‘Bho Thoiseach gu Deireadh: Taghadh de dh’Obair-cruinneachaidh Chaluim MhicGilleathain’ leis an Dr Anndra Wiseman (Oilthigh Ghlaschu)

Dealbh de Chalum MacGilleathain, 1956, Kirk Yetholm, leis an Dr Werner Kissling. An dealbh le cead coibhneil Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
Dealbh de Chalum MacGilleathain, 1956, Kirk Yetholm, leis an Dr Werner Kissling. An dealbh le cead coibhneil Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

B’ ann air leabaidh a bhàis a rinn Calum MacGilleathain (air neo Calum an Tàilleir mar as fheàrr a b’ aithnichear dha) na clàraidhean mu dheireadh aige. Còig bliadhna fichead roimhe sin, ann an 1935, dar a bha e na sgoilear air an t-siathamh bliadhna, dh’fhoillsich e an seun seo:

Chaidh Criosd a mach
Air maduinn mhoch
Chaidh e sios do’ n loch
Fhuair e na h-eich ’s a’ ghart
Is an cnamhan briste mu seach
Chuir e cnaimh ri cnaimh
Chuir e smuais ri smuais
Chuir e feidh ri feidh
Chuir e fuil ri fuil
Chuir e feoil ri feoil
Chuir e seiche ri seiche
Mar a leighis Criosda sin
Is comasach e air leigheas so.
 

As the exorcist placed the symbolical string on the injured limb, he said: “Tha mi ag cur so an ainm Tri-aon nan Gràs, an Athair, am Mac is an Spiorad Naomh”─“I place this in the name of the Triune of Grace, the Father, the Son, and the Holy Spirit.”1

Chan eil fios ann le cinnt cò bhuaithe a fhuair MacGilleathain an seun bitheanta seo, ach dh’fhaodte gur h-ann bho Dhòmhnall MacCaluim ann am Port Rìgh a thàinig e. Dh’innis Calum as deaghaidh seo gur h-ann bho MhacCaluim a fhuair e a’ chiad sgeulachd a chuir e fhèin air clàr ann an 1935, agus bhiodh e nàdarra gu leòr gun toireadh e dha an seun seo cuideachd.

Cha ruig duine a leas a dhol gu cus spàirn gus an seun seo a lorg, leis mar a tha MacGilleathain a chur air shùilean dhuinn anns an artaigil aige, oir chruinnich Alasdair MacGilleMhìcheil (1832–1912) dreachan eile dheth beagan bhliadhnaichean roimhe sin; agus gheibhear iad anns a’ chruinneachadh shònraichte, ach connspaideach, a rinn e de bheul-aithris nan Gàidheal – Carmina Gadelica (1900). ’S e ‘Eòlas an t-Sniamh’ an t-ainm a thugadh air an t-seun seo le MacGilleMhìcheil, agus tha e glè nochdte cho coltach ’s a tha na dhà ri chèile:

 

Ceann-Litreach a dhealbhaich bean MhicGilleMhìcheil, Mary Frances, a dhol cuide ris an t-seun  ‘Eòlas an t-Sniamh’ ann an Carmina Gadelica, iom.l. 2, d. 20.
Ceann-Litreach a dhealbhaich bean MhicGilleMhìcheil, Mary Frances, a dhol cuide ris an t-seun ‘Eòlas an t-Sniamh’ ann an Carmina Gadelica, iom.l. 2, d. 20.

CHAIDH Criosd a mach
Maduinn moch,
Fhuair e cas nan each
’Nan spruilleach bog;
Chuir e smior ri smior,
Chuir e smuais ri smuais,
Chuir e cnaimh ri cnaimh,
Chuir e streabhon ri streabhon,
Chuir e feith ri feith,
Chuir e fuil ri fuil,
Chuir e creais ri creais,
Chuir e feoil ri feoil,
Chuir e saill ri saill,
Chuir e craicionn ri craicionn,
Chuir e flonn ri flonn,
Chuir e blath ri blath,
Chuir e fuar ri fuar;
Mar a leighis Righ nam buadh sin
Is dual gun leighis e seo,
Ma ’s e thoil fein a dheanamh.
A uchd Ti nan dul,
Agus Tiur na Trianaid2

