig gach am, agus anns gach aite, chum Soisgeul na sithe a shearmonachadh d’a luchd-eisdeachd. Chaidh e maille ri ministeiribh diadhaidh eile a null dh’ ionnsuidh nan Eireannach anns a’ bhliadhna 1790, a thoirt eolais doibh air briathraibh na beatha maireannaich. Air doibh a bhi ’searmonachadh re aireimh mhiosan ann an Sligo, a reir coslais le mor-bhuannach d’an luchd-eisdeachd, thogadh eaglais mhor am fochair a’ bhaile, a bha ro fhreagarrach air son an t-sluaigh a dh’ fhas mu dheireadh gle lionmhor. Bha cuisean a’ dol air an aghaidh gle thaitneach car uine, ach mu dheireadh dh’ eirich naimhdean suas an aghaidh sheirbhiseach an Tighearna, agus runaich iad an eaglais a thilgeadh sios gu lar. Thug iad ionnsaidh oirre a ris agus a ris, ach mu dheireadh chaidh a’ chuis leo, agus loisg iad tigh an Tighearna gu luaithre! Cha bu leoir sin leis an luchd-droch-bheirt so, ach rinn iad geur-leanmhuinn chruaidh, air na deagh-dhaoinibh sin ach gu sonraichte air aon diubh, a bha iad a’ dian-lorgadh o aite gu h-aite. Dh’ fhas na cuisean anabarrach cunnartach, agus bha eagal mor airsan gu h-araidh air am bu mhiann leo greim a dheanamh. Uime sin, chunnaic e freagarrach a chairtealan fein atharrachadh gach oidhche fa leth. Bhuanaich e gidheadh ’n a dhreuchd fein, agus cha do dhiobair e idir ann a bhi ’thoirt rabhaidh do ’n aingidh air gach taobh dha. Air feasgar araidh a bha tiamhaidh, dorcha, trom, chualas buille aig an dorus. Ghrad dh’ fhosgladh e, agus thainig duine, borb, fiadhaich a stigh do ’n t-seomar, le a’ ghnuis comhdaichte o chluais gu cluais le feusaig robaich, dhuibh. Sheas e direach air a bhonnaibh, agus bha e mu shea troighean ann an airde. Bha dag aige ’n a laimh dheis. Chum e an t-inneal marbhtach so gu direach ri h-aghaidh a’ mhinisteir, agus bhagair e am peileir a chur gu grad troimh ’eanachainn. Dh’ eirich an t-Ollamh suas gun sgath, gun eagal, ghlac e Biobull beag ’n a laimh, chaidh e le gnuis chiuin, thlaith, an codhail a’ mhortair alluidh, agus dh’ amhairc e air gu geur, gno a ’n clar an eudainn. Bha am mortair air a bhualadh le coslas seimh, malta, neo-chiontach an duine naoimh. Cha do labhair e lide, ach thionndaidh e air a shail, thug e an dorus air, agus cha do cheaduicheadh dha dochunn sam bith a dheanamh air seirbhiseach dileas an Tighearna! Is mirobhuileach freasdal an Ti a’s Airde chum a phiobull fein a theasairginn. Gabhaidh esan curam diubh ’n an dol a mach, agus ’n an teachd a steach; stiuiridh se iad air rodaibh an dleasnais, agus bheir e air na h-uile nithibh oibreachadh le cheile chum an leas. Is beannuichte, uime sin, an ti sin a chuireas a dhochas anns an Tighearna. SGIATHANACH. Feudaidh sibh caraid na firinn a chlaoidh agus a sharuchadh, ach mairidh an fhirinn fein gu ’n truailleadh. Feudaidh sibh am Bard, am Fear-eadhlain, agus an Criosduidh irioslachadh gu mor, ach cha ’n ’eil e ’n ’ur comas a’ bhardachd no ealadhain, no ’n Creideamh Criosduidh a mhilleadh, no mhaslachadh air sheol sam bith. Feudar a radh nach ’eil ann an Gamhlas ach “domhlas na seirbhe agus cuibhreach na h-eucorach.” Se Gamhlas an toradh a ’s seirbhe a dh’ fhasas air craoibh a’ pheacaidh, agus cha ’n urrainn ni sam bith ach teas-ghradh an Ti a ’s Airde a smaladh as an anam. [TD 283-92] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 293] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] CIAD MHIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874. [34 AIR. LONG MHOR NAN EILTHIREACH. LEIS AN OLLAMH URRAMACH TORMAID MAC-LEOID NACH MAIREANN. Air pilleadh dhomh air m’ ais o I Chaluim-Chille thainig sinn, air an aon fheasgar shamhraidh a b’ aillidh a chunnaic mi riamh, do dh-aite tearuinte, fasgach, a tha ann an ceann mu thuath an eilein Mhuilich. Ar leam, nach faca mi cala luingeis idir a tha air a dhion o eirigh fairge agus o chumhachd stoirme mar ’tha e. Tha eilean fada caol ’g a chuairteachadh air an taobh a muigh, a’ sgaoileadh a sgiathan gu cairdeil mu’n cuairt air gach soitheach beag agus long, a tha ’g iarraidh fasgaidh ’n a thaic o dhruim a’ chuain, no ’tha ’feitheamh ri sìd mara gus an rudha-mor a ghabhail. Air an laimh dheis mar a chaidh sinn a stigh, tha ’m fearann ag eirigh gu corrach, cas. Bha sinn a’ seoladh ri bile nan creag, agus bha geugan nan craobh a’ lubadh dluth dhuinn. Thainig faileadh a’ bharraich oirnn air oiteig an t-samhraidh, agus bha mile eun beag le ’n ceileiribh binn a’ seinn air gach preas, a’ cur failte oirnn ’n uair a bha sinn a’ seoladh seachad orra gu reidh, samhach. Cha robh taobh a thionndaidhinn mo shuil nach robh ’n sealladh taitneach. Bha na beanntan arda Morchuanach, ’s iad uaine gu ’m mullach—Suaineart le ’chnocaibh ’s le ’thulaichibh boidheach, ’s an Leathar-Morthairneach a’ deanamh gairdeachais ann am blàs an fheasgair shamhraidh. Aig ceann shuas a’ chaoil chi mi, —“A’ bheinn ard a’s aillidh sgiamh, Ceann-feadhna nam milte beann: Bidh aisling nan damh ’n a ciabh, ’S i leaba nan nial a ceann.” An uair a dhluthaich sinn a stigh, cha robh r’a fhaicinn ach croinn nan luingeas, am brataichean a’ snamh gu fann ris an t-soirbheas; ’s cha robh r’a chluinntinn ach farum ramh, a’s torman nan allt agus nan eas, a bha ’tuiteam o iomadh sgairneach ard do ’n chala ’bha ’nis a’ fosgladh gu farsuing romhainn. O thaobh gu taobh de ’n traigh air an dara laimh, tha sraid de thighean mora cho geal ris an t-sneachd; ’s gu grad air an cul tha uchdach chorrach chas, far am bheil an calltuinn, an caorann, agus an t-uinseann a’ fas gu dosrach, cho dluth, direach os ceann nan tighean a tha fopa, ’s gu’ m bheil an geugan, ar leat, a’ lubadh m’ am mullach. Air braigh’ a’ bhruthaich chi thu ’chuid eile de ’n bhaile eadar thu ’s faire, ionnus gur duilich dhuit aite ’s boidhche agus a’s neo-chumanta ’fhaicinn. Ach ’s ann a mach ’s a’ chala ’bha ’n sealladh a b’ fhiach ’fhaicinn; na ficheadan soitheach eadar mhor agus bheag, iomadh eithear caol le’n raimh uaine, a bhirlinn riomhach le ’siuil gheala, ’s an long mhor a thug barr orra air fad: bha iomadh bata beag a’ gabhail d’ a h-ionnsuidh, a’s mhothaich mi gu ’n robh iad a’ deanamh deas g’a cur fo sgaoil. Bha aon duine leinn a thainig [TD 294] oirnn aig culaobh Mhuile, a’s gann a thog a cheann fad an latha, a bha ’nis ag amharc gu h-iomaguineach air an luing mhoir so. “An aithne dhuit,” thubhairt mi ris, “ciod i an long mhor so?” “Mo thruaighe,” a deir esan, “’s ann domh is aithne; ’s duilich leam gu’ m bheil barrachd ’s a b’ aill leam de m’ luchd-eolais innte; innte tha mo bhraithrean agus moran de m’ chaomh chairdean a’ dol thairis air imrich fhada, mhuladaich do dh-America mu Thuath; agus is bochd nach robh agam-sa na bheireadh air falbh mi cuideachd.” Tharruing sinn a nunn g’an ionnsuidh; oir tha mi ’g aideachadh gu ’n robh toil agam na daoine blath-chridheach so ’fhaicinn, a bha ’n diugh a’ dol a ghabhail an cead dheireannaich a dh-Albainn, air toir duthcha far am faigheadh iad dachaidh bhunaiteach dhoibh fhein agus d’ an teaghlaichean. Cha ’n ’eil e comasach a thoirt air aon duine nach robh ’s an lathair, an sealladh a chunnaic mi’n so a thuigsinn. Cha tig an la a theid e as mo chuimhne. Bha iad an so eadar bheag agus mhor, o’n naoidhean a bha seachdain a dh-aois gus an seann duine liath a bha tri fichead bliadhna ’s a deich. Bu deistinneach ri fhaicinn an trom mhulad—an iarguin inntinn—an imcheist, ’s am bristeadh-cridhe a bha air an deargadh gu domhain air aghaidh na cuid a bu mho dhiubh, a bha ’n so cruinn o iomadh eilean agus earrann de’n Ghaidhealtachd. Bheachdaich mi gu h-araidh air aon duine dall, aosmhor, a bha ’n a shuidhe air leth, a’s triuir no cheathrar de chloinn ghillean mu ’n cuairt da, a sheana ghairdeanan thairis orra, iad a’ feuchainn co ’bu dluithe a gheibheadh a stigh r’a uchd, a cheann crom os an ceann, ’fhalt liath agus an cuaileanan dualach donna-san ag amaladh ’n a cheile, agus a dheoir gu trom, frasach a’ tuiteam thairis orra. Dluth dha aig a chasaibh bha bean thlachdmhor ’n a suidhe ag osnaich gu trom ann an iomaguin broin; agus thuig mi gu ’m b’e a fear-posda a bha ’spaisdearachd air ais agus air aghart le ceum goirid agus le lamhan paisgte. Bha sealladh a shul luaineach neo-shuidhichte, agus ’aghaidh bhuairte ag innseadh gu soilleir nach robh sith ’n a inntinn. Tharruing mi dluth do ’n t-seann-duine, agus dh’ fheoraich mi dheth ann an caoimhneas cainnt, an robh esan ann am feasgar a laithean a’ dol a dh-fhagail a dhuthcha? “Mise,” deir esan, “a’ dol thairis! cha ’n ’eil! Air imrich cha teid mis gus an tig an imrich a tha ’feitheamh oirnn air fad; agus an uair a thig, co an sin a theid fo m’ cheann do’n Chill? Dh’fhalbh sibh! dh’fhalbh sibh! dh’ fhagadh mise ’m aonar an diugh gu dall aosda, gun bhrathair, gun mhac, gun chul-taice; agus an diugh—la mo dhunach, Dia ’thoirt maitheanais domh—tha thusa, ’Mhairi, mo nighean, m’ aon duine cloinne, le m’ oghachan geala, gaolach, a’ dol ga m’ fhagail. Tillidh mis’ an nochd do ’n ghleann ud thall ach cha ’n aithnich mi an lamh a tha ga m’ threorachadh: cha tig sibhse, a leanaban mo ghraidh, a mach an coinneamh an t-seann-duine: cha chluinn mi tuilleadh briagail ur beoil ri taobh na h-aibhne; ’s cha ghlaodh mi tuilleadh, ge nach bu leir dhomh ’n cunnart, Fuir’ibh air ’ur n-ais o’n t-sruth: ’n uair a chluinneas mi tathunn nan con, cha leum mo chridhe na’s fhaide, ’s cha ’n abair mi, Tha mo leanaban a’ teachd. Co a nis a stiuras mi gu fasgadh an tuim, ’s a leughas dhomh an Leabhar Naomh? C’ ait’ an ath oidhche, ’n uair a theid a’ ghrian fodha, am bi sibhse, a chlann mo ruin; agus co a thogas leam-sa laoidh an anmoich?” “O! ’athair,” ars’ an nighean, ’s i ’dluthachadh ris, “na bristibh mo chridhe.” “Am bheil thu ’n so, a Mhairi,” a deir e; [TD 295] “c’ait’ am bheil do lamh? Thig na ’s dluithe dhomh—m’ eudail thu de mhnathan an domhain, is solasach leam do ghuth. Tha thu ’dealachadh rium:—cha-n ’eil mi ’cur-iomchoir ort, ’s cha mho tha mi ’gearan. Falbh, tha mo lan chead agad, tha beannachd do Dhe agad. Bi thusa, mar a bha do mhathair romhad, dleasnach. Air mo shon-sa, cha ’n fhada bhitheas mi ann: chaill mi ’n diugh mo gheugan aillidh, agus is faoin an oiteag a leagas mo cheann; ach fhad ’s is beo mi seasaidh Dia mi: bha e riamh leam anns gach cruaidh-chas, agus cha treig e ’nis mi. Dall ’s mar tha mi, tha e fein, buidheachas d’a ainm, a’ toirt domh seallaidh air mo charaid a’s fearr air a dheas-laimh, agus ’n a ghnuis is leir dhomh caomhalachd agus gras. Tha mi ’s a’ cheart am so a’ faotainn neart grais. Tha ’gheallaidhnean a’ teachd dhachaidh gu m’ chridhe. Faodaidh meanglain eile failneachadh—ach cha searg craobh na beatha. Am bheil sibh air fad lamh rium?” a deir e: “eisdibh; tha sinn a nis a’ dealachadh: tha sibhse a’ dol do dhuthaich fad’ as, agus ma dh’ fhaoidte mu ’n ruig sibh i gu ’m bi mis’ ann an duthaich ard ghrianaich, far am bheil dochas agam gu ’n coinnich sinn fhathast a cheile, far nach bi imrich no dealachadh a chaoidh: cha bhi; oir cha’n ’eil sannt no ciocras òir air neamh. Bithidh sinn an sin gu siorruidh le ’cheile agus gu siorruidh le Dia. Siabar gach deur o’n t-suil, agus bithidh la a’ bhroin thairis. Bithibh cuimhneach air Dia ur n-athraichean, ’s na tuitibh o aon deadh chleachdadh a dh’ fhoghluim sibh. Moch agus anmoch lubaibh an glun, mar a b’ abhaist duinn, agus togaibh an laoidh. Agus sibhse, mo leanaban, a bha mar shuilean agus mar luirg dhomh; sibhse a shaoil mi a chaireadh am foid gorm tharam, an eiginn duinn dealachadh? Dia ’chuideachadh leam!” Cha b’ urrainn domh fuireach na b’ fhaide: bha ’gheola ’bha gus an seann duine a thoirt gu tir a’ tarruing ’suas ri cliathach na luinge: chaidh iadsan a bha ’feitheamh air a dh’ innseadh dha gu ’m feumadh e falbh. Theich mi uatha: cha robh e ann am chomas a bhi ’m fhianuis air an dealachadh bhochd. Ann an deireadh na luinge, bha buidheann dhaoine a thuig mi ’bu luchd duthcha, air an earradh; agus mhothaich mi o’n cainnt, gu ’m b’ ann o aon de na h-eileinibh tuathach a thainig iad. Bha iad gu geur iomaguineach ag amharc a mach air son bata beag a bha ’teachd a stigh an rudha fo ’siuil ’s fo ’raimh. Cho luath ’s a bhabh i steach do’n chala ’s a rinn i air son na luinge, ghlaodh iad a mach, “’S e fein a tha ann—piseach air a cheann.” Bha aon neach am measg nan daoine so a bha a reir coslais na bu mheasaile na cach. ’N uair a dh’ aithnich e ’m bata beag so, chaidh e far an robh an sgiobair, agus mhothaich mi ’n sin gu ’n do ghairmeadh orra-san a bha shuas anns na crannaibh, ’s a mach air na slataibh-siuil, teachd a nuas, agus gu ’n deachaidh stad air an uidheamachadh a bha ’dol air aghaidh chum an long a chur fo sgaoil. Dhluthaich am bata, dh’eirich seann duine ard, uasal dreachmhor a bha ’n a deireadh, agus le ceum daingeann, laidir, ged a bha ’cheann cho geal ris a’ chanach, dhirich e suas, gun chuideachadh sam bith, ri taobh na luinge. Chuir an sgiobair failt’ air le mor urram. Dh’ amhairc e mu ’n cuairt da, agus gu grad mhothaich e ’bhuidheann ghaolach a bha ’n deireadh na luinge, agus ghabh e g’an ionnsuidh. “Dia ’bhi maille ruibh,” ars’ esan, ’n uair dh’ eirich gach aon diubh, le ’bhoineid ’n a laimh, a chur failt’ air. Shuidh e ’n am measag; air an luirg a bha ’n a laimh, leig e car tamuill taic a chinn; agus mhothaich mi gu ’n robh na deoir mhora a’ sruthadh a nuas air [TD 296] air aon aodann a bu taitniche leam ’fhaicinn a chunnaic mi riamh. Tharruing gach aon diubh mu ’n cuairt da, agus shuidh cuid de’n chloinn aig a chasaibh. Bha ni eigin ann an coslas an duine bheannaichte so nach faodadh gun daoine a thaladh ris: bha de mhaithens agus de chaomhalachd mu ’n cuairt da ’s gu ’m faodadh an neach bu lag-chridhiche, misneach a bhi aige teachd ’n a lathair; agus, anns an am cheudna, bha de smachd ’n a shuil agus ’n a bhathais, na bheireadh air an spiorad a bu dalma meatachadh ’n a fhianuis. “Thainig sibhse, le’r cead,” ars’ iadsan, “mar a gheall sibh: cha d’ rinn sibh dearmad riamh oirnn ann an la ar teinn. Tha sinn an nochd a’ dol a ghabhail a’ chuain fo ’r ceann; ’s mu ’n eirich a’ ghrian air na beanntaibh ud thall, bithidh sinne gu brath as an sealladh. Is culaidh thruais sinn an diugh—la ar dunach!” “Na cluinneam,” ars’ am ministeir, “a’ leithid so de chainnt. Bithibh misneachail; cha ’n e so an t-am dhuibh meatachadh: cuiribh ur n-earbsa ann an Dia; oir cha ’n ann gun fhios dasan a tha sibh a’ dol air an turus so. ’S ann ’n a fhreasdal fein a tha gach ni ’teachd mu ’n cuairt: ach ’s ann a tha sibhse ’labhairt mar gu ’m biodh sibh a’ fagail rioghachd an Uile-chumhachdaich, agus a’ dol far nach ruigeadh a chaoimhneas athaireil oirbh. Mo thruaighe! an e so ur creidimh?” “Tha sin fior,” thubhairt iad; “ach an fhairge, an cuan mor, farsuing!” “An fhairge!” fhreagair e; “c’ar son a chuireadh sin sibh fo dhiobhail misnich; nach ’eil Dia r’a fhaotainn air a’ chuan cho maith ’s air tir-mor? Fo stiuradh a ghliocais, fo dhion a chumhachd, nach ’eil sibh cho tearunt’ air a’ chuan ’s a bha sibh riamh ann an gleann tiorail? Nach ’eil an Dia a chruthaich an cuan a’ dol a mach air a thonnan uaibhreach? cha ’n eirich a h-aon diubh roimhibh gun fhios da: ’s e fein a chaisgeas onfhadh na fairge: tha e ’mach air a’ chuan ann an carbad na gaoithe, cho cinnteach ’s a tha e ann an neamh shuas. ‘O sibhse air bheag creidimh, c’ar son a tha sibh fo eagal?’” “Tha sinn a’ fagail ar duthcha,” fhreagair iad. “Tha gun teagamh,” ars’ esan; “tha sibh a’ fagail an eilean ’s an d’ fhuair sibh ur togail ’s ur n-arach; gu cinnteach tha sibh a’ dol air imrich fhada; cha ruigear leas a chleth gu ’m bheil iomadh cruadal a’ feitheamh oirbh; ach cha d’thainig so oirbh gun fhios duibh. A’ fagail ur duthcha! an dubhairt sibh; am bheil ceangal seasmhach aig mac an duine ri aon duthaich seach duthaich eile? Cha ’n ’eil duthaich bhunailteach againn air thalamh; cha ’n ’eil sinn air fad ach ’n ar n-eilthirich; agus cha ’n ann ’s an t-saoghal chaochlaideach so a tha e air a cheadachadh dhuinn le Dia an dachaidh sin iarraidh as nach bi imrich.” “Gun amharus,” fhreagair iad, “tha sin fior, ach tha sinn a’ falbh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille, gun a h-aon ris an cuir sinn ar comhairle; ’s a’ dol fad’ air falbh. O! na’m biodh sibhse”—“Bithibh ’n ur tosd,” deir esan: “na cluinneam a’ leithid so de chainnt. Am bheil sibh a’ dol na’s fhaide o Dhia, na bha sibh riamh? nach e’n Dia ceudna ’dh’ fhosgail rosgan do shul an diugh ’s a dhuisg thu a suain na h-oidhche, a tha ’g oibreachadh taobh thall an t-saoghail? Co ’sheas le Abraham ’n uair a dh’ fhag e ’thir ’s a dhaoine? Co a thaisbein e fein do Iacob, ’n uair a dh’ fhag e tigh ’athar, ’s a chaidil e ’muigh air an raon? Mo naire! a dhaoine; c’ait’ am bheil ur creidimh? An dubhairt sibh gu ’n robh sibh mar chaoraich bhochda gun bhuachaille?Am bheil aon leanabh beag lamh rium an so, nach aithris na briathran sin, [TD 297] ‘Is e Dia fein a’s buachaill’ dhomh Cha bhi mi ann an dith?’ Nach esan, Ard-Bhuachaille a chuid caorach fein, a thubhairt, ‘Na biodh eagal ort, a threud bhig, bi fo dheadh mhisnich, oir is mise do Dhia.’ Cha ’n ’eil, gu dearbh,” deir esan, “tighean-aoraidh far am bheil sibh a’ dol; agus is docha nach ’eil ministeirean ann: ach cuimhnichibh la an Tighearna. Cruinnichibh fo sgail na creige, no fo dhubhar nan craobh; agus togaibh le ’cheile laoidhean Shioin, a’ cuimhneachadh nach ’eil lathaireachd Dhe fuaighte ri aite seach aite: gu ’m bheil e r’a fhaotainn anns gach aite leo-san a dh’iarras e gu treibhdhireach ann an ainm Chriosd—air mullach na beinne a’s airde, aig bonn a’ ghlinne a’s isle, no ann am meadhon a’ bhaile-mhoir, no ’s an teampull a’s dreachmhoire a thogadh riamh dha le lamhan. Tha gach aon agaibh comasach air focal Dhe a leughadh; mur bitheadh, bu trom mo chridhe da-rireadh, ’s bu bhronach an dealachadh. Tha fhios agam gu ’m bheil Biobuill ’n ’ur cuideachd; ach gabhaibh uam-sa an diugh Biobuill ura, air an ur chlo-bhualadh, ann an tomad beag, soirbh r’an giulan; agus cha shuaraiche leibh iad gu ’m bheil ur n-ainmeannan sgriobhta annta leis an laimh sin a bhaist an earrann a’s mo dhibh, a thogadh iomadh uair ann an asluchadh as ur leth gu neamh; agus a thogar fhathast ann an deadh dhochas an ainm Chriosd air ur son, gus an tig marbhantachd a’ bhais thairis oirre. Agus sibhse, mo leanaban beaga, am badan lurach de m’ chuid uan, a tha ’nis ga m’ fhagail, thug mi d’ ur n-ionnsuidhse cuimhneachan beag air mo mhor-ghradh dhuibh. Dia g’ur beannachadh.” “O!” ars’ iad-san, “cia taingeil a tha sinne gu ’m faca sinn sibh aon uair eile, agus gu ’n cuala sinn fhathast ur guth.” Bha muinntir na luinge gu leir a’ tarruing na bu dluithe air an aite ’s an robh e ’n a sheasamh; ma b’ iad na seoladairean fhein, ged nach do thuig cuid diubh a’ chainnt, thuig iad gu ’m bu ghnothuch anama a bha ’dol air ’aghaidh. Bha uiread de dhurachd, de bhlàs, ’s de chaoimhneas ’n a choslas agus ’n a chainnt, ’s gu ’n do sheas iad gu ciuin, samhach; agus chunnaic mi iomadh aon diubh a’ cleth nan deur a bha ’tuiteam bho ghruaidhean as an tug iomadh latha garbh, o cheann fhada, an leanabas. Thug an duine beannaichte a chomhdach-cinn deth, agus sheas e suas; thuig gach aon na bha ’n a bheachd. Thuit cuid diubh air an gluinibh, a’s dh’ amhairc gach aon air an lar, ’n uair a thubhairt e le guth, glan fallain, “Iarramaid beannachd Dhe; deanamaid urnaigh.” O! bu chruaidh an cridhe nach leaghadh, agus cha chuis fharmaid an spiorad sin nach gabhadh suim, fhad ’s a bha ’n urnuigh dhurachdach, theas-chridheach ’g a cur suas leis an duine mhath so, a bha ’nis e fein air ’ardachadh os ceann an t-saoghal so. Is iomadh duile bhochd, lag-chridheach a fhuair misneach: thuit a bhriathran mar dhruchd an fheasgair, a’s fhuair na meanglain laga, fhann’, fionnachd agus solas. Bu trom acain an cleibh, ’n uair a bha iad air an gluinibh ’s na h-osnaidhean a dh’ fheuch iad a chumail fodha; ach ’n uair a dh’ eirich iad, ar leam gu ’n robh misneach ur r’a fhaicinn ’n an suilibh troimh cheo nan deur goirt a bha iad a nis a’ tiormachadh air falbh. Dh’fhosgail e leabhar nan Salm, a’s thogadh an naomh cheol a bu tursaiche, ’s a bu deuchainniche gidheadh a bu sholasaiche, a chuala mi riamh. Rainig an fhuaim thiamhaidh gach long ’s gach soitheach ’s a’ chala. Cha robh ramh nach robh air a phasgadh; cha chluinnte fead, no farum, ach an t-samhchair bheannaichte, mar a [TD 298] sheinn iad an dara Salm thar an da fhichead, aig a’ cheathramh rann:— “Tha m’ anam air a dhortadh ’mach, Tra chuimhnicheam gach ni, Oir chaidh mi leis a’ chuideachd mhoir, Dol leo gu teampull Dhe. “Seadh, chaidh mi leo le gairdeachas, A’s moladh fos le cheil’: ’S ann leis a’ chuideachd sin a bha A’ coimhead laithe feill. “O m’ anam! c’ uim a leagadh thu Le diobhail misnich sios? A’s c’ uim am bheil thu ’n taobh ’stigh dhiom Fo thrioblaid a’s fo sgios? “Cuir dochas daingeann ann an Dia, Oir fathast molam e; Air son na furtachd a’s na slaint’ ’Thig dhomh o ’aodann reidh.” BRON MATHAR. Chaidh an sgeul bronach a leanas aithris ann an America o chionn ghoirid, le tìomachd agus le blath-chridheachd anabarraich, leis a’ bhoirionnach bhochd i fein, an deigh dhi an duthaich sin a ruigsinn mar bhan-eilthireach bho ’n rioghachd so. Re na h-uine a bha i ’g a innseadh thug a gnuis chiallach, aillidh, agus na deoir a shruth gu frasach a nuas a h-aodann, dearbhadh air firinn a dh’ aidicheas sinn gu leir—gu ’m faighear cridheachan blath agus aignidhean maoth aig muinntir nach do rainig aon chuid air foghlum, no oilein, no inbh na h-uaisle. “Bha seomar-toisich na luinge air an do sheol sinn lan de dh-eilthirich de gach aois; agus m’ an robh sinn ach goirid aig fairge bhrist an-shocair sgriosail a mach am measg na cloinne a bha air bord. Aon an deigh aoin, bha iad air am bualadh agus air an gearradh as leis an trioblaid so, agus aon mu seach dhiubh air a phasgadh suas ann an leine chumhann nam marbh, agus air a charadh anns a’ chuan gun mharbh-rann gun tuireadh ach osnaidhean trom na mathar agus deura goirt nan aithrichean agus nam braithrean agus an luchd coimhid a sheas gu dubhach m’ an cuairt. Mar a shlugadh iad anns a’ mhuir agus a dhuin na tonnan uaine thairis orra, theannaich mi mo naoidhean fein ri m’ uchd agus ghuidh mi gu durachdach gu ’n caomhnadh Dia mo leanabh—m’ aon-ghin agus m’ annsachd. Ach cha b’ e so a thoil. Bhuail an tinneas e, agus latha an deigh latha chunnaic mi gu ’n robh a bheatha a’ traoghadh air falbh, agus gu ’n robh obair a bhàis cheana air toiseachadh. Air oidhche Dihaoine fhuair e am bàs, agus a chum nach féumainn esan a bha aon uair cho aillidh, agus fhathasd cho priseil, a thoirt a bheathachadh ainmhidhean a’ chuain, cheil mi air na bha m’ an cuairt domh gu ’n robh e marbh. A chum ’s nach biodh amharus orra, bheirinn freagairtean tuaitheal do gach aon a dh’ fheoraicheadh air a shon; phaisginn gu teann ann am bhroilleach e, agus sheinninn da mar nach biodh mo leanaban gaolach ach ’n a chadal car tamuil, am feadh ’s a bha e ann an cadal buan a’ bhàis. Chaidh latha ’s oidhche chianail seachad, agus thainig an t-Sàbaid. Coltach ri càch chuir mi suas deise ghrinn, ghlan, agus bha feith-ghaire air mo ghnuis; ach O! bu deuchainneach an obair i, oir bha mi a’ faireachdainn mo chridhe a’ bristeadh. Air Diluain cha ghabhadh bàs mo leinibh cumail na b’ fhaide an uaigneas, ach air faicinn do ’n sgiobair teas mo ghraidh, chuir e an corp ann an cisteig bhig agus gheall e gu ’n gleidheadh e fad da latha eile e gun a chur ’s a’ chuan, fheuch an ruigeamaid tir m’ an tigeadh an t-àm sin. Chaidh a’ chiste-mhairbh a chur anns a’ bhàta [TD 299] bheag a bha ’snamh aig deireadh na luinge, agus re thraithean fada na h-oidhche shuidh mi ’g a faireadh—faileas dubh air aghaidh nan tonn, a dh’ fhaodadh a slugadh air falbh as mo shealladh gu bràth. Is ann an sin a chuimhnich mi air mo dhachaidh bhoidhich, air tir mo dhuthchais, na cairdean caomh a dh’ fhag mi as mo dheigh, agus a bu mhiann leam a bhi ri m’ thaobh, chum ’s gu ’m measgainn mo dheoir le ’n deuraibh-san. Re na h-oidhche bha mi a’ faireadh corp mo leinibh, agus re an latha bha mi gu geur ag amharc a mach air son an fhearainn—a’ togail mo chridhe ann an urnaigh ris-san aig am bheil na gaoithibh ’n a lamhan, gu ’n tugadh e sinn gu luath gu ceann ar turais. Air an treas madainn, mu bhristeadh na fàire dh’ eirich an ceo agus chunnaic sinn cladaichean gorma New Brunswick. Chaidh an long a thilgeil an ceann; agus dh’ fhag an sgiobair agus a dha no tri d’ a chuid daoine an soitheach a’ giulan corp mo leinibh leotha gu tir. Cha do cheadaicheadh dhomh dol comhladh riutha, ach o chlar na luinge bu leir dhomh iad a’ cladhach na h-uaighe fo sgaile tiugh na coille, aig iochdar bruthaich aillidh a bha a’ claonadh a nuas gu oir an làin; agus bheannaich mi iad ann am chridhe, agus ghuidh mi gu ’n ath-dhioladh Dia an caoimhneas araon do ’n bheo agus do ’n mharbh. An uair a thainig iad air an ais, thainig an sgiobair am ionnsaidh agus thubhairt e—‘Mo bhoirionnach math, is e ainm an àite anns an do thìodhlaiceadh do mhac, Greenville, air corsa New Brunswick. Sgriobhaidh mi air paipear e, chum ’s gu ’m bi fhios agad c’àite bheil e ’n a laidhe.’ Thug mi buidheachas dha air son a churaim, ach thuirt mi ris nach ruigeadh e leas—gu ’n robh e cheana sgriobhte air clar mo chridhe, agus gu ’m maireadh e an sin gus an coinnichinn fein agus mo bhalachan beannaichte anns an t-saoghal ghlormhor, shona, air taobh thall a’ bhàis.” MAC-MHARCUIS. SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. DUAN I. IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGAMEMNON. (Air leantainn.) Ghrad-fhreagair, ’s cha b’ ann le sìth, Agamemnon righ nan tréun:— Teich ’n uair chìtear, teich gun dàil, Cha ghrìosaim do bhàigh no d’ fhéum. ’S pailt ás d’ aonais laoich ri m’ thaobh A’s coisnear leam caoin tì nan spéur. Thair gach triath thug iùl do shluagh, ’S tu fhéin a thoill m’ fhuath ’s mo ghràin: ’S buan-shòlas le d’ inntinn ghairg Còmhstrith feirge ’s earrghlais bhlàr. Umpaidh anmeinnich, gabh beachd, Bho dhia tha do neart ’s do threòir: Thoir dhachaidh d’ fheachd ’n is àill, ’S triall le d’ chabhlach àrd fo sheòl. Maoidh air na ’s leat fhéin ’s na saoil Gur diù leamsa fraoch gun bhrigh: Bagram ni eil’ ort a bhàrr, Ordugh thig gun dàil gu crich;— Air ghùth Phœbuis nan colg luath, Géillim bhuam Chriséis chaoin; Mo long fhìn bheir is’ thair sàil Mar ri còmhlan chàirdean gaoil; Dians’ ullamh an sin, fhir ghnùth, Grad-ghlacaim ad bhùth gun sgàth, D’ ulaidh, d’ annsachd, do dhaor-dhuais, Og Bhriséis nan gruaidh tlàth. An sin dearbhar dhut ciod mo neart, ’S làn-aithnghidh am feachd ’n an crìdh Gur baoghal riumsa bhi gleachd, ’S nach coimeas aon neach d’ a righ. Sguir e; ’s chìt’ air Aichioll borb Aileagail chonghlais le feirg; Bha ’n imcheist ’n a chliabh le spàirn, An tàirneadh e ’n lann gun mheirg, Saighdeadh romh ’n t-sluagh a dhuibh-léum, ’S an righ thoirt do ’n éug gun dàil; No ’n t olc a mhùchadh, ge searbh, ’S an fhearg a chur greis ’n a tàmh. ’N uair bha ’n co-ghleachd so ’n a chom, ’S a leth-rùisg e lann nan créuchd, Ghrad-thùirling Minerbha nuas, Bho bhan-dia uachdrach nan spéur, Aig miad a h-iomguin ’s a gaoil, [TD 300] Do ’n dà laoch bu ghairge glòir, Sheas i air cùl Aichill àigh, ’S ghlac ’n a làimh a chuailein òir. B’ eaglach foidhleus a dhà shùl, ’N nair thionnsgain e ’m briathran luath: A nighean Iobh, righ gach dé, C’ uime do theachd bho ’n spéur a nuas? ’N ann a dh-fhaicinn nan gniomh cèarr Rinn mac Atreuis nach sèamh colg? Cho ceart ’s a tha plosg am chom, Thig airsan dìol trom ’n a lorg. Thuirt ban-dia nan gorm shùl tlàth: M’ astar tha bho àird’ nan spéur Los gu ’n nochdainn dhuts’ a’ chòir, ’S gu ’n sìoladh d’ fhearg mhòr gu ceill. Iuno leug uilionnach àigh, A mhosgail bho nèamh mo thriall, Aig miad a h-iomguin ’s a gaoil Do dhà laoch nan còmhstrith dian. Mar sin thoir falachd gu ceann, ’S na tarrainn do lann á truaill, Ma ’s miann leat, cronaich gu géur Thaobh nam béud a bhrosnaich d’ fhuath. Theirim riut, ’s thig e gu crìch, Strìochdaidh an righ ’s a mhiad-mhòr, Los gu ’n ath-cheannaichear do chaomh, ’S teann nach càrn e maoin a’s òr. Bhrigh so leig d’ fhearg gu làr, ’S na diùlt géill do ràdh nan dia. Fhreagair le mion-ghlòir an sonn: Ge trom, trom, an luchd tha ’m chliabh, Dhuibhs’, àrd-chumhachdan nan spéur, ’S dual do dhaoine géill ’s gach nì: ’N drèann a chumas reachd nan dia, Leanaidh sealbh an gnìomh gu crìch. An sin gu h-umhail ghlac an sonn ’N dòrnchuir airgid ’n a throm laimh; Thill e rìst a steach ’n a truaill Fad lann chosgraidh chruaidh nam blàr. Ghrad-imich Pallas ’n a léum, Romh ’n chian spéur gu lùchairt Iobh, Ràinig sreath shoillse nan dia, ’S shuidh i sìos an àird’ a glòir’. Sin cha d’ fhàg an t-Aichioll borb Aig sìochaint bho stoirm a chlèibh; Air mac Atreuis sheall e garg, ’S leig srian leis an earghlais ghéir. A dhall mhisgeir nam mì-bhéus, A chridhe ’n fhéidh, ’s a ghnùis a’ choin, Ciod an ionnsaidh no ’n gnìomh blàir, ’S ’n a dhiong thus’ air nàmhaid cron? Dhutsa ’s co eaglach ’s an t-éug Cumasg thréun-fhear nam béum luath; B’ annsa bhi spùilleadh air d’ fheachd, Mur léum leat am bog ’s an cruaidh. Uamh-bheist an-caithteach gun iochd, Briathran buan sin, ’s briathran buan. Air a’ cholbh so fhuair mi ’m làimh, Bho ’n dh’ fhàg e leacainn an t-sléibh, Nach cinn roimhe géug no blàth. Riabh bho ’n sgath an ealtainn bhéurr Na meanglain bu chéutaich bàrr, ’S a dheibh i ’n suaicheantas còrr, Los bhi ’n dòrn nam britheamh àigh, Gu ’n leanadh iad ceart a’s còir, Mar a dh’ òrdaich righ nan spéur. ’S mionn i d’ an cudromach suim, ’S cha shnaoidhear i chaoidh le bréig. ’S goirt a dh-aithngheas sìol na Gréig’ Ionntrain Aichill nan tréun-ghnìomh. Thus’ a’ trom-acain an créuchd, Gun tairbhe, gun éuchd ad dhìon. Hector suain-mharbhtach ruag, Ag càrnadh chruach air an raon; ’S do chridhe-s’ air bhioraibh mu ’n stréup A leag tàir’ air do chéud laoch. Labhair e; ’s ghrad-thilg air làr, Slatag àlainn nan réul òir; Shuidh e fhéin; ’s mu ’choinneamh thall, B’ ogluidh greann mhic Atreuis mhòir. Dh’ éirich Nestor gu mall, mìn, Teangair Phìlois bu bhinn glòir, ’S tlàith’ a shiùbhladh reachd bho bhéul Na ’mhil ùr bho chéir an lòin. Chaidh thairis dà lìnn do ’n éug A b’ éibhneach fo ’rìgheachd ghaoil: ’N aimsir aosa bha ’n treas glùn ’G an stiùireadh le chrionntachd chaoin. Thuirt an cainntear bu mhòr brigh, Gliocas ’n a cheann, sìth ’n a rùn:— Mo shian duilich, ’s mo chreach léir! Chaill a’ Ghréig a meas ’s a cliù, ’S éibhneas le àrd-righ na Tròidh’ ’S còrr an sòlas dh’ a mhòr-shluagh Sibhse bhi gleachd an strìth chèarr Mu ’n ni ’s fhèarr a chleith no luaidh. Sibhse th’ air toiseach nan Gréug, An rian cinn ’s an tréuntachd laoch. Ach éisdibh riùmsa le céill, ’S dìolaibh a modh fhéin do ’n aois. An àm m’ òige ’s lìonmhor sonn A thaobh rium mar chompach beòil; An samhuilt cha ’n fhaic mi chaoidh, Dh’ éisdeadh iad le suim ri m’ ghloir. Chaoidh cha ’n fhaic ’s cha ’n fhacas riabh Na dh’ fhiacadh ri Drias tréun, Ceneus a’s Ecsaclius còrr, ’S deagh Phirithous nam mòr ghléus. Theseus fhuair cliù gach blàir, ’S Poliphemus àigh mar dhia. Thair gach sluagh a ghluais air raon, Fhuair na laoich ud bàrr an gnìomh. Bu bhuan an còmhrag, ’s bu shearbh, Ri fiadh-bhéistean garg nam beann, Uraisgean ceigneach ’g an sealg, Fuil ’n taosgaibh dearg ’s gach gleann. Ghabh iad sid dhiam spéis ge b’ òg, An lorg rian mo chòmhraidh-cinn, Géur-thoirt orm mu bhiudhas laoich, ’S mo throm ghaol air gaisge ghrinn. Nior chinnich air uachdar fuinn Na dhiongadh na suinn am blàr; Ach threòirich mis’ iad le m’ bhéul, ’S dhìol iad géill do reachd mo dhàin. Ma dh’ éisd seann-laoich gliocas òig, [TD 301] Eisdibhs’ a’ ghlòir thig bho ’n aois; Glacar leibh comhairle ’s ciall, ’S grad-bhiodh falachd fhiar fo sgaoil. Ge mòr ortsa, cheannaird fhéil, ’Og-nion fhéin na réub bho ’n t-sonn, Na dh’ fhuilig a’ Ghréig maraon, Luach a shaoithreach, ’s a chréuchd trom. Strìochd thusa, mhic Pheluis àigh, ’S na cònsaich cho dàn ri d’ righ: ’S àrd an righ os cionn gach sluaigh, ’S bheir dia fhéin da buaidh a’s brigh. ’S leatsa ciad urram nan lann, Mac na ban-de, ’s ni gun chleith: ’S leis-san mòrachd a’s ciad-iùl, Neart nan slògh gu ’n lùb dha bhreth. Traogh-sa, dheagh Mhic Atreuis, d’fhearg, ’S teancar leams’ an t-Aichioll mòr; ’S cruaìdh ma theid Aichioll d’ ar dìth— Ar sgiath-dhìon an strìth nan leòn. A shaoidh aosmhor, thuirt an triath, ’S mòr do chiall, ’s gur binn do ghlòir: Ach tha ’n sonn ud eangbhaidh, àrd, Os cionn chàich, mur bi cha bheò. S àill leis làmh-thoisich gach neach, Gach aon de m’ fheachd thoirt fo smàig, Marcachd thair gach drèam mar righ, Ni nach strìochdainn gu m’ uair-bhàis Ciod ma bhuilich tì nan spéur Neart cuirp air an stréupaid arm, C’ uim’ an cleachdadh e ’n droch bhéul Le théumannan béisdeil, borb? Fhreagair Aichioll le grad chainnt:— Bu mhì ’n òinid fhann gun sùgh, Na ’n géillinn dutsa ’s gach ni, Ann-righ ’spìdeil is meanbh cliù. Eaglaich le d’ bhagradh gach tràill, D’ an gnàth bhi ball-chrith fo d’ smachd; Na smaoinich, a chaoidh nan caoidh, Gur mise bheir suim do d’ reachd. Briathar eile, ’s taisg e ’d chom, Buin leat oigh-nion nan trom chiabh; Faiceadh a’ Ghréig m’ éiginn chruaidh, ’S mo dhaor dhuais ’g a réubadh dhiom. Mathaim a’ chiad uair do lochd, Ach togaim fo thoisg gun fhéum; Cha ’n éirghim le feachd gu bràth, ’S cha rùisg lann mi mhnaoi fo ’n ghréin ’S tuig-sa, ma ghlacas do chrìdh’, Teachd a rìst orm cèarr gu m’ ghuin, Air chinnt bidh mo throm shleagh gharbh ’N a caoir smùidrich dearg le d’ fhuil. An cath beòil mar so cho-dhùin, ’S dhealaich le greann mhùig na laoich; Aig cabhlach na Gréig’ air tràigh, Chaidh a’ choinneamh làn fo sgaoil. An t-Aichioll ’s Patroclus gràidh, Mar ri càirdean ghluais gu trom, Gu ’n roinn fhéin amach bho ’n chùirt Far ’m bu lìonmhor bùth a’s long. Thug mac Atreuis impidh ghrad, ’S bha bhìrlinn luath ghasd air sàil Fìchead còmhlan ìobairt chéud, ’S òg Bhriséis nan gruaidh tlàth. Dh’ fhalbh Ulisses, mar cheann-iùil, Leis an òigh a b’ ùire snuagh; Thog iad; ’s bu shiùbhlach an triall, Romh ghorm dhailthean cian a’ chuain. ’N sin dh’ àithn’ e ’n onoir an dé Gu ’n nighteadh gu léir na suinn; Ghrad-ionnlaid an slògh mar dh’ iarr, ’S thilg iad an sal ciar ’s an tuinn, Mharbh iad ìobairt nan làn-chiad, Ceart ri bial a’ ghrinneil mhòir; ’S air altairean dia nan colg, Loisg iad buic a’s tairbh gun ghò; Toit chùbhraidh ’n a cearcaill bhàn, Chìteadh ’snìomh gu àird’ nan spéur: B’ amhuil so shaothraich am feachd, Ach bha ’n righ ’s a bheachd air béud. Euribat, ’s Talthibius caoin, Sheas ri thaobh gu gairm ’s gu féum: Orra sid mu ’n Aichioll mhòr, Spàrr e ’n t-òrdugh le colg géur. As oirbh gu mac Pheleuis gnùth, ’S gu ’n glac sibh ’n a bhùth air làimh ’N aon-nion ùr a fhuair a spéis. Og Bhriséis nan gruaidh àigh. Mur géill e ’n ulaidh le tlachd, Thig mis’ agus m’ fheachd ’n a dhàil, Grad-theid a mhiad-mhòr fo chìs, ’S ni e strìochdadh àill air n-àill. Spreig an righ gu smachdail, garg; Dh’ imich na maoir ’s iad balbh, trom. Romh ’n oitir ghainimh ghil, réidh, Aig cuan béucach nan cuan trom. Ràineas Mirmiclich neo-mhall, Nam buithean, ’s nan cabhlach dlùth, ’S bhuail gu ionad còmhnaidh ’n t-suinn, Faisg ri ’luing a steach ’n a bhùth. Fhuaras ann ’n a shuidhe ’n tréun; Leis-san cha b’ éibhinn an toisg; Sheas iad le geilt greis bho ’làimh, ’S chùm an nàir’ iad fo chian thosd. Dh’ aithnich e ’s labhair gu caoin:— A theachdairean dhaoine ’s dhia, ’S e ur beath’ agus ciad fàilt. Druidibh rium le bàigh gun fhiamh, Thàinig sibh mar dh’ iarr ur righ; Ribhse cha ’n ’eil m’ fhearg no m’ fhuath. Eirich, a Phatrocluis ghràidh, Thoir dhaibh léug is àillidh snuagh; Do bhùth Agamemnon ghairg, Stiùireadh an luchd-gairm mo ghaol; Ach togadh iad fianais fhìor, Dh’ ionns’ nan dia ’s a’ chinne-dhaond’; ’S innseadh iad an tùs mo bhrìgh Do ’n ann-righ a chaill gach léus; Dh’ fhaodteadh nach fad às an uair, ’S am faight’ air mo chruaidh-sa féum: Froisear a’ Ghréig uil’ air tràigh, Fuil dhearg bharcach às gach cóm; Mise cha ghluais làmh, no lann Gu dìdinn bho ’n challdach throm. Ceann air bhoil-chaothaich gu sgrios, [TD 302] Gun smaoin ciod a thig, no bhá; ’N uair bhios a’ Ghréig tur ’n a draip, Dearbhaidh e gur ceart mo dhàn. (Ri leantainn.) COMHRADH. EADAR MURACHADH BAN AGUS COINNEACH CIOBAIR. COIN.—Failte na maidne dhuit, a’ Mhurachaidh, tha dochas agam gu ’m bheil thu gu surdail, sunndach an diugh, agus nach do chum gleadhraich nan gillean, agus meilich nan caorach agus nan uan gun chadal thu, oir cha bu beag an odhail a bha an raoir ’s a Ghoirtean-Fhraoich leo sin gu leir. Cha do leig iad dhomh fein suil a dhunadh re na h-oidhche. MUR.—Ma ta, a’ Choinnich, chual mi gun teagamh meilich nan caorach agus nan uan, ach is e sin an ceol a’s binne ’n am chluasaibh-sa ris an comas domh eisdeachd. Tha mi ’tuigsinn gu ’n robh cruinneachadh chaorach agad an de. COIN.—Bha, bha, oir ’s e so an t-am anns am b’ abhaist dhuinn a bhi ’casgadh nan uan, agus thugadh dhachaidh iad maraon, chum dealachadh a chur eadar na h-uain agus am maithrichean mar a rinneadh air an fheasgair an de, agus cluinnear iad far nach fhaicear iad a’ caoidh gu goirt air son an dealachaidh. MUR.—Ochan! is math, eolach air an obair mi, a’ Choinnich, agus de gach fuaim agus tuireadh, cha ’n ’eil caoidh idir ann ni ’s nadurra na caoidh nan uan an uair a dhealaichear iad o ’m maithrichibh; gidheadh, feumar sin a dheanamh. Tha duil agam gu ’m faigh thu deagh fheill agus phris air son nan caorach agus na h-olainn am bliadhna, ged nach ’eil iad idir co ard ’s a bha iad an uiridh. COIN.—Cha ’n ’eil an olann co ro ard ’s a bha i air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus tha na caoraich eadar crun agus ochd sgillinn Sasunnach an ceann sios, agus is mor sin. MUR.—Ni e suim mhaith airgid ann an stoc a’ Ghoirtein-Fraoich, ach cha ’n ’eil comas air, agus bithidh duil ni ’s fearr ris a’ bhliadhna chum teachd. Mar a thubhairt an sean-fhocal, “Thigeamaid beo an dochas ro mhaith.” COIN.—Cha ’n ’eil fios agam, a’ Mhurachaidh, oir tha mo choguis ag innseadh dhomh, gu ’m bheil na prisean tuilleadh ’s ard mar a ta, oir gun teagamh, cha ’n fhiach punnd mairt-fheoil, no punnd muilt-fheoil darna leth na pris a dh’ iarrar air a shon, agus is beag a’ chuairt ann an teaghlaich. MUR.—Is ann agam tha fios air mo chosdas, a’ Choinnich, oir cha ’n ’eil mi a’ cumail ach neoni de mheanbh-chrodh, a cheann nach ’eil an t-aite againn co freagarrach air son chaorach ris a’ Ghoirtean-Fhraoich. COIN.—Fagaidh sin ni ’s buailtich ’thu do ’n cheannachd, agus is lom an ni teangadh na meidh, a’ Mhurachaidh. MUR—Tha i ann sin gle lom, ach cha ’n fhaigh neach sam bith na h-uile nithe mar bu mhaith leis. Bhiodh e uime sin, ’n a ni taitneach na ’m biodh na h-uile fear lan riaraichte le chrannchur fein. COIN.—Gle cheart, a Mhurachaidh, ’s e dleasnas nan uile a bhi toilichte le ’n staid fein, gu sonraichte ma bhios cuisean ag eirigh gu ceart leo, agus an spreidh aca a’ cinneachadh mar bu mhaith leo. MUR.—Direach sin, a’ Choinnich, an uair nach laidh droch shuil orra, agus nach gnathaichear cleas, no giseag chum cur as doibh, no dochunn sam bith a dheanamh orra. COIN.—Seadh, seadh, tha mi ga d’ thuigsinn, a Mhurachaidh, oir tha thu a’ deanamh fochaid orm a nis, [TD 303] air son na thubhairt mi riut a cheana mu na geasan agus cleasan a rinneadh le droch shluagh anns gach linn chum cuid an coimhearsnaich a mhilleadh agus a sgrios. Ach thubhairt mi sin, agus their mi fathast e; cha ’n ’eil feum an fhirinn a chealachadh air chor sam bith. MUR.—Tha fios agam gu ’m bheil thusa a’ toirt lan chreideas do na nithibh faoin sin uile, a’ Choinnich, agus air duit eolas a bhi agad orra, feumaidh tu cuid diubh a leigeadh ris domh a reir mar is cuimhne leat. COIN.—Is minic a chual mi m’ athair agus mo shean-athair a’ labhairt air an t-seol air an robh muinntir anns na seann linntibh a’ toirt lan-chreideas do nithibh dhe ’n t-seorsa sin. Bha iad a’ toirt geill do bhuidseachd, dubh-chleasachd, druidheachd, geasadaireachd, fiosachd, agus nithe de ’n ghne sin; agus cha ’n ’eil teagamh sam bith nach robh mor-chumhachd aig na sithichibh, oir bha iad lionmhor anns gach sgireachd, far am faicear gu ruig an la ’n diugh na ficheadan de na tolmanaibh uaine sin, anns an robh iad a’ gabhail comhnuidh. MUR.—Cha ’n ’eil teagamh nach ’eil tolmanan uaine ri ’m faicinn anns gach aite, agus mar an ceudna tolmanan dubh, agus tolmanan de gach meud, cumadh, agus gne, ach ciod dheth sin, a Choinnich, cha d’ fhag sin iad ’n an ionadaibh-comhnuidh do na sithichibh ged a theirean “sitheana” gu ’n teagamh riutha. COIN.—An creid thu so, a’ Mhurachaidh, bha mo sheanair air oidhche araidh a’ dol seachad air an t-Sithean-Mhor ’s a’ Ghleann-dubh, agus chual e ceo agus dannsa ’s a’ chnoc, agus chunnaic e le ’shuilibh boisgean soluis mar ann an seomar farsuing ann an cridhe a’ cnuic, agus stad e a dh’-eisdeachd ris a’ cheol agus an aighear. MUR.—Tha eagal orm, a’ Choinnich, gu ’n robh boinnean beag ann an suil do sheanair air an oidhche sin, ach biodh sin mar a dh’ fheudas, ciod tuilleadh a th’ agad ri radh mu ’n timchioll? COIN.—Cha ’n ’eil a’ bheag de dhroch ni agam ri aithris mu ’n timchioll idir, a’ Mhurachaidh, oir bha iad riamh neo-lochdach mar cuirteadh fearg orra, oir ’s e Daoine-sithe a bha mar ainm orra, agus bha iad anabarrach cairdeil riusan a bhiodh caoimhneil riu, ach mur biodh, dheanadh iad gun teagamh droch cleasan air an luchd-saruchaidh, agus ghoideadh iad na leanaban aca air falbh, gu sonraichte mar biodh na leanabana sin air am baisteadh. Bha iad, mar an ceudna, ro dheigheil air mnathaibh oga a ghlacadh, agus air an toirt air falbh leo, chum banaltran a dheanamh dhiubh do ’n chloinn bhig aca fein anns na sitheanaibh aca. Dhunadh iad a stigh iad ’n an seomraichibh uaigneach fein, far an gleidhteadh iad ficheadan bliadhna iad gun aois a bhi luidhe orra idir. Feudaidh e bhith gu ’m fagadh iad seana chailleachan anns na teaghlaichibh sin as an goideadh iad na mnathan oga, agus cha robh na cuisean sin idir taitneach do na companaich aca. MUR.—Cha ’n ’eil iognadh orm ged nach biodh, a’ Choinnich, oir cha robh an iomlaid a rinn iad idir taitneach. B’ fhearr leat fein cur suas le Seonaid choir ged nach biodh i co airidh ’s a ta i air do dheagh-ghean, na gu ’n tugteadh air falbh i, agus cailleach ghreannach, ghlas fhagail ’s a’ Ghoirtean-fraoich ’na h-aite. Ach innis domh, a’ Choinnich, o’n tha eolas agad orra, ciod bu choslas do na sithichibh sin, agus ciod a’ ghne sgeudachaidh a bha iad a’ cur umpa fein? COIN.—Bha ionadan-comhnuidh ro mhaiseach aca, seomraichean [TD 304] aluinn a bha mor, farsuing, ard, agus air an lionadh leis gach greadhnacas. Chumadh iad cuirtean anns na luchairtibh riomhach aca, agus rachadh iad cuideachd ’n am buidhnibh sgiamhach. Air amannaibh bheireadh iad na raointean orra ’n an comhlannaibh mora, a’ marcachd air steudeachaibh sneachd-gheala! Bha iad air an sgeudachadh ann an trusganaibh soilleir uaine, a bha sgiamhach thar tomhais, agus bha iad uile ’g an nochdadh fein anns an aon ghne eididh aluinn sin, a bha dealrach mar sholus na greine. Mar bri trice mu mheadhon oidhche, bha iad a’ fhantuinn a stigh ’n an seomraichibh uaigneach fein a’ cluicheadh agus a’ dannsadh gu am brisidh na faire, agus an sin bhiodh tosd agus samhchar ann gus an tigeadh an ath oidhche. Ach cha chualas riamh ceol co binn ’s a bha air a sheinn leo nan aoidheachd fein. Agus mar a thubhairt mi cheana, chual mo sheanair an ceol sin anns an t-Sithean-Mhor ’n am dha air oidhche araidh a bhi ’gabhail na slighe seachad air. MUR.—Tha thu a’ cur iongantais orm, a Choinnich, agus ma ’s maith mo bharail, is e an ath ni a chluinneas mi o d’ bhilibh gu ’m fac thu le d’ shuilibh fein na daoine-sithe sin, agus gu ’n cual thu le d’ chluasaibh fein am binn-cheol leis an do chuir iad air chrith na glas-chnocan sin anns an robh iad ri ruiteireachd co mor. COIN.—Comadh leat-sa, a’ Mhurachaidh, tha thusa mar a bha thu riamh, a’ deanamh fochaid orm-sa, ag radh ruim gu ’m faicinn le mo shuilibh, agus gu ’n cluinninn le mo chluasaibh sud agus so. Ciod leis am faicinn ach le mo shuilibh, agus leis an cluinninn ach le mo chluasaibh? Ach so agad e, a’ charaid ionmhuinn, chunnaic agus chual muinntir na nithe so, a bha ’n an la ’s ’n an linn fein ceart co firinneach, creideasach ri Murachadh Ban no ri Coinneach Ciobair, agus c’ar son, uime sin, a bheireamaid mi-chliu no smal orra-san a bha co glic, ceart, treibhdhireach ’n an giulan fein ri neach sam bith ’s an linn a ta lathair! Na deanamaid tair orrasan a dh’ fhalbh? MUR.—Ud! Ud! a’ Choinnich, na gabh co bras ’s an t-sroin e, oir cha chuir mise smal no mi-chliu air athair, no seannair, no air neach sam bith, do bhrigh gu ’m bheil cead aig na h-uile teachd beo ’n am barail fein; ach an deigh sin, cha ’n ’eil mi ’faicinn gu ’m bheil reuson, no tuigse, no taisbean, a’ toirt an dearbhaidh a’s lugha, gu ’m bheil, ann am firinn, steigh sam bith air son nan nithe sin d’ am bheil thusa ag aomadh, agus a’ toirt lan-chreideis. Do m’ thaobh fein dheth, cha d’ thug, agus cha toir mi geill dhoibh, agus cha mhor a bheir, ann an soilleireachd nan linn a ta lathair. COIN.—Air do shocair ort, a’ Mhurachaidh, air do shocair ort, agus na bi gu tur bras agus ceannlaidir, oir thi mi ’s a’ bharail gu’ m bheil an Fhirinn fein a’ leigeadh ris duinn gu ’d robh muinntir ann o shean aig an robh cumhachd de ’n ghne so, agus a nochd e gu soilleir, agus gu follaiseach. MUR.—Is maith a tha mi ga d’ thuigsinn, a Choinnich, agus is taitneach gu ’m bheil thusa a’ rannsachadh nan Sgriobtuir gu bhi ’faicinn nan nithe a chuireadh an ceill annta mu’n luchd-fiosachd, na daoine-glice, na druidhean, na speuradairean, agus iadsan aig an robh leannan-sithe, agus an leithidibh sin; ach faic, agus tuig so, fhir mo chridhe, cha ’n ’eil mise a’ creidsinn gu ’m bheil Focal na Firinn a’ cur an ceill ann an aite sam bith gu ’n robh a leithid do chumhachd air a thoirt leis an Ti a’s Airde do mhac an duine, chum nithe de ’n ghne sin a dheanamh. COIN.—Is iongantach leam do [TD 305] bhriathra a chluinntinn, a Mhurachaidh. Nach ’eil thu ’faicinn ciod a rinn na druidhean ’s an Eiphit, agus ciod a rinn a’ bhean aig an robh an leannan-sith ann an Endor? Nach ’eil thu a’ creidsinn gu ’n do thog i Samuel o na marbhaibh an uair a thubhairt Saul rithe, Dean fiosachd dhomh-sa, guidheam ort, leis an leannan-shith, agus tog suas dhomh esan a dh’ ainmicheas mi dhuit! MUR.—Ochan! a’ Choinnich, is mise nach ’eil a’ creidsinn gu ’n do thog an droch bhean sin Samuel riamh o staid nam marbh, ni mo tha mi ’creidsinn so, gu ’n do cheaduich an Cruithear do ’n droch spiorad e fein a nochdadh ann an riochd Shamueil, chum peanas a thoirt air Saul a bha ’n a shamhladh air Satan. Cha ’n ’eil e iongontach gu ’n nochdadh Satan e fein ann an riochd Shamueil, an uair a cheaduicheadh dha “e fein a chur ann an cruth aingil soillse.” Na biodh, uime sin duil agadsa gu ’n do cheaduicheadh riamh do droch-dhaoinibh trioblaid a chur air fois nan naomh, no an tabhairt air ais do ’n t-saoghal so ’a saoghal nan spiorad air iarrtas Shatain, athair nam breug. COIN.—Ubh! Ubh! a’ Mhurachaidh, is leoir na nithe sin chum ceann duine a chuir ’n a bhreislich, cha ’n ’eil mi fein ’gan tuigsinn; tha iad tuilleadh ’s domhain agus diomhair air mo shon-sa; ach chi mi ciod a their an seann Mhinistear coir againn, Maighstir Seumas m’an timchioll, agus taoghlaidh mi air gun dail a dh-fhaicinn ciod a their esan mu na nithibh sin. MUR.—Ro cheart, a’ Choinnich, ro cheart, agus aig an am leigidh sinn leis na sithichibh cadal a dheanamh, ach aig uair eigin eile, ma chaomhnar sinn, bithidh tuilleadh comhraidh againn mu na cleachdannaibh eugsamhla sin a bha air an coimhead le’r luchd-duthcha fein anns na linntibh a dh’ fhalbh. ALASDAIR RUADH. COMMUNION WITH THE REE WATERFALL. [The following poem, English and Gaelic, by the same author, a Mr. Cameron, in Australia, has been forwarded to us by the Rev. Mr. Stewart of Nether-Lochaber. Mr. Stewart thinks the poem has much merit, and we agree with bim. Eas Rithe, or Ree Waterfall, is well known to every Lochaber man and woman, though not so well known to tourists as it should be. In full flood it is as grand and striking an object of the kind as is to be found in all the West Highlands. The author of this poem was born and brought up within sight and sound of it.] COMMUNION WITH THE REE WATERFALL, NETHER-LOCHABER, IN A DREAM. I gaze on thee, thou wondrous fall! As I had done long years ago: I travelled far on duty’s call Since last I saw thy current’s flow. In days gone by, when joy was young, ’Twas my delight to sit me here, When thy grave voice, so full and strong, A pleasant song was to mine ear. COMH-CHOMUNN RI EAS RIDHE, AM BUN LOCHABER, ANN AM BRUADAR. Mi dearcadh mar ’s an tim o chian Ort fein O Eas! as miadhail cruth: Air garm mo dhleasnais ’s fada a thriall Mo choum o chopadh dian do shruth. ’S na laithean an robh m’ aigne maoth; B’ e m’ annsachd suidhe taobh do bhruaich, Am fochair toirmrich neart do bhraoin, A bhiodh mar oran gaoil a’ m’ chluais. [TD 306] Methinks I hear thy waters say In greeting accents bathed in tears: “Where did thy wandering footsteps stray These many long and weary years? “I missed thee on that rocky brink— Thy youthful shadow on the pool, When thou wouldst say, as thou didst think, Thy daily lesson for the school; “When none but I was to thee near Save He who guides our varied ways, To whom creation all is dear, As joining in His glory’s praise. “But, oh! how altered is your form, And silvered over is your hair; The voice, alone, retains the charm Of him who once was young and fair: “The rocks around me now rejoice In echoing its well-known ring, And I’ll, too, chime in with my voice, That nature’s anthem we may sing. “The trees that wave above my head, With all their warbling feathery throng, Will join, as by one spirit led, To swell the chorus of the song.” . . . . . . . . . . I journeyed east, I journeyed west. And dwelt in lands beyond the line, But dear as friendship to my breast Was that deep solemn bass of thine. As burnished silver is thy sheen, And, when the sun shines on thy breast The Arc of promise can be seen To span across thy beaming crest. Proud dynasties may quit this earth, And generations pass away, But thou remainest, from thy birth, Without addition or decay, Save when the flood’s descending weight Swells high the volume of thy tide, When awful majesty and might Enhance the glory of thy pride. Words of comparison are lame, In all their poetry array; And art itself is weak and tame Thy power and greatness to display. Tha t-uisgeachan, air leam, ag radh, Am briathran bàigh fo shileadh dheur: “Ciod e, fad bhlianaibh sgith, an t-ait’ Air iomral cian ’n d’ thàr do cheum?” Do chruth gu ’n ionndrain mi o m’ choir, A’s t-fhaileas òg ’s an linne shios, ’N uair ’chuireadh tu, le aithris beoil, Bladh mheaghair t’fhoghluim dhuit air rian; “Gun aon duil lamh ruit ach mi fein ’S an Ti tha stiuireadh ceum ar roid— Lan baigh do ’n chruthachadh gu leir, Tha ’m boinn a’ cur an ceill a ghloir. “Ach O! shearg blath do bhuadhan as, ’S mar airgiod glas tha gruag do chinn; ’S e ’n guth a mhain, ’bha aoibhneach ait, ’Tha cur do chleachdaidh ann am chuimhn’; “Tha gairdeachas nan creag mu ’n cuairt ’Comh-fhreagairt ris le fuaimrich bhinn, ’S theid seirm mo ghuth-sa leo a suas, ’S ni nadur oran nuadh a sheinn. “Na crainn ’tha crathadh shuas mu ’m cheann, Le ’n cuanail ghreannar ’s annsa teis, Le meoghail ghloirbhinneach neo-ghann, ’Ni comhla ’n rann a chuir air ghleus.” . . . . . . . . . . Shiubhail mi ’n ear, a’s shiubhail mi ’n iar, A’s thuinich mi ’n tir chian mu dheas, Ach taisgt’ am chom, mar chairdeas fial, Do bhorbhain tiamhaidh mhair gun cheist. Mar airgiod loinnreach tha do chliabh, ’S ’n uair dhearsas grian air sgiath do chair, Gu ’m faicear bodha ’s daithte neul A’ cluich ri ciabhan shian do spairn. Theid uachdaranachd mhor air chul, ’S theid al nan ioma gineal ’sios, Ach, mar o d’ bhreith-sa, bithidh tu Gun ni chuir ruit na thabhairt dhiot. Mar ann ’n uair thaosgas tuillte ’nuas, Cur at mu d’ bhruaich le buathadh cas, ’S bhios moralachd a’s neart de bhuadh Cuir t’inbhe ’suas gu h-uaibhreach bras. Tha briathran coimeis bacach, mal, Aig meud am puirp an ranntachd bhard, ’S tha ealdhain lag-chuiseach a’s gann Chuir modh do ghreadnachais air aird. [TD 307] The voice of many waters wakes The slumbering echoes of the soul, To thoughts of Him who undertakes The vast creation to control. As time is to eternity so thou Art placed, by energy divine, Amid the living here below, That in thy daily worship join. Oft here, when young, my tears would flow, While musing on God’s ways with men, As I would think of those laid low, That saw thee as I saw thee then. But now the sombre future spreads Its shadow o’er this lovely scene, To warn, though here my step still treads, Of me they’ll say, he once had been. Remembrances of other years, That have made here their dwelling place. Each with a smiling face appears, Though marks of tears I there can trace. The dawn of hope, with thoughts sublime, And aspirations more profound, Associate here, in life’s decline, Commingling with the murmuring sound. A. C. Melbourne, Australia, 26th March, 1874. Gu mosgail guth nan uisgean garbh Comh-sheirm mhictalla anns a’ chom, Gu smaointean air an Ti a dhealbh Na neimhne ard, an fhairge, ’s fonn. A’s mar tha tim do shiorruidheachd, tha Do chor, trid Ordugh Dhia nam feart, Am measg nam beo, bho al gu al, ’Ni aoradh maille ruit gu ceart. Am shuidhe ’so, an laithean m’ oig’, Gur tric a shil mo dheoir gu geur, ’S mo smuainte orra-san fo ’n fhod, ’Bha roimhe ’n cleachdadh doigh rium fein. Ach ’nis an t-am a ta ri teachd Sgaoil fhaileas ciar thar dreach gach aigh, Toirt sanais dhomh, reir chor gach neach— Gu ’n tig a chrioch—’s nach fhada ’n dail. Tha cuimhneachan nam bliadhn’ a threig, ’Rinn comhnuidh so le cheile a’ d’ chòir, Ri gean rium, ged tha blath nan deur Ri fhaicinn air eudainn foil. Tus dochais le chuid smuaintean ard, A’s tograidh anama ’s grasmhor stuaim, Tha ’so an dluth ’s mu charaidh thrath, Comh-mheasgnachadh an gairich t-fhuaim. A. C. Melbourne, ’n Tir Bonn-ri-Bonn 26 Mar., 1874. CAIPTEAN RUADH GHLINN LIOBHAN AGUS TUATHANAICH LATHARNA. ’Nuair a bha’n Caimbeulach fiachail cliuiteach so na fhactor aig treas Iarla Bhraid-Albann, air oighreachd Latharn-iochdrach, an Earraghaidheal, thachair gu’n robh da bhrathair ann an seibh baile beag fearainn, leth mar leth aig gach aon diubh. Bha teaghlach mor maoth aig fear dhiubh; agus bha e air a sharuchadh cho mor ’g an togail, ’s nach robh e ’n a chomas a roinn-sa de’n bhaile a chumail anns an ordugh bu choir da. Cha b’ ann mar so do ’n bhrathair eile: bha e na dhuine saobhir, agus air a chunntadh beartach le muinntir na duthcha. Ghabh e cothram air dol a dh-ionnsuidh a’ Chaiptean Ruaidh, agus rinn e casaid ris an aghaidh a bhrathar, gu ’n robh e leigeil le ’chuid de ’n bhaile dol an dolaidh le cion mathachaidh agus aorannachaidh; agus an deigh iomadh “le ’r cead, a Chaiptein,” thubhairt e,—“Cha ’n urrainn duibh ni ’s fearr a dheanamh na leth mo bhrathar de ’n bhaile a thoirt domh fein;” agus, chum a thagradh a neartachadh, charaich e deich puinnd Shasunnach air a’ bhord, a’ feuchainn an Caiptean a chlaonadh. Fhreagair an t-uasal e gu tioram, “Gheibh thu leth do bhrathar.” Dh’ fhalbh an cealgair gu moiteil, ard-inntinneach. Goirid an deigh so, chual’ am brathair bochd [TD 308] a bha ’g a ’chlaoidh fabhunn mar a thachair. Chaidh o gu trom-inntinneach, bronach, a dh’ ionnsuidh a’ Chaiptein. Dh’ innis e na chual’ e, ach gu ’n robh dochas aige nach robh e fior. Dh’ aidich e nach robh a leth-sa de ’n bhaile ’s an ordugh anns am bu choir dha ’bhi; gidheadh, ’nuair a chinneadh a theaghlach a suas, gu ’n rachadh gach gnothach am feothas. “Tha na chual’ thu fior gu leoir,” deir an Caiptein: “fhuair do bhrathar do leth-sa.” Mar a bha ’n duine truagh a’ falbh, gu muladach, bronach, ghairm an t-uasal air ais e, ag radh, “Ged a fhuair e do leth-sa de’n ghabhail, cha d’ iarr e a leth fein. Rach thusa dhachaidh, agus, ’n uair a thig a’ Bhealltuinn, cuiridh mis’ thu an sealbh cuid do bhrathar; agus, a dhuine bhochd, so dhuit deich puinnd Shasunnach, a chuidicheas leat do theaghlach og a thogail, leis an d’ fheuch do bhrathair mis’ a bhriobadh.”