‘Gilleasbaig ‘Eardsaidh’ MacIlleathain (1880–1972) à Muile’ le Alasdair MacIlleBhàin (Oilthigh Ghlaschu)

Cha ruig mi a leas mìneachadh do luchd-rannsachaidh agus luchd-ciùil na Gàidhlig na th’ ann an Tobar an Dualchais (TaD), tasglann anns a bheil còrr is 36,000 clàradh-fuaime bho cho-chruinneachaidhean Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), BBC Alba agus Cruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba. Tha na clàraidhean seo rim faotainn air feadh an t-saoghail ann an cruth digiteach aig http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/. Tha an tasglann digiteach seo air a bhith na goireas is na tùs tarraingeach, feumail dhomhsa, an dà chuid nam rannsaiche an seo aig Oilthigh Ghlaschu is nam sheinneadair. Sa bhrath-bhloga seo, bu mhath leam iomradh a thoirt air neach-bratha Muileach a chluinnear am measg nan clàradh.

Gilleasbaig ‘Eardsaidh’ MacIlleathain (1880–1972)

Dealbh 1. Eardsaidh le a chuid peathraichean, a bha uile na bu shine: Flòraidh (as fhaisge air), ‘Mèiri’ (Màiri) agus Belle (Iseabail), air an taobh chlì. © Donnchadh MacGuaire
Dealbh 1. Eardsaidh le a chuid peathraichean, a bha uile na bu shine: Flòraidh (as fhaisge air), ‘Mèiri’ (Màiri) agus Belle (Iseabail), air an taobh chlì. © Donnchadh MacGuaire

 

B’ ann an Àrdtunna san Ros Mhuileach a thogadh Eardsaidh, mac do Dhonnchadh MacIlleathain is a bhean Ann (née NicPhàrlain), air croit ris an canar Breamanmhoidhr (conaltadh pears. Donnchadh MacGuaire); tha mi a’ cumail dlùth ri litreachadh Dhonnchaidh, ogha piuthar Eardsaidh, Flòraidh, air ainmeannan pearsanta is ainmeannan-àite sa bhrath-bhloga, mura h-eil tùs eile ga ainmeachadh. Fhuair Eardsaidh is a bhràthair Niall obair le Coimisean nan Coilltean ann an 1924 nuair a thàinig a’ chòir-fhearainn aca ann an Àrdtunna gu crìoch agus dh’fhàg seo san Leth-Ìochdrach iad, taobh sear an eilein ann an Aros Mains. Rinn Calum Iain MacIlleathain bho Sgoil Eòlais na h-Alba clàradh le Niall beagan mun do shiubhail e ann an 1953 agus tha na clàraidhean seo rim faotainn cuideachd air TaD: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/person/42. Tha fiosrachadh air an neach-clàraidh seo aig Pròiseact Chaluim MhicGilleathain agus ann am brath-bloga Anndra Wiseman an seo air blog Sheanchais.

 

Dealbh 2. Niall le capall don b’ ainm June. © Donnchadh MacGuaire
Dealbh 2. Niall le capall dom b’ ainm June. © Donnchadh MacGuaire

 

Tha 85 clàradh le Eardsaidh air TaD, an dà chuid beul-aithris agus òrain. Thadhail gu leòr de luchd-clàraidh air agus tha cuimhne aig Donnchadh MacGuaire air Mòrag NicLeòid, Lisa Storey, Alan J. Bruford agus Iain Friseal a’ clàradh san taigh. Tha clàraidhean a rinn Calum Iain MacIlleathain le Eardsaidh cuideachd rim faotainn air TaD, a thuilleadh air clàradh a rinn an t-Ollamh Wilhelm Nicolaisen air a bheil Eardsaidh a’ bruidhinn air ainmeannan-àite san sgìreachd anns an do thogadh e: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/80387/19. Bidh an clàradh seo luachmhor da-rìreadh do neach-rannsachaidh sam bith a’ sgrùdadh ainmeannan-àite na sgìreachd sin. A’ tilleadh gu Breamanmhoidhr san dol seachad, chan eil an t-ainm seo foillsichte air mapa Explorer na Suirbhidh Òrdanais (SO) an latha an-diugh ach lorgar Breamanoir (NM397233) air mapaichean na SO a dh’fhoillsicheadh ann an 1882 (a’ chiad eagran) agus ann an 1897 (an dara eagran) (Duilleag CV). Tha corra ainm eile air a’ chlàradh seo a dh’fhaodamaid cur ri mapaichean na SO.