Ged a chruinnich MacGilleathain tuilleadh sheuntan,3 cha robh iad idir cho bitheanta ’s a bha iad aig an àm a chaidh MacGilleMhìcheil a chur a-null a dh’Uibhist mar ghàidsear. Ach, b’ e sgeulachdan romansach bu mhotha a bh’ air aire Chaluim, agus mar sin cha do chruinnich e uiread de sheuntan ’s a dh’fhaodadh e. Bha MacGilleathain daonnan mothachail gun robh e a’ tighinn as deaghaidh luchd-cruinneachaidh ainmeil: Iain Òg Ìle (1821–1882), Eachann MacGilleathain (1818–1892), Iain Mac an Deòir (1802–1872), Maighstir Ailein (1859–1905), còmhla ri iomadh neach eile. Ann an iomadh dòigh, thug e am bàrr orra uile.

Rugadh agus thogadh Calum an Tàilleir (1915–1960) ann an Eilean Ratharsair, còmhla ri dithis pheathraichean is ceathrar bhràithrean eile. Bha MacGilleathain air a bhogadh ann an dualchas Ghàidhlig a theaghlaich fhèin. Fhuair e buannachdan nach bu bheag bhon t-seòrsa togail a fhuair e, agus as deaghaidh dha foghlam fhaotainn sa bhun-sgoil ionadail agus an uair sin ann an Àrd-sgoil Phort Rìgh, chaidh e gu bhith na oileanach aig Oilthigh Dhùn Èideann, far an robh e air a theagasg leis an Àrd-Ollamh U. I. MacBhàtair (1865–1948) agus an uair sin a mhac, Seumas MacGilleMhìcheil MacBhàtair (1910–1942), a ghabh a-null bho athair ann an cathair nan Cànanan Ceilteach. Thug Calum a-mach ceum le urram aig an ìre as àirde ann an Ceiltis.

Chaidh mothachadh do chomasan sgoilearachd MhicGilleathain glè thràth agus choisinn e barantasan-sgoilearachd MhicCuaig agus Mhic a’ Phearsain. Thug sin e gu Coláiste Ollscoile, Baile Átha Cliath, far an do rinn e tuilleadh rannsachaidh anns na cànanan Ceilteach. Dar a thòisich an Dara Cogadh, thàinig briseadh airson ùine ghoirid air foghlam Chaluim agus dh’fheumadh e sùil a thoirt a-mach gus teachd-an-tìr eile fhaotainn. An toiseach bha e ag obair ann am factaraidh ann an Cluain Meala, Tiobraid Árann, agus às an sin, chaidh e a dh’fhuireach ann an Indreabhán, beagan an iar air Baile Ghaillimh ann an Conamara. Fhad ’s a bha e an sin thòisich Calum ùidh mhòr a ghabhail ann an dualchas na sgìre. B’ e am prìomh adhbhar airson seo, mar a bha e air a tharraing le Dubhghlas de h-Ídhe (1860–1949) agus a chuid sgrìobhaidhean. Cha robh e gun fhiosta aig caraidean Chaluim air ais ann am Baile Átha Cliath mu na bha e ris thall air taobh eile na dùthcha.

Bha Calum a’ cruinneachadh beul-aithris airson còig bliadhna fichead ach rinn e a’ mhòr-chuid den obair seo eadar 1942 agus 1956. Bho 1942 gu 1951 bha e ag obair pàirt-ùine agus an uair sin làn-ùine aig Coimisiún Béaloideasa Éireann stèidhichte ann am Baile Átha Cliath. Chaidh an Coimisiún a chur air chois na bu tràithe ann an 1935. Dar a thòisich Sgoil Eòlais na h-Alba ann an Oilthigh Dhùn Èideann ann an 1951, b’ e MacGilleathain a’ chiad neach-cruinneachaidh a bh’ aca. Rinn Calum a’ mhòr-chuid den chruinneachadh aige air feadh tìr-mòr na Gàidhealtachd agus anns na h-Eileanan an Iar far an robh an creideamh Caitligeach fhathast làidir – Barraigh, Uibhist a Deas agus Beinn na Faoghla. Gheibhear meall de na clàran-fuaim aige a-niste air làrach-lìn Thobar an Dualchais.

