The Seanchas Gaelic Jukebox Blog

‘Brath-Bloga 1’ le Dr Sìm Innes (Oilthigh Ghlaschu)

’S e ciad ghrunnachadh a tha seo a-steach do dh’uisgeachan bloga Sheanchais. Tha sinn anns na buillean mu dheireadh den ullachadh a leigeas leinn an t-eòlaire a lìonadh agus sinn an impis sgrìobhadh a-mach gu tasglannan, leabharlannan, buidhnean coimhearsnachd is eile a dh’fhaighneachd ach an innis iad dhuinn mu na clàraidhean-fuaime Gàidhlig/ Gaeilge/ Gaelg a th’ aca. ’S e an dòchas gum bi an t-eòlaire aig Seanchas mar ghoireas a bheir seachad fiosrachadh mun iomadh ionad is àite feadh an t-saoghail anns am faighear cruinneachaidhean de chlàraidhean.

Thèid am bloga seo fhèin a chleachdadh gus naidheachdan a sgaoileadh an dà chuid mu Sheanchas agus mu chruinneachaidhean, iomairtean, tasglannan is eile a bhuineas do chlàraidhean fuaim na Gàidhlig/Gaeilge/Gaelg le aire shònraichte do bheul-aithis is eitneolas nan coimhearsnachdan Gàidhealach ann an Alba, ann an Èirinn agus thall thairis.

Bhiomaid air ar dòigh ghlan nam biodh daoine eile deònach brathan-bloga a sgrìobhadh dhuinn. A bheil ùidh agad fhèin ann an clàraidhean-fuaime na Gàidhlig/Gaeilge/Gaelg? Bhiodh fàilte mhòr ro dhaoine sgrìobhadh airson a’ bhloga againn air an obair neo eòlas aca air cruinneachaidhean neo clàraidhean fa leth. Faodar sgrìobhadh ann an Gàidhlig neo Gaeilge neo Gaelg neo Beurla! Tha seòlaidhean is eile dhuinn air duilleag ‘Brath Thugainn’ gu h-àrd agus tha sinn cuideachd air Facebook is Twitter. Leigibh fios dhuinn mas e is gum bu toil leibh sgrìobhadh dhuinn.

’S obair latha tòiseachadh agus obair beatha crìochnachadh!