Tha aon chlàradh sònraichte eile air am bu mhath leam sgrìobhadh sa bhrath-bhloga seo ge-tà; is e sin clàradh a rinn Lisa Storey (seach Mòrag NicLeòid, mar a tha foillsichte air an làraich-lìn) don Sgoil Eòlais ann an 1963: http://www.tobarandualchais.co.uk/gd/fullrecord/13482/41. Air a’ chlàradh seo tha Lisa a’ cur ceist air Eardsaidh (sa Ghàidhlig) mu ainm-àite san sgìreachd-sgrùdaidh agam fèin: Màm Bhreapadail (NM581320). Tha Eardsaidh an uair sin ag ainmeachadh trì àitichean eile san sgìreachd anns a bheil am facal ‘màm’. Lorgar Màm an Tiompain (NM602313) air mapa Explorer an latha an-diugh. Cha lorgar Màm Chlachaig (NM554332) air mapa an latha an-diugh ach tha e foillsichte air ciad eagran agus dara eagran na SO. Cha lorgar Màm Dhoire Dhubhaig idir air mapaichean na SO ach lorgar ainm a’ bhaile a tha na lùib, Doire Dhubhaig, no Derryguaig mar a tha e foillsichte (NM488356). Tha Màm Dhoire Dhubhaig clàraichte ann an Ortha nan Gàidheal (iv, 276–277) ann an ‘Eòlas nam Màm’, eòlas a chlàradh ann an iomadh ceàrnaidh is eilean, Muile nam measg. Gu dearbha tha 12 mhàm ann am Muile gan ainmeachadh le MacIlleMhìcheil MacBhàtair san tùs seo, na ceithir a th’ aig Eardsaidh air clàradh TaD nam measg. Tha MacIlleMhìcheil MacBhàtair a’ mìneachadh ‘màm’ mar “low rounded swelling hill” (ibid., 276). Mar a tha Eardsaidh a’ cur an cèill sa chlàradh ge-tà, is ann air ath-ghoirid thar a’ mhonaidh a tha màm ga chur ann am Muile, nàdar de bhealach eadar beanntan ’s cnuic. Tha cuimhne aig Donnchadh MacGuaire air làithean air am biodh bràthair a sheanmhar ag innse mun bhith a’ coiseachd a Thobar Mhoire à Àrdtunna a thadhal air a phiuthair, Flòraidh, is an teaghlach, turas a ghabhadh eadar 12 is 14 uair a thìde. Bhiodh Eardsaidh a’ gabhail Màm Chlachaig air an turas-sa a chionn ’s gun sàbhaladh sin astar mòr tro Ghleann Sheileasdair is Creagan Ghribuin (conaltradh pears. Donnchadh MacGuaire). Bidh tuilleadh agam fèin air a’ mhàm Mhuileach san tràchdas PhD.

Theab gun deach Eardsaidh a thogail don arm agus, mar a tha Donnchadh fèin air mìneachadh dhomh, is dòcha gum bitheamaid air an uabhas bheòil-aithris a chall nan deach. Tha tuilleadh chlàraidhean ann an tasglann a’ BhBC agus san Sgoil Eòlais. Chuir Donnchadh fiosrachadh air DASG mun teaghlach bho chionn ghoirid.

Tùsan
Tha seann mhapaichean na Suirbhidh Òrdanais rim faotainn air loidhne air làrach-lìn Leabharlann Nàiseanta na h-Alba: http://maps.nls.uk/.

Buidheachas
Bu mhath leam buidheachas a thoirt do Sheònaid NicDhòmhnaill, Cnoc na Sgillinn, Tobar Mhoire, airson fiosrachadh tùsail mu Eardsaidh agus do Mhòrag NicLeòid airson fiosrachadh mu chlàraidhean Eardsaidh. Bu mhath leam taing shònraichte a thoirt do Dhonnchadh MacGuaire airson fiosrachadh mun teaghlach agus na dealbhan a chithear an seo.

Tha Alasdair MacIlleBhàin na oileanach aig Oilthigh Ghlaschu. Tha e a’ dèanamh PhD ann an Ceiltis is Gàidhlig, a’ sgrùdadh ainmeannan-àite ann am Muile, an t-eilean dom buin e.