Bha e furasta do Chalum daoine a chur air an dòigh airson gum biodh iad cofhurtail na chuideachd agus gum biodh earbsa aca ann. Chuir e cuideam air an sgil seo ann an artaigil a sgrìobh e: “for any folklore collector the crucial time is when contact is first made with the tradition bearer” agus cuideachd “every folklore collector must be prepared to efface himself and approach even the most humble tradition bearer with the deference due to the high and exalted.”4 Chum Calum fhèin gu mòr ris a’ phrionnsabal a bha seo agus dh’fhosgladh iomadh doras dha seach gun robh e na dhuine cho dòigheil, eirmseach. A h-uile taobh a rachadh e, bha e a’ faotainn dhaoine a stiùireadh e agus bha e a’ faotainn lorg air na seanchaidhean a b’ fheàrr. Mar sin, chruinnich e an t-uamhas de bheul-aithris a bh’ air a thasgadh air falbh ann an cuimhne an t-sluaigh.

B’ ann an Ospadal Bhòid (Ospadal a’ Chridhe Naoimh, mar a chaidh ainmeachadh as a dheaghaidh) ann an Dalabrog, Uibhist a Deas, a rinn MacGilleathain na clàraidhean mu dheireadh aige. Chlàr e am pìos a leanas air 10 an t-Iuchar 1960 bho Dhòmhnall ‘Laraidh’ Mac an t-Saoir (1892–1962), no Dòmhnall mac Alasdair Mhòir ’ic Iain ’ic Iain ’ic Iain ’ic Nèill, a bhuineadh do Loch Aineort, Uibhist a Deas. Tha an sgeul ag innse mar a thachair air bòrd soithich Admiral Nelson, HMS Victory, a rèir mar a dh’aithris Dòmhnall Sagart, maraiche a bha an làthair. Thuirt esan gur h-ann bhon t-soitheach aca fhèin a thàinig am peilear a mharbh Nelson:

Dòmhnall ‘Laraidh’ Mac an t-Saoir. B’ e Calum MacGilleathain a thog an dealbh ann an Loch Aoineart, Uibhist a Deas, An t-Ògmhios, 1958. An dealbh le cead coibhneil Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.
Dòmhnall ‘Laraidh’ Mac an t-Saoir. B’ e Calum MacGilleathain a thog an dealbh ann an Loch Aoineart, Uibhist a Deas, An t-Ògmhios, 1958. An dealbh le cead coibhneil Thasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Èideann.

 

(Èist ri seo air làrach Thobar an Dualchais an seo.)

Bha iad ag ràdh gur h-ann mar gum b’ eadh dà shuidhe a bha iad. Agus nach robh sìon annta ach càball de ròpa ruadh ach gun robh mu height de choltar eadar an dà chàball; agus gun robh sin air a dhèanamh mun tàinig am bàta ann idir. Agus gur h-ann as na cuidhlichean a bha sin a bha Nelson a’ toirt seachad na h-òrdan an latha a chaidh a mharbhadh. Nuair a bhiodh am bàta…tha fhios agaibh…agus càiridh leis na siùil air an taobh seo. Bha e a’ gluasad eadar an tè ìosal nuair a bhiodh e aig an t-àite eile bha e aig tè eile. Agus ’s ann as na cuidhlichean a bha sin a bha e a’ toirt seachad na h-òrdan mar is gun cluinneadh a h-uile duine air bòrd e. Bha iad ag ràdh gur h-ann air a’ bheulaibh aig gach taobh den choop [hoop] man chuidhlichean a bha sin…cuidhlichean càball. ’S ged a bhuaileadh peileir orra, stadadh iad as an cotain. Agus bha e a’ cur iongnadh mòr air Dòmhnall Sagart – chan fhaca Dòmhnall Sagart Nelson a’ tuiteam idir – ach bha e a’ cur iongnadh mòr, mòr air gur h-ann on an long Fhrangaich a thàinig am peileir a chur crìoch, air Dòmhnall Sagart. Bha e ag ràdh ris fhèin gun robh e a’ smaoineachdainn riamh gur h-ann às an long aige fhèin a thàinig a’ chrìoch air.5