—Cuairtear nan Gleann. ORAN A’ GHEAMHRAIDH. FONN—“Tweedside.” Tharraing grian, righ nan planet ’s nan reul, Gu sign Chancer Diciadaoin, gu beachd, A riaghlas cothrom mu’n criochnaich e thriall, Da mhios deug na bliadhna mu seach; Ach gur h-e ’n dara Disathurn ’n a dheigh, A’ ghrianstad-shamhraidh, aon-deug, an la ’s fhaid’; ’S an sin tionnda’idh e chursa gu seamh, Gu seasghrian a’ gheamhraidh gun stad. ’S bho ’n dh’ imich e nis bhuainn mu’n cuairt, Gu ’m bi fuachd oirnn gu ’m pill e air ais; Bidh gach la dol an giorrad gu feum, ’S gach oidhche d’a reir dol am fad; Sruthaidh luibhean, a’s coill, agus feur, Na fais-bheotha, crion-eugaidh iad as; Teichidh ’n snodhach gu friamhaich nan crann. Suighidh glaodhain an sugh-bheatha steach. Seacaidh geugan glan, cubhraidh nan crann, Bha ’s an t-samhradh trom-stracte le meas, Gu ’n toirleum an toradh gu lar, Gu ’n sgriosar am barr bharr gach lios. Guilidh feadain a’s creachann nam beann, Sruthain chriostail nan gleann le trom sprochd, Caoidh nam fuaran ri meachainn gu ’n cluinn. Deoch-thunta nam maoiseach ’s nam boc. Laidhidh bron air an talamh gu leir, Gu ’n aognaich na sleibhtean ’s na cnuic; Grad-dhubhaidh caoin uachdar nam blar, Fal-ruisgte, ’s iad faillinneach bochd. [TD 309] Na h-eoin bhuchullach, bhreac-iteach, ghrinn, Sheinneadh baisgeanta, binn, am barr dhos, Gu ’n teid a’ ghlas-ghuib air am beul, Gun bhogha, gun teud—iad ’n an tosd. Sguiridh buirdeisich sgiathach nan speur, De ’n ceileireadh grianach car greis; Cha sheinn iad am maidnein gu h-ard, No ’m feasgarain chrabhach ’s a’ phreas: Cadal clù-mhor gu ’n dean anns gach còs, Gabhail fasgaidh am frogan nan creag; ’S iad ri ionndrain nan gathannan blath Bhiodh ri dealradh fo sgaile do theas. Cuirear daltachan srian-bhuidh’ nan ros Bharr min-chioch nan or-dhithein beag,— Sinean gucagach lilidh nan lon, Nam fluran ’s geal-neoinein nan eag, Cha deoghlar le beachainn nam bruach, Croidhidh fuarachd car cuairt iad ’n an sgeap; Cha mho chruinnicheas seillein a mhal, ’S thar geal ur-ros chrann garaidh cha streap. Tearnaidh bradan, a’s sgadan, ’s gach iasg, Bho d’ iarguin gu fiath-ghrunnd nan loch; ’S gu ’m fan air an aigein dhubh-dhonn, Ann an doimhneachd nam fonn a’s nan sloc; Na bric tharr-ghealach, earr-ghobhlach, shlim, Leumadh meardha ri usgraichean chop, ’N an cairtealan-geamhraidh gu ’n tamh, Meirbh, samhach, bho ’n thamh thu fo’n ghlobe. Chas a’s ghreannaich gach tulach ’s gach tom, ’S doite lom chinn gach fireach ’s gach glac: Gu ’n d’ odhraich na sitheinean-feoir, Bu lusanach feoirneineach brat; Thiormaich maghannan ’s ruadhaich gach fonn; Bheuc an fhairge ’s ro thonn-ghreannach gart; ’S gu ’n d’ sgreataich an dudlachd gach long, ’S theid an cabhlach ’n a long-phort a steach. Neulaich paircean a’s miodar gu bàs, Thuit gach fasach ’s gach aite fo bhruid; Chiaraich monadh nan iosal ’s nan ard, Theirig dathannan grasmhor gach luig: Dh’ fhalbh am faileadh bha taitneach ’s am fonn; Dh’ fhalbh a mhaise bharr lombair gach buig; Chaidh an eunlaidh gu caoidhearan truagh, Uiseag, smeorach, a’s cuach, agus druid. [TD 310] A fhraoich bhadanaich, ghaganaich, uir, Do ’m b’ ola ’s do ’m b’ fhudar a’ mhil, B’i bhlath ghrian do thabhachd ’s gach uair, Gu giullachd do ghruaige le sgil: ’S a’ mhadainn-iuchair ’n uair bhoillsgeadh a gnuis Air buidheannan driuchdach nan dril, B’ fhior chubhraidh ’s gu ’m b’ eibhinn an smuid So dh’ eireadh bharr cuirnean gach bil. Gu ’n theirig subh-thalmhann nam bruach, Dh’ fhalbh an cnuasach le ’n trom-lubadh slat; Thuit an t-ubhal, an t-siris, ’s am peur, Chuireadh bogh’ air a’ gheig anns a’ bhad; Dh’ fhalbh am bainne bho ’n eallaich air chul, Mu ’m bi leanaba ri ciucharan bochd; ’S gus ’n till a’ ghrian gu sign Thauruis nam buadh, ’S treun a bhuadhaicheas fuachd agus gort. Theid a’ ghrian air a thurus mu ’n cuairt Do thropic Chapricorn ghruamaich gun stad, Bho ’n tig fearthuinn chruinn, mheallanaich, luath, Bheir á mullach nan cruaidhteachan sad; Thig tein’-athair, thig torunn ’n a dheigh, Thig gaillion, thig eire nach lag; ’S cinnidh uisge ’n a ghloineachan cruaidh, ’S ’n a ghlas-leugan min, fuar-licneach, rag. A mhios nuarranta, gharbh-fhrasach, dhorch, Shneachdach, cholgarr’ is stoirm-shìonach bith; Dhisleach, dhall-churach, chathach, fhliuch, chruaidh, Bhiorach, bhuagharra, ’s tuath-ghaothach cith; Dheigheach, liath-reotach, ghlib-shleamhain, gharbh, Chuireas sgiobairean fairge ’n an ruith; Fhlichneach, fhunntainneach, ghuineach, gun tlaths: Cuiridh d’ anail gach caileachd air chrith. A mhios chnatanach, chasadach, lom, A bhios trom air an t-sonn-bhrochan dubh; Churraiceach, chasagach lachdunn a’s dhonn, Bhrìsneach, stocainneach, chom-chochlach, thiugh, Bhrogach, mheatagach, pheiteagach bhan, Imeach, aranach, chaiseach, gun ghruth; Le ’m miann bruthaiste, mairt-fheoil a’s cal, ’S ma bhios blath nach dean tair’ air gnèth stuth. A mhios bhrotagach, thoiteanach, shoigh, Ghionach, strodhail, fhior-gheocail gu muic; Liteach, laganach, chabaisteach, chorr, Phoiteach, romasach, roiceil, gu sult; [TD 311] ’S an taobh-amuigh ged a thubh sinn ar com. Air an t-aileadh gheur, tholltach, gun tlus, ’S eudar dram ol mar lìnigeadh cleibh, A ghrad-fhadai’s tein’-eibhinn ’s an uchd. Bidh greann-dubh air cuid mhoir de ’n Roinn-Eorp, Bho ’n a lagaich sgeamh ordha do theas; Do sholus bu sholas ro mhor, Ar fradharc ’s ar lochran geal, deas; Ach ’n uair thig e gu Gemini rìs, ’S a lainnir ’s gach righeachd gu ’n cuir, ’S buidhe soillsein nan coirein ’s nam meall, ’S riochdail fiamh nan or-mheall air a’ mhuir. ’S theid gach salmadair ball-mhaiseach, ur, An crannaig chubhraidh chraobh dluth-dhuilleach, cas; Le ’n seol fhein a sheinn hymns, ’s a thoirt cliu, Chionn a’ phlanet so chursadh air ais; Gu ’m bi coisir air leth anns gach geig, An dasgan eibhinn air reidh-shlios nan slat, A’ toirt lag-iobairt le ’n ceileir do ’n Triath, Air chaol chorraibh an sgiath anns gach glaic. Cha bhi creutair fo chopan nan speur, ’N sin nach tionndaidh ri speirid, ’s ri ’n dreach; ’S gu ’n toir Phœbus le buadhan a bhlais, Anam-fais daibh a’s caileachdan ceart; ’S ni iad aiseirigh choitchionn á ’n uaigh, Far ’n do mheataich am fuachd iad a steach; ’S their iad guileag—“doro-hidala-hann, Dh’ fhalbh an geamhradh ’s tha ’n samhradh air teachd!” —Alastair Donullach. DUANAG. Mar chraobh ri sruth, ’s i lan de dhuilleach uain’, A’ crith le fuaim ’s i ’sua’dh fo ghaoth nam beann, Mar sin bha mì ’n àm dusgadh dhomh o m’ shuain, Mo rìbhinn ghaoil, ’n uair bha thu féin ’s a’ ghleann; Ach nis, a rùin, bho ’n dh’ fhàg thu mi ’s a dh’ fhalbh Mo shamhradh leat, le ’mhaise a ’s le ’fhonn, Tha foghar orm air teachd, le ceumaibh balbh, A ’s fann-ghuth ciùin a dhrùigh’s air inntinn throm. Mar eòin á craoibh ’s ann theich mo shòlas uam; Mo dhòchas thuit mar dhuilleach, ruadh gu làr. Thig earrach ùr, ’s thig duilleach fos ’bheir gruaim Nan geug air falbh, ’g an còmhdach mach gu ’m bàrr; Ach mis’, mar chrann a’ seargadh ’mach ’s a’ ghaoith, Mur till thu féin, ’s mur maoth’ch thu mi le snomhach gaoil. MAC-OIDHCHE. [TD 312] COMUNN UR GAIDHEALACH. Tha sinn, le mor dhealas agus leis gach deadh dhurachd, a’ toirt failte chridheil do chomunn ùr d’ ar luchd-duthcha gaolach a chaidh, o chionn ghoirid a chur air chois anns a’ bhaile-mhor so, fo ’n ainm, Comunn Gaidhealach Ghlaschu. Tha cuimhne aig ar luchd-leughaidh air a’ Choinneimh Chaidrich ainmeil a chaidh a chumail ann an Talla mor a’ Bhaile anns an Earrach so ’chaidh—a’ choinneamh Ghaidhealach is mò a chaidh riabh a ghleidheadh ann an tigh no an talla air uachdar an t-saoghail. Air ceann na coinneimh sin bha còmhlan de Ghaidheil thàbhachdach, ghramail, thapaidh, agus cha ’n e mhain gu ’n do chuir iad rompa gu ’m biodh cruinneachadh eile d’ an cheart seorsa ann an ath bhliadhna, ach, air faicinn daibh anns an t-soirbheachadh anabarrach a fhuair iad an sin, meud a’ chumhachd a dh’ fhaodadh Gaidheil Ghlaschu a chur a mach as an leth fein agus as leth an luchd-duthcha na ’m biodh doigh cheart air a gabhail air an aonadh r’ a cheile ’n an aon chomunn mor—cha ’n ann a mhain a chum ’s gu ’n tigeadh iad cruinn uair ’s a’ bhliadhna gu aon oidhche chridheil a chur thairis ann am fearas-chuideachd agus ann an lan-aighear, ach comunn seasmhach a choinnicheadh tric agus aig am biodh leas nan Gaidheal mar chrioch araid anns an amharc,—chuir iad an comhairle r’a cheile o chionn mios no dha, agus b’ e bu deireadh dha so gu ’n do chuireadh fo uidheam an comunn ur a dh’ ainmich sin. Tha, ann an Glaschu, comunn Gaidhealach no dha cheana de mhuinntir nan ceàrnaibh fa leith; tha iad ann comuinn Mhuileach, Ileach, Lathurnach, Sgiathanach, Leoghasach, Rosach, ’s cha ’n ’eil fhios co eile; tha iad uile feumail, agus cha ’n ’eil an comunn ur so ’dol a ghabhail gnothaich riu ann an rathad a bhi ’togail comh-strith no farmaid ’n am measg, no ag iarradh air aon sam bith na comuinn sin ’fhagail agus gabhail ris an fhear ur—is fada, ’s fhada a ghabh e uaith sin—ach ’s ann a tha run orra gu ’m biodh na comuinn sin uile air an deanamh ’n an meadhonan air leas nan Gaidheal a chur air aghaidh le comas a bhi air a thairgseadh dhaibh, agus do gach aon aig am bheil cridhe Gaidhealach ’n a chom, air an cumhachd a chum maith a chur air ghluasad agus a chur gu buil air mhodh a’s fhearr agus a’s buannachdaire na rinn iad roimhe as leth an luchd-duthcha as gach ionad, agus de gach sliochd agus aidmheil. Is e Tighearna Chluainidh, an sàr-Ghaidheil, is ceann-cinnidh air a’ chomunn; agus ma ’s airidh esan, neo-ar-thainig mur ’eil a luchd-muinntir fearail, foghainteach! Cha ruig sinn leas an ainmeachadh, ach faodar an urad so a radh,—mur soirbhich leis na tha aig a’ chumunn ’s an amharc nach ann aig an sgioba a bhios a’ choire. Is iad na nithean a tha gu sonraichte ’n am beachd, a thuilleadh air a bhi ’cumail air mhaireann seann chanain, eachdraidh, sgeulachdan, bardachd agus ceol nan Gaidheal, gu ’m biodh cothrom air a thoirt daibh air eolas feumail ’fhaighainn á leabhraichean agus paipearan-naidheachd mu chuisean an t-saoghail, ’s gu sonraichte cuisean Gaidhealach; agus tha iad, uime sin, a’ runachadh seomar a ghabhail anns an bi leabhar-lann agus paipearan air son nan Gaidheal aig àm sam bith d’ an latha no do ’n fheasgar; tha iad a’ miannachadh coinneamhan a chumail o àm gu àm air son céilidh agus conaltradh cairdeil, agus far an cluinnear seann eachdraidh agus bàrdachd na duthcha air an leughadh gu snasmhor, agus orain agus duanagan binne nan Gaidheal air an seinn gu fonnmhor, eireachdail. Tha co- [TD 313] cheòl (concert) d’ an t-seorsa so aca a h-uile feasgar Disathuirne, ann an Talla-nan-saor, 7 Alston Street agus tha an seomar sin cheana tuilleadh ’s beag air son na h-aireimh a tha ’tarraing a mach. Tha an comunnn, mar an ceudna, a’ cur rompa clar-seòlaidh a chumail anns am faigh Gaidheil air ùr thighinn do ’n bhaile, no air dhith oibre, fios c’aite am faighear cosnadh. Is i ar comhairle do gach Gaidheal anns a’ bhaile mhor so e ’dhol ’s a ghnuis agus a chuideachadh a thoirt do ’n Chomunn Ghaidhealach—cuireadh e’ainm anns an leabhar aca. Ma shoirbhicheas leo—agus c’arson nach soirbhich?—is leis-san a chuid fein d’ an onair; agus ma dh’ fhairtlicheas na tha iad a’ miannachadh orra, tha an toileachadh aige gu ’n do rinn esan a dhleasnas as leth a luchd-duthcha. “Bi misneachail, agus biomaid gaisgeil air son ar sluaigh.” IAIN WILLIAMS AGUS AN DUINE DUBH. A GHAIDHEIL GHASDA,—Tha fhios gu ro mhaith agaibhse gur iomadh ni aincheartach agus cleachdainn sgreamhail a chi na Soisgeulaich am measg dhaoine borba ann an duthchaibh cein. Ma shaoileas sibh gur airidh an sgeul beag a leanas air oisinn d’ an Ghaidheal, theagamh gu ’n cuir mi criomag eile d ’ur n-ionnsaidh ’n uair a ruigeas mo chothrom air. Is mi, &c., J. W. Lag-na-h-abhunn, An Fheill Micheil, 1874. Tha an Soisgeulaiche, Iain Williams, ’n a leabhar, “Missionary Enterprises,” ag innseadh, air dha bhi ’g obair air togail bàta gu ’n do dhi-chuimhnich e air latha araidh a’ chearnag (square) a thoirt leis gu ’aite oibre. Ghairm e air duine dubh easgaidh, furachail, agus thug e dha sliseag air an do sgriobh e ciod a bha dhìth air ’s thuirt e ris dol le sin gu bean an t-Soisgeulaiche. Sheall an duine bochd air le tarcuis ag radh, “Nach meas i gur fior amadan mi a’ dol ’g a h-ionnsaidh le sliseig?” “Cha mheas, cha mheas, tha an t-sliseag gu innseadh ciod a tha dhìth orm.” “Cha ’n ’eil beul no cainnt aice, ’s cia mar a dh’innseas i sin?” “Bi ’falbh,” ars’ an Soisgeulaiche, “agus greas ort.” “Agus ciod a their mi rithe?” “Cha ruig thu leis diog a radh, ach an t-sliseag a shineadh dhi.” Dh’ fhalbh an duine dubh agus thug e an t-sliseag a dh-ionnsaidh bean an t-Soisgeulaiche. An uair a sheall i air an t-sliseig, thilg i air an urlar i; dh’ fhosgail i a’ chiste-acfhuinn, agus thug i dha a’ chearnag. “Cia mar,” ars’ esan, “a tha fhios agus gur e sin a tha dhìth air?” “Dh’ innis an t-sliseag e,” ars’ ise. “Ma ta,” ars’ esan, “bha mise ag eisdeachd gu furachail ’s cha chuala mi i ag radh smid.” “Ach chuala mise i, agus bi ’falbh; tha e ga d’ fheitheamh.” Thog e leis an t-sliseag agus chum e suas ’n a laimh i fein ’s a’ chearnag, a’ glaodhaich ris gach neach a choinnicheadh e, “Faicibh gliocas nan daoine geala, bheir iad air na sliseagan labhairt agus an gnothaichean ’innseadh!” Fhuair e sreang agus chroch e an t-sliseag m’ a mhuineal, ’g a giùlan car uine fhada, agus ’g a nochdadh mar an t-ioghnadh a bu mhò air an cual’ e riabh iomradh. Faic agus tuig so, a dhuine. Gheibhear gu tric do charaid a’s fearr, agus do namhaid a’s miosa annad fein. [TD 314] MO NIGHEAN DONN. [Ceòl] NOTE—On account of certain prosodial irregularities in the words of this song, I have found it impossible to bar it in the usual manner. I have indicated the accented notes by marks thus (') placed above them. Of course these marks do not interfere with the proper length of the notes; they indicate merely where the accent is to be placed. J. W. SEISD.— Their mi hó, robha hó, ’S mithich dhuinn eirigh, Mo nìgh’n donn. ’S mithich dhomhsa dol dachaidh, Tha mi fad’ air mo chéilidh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. Bheir mi m’ aghaidh air Muile, Ged is duilich dhomh fhein e, Mo nigh’n donn. Their mi hò, robha hó, &c. ’S mor gruaman na h-iarmailt, ’S gaoth an iar a’ cruaidh sheideadh; Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. Tha na tonnan ’s a’ ghàraich, ’Tigh’nn gu traigh le greann éitidh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. Tha na cithean trom sneachda ’Dall-ghleachd anns na speuraibh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. Tha na h-uillt le dearg-rànaich ’Sguabadh sgàrnaich nan sleibhtean, Mo nigh’n donn. Their mi hò, robha hó, &c. Tha na craobhan mor, miarach, As am friamhaich ’g an reubadh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. Tha eoin bhùchain nan cuaintean,* Leis an uamhas ’g an leireadh, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. ’S eoin bheaga na coille, Gob, ’s an doire, fo ’n sgeithe, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hó, &c. ’S bochd nuallan nan aighean Air na straithean lom, gle-gheal, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hò, &c. ’S truagh mise ’n tir Oisein, ’S mi gun soistinn mu m’ eudail, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha ho, &c. ’S nach comas dol thairis Dh’ fhios a’ bhaile ’m bheil m’ eibhneas, Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hò, &c. Far an d’ fhag mi mo leannan, Maighdean chanach na feille! Mo nigh’n donn. Their mi hó, robha hò, &c. S. M. —An t-Ailleagan. * Cluaintean (?)—J. W. [TD 315-24] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 325] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874. [35 AIR. COMHRADH NAN CNOC. [Fionnladh-Phiobaire ’n a shuidhe aig ceann an tighe, a’ caradh seana bhrogan a mhnatha: na paisdean a’ cleasachd air an ailein: Eoghan Brocair a’ dluthachadh air an tigh, le ’choin air lothainn ’n a dheigh, agus luinneag ’n a bheul mar bu ghnath leis.] BROCAIR.— Gur iad mo ghaol na fleasgaichean, ’Am feasda nach dean posadh; Gur ann tha ’bheatha sheasgair Aig na fleasgaichean an comhnuidh. PIOBAIRE.—Sin thu, Eoghain; hug air na h-orain mar is gnath leat. Co a’s meamnaiche na thusa? BROC.—Innsidh mi sin duit. An cual’ thu ’n Sean-fhocal:— Mac bantraich aig am bi crodh, Searrach seann-larach air greidh, Nighean muilleir ’g am bi min, Triuir a’s meamnaich’ air bith. Agus cha ’n ’eil fhios agam nach faodainn Piobaire spreigeil air banais chridheil a chur ’s a’ chuideachd. Am bheil thu fhein, Fhionnlaidh, agus do chuideachd gu sunndach? PIOB.—Tha sinn mar a dh’ fhaodas sinn, ’s cha ’n ’eil an righ fhein mar bu mhaith leis. BROC.—Cha ’n fhiosrach mi gu ’m bheil fath gearain aig an righ againn-ne, sgiobair mor na duthcha; ach ma tha na Paipeirean-naidheachd ag innseadh na firinn; tha righ bochd na Frainge an deigh a chearcall mais a thilgeadh; ach cha ’n ’eil teagamh nach toirear oidhirp air a chur fhathast ’n a ghreim. PIOB.—Tha ’m Maighstir-sgoil’ ag radh gu ’m bheil sin eu-comasach. BROC.—Ge maith am Maighstir-sgoile faodaidh e ’bhi am mearachd, ach cha bhreugaichear an Sean-fhocal a thubhairt, Na ’m faighte ceud sagart gun bhi sanntachd, Ceud tailleir gun bhi sunndach, Ceud greusaich gun bhi breugach, Ceud figheadair gun bhi bradach, Ceud gobhainn gun bhi paiteach, Agus ceud cailleach nach deach riamh air cheilidh, Chuireadh iad an crun air an righ gun aon bhuille. Ach ciod a th’ againn-ne r’a dheanamh ri righribh, “Is coma leis an righ Eoghan, ’S is coma le Eoghan co dhiubh.” Ciod so a tha thu fhein a’ dheanamh le d’ mhinidh ’s le d’ bhuaicein-iall? An do sgain mala do phioba? PIOB.—Cha do sgain, ach sgain brogan mo mhnatha; agus tha mi ann an so a’ cur fraochainn oirre. Na ’m biodh bean a’s clann agad-sa, Eoghain, cha bhiodh tu cho uallach, eutrom ’s a tha thu, le d’ dhuanagan agus le d’ Shean-fhocail. BROC.—’S ann agam a tha ’fhios: gu ’m meal thusa, ’Fhionnlaidh, do bhean ’s do phaisdean, ach cha ’n ’eil mo shuil-sa annta. An cual’ thu ’n t-oran, [TD 326] Na fleasgaichean bidh aighearach, Na fleasgaichean bidh ceolmhor; Bidh drip, a’s donas, agus dris, ’Cur ris na daoine posda. PIOB.—Deireadh nan seachd Sathurn’ ort, a bheist, is fad’ a ghabh donas agus dris uam-sa. Is tus’ agus do leithid a tha ’s an dris air nach cinn blath. A’ d’ sgaomaire bochd, a’ siubhal o bhaile gu baile le d’ chuilbhear fada, caol air do ghualainn, agus donnalaich nan con a’ d’ chluasaibh, gun fhios ciod an t-aon toil-inntinn a th’ agad. BROC.—Co dhiubh is binne donnalaich nan con ’s a’ mhaduinn, a’ togradh gu Creig-nam-faobh, no burralaich nam paisdean ag iarraidh am brochain; agus a thaobh mo chuilbheir fhada, chaoil, cha chuir i fhein agus mis’ a mach air a cheile; cha robh canran-teallaich riamh eadar ruinn. M’ eudail! ’s ann aice nach biodh am focal mu dheireadh: is uallach a shiubhlas mi ’m monadh leatha, a’ gabhail mo dhuanaig:— “Ho-rò mo chuid chuideachd thu, Gur muladach leam uam thu, Ho-rò mo chuid chuideachd thu, ’S mi ’direadh bheann a’s uachdanan, B’ait leam thu ’bhi cuide rium, ’S do chudthrom air mo ghualainn.” PIOB.—Tog dheth ’Eoghain. An ann a’ coimeas do ghunna granda, meirgeach agus do chuid chon ri m’ mhnaoi agus ri m’ phaisdean lurach a tha thu? Marbhaisg air an olc, na cluinneam a’ leithid. BROC.—Cha chluinn, cha chluinn. Gun teagamh sam bith is binne sglamhruinn ard do mhna ’s a’ mhaduinn, na langan an fheidh ’s a’ chreachann; ach so i ’tighinn, “Mairi bhan òg, an oigh th’ air d’ aire;” tha uam dol ’n a co-dhail. “Hò mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi ghrinn,” &c. Failt’ air bean a’ Phiobaire, le cliabhan beag agus le’ grapa ’dol a thogail a’ bhuntata. Am bheil sibh, le’r cead a Mhairi, ’n ur slainte air an fheasgar bhoidheach so? MAIRI.—Am bi thu glic gu brath? C’uin a sguireas tu de d’ sgeig agus de d’ orain? BROC.—Innsidh mise sin duit, ’n uair a gheibh mi bean a’s paisdean. An sin suidhidh mi ’mach aig ceann an tighe, a’ caradh bhrog, cho soirbh ri each Gallda agus cairt slaoda ris; gun fhocal as mo bheul, ach cho trom-cheannach, stuama ris a’ bhodhach chrom a th’ anns a’ ghealaich, no Fionnladh agad fhein an sud a’ caradh do sheana bhrog. ’S fhada mu ’n cluinn thu luinneag no oran uaithe-san, ach ag osnaich mar dhuin’ air charn; cha ’n ionann a’s mise. MAIRI.—Cha ’n ’eil m’ Fionnladh fhein muladach no trom-chridheach, ged nach bi e ri gleadhraich oran agus amaideachd mar bhios tusa. Nach i so an fhirinn, ’Fhionnlaidh, ’eudail? PIOB.—Nach gorach thu, ’Mhairi, c’arson a bheireadh tu feairt air a’ Bhrocair; ge mor a sgeig an aghaidh posaidh, “Is minic a dhi-moil an ceannaich’ am bathar a bu mhaith leis a bhi aige ’n a mhaileid;” agus is minic a rinn neach dochair air fhein “a’ buain nan airneagan searbha, a’s e ’saltairt air na ciribh meala.” BROC.—Ciribh meala! ’S e sin am posadh, ma ’s fhior: bitheadh e mar sin, ach ’s fhad’ o’n a chualas e, “Ge milis a’ mhil co ’dh’ imlicheas bharr na dris’ i?” MAIRI.—O’n a tha thu ’tighinn air na Sean-fhocail, an cual’ thu riamh, “Gur sona gach cuid an comaidh, ’s mairg a shloinnear ’n a onrachd?” BROC—’S mi ’chuala; ach an cuala sibhse, ’Mhairi, “Gur trom dithis air an aon mheis ’s gun ac’ [TD 327] ach an t-aon ghleus;” agus aon fhocal beag eile agus is fior e, “Cha robh miann dithis riamh air an aon mheis.” Ciod a tha ’toirt oirbh-se ’tha posda ’bhi cho titheach air buarach a’ phosaidh a chur air daoin’ eile? MAIRI.—Ciod ach cairdeas, agus deadh run: ach tog de’ d’ chanran—b’ fhearr leam sgeul fhaotainn uait. BROC.—Dean suidhe ’n sin air do chliabhan beag, agus gheibh thu sin. Bha sud ann roimhe so sionnach gleusda, agus chaidh e ’mach oidhche de na h-oidhchean a ruagadh nan uan mar a b’ abhaist da, agus mar bha mi-shealbh an dan da, caillear ’earball dosach, ruadh ann an rib’ a shuidhicheadh chum a ghlacadh. Cha robh comas air. La no dha an deigh sin choinnich na sionnaich eile e. Ciod an tubaist a dh’ eirich dhuit, a deir iad, c’ait’ am bheil d’ earball? Tubaist! ars’ esan—an t-earball granda, sgud mi dhiom d’ am dheoin e—ciod am maith a bh’ ann? Gabhaibh mo chomhairle-sa agus deanaibh an ni ceudna, ’s ann gu mor a’s fearr a dh’ amhairceas sibh, agus bithidh sibh cho sgiobalta, uallach, seach mar ’tha sibh. Am bheil thu ’g am thuigsinn Fhionnlaidh? PIOB.—Tha, feuch am bheil coimeas eil’ agad. BROC.—Bha mi ’n sud uair ’s a’ Bhaile mhor, agus chunnaic mi priosanaich thruagha, mar shaoil mise, a stigh fo ghlais, le ’n sronaibh a mach eadar tarsannain iaruinn a bha ’s na h-uinneagaibh. Am bheil sibh seasgair an sin, ’illean? a deir mise. Is sinn a tha, ars’ iadsan, agus gu ’m bheil sar chothrom againn air mor abhachd ’s an aite so, thig thus’ a stigh maille ruinn. Am bheil thu ’g a thuigsinn so Fhionnlaidh? PIOB.—’S mi ’tha: “Miann an duine lochdaich cach uile a bhi amhluidh.” Am bheil tuilleadh agad r’a radh? Bheir mi dhuit leth-bhodach ’s toir dhuinn coimeas eile; chi mi gu ’m bheil iad a’ taitneadh ri Mairi. MAIRI.—Ma ta gu dearbh cha ’n ’eil; bithidh mi ’g ur fagail. BROC.—Air d’ athais, a Mhairi. Bha mi ’n sud latha shios ri taobh na fairge, far an robh balachain bheaga ’dol a mach air snamh. Bha ’n latha gu maith fuar, agus bha leisg air cuid diubh dol a mach. Am bheil e fuar? ars’ iadsan a bh’ air tir. Fuar! cha ’n ’eil, tha e mar bhainne blath na buaile, deir esan a bha air snamh, agus fiaclan a’ gharraich a’ snagartaich leis an fhuachd. Am bheil thu ga m’ thuigsinn, a Mhairi? MAIRI.—Bi ’bruidhinn—theid mis’ a thogail a’ bhuntata; ach ge don’ thu, na falbh gus an till mi. PIOB.—Chuir thu ’n teicheadh air Mairi; ach o’n a thuit duin tighinn thairis air a leithid so de chainnt, chuala mi gu ’n robh suil agad ris a’ chaile Ghallda ’tha ’s an tigh-mhor. Mhothaich mi, ar leam, cuicheanachd eadar ruibh an la roimhe. Cha d’ innis mi do Mhairi e, no chluinneadh sus’ e ’n diugh air a’ chluais bu bhuidhre. BROC.—An i so an te a tha iad a’ samhlachadh rium an tra so? B’ fhad’ o cheile crodh laoigh ar da shean athar. Tha ’chaile choir maith gu leoir, ach na ’n rachainn a dh’iarraidh mnatha cha b’ ann g’a duthaich-se:— ’S miann le triubhas a bhi ’measg aodaich, ’S is miann leam fhein a bhi ’measg mo dhaoine. PIOB.—Tha mi ga d’ thuigsinn. Tha car eile an adharc an daimh. BROC.—Car ann no as, cha tusa mo shagart, ’s cha dean m’ fhaoisid riut; ach da-rireadh, ’s e posadh a’s lugha ’th’ air m’ aire. Tha amadain gu leoir ann ged dh’ fhuirinn-sa [TD 328] air m’ais. Nach ’eil posaidhean gorach an deigh bochdainn a thoirt air Gaidhealtachd na h-Alba? A h-uile proitseach bhalaich a shaoileas gu ’m bheil e ann an gaol air guanaig air am fas e eolach air feill no banais, cha ’n fhoghainn leo ach posadh, gun ait’ an toir iad an cinn. Cordach aca, ma ’s fhior, ’s gun uiread na circe no ’choilich aca, gun tighinn air crodh no caoraich. Cuirear a’ bhanais an sin air bonn. Co ach iadsan! riomhadh as gach buth, ach ma ’s e fiach a’ bhuideil e (’s e b’aill leam a radh am pige beag ruadh, oir chaidh am buideal coir a fasan), cha ’n ’eil aca na gheibh e, ach an dail, gun chuimhne gu ’n tig dail gu dorus. Coma co dhiubh, thainig la na bainnse. Hug air air an dannsadh! hug air an ol! hug air na h-orain. Co ach iadsan! Straiceag ’s a sron ri h-athar, le gun sioda ’s le ribeinean riomhach, Esan, am burraidh! a’ breabadh nan cas, ’s a’ cur nan car dheth. Lamhainnean geala, an ainm an aigh, air a chrogan granda! Fuiribh thall, ’s e fhein an gille! Hug so fheara, ars’ esan, suas e! Ach coma leat, thig an spagluinn so gu lar, “N uair thig am bothan le’ chraos càm, Am mal, a’ chlann, ’s a’ cheannachd orr’.” C’ait’ an sin am bi iad? Guanag mo ghaoil ’n a luid bhochd, gun sgrid, gun sgairt:— “Sin mar bhitheas luchd na straic, Le curraichdean ard ’s le calico, Ni’m posaidh bochd an toirt gu lar, Mar shneachda ban na gaillinne.” Cha ’n ’eil comas air, am fear nach amhairc roimhe, amhaircidh e ’n a dheigh. ’S eigin a nis am bothan a thogail air cnoc an acrais, no am baile mor a thoirt orra, far nach duraichd mi an leantuinn. Nach gasd’, ’Fhionnlaidh, an ni am posadh? C’ait’ am faigh thu dhomhsa bean fhasanta? te aig am bi Beurla, bandannsair sgiolta, co dhiubh ’ni, no nach dean i sniomh no calanas. Mur bi sgillinn ruadh aice ’s ann is fasant’ i. Ma tha an tochar a tha ’falbh aice foghnaidh e dhomhsa, ’s e sin, an gun sioda ’s an ad chonnlaich, ’s an t-Shawl riomhach, ’s an Umbrella bhoidheach, na brogan aodaich agus cliabh-beag nan cnamh, a theannaicheas an cneas cho dluth’s nach urrainn iad bar-iall am brog a dhunadh, no bonn oir a thogail o ’n lar ged gheibheadh iad e air son an saoithreach. Sin agad, Fhionnladh, a’ chaileag fhasanta, faigh dhomhsa te dhiubh sin, agus ni mise banais ghleadhrach, aighearach a cnumas am feadan a’d’ phluic fad seachduin! PIOB.