Calg-dhìreach an aghaidh a’ chunntais sin, thathar den bheachd, aig àm Blàr Thrafalgar air 21 an Dàmhair 1805, gun robh Nelson a’ coiseachd air a’ chaisteal-diridh dar a chaidh a mharbhadh le snaidhpear Frangach bho chrann ‘mizzen’ an Redoubtable.6 Chaidh Nelson a thoirt sìos fon deic far an robh lighiche an t-soithich ga fhrithealadh, ach cha b’ urrainn don lighiche dad a dhèanadh dha, agus dh’eug e dhà na thrì uairean a thìde as deaghaidh sin. Dh’fhaodte gur h-e tuiteamas a bh’ ann gur h-e aon de na nithean mu dheireadh a chlàraich MacGilleathain, cunntas air bàs cianail laoich nèibhidh Bhreatainn, a rinn an ìobairt dheireannach. Beagan a bharrachd air mìos as deaghaidh sin, chaochail Calum an Tàilleir aig aois 44, an Uibhist a Deas, eilean far an robh a chridhe, agus abair gun deach ionndrainn mhòr agus caoidh a dhèanadh air an duine chòir, ghlan a bha seo.

 

 

Tuilleadh fiosrachaidh:
Website: www.calum-maclean-project.celtscot.ed.ac.uk
Blog: calumimaclean.blogspot.co.uk
Facebook: facebook.com/calumiainmaclean
Twitter: @CalumIMaclean
E-mail: calum-maclean@ed.ac.uk.

Tha an Dr. Anndra Wiseman (Oilthigh Ghlaschu) an-dràsta an sàs ann an DASG agus, le ùidh mhòr aige anns na daonnachdan ditseatach, bha e ag obair roimhe air Pròiseact Chalum MhicGilleathain agus Pròiseact MhicGilleMhìcheil MhicBhàtair.

  1. Calum Maclean (C. McL (VI.)), ‘A Practice of Old Gaeldom’, Portree Secondary School Magazine, no. 2 (June 1935), pp. 9–10.
  2. Alexander Carmichael, Carmina Gadelica, 2 vols. (Edinburgh: T. & A. Constable, 1900), pp. 20–21. A rèir MhicGilleMhìcheil fhèin, chaidh an seun a thogail bho Mhàiri NicDhòmhnaill, bean buachaille, à Caim, Àrasaig.
  3. Faic, mar eisimpleir, Calum Maclean, ‘A Variant of the Charm of the Lasting Life from Uist’, Saga och Sed (1959), pp. 75–78, far a bheil eisimpleir a chaidh a thogail bho Dhòmhnall Mac an t-Saoir, Loch Aineort, Uibhist a Deas, ga thoirt seachad.
  4. Calum I. Maclean, ‘Hebridean Traditions’, Gwerin: Journal of Folk Life, vol. 1, no. 1 (1956), pp. 21–33.
  5. Sgoil Eòlais na h-Alba, SA1960.130.A6 (www.tobarandualchais.co.uk/fullrecord/48710/1).
  6. Bha an Dotair Uilleam Beatty (1773–1842), lighiche air bòrd am Victory, a’ frithealadh dha Nelson agus e a’ bàsachadh. Gheibhear an fhianais aige ann an William Beatty, The Death of Lord Nelson (London: T. Cadell & W. Davies, 1807); Roy Adkins, Nelson’s Trafalgar: The Battle that Changed the World (London: Penguin Books, 2005) agus David A. Howarth, Trafalgar: The Nelson Touch (Moreton-on-Marsh: Windrush Press, 1997 (1969)).