—Ma ta ged is ann ri feala-dha ’tha thu, tha moran de ’n fhirinn agad. BROC.—Smior na firinn. Tha mis’ ag radh riut, gu ’m bu choir reachd rioghachd a dheanamh an aghaidh nam posaidhean amaideach. ’N e mis’, Fhionnlaidh, a rachadh a phosadh, agus mo mhathair bhochd, dhall agam r’ a cumail suas? Cha chuir mis an comas te eile a radh rithe, Tha thu ’n rathad na cloinne, no ’n solus nan eun. PIOB.—Mo bheannachd oirre, ged nach ann domhsa bu choir a radh, nach dubhairt riamh ris an te nach maireann, gu ’m b’ olc. BROC.—Tha mi ga d’ lan chreidsinn, ach cha ’n ’eil Mairi agad-sa r’a faotainn air taobh gach cnoic. Gur ro bhitheant’ a chi mi an t-atharrachadh a’ tachairt; agus is fad’ o’n a chuala mi, “Is maith a’ mhathair-cheile am foid;” agus ruigeadh e mo chridhe aon bhean a rugadh riamh a bhi ’labhairt gu sgaiteach ri m’ mhathair bhochd. Tha mnathan maith’ ann, gun teagamh, ach tha droch mhnathan ann mar an ceudna, agus mar thubhairt [TD 329] an sean-fhocal, Is diù téine fearn ùr, Is diu duine mi-run, Is diu dibhe fion sean, Ach ’s e diu an domhain droch bhean. PIOB.—Gun teagamh ’s i; ach ’s i leug a’s priseile a fhuaras riamh deadh bhean. An cluinn thu mi, ’ghoistidh, tha treis a nis o ’n a phosadh mi, ach faodaidh mi le focal na firinn a radh, nach do ghabh mi riamh aithreachas. Cha ’n ’eil sonas eile air aghaidh an t-saoghail so cosmhuil ris an toil-inntinn sin a tha ’g eirigh o cheile dhileis, phosda, a tha gradhach do dhuine, mar ’anam fhein: te ris am faod e run a chridhe fhosgladh, gun eagal gun sgath, gun chleth air ni. BROC.—Na paisdean! Fhionnlaidh, na paisdean! PIOB.—Ni-maith a bheannachadh mo mhagaran gaolach. An t-aon storas a’s priseile ’bha riamh aig duine bochd. Cha do chuir Ni-maith riamh beul chum an t-saoghail gun a chuid fa chomhair, agus is mis’ a dh’ fhiosraich e. Amhairc orra, mo chroilein gaolach, nach laghach iad a mach a’ trusadh a’ bhuntata le ’m mathair? Co a’s urrainn a radh, nach bi cuid de na balachain sin ’n an daoine measail fhathast, agus na caileagan beaga sin ’n am beannachadh cho mor do chuin-eigin ’s a tha am mathair bhochd dhomhsa. BROC.—Chuir thu stad air mo bhoilich; tha do phaisdean boidheach a’ tighinn air an adhart, agus am Freasdal a shoirbheachadh leo: is iomadh iad a tha ’n diugh ’n an luchd fearainn a’s cho beag a shaoil e. PIOB.—Ma ta ged bhiodh iad mar sin fhein, cha toir iad domhsa gu brath am barrachd solais na tha iad a ’toirt an diugh, le ’m briagail bhig, mhilis; ach cha ’n fhad’ is urrainn duinn fuireach le ’cheile. Ciod a’s urrainn doibh a dheanamh ’s an duthaich bhochd so le fuireach innte. BROC.—Chuala mi gu ’n robh thu ’brath Lachann a chur ri ceird. PIOB.—Gun teagamh ’s e sin mo mhiann; oir ciod a’s fiu duine gun cheird? ’n a thraill bhochd, an eisimeil gach duine; ach feuchaidh mi ’s a’ cheud dol a mach ri deadh sgoil a thoirt doibh. Tha iad fhein teom’ air a togail, ’s tha ’n cothrom aca. Ged reicinn mo phiob, ’s mo leine leatha, cumaidh mi ’s an sgoil iad. Chuireadh e iongantas ort am fear beag ud leis an fheile-bheag uaine eisdeachd a’ leughadh; an t-aon bhalachan a’s tapaidh a chunnaic thu riamh. BROC.—Chuala mi gu ’n robh thu ’dol a dheanamh piobaire dheth. PIOB.—Ma ta cha ’n ’eil; tha la na piobaireachd seachad. Tha na tighearnan mora suarach uimpe. Tha ’m bladaire ronnach a’s mo ’s an duthaich cho taitneach leo ri Mac-Cruimein. Cha bu mhisde leam gu dearbh ged a b’ urrainn doibh cuairt a’ chluich. Is minic a thug ceol faochadh do m’ chridhe fhein. Tha mise ’g radh riut, Eoghain, gu ’m bheil cuairt cheolmhor air feasgar tlath, ri taobh na h-aibhne sin shios, do m’ anam-sa mar aiteal an earraich do ’n euslainteach bhochd; mar chiuran uisge, no mar dhruchd an anmoich do na lusaibh maoth. Cha luaithe thogas mi “Failt’ a’ Phrionns’ oig,” no “Baile Dhuneideann,” na thig taisleach’ air mo chridhe; tha ’n oig’ a’ tighinn air a h-ais le cuimhne nan cairdean caomh’ a dh’fhalbh. Cha mho orm an saoghal air na h-amannan sin na ’n cluaran a tha ’falbh leis an oiteig. Tha mi air mo thogail mar fhiadh ’s a’ chreachann; ach cha ’n ’eil togradh a’ m’ chridhe, ach togradh gu cairdeas agus gniomhara fiughantach. Cha ’n aighear e, agus cha bhron e; ach mo bheannachd air, is iomadh la a sheas e mi. [TD 330] BROC.—Mo bheannachd ort,—thoir dhuinn aon chuirt; theid mise sios a chuideachadh Mairi leis a’ chliabh bhuntata, agus thoir thus’ a mach a’ Phiob. PIOB.—Ma ta ni mi sin, na ’n cuirinn aon ghreim am broig Lachainn bhig. SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. DUAN I. IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGAMEMNON. (Air leantainn.) Ghéill Patroclus do ’n ghuth ghaoil, ’S thug e ’n nighean chaoin air lom; Ghlac na fir-ghairm i air làimh, ’S thill dhachaidh romh thràigh nan long. Dh’ fhalbh is’ ann-toileach, gun mhùirn, ’S bu tric, tric a sùil ’n a déigh; Aichioll trom-ghonte le cràdh, Fad bho chàch, ’s e sileadh dhéur. Aig taobh cuain chairinn nan gleann, A bheachd air an aibheis dhuinn, Ghrìos e mhàthair gu teann, teann, ’S e sìneadh a làimh’ thair tuinn:— Bho ’n ’s fior e, a mhàthair rùin, Gur gèarr m’ ùine measg nam beò, ’S tìm mi mhealtainn mo chliù fhéin, Mar gheall righ nan spéur bho thòs. An Torunnach thréig mo chùis, Mi nise gun chliù gun bhuaidh; Agamemnon thilg orm tàir’, ’S ghlac e le làimh àird’ mo dhuais’. Labhair e, ’s na deòir bho ’shùil; Chual’ a’ bhan-dia ’n ùrnaigh chruaidh, ’N a suidhe ’s an doimhne shìos, Làmh ri seann righ ciar a’ chuain. Bho ìochdar a’ ghrinneil ghlais, Dh’ éirich nìos mar bhad ceò; Shuidh i mu choinnimh an tréin, ’S e sileadh nan déur le brón. Shlìob i dheas-lamh ’s ghairm gu tlàth, Ciod e, mhic, an cràdh tha ’d chlaoidh? Ni na ceil ach spreig gu dàn, ’S gu ’n co-phàirtich mi do chaoidh. Fhreagair Aichioll nan ruag dlùth, ’S e ’g osnaich bho ghrùnnd a chléibh:— Ciod an stàth bhi ’g aithris-bheòil Dhutsa d’ am mion-eòl mo sgéul?— Gu dùn Thebe thog sinn oirnn, Dùn Eétioin bu mhòr àgh; Leag sinn e ’s an ùir ’n a thòrr, ’S dh’ iomain creach gu leòir thair sàil’. Chaidh an toic buileach a roinn; Mheal gach aon mar thoill e duais; Thagh sinn do mhac Atreuis fhéin Og Chriséis bu dearg gruaidh. Sagart Thébuis, Chrises liath, Thriall gu cabhlach nan long luath, ’S gu ’m fuasgladh e ’nìonag ghràidh, Bho Ghréugaich nam màilleach cruaidh’, Le duais nan iomadaidh séud, ’S crùn ciatach an dé ’n a làimh, Dh’ aslaich e ’n deagh-ghean gu fòill, ’S shin e ’n t-slat a b’ òrbhuidh sgiamh. Ghrìosadh leis thair chàch gu léir An dà rìgh d’ an géill na slòigh: Thog iadsan iolach maraon, Gu ’n d’ aithris an t-Aosd’ a’ chòir. Dh’ òrduich gu ’n dìolteadh ’s an uair, Gach urram bu dual do ’n aois; Gu ’n sealbhaicht’ an luigheachd chòrr, ’S gu ’n grad-leigt’ an òigh fo sgaoil. Ach sin cha d’ impich idir crìdh’ Agamemnon righ nan sonn; Dh’ fhògair e ’n sean-fhear bho ’ghnùis Gu neo-chiùin le bagradh trom. Thill esan dachaidh fo ghruaim, Urnaigh cruaidh, ’s e sileadh dhéur: Dh’ éisd Apollo ’n acain bhròin, Oir bu mhòr do ’n Aosda ’spéis. Thilg e fras-mhillidh mu ’n Ghréig, Muin air mhuin gu ’n d’ éug an sluagh; Na ’n siubhal a’ sgrios romh ’n champ, Chluinnteadh srannraich nan calg luath. Shoillsich fàidhe le tùr cinn Falach an Fhad-thilgich dhuinn; Dh’ iarr mise gu ’n diongteadh leam Caomh Apollo thionndadh rium; Ghabh mac Atreuis fearg a’s fraoch, Dh’ éirich e ’s baoghal ’n a mhiann, Bhagair ormsa gu neo-chaomh, ’S, ceart mar mhaoidh, chuir grad an gnìomh. Dh’ òrduich e ’n còmhlan thair chuan, ’S nighean Chriseis gu ’sluagh fhéin, Mar ri tìodhlac nach beag luach, Chum gu ’n traoighteadh gruaim an dé. Rèub e bhuamsa mo dhuais dhaor, Og Bhrisèis is caoin sùil: Air sliochd nan Gréug bhuail e spìd, ’S gach béus rìoghail thilg fo ’r cùl.— Cobhair-s’ orm, a mhàthair chiùin, Ruig Olimpus, cùirt nan dia; Aisig gu cuimhn’ Iobh gach stàth, ’S an d’ fhiach e do ràdh ’s do ghnìomh. An lùchairt m’ athar, ’s mi òg, ’S tric a dh’ éisd mi ri d’ mhòr uaill, Mar chath thu ’n aobhar an dé Dh’ oglaicheas an spéur le ghruaim. Dhìon thus’ e ’s an éiginn chruaidh, [TD 331] ’N uair ghluais ceannairc sluagh nan nèamh, ’S a ghlac iad na slabhraidhean prais’, Los a chuibhreach le grad thàir. Dh’ èirich àrd bhan-righ nan dia, A’s ìompaire liath a’ chuain, ’S Pallas neartmhor nan cath searbh, An glòir mhiann ag earbs’ á buaidh. ’N sin ghairm thus’ Ægæon garg, Mor Bhriareus ’ainm ’s an spèur; Nochdadh le chóig fichead làmh, Famhair iarnadh nach tlàth méinn, Dh’ oilltich na nèamhan air fad, Romh ’thriall, ’s e spalpadh bhonn; Bu treas’ e na ’n dia bith-bhuan, A luaisgeas an talamh trom. Shuidh am fuathach lamh ri Iobh, An uil’ uaill a mhòrachd àigh, Chrith-ùmhlaich co-bhann nan dia, ’S thuit an slabhraidhean sìos gu làr. Thoir so ’n a chuimhne gun sgàth; Sléuchd air bialaobh an àrd-rìgh; Do dhà ghàirdein glais mu ’ghlùn, ’S dian grìosad le dùrachd crìdh’, Gu ’n còmhnadh e ’n Tròidh ’s a sluagh, Chum’s gu’n ruaig iad feachd nan Gréug; ’S an gainntir nan long air tràigh, Gu ’n càrnar an raon le éug. Blaisidh an t-iomlan na ’s leòir De shòlas an ceannaird bhaoth; ’S chi esan dosgainn nam béus A thilg spìd air a chéud laoch. Fhreagair Thetis a h-òg gaoil, ’S na deòir nèamhaidh thaom le gruaidh, C’uime rug ’s a thog mi ’n tùs Mo shàr mhac gu diùbhail chruaidh? ’S truagh nach tàmh dhut ad luing fhéin Mu d’ chabhlach gun déur, gun phrámh; Seach d’ ùine tha gèarr mar réis Bhi cho lom-làn bhéud a’s chràdh. Thair gach neach tha ’g imeachd feòir, Dhutsa dh’ òrduicheadh mòr théinn; Mo chreach lèir nach b’ èug do dhàn Mu ’n d’ thàinig thu slàn à m’ chréubh! Mar dh’ iarr thu ruigim gu luath Ard Olimpus nan cruach sneachd, Gu dia nan dearg bheithir luath, Dh’ fhiachainn a bheil truas ’n a bheachd. Altruim-sa falachd ad chom, Aig taobh nan dlùth long air tràigh, Fada thall air leth bho ’n Ghréig; ’S na measgaich an éuchd a’ bhlàir. Tha Iobh air imeachd gu féill, Mar ris thriall na dé bhith-bhuan, Null gu tìr nan Ethiop gràidh, Aig cian chrìochan blàth a’ chuain; Gabhaidh iad furan gun phléid, Measg nan tréubh do nach spéis gìomh; Trì cheithir soluis ’n a dhéigh, Tillidh do ’n spéur sréud nan dia, Thèidim-sa ’n sin gu teach Iobh, Gorm-lùchairt nan cònard prais; Glacaidh mi dha ghlùn gu fòill, ’S cha ’n eagal nach fòir air m’ airc. Dh’ fhalbh a’s dh’ fhàg i mac fo leòn Dubh-fheargach mu ’n òg-mhnaoi chaoin. Mar réub luchd na spòrs à làimh A dhuais bhlàir le ainneart claon. ’N sin ràinig Ulisses thall Tìr Chrisa mu ’n iath an tonn, Fo chùram air bhòrd ’s an luing, Iobairt uibhtheil nan damh trom. Aig teachd do ’n chamus a dh’ iarr ’S a’ pholl dhomhain, fhiathail, mhìn, Leag a’s phaisg iad na glas shiùil Gu sòmhail ’s an iùbhraich ghrìnn. Shaor iad ’n a shlochd fhein an crann, ’G a fhuaghal gu teann le buill; ’S dh’ iomair iad i steach ’n a deann, Le neart ràmh bu dealbhach luinn. Thilg iad gach acair air tràigh, ’S na ciar chàbuill shnaim air dòigh; Léum an sin gu tìr na laoich, ’S thriall ri taobh an onfhaidh mhòir. Thàinig amach ìobairt chèud Gu Phœbus nan ruinn bhior luath; ’S ghluais às a’ bhìrlinn ’n an déigh, Chriséis bu chéutach snuagh. Dh’ fhalbh Ulisses ’s an lèug ùr, Suas gu téampull cùbhraidh ’n dè, Los a toirt d’ a h-athair gràidh, ’S nochd e dha gun dàil a sgéul:— Ciad fàilt air an t-sagart naomh, Thàinig mi an taobh s’ le m’ righ, Gu d’ nighean thoirt saor do d’ làimh, ’S gu ’n naisg Phœbus bàigh a’s sìth. Feuch, ìobairt nan cèud air tràigh, Tairgear leats’ air sgàth nan Gréug, Los gu ’n teid casg air a’ phlàigh Bho ’n trom-osnach cràdh nan éug. An sin liubhair e ’n ògbhean ghaoil; Lèum an t-Aosda, ’s ghlais mu ’com: Dh’ iarr e ’n ìobairt-chéud gun dàil A leanailt bho thràigh thair fonn. Aig mòr altair Phœbuis àigh, ’S an teampall a b’ àillidh glòir, Le lamhan nighte gun mheang Thairg iad an sìol saillte ’n tòs. Dh’ aslaich Chrises le guth àrd, ’S e togail a làmh os cinn: Eisd-sa rium, a Dhè nan calg D’ an arm am bogh airgid grinn, A thì d’ an dìol Cilia gèill, ’S Tenedos is cèutach bàrr, Tha ’dìdinn Chrisa fo d’ sgéith, ’S a’ sìor éibhneas ri chaoin bhlàs, Ma dheònaich thu m’ achain riabh, Gu m’ chobhair ’s an diachainn chruaidh, ’S ma bhuail thu sgrios air a’ Ghrèig Le galar nan léireadh truagh, Eisd m’ ùrnaigh gu gràsmhor, caoin, ’S thoir deòin shaor do mhiann mo chrìdh’: Cuir grad chasg air plàigh nan déur, [TD 332] ’S tionndaidh ris a’ Ghrèig an sìth. B’i sid ùrnaigh ’n t-sean-fhir léith, Chuala Phœbus ’s dh’ èisd gun ghruaim: ’N uair ghuidh iad, ’s a thilg ’n a dheann An sìol saillt’ air ceann a’ bhuair: Lean a ghàirdnean ris an spéur, Leig iad an fhuil, réub a’s dh’ fheann; Sgath iad na sléisdean bho ’n chréubh, ’S shuain umpa dà bhréid de ’n t-saill: Chàrnadh ùmpa sid gu pailt Gach mìr mar bu taitneach sògh, Loisg an t-Aosd’ iad, ’s mu ’n fhiodh ghlas Thaom e ’n fìon bu taitneach cròic. Bha òg fhleasgaich dlùth ri gléus Le coigmhíaraich ghéur ’n an dòrn. ’N uair chnàmhadh na sléisdean ás, De ’n mhaoth ghrealach bhlais na slòigh, Ghèarr iad an t-iarmad gu meanbh, Shìn mu shliosan nan dealg réidh, ’S ri téintean an tùrlaich mhòir, Le deas-sheòltachd bhruich a’s ghréidh. Sgaoil iad na bùird tharbhach, fhial, ’N uair thug iad an gnìomh gu crìch; Shuidh an comunn cruinn gu biadh, ’S fhuair gach neach mar mhiann a chrìdh’. ’N uair chasgadh an t-acras géur, ’S a dh’ion-fhuadaich iad féum lòin, Bhuail na fleasgaich ealamh, ùr, Air crùnadh an fhìon’ gu pòit. Riaraich iad bho dheas gu clith An deoch bhrìgheil ’s na geal-chùirn: Fad an là bha ’n sluagh gu léir Do neart Phœbuis a’ seinn cliù. Aon-ghuthach thog iad na fuinn, ’S an laoidh bhinn a b’ allail glòir: Bu shòlas do chluais an dé, Bhi ’g éisdeachd ri téis an ceòil. ’N sin theirinn do ’n fhairg a’ ghrian, ’S an dall oidhche dh’ iath mu ’n raon: Aig bial na tuinn’ air an tràigh, Làmh ri ’m bìrlinn thàmh na laoich. ’N uair a sgaoil a’ mhadainn òg A ròsan feadh cùirt nan nial, Dh’ éirich sliochd na Gréig’ á ’n suain, ’S ghrad-dheasaich thair chuan gu triall. Leig am Fad-thilgeach ’n an déigh An srann-fhàfan éutrom, ùr. Thog iad an crann bìdhearg, réidh ’S shìn iad ris geal-bhréid an t-siùil. ’S le anail na failbhe ri ’n cùl, Bha uchd na cainbe sùchte, cruinn; Ise mìn-phronnadh nam bàrc, Chluinnteadh crònan àrd mu ’druim. Bu luath a siubhal, ’s bu chian Thair raointean liath-ghorm nan stuadh, Gu ath-ghabhail am puirt fhéin, Fo champ Gréugaich nan arm cruaidh. ’N uair ràinig an iùbhrach tìr, Thàirneadh i ’n a sgrìb gu fonn, ’S chuir mór-shailthean fo ’taobh; ’S sgaoil iad feadh nam bùth ’s nan long. (Ri leantainn.) SEAN SGOIL. Am measg gach atharrachadh a thainig air a’ Ghaidhealtachd o chionn da fhichead bliadhna—agus is lionmhor iad—cha ’n ’eil aon n’is comharraichte no n’is cliuitiche na ’n t-atharrachadh a chithear ann an tighean-sgoil ’s am maighstirean-sgoil o ’n am sin. Chaidh moran de sgoilean ura a chur air bonn, agus chaidh na sean sgoilean mar is trice a dheanamh n’is comasaiche air an crioch a choilionadh na bha iad. Na h-uile cliu do Eaglaisean ’s do Chomuinn air son an eud, ’s na h-uile soirbheachadh leis gach saothair aig a bheil iunnsachadh na h-oigridh mar cheann-iuil! Ach an deigh gach oidhearp ionmholta a chaidh a thabhairt, tha, gun teagamh, moran fathast ri dheanamh ’s an rathad so ’n ar duthaich. Tha fathast iomadh Eilean a’s Clachan a’s Gleann air an iathadh le neoil thiugh, dhorcha an aineolais; ach nach ’eil a nis Achd ur Parlamaid againn a chum na neoil so a sgapadh air falbh? Nach e nis dleasdanas gach sgireachd gu ’m bi sgoil air a deagh uidheamachadh far an ruig gach sgoilear oirre, agus nach ’eil cuideachadh fialaidh air a thoirt seachad á sporan mor na rioghachd air son costas nan sgoilean a ghiulan? Nach e nis lagh na h-Alba gu ’m feum gach balach a’s caileag a bhi ’s an sgoil? Ma ghleidheas tu do mhac as an sgoil a dhol an tràigh no ’bhuachailleachd, no do nighean a bhanaltrachd, nach bi am Maor air do thoir cho dian ’s a bha e riamh ’n uair a bhitheadh tu air deireadh leis a’ mhod? Gu firinneach chuir an saoghal car dheth o linn Iob. An aite Gliocais a bhi ’basachadh leinne, nach ann a bheirear i as ur le ar cloinn? Nach e “’n t-al a thig ’n ar deigh” a ni ’n t-amharc-sios air na parantan aineolach a ghin iad? Nach goirid gus am bi eagal ort do [TD 333] bheul fhosgladh an lathair Lachainn bhig, aig nach ’eil ach an da fhiacail fathast, air eagal gun teid do cheapadh air son sliobasdachd do chainnt? Is mor m’ eagal nach fada a bhitheas tigh-sgoil gun dorus, gun simlear, le toll-uinneig air son solus a leigeadh a steach, ’s toit a leigeadh a mach, le urlar fliuch, ’s le suidheachain de chlachan ’s de fhoide-moine, no maighstir-sgoil nach labhair ach Gaidhlig, ri ’m faotainn ’s an tir. Cha ’n ’eil fios c’aite an stad sinn air an deireadh idir. An uair a tha ar luchd-riaghlaidh, le ughdarras lagh na rioghachd, a’ togail aitreibh ura ’s a taghadh Mhaighstirean-sgoil leis na teisteanais is airde, bu mhiann leam, mu ’n teid cuimhne nan sean tighean ’s nan daoine coire a theagaisg annta ‘a sgrios gu tur as an tir,” iomradh a dheanamh air aon de ’n t-seorsa anns an d’ fhuair mi mo cheud leasain, deich bliadhna fichead roimhe so. Cha ’n fhios domh c’uin a thogadh an tigh, no cia meud sgoilear ainmeil a fhuair tus am foghluim ann. Bha ’n Sgireachd iomraiteach an Eachdraidh na h-Eaglais an uair a b’e ’n t-aite a b’ iomallaiche a bh’ air a roghnachadh air son tighean foghluim a’s Eaglaisean, agus cha ’n ’eil teagamh agam, na ’m bitheadh eachdraidh na Sgireachd air a’ gleidheadh air chuimhne, nach faighteadh aon no dha de ’n luchd-aiteachaidh “nach do dhoirt fuil ’s nach do rinn cogadh” a bha airidh air clach urramach a chur an teampull na sean Eaglais Gaidhealaich. Ach an uair a mhosgail sluagh na h-Alba as an t-suain aineolaich anns an robh iad re moran linntean a’ gabhail tamh, rinn Eolas imrich as na cuiltean do na bailtean, a’s dh’ fhagadh na h-eileanan iomallach ’s na glinn uaigneach gun Sgoil gun Eaglais. Bho linn an Ath-leasachaidh b’ e, gun teagamh, lagh na rioghachd gu ’m biodh Sgoil a’s Eaglais anns gach Sgireachd; ach bha Sgireachdan na Gaidhealtachd farsuing, ’s cha robh Sgoilean ach tearc. Chomhdaich dorchadas taobh an Iar na Gaidhealtachd. ’S ann a chum an dorchadais so fhuadach a chuireadh air bonn, ochd fichead bliadhna roimhe so, a’ “Chuideachd Urramach a ta chum Eolas Criosdaidh a sgaoileadh air feadh Gaidhealtachd a’s Eileana na h-Alba”—Cuideachd a bhreac an taobh an Iar le tighean-sgoil, ’s a chuir Gaidhealtachd na h-Alba fo chomain nach urrainnear innseadh. A reir riaghailtean na Cuideachd bha e mar fhiachaibh air Uachdarain an fhearainn tighean freagarrach a thogail, agus croiteag fhearainn a chur air leth do ’n’ Mhaghistir-sgoil. B’ ann leis a’ Chuideachd so a bha ’n t-Sean Sgoil air a cumail suas. Cha ’n abradh fear-turuis, ma dh’ fhaoidte, gu ’n robh an tigh air a thogail an aite ro thaitneach. Cha robh beanntan arda, no glinn fhasail, na coilltean dosrach ’s an t-sealladh, no iomadh ni eile a bheireadh aoibhneas do ’n t-suil. Ach bha ’n tigh goireasach air na sgoilearan; ’s bha reidhlean gorm air gach taobh dheth air am faigheadh a’ chlann comas cluiche g’ an toil; bha lochan uisge fa chomhair a bhiodh miaghail ris an reothadh; ’s bha geodhachan uaigneach mara dluth air laimh mar gu ’m biodh iad air an cruthachadh air son balaich a mhealladh air snamh. ’S cha robh ‘an sealladh mu ’n cuairt,’ lom, cianail, mar a chitheadh am fear-turuis e, gun a luach fein an suilean a’ bhalachain a chaidh arach ’s an aite. B’ e dhachaidh e; agus do bhrigh so bha gach cnoc, a’s allt, a’s lèanag ni bu mhaisiche leis-san na ’n aon aite a b’ aillidh’ air an do dhearrs grian riamh; air chor ’s gum faodadh [TD 334] e ’radh, gun toibheum, mu dhachaidh mar thuirt an Salmadair mu Shion: Oir t’oglaich tha a’ gabhail tlachd ’N a clachaibh breagh gach uair; Tha deagh thoil aig do sheirbhisich D’ a luaithre a’s d’a h-uir. A thuillidh air so, chiteadh air gach laimh seallaidhean a thogadh inntinn an sgoilear o dhleasdanas an la. An sud traigh, nach taghail an t-iasgair fathast ach fo gheilt, air an do chuir a shinnsearan blar fuilteach a’ dion an dachaidh o choigrich a’ chuain; an so Dun, le fhrogan dorcha comhdaichte thairis “le foghnan, fraoch, a’s fòlach,” a’ toirt dearbhadh follaiseach air na naigheachdan a dh’ innseas sean daoine mu na linntibh an-iochdmhor a threig; ’s an tolman uaine ud mu ’n cuairt do larach an teampuill tha aithrichean air an tulgadh nan codal siorruidh le monmhor an t-sruthain air a mhuchadh le buille trom na tuinne air an traigh. Fa chomhair tha Cuan mor na h-airde an Iar, an comhnuidh a’ dusgadh suas uamhunn, ioghnadh, a’s ard-thoilinntinn, co-dhiubh a chithear e air a luasgadh le doinionn a’ gheamhraidh, no ’codal gu seimh fo ghrian an t-samhraidh, no mar a chunnaic priomh Bhard ar duthcha gu minic e mu ’n do sheinn e cho oirdhearc mu ’n “ghrein ’s i gu laidhe ’s a chuan:” “An d’ fhag thu gorm-astar nan speur, A mhic gun bheud, a’s òr-bhuidh ciabh? Tha dorsan na h-oidhche dhuit fein, Agus pàilliun do chlos ’s an iar. Thig na stuaidh mu ’n cuairt gu mall, A choimhead fir a’s glaine gruaidh; A’ togail fo eagal an ceann; Ri d’ fhaicinn cho aillidh ’n ad shuain, Theich iadsan gun tuar o d’ thaobh, Gabhsa cadal ann ad chòs, A ghrian! a’s till o d’ chlos le h-aoibhneas.” Cha ’n fhaicear, taing do ’n Fhreasdal, ach ainneamh a nis coimeas do ’n fhardaich ris an abairte an Tigh-sgoil. Tigh fada, farsuing, dorcha, le bhallachan iosal de chloich ghlais nach do ghearain air buillean an uird, air an salachadh air an taobh muigh le criadh, air an taobh stigh air an dubhadh le toit. Dorus air gach taobh do ’n tigh ach gun chomhla’ mar bu trice ri aon diubh. Chiteadh ’s a’ gheamhradh sgathach fhraoich ri taobh an fhuaraidh de dhorus an t-soirbheis air a cumail na seasamh le cas camain. Rachadh an Sgathach a chaitheamh a lion beagan a’s beagan a’ lasadh na teine; ’s bhiodh a’ sin boitein connlaich a’ gleidheadh fasgaidh gus an tigeadh mart no each miomhail an rathad a dh’ itheadh e. ’S an t-samhradh bha ’n tigh fosgailte gu farsuing, fialaidh do sgoilearan de gach seorsa. Urlar de thalamh fuar, fliuch, ach larach na teine a mhain. Uinneagan leth-lionte le pluic, ’s an corr comhdaichte le lic ’s clach ri ’cul. Da tholl air druim an tighe a’ leigeadh a mach na toit nach iarradh a rathad roimh dhorus no uinneig. Da theine air an urlar dluth air meadhon an tighe agus clach eatorra. B’i chlach so “Stol (no furm) an aithreachais.” Is tric a rinn mi cron latha fuar geamhraidh a dh’ aon ghnothuch air son faotainn air an stol. Bha déileachan a gheibhte air a’ chladach sinte air clachan a’ deanadh aitean-suidhe; ’s bha da sheana bhord le casan briste air an urlar aig am faighte sgriobhadh le beagan cunnairt. Agus ma bha airneis an tighe-sgoil gann, cha robh asaig an sgoilear duilich a ghiulan. Leac-sgliat ghlas le ruith oibreachaidh oirre, paipeir-sgriobhaidh cho saor ’s a gheibheadh cailleach nan uibhean an Grianaig, dubh de shughadh an daraich, peann de dh-ite an t-Sulanaich, Gray, Leabhar Aithghearr nan Ceist, Biobull Gaidhlig air a chomhdach le craiceann caorach, agus deagh chaman. [TD 335] Bhiodh e eu-comasach do ’n fhear-theagaisg a bu chomasaiche sgoilearan math a dheanamh air a leithid so de chothrom; ach tha mi creidsinn ged bhiodh gach tigh ’s gach goireas a b’ fhearr aig mo shean mhaighstir (cha n’ ann r’ a chur na dheigh e), nach faigheadh an sgoil an cliu a b’ airde o fhir-cheasnachaidh ar latha-ne. Cha robh eolas a’ mhaighstir ro fharsuing; agus cha d’ fhuair e cothrom air na doighean a b’ fhearr air sgoil a riaghladh, no air eolas fein a theagasg d’ a sgoilearan, fhaicinn no iunnsachadh. Bha e, gun teagamh, an Glaschu ’g a cheasnachadh; agus dh’ innis an Dr. Mac-Leoid dha nach b’ urrainn dasan leasan Gaidhlig a thoirt dha. Air diomhaireachd an lagh “Leathan ri leathan, a’s caol ri caol” bha e mion-eolach; ach nam biodh an sgoil air a paigheadh a reir mar a fhreagradh na sgoilearan na ceistean a chuirear air cloinn an diugh, is mor m’ eagal nach biodh tuarasdal a’ mhaighstir a bheag ni b’ airde na bha e. “Na labhair ach maith mu na mairbh,” theirte o shean; agus gu firinneach ’s ann le h-urram agus le seirc a b’ airidh sean mhaighstirean-sgoil na h-Alba a bhi air an cuimhneachadh. Agus ged nach rachadh mo shean mhaighstir a thaghadh á measg drobh an diugh a lionadh aite falamh, b’ airidh e air meas agus air tlachd, agus is ann le meas agus le tlachd a tha a chuimhne air a gleidheadh aig gach sgoilear a bha fo ’theagasg. Cha bhithinn seachd bliadhna dh’ aois nuair a chaochail e; ach tha mo chuimhne an diugh air a dhreach ’s air a dhoigh cho maith ’s a bha i an la a dh’ adhlaiceadh e. Bha e ’s an arm ’n a oige, agus thug an t-oileanachadh a fhuair e an sin seasamh direach a’s gluasad fearail dha nach do dhealaich ris re a bheatha. Duine breac-liath, mu dheich-a’s-tri-fichead; deas ’n a phearsa; aghaidh thuigseach; cridhe blath; nadur ath-ghoirid; a cheum air tromachadh a’s uilt air teannachadh; ach a spiorad gun taiseachadh—a mhisneach cho ard a’s aignidhean cho togarrach ri aois ochd-bliadhna-deug. Cha robh balach ’s an sgoil a bu deise a bhreth air caman, na bu deine a chur gu taghall. Saoilidh mi gu faic mi an sean duine sunndach a’ tighinn am fradharc air maduinn reota gheamhraidh, le ’aid ghibich a bha uair-eigin dubh, le ’chota clo, ’s le ’bhăta glas-daraich ’n a laimh. Chi e ’mhac fein a’ leigeadh seachad na cnaige. “A thuaisd, a thraill, a sgagaire bhochd!” their an t-athair, a’s a nuas leis a’ chota mor. As deigh na cnaige gu lughmhor bheir e, a’ greimachadh ceann caol a bhata; agus an tiota tha i aig an taghall is faide air falbh. Theid ar gairm a steach, a’s theid na camain fo ’n bhord. Toisichear obair an la le urnuigh dhurachdaich an Gaidhlig; theid earrann dhe ’n Bhiobull a leughadh ’s na Ceistean a chur. Tha ’n sin sgriobhadh a’s cunntas, cunntas a’s sgriobhadh gu feasgar. Leughar am Biobull. Co-dhunar le urnuigh. Bheirear na camain am follais, a’s bithear ag iomain gus an toir an oidhche as ar suilean e. Sgoil thruagh! teagasg bochd! deir an Leughadair. Tigh-Sgoil truagh, deir mise; agus teagasg easbhuidheachd, ach teagasg ann an tomhas, a dh’ fhaodadh a bhi air a leantainn le buannachd ann am moran de na Sgoilean Gaidhealach air an la diugh. B’ e tighean dona a’s droch phaigheadh cuibhrionn moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachd ’s an am a dh’ fhalbh. Is mor an t-aobhar taingealachd gu bheil cinnt air atharrachadh chum na cuid is fearr anns an rathad so ’s an am ri teachd. Tha foghlum a’s sgil nan dreuchd air iarraidh o mhaighstir- [TD 336] sgoil a nis nach robh air iarraidh o’n aithrichean; agus tha so freagarrach. Ach cha ’n ’eil mi gun amharus nach b’ fheairrde ar Maighstirean-sgoil ura ’s a’ Ghaidhealtachd tuilleadh de chleachduinean nan sean laoch a leanntainn na tha cuid diubh deas gu dheanamh. Am measg nan sean mhaighstirean-sgoil Gaidhealach gheibhteadh air uairibh na daoine a b’ fhoghluimte ’s an tir. Ann an seirbhis a’ Chomuinn a dh’ ainmich mi, agus ann an tighean nach robh a bheag ni b’ fhearr na ’n tigh air an do rinn mi iomradh, shaothraich, re moran d’ am beatha, air deich no dusan punnd Sasunnach ’s a bhliadhna, an da Ghaidheal—a mach o Oisean—a b’ airde buaidhean a sgriobh ’s a’ Ghaidhlig—Mac Mhaighstir Alastair agus Dughall Buchanan. Cha b’ ionann beachd do na daoine so agus do mhoran de mhaighstirean-sgoile òg ar latha-ne mu theagasg cloinne. Tha eagal orm gu bheil an creidimh a’ neartachadh ’n ar measg, gur e crioch araid Maighstir-sgoile uiread airgid ’s is urrainn da a bhuannachd le ’sgoil; ’s gu bheil clann air an deagh theagasg ma leughas iad gu blasda canain nach tuig iad, a’s ma sgriobhas iad gun mhearachd latha cheasnachaidh 103,070,010 ged nach ’eil fios aca fein no aig duine d’ an daoine ciod e fo ’n ghrein a tha 103,070,010 a’ ciallachadh. Tha Leughadh a’s Sgriobhadh a’s Cunntas ro fheumail ’s an sgoil—cha deanar sgoilear as an eugmhais; ach cha ’n ’eil dleasdanas a’ mhaighstir-sgoile criochnaichte le Leughadh a’s Sgriobhadh a’s Cunntas, ged a thuigteadh ciod e mu ’m beilear a’ Leughadh ’s a’ Sgriobhadh ’s a’ Cunntas. Tha Oileanachadh cho feumail ri—dh’ fhaodte radh n ’is feumaile na—Foghlum. Cha ’n e Eolas farsuing ach deagh Chleachduin crioch teagaisg. “Am meangan nach sniomh thu, Cha spion thu ’n a chraoibh e; Mar shineas e ’gheugan, Bithidh a fhreumhan a’ sgaoileadh.” Bhiodh e duilich leam a chreidsinn gu ’n do chleachd Dughall Buchanan aon doigh air spionadh nan craobh ’s an tigh aoraidh air an t-Sabaid, agus doigh ’eil air sniomh nan meangan ’s an Sgoil re na seachduin. ’S anns a’ chanain a thuigeadh an sluagh a shearmonaich ’s a sheinn e—an ann an canain nach tuigeadh iad a theagaisg e na Sgoilearan? An uair a bha Mac Mhaighstir Alastair a’ brosnachadh nan Gaidheal gu eirigh a sheasamh coir nan Stiubhartach, sheinn e ’Orain iomraiteach an Gaidhlig—an saoil thu an ann am Beurla a bheireadh e earail air cloinn bhig? “B’ fhearr leam,” arsa an t-Abstol Pol, “cuig focail a labhairt san eaglais [nam bu mhaighstir-sgoil e nach abradh e ‘san sgoil’] le m’ thuigse, chum gun teagaisginn daoine eile mar an ceudna, na deich mile focal ann an teangaidh choimhich.” Ach tha moran de mhaighstirean-sgoil na Gaidhealtachd de atharrach beachd. Nach duilich, an uair a tha tighean-sgoil eireachdail ’g an cur suas anns gach aite, a’s an uair a tha ’n rioghachd a’ paigheadh moran airgid gach bliadhna air son ar Maighstirean-sgoil iunnsachadh, ma bhitheas aobhar againn a radh mu ’n teagasg a gheibhear ’n ar Sgoilean Gaidhealach mar a thuirt a’ Chailleach Mhuileach, “B’ fhearr leam fhein an t-sean doigh.” D. M‘K. Le bhi buileachadh bheannachd air muinntir eile, tha sinn ’g am buileachadh oirnn fein. Cha ’n fheum an ti leis am miann an toradh a shealbhachadh, am blath a mhilleadh. [TD 337] AINM IOSA. Cia milis ainm an t-Slanuighfhir chaoimh. An cluas a’ chreidmhich bhochd! Tha ’leigheas broin a’s leon nan naomh, Gun eagal orr’ roimh lochd. Oir ni e ’n spiorad bruite slan, A’ fuadach craidh o ’n chridh’; Mar mhana ni e ’n t-ocrach lan, ’S bheir fois do ’n ast’rach sgith. Ainm mhiorbhuilich! mo charraig threin; Mo dhidein anns gach cas! ’S tu m’ ionmhas furtachd anns gach teinn, Trid iomlanachd do ghrais. ’S ann uait gheibh m’ urnuigh freagradh gaoil, Ged thoill mo chionta smachd, ’S a dh’ aindeoin treunad prionns’ an t-saogh’l, A mheasar mi mhar mhac. Iosa! mo Bhuachaill’, is m’ Fhear-taigh’, ’S tu m’ Fhaidh, Sagart, Righ! Mo cheudfath is ceann-uigh’ mo bheath’, Gabh cliu o d’ thruaghan sgith. Ge anfhann, diblidh guth mo ghlaoidh, Ge fuar mo ghaol ’s mo ghloir; ’N uair bhios mi maille riut a chaoidh, Theid m’ fhoghlum mar is coir. Gu sin, biodh plosgartaich mo chri’ A’ cliuthachadh do ghrais; S’ biodh d’ ainm ’n a cheol domh anns an t-sligh ’S ’g a sheirm leam anns a’ bhàs. —The Treasure. AN T-OSDAIR AGUS AN SEOLADAIR, NO IAIN AGUS A CHNAP CRUAIDH An cluinn thu, Iain, nach gabh thu deur beag air a’ mhaduinn fhuair so?” ars’ Osdair araidh ri seoldair a bha ’gabhail an rathaid seachad air an tigh aige. Bha an seoldair roimhe so ’n a fhior mhisgeir agus air iomadh bonn airgid fhagail ann an tigh an duine a bha bruidhinn ris; ach bha e nis bho chionn bliadhna an deigh boid a thoirt an aghaidh deoch laidir. “O! cha ’n urainn mi, a dhuine choir, cha ’n urainn mi òl, tha cnap cruaidh agam, an so air mo thaobh, O! an cnap cruaidh tha ’n so,” ars’ an seoladair, is e ’cur a laimh air a thaobh mar gu ’m biodh e air a chradh leis. “Is e thu sgur de ’n dram a dh’ aobharaich an cnap sin dhuit; bheir beagan de dheoch mhaith air falbh e ann an tiota, ach ma bhitheas thu cho gorach ’s gu ’m fuirich thu bho d’ ghrog, is e ’s docha gu ’m fàs an cnap sin agad na ’s momha, agus gu ’n tig cnap cruaidh air an taobh eile agad mar an ceudna.” “Ro cheart, ro cheart, a dhuine,” ars’ an Seoldar, is e ’toirt poc oir a mach as a phocaid-achlais agus ’g a chumail suas ann an sealladh an Osdair. “Tha thu ceart a radh ma thoisicheas mi air an òl gu ’m falbh mo cnap; ach ma dh’ fhuireas mi uaith gu ’m fàs e na ’s momha. Beannachd leat, osdair, le comhnadh an Tighearna cumaidh mi mach as do lion-sa agus feuchaidh mi ri cnap fhaighinn air gach taobh.” DUANAG DO CHRUACHAN-BEANN. Le P. Mac-an-t-Saoir. SEISD.— Cruachan-beann, Cruachan-beann, Cruachan-beann, ’s mor mo thlachd dhiot; Cruachan-beann thar gach meall, ’S a chuid allt ’ruith roi’ ghlacaibh. Cruachan-beann ’s e cho mor, Tha e sonraicht’ r’a fhaicinn— Cha ’n ’eil a leithid ’s an Roinn-Eorp’, ’S geal a chota ’n am sneachda. Cruachan-beann, &c. Clann-an-t-Saoir d’am bu dual ’Bhi ’n ad chluanagan fasgach; An diug cha ’n fhaic mi aon d’ an al ’Gabhail tamh ann ad thaice. Cruachan-beann, &c. ’S iomadh linn bho n’ fhuair iad coir Air a’ bheinn is boidhch’ r’a faicinn; ’S cho fhad’ ’s a ruitheas uillt gu cuan Bidh an dualchas ud aca. Cruachan-beann, &c. [TD 338] Fine ’s duineala, gun ghruaim, ’N am dol suas thun na batailt; ’S an Ceann-cinnidh air an ceann ’Toirt comand’ do na gaisgich. Cruachan-beann, &c. An Leitir-beann chaidh m’ arach òg— Leitir bhoidheach nam badan; Gheibhte fiadh ann air an t-sliabh, ’S earbag ria’ch anns gach glac dheth. Cruachan-beann, &c. Aite ’s maisiche fo ’n ghrein Chaoidh cha leur dhomh r’a fhaicinn; ’S bho ’n a chuir iad thu fo fheidh, ’S goirt mo dheur ’gabhail beachd ort. Cruachen-beann, &c. Fichead mile tha mu ’n cuairt Anns a’ chruaich ud tha maiseach; Agus tri dhiubh air aird’— ’S iomad bard a ghabh beachd ort. Cruachan-beann, &c. Soraidh ’nis le Cruachan-beann, ’S leis gach coire, ’s gleann tha ’n taic ris: ’S e mo dhurachd Clann-an-t-Saoir Bhi chomhnuidh ri dha ’s na thaice. Cruachan-beann, &c. RIDIRE GHRIANAIG. Bha aig Ridire Ghrianaig triùir nighean nach robh an leithid ri fhaotainn no ri fhaicinn an àite sa bith. Thainig béisd bho ’n chuan ’s thug i leath’ iad, ’s cha robh fios ’d é an rathad a ghabh iad, no c’àite an rachteadh g’ an iarraidh. Bha saighdear anns a’ bhaile, ’s bha triùir mhac aige, ’s an àm na Nollaig bha iad aig iomain, ’s thuirt am fear a b’ òige gu ’n rachadh iad agus gu ’n cuireadh iad bair air lèana Ridire Ghrianaig. Thuirt càch nach rachadh, nach biodh an Ridire toilichte, gu ’m biodh sid a’ toirt ’n a chuimhne call a chloinne, ’s ag cur duilichinn air. “Biodh sin a roghainn da,” ars Iain, am mac a b’ òige, “ach théid sinn ann, ’s bheir sinn bair, tha mise coma air son Ridire Ghrianaig biodh e buidheach no dìombach.” Chaidh iad a dh-iomain ’s bhuidhinn Iain trì bair air a bhràithrean. Chuir an Ridire cheann a mach air uinneig, ’s chunnaic e iad ag iomain, ’s ghabh e corruich mhòr, gu ’n robh a chridhe aig aon sa bith dol a dh-iomain air a lèana, nì a bha toirt call a chloinne ’n a chuimhne, ’s ag cur mìothlachd air. Thuirt e ri mhnaoi, “Co tha cho mìomhail ’s a bhi ’g iomain air mo ghrùnnd-sa, toirt call mo chloinne ’m chuimhne! Biodh iad air an toirt an so a thiota ’s gu ’n rachadh peanas a dhianamh orra.” Chaidh an triùir ghillean a thoirt an làthair an Ridire, ’s bha iad ’n an gillean gasda. “’D e thug dhuibhse,” ars an Ridire, bhi cho mìomhail ’s dol a dh-iomain air a’ ghrunnd agamsa, toirt call mo chloinne ’m chuimhne. Feumaidh sibh peanas fhulang air a shon.” “Cha ’n ann mar sin a bhitheas,” ars’ Iain, “ach bho ’n a thuit duinne tighinn cèarr ort, is fhèarr dhut fàrdach de luing a dheanamh dhuinn, agus falbhaidh sinn a dh-iarraidh do nighean; ’s ma tha iad fo ’n fhiorach no fo ’n fhuarachd, no fo cheithir rannan ruadh an domhain, gheobh sinne mach iad, mu ’n tig ceann latha ’s bliadhna, ’s bheir sinn air an ais iad do Ghrianaig.” “Ged is tu ’s òige, ’s ann ad cheann tha chomhairle ’s fhèarr; bidh sin air a dhianamh dhuibh.” Fhuaradh saoir, ’s an ceann sheachd latha bha ’n long deas. Chuir iad a stigh biadh a’s deoch mar a dh’ fhéumadh iad air son turuis. Thug iad a h-aghaidh ri muir ’s a cùl ri tìr, ’s dh’ fhalbh iad; ’s an seachd latha ràinig iad tràigh gheal ghainbhich, agus ’n uair a chaidh iad air tìr bha sia fir dhiag ag obair an aodunn creige ’g a cur as a chéile. “’D é an t-àite tha so?” ars an sgiobair. [TD 339] “Is e so an t-àite ’s am beil clann Ridire Ghrianaig. Tha iad a’ dol a phòsadh triùir fhamhairean.” “’D é an dòigh a th’ air faotainn far am beil iad?” “Cha ’n ’eil dòigh sa bith ach dol suas ’s a’ chliabh so ri aodann na creige.” Chaidh am mac a bu shine ’s a’ chliabh ’s ’n uair a bha e shuas aig leth na creige, thàinig fitheach gèarr, dubh, ’s thòisich e air le ìnean ’s le sgiathan, gus nach mór nach d’ fhág e dall, bodhar e. Cho robh aige ach tilleadh air ais. Chaidh an darna fear ’s a’ chliabh, ’s ’n uair a bha e shuas leth an rathaid, thàinig am fitheach gèarr dubh ’s thòisich e air, ’s cha robh aige ach tilleadh air ais mar a rinn am fear eile. Chaidh Iain mu dheireadh ’s a’ chliabh. An uair a bha e shuas leth an rathaid thàinig am fitheach gèarr, dubh ’s thòisich e air, ’s ghread e e mu ’n aodann. “Suas gu clis,” ars’ esan, “mu ’m bi mi dall an so.” Chuireadh suas e gu bràigh na creige. An uair a bha e shuas thàinig am fitheach far an robh e ’s thuirt e ris: “An toir thu dhomh greim tombaca?” “A dhaor shlaightire, is beag comain a th’ agad orm air son sin a thoirt dut.” “Na biodh umhail agad do sin, bidh mise ’m charaide math dhut. Nise theid thu do thigh am fhamhair mhoir, ’s chi thu nighean an ridire fuaghal, ’s a miaran fliuch le a deòir.” Ghabh e air aghart gus an d’ ràinig e tigh an fhamhair. Chaidh e stigh. Bha nighean an ridire fuaghal. “’D é thug an so thu?” ars’ ise. “D é thug thu fhein ann nach fhaodainn-sa tighinn ann!” “Thugadh mise ann gun taing.” “Tha fios agam air sin. C’àite am beil am famhair?” “Tha e ’s’ bhéinn-sheilg.” “’D e ’n dòigh a th’ air fhaotainn dachaidh?” “An t-slabhraidh-chomhraig ud a mach a chrathadh; ’s cha ’n ’eil e ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a h-aon a chumas còmhrag ris, ach Iain òg mac an t-saighdeir, á Albainn, ’s cha ’n ’eil e sia bliadhn’ diag a dh-aois, ’s tha e tuilleadh a’s òg gu dol a chòmhraig ris an fhamhair.” “Tha ioma h-aon an Albainn cho laidir ri Iain mac an t-saighdeir ged a bhiodh an saighdeir leis.” Chaidh e mach. Thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s cha d’ thug e car aisde, ’s chaidh e air a ghlùn. Dh’ éirich e suas, thug e ’n t-ath-chrathadh air an t-slabhraidh ’s bhrist e tinne dh’i. Chual am famhair ’s a bhéinn-sheilg e. “Aha!” ars’ esan, “Co a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn, ’s cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag a dh-aois—tha e ro òg fhathast.” Chuir am famhair an t-sitheann air gad, ’s thàinig, ’s thàinig e dhachaidh. “An tusa Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn?” “Cha mhì.” “Co thu ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd no an ceithir rannan ruadh an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidh-sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn?” “Tha ioma h-aon an Albainn cho làidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.” “Tha sid ’s an fhàisneachd agam-sa.” “Coma leam ’d é tha ’s an fhaisneachd agadsa.” “’D é an dòigh air am math leat thu fhéin fhiachainn!” [TD 340] “An uair a bhithinn fhìn ’s mo mhàthair thair a chéile, ’s a bhiodh toil agam mo thoil fhìn fhaotainn, ’s ann an snaimeannan-carachd a bhitheamaid a’ fiachainn: uair a gheobhadh i chuid a b’ fhearr, ’s da uair nach fhaigheadh.” Rug iad air a chéile, ’s bha gramannan cruaidh aca, ’s chuir am famhair Iain air a ghlùn. “Tha mi faicinn,” ars’ Iain, “gur tu ’s treasa.” “Tha fios gur mì,” ars’ am famhair. Chaidh iad an dàil a chéile rithisd, ’s bha iad ag caradh ’s a’ tarrainn a chéile. Bhuail Iain a chas air an fhamhair ’s an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma foidhe air an làr e. Ghuidh e gu ’m biodh am fitheach aige. Thainig am fitheach gèarr, dubh, ’s ghabh e do ’n fhamhair ’s an aodunn, ’s mu na cluasan, le ’ìnean, ’s le sgiathan, gus an do dhall ’s na bhodhair e e. “Am beil tarrainn airm agad a bheir an ceann de ’n bhéisd?” “Cha ’n ’eil.” “Cuir do lamh fo m’ sgéith dheis-sa, ’s gheibh thu corc bheag, bhiorach ann, a bhios agam a’ buain nan braonan, ’s thoir an ceann d’ e.” Chuir e làmh fo bhun sgiath dheas an fhithich ’s fhuair e chorc ann, ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. “Nise, Iain, theid thu stigh far am beil nighean mhòr Ridire Ghrianaig. Bidh i ’g iarradh ort tilleadh, ’s gun dol na ’s fhaide; ach na toir thusa feairt oirre. Gabh air d’ aghart, ’s ruigidh tu an nighean mheadhonach, ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir mi sin dut gu dearbh, ’s math a choisinn thu e: gheobh thu leth ’s na th’ agam.” “Cha ’n fhaigh gu dearbh: is ioma latha fada gu Bealltainn.” “Nara leigeadh am Fortan gu ’m bi mis’ an so gu Bealltainn.” “Tha fios agad air na tha seachad, ach cha ’n ’eil fios agad air na tha romhad. Faigh uisge blàth, ’s glan thu fhéin ann. Gheobh thu ballan-ìocshlaint os cionn an doruis, suath ri d’ chraiceann e ’s theirig a laidhe leat fhéin, ’s bidh tu gu slàn, fallain am maireach; ’s am maireach gabhaidh tu air d’ aghart gu tigh na h-ath té.” Chaidh e stigh ’s rinn e mar a dh’ iarr am fitheach air. Chaidh e a laidhe an oidhche sin, ’s bha e gu slàn, fallain ’s a’ mhadainn, an uair a dh’ éirich e. “Is fhèarr dhut tilleadh,” arsa nighean mhór an ridire,” gun dol na ’s fhaide, ’s gun thu fhéin a chur an tuilleadh cunnairt; tha gu leòir de dh-òr ’s de dh-airgiod an so, ’s bheir sinn leinn e, ’s tillidh sinn.” “Cha dian mi sin,” ars’ esan, “gabhaidh mi air m’ aghart.” Ghabh e air aghart gus an d’ ràinig e an tigh ’s an robh nighean mheadhonach Ridire Ghrianaig. Chaidh e stigh, ’s bha ise ’n a suidhe fuaghal, ’s i caoineadh, ’s a’ miaran fliuch le deòir. “’D é thug thusa ’n so!” “’D é thug thu fhéin ann nach fhaodainn-sa tighinn ann?” “Thugadh mise gun taing ann.” “Tha fios agam air sin; ach, ’d é chuir a chaoineadh thu?” “Cha ’n ’eil ach aon oidhche agam gus am feum mi bhi pòsta ris an fhamhair.” “C’àite am beil am fhamhair?” “Tha ’s a’ bhéinn-sheilg.” “’D è an dòigh a th’ air fhaotainn dachaidh?” “An t-slabhraidh-chòmhraig sin a mach taobh an tighe a chrathadh, ’s cha ’n ’eil e ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, na chrathas i, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: [TD 341] cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag dh-aois.” “Tha daoine an Albainn cho làidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis. Chaidh e mach ’s thug e tarrainn air an t-slabhraidh, ’s thuit e air a dha ghlùn. Dh’ éirich e ’s thug e ’n ath tharrainn oirre, ’s bhrist trì tinneachan. Chual am famhair sid ’s a’ bhéinn-sheilg. “Ahà!” ars’ esan, ’s chuir e an t-sitheann air gad air a ghualainn, ’s thàinig e dhachaigh. “Co a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa charachadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn, ’s tha e ro òg fhathast: cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag a dh-aois.” “Tha daoine an Albainn cho laidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.” “Tha sid anns an fhaisneachd againne.” “Tha mise coma ’de é tha ’s an fhàisneachd agaibhse.” “’D é an dòigh air am math leat thu fhein fhiachainn?” “Ann an cruaidh ghramannan-carachd.” Rug iad air a chéile ’s chur am famhair air a dhà ghlùn e. “Is leat mo bheatha,” ars’ Iain, “is tù is treasa na mise. Fiachamaid car eile.” Dh’ fhiach iad a chéile rithist, ’s bhuail Iain a shail air an fhamhair, ’s an aobrunn, ’s chuir e air slait a dhroma air an làr e. “Fhithich, ars’ esan, “bu mhath dallanach dhiot a nis.” Thainig am fitheach, agus dhall a’s bhodhair e am famhair, ag gabhail da le ’ghob, le ’ìnean, ’s le ’sgiathan. “Am beil tarrainn airm agad?” “Cha ’n ’eil.” “Cuir do làmh aig bun mo sgéithe deise-sa, ’s gheobh thu ann corc bheag, bhiorach a bhios agam a’ buain nam braonan, ’s thoir an ceann d’e.” Chuir e a làmh fo bhun sgiath dheas an fhithich, ’s fhuair e corc ann ’s thug e ’n ceann de ’n fhamhair. “Nise théid thu stigh, glanaidh tu fhéin le uisge blàth, gheobh thu am ballan-iocshlaint, suathaidh tu riut fhein e, théid thu laidhe, ’s bidh tu gu slan, fallain am màireach. Bidh i so gun taing na ’s seòlta, ’s nas bialaiche na bha an té roimhe, ag iarraidh ort tilleadh; ach, na toir thusa feairt oirre, ’s bheir thu dhomhsa gréim tombaca.” “Bheir mi sin, ’s gu dearbh ’s airidh air thu.” Chaidh e stigh ’s rinn e mar a dh’ iarr am fitheach air. An uair a dh’ éirich e an là’r n-ath mhaireach, bha e gu slàn fallain. “Is fhéar dhut tilleadh,” arsa nighean mheadhonach an Ridire, ’a gun thu fhéin a chur an tuilleadh cunnairt: tha gu leòir de dh-òr ’s de dh-airgiod an so.” “Cha dian mi sin, gabhaidh mi air m’ aghart.” Ghabh e air adhart gun an d’ ràinig e gus an tigh anns an robh nighean bheag an Ridire. Chaidh e stigh, ’s chunnaic e ise fuaghal ’s a miaran fluich le a deòir. “’D é thug thusa ’n so?” “’D é thug thu fhéin ann, nach fhaodainn-sa tighinn ann?” “Thugadh mise ann gun taing.” “Tha fios agam air sin.” “An tu Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn?” “Is mi, c’arson a tha thu caoineadh?” “Cha ’n ’eil de dhàil agam gus am famhair a phòsadh, ach an oidhche so!” “C’àite am beil e?” “Tha e ’s a’ bhéinn-sheilg.” “D é an dòigh a th’ air a thoirt dachaigh?” “An t-slabhraidh-chòmhraig ud a mach a chrathadh.” Chaidh e mach ’s thug e crathadh [TD 342] oirre, ’s thuit e air a mhàsan. Dh’éirich e ’s thug e an t-ath chrathadh oirre, ’s bhrist e ceithir tinneachan d’i, ’s rinn e toirm, mhór. Chual am famhair sid ’s a’ bhéinn-sheilg, ’s chuir o an gad sithne air a ghualainn. “Co ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn, ’s ma ’s e th’ ann tha mo dhà bhrathair-sa marbh roimhe so.” Thainig e dhachaigh ’n a dheann ag cur an talmhainn air chrith roimhe ’s ’n a dheaghaidh! “An tù Iain òg mac an t-saighdeir?” “Cha mhì.” “Co ’s an fhiorachd no ’s an fhuarachd, no an ceithir rannan ruadh an domhain, a b’ urrainn mo shlabhraidh-chòmhraig-sa chrathadh, ach Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn ’s tha e ro òg fhathast: cha ’n ’eil e ach sia bliadhn’ diag a dh-aois!” “Nach ioma h-aon a tha ’n Albainn cho laidir ri Iain òg mac an t-saighdeir, ged a bhiodh an saighdeir leis.” “Cha ’n ’eil e ’s an fhàisneachd againne.” “Coma leam ’d é tha tha ’s an fhàisneachd agaibhse.” “’D é an dòigh air am math leat d’ fhiachainn?” “Snaimeannan cruaidhe, carachd.” Ghlac iad a chéile ’s chuir am famhair air a mhàsan e. “Leig as mi, a’s ’s leat mo bheata.” Rug iad air a cheile rithist, bhuail e shail air an fhamhair ’s an aobrunn, ’s leag e e air fas mhullach a ghuailne, ’s air slait a dhroma air an làr. “Fhithich ghèarr, dhuibh, na ’m biodh tu ’n so a nis!” Cha bu luaithe a thuirt e am facal na thàinig am fitheach. Leadair e am famhair mu ’n aodann, ’s mu na sùilean, ’s mu na cluasan, le a ghob, ’s le ’ìnean, ’s le ’sgiathan. “Am beil tarrainn airm agad?” “Cha ’n ’eil.” “Cuir do làmh fo bhun mo sgeithe deise, ’s gheobh thu corc bheag, bhiorach ann a bhios agam a’ buain nam braonan, ’s thoir an ceann dé.” Rinn e sid. “Nis,” ars’ am fitheach, “gabh fois mar a rinn thu ’n raoir; ’s an uair a thilleas tu le triuir nighean an Ridire gu bearradh na creige, theid thu fhéin sios an toiseach, ’s theid iadsan sios ad dheaghaidh, ’s bheir thu dhòmhsa grein tombaca.” “Bheir gu dearbh, ’s math is airidh air thu: so dhut air fad e.” “Cha ghabh mi ach greim, is ioma latha fada gu Bealltainn: tha fhios agad ’d é tha ás do dheaghaidh, ach cha ’n ’eil fhios agad ’d é tha romhad.” (Ri leantainn.) AN CEANNAICHE GLIC. Tha lionmhorachd sluaigh ’s an t-saoghal so a ta le ’n giulan fein a’ fireanachadh cosamhlachd an Stiubhairt eucoraich. Tha e air innseadh dhuinn gu ’m bheil “Clann an t-saoghail so ’n an ginealach fein ni ’s glice na clann an t-soluis,” agus tha e ro fhior. Ceart direach mar sin bha ’n ceannaiche glic air am bheil sinn ’dol a thoirt iomraidh, d’ am b’ ainm Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair. Bha e a chomhnuidh ann Garaidh-Mhuiltein, far an robh buth mor, deagh thigh, agus teaghlach aige. Bha Seumas Mac Uilleim ’n a dhuine ro churamach, teoma, fad-sheallach, agus mar choimhearsnach bha iomadh deagh bhuaidh air. Bha e cairdeil, comunnail, coingheallach, agus ro thaitneach ann an comhradh. Bha e, gidheadh, ’n a [TD 343] nadur fein crion, spiocach, cruaidh, agus fein-speiseil, agus an deigh sin cha soradh e comain a chur air caraid, agus dragh nach bu bheag a ghabhail chum deagh ghniomh a dheanamh do neach sam bith a bhiodh ’n a eiginn. Cha chaomhnadh e saothair na coluinn chum neach a riarachadh, ged nach bu mhaith leis aon sgillin ruadh a chur mach chum neach a theasairginn ’s an sgailc a’s mo. Bu cheannaich e ann an aon de na h-Eileanaibh ann an aird-an-iar na h-Alba. Bha buth mhor aige ann am meadhon na sgireachd ’s an d’ rugadh ’s a thogadh e. Cha robh ni, ach beag, fo ’n ghrein nach faighteadh ann am buth Sheumais Mhic Uilleim. Bha i mor, farsuing, le seomar-cuil, agus le seileirean, agus ionada-tasgaidh air an deanamh gu h-iosal fo ’n urlar. Ceithir thimchioll bha sgeilpichean air an caramh gu riaghailteach, agus air an suidheachadh aig astairean freagarrach o cheile le laimh innleachdaich Sheumais fein. Cha robh ionad falamh ’s an tigh air fad. Bha gach cuil agus oisinn air an cur gu deagh bhuil. B’ eiginn do ’n chuis a bhi mar sin, do bhrigh gu ’n robh bathar de gach uile sheorsa ’s a bhuth;—seadh, eudaichean de gach gne, agus gach sgeudachadh a bha feumail do ’n duine o ’bharr gu bonn, o ’n bhoineit gu broig,—gach ni, ’n aon fhocal, air son fir no mna, a thaobh an cinn, an cosan, no an coluinn. Bha leann-laidir, leann-caol, portair, fion-geal agus dearg, beoir-dhubh,—spiorada de gach seorsa,—aran, im, caise, ti, suicar, coffi,—obair-iaruinn, agus mar sin sios, ann am buth Sheumais. Cha robh seachduinn ’s a’ bhliadhna anns nach robh Seumas a’ faotuinn luchd nan carn de bhathar bog agus cruaidh as an taobh-deas, agus gach seachduin bha e ’cur moran a mach, cuid air chreideas, agus cuid air son airgid ullaimh. Ge b’e ciod a bhiodh a dhith air duine, bha e cinnteach gu ’n riaraicheadh Seumas Mac Uilleim e. Re aireimh bhliadhnaichean bha gnothuichean a’ soirbheachadh gu grinn, taitneach le Seumas, ach mu dheireadh thainig atharrachadh air cuisibh. Dh’ fhas na h-amanna cruaidh. Thog bochduinn a ceann am meag an t-sluaigh. Bha moran diubh gu trom air an saruchadh, agus cha robh iad a’ seasamh an creideis, no ’cumail an geallanna ris a’ cheannaiche mar anns na bliadhnaibh a dh’ fhalbh. Cha ’n ’eil teagamh nach d’ thug an airc a’s an eiginn caochladh mor air nadar nan Gaidheal bhochda. Cha robh e idir co furas doibh creideas a chumail riusan ris an robh iad a’ deanamh an gnothuichean fein, agus dh’ fhas iad a’ chuid ’s a chuid ni ’s caoin-shuaraiche air an dleasnas a dheanamh air an doigh sin. Ged a chitheadh an Ceannaichte Glice, mar a theireadh iad ris, ceart co fada troimh ’n cloich-mhuilinn ri duine sam bith eile, gidheadh, b’ eiginn da moran a thoirt air dail, agus dh’ aindeoin a chrionntachd agus a churaim, bha corr is mile punnd Sasunnach a mach aige, agus dh’ fhairtlich air ach neoni fhaotuinn a stigh dheth. Ghnathaich e gach innleachd ’n a chomas chum greim fhaotuinn air na fiachaibh aige, ach fathast cha deachaidh a’ chuis leis. Dh’ fheuch e ri sodal, ri miodal, agus ri cainnt chiuin, thla, ach cha deanadh sin an gnothuch. Bhagair e, an sin, ceumanna cruaidh a ghabhail, agus mhaoidh e an lagh orra, ach cha robh gnothuichean idir ni b’ fhearr, ach moran ni bu mhiosa. An sin, bha ’n ceannaiche bochd ann an cruaidh sgailc; cha ’n e nach robh gu leoir aige, oir rinn e na miltean, ach bha a chridhe air a shuidheachadh gu teann air na fiachan a bha aige a mach, agus cha robh sin idir [TD 344] iongantach, oir co nach bitheadh? Mu dheireadh cha robh e ’faotuinn codal na h-oidhche. Bha e ’dol do ’n leabaidh, ach cha dhunadh e suil. Bha e a’ luasgadh a null ’s a nall, ag eirigh agus a’ luidhe, a’ caoidh agus ag osnaich, an uair a bha gach neach ’eile ’s an tigh ’n an suain. Bha eagal air a chairdibh gu ’n rachadh e as a rian. Bha na h-uile a’ cur beachd air a’ chaochladh a thainig air Seumas Mac Uilleim. Bha cuid fo bhron air a shon, agus bha cuid eile caoin-shuarach m’a thimchioll. B’e sin direach cleas an t-saoghail. Mu dheireadh thainig innleachd ’n a inntinn, agus smuainich e n’ an rachadh aige air a cur an gniomh, gu ’m biodh gach ni ceart maille ris fathast. Ach a chum gu ’r tuigear an innleachd so, feumar na meadhonan a mhineachadh trid an do chuireadh an gniomh i. Bha leth-sheann bhoirionnach d’am b’ ainm Seonaid Nic Ruairidh, a fantuinn ann am bothan beag mar mhile astair o thigh a’ cheannuiche. Bha Seonaid luaineach ’n a nadur, agus a’ gabhail mor-thlachd ann a bhi ’taoghal air na h-uile, ’a faotuinn agus a’ giulan gach naigheachd fo ’n ghrein. Chuireadh i deagh chaoin air gach comhradh, agus dh’ aithriseadh i gach ur-sgeul le deagh riadh ann an cluasaibh gach neach a bheireadh eisdeachd dhi. Cha b’ urrainn Seonaid ni sam bith a chealachadh a chluinneadh i, ged a bhiodh e chum dochuinn dhi fhein. Bha da phunnd Shasunnach agus corr beag aig a’ cheannaich air Seonaid, ach ged ’bha e cinnteach a’s an airgiod aige, aig am sonraichte anns am b’ abhaist di cordadh ris, gidheadh b’i Seonaid an t-inneal trid an do steidhich e air an innleachd aige a chur an gniomh. Air la de na laithibh thainig Seonaid a stigh do ’n bhuth, agus chuir i failt air Seumas Mac Uilleim, aig an robh dha no tri litrichean mora, agus co fada ri broig ’n a laimh. “Failt ort an diugh, a’ Sheumais,” arsa Seonaid, “Ubh! ubh! is mor na litrichean a th’agad an sin, cha ’n fhac mi an leithid riamh. Cha ’n fheud e bhi nach ’eil naigheachdan an t-saoghail annta sin a thaobh am meud.”—“Cha ’n ’eil, a Sheonaid choir,” deir an ceannaich, “ach tha naigheachdan gle thaitneach annta d ’am thaobh fein, ach cha ’n fheud mi smid a radh mu ’n timchioll car uine, cha ’n fheud,—cha ’n fheud.”—“Od! Od! a Sheumais choir, na abair sin idir; tha deagh fhios agad nach mise na h-uile te, agus nach sgaoil mise na naigheachdan agad fhad ’s is beo mi,—innis domh, a charaid, ciod a th’ ann,—innis domh, oir tha fios agad gu ’m bheil deagh dhurachd agam duit, agus nach thig mi thairis air smid dheth ri neach fo ’n ghrein.”—“Cha ’n ’eil mi air son sin a dheanamh idir, a’ Sheonaid, cha ’n ’eil gun teagamh, ach do bhrigh gu ’m bheil mi gle eolach ort, agus gu ’m bheil mi lan-chinnteach nach innis thu do chreutair air thalamh e, leigidh mi ris duitse na cuisean mu ’m bheil na litrichean so air an cur ’n am ionnsuidh; ach feuch, a bhan-charaid, gu ’n cum thu an uaigneas e. Tha fios agam, a Sheonaid, gu ’m bi thu anabarrach toilichte a chluinntinn gu ’m bheil mise a nis ’n am dhuine saibhear, oir tha na litrichean so a’ cur an ceill domh gu ’n d’ fhagadh miltean gun aireamh anns na h-Innsibh dhomhsa, le brathair athar domh a chaochail an sin. Uime sin, bheir mi gun dail thairis a’ bhuth, ceannaichidh mi oighreachd fearainn, agus gabhaidh mi an saoghal gu socaireach tuille. Ach, a’ Sheonaid, chum innseadh dhuitse nach aithris e, cuiridh mi an ceill dhuit ciod a tha mi ’cur romham a dheanamh. Tha moran fiachan agam a [TD 345] mach, a’ Sheonaid, tha na miltean, ach cha ’n ’eil annta ach neoni dhomhsa a nis. Tha mi dol a mhaitheadh nam fiach sin do na h-uile mar thiodhlac deagh-ruin uam fein, ach feumaidh iad an toiseach am paigheadh, agus an ceann miosa an deigh sin, bheir mi do gach neach gach sgillinn diubh air ais a ris, an uair a thig iad an rathad. Ach, air na chunnaic thu riamh, a’ Sheonaid, na tig air so do neach sam bith, oir cha’n ’eil mi ’g iarraidh a bhi ’g eigheach aig oisinnibh nan sraid an gniomh beag so, a tha mi ’cur romham a dheanamh. Faiceam do chunntas beag fein, a Sheonaid,—tha e ’s an leabhar so,—seadh,—so e,—direach da phunnd is sea tasdain. Cha ’n ’eil ann nach neoni. So dhuit, a’ Sheonaid choire, tri puinnd Shasunnach, agus gearraidh mi mach as an leabhar thu. Ni mi an cleas ceudna ris na h-uile, an uair a dh’ iocas iad na fiachan aca, agus a thaoghlas iad orm an ceann mhiosa an deigh sin; ach, mar a thubhairt mi, a Sheonaid choir, cum so uile agad fein. Dh’ fhalbh Seonaid gu surdail, sunndach leis na tri puinnd Sbasunnach ’n a dorn, agus mu ’n deachaidh i dhachaidh, chaidh i do thri aitean fa leth le gairdeachas a dh ’innseadh mu ’n fhortan a thainig air Seumas Mac Uilleim, agus mar bha e ’runachadh a dheanamh ri ’luchd-fiach! Is maith a bha fios aig a’ cheannaich ciod a dheanadh Seonaid, agus gu ’m biodh an naigheachd air a sgaoileadh am fad ’s am farsuing mu ’n rachadh da la seachad. Ach a nis, chum an sgeul a dheannamh goirid, shoirbhich gach ni leis an innleachd so a dhealbh an ceannaich. Bha ’bhuth aig Seumas Mac Uilleim Mhic Alasdair lan sluaigh gach la an deigh sin, agus gach neach ag iocadh nam fiach air muin a ’cheile gu toilichte, agus a’ gabhail na slighe dhachaidh. An uair a chualadh an sgeul, agus gu sonraichte an gniomh cairdeis a bha ’n ceannaich gu dheanamh, rinn gach neach air an robh fiachan aige strith chruaidh air an airgiod a chruinneachadh, le bhi ’g a ghabhail an iasad, agus le innleachdaibh eile, gus mu ’n deachaidh mios uine seachad, nach robh sgillin ruadh aig Seumas Mac Uilleim air anam beo! Ach feudar a smuaineachdh gu ’m bu mhor mealladh-dochais nan uile, an uair nach cualas riamh guth air an airgiod fhaotuinn air ais. Cha robh greim no gealladh aca air, agus cha d’ fhuair an ceannaich ach a dhlighe fein. Gidheadh cha d’ rinn e gu ceart, agus cha ruigeadh leas duil a bhi aige gu ’m biodh beannachd an Fhreasdail air fein, no air a’ chuid. Cha robh treibh-dhireas no firinn anns an innleachd a rinn e. Cha robh idir. Ghnathaich e seoltachd an Stiubhairt eucoraich, agus le sin ghlac e an cothrom gu buannachd a dheanamh á faoineachd agus miann boirionnaich ghoileamaich, chum a ruinte fein a chur air an aghaidh. Rinn e an ni sin a bha peacach ann fein chum a leas aimsireil fein a chur air aghaidh. Cha b ’fhad gus an d ’fhuaradh a mach an innleachd eucorach aige, agus mar dhioghaltas air a shon, rinn muinntir na duthcha air fad an cinn a chur r’a cheile nach ceannaicheadh iad ni sam bith tuilleadh á buth Sheumais Mhic Alasdair. Ni mo a rinn iad. Sheas iad uile gu daingean anns an run so, agus chaidh am bathar aig a’ cheannuich a chuid ’s a chuid a dholaidh ’n a bhuth. B’ eiginn da mu dheireadh an dorus a dhunadh, agus air da a bhi air a mhaslachadh ann an sgireachd a bhreith dh’ fhag e an duthaich, thug e na talmhainnean a mach air, agus cha chualas riamh iomradh air ciod a dh’eirich dha. SGIATHANACH. [TD 346] MAIRI LAGHACH. [Ceòl] SEID.— Ho, mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi bhinn; Ho, mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi ghrinn: Ho, mo Mhairi laghach, ’S tu mo Mhairi bhinn, Mhairi bhoidheach, lurach, Rugadh anns na Glinn. B’og bha mis’ a’s Mairi ’M fasaichean Ghlinn-smeoil, ’N uair chuir macan Venuis, Saighead gheur am fheoil; Tharraing sinn ri cheile, Ann an eud cho beo, ’S nach robh air an t-saoghal, A thug gaol cho mor. ’S tric bha mis’ a’s Mairi, Falbh nam fasach fial, Gun smaointean air fal-bheairt, Gun chail gu droch ghniomh: Cupid ga n-ar taladh Ann an cairdeas dian; ’S barr nan craobh mar sgail duinn, ’N uair a b’ aird’ a’ ghrian. Ged bu leamsa Albainn, A h-airgiod a’s a maoin, Cia mar bhithinn sona Gun do chomunn gaoil? B’ annsa bhi ga d’ phogadh, Le deadh choir dhomh fein, Na ged fhaighinn storas, Na Roinn-Eorp’ gu leir. Tha do bhroilleach soluis, Lan do shonus graidh; Uchd a’s gile sheallas, Na ’n eal’ air an t-snamh: Tha do mhin-shlios, fallain, Mar chanach a’ cha’ir; Muineal mar an fhaoileann Fo ’n aodann a’s aillt’. Tha d’fhalt bachlach, dualach, Mu do chluais a’ fas, Thug nadur gach buaidh dha, Thar gach gruaig a bha: Cha ’n eil dragh, no tuairgne, ’N a chuir suas gach la; Chas gach ciabh mu ’n cuairt deth, ’S e ’n a dhuail gu ’bharr. Tha do chailc-dheud snaighte Mar shneachda nan ard; D’anail mar an caineal; Beul o ’m banail failt: Gruaidh air dhreach an t-siris; Min raisg chinnealt, thla; Mala chaol gun ghruaman, Gnuis gheal, ’s cuach-fhalt ban. Thug ar n-uabhar barr Air ailleas righrean mor, ’S iad ar leabaidh stata,— Duillich ’s barr an fheoir: Fluraichean an fhasaich ’Toirt dhuinn caìl a’s treoir, A’s sruthain ghlan nan ard A chuireadh slaint ’s gach por. Cha robh inneal ciuil, A thuradh riamh fo ’n ghrein, A dh’ aithriseadh air choir, Gach ceol bhiodh againn fein: Uiseag air gach lonan, Smeorach air gach geig; Cuthag a’s gug-gug aic’, ’Madainn churaidh Chéit. [TD 347-356] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla] [TD 357] AN GAIDHEAL. “Mar ghath soluis do m’ anam fein Tha sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh.”—OISEAN. III. LEABH.] DARA MIOS A’ GHEAMHRAIDH, 1874. [36 AIR. RIDIRE GHRIANAIG. (Air leantainn.) An là ’r na-mhaireach chuir iad an ordugh asailean, ’s chuir iad air am muin an t-òr ’s an t-airgoid a bh’ aig na famhairean, ’s rainig e fein agus triuir nighean an Ridire bearradh na creige. An uair a rainig iad bearradh na creige, an earalas gu ’n tachradh tapadh-cion do ghin de na nigheanan, chuir e sios iad, te an deigh te, anns a’ chliabh. Bha tri ceapan òir orra air an deanamh suas gu gasda le daoimein—ceapan a rinneadh anns an Roimh, ’s nach robh an leithidean r’a fhaotainn anns an domhan. Ghleidh e ’bhos an ceap a bh’ air an te a b’ oige. Bha e ’feitheamh, ’s a feitheamh, ’s ged a bhiodh e ’feitheamh fathast, cha tigeadh an cliabh a nios g’a iarraidh. Chaidh cach air bord, ’s air falbh ghabh iad, gus an d’ rainig iad Grianaig. Bha esan air ’fhagail an siod, ’s gun doigh aige air faotainn as an aite. Thainig am fitheach far an robh e. “Cha do ghabh thu mo chomhairle.” “Cha do ghabh; na ’n gabhadh cha bhithinn mar a tha mi.” Cha ’n ’eil atharrach air, Iain; an t-aon nach gabh comhairle gabhaidh e còmhrag. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir.” “Ruigidh tu tigh an fhamhair agus fanaidh tu ann an nochd.” “Nach fan thu fein leam a chur dhiom mo chianalais.” “Cha ’n fhan; cha fhreagair e dhomh.” An la ’r na-mhaireach thainig am fitheach far an robh e “Theid thu nis gu stabull an fhamhair, agus ma bhios tu tapaidh tha steud an sin a ’s coingeis leatha muir no tir, a dh’ fhaodas do thoirt as na càsan so.” Dh’ fhalbh iad comhla, ’s thainig iad gus an stabull—stabull cloiche, air a chladhach a stigh ann an creig, agus dorus cloiche ris. Bha ’n dorus a’ clapadh gun stad, air ais ’s air aghaidh, o mhoch latha gu h-oidhche, ’s o oidhche gu latha. “Feumaidh thu ’nis faire,” ars’ am fitheach, “agus cothrom a ghabhail, feuch an dean thu dheth dol a stigh an uair a bhios e fosgailte, gun e ’dheanamh greim ort.” “’S fearr dhuitse fheuchainn an toiseach, o ’n a’s tu ’s eolaiche.” “Bithidh e cho math.” Thug am fitheach beic agus godarleum,’s chaidh e ’stigh; ach thug an dorus it’ á bun a’ sgeith, ’s sgreuch e. “Iain bhochd! na ’m faigheadh tusa ’stigh air cho beag doruinn riumsa, cha bhithinn a’ gearan.” Ghabh Iain roid air ais, ’s roid air aghaidh; thug e leum as a dhol a stigh; rug an dorus air, ’s thug e leth a’ mhàis deth. Ghlaoidh Iain, ’s thuit e fuar marbh air urlar an stabuill. Thog am fitheach e; ’s ghiulain e air barraibh a’ sgéith e, mach as an tigh, do thigh an fhamhair. Leag e air bord e, air a bheul ’s air a shroin; chaidh e mach; chruinnich e luibhean, ’s rinn e ceirean a chuir e ris; ’s ann an deich laithean bha e cho maith ’s a bha e riamh. Chaidh e ’mach a dhol a ghabhail sraid, ’s chaidh am fitheach a mach leis. “A nis, Iain, gabhaidh tu mo chomhairle, ’s cha ghabh thu [TD 358] iongantas de ni sam bith a chi thu feadh an eilein; ’s bheir thu dhomhsa greim tombaca.” Bha e ’spaisdearachd feadh an eilein, ’s a’ dol roimh ghleann; chunnaic e triuir làn laoch na ’n sineadh air an druim, sleagh air uchd a h-uile fir dhiu, ’s e na shìoram suain chadail, ’s na lòn falluis. “Thar leam fein gur deistinneach so; ’d é choire a bhiodh anns na sleaghan a thogail diu?” Chaidh e, ’s dh’ fhuasgail e dhiu na sleaghan. Dhuisg na laoich, ’s dh’ eirich iad a suas. “Fhianuis air an fhortan ’s air daoine, gur tu Iain òg mac an t-saighdeir á Albainn, ’s gu bheil e mar gheasaibh ort dol leinne roimh cheann mu dheas an eilean so, seachad air uamha ’n iasgair dhuibh.” Dh’ fhalbh e fein ’s na tri lan laoich. Chunnaic iad smùid chaol a mach á uamha. Chaidh iad gus an uamha. Chaidh aon de na laoich a stigh, ’s ’n uair a chaidh e stigh bha cailleach an sin ’n a suidhe, ’s an fhiacail a bu lugha ’n a beul dheanadh i dealg ’n a h-uchd, lorg ’n a laimh, ’s maide brosnachaidh do ’n ghriosaich. Bha car d’a h-ìnean mu h-uilt, ’s car d’a falt liath mu ladhran; ’s cha robh i aobhach ri amharc oirre. Rug i air slachdan druidheachd; bhuail i e, ’s rinn i carragh maol cloiche dheth. Bha iongantas air an fheadhain a bha mach de chuir nach robh e ’tilleadh. “Theirig a stigh,” ars’ Iain ri fear eile, “’s amhairc ’d e tha cumail do chompanaich.” Chaidh e ’stigh; ’s rinn a’ chailleach air mar a rinn i air an fhear eile. Chaidh an treas fear a stigh, ’s rinn i airsan mar a rinn i air cach. Chaidh Iain a stigh m’a dheireadh. Bha cat mor claghann ruadh an sin, ’s chuir i bara de ’n luaith dheirg m’a cloimhe, an los a bhodhradh ’s a dhalladh. Bhuail e barr a chois oirre, ’s chuir e ’n t-eanachainn aisde. Thug e lamh air a’ chaillich. “Iain! na dean. Tha na daoine sin fo gheasaibh; agus airson nan geasan a chur dhiu, feumaidh tu dol do dh-eilean nam barr mora, ’s botull de ’n uisge bheo ’thoirt as; a’s ’n uair a rubas tu riu e, falbhaidh na geasan ’s thig iad beo.” Thill Iain air ais fo dhubh thiamhas. “Cha do ghabh thu mo chomhairle,” ars’ am fitheach, “’s thug thu tuillidh dragh ort fein. Theid thu luidhe ’nochd; ’s ’n uair a dh’ eireas tu ’maireach, bheir thu leat an steud, ’s bheir thu biadh a’s deoch dhi. ’S coingeas leatha muir no tir; ’s ’n uair a ruigeas tu eilean nam ban mora, coinneachaidh sè deug de ghillean stabuill thu, ’s bithidh iad air fad air son biadh a thoirt do ’n steud, ’s a cur a stigh air do shon; ach na leig thusa dhoibh. Abair gu ’n toir thu fein biadh a’s deoch dhi. ’N uair a dh’ fhagas tu ’s an stabull i, cuiridh a h-uile aon de ’n t-se deug car ’s an iuchair; ach cuiridh tusa car an aghaidh a h-uile car a chuireas iad ann. Bheir thu dhomhsa greim tombaca.” “Bheir gu dearbh.” Chaidh e ’luidhe air oidhche sin; ’s anns a’ mhadainn chuir e ’n steud an ordugh, ’s ghabh e air falbh. Thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir; ’s dh’ fhalbh i na deann, gus an do rainig iad eilean nam ban mora. ’N uair a chaidh e air tir, choinnich sè gille deug stabuill e, ’s bha h-uile fear ag iarraidh a cur a stigh ’s a biathadh. “Cuiridh mi fein a stigh i, ’s bheir mi ’n aire dhi; cha d’ thoir mi do h-aon sam bith i.” Chuir e stigh i; ’s ’n uair a thainig e ’mach chuir a h-uile fear car ’s an iuchair; ’s chuir esan car an aghaidh a h-uile car a chuir iad innte. Thuirt an steud ris gu ’m biodh iad a’ tairgseadh a h-uile seorsa deoch dha, ach gun esan a ghabhail deoch sam bith uapa, ach meug a’s uisge. Chaidh e ’stigh; ’s bha h-uile seorsa deoch g’a chur mu ’n cuairt an sin, ’s bha iad a’ tairgseadh gach seorsa dhasan; ach cha ghabhadh esan deur de [TD 359] dheoch sam bith ach meug a’s uisge. Bha iadsan ag òl ’s ag òl, gus an do thuit iad ’n an sineadh mu ’n bhord. Dh’ iarr an steud airsan mu ’n do dhealaich i ris, e thoirt an aire ’s gun chadal, ’s a chothrom a ghabhail airson tighinn air falbh. ’N uair a chaidil iad, thainig e mach as an t-seomar, ’s chual e ’n aon cheol a bu bhinne chualas riamh. Ghabh e air ’aghaidh agus chual e ann an aite eile ceol moran ni bu bhinne. Thainig e gu taobh staidhreach, ’s chual e ceol ni bu bhinne ’s ni bu bhinne, agus thuit e ’n a chadal. Bhris an steud a mach as an stabull; thainig i far an robh e; bhuail i breab air, ’s dhuisg i e. “Cha do ghabh thu mo chomhairle,” ars’ ise, “’s cha ’n eil fios a nis am faigh thu do ghnothuch leat no nach faigh.” Dh’ eirich e le duilichinn. Rug e air claidheamh soluis a bha ’n oisinn an t-seomair, ’s thug e na se cinn deug a mach. Rainig e ’n tobar: lion e botull, ’s thill e. Choinnich am fitheach e. “Falbhaidh tu agus stablachaidh tu an steud, ’s theid thu ’luidhe ’nochd; ’s am maireach theid thu ’s bheir thu beo na laoich, ’s marbhaidh tu chailleach; ’s na bi cho amaideach am maireach ’s a bha thu roimhe so.” “Nach tig thu leam an nochd a chur dhiom mo chianalais?” “Cha tig; cha fhreagair e dhomh.” An la ’r na-mhaireach rainig e ’n uamha. “Failte dhuit, Iain,” ars’ a’ chailleach. “Failte dhuitse; ach cha shlainte dhuit.” Chrath e ’n t-uisg air na daoine, ’s dh’ eirich iad beo. Bhuail e ’chas air a’ chaillich; agus spread e ’n t-eanachainn aisde. Ghabh iad a mach, ’s chaidh iad gu ceann deas an eilein. Chunnaic iad an t-iasgair dubh an sin ag obair ri chuilbheartan. Tharruinn e ’bhas, ’s bhuail e e; spread e ’n t-eanachainn as, ’s thug e na laoich dhachaidh do cheann deas an eilein. Thainig am fitheach far an robh e. “A nis theid thu dhachaidh, ’s bheir thu leat an steud—’s coingeis leatha muir no tir. Tha tri nigheanan an Ridire ri banais a bhi aca—dithis ri bhi posda air do dha bhrathair, agus an te eile air a’ cheannabhart a bh’ air na daoine aig a’ chreig. Fagaidh tu an ceap agamsa; agus chi bhi agad ach smaointeachadh orm, ’n uair a bitheas e dhith ort, ’s bithidh mi agad. Ma dh’ fheoraicheas aon diot co as a thainig thu, abair gun d’ thainig thu as do dheigh; ’s ma their e riut c’ aite ’bheil thu dol, abair gu bheil thu dol romhad.” Chaidh e air muin na steud; thug e h-aghaidh ri muir, ’s a cul ri tir; ’s air falbh a bha e; ’s cha d’ rinneadh stad no fois leis gus an d’ rainig e ’n t-sean eaglais ann an Grianaig; ’s bha lòn feoir an sin, agus tobar uisge, agus tom luachrach. Thainig e bharr na steud. “A nis,” ars’ an steud, “gabhaidh tu claidheamh, agus bheir thu ’n ceann diomsa.” “Cha toir gu dearbh; bu duilich leam a dheanamh; cha b’e mo chomain e.” “Feumaidh tu ’dheanamh; ’s ann a th’ annamsa nighean òg fo gheasaibh; ’s cha bhi na geasan diom gus an toirear an ceann diom. Bha mi fein ’s am fitheach a’ suiridh—esan ’n a ghille òg, ’s mise am nighinn òig; ’s chuir na famhairean druidheachd oirnn; ’s rinn iad fitheach dhethsan agus steud dhiomsa.” Tharruinn e’chlaidheamh; thionndaidh e ’chul; ’s thug e ’n ceann dith le sgath bhuille; ’s dh’ fhag e ’n ceann ’s a’ chlosach an siod. Ghabh e air aghaidh. Choinnich cailleach e. “Co as a thainig thu,” ars’ ise. Thainig mi as mo dheigh.” “C ’aite ’bheil thu ’dol.” “Tha mi ’dol romham.” “Sin freagairt fir caisteil.” “Freagairt gu math freagarrach air cailleach mhiobhail mar a tha thusa.” Chaidh e stigh leatha ’s dh ’iarr e deoch. Fhuair e siod. “C’ aite ’bheil t-fhear.” “Tha aig tigh an Ridire ag iarraidh òr a’s airgiod a ni [TD 360] ceap do nighean òg an Ridire, mar a th’ aig a peathraichean; ’s gun leithid nan ceapan r’a fhaotainn an Albainn.” Thainig an Gobha dhachaidh. “De ’s ceaird duit, òganaich.” “Tha mi ’m ghobha.” “’S math sin; ’s gu’ n cuideachadh tu leamsa ceap a dheanamh do nighean òg an Ridire, ’s i dol a phosadh.” “Nach ’eil fios agad nach urrainn thu sin a dheanadh?” “’S eiginn feuchainn ris; mur an dean mi e, bithidh mi air mo chrochadh am maireach.” “So is fearr dhuit a dheanamh—glais mise stigh ’s a’ cheardaich; gleidh an t-or ’s an t-airgiod; ’s bithidh an ceap agamsa dhuit ’s a’ mhadainn.” Ghlais an gobha stigh e. Ghuidh e ’m fitheach a bhi aige. Thainig am fitheach. Bhris e stigh roimh ’n uinneig, ’s bha ’n ceap leis. “Bheir thu ’n ceann dhiomsa ’nis.” “Bu duilich leam sin a dheanamh, ’s cha b’e mo chomain e.” “Feumaidh tu ’dheanamh; is gille òg fo gheasan mise; ’s cha bhi iad dhiom gus an tig an ceann dhiom.” Tharruinn e ’chlaidheamh; sgath e ’n ceann deth; ’s cha robh siod doirbh a dheanamh. Anns a’ mhadainn thainig an gobha ’stigh, ’s thug e dha ’n ceap. Thuit e ’n a chadal. Thainig oganach ciatach le falt donn a stigh, ’s dhuisg e. “Is mise,” ars’ esan, “am fitheach, ’s tha na geasan a nis dhiom.” Choisich e leis sios far an d’ fhag e ’n steud marbh, ’s choinnich boirionnach òg an sin iad cho aluinn ’s a chunnaic suil riamh. “Is mise,” ars’ ise, “an steud, ’s tha na geasan diom a nis.” Chaidh an gobha leis a’ cheap gu tigh an Ridire. Thug an searbhanta thun nighean òg an Ridire e, ’s thuirt i rithe gu robh a’ siod an ceap a rinn an gobha. Dh’ amhairc i air a’ cheap. “Cha d’ rinn e ’n ceap so riabh. Abair ris an t-slaightire bhreugach e ’thoirt an fhir a thug dha ’n ceap an so, air neo gu ’m bi e air a chrochadh gun dàil.” Chaidh an gobha ’s fhuair e ’m fear a thug an ceap dha; ’s ’n uair a chunnaic is’ e ghabh i boch mor. Chaidh a’ chuis a shoilleireachadh. Phos Iain agus nighean òg an Ridire; ’s chaidh cul a chur ri cach, ’s cha ’n fhaigheadh iad na peathraichean eile. Chuireadh roimh ’n bhaile iad, le claidheamhnan maide, ’s le criosa-guailne conlaich.—Bho Sgeulachdan Gaidhealach le I. F. Caimbeul. ORAN AN IASGAIR. Air fonn “Ho mo Mhairi laghach.” SEISD.— Hò mo bhàta laghach, ’S tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach, ’S tu mo bhàta grinn, Hò mo bhàta laghach, ’S tu mò bhàta grinn, Mo bhàta boidheach, lurach ’Thogadh taobh Loch-fìn’. ’Sud a’ chungaidh ’chàireadh ’M bàta choisinn buaidh— Druim de’n leamhan ruighinn ’N sàs ’s an darach chruaidh, Fiùghanan, a’s ùrlar Sùghta, fallain, buan, Giubhas glan na Lòchluinn Fuaight’ le copar ruadh. Hò mo bhàta, &c. B’ àluinn air an tràigh i Mu’n deach’ i air sàil’— A leagail cho bòidheach Air gach dòigh am b’àill; Urlar glan gun chaise— Saibhir, làn m’a bràigh’— Suighean dlùth ga ’dùnadh, Cuimir, cruinn gu h-àrd. Hò mo bhata, &c. B’ àluinn i ’n a h-uidheam Mach ’s a’ chala chiùin— Fèath nan eun mar sgàthan D’a croinn àrd ’s d’a siùil; Eòin na mara aoibhinn, ’S mar le farum ciùil, ’G itealaich mu’n cuairt dhi, ’Cur an cèill a cliù. Hò mo bhàta, &c. Bu thogarach mo bhàta ’Mach air aghaidh cuain, ’N uair thigeadh oirnn le caitein ’A ghaoth sgaiteach, chruaidh; [TD 361] ’S ann an sin, air thoiseach, Choisneadh tusa buaidh, ’G iarraidh suas ri fuaradh, ’S crònan binn fo d’ chluais. Hò mo bhàta, &c. ’N uair dh’ èireadh i ’n a meallaibh, ’S thigeadh oirnn le gàir, Na cnapan àrda, geala, ’S cìrein air am bàrr; ’S tusa thilleadh uait Na stuaghan ribeach, àrd, Rathad aca, ’s agad,— ’S tu nach fliuchadh clàr! Hò mo bhàta, &c. ’N uair thigeadh i ’n a grìosaich ’Nuas o shliabh nam beann, Sìobain gheal’ ag éirigh Suas mu bhárr nan crann; ’S tusa ’sin nach géilleadh, Ach, ga h-iarraidh gann, Shadadh i bho chéil’ ’N a caoirean dearg mu d’ cheann. Hò mo bhàta, &c. Sud an té nach diùltadh Tilleadh ’n uair a b’ fheum; Thigeadh tu le sìnteig ’N uair a dh’iarrainn féin; Do sheòl-cinn mu d’ chluais, Mu’n cuairt bhiodh tus ad leum, Cliathach eile fothad, ’S cuartag chruinn ad dhéigh. Hò mo bhàta. &c. Fhad ’s is maireann dòmhs’ Mo bhàta boidheach, grinn, ’S fhad ’s a chaomh’near slàn Na gillean gleusd ’tha innt’, Ged a tha mo dhachaidh Air a’ chladach luim, Gheibh mi lòn, a’s stòr A grinneal gorm Loch-fìn’. Hò mo bhàta, &c. Feudaidh sibh caraid na firinn a chlaoidh agus a sharuchadh, ach mairidh an fhirinn fein gu ’n truailleadh. Feudaidh sibh am Bard, am Fear-eadhlain, agus an Criosduidh ’irioslachadh gu mor, ach cha ’n ’eil e ’n ur comas a’ bhardachd no ealadhain, no ’n Creideamh Croisduidh a mhilleadh, no ’mhaslachadh air sheol sam bith. MAR A FHUARAS AMACH AMERICA. AN DARA EARRANN. (Air leantainn bho Aireimh 21.) [At the author’s request we have adhered to his own orthography.—Ed. Gael.] Anns a’ bhliana 1499, chaidh Spainneach d’ am b’ ainm Alonso Hocheda air turus gu America mu Dheas. Bha an duine so marrai Columbus air a dhara turus; agus cha robh e ach a’ leantuinn ’n a lhorg. Gidheadh lhean e an oir-thir gu tuath agus siar, bho bheul na h-aimhne mhoir Amason gu ceann an iar mor-roinn Bhenesuela. Bha Eadailteach, ris an abrar Amerigo Bhespuci, ’n a sgiobair aig Hocheda, air an turns so. Chaidh Amerigo amach ’s a’ bhliana 1501, gu oir-thir Bhrasil, le daoine a bha fo Rhigh Phortugal. Thill e ’s a’ bhliana 1504, agus sgriobh e aithris breugach, ’s an robh e ag radh gu ’n deach e air turus, ’s a’ bhliana 1497, agus gu ’n d’ fhuair e mach tir-mor America, air thoiseach air Columbus. Chaidh a bhreug a chreidsinn; agus uime sin thugar America mar ainm air ant shaoghal ur. Cha d’ fhuair Amerigo amach tir air bith; ach cha robh fios air a so gus an robh Columbus marbh, nuair a chaidh an fhirinn a dhearbhadh le iomad fianuis, an cuis-lhagha eadar Diego, mac Cholumbuis, agus cuirt na Spainn. An toiseach a’ gheamhraidh, 1499, sheol Bhinsent Pinson, le ceithir longaibh, á port Phalois, agus stiuir e an iar mu dheas, gus an do chroisg e Cearcall-Meadhon na Talmhuinn. Chaill e nise sealladh air an rannaig thuathaich, agus thainig reultan ura fo amharc gu deas. Chuir so mor eagal air na maraichibh: ach bhuanaich Pinson air a thurus gus an d’ rhainig e Brasil, coig ceud a’s leth-cheud mile gu deas air a’ Chearcall- [TD 362] mheadhoin. Sheol e an sin gu luath, agus rhannsaich e mach beoil fharsuinn ma h-Amason, a tha naoi fichead mile air leud. Thainig cuid de shluagh na tire, ’n a ionnsuidh a thug do na Spainnich pairt de gach ni a bh’ aca; ach ghlac iadsa caochladh dhiu le foill, agus thugar air falbh iad mar thraillean. Thug daoine Phinsoin leotha oposum, ainmhidh aig am bheil poca airson nan cuileinean fo broinn. On nach cualas sgeul air a lheithid de chreutair riamh roimhe, chuir i moran ioghnaidh air sluagh na Spainn. An samhradh na bliana 1508, chaidh Pinson amach a rithisd, marrai maraiche ainmeil eile, Iain Dias Solis. Rhainig iad Rudha Agustin air oir-thir Brasil. Bho sin lhean iad an cladach gu deas agus siar, còrr a’s da mhile mhiltean agus coig ceud mile, gus an d’ rhainig iad Patagonia, tir fhamhairean, a reir na h-aithris. An sin dh’ eirich connspaid eadar Pinson agus Solis, agus thill iad do ’n Spainn. Chaidh Solis amach a rithisd ’s a bhliana 1514, agus rhansaich e an oir-thir gu beul na h-aimhne mhoir La Plata, no Amhain an Airgid. Nuair a bha e dol suas an caolas, chaidh e air tir, le beagan dhaoine, a dh’ amharc na h-ire agus a toradh. Thainig an sin daoine fiadhaich na duthcha air gun fhios; ghlac iad e fhein agus coignear d’ a chuideachd agus air ball mharbh, rhoisd a’s dh’ ith siad iad. Chuir so eagal air a’ chuid eile de na maraichibh, agus thill iad do ’n Spainn. Am faoghar na bliana 1513, thug Innseinich a bha ’s a’ choimhearsnachd, brath do Nunes Balboa, mu chuan mor a bha astar beagan lhaithean gu deas air Darien, gu tuath air Panama, far an robh Balboa air ceann aiteachas Spainneach Uime sin dh’ fhalbh e, le cuideachd shaigdeirean, air toir a’ chuain, ach cha b’ fhurasd sin a ruigheachd. Chaidh e thair bheanntaibh a’s chàr, a’s choilltibh garbh, far an robh na h-Innseinich a’ tilgeadh saighdean puinnseanta orra. Mu dheire, air dha direadh gu mullach beinne, chunnaig e an cuan mor farsuinn ris an abrar a nis am Pasific; ach thug esa A’ Mhuir gu Deas mar ainm air, cheann gu ’n robh e a reir coltais a’ sineadh gu deas, ged a bha e a rireadh a’ ruith n’ as fhaide an taobh an iar. B’ e Balboa a’ chiad duine geal a’ chunnaig an cuan sin. Dh’ innis daoine na tire dha gu ’n robh am fearann a’ sineadh gu deas gun chrich, agus gu ’n robh e air aiteachadh le cinnich chumhachdach, aig an robh moran oir agus beothaichean iomchair. Tharruinn iad samhladh nan ainmhidhean sin air a’ ghainneamh; agus shaoil na Spainnich gu ’m bu chamhail iad; ach b’ e ’n lama mu ’n robh iad ag aithris, beothach coltach ris a’ chamhal, ach moran n’ as lutha. Chuir Balboa an sin teachdairean thun Iompaire Tearlach a Coig, a bha nise ’n a rhigh air an Spainn, a dh’ innseadh mu dheanadas, agus a dh’ aslachadh dreuchd a b’ airde. Ach b’ fhaoin an turus. Bha Tearlach n’ a bu tithich air cumhachd na air ceartas. Chaidh duin’ eile, d’ am b’ ainm Dabhilce a chur an aite Bhalboa, mar uachdaran; agus chaidh esa a dhith-cheannadh ’s a’ bhliana 1517, le ceithir d’ a chompanaich, gun aon chiont’ bhi air a dhearbhadh ’n an aghaidh. An deire na bliana 1519, sheol Ferdinand Magellan á Port San Lucar, an taobh deas na Spainn le coig longaibh a’ runachadh America a chuartachadh agus na h-Innsean shios a rhuigheachd. Bhuineadh Magellan do Phortugal; ach bha e a’ seoladh [TD 363] fo ’n Iompare. Rhainig e oir-thir Bhrasil gun dail gun sgiorra; agus lhean e an traigh astar mor gu deas, gus an d’ thainig e gu cala tearuinte am Patagonia, air an d’ thug e Port Naomh Iulian mar ainm. Bha e nise toiseach a’ gheamhraidh ’s an tir sin, far am bheil an aimsir sin fuar agus stoirmeil. Chuir e roimhe fantuinn an sin gu h-earrach; agus chuir e an sluagh fo chruaidh smachd, mu bhiadh agus gach ni eile. Uime sin bha caipteinean nan longan a’ runachadh tilleadh gun dail do ’n Spainn; agus nuair a dhiult Magellan sin a dheanamh, dh’ eirich iad ’n a aghaidh. Chuir Magellan a nise teachdaire gu Luthais Mendosa, a bha ’n a cheannard air luchd na ceannairc, le ordugh cuir as da air ball leis a’ bhiodaig. Nuair a chaidh sin a dheanamh, chuir e gu bas Cesada, aon de na caipteinibh, agus chuir e fear eile air tir. Mar sin chuir e crioch air a’ cheannairc, ged a bha droch rhun aig na Spainnich uaibhreach dha, on bu choigreach e. Chan fhac’ iad neach de dhaoine na tire gus an robh iad da mhios ’s a’ phort. Thainig an sin fear mor thun na traighe, a bha, reir na h-aithris, mar fhamhair air mheud, le guth mar bhuirich tairbh. On a bhuin iad gu caoimhneil ris thainig moran dhiu thun na traighe; agus b’ ioghnadh leotha na longan mora ’s na daoine beaga. Thainig fear dhiu air bord gu tric; dh’ ionnsaich iad a’ Phaidir dha; agus mu dheire chaidh a bhaisteadh, fo ainm “Iain Famhair.” Chunnaig iad aig na h-Innseinich an lama, agus bha cuarain d’ a chraicionn air an casaibh. Uime sin thug na Spainnich Patagones mar ainm orra; ’s e sin ri radh “daoine brod-chasach.” Nuair a thainig ant earrach, an deire na bliana 1520, sheol iad gu deas, agus an cean beagan lhaithean, rhainig iad an caolas, aig ceann deas America, ris an abrar Caolas Mhagellain gus an latha ’n diugh. Tha an caolas so mu thri cheud mile air fad, agus bho lheth-cheud mile gu ceithreamh mhile air leud. Bha na maraichean fo aoibhneas nuair a chunnaig iad am fosgladh so, le uisge domhain agus sruth laidir a’ ruith siar. Gidheadh dh’ fhan aon de na longaibh air ais gu diomhair, agus thill i do ’n Spainn; agus bhrisear te eile le ainneart na sid: ach chaidh Magellan air aghart, leis na tri longaibh, agus air ant sheachdamh latha fichead de ’n naoitheamh mios, rhainig e an cuan mor, ceann amach a’ chaoil. Bha an aimsir fuar, agus bha iomad teine aig sluagh na tire gu deas. Uime sin thug e Terra del Fuego (Tir an Teine) mar ainn air an eilein. Stiuir Magellan a nise taobh an iar thuath; agus an ceann thri miosan a’s ochd laithean, rhainig e na h-eileinean ’s an ear dheas bho Tiona, ris an abrar Ladrones, no Meirlich. Thug e ant ainm sin orra, on a bha an sluagh ro bhradach. Ged a chaidh e seach iomad eilein air a thurus fada, cha ’n fhac’ e ach da eilein bheag mio-thorail; agus dh’ fhuilinn na daoine bho thinneas agus gorta. Rhainig e Eileinean Philip air an ochdamh latha deug de ’n Mhart, 1521, far an deach a mharbhadh, an còraig ri sluagh na tire. Chaillear dithis de na longaibh an so; agus rhainig an long a bha lhathair, an Bhictoria, an Spainn am faoghar na bliana 1522. B’ i so a’ chiad long a chaidh mu ’n cuairt do ’nt shaoghal. P. MAC-GRIOGAIR. (Ri leantainn.) Feudaidh esan aig am bheil cumhachd a chorruich a chiuineachadh air ball, moran laithean amhghair a chumail air ais. [TD 364] TARSNACHAN. RANN-CALLAINN DO ’N GHAIDHEAL. [Tha ceud litrichean nan sreath a’ deanamh nam facal, “An latha chi ’s nach fhaic, a Ghaidheil.] A n latha chi ’s nach fhaic, a Ghaidheil, N a h-uile la ’measg chairdean baigheil; L an do shonas cliùmhor, buadhmhor, A g ùrachadh d’ oige gu snuadhmhor; T ional meala as na bruachan— H -uile meas ’tha ’n gleann ’s an cruachan; A’ tighinn le d’ mhaileid gu loinneil, C aithreamach, failteachail, sloinneil. H o, gur tu ’n grinneas air cheilidh! I nnsidh tu eachdraidh a’s sgeula. ’S miann leat gach oigeir a’s ainnir. ’N an subhailcean arda bhi ’n lainnir. A ir na linntean a dh’ fhalbh ’s air na suinn, C ha mhath leat gu ’m bitheadh di-chuimhn’. H -uile fluran tha ’fas ’s na glinn F ighidh tu ’n am fleasgan gu grinn— H -uile seorsa de mhìn-fhraoch nan stùc, A gus fiadh-rosan cubhraidh le driuchd; I s air foid is clach-chuimhne nan sonn, C airidh tu le deoin iad ’s le fonn. A ir cuimhne nam bard anns gach linn G hleus clarsach nam beanntan gu binn, H -uile maoth bhlath gu ’n toinn thu le gradh; A gus pogaidh na beo dhiubh do lamh. I s a nis bidh mi guidhe leat buaidh, D reach is maise na slaint’ bhi ad ghruaidh, H -uile la dhuit an duthaich an fhraoich, E ornach, bonnagach maille ri d’ laoich! I s an Nollaig bhi dhuit mar a chleachd— L an sonais a’ bhliadhn’ ur ri teachd! MAIRI NIC-EALAIR. Lochluinn, Ceud Mhios a’ Gheamh. 1874. NA CURRAICEAN-OIDHCHE. Ann am Baile-na-drochaid, o chionn a nis moran bhliadhnaichean, bha a chomhnuidh duine fiachail, agus figheadair barraichte d’ am b’ ainm Eoghan Mac-Cailein, agus a bhean, boirionnach ùtagach, tapaidh, a bha, ma dh’ fhaodas sinn a radh, car beag tilgte ’n a doigh. Thuirt sinn gu ’m b’ i an fhigheadaireachd a b’ obair do Eoghan, ach cha ’n ’eil sinn a’ ciallachadh leis a so idir duine aig a bheil ri saothrachadh le fallus a ghnuise air son cuibhrionn an latha a tha dol thairis air, agus a tha gu buileach ag earbsadh á obair a lamhan. Cha ’n ’eil idir. Bha Eoghan ’n a dhuine glic ’n uair bha e og, agus am feadh ’s a bha tuarasdail ard rinn e maorach ’n uair a bha an traigh ann; chuir e airgoid mu seach a dh’ fheitheamh an latha fhliuich. Cha ’n e mhain so, ach le cuid de thoradh a shaoithreach [TD 365] chuir e suas, aig a chosdas fhein, an tigh anns an robh e aig an àm so a chomhnuidh—tigh beag, comhfhurtachail le gàradh air an taobh-beoil anns am b’ abhaist do Eoghan ’fheasgair a chur seachad am measg nam flur ’s nan lus, anns an do ghabh e mor thlachd agus as an robh e ro uailleil. Ach cha robh tigh Eoghain leis fhein. Direach lamh ris bha tigh-comhnuidh Iain Mhic-Aindrea, a bha ach beag anns gach doigh ’n a leth-bhreac do thigh Eoghain Mhic-Cailein. Bha Iain fein anns an t-suidheachadh cheudna ri Eoghan—bha esan cuideachd’ n a fhigheadair agus air beagan a chur mu seach mu choinneamh àm feuma, agus bu leis fein an tigh anns an robh e an drast a’ comhnuidh. Chi sinn, mar so, gu ’n robh Eoghan agus Iain ’n an dluth-choimhearsnaich; agus uime sin bha am mnathan-posda ’n an dluth-choimhearsnaich cuideachd; ach cha d’ thuirt so gu ’n robh iad idir cairdeil no ann an deadh rùn d’ a cheile. Bha an cridheachan lan gamhlais d’ a cheile—gamhlas a bha gu mor air a chumail suas le eud agus farmad a bha a’ lionadh an inntinnean, air eagal gu ’n leigeadh an darna te leis an te eile barr a thoirt oirre ann an coltas soibhreis ann an ni sam bith a bhuineadh aon chuid d’ an dreach fein, no an tighean, no am fir-phosda fa leth. Na ’m faigheadh aon diubh ball aodaich ur, dh’ fhaodteadh a bhi cinnteach gu ’m faigheadh an te eile a cheart leithid, no na ’m bu chomasach e, gu ’n tugadh i barr oirre; bha an spiorad farmadach so air a nochdadh anns gach cuis a bhuineadh daibh fein ’s d’ an tighean. Cha mhò bha moran cridhealais eadar an da dhuine; oir, a thuilleadh air iad a bhi a’ cophairteachadh de mhi-run am mnathaibh-posda, bha aobhar-naimhdeis nach bu bheag eadar iad fein. Tha e coltach gu ’n do chlach Iain Mac-Aindrea aig aon àm tunnagan Eoghain Mhic-Cailein á lub a bha air an taobh-cuil, agus leth an rathaid eadar an da thigh; a’ tagar gu’ n robh an lub an sin air son a thunnagan-san a mhain; agus ciod a thachair ach gu ’n do leòn agus mhill e dràc briagh a bhuineadh do Eoghan. Mar bu dual do Eoghan, bha e fo mhor chorruich mu ’leithid de ghniomh neo-ghnètheil; agus a bharr air sin cha gheilleadh e air chor sam bith gu ’n robh tuilleadh còir aig tunnagan Iain air an lub na bha aig ’fheadhain fein. Chonnsaich na bodaich gu searbh, salach, agus is e bu deireadh gu ’n deachaidh iad gu lagh; rud a chosd daibh mu leth-chiad punnd-Sasunnach am fear; agus is i a’ bhreth a chaidh a thoirt anns a’ chuis gu ’n rachadh lub nan tunnag a roinn eadar riutha, leth mar leth. Bha, uime sin, fuath uaigneach aig an dithis dhaoine d’ a cheile, ach cha robh gamhlas nam ban daonnan an uaigneas; agus bha bean Mhic-Aindrea a’ h-uile buille cho smiorail ri Nic-Cailein, agus ’n a seise dhi air aon doigh ’g an gabhar iad. Thachair do bhean Eoghain Mhic-Cailein a bhi aon latha ag amharc a mach air an uinneig, agus faicidh i Iain Mac-Aindrea a’ sraidimeachd anns a’ ghàradh le currac-oidhche ùr, stiallach, dearg air a cheann. Cha luaithe chunnaic a suil so na chuimhnich i air an t-seann churrac lachdunn a bha aig Eoghan aice-se, agus a bha, mar thuirt i rithe fein, “na bu choltaiche ri breid-urlair na ri rud sam bith eile.” Chuir i roimhpe gu ’m faigheadh i fear ùr dha gun tuilleadh dalach—fear fada a b’ fhearr na fear a coimhearsnaich. Gheobhadh an duine aice-se currac a bhiodh uile dearg; rud moran a bu ghrinne ’s a bu bhoidhiche na ’m fear stiallach, mosach aig Iain Mac-Aindrea. Cha robh i ach goirid a’ gabhail mu chul a’ ghnothaich; thainig i gu seolta m’ an cuairt air Eoghan, mar gu’ m b’ ann a’ gabhail a chomhairle ach aig a’ cheart am a’ ceiltinn an aobhair air son an robh i cho deidheil air gu’ m faigheadh e currac-oidhche ur; oir bha i lan chinnteach nach tugadh Eoghan bochd gnuis sam bith dhi ’n a leithid de chomhfharpais fhaoin, amaidich. Coma-co-dhiubh, thog i oirre moch air madainn an ath latha, ’s rainig i am baile-mor a cheannach a’ churraic. Roghnaich i fear lasrach, dearg nach mor nach d’ thug sealladh nan sul o Eoghan còir an uair a thill i ’s a sgaoil i mu choinnimh e. “A Sheonaid,” ars’ esan gu socharach, agus e gu tur aineolach air ciod a b’ fhior aobhar do ’n churam a bha a bhean a’ gabhail d’a chomhfhurtachd aig an àm so—“a Sheonaid, air m’ fhacal tha an currac boidheach da-rireadh,” thuirt e ’s e ’sparradh a laimhe suas anns a’ churrac agus ’g a chumail a mach mu ’choinnimh, ’s a’ dearcadh air le mor thoil-inntinn. “Mo riar, gu bheil e eireachdail,” thuirt e rithist, “agus theid mi an urras gu ’m bi e seasgair.” “Bidh e sin,” fhreagair Seonaid, gu buadhmhor. Agus cha mhor nach d’ thuirt i mar an cendua, “Nach mor is boidhiche e na fear Iain Mhic-Aindrea!” Ach leigeadh so a mach tuilleadh ’s a’ choir de na bha ’n a h-inntinn dhiomhair, agus is ann a thuirt i, “Nis, Eoghain, a [TD 366] ghraidh, caithidh tu e mu na dorsan agus an uair a theid thu an ghàradh. Cuiridh e dreach a’s coltas ort nach robh ort anns an loirein a tha thu ’caitheamh—is ann a tha thu na ’s coltaiche ri fuathaiche a bhiodh ann an talamh-buntàta, na tha thu ri duine Crìosdail.” Rinn Eoghan feìth-ghaire, ach cha d’ thuirt e diog. An fhad so, ma ta, chaidh a’ chuis gu math le Seonaid. Cha robh d’ a dìth a nis ach gu ’m faigheadh i Eoghan a chur an ghàradh ’n a churrac ur, lainnireach, far am faicteadh e le a bana-choimhearsnach—agus cha b’ fhada gus an deachaidh so leatha cuideachd. Gu faicilleach, seolta a’ comhairleachadh Eoghain, fhuair i gu ’n do ghabh e mach le ’chomhdach-cinn dealrach; agus cha b’ urrainn do ’n ghnothach tachairt na bu fhreagarraiche. Chunnaic bean Ian Mhic-Aindrea an currac-oidhche, gu lan mhath thuig i an suaicheantas-dùlain, ’s bhòidich gu ’m biodh dioghaltas aice. Ma bha a h-uaill air a toirt a nuas, bha a spiorad air a togail leis a’ chiad sealladh a fhuair i de churrac-oidhche Eoghain Mhic-Cailein; chuir i roimhpe gu ’n tugadh i air a fear-posda an currac stiallach a chur a nuas agus fear ur eile chur a suas—leth-bhreac an fhir aig Eoghan Mac-Cailein—no na b’ fhearr, na ’n gabhadh e faotainn; ach cha robh i cinnteach an gabhadh so ruigheachd air. Shaoileamaid nach bu ghnothach furasda impidh a chur air Iain currac-oidhche ur eile a chur suas; oir am fear a bh’ aige, cha robh seachdain o ’n fhuair e ur, nobha as a’ bhuth e, agus cha robh reusan saoghalta, shaoileadh duine, a ghabhadh cur air aghaidh air son fear eile a cheannach. Ach ciod e nach dean seoltachd nam ban! Mar dhearbhadh air so cha ruig sinn leas ’ainmeachadh ach gu ’n deachaidh aice air; fhuair i gu ’n d’ aontaich Iain leigeil leatha dol an bhaile-mhor, currac-oidhche ur, dearg eile cheannach dha, agus thug i air a ghealltainn gu ’n caitheadh e e ’n uair thigeadh i dhachaigh leis. M’ an gann a fhuair i a chead, air falbh bha i do ’n bhaile-mhor, ’s an uine ghoirid bha i air a h-ais le currac-oidhche boillsgeach, dearg, a’ h-uile mir cho lasrach ri fear Eoghain Mhic-Cailein; agus bha de thoileachadh aice gu ’n do tharraing i e mu cheann Iain, a bha a’ cheart cho aineolach mu ciod a bh’ aice ’s an amharc ’s a bha a choimhearsnach, Eoghan Mac-Cailein. Shoirbhich cuisean mar so le bean Iain Mhic-Aindrea; cha robh uaipe ach Iain a sheoladh a mach do ’n gharadh; ’s cha b’ fhada gus an d’ fhuair i a miann. A mach an gharadh steoc Iain coir le ’cheann-bheairt ur, dhearg; agus O, aoibhneas nan aoibhneas! chunnaic Nic-Cailein e. Chunnaic—ghrad dh’ aithnich i an spiorad a dh’ aobharaich an taisbeanadh; ’s mhionnaich i nach biodh e a nasgaidh dhi. “Annag, Annag,” ghlaoidh i ’s a guth lan corruich—mar so a’ gairm a stigh a h-ighinn, caileag bheag, mu dheich bliadhna dh’ aois—“ruith a nunn cho luath ’s a bheir do chasan thu, agus abair, ri bean Iain Mhic-Aindrea an trinnseir a fhuair i air choin-gheall uamsa, a thoirt duit air a’ mhionaid.” Bhuail i a cas air an urlar, las a h-aodann, ’s chaidh i ann am feirg oillteil. Dh’ fhalbh Annag air a gnothach. A nis, feumar ’aideachadh nach robh an toir so a chuir i air an trinnseir idir ceart no dligheach. Bha sar-fhios aig Nic-Cailein, agus chaidh ’innseadh dhi da fhichead uair gu ’n deachaidh an trinnseir a bhristeadh; agus a bharr air sin, chaidh a luach a thairgseadh dhi a’ cheart cho bitheanta—b’ fhiach e ùr mu thuaiream thri fairdeinean. A thuilleadh air so a rithist, bha tri bliadhna o ’n fhuair an te eile air choin-gheall e. Chithear bho so nach robh anns an iarrtas a chuir i leis a’ chaileig ach leth-sgeul air son innleachd air choreigin eile a chur an gniomh. Cha b’ urrainn ni tachairt a b’ aimhealaiche leatha na gu ’n tilleadh an trinnseir; agus bha cinnt aice nach robh eagal sam bith gu ’m faigheadh a’ chaileag e. Ann an uine ghoirid thill Annag, leis an fhreagairt ris an robh suil aice—bha an trinnseir briste; ach bha bean Iain Mhic-Aindrea lan thoileach paigheadh air a shon, na ’n abradh Nic-Cailein ciod b’ fhiach e. Leis an fhreagairt chuir i beagan fhacal sgaiteach nach do chord idir ri Nic-Cailein. Thuirt i “gu ’n robh i a’ deanamh moran tuilleadh gleadhraich mu ’trinnseir truaillidh, salach, mosach na b’ fhiach e uile gu leir,” agus ghuidh i oirre gu tamailteach, a ghaoil an fhortain, “i a dheanamh na bu lagha starruim uime ’s gu ’n rachadh làn an dusain a chur dhachaigh ’n a àite.” “Mo riar, nach ann aice ’tha an dalmachd,” thuirt Nic-Cailein an uair a liubhair a’ chaileag a teachdaireachd; “nach ann aice ’tha an dalmachd da-rireadh,” ars’ ise ’s i cur a lamhan air a cruachainnean, ’s a’ sealltainn mar aon air an deachaidh eucoir mhor a dheanamh. “An cualas riabh a leithid? An toiseach coin-gheall a ghabhail de m’ thrinnseir, [TD 367] an sin a bhristeadh, agus a nis, an uair a tha mi ’cur air son mo chodach fhein, ’innseadh dhomh gu bheil mi a’ deanamh tuilleadh gleadhraich uime ’s a b’ fhiach e uile gu leir. Moire! tha aghaidh aice. An t-seana bhanasgal, mhiomhail a tha i ann! Iadsan ’s an curraicean-oidhche dearg!” A’ cur a currac-biorach mu ’ceann thog i oirre i fhé’-fhéin a thoirt a mach tòrachd. Rainig i tigh Iain Mhic-Aindrea ’s a stigh ghabh i. “Thainig mi,” thuirt i gu h-athaiseach, dòigheil, ged is gann a ghabhadh a’ chorruich a bha ’n a h-uchd ceiltinn, “thainig mi dh’ fheuch am biodh sibh cho math agus mo thrinnseir a thoirt domh, ma ’s e ur toil e.” “Do thrinnseir,” arsa Nic-Cailein ’s i ’g a tarraing fhein suas, ’s a’ nochdadh na feirge ’bha cheana a’ toiseachadh air tòcadh ’n a com; “do thrinnseir, a Sheònaid! Ubh, ubh, a bhean, is fuathasach an upraid a tha thu a’ deanamh mu ’n trinnseir so agad. Cha robh e cho luachmhor; agus is iomadh uair a dh’ innis mi dhuit gu ’n deachaidh a bhristeadh, agus gu ’n robh mi deonach paigheadh air a shon.” “Cha ’n e paigheadh a tha ’dhìth orm,” arsa Nic-Cailein ’s i a’ godadh a cinn gu h-uaibhreach; “tha mi a’ sireadh mo thrinnseir, agus bidh mo thrinnseir agam. An cluinn thu sin?” Bhuail i an sin a dorn air a bois, mar is cleachdadh leis na boirionnaich an am a bhi a’ trod. “Agus o ’n thainig thu gus a sin, their mi riut nach ’eil annad ach boirionnach miomhail, dalma an uair a theireadh tu rium nach mor a b’ fhiach e, an deigh dhuit a bhristeadh.” “Air m’ fhacal,” fhreagair Nic-Aindrea, le ceann gu h-ard, ’s a gnuis a’ lasadh le corruich, “cha ’n ’eil thu sgàthach an uair a theireadh tu an leithide sin de dh-ainmeannan rium ann am thigh fein.” “Their mi sin, agus na ’s miosa na sin ruit, ann ad thigh fein no ann an aite sam bith eile,” arsa Nic-Cailein ’s i a’ casadh a fiaclan ’s a’ cur a dùirn ri peirceall na te eile. “Seadh, a’ so, no an aite eile, their mi riut nach ’eil annad ach boirionnach miomhail, gun oilean, gun tuigse. Gu ’n cuireadh tusa suas do dhuine le currac-oidhche dearg!” “Agus c’arson nach cuireadh?” fhreagair Nic-Aindrea gu h-uailleil; “tha e cheart cho comasach air paigheadh air a shon ’s a tha sibhse; agus theagamh, na ’m biodh a chuid fein aig a’ h-uile neach, gu bheil moran na ’s comasaiche. Currac-oidhche dearg, gu dearbh, a bhanasgail mhiomhail, mhosaich!” “Abair sin a rithist agus spionaidh mi an teangadh asad!” arsa Nic-Cailein ’s i aig a’ cheart am a’ leum ’s a’ beireachdainn air bhad-mullaich ’s air churrac air Nic-Aindrea ’s ’g an spionadh le cheile ’n am mirean mu ’cluasan. Rinn ise a leithid eile oirre-se ’s am badaibh a cheile ghabh na cailleachan, ’s thoisich an strith ’s an sgiamhail, ’s an sgreadail. Ghrad lion an tigh leis na coimhearsnaich a dh’ fheuch ri an cur bho cheile. Am feadh ’s a bha an cath ’n a airde, co thainig a stigh ach Iain Mac-Aindrea, agus aig a shail Eoghan Mac-Cailein, ’s an curraicean-oidhche dearg air an cinn mar gu ’m biodh ann brataichean-catha a bhrosnachadh nam bana-churaidh. “Ciod e air an talamh is ciall d’ a so?” ars’ Iain Mac-Aindrea ’s e ’leum a nunn am meadhon an t-sluaigh. “O, an aigeannach!” ars’ a bhean ’s lan na glaice aice de fhalt Nic-Cailein air a thoinneadh mu ’dorn; “tha e uile mu d’ churrac-oidhche, Iain, agus m’ a trinnseir salach, truaillidh.” Thuig Iain gu math mu ’n trinnseir, ach cha do thog e idir mu ’n churrac-oidhche; coma-co-dhiubh, mar dhuine dleasnachail ghabh e taobh a mhna, agus bha e dol a chur na te eile as an rathad, an uair a rug Eoghan Mac-Cailein air chul amhchadh air, ag radh, “Air d’ athais, Iain, na tog do lamh, gus am faic sinn ciod idir is ciall do ’n aimhreit so.” “Thoir an uabhar le leathad, Eoghain!—thoir an uabhar le leathad!” arsa Nic-Cailein an uair a mhothaich i gu ’n robh a leithid de chuideachadh aig laimh. “Thoir an uabhar le leathad—nach stroic thu an currac-oidhche bharr ceann Iain. Tha a’ bhanasgal ag radh gu bheil iad na ’s comasaiche air a phaigheadh na tha sinne.” An sealbhan a cheile nis ghabh na bodaich, ’s an taice nam bodach ghabh na cailleachan, gach aon a ’feuchainn ri greim ’fhaighinn air currac-oidhche fir na te eile—a’ cheathrar a’ cur nan car dhiubh air an urlar ’s an impis an aitreabh a thoirt a nuas leis a ’h-uile uilneag a bheireadh iad. Ach cha b’ urrainn d’a so mairsinn fada, ’s cha mho rinn e sinn. Thachair sgiorradh diubhalach a chuir gu grad agus gu buileach stad air an t-sabaid. Ann an aon de na gramannan-gleachd eagalach a bh’ aca thainig iad gu mi-fhortanach tarsaing air seann dresser critheanach air an robh luchd mor de shoithichean creatha de gach gne, as an robh Nic-Aindrea ro uailleil, agus a bha aice air an cur an ordugh ’n an sreathan greadhnach a suas gu ruig anainnean an tighe. Is gann a [TD 368] ruigeas sinn leas ’innseadh ciod a thachair. A nuas thainig an dresser, agus a nuas leis thainig gach soitheach beag a’s mor ’n am bloighdean air leac an urlair; cha d’ fhagar aon slan diubh. Cha ’n fhacas agus cha chualas riamh iomradh air a leithid de sgrios. Stad an iorghuill mar bhuille na boise; agus sheas gach aon ag amharc le h-uamhunn air an t-sealladh eagalach. An uair a chunnaic Mac-Cailein agus a bhean ciod a thachair, agus air doibh fios a bhi aca nach robh an lamhan glan d’ an ghnothach, gun diog a radh, shèap iad air falbh dhachaigh. “Ma tha lagh no ceartas anns an tir,” arsa Nic-Aindrea, ’s i ’trusadh suas nam bloighdean briste, “creanaidh Eoghan Mac-Cailein agus a bhean air so. Na faiceam-sa grian an la maireach mur bi iad agam air beulaobh an t-Siorraim m’an teid seachdain thar mo chinn!” “Tha ’n gnothach eireachdail da-rireadh,” thuirt Iain; “ach ciod air an talamh a thog an iorghuill?” “Ciod a thog an iorghuill?” ars’ ise; “nach d’ innis mi dhuit cheana? Ciod ach an trinnseir dubh sin aice! Ach bheir mise oirre gu ’n diol i air son obair an la diugh. Moire, bidh so na ’s daoire dhoibh na lub nan tunnag, mur ’eil mise meallta.” “Cha chreid mise gu ’n robh a’ bheag de chulaidh-uaill againn fhein anns a’ ghnothach sin,” ars’ Iain air a shocair fein. Thoisich e fhein ’s i fhein agus chrunnich iad suas a’ h-uile crioman de na soithichean briste bharr air urlair ann an aon chliabh mor, a chum an gleidheadh mar fhianuis air meud a’ chall agus a’ mhillidh a dh’ fhuiling iad. Cha d’ fhairich Eoghan Mac-Cailein agus a bhean iad fein idir saor o amharus mu ’n sgiorradh a thachair ann an tigh Iain Mhic-Aindrea. Is ann a chuir e mor champar orra, oir cha robh iad a’ faicinn ciamar a dh’ fhirinnicheadh iad iad fein no a gheobhadh iad an casan a thoirt as an rib, a cheann gu ’n deachaidh iad ’g am foirneadh fein agus a thogail brionglaid ann an tigh an coimhearsnaich far nach robh gnothach sam bith aca dol. Le inntinn lan d’ an iomaguin so, agus le aodann muladach, thuirt Eoghan Mac-Cailein r’a mhnaoi, ’s i an deigh cunntas falls’ a thoirt da mu aobhar na streupaid, “B’ eagalach an stairirich sud, a Mhor. Cha chuala mi riabh a leithid. Tha an fhuaim oillteil ann am chluasan fhathast.” “O, ’s math leam aca e! Gabhadh iad e!” ars’ ise ’s i mar gu ’m biodh i caoin-shuarach mu ’n chuis, ged a bha e furasd fhaicinn nach robh i idir saor o amharus mu dheireadh na cluiche. “Bha i tuilleadh ’s a’ choir moiteil as a cuid shoithichean co-dhiubh; cha b’ urrainn na b’ fhearr tachairt di.” “Biodh sin mar sin,” arsa Eoghan, “ach bha am pronnadh ud searbh.” “Ceol a bu bhinne ’chuala mi riabh,” ars’ ise. “Theagamh gur e,” ars’ esan “ach tha eagal orm gur ann oirine thig paigheadh a’ phiobaire. Bheir iad gu lagh sinn.” “Deanadh iad sin ma thoilicheas iad. Cha ’n ’eil lagh no ceartas anns an duthaich ma bhuidhinneas iad.” Cha robh an amharusan gun aobhar, oir air feasgar an ath latha co thainig orra ’s iad gu seasgair ’n an suidhe mu ’n chagailt, ach maor a dh’ fhag da shumanadh aca gu cuirt a sheasamh air beulaobh an t-Siorraim, an da chuid air son gu ’n do bhuail ’s gu ’n do mhill iad Iain Mac-Aindrea agus a bhean ’n an tigh fein, agus mar an ceudna, a’ tagar luach na chaidh a bhristeadh de shoithichean—còrr agus coig puinnd-Shasunnach. “Sin agad a nis!” arsa Eoghan an uair a leugh e na paipearan. “Is i mo bharail gu ’m faigh sinn ar leoir dheth nis, a Mhor. Is e so amharus a bha orm. Ach coma-co-dhiubh seasaidh sinn ar cuis gu duineil; bheir sinn doibh greim ruighinn ri ’chagnadh.” “Seasaidh sinn ar cuis,” arsa Mor, “mo riar gu ’n seas, agus theagamh gu ’n dean sinn tuilleadh ’s sin. Cha ’n ’eil fhiosam nach dean sinn tuilleadh ’s seasamh, buailidh sinn orra gu foghainteach ’s bheir sinn orra an rathad ’fhagail.” “Sin agad a nis. a Mhor, far am bheil thu ’nochdadh d’ aineolais air an lagh.” “Lagh ann no as,” fhreagair Mor, “tha fhios agam ciod e ceartas agus tuigse, agus foghnaidh sin domh. Agus ceartas bidh agam,” ars’ ise ’s i ’bualadh a duirn air a bois, “ma bheir meud an sporain no cruas non dorn a mach e.” Moch air madainn latha na cuirte thog iad orra ’s a stigh ghabh iad gun athadh gun sgàth do thalla a’ mhòid. Co bha ’n sin air thoiseach orra ach Iain Mac-Aindrea agus a bhean. Sheall na cailleachan gu colgach air a cheile, ’s shuidh iad a dh-fheitheamh an t-Siorraim. Lamh ri Nic-Aindrea bha ùdabac mor de rud nach robh e furasda do na bha ’s a’ chuirt a bhreathnachadh ciod a bh’ ann; ach bha deadh bheachd aig Nic-Cailein ciod a bu chiall da. B’ e sin cliabh mor. Ciod a th’ agaibh air no dheth, ach gu ’n do shlaod i leatha an cliath loma lan de na soithichean briste, ann an cairt a’ h-uile ceum do ’n chuirt, a’ cur roimhpe a thilg- [TD 369] eil fosgailte an lathair a’ bhreithimh a leigeil fhaicinn nach bu chall faoin a thug an sin i. An uair a thainig an Siorram ’s a chaidh a’ chuirt a shuidheachadh, ghairmeadh a mach gu cruaidh ainm Iain Mhic-Aindrea agus a mhna, ’s a suas steoc iad agus ghabh iad an aite fa chomhair a’ bhreithimh. A cheart cho staiteil chaidh Mac-Cailein agus a cheile fein a suas ’n uair chaidh an ainmeannan a ghlaodhaich, agus sheas iadsan mar an ceudna beagan thun an darna taobh. Chaidh iarraidh air Nic-Aindrea a cuis a chur an ceill, ’s cha d’ fheith i an darna cuireadh. Thoisich i mar so:— “Fhaic sibh, a bhreithimh uasail, so agaibh mar thachair an gnothach—agus tha mi a’ toirt dùlain d’ ise ann a’ sin,” (thug i suil aingidh air Nic-Cailein) “tha mi a’ toirt dulain di facal dheth ’aicheadh; ged tha mi ’lan chreidsinn gu ’n deanadh i e na ’m b’ urrainn di.” “Mo bhoirionnach math,” ars’ an Siorram ’s e faicinn gu’n robh shaod air a teangaidh ruith momha ’s bras, “am bi thu cho math agus cumail an sealladh air do sgeul—innis dhuinn direach gu h-aithaiseach, firinneach ciod a thachair, ’s gun ni tuille.” “Ni mi sin, fhaic sibh, ma ta, so mar thachair.” Chaidh i an sin air a h-aghaidh ’s chuir i an ceill gu h-ordail gach ni. Cha d’ thuirt i smid mu na curraicean-oidhche, ach chuir i coire na h-aimhreit gu leir air an trinnseir. A nis ghabh Nic-Cailein beachd air so, agus chuir i roimhpe, ciod sa bith mar thachradh, gu ’n deanadh ise a’ bhuil a b’ fhearr de na curraicean-oidhche—gu ’n leigeadh i ris do ’n t-saoghal, mar shaoil i fein, uabhar agus ceilg Nic-Aindrea. An uair a sguir Nic-Aindrea chaidh an sin gairm air an dithist eile an taobh fein d’ an chuis ’aithris. Chaidh an da chuid Eoghan agus Mor air an aghaidh, mar gu ’m biodh iad le cheile dol a labhairt aig an aon am. Agus is ann mar sin direach a bha. Trath dh’ iarradh orra labhairt— “Fhaic sibh,” arsa Eoghan; agus— “Fhaic sibh,” aig a’ cheart àm arsa Mor. “Nis, nis,” thuirt an Siorram,” aon mu seach, ma ’s e ur toil e.” “Air a’ h-uile cor,” arsa Eoghan, “seas a thaobh, a bhean, ’s an innis mise a’ chuis do ’n chùirt.” “Cha dean thu ni d’ a leithid, Eoghain,” arsa Mor, ’s i aig a’ cheart àm a’ beirsinn air ghuallainn air ’s ’g a chur air ais. Cho luath ’s a fhuair i mar so an fhaiche dhi, fein thoisich i ’s dh’ innis i gu riochdail gach ni bho thoiseach gu deireadh—mu na curraicean-oidhche ’s gu leir; ach a’ cur an sgeoil air a leithid de dhoigh ’s gu ’m measadh daoine gu ’n robh a cuid fein d’ an chuis gu tur saor o dhroch rùn ’s o gach sion d’ an gabhadh coire faighinn; agus nach d’ aobharaich ni sam bith an aimhreit agus am bristeadh eagalach a thachair ’n a lorg, ach “straic, a’s eud, a’s uabhar” Nic-Aindrea i fhein. Am feadh ’s a bha i ris an aithris so cha mhor nach do sgain na bha ’s a’ chuirt a’ gaireachdaich, agus is gann a b’ urrainn do ’n bhreitheamh cumail air gun bhristeadh a mach leotha. Bha buaidh gu tur eadar-dhealaichte bho so aig a’ ghnothach air da fhear-posda nan cailleach. Lan ioghnaidh, naire, agus rugha-gruaidh aig a leithid de thaisbeanadh tamailteach air mar a bha iad, gun fhios doibh fein, air an deanamh ’n am buill-mhagaidh an lathair an t-saoghail, shèap iad le cheile ’mach as a’ chuirt, ’s dh’ fhag iad na cailleachan a chur crich air a’ chuis mar b’ fhearr a b’ urrainn doibh. Ciamar a chaidh dhaibh cha ’n fhios duinn; so mar chriochnaich ar sgeul mu fharpais nan curraicean-oidhche. Eadar. le MAC-MHARCUIS. ALASDAIR MAC CHOLLA. B’ainmeil an duine so an Gaeltachd Alba la ’g an robh an saoghal; agus tha sinn a’ deanamh dheth nach miste le ’r luchd-duthcha caileiginn a chluinntinn uime. Bha ’n duin’ ainmeil so de Chloinn-Domhnuill Antrim an Eirinn. Bu mhac e do Cholla Ciotach, a ghlacadh ann an Dun-naomhaig an Ile, agus a chuireadh gu bas an Dunstaidhinis. ’N uair a rugadh Alasdair, tha beul-aithris, (as nach ion mor earbs’ a chur,) ag innse mu nithibh iongantach a thachair mu thigh ’athar, air chor ’s gu ’n do chomhairlich cuid de na cairdean cuir as da, gun tuille dalach. “Cha dean sibh sin,” a deir a mhuime, aig an robh fiosachd a reir barail nan amanna sin; “bithidh e fhathast ’n a ghaisgeach foghainteach, agus eiridh [TD 370] buaidh leis, gus an sath e ’bhratach an Gocam-go.” Dh’ fhas e suas gu bhi ’n a dhuin’ eireachdail, agus ’n a fhear-claidheamh co maith ’s a bha ’n Eirinn. Anns a’ bhliadhna 1644 bha buidheann de ’n fheachd ri ’n cur a h-Eirinn chum comhnadh le Montros, as leth an dara Tearlach. ’N uair a chruinnich Maithean na tire a shonrachadh co a rachadh air ceann an airm, bha da fhlath uasal Eirionnach aig an robh fiughair ris an urram sin, a thaobh meud an cairdean aig a’ choinneimh. “Bu choir,” a deir Ceann-mhath na cuideachd, “an t-urram a thoirt do ’n ghairdein is treine an Eirinn, nam biodh fios co e.” “So e,” deir Alasdair, ’s e tarruing a chlaidheimh, “a dh’ aindeoin co theireadh e.” “C’ ait a bheil an t-ath-ghairdein,” a deir an Ceann-suidhe? “So e,” a deir Alasdair, ’s e tilgeadh a chlaidheimh ’n a laimh chli. Cha do chuir duine ’n a aghaidh, agus fhuair Alasdair a bhi ’n a Cheann-feadhn’ air a’ chuideachd. Thainig Alasdair le cuig ceud deug fear, air tir air taobh na h-aird an an Iar de dh-Earra-ghaidheal. Tha iomad sgeul beag air aithris m’ an duine so, nach fiach a bhi air innseadh, ach is iomad gniomh euchdach a dh’ fheudt’ aithris air, mar tha e againn sios ann an eachdraidh. An deigh dha Caisteal Mhingairidh an Ardnamurchann a ghlacadh, ghabh e suas do Ghleanngaraidh, far an do choinnich na daoine sin agus muintir Bhaideanach e a bha air an aon taobh ris fein; ghabh iad air an aghaidh gus an d’ rainig iad Dun-chailleann, far an do choinnich iad Iarla Montros, a thug do dh-Alasdair an t-aite bu tinne air fein ’s an fheachd; agus cha b’ fhada gus an do dhearbh e gu ’m b’ airidh air an urram sin e. Bha fuath anabarrach aig Alasdair Mac Cholla, agus aig Clann Domhnuill air teaghlach Earra-ghaidheal, cha ’n e mhain a chionn gu ’n robh iad an aghaidh an Righ, ach gu ’n do bhuin iad moran d’ am fearann o na Domhnulluich, agus chum aicheamhail a thoirt a mach air a shon, dh’ aom e Montros gus an Geamhradh 1645 a chaitheamh ann an duthaich Mhic-Cailein. Dh’ fhairtlich orra an Caisteal a ghlacadh, ach loisg iad bail’ Inbhear-aora, agus chreach iad an duthaich air fad m’ an cuairt. ’S gann a dh’ fhagadh tigh air bonn, ionnas gu bheil e ’n a ghna-fhocal ’s an tir sin gus an la an diugh, “Alasdair Mac Cholla fear tholladh nan tighean,” agus bha na h-uiread eagail roimhe, ’s gu bheil ainm fhathast air a chleachda mar bhochdan gu clann a chumail samhach. Dhearbh Alasdair e fein ’n a dhuine ann an iomad cumasg beag, ach ’s e la Inbhear-lochaidh a tharruing gu mor mheas e. ’N uair a thainig e le Montros roi ’n bhlar sin air toir nan Caimbeulach, ’s e Iain lom, am Bard a b’ fhear-iuil doibh. Air dhoibh tighinn an sealladh nan Caimbeulach, thuirt Alasdair ris a’ Bhard, “Theid thu sios leam amaireach gu cath a ’thoirt do na Guimhnich.” B’ e Iain lom an gealtaire bu mho a bh’ air an t-saoghal; ach cha robh chridh’ aige a dhiultadh. “Ma theid mise sios, agus gu ’n tuit mi, co a dh’ innseas sgeul air do ghaisge? ach theirig thusa sios, agus dean mar is gna leat, agus seinnidh mise do chliu.” “Ni mi sin” ars’ Alasdair. Tha fios mar choisinn Montros an la sin, agus mar chaidh an ruaig air na Caimbeulaich. Bha Alasdair Mac Cholla maille ri Montros ann an iomad cath cruaidh, an deigh sin, gu h-araidh aig Allt-Eirinn, agus Kilsyth: agus tha daoine fiosrach ag radh nach robh buaidh le Montros an deigh dha dealachadh ris. Rinneadh Alasdair so ’n a Ridire air son a rioghalachd do Righ Tearlach. An deigh dha dealachadh ri Montros, leis a’ bheagan Eirionnach [TD 371] a bha lathair, rinn e air son Chinn-tire, far an robh fhathast beagan fearainn agus cumhachd aig Cloinn-Domhnuill; agus as am bu reidh dha dol thairis do dh-Eirinn. A thuilleadh air na h-Eirionnaich a bha leis, bha Mac-Dhughaill Latharna ’s a chuid daoine, agus muinntir eile a bha fhathast dileas do ’n Righ, a chaidh sios leis chum comhnadh a dheanamh ri Clann-Domhnuill an aghaidh Sliochd Dhiarmaid, a bha miannachadh a chuid fa dheireadh d’ an oighreachd a bhuntainn uatha. Tha e air aithris mu Alasdair Mac Cholla, mar bha e air a thurus sios do Cheann-tire gun d’ eirich dha air latha araidh, stad e fein ’s a dhaoine, chum am biadh maidne ghabhail; am feadh ’s a bha iad ’g a dheasachadh, shuidh e a’ cur a sgios, air cnocan boidheach uaine, dlu do mhuileann, air an do shath e ’bhratach. “Is boidheach an cnocan so,” a deir e, “C’ainm a th’ air?” “Tha,” ars’ am Muilleir, “Gocam-go.” Gu grad dh’ eirich Alasdair, “Fagamaid, Illean an t-aite so,” oir chuimhnich e air faisneachd a mhuimhe. Ghabh iad air an adhart, agus mar bha iad a’ dol seachad air Caisteal a bha san am sin san Lochan-leathann, an sgireachd Ghlasraidh, loisgeadh air, agus thuit am fear a bha r’a thaobh. “Is moch,” a deir Alasdair, a ch—c a’ chuthag ort,” oir b’e la Bealltuinn a bh’ ann. “Ceum ris a’ bhruthach, illean,” a deir e, gun tuille suil a thoirt air an fhear a thuit. Air a’ cheart am so bha ’n Triath Earragha idhealach le arm laidir fo ’n Cheann-fheachd urramach sin Leslie, a fhuair buaidh air Montros aig Philip-haugh, a’ gabhail sios do Cheann-tire, chum an buille deireannach a thoirt do chumhachd Chloinn-Domhnuill a bha air taobh an Righ. B’ fhurasda do Alastair am feachd so a ghearradh as ann an Garbhlach Sliabh-gaoil, far an do theab e fairtleach’ air Leslie a mharc-shluagh a thoirt air an aghaidh: ach o ’n la a shath e a bhratach ann an Gacam-go, cha robh soirbheachadh leis. Air a thurus mu dheas chuir e fein ’s a dhaoine seachad oidhche ann an garadh Tighearna nan Learg. Bha trupairean Leslie air a thoir, ach bha sgath orra roimhe o nach d’ thainig an t-arm-coise air an aghaidh. Dh’ fhan iad uime sin air an ais an duil gu ’m biodh an t-arm aca air an ath-mhaduinn. Dh’ fhadaidh Alasdair teinntean mora timchioll a’ gharaidh, mar gu ’m b’ ann chum a dhaoine a bhlathachadh, agus an deigh dha fear ’fhagail a chumail an teine suas, agus Piobaire d’ an d’ aithn’ e seinn fad na h-oidhche, thog e air le dhaoinibh, agus bha e dlu do Chaisteal Dhunabhartaidh m’ an d’ ionndrain cach air falbh e. Ma thruaighe! am Piobaire bochd, chuireadh á ’chomas an cleas ceudna dheanamh, oir thug iad gu neo-iochdmhor dheth na meoir. Dh’ fhag Alasdair tri cheud fear ann an Dunabhartaidh, agus thug e Ile air, agus an deigh dha da cheud eile d’a chuid daoine fhagail aig ’athair, Colla Ciotach, ghabh e ’n t-aiseag do dh-Eirinn, far an do mharbhadh e beagan ’n a dheigh sin, ann an cath a chuir e leosan a dh’ eirich an aghaidh Iarla Charlingford. Mar so chaochail an Curaidh treun so. Cha robh duine a thug barr air fo stiuradh fir eile, ach cha da choisinn e cliu leis fein. Bha e iomraideach an dan, agus rinneadh iomad oran molaidh dha an da chuid an Eirinn ’s an Albainn. Alasdair a laoigh mo cbéille, Cò chunnaic no dh’ fhàg thu ’n Eirinn; Dh’ fhag thu na mìltean, ’s na ceudan, ’S cha d’ fhag thu t-aon leithid fhein ann. [TD 372] Calpa cruinn an t-siubhail eatruim, Cas chruinneachadh an t-sluaigh ri cheile; Cha deanar cogadh as t-eug’ais, ’S cha deanar sith gun do reite; ’S gar am bi na Guimhnich reidh riut, Gu’n robh an Righ mar tha mi fein duit, &c. &c. —An Teachdaire Gaidhealach. BREACAN MAIRI UISDEIN. Le Iain Mac Illeathain Baile-mhartuinn, Eilein Thirithe. [An uair a thainig muinntir tigh-soluis na Sgeire-moire an toiseach do Thirithe, ’s e feadhain Ghallda a bh’ annta, nach fhaca breacan riamh. Bha Mairi Uisdein ’n a nighinn ghloin, speisealta, math air deilbh ’s air sniomh, ’s rinn i dhoibh am breacan, do ’n deachaidh an t-oran a leanas a dheanamh.] SEISD.— ’S e ’m breacan lurach, fasanda Nach fhaighear anns’ na buithean; Tha dubh, tha geal, tha sgarlaid Ann am breacan Mairi Uisdein. Tha ’m breacan measail, ainmeil so, Measg gharbh-chrioch agus stuc-bheann, ’S o ’n dhealbhadh dhuinn le Mairi e, Chaidh feadh gach aite cliu air. Bho ’n chuala Clann nan Gaidheal e, Ni chunnaic cach le ’n suilean, Tha Clann nan Gall ga’m boradh leis, Am baile mor ’s air duth’aich. M ’an cumar anns’ an fhasan e Gu deise ’mhac an Diuca, Bidh obair mhor aig taileirean, Air breacan Mairi Uisdein. ’N uair theid gach sreath air fhiaradh dheth, Le sioda liath ri chul-thaobh, Bi earradh ur do ’n Bhan-righ Ann am breacan Mairi Uisdein. ’S lionmher laoch, le brogan fraochain, Thig gu faoilidh, sunndach, Fo earraidh sgeanail Gaidhealach De bhreacan Mairi Uisdein. Gach teaghlach rioghail bh’ anns’ na glinn Fad tim roi linn a’ Phrionnsa, ’S an clann ’n an deigh, tha gradh aca Air breacan Mairi Uisdein. Tha leoghann, bradan tarragheal glas, Lamh dhearg, a’s dealbh a’ chruin air, Ceann tuirc a’s feidh, mar sgathan, Leight’ air breacan Mairi Uisdein. Bidh glaodh crois-tarr a’s piob dhos ard ’S claidheamhan stailinn ruisgte; ’S e ’s comhdach-blair do Chlann nan Gaidheal, Breacan Mairi Uisdein. Chaidh naigheachdan do dh-Ile air, Do Cheann-tire, Ghigha, Dhiura; Tha Muil’, tha Coll’ air bhainidh Air son breacan Mairi Uisdein. Tha Comhal, Bodhd, a’s Arainn, Tha Braid-Albann, Lathurn, Muideart, ’S Morairne nam beann arda Cluich mu bhreacan Mairi Uisdein. Bho chriochaibh garbh taobh tuath na h-Alb’ Thig fir chalma, lughar, A’ tagradh coir air pairt bhi ac’ De bhreacan Mairi Uisdein. Ach ’s coir dhuinn crioch le reit’ thoirt dha, M’ an dean Prionns’ Tearlach dusgadh, ’S m’ an tog e spiorad ardanach, Mu bhreacan Mairi Uisdein. AN SEANN GHAIDHEAL AGUS AM MINISTEIR. Bha seann Ghaidheal ann an aite araidh, ’s air dha fas gu tinn, chuir e fios air a’ mhinisteir. Ruith e thairis air moran de dh-eachdraidh a bheatha, agus d’ a dheanadais nach gabhadh firinneachadh. Thuirt am ministeir gu ’n d’ innis e moran d’ a dhroch-bheirt, an robh ni math idir aige r’a innseadh? “Tha sin agam,” ars’ esan;—“bha, o chionn fhada, Factor cruaidh, feithcheanta ’s an duthaich. Dh’ fheumadh an tuath am mal a bhi deas aca air an latha, neo bhiodh a’ bhairlinn aca. Air bliadhna araidh nach robh an aimsir fabharach, bha na croitearan air bheagan barraidh. Thainig latha mhail; ’s thainig am factor. Sgriob e leis gach sgillinn a chuir na daoine bochda gu h-eiginneach cruinn. [TD 373] Thachair mi air ’s an oidhche ’s e ’dol dachaigh; leag mi e, ’s le m’ ghluin air ’uchd, thug mi uaith an t-airgiod, ’s thug mi an cuid fein do na daoine bochda.—Nach robh sin ’n a ghniomh math?” J. W. Lag-na-h-abhunn, An t-Samhain, 1874. SGIALACHD NA TROIDHE. Air a thionndadh bho Ghréugais Hómeir gu Gàidhlig Abraich. LE EOBHAN MAC-LACHAINN. DUAN I. IOMARBHAIDH AN AICHILL AGUS AGAMEMNON. (Air leantainn.) Aig taobh a’ chabhlaich, fo ghruaim, Shuidh mac Pheleuis nan ruag cràidh, Fearg mhìllteach air ghoil ’n a chliabh, Gun fhaighneachd air gnìomh a’ bhlàir, Gun suim de choinnimh nan slògh Thogas an glic gu mòr uaill: Fuil a’s dioghailt, sgrios a’s àr, Ri stoirm-bhàis ’n a aigne cruaidh, A nis bha ’n dàrna madainn déug Ag éirigh gu driùchdach nuadh: Iobh uile-neartmhor, ’s na dé, Dh’ fhalbh bho ’n fhéill aig taobh a’ chuain, ’N an sreith shoillse suas gu nèamh, Dh’ ath-thill iad ’s e fhéin air thùs: Ach cha leigeadh Thetis thlàth Fàintean a mic ghràidh air chùl. Bha h-éirigh gu moch bho ’n stuaidh, Mar mheall cuairteach de ’n ghorm cheò. Ràinig i iarmailt nan spéur, Gu lùchairt gheal, chéutach Iòbh. Chìt’ am mòr Thorunnach àigh Cian bho chàch an àird’ a ghlòir Air mullach Olimpuis fhuair ’Dh’ fhalaicheas a chiad cruach ’s na neòil. Shléuchd ise ri bhialaobh dlùth; Ghabh i ghlùinean ’n a bois chlìth, Shlìb i fhiasag le ’deas-làimh, ’S ghéur aslaich i gràs an rìgh. Athair chaoimh, ma dhearbh thu m’ fheum, ’S an fheachd nèamhaidh ’m béul nan gnìomh, Iarram aon achain gu fòil: Eisd le bàigh ’s thoir deòin do m’ mhiann. Thoir biùthas do m’ mhac do ’n dual Anradh truaighe ’s ùine ghèarr: ’S eòl dut mar ghlac righ a shluaigh A dhaor-dhuais le ainneart cèarr. Dioghail-s’ e, dhé ghlic, bhith-bhuain, Eireadh le Tròidh buaidh ’s an strìth, Los gu ’n tig urram bho ’n Ghréig, Dh’ ionnsaidh ’n trèun a fhuair an spìd. Freagradh cha d’ thug Iòbh d’ a riar, Ach shuidh cian ’n a thosd fo ghruaim: Ghlais Thetis gu teann mu ghlùn, A’s spàrr i ’cùis le h-ùrnaigh chruaidh. Athair na cruitheachd, dean fòir, ’S mur deònaich thu, diùlt gun fhiamh: Taisbein domh fìrinn mo chràidh, Gur mi ’s tàire measg nan dia. Fhreagair dia nan duibh-nial dlùth, ’S e ’g osnaich bho ghrùnnd a chleibh:— C’uime bhiodh an-ghnìomh ad rùn A dhùisgeadh dhomh brionglaid ghéur? Bhiodh Iùno ’n a lasair dheirg, ’S bhrùchdadh orm sruth garg a beòil, I casaid feadh nan nèamh gu buan, Mu m’leth-phairt fhéin ri sluagh Thròidh. Bi-sa falbh ’s dian faicill chòrr, Mu ’n gabh Iùno mhòrach beachd: Leamsa biodh gach ni tha ’d réir, Thoirt am òrdugh fhéin gu teach. Los gu ’n tuig thu ’n rùn tha ’m chom, Naisgeam le crathadh mo chinn, Daingneachadh cudthromach, teann, D’ an toir nèamh gu h-iomlan suim; Suim nach d’ fhuair comharradh riabh, Saineas nach teid fiar le feall; ’S an dòigh so ceanglam a’ mhionn, Dòigh a bheir gu crìch na gheall. Thuirt iompire ’n toruinn chruaidh, ’S thug caismeachd gu ’n d’ fhuair mar dh’ iarr. A theann-nasgadh nam bóid tróm, A dhubh mhailghean chrom e siar, Tiugh fhalt cùbhraidh ’chùil bhith-bhuain Dh’ iom-luasgadh a null ’s a nall, Timchioll guailnean àigh an dè, ’S chlisg an spèur bho cheann gu ceann. Còmhradh na deise cho-dhùin, Léum Thetis gu grunnd a’ chuain Bharr Olimpuis nan cruach sneachd, ’S dh’ imich Iobh gu ’aitreamh buan. Gu grad ás an cathraichean òir, Romh theachd mhòraich dia nan dia, Dh’ éirich àrd mhaithean nan spéur, ’S rinn sléuchdadh gu léir le fiamh. Shuidh esan ’n a chathair àigh: Ach Iùno bha ’n àird’ a fraoich, Dh’ aithnich i comhairl’ a chuim, ’S co bha deilbh nan luim ri thaobh; Thetis chas-airgiodach, dhonn, Nigheann sean-fhir nan tonn gorm: An sin thionnsgain Iùno gu géur A’ ghlòir tharsainn, bhéura, bhorb:— Co i sid, a chinn nan gò, Ris ’n a dheilbh thu ’n còmhradh-cùil? ’S cleachdadh sìorruith dhut ’s gach beairt, Mise bhi ’n taobh mach de d’ rùn. Gach leth-bhreth fhalaich d’ an dian, [TD 374] S nial dìomhair iad ormsa chaoidh. Aon neach dh’ am fiosrach do bheachd, Cha ’n fhiù Iùno feairt no suim. Iùno, tha do chnuasachd faoin, ’S e thuirt athair dhaoine ’s dhia; Tigh-tasgaidh dìomhair mo rùin, Cha sgrùd thusa chaoidh nan cian. Ma ’s ni tha cuimte ri d’ chéill, ’S gur féumail dut fios ’s a’ chùis, Thair gach bàsmhor ’s gach bith-bhuan, Riut fhéin theid a luaidh an tùs. Ma ’s comhairl’ i thaisgear leam Fo ghlasan an grùnnd mo chléibh; Bhi ’mion-fhorfhais ciod a brigh, Dhutsa ’s dhaibhsan ’s ni gun fhéum. Làn-sheall i air rìgh nan dia, Le ’dà mheall-shuil chiataich, ghuirm, ’S fhreagair: C’uim’ do bhriathran cruaidh, Mhic Shathurn an uabhair bhuirb? Co tha ’g ad ghrabadh ’s na ’s àill, ’G ad chuibhreach an ràdh no ’n gnìomh? Dh’ fhaotaìnn mion-eolais mu d’ rùn, ’S beag mo chùirtsa ’s bu bheag riabh; Ach mu ’n Ghréig tha m’ eagal mòr: Cha tuiginn leth-chòmhradh-cinn, Eadar righ nam beithir dearg ’S ban-dia nan cas-airgid grinn. Sheas ri d’ thaobh ’s a’ mhadainn mhoich, Nighean riaghlair nan tonn glas, Ghlac i do dhà ghlùn ’n a bois, ’S barail leam nach b’ fhaoin a’ ghreis. ’S teann a fhuair i d’ a mac gnùth Gealladh air àrd-chliù ’s air buaidh. Cha ’n ag nach robh ’n crathadh-cinn, Toirt binn’ air mhìltean sluaigh. Thuirt Fear theanal nan nial luath, ’S confhadh ruaimleach ’n a ghruaidh àigh: A bhan-sgrùdair nan lùb fiar, ’S mion-chriathradh do bhéus gu bràth. Fidrich a’s cladhaich mar chì, Chaoidh cha tig do mhiann gu buil; Càrnaidh tu m’ fhearg-sa air do cheann, ’S aithnghidh tu gur h-ann gu d’ ghuin. Gheall mi ni, cha cheilim ort, ’S ma gheall mi, bheir mi gu teach, Bhrìgh na cùis’ ud na tog lochd, Suidh ad thosd, ’s thoir géill do m’ reachd. Ma léumas mis’ ort, ’s gu ’n lèum, Le m’ throm làimh is éuchdach gnìomh Ge d’ éireadh uil’ fheachd nan spéur, ’S meanbh an gléus ’s an stréup gu d’ dhìon. Dh’ oglaich Iuno ’s shuidh fo oillt, Chaidh mòrchuis a cuim gu draip; Mìghean ghabh talla nam buadh, ’S sgaoil a’ ghruaim feadh nèamh air fad. Dh’ éirich Vulcan nan cèird còrr, ’S dh’ aisig sìth le glòir neo-bhaoth; B’ fhiathail a chomhairle ghràidh D’ a dhia-mhathair làimh-ghil chaoin. ’S duaichnidh gu ’n togteadh ’s an spéur Brionglaid ghéur mu chnuimhean truagh; Dhaibhsan biodh con-ghlas a’s strìth, Dhuinne sìth a’s éibhneas buan. Ma bhuaidhicheas iorghuill chas, Air cuilm cha bhi blas no miagh: Strìochdsa, mhàthair chaomh gu fòil, ’S na brosnaich righ mòr nan dia. Na ’n lasadh an Tì ’n a fhearg, Bhiodh dealanaich dhearg ’n an léum, Sgapteadh gach flath ’n a bhuan ’chùirt, ’S thilgt’ iad do ’n dubh ghrunnd gu léir. Taisich a dhiùmb le glòir mhìn, ’S deònaichidh e sìth gu beachd; ’S ann dàsan d’ an iomchuidh géill, Oir ’s e fhéin is tréine neart. Ghrad-éirich e ’s cuach ’n a láimh, Fo gheal-bhárr de nectar caoin, Dhlùth-lean e na briathran tlàth, ’S shìn e ’n dibh d’ a mhàthair ghaoil:— Seas fo ’n luchd ge goirt do chrádh, ’S dean strìochdadh, a mháthair rùin, Mu ’m faic mi, ’s gun seòl do dhìon, Droch dhìol air na ’s ionmhuinn leam. ’S eaglach righ nam beithir dearg, Ge b’ e dhùisgeadh fearg a chléibh. Chaidh mis’ uair ’s an iorghuill dhoirbh, Gu d’ dhìdinn bho stoirm nan créuchd. Ghlac e mi air chois ’n a dhòid, ’S thilg thair stairsnich mhòir nan spéur; Shiubhail mi ’n coinnimh mo chinn, Am luath still ’s an aibheis chéin. Fad an là feadh chearcall cian ’Tuaineal romh tholg nan nial faoin; ’N uair laidh grian air cùl nan stuadh, Thuit mi ’n Lemnos, cluain mo ghaoil; M’ anam-sa dh’ fhosgail am chom, ’S mi ’dhìth càil air lom an raoin: Fhuair na Sintich mi ’n teinn ghéir; Thog iad suas mi ’s ghréidh le faoilt. Dh’ éisd Iùno bu chruinn-gheal làmh: Le fiamh ’ghàire ghlac i chuach; Riaraich Vulcan deas a’s cèarr Iocshlaint ùr bu nèamhaidh buaidh. B’ iasgaidh ’n dia balcach le sùrd, Sìos ’s a suas feadh tùr nan réul: Thaitinn ris na flaithean àrd, ’S le buan ghàire chrith an spéur. Chaith iad an là ’s a’ chuil fhial Gus ’n a theirinn grian gu tuinn; Leth-bhreth cha ’n fhaicteadh ’s an dìol, ’S fhuair an t-iomlan miann an cuim. Sheinn Apollo, dia nan calg, Clàrsach airgid bu chaoin póng; Cho-fhreagair a’ cheòlraidh ghrinn Le àrd-laoidh bu mhìlse fonn. ’N uair cheileadh ’s a’ ghailbhinn ghlais, Lòchran dearg-lasrach nan spéur, Sgaoil an làn chomunn bho ’n bhòrd, ’S thriall gach flath gu chòmhnuidh fhéin, [TD 375] Gu tighean spleadhnasach, àrd, De ’n aitreamh a b’ àillidh sgèimh, Mar dheilbh Vulcan bu ghlic crìdh’ Gach cuirt rìoghail fad nan nèamh. Dhìrich an Torunnach àigh Suas á thàmh air uirigh phòst’, ’S chaidil Iuno ’n taic an dé, ’S a’ bhuan-leabaidh chéutaich oir. CRIOCH A’ CHIAD DUAIN. DUAN II. SUIM.—Ann an co-lorg na casaide a rinn Thetis, màthair an Aichill, chuir Iobh bruadar-meallta gu Agamemnon a dh-iarraidh air an t-arm Gréugach a tharrainn amach gu cath. Rinn e so los gu ’n tuigeadh e nach éireadh buaidh leis gun an t-Aichioll ’g a chòmhnadh. Chruinnich an righ comhairle nan seann cheann-feadhna; agus chunnacas iomchuidh a thoradh na comhairle, gu ’m fiosraichteadh ciod an run ’s an robh na Gréugaich mu ’n ghnothach mu ’n d’ thainig iad, a thoirt gu deadh-bhuil. Cho-ghairmeadh an sin, am mòr-fheachd an ceann a chéile; agus an deigh do Agamemnon faidead na h-ùine a bha an cogadh air chumail a shoilleireachadh dhaibh, agus cuideachd, na chaill iad de dh-ionmhas, agus na dhòirteadh de dh-fhuil gun fhéum, chomhairlich e dhaidh teicheadh dhachaidh do ’n Ghrèig, agus gun fhuireach na b’ fhaide air sgàth gnothaich nach robh coltach gu ’n gabhadh e toirt gu ceann a chaoidh. An uair a chuala am feachd comhairle an righ, dhòirt iad ’n an aon-mhaoim a dh-ionnsuidh nan long, los an cur air sàile ’s a bhi ’grad-fhalbh. An uair a chunnaic Ulisses an sluagh anns an dòigh so a’ togail orra gu triall, bhrosnaich e riu gu garg ’g an cronachadh, ’s ’g an tàmailteachadh a thaobh mar a thog iad docharrach beachd Agamemnoin. An lorg na h-impidh so, agus an smachdachaidh a fhuair Thersites, duine droch-bhialach, a chionn a bhi dìteadh an righ, thill an sluaigh gu h-iomlan air an ais a dh-ionnsuidh na comhairle. ’N an èisdeachd uile, labhair na h-ard chinn-fheadhna, fear ma seach, gach ni a bha ’n an rùn, a’ dearbhadh gu ’m bu mhianas sìorruith e, na ’n dìobradh iad an cogadh gus an rachadh e an darna taobh; ’s e bh’ ann gu ’n d’ thug so air na Gréugaich nach robh iad riabh na bu togarraiche gu comhrag ris na naimhdean. Air an aobhar sin, dh’ òrduich Nestor gu ’n tàirnteadh suas am feachd ’n an sreathan-catha, agus gu ’n roinnteadh iad ’n am fineachan air còmhnard Scamandar mu choinnimh na Tròidhe. Tha am filidh, an sin, a’ toirt làn-àirimh air na fineachan Gréugach, agus mion-sgrìbheadh air na duthchannan ás an d’ éirich iad a leanailt Agamemnoin gu cogadh na Tròidhe. Cha ’n ’eil an aimsir an duain so ach earrann de dh-aon latha. Is e an t-ionad-gnìomha an long-phort Gréugach, faiche Scamandair, agus baile mór na Tròidhe. Gheobhar toiseach an duain so anns a’ GHAIDHEAL, Air. 13, taobh, 12. Dhuin gach créutair talmhaidh ’n rosg, &c. Faigh a mach gach bonn dhe d’ theachd a steach, agus g’ e b’ e ciod e, biodh e mor no beag, thig beo air ni ’s lugha. A nis, dean so, agus cha bi thu chaoidh bochd. An uair a chith sinn duine do ’m bheil speis aig na h-uile, feudaidh sinn a bhi cinnteach g’ e b’ e co dona ’s gu ’m bheil a’ chliu, gu ’m bheil deagh-bhuaidhean araidh dluth-cheangailte ris, agus sin ann an tomhas mor. Feudar a radh nach ’eil ann an Gamhlas ach “domhlas na seirbhe agus cuibhreach na h-eucorach. ’S e gamhlas an toradh a’s seirbhe a dh’ fhasas air craobh a’ pheacaidh, agus cha ’n urrainn ni sam bith ach teas-ghradh an Ti a’s Airde a smaladh as an anam. Tha deuchainnean againn mar bhalaist do ’n luing; tha iad gu tric ’g ar sumail gun dol thairis. An uair a tha moran againn r’a ghiulan, ni am Freasdal an druim freagarrach air son na h-uallaich. An uair nach ’eil ni sam bith againn r’a ghiulan, cha tric a ghiulaineas sinn sinn fein. Feudaidh an long luchdaichte a bhi mall ann an ruigheachd chum a calaidh fein, ach tha e cunnartach nach ruig an long eutrom an caladh gu brath. [TD 376] BRUTHAICHEAN GHLINNE-BRAOIN. [Ceòl] SEISD.— Beir mo shoraidh le durachd, Do ribhinn nan dlu-chiabh, Ris an tric bha mi ’sugradh, Ann am Bruth’chean Ghlinn-Braoin. Gur e mis’ tha gu cianail, ’S mi cho fad uait am bliadhna, Tha liunn-dubh air mo shiaradh, ’S mi ri iarguin do ghaoil. Cha ’n fheud mi bhi subhach, Gur e ’s beus domh bhi dubhach, Cha dirich mi bruthach, Chaidh mo shiubhal an lugh’d. Chaidh m’ astar am maillead, Bho nach faic mi mo leannan; ’S ann a chleachd mi bhi mar riut, Ann an gleannan a’ chaoil, Anns a’ choill’ am bi ’n smudan* ’S e gu binn a’ seinn ciuil duinn, Cuach a’s smeorach ga ’r dusgadh, ’Cur na smuid diu le faoilt’. ’S tric a bha mi ’s tu mireadh, Agus cach ga n-ar sireadh, Gus ’m bu deonach linn tilleadh, Gu Innis nan laogh. Sinn air faireadh na tulaich, ’S mo lamh thar do mhuineil, Sinn ag eisdeachd nan luinneag, Bhiodh am mullach nan craobh. Tha mise ga raite, ’S cha ’n urrainn mi ’aicheadh, Gura iomadach saruch’ ’Thig air airidh nach saoil. Gur mis’ tha ’s a’ champar, ’S mi fo chis anns an am so, Ann am priosan na Frainge, Fo ainneart gach aon. Ann an seomraichean glaiste, Gun cheol, a’s gun mhacnas, Gun ordugh á Sasunn, Mo thoirt dhathaigh gu saor. Cha b’ ionnan sud ’s m’ abhaist. A’ siubhal nam fasach, ’S a’ direadh nan ard-bheann, Gabhail fath air na laoigh. A’ siubhall nan stuc-bheann, Le mo ghunna nach diultadh; ’S le mo fhlasgaichean fudair, Air mo ghlun anns an fhraoch. Beir mo shoraidh le durachd, Do ribhinn nan dlu-chiabh, Ris an tric bha mi sugradh, Ann am Bruth’chean Ghlinn-Braoin. —Uilleam Ros. * The Ringdove. [TD 377] CAISMEACHD CHLOINN-CHAMROIN. Cha ’n ’eil éganach treun de Chloinn Chamroin gu léir, Nach téid deònach fo bhratach Lochiall; Gu buaidh no gu bàs, ’s bidh iad dìleas ’s gach càs, Oir géill cha d’ thug Camronach riamh. Chuala mi pìobaireachd, pìobaireachd, piobaireachd, Tighinn àrd thar monaidh a’s ghleann; Agus cas-cheuman eutrom a’ saltairt an fhraoich— ’S i caismeachd Chloinn-Chamroin a th’ann. O, ’s uallach an ceum, ged tha fios aig gach treun Gu’m faod e bhi màireach ’s an ùir; Ach gach àrmunn, gun sgàth, theid le ’Cheannard do’n bhlàr, Far ’m bu dualach dhoibh buaidh agus cliù. Chuala mi pìobaireachd, pìobaireachd, &c. Tha ’ghealach ag éiridh, ’s tha ’gathan air ceuman Nan òigfhear tha treun agus fìor; ’S àrd dòchas an cléibh, ’s thuirt an Ceannard e féin Gu’r laoich iad nach géill anns an strìth. Chuala mi pìobaireachd, pìobaireachd, &c. Ead. le D. MACNEACHDAINN. AN OIGE. Dhia, dealraich air ar n-oig’ gu leir, Sar thiodhlaic naomh nan gras: Mar shiol a’ frasadh nuas o ’n speur, A’ freumhachadh ’s a’ fas. Ge bith an t-aite ’s an cinnich gras, Ged ’s ann o neamh tha ’n siol; ’S i ’n oige t-am ’s an dosraich’ ’fhas, ’S am fearr a bhlath ’s a nial. Mo chreach! nach eisd an oige thruagh, Ri cuireadh graidh an Uain, Oir ged tha ’n cridh’ le peacadh cruaidh, Gidheach tha ’throcair buan. Mur biodh an cridhe cruaidh mar chloich’ Do ’n neach a ’s oig’ air bith; Cha d’fhuair an ciontach fois na h-oidhch’, Lo geilt, a’s bron, a’s crith. An uaigneas a’s am follais fos, Tha deoir a’s urnuigh ’n t-sluaigh A’ tagradh, Iosa, as bhur los;— Nach gairm sibh fein gu luath! A’s guidheamaid gu ’m foghluim sibh, Fo lamh an Spioraid Naoimh, ’S nach lethsgeul idir oige dhuibh Mur lean sibh Iosa chaoidh! —The Treasure. FACAL D’ AR LUCHD-LEUGHAIDH. Tha am mios a tha nis air tighinn m’ an cuairt a’ toirt a’ Ghaidheil gu crioch bliadhna eile—is i an aireamh so an te mu dheireadh d’ an treas leabhar. Is iomadh ceum a thug e, agus is iomadh aite dluth agus fad as anns an do thaghail e bho thoiseach na bliadhna a tha ’nis ach beag [TD 378] air ruith a mach. Ged a thainig, uair no dha, bacaidhnean ’s an rathad a chuir maille air a shiubhal ’s a bhrist air an riaghtailteachd leis am bu choir dha tighinn, ’s ged a dh’ fheum e a bhi a’ gabhail a leisgeil fein air uairibh air son a bhi cho mairnealach; air a shon sin uile, chi a chairdean gu ’n deachaidh aige air da chuairt dheug a dheanamh ann an deich miosan—no mar dh’ fhaodar a radh, rinn e “bliadhna-leum” d’ an te so; an aite tighinn uair ’s a’ mhios le ’mhaileid air a dhruim, thainig e dà uair a’ giulan dà mhaileid loma làn de gach gnè bhathair a chordadh ri clann nan Gaidheal. Is minig a fhuair an t-eilthireach aonaranach, ann an tir chein, fada bho dhuthaich ’s bho chairdean, togail spiorad, agus misneach a’s faothachadh d’ a inntinn thruim bho ’n Ghaidheal, oir nach d’ thug e seanchus dha araon air cor a luchd-duthcha anns gach cearn, agus naidheachdan an àm a tha ’lathair cho math ri “sgeula na h-aimsir a dh’ fhalbh”—mar so a’ cumail air mhaireann a’ chomh-cheangail bhlath agus laidir sin a bha, agus a tha, agus tha sinn an dochas a bhios, ann an cridheachan nan Gaidheal ri cheile, c’aite air bith am faighear iad; agus a’ neartachadh an tàlaidh a tha aig an aignidhean ri cuimhneachain nan cleachdainnean ion-mholta agus nan sgeulachdan ’s nan eachdraidhean iomraiteach a choisinn ainm a’s meas a’s cliù nach bàsaich do thir nam beann ’s do shiol nan laoch. Ma thug an Gaidheal sgeulachdan agus duanagan taitneach seachad, fhuair e failte ’s furan a’s aoidheachd an eirig sin o gach neach; agus tha e ’nis, mar is cubhaidh, a’ tairgseadh buidheachais do gach aon a shin an lamh dha, no ’chuir guidhe mhath ’n a chois re na bliadhna dh’ fhalbh. A thuilleadh air so tha e nis ’dol a ghabhail de dhanadas facal beag uaill a dheanamh as na tha aige ’n a bheachd air son bliadhna eile—oir their iad “nach ’eil an uaill an aghaidh na tairbhe.” Cha ’n’eil an Gaidheal idir ’dol a ghabhail “Cead deireannach nam Beann” a nis, no ’dol a chur dheth a mhaileid ’s a dh’ fhagail “a shoraidh leis na frithean.” Cha ’n ’eil aon chuid a cheum fann, a cheann air liathadh, no a chiabhagan air tanachadh—is fhada ghabh e uaith! Tha e ’dol a leanailt air a thurais, ’s cha ’n e mhain sin, ach, le comhnadh na muinntir a bha ’g a chuideachadh roimhe so, cho math ri dream eile a tha a’ gealltainn an taice ’s an àm ri teachd, tha e ’cur roimhe gabhail a mach gach mios cho riaghailteach ris a’ ghealaich, le neart as comas ùr a sgaoileadh a chuid bathair, a’s rìomhaidh, a’s annasan thar an t-saoghail gu leir; agus “Cha ’n ’eil baile beag ’s am bì e, Nach tamh e greis ann a’ cur a sgìos dheth; Bheir e lamh air a leabhar rìomhach, A ghabhail dhuanag ’s a bhuaireadh nìgh’nag.” Tha an sgioba ghaisgeil a bha ag aiseag a’ Ghaidheil air a’ bhliadhna dh’ fhalbh a’ cheart cho togarrach gu falbh leis a rithist; agus a thuilleadh orrasan tha moran de dhiulnaich ùra, fhuasgailte a tairgseadh an seirbheis ’s a’ gealltainn, ma leigear leotha dol ’n a chuideachd, nach diobair ’s nach geill iad ged dh’ eireadh gaillionn nach bu bheag. Bidh aige, uime sin, sgioba air nach tugadh barr eadhon leòsan a thug gu “cala réidh” Birlinn ainmeil Chlann-Raonuill; agus bidh e iongantach mur eirich gu math do ’n luing a bhios fo ’n curam. Ciod sa bith mar thachair roimhe so, cha ’n ’eil an t-eagal is lugha nach teid i as a dheigh so air fuaradh d’ an rudha ruighinn sin ri san abrar A’-chiad-latha-’n-Mhios. [TD 379-384] THE GAEL, ENGLISH DEPARTMENT. [Beurla]