Displaying extended context for query match in text 81001
    

thiormuich an giubhas so le smuid agus teas an teine , dh ' fhas e cruaidh lasarra , so - loisgeach , tein - abuich mar fhudar gunna , agus ann an tiota chaidh na taighean nan smal .
 
Bha na daoine agus na gillean laidir anns a ' mhonadh a ' sealltuinn an deigh na spreidhe .
 
Cha robh aig an taigh ach na seann daoine breoite , na mnathan , agus a ' chlann bheag ; agus ged a thug iad so oidhirp air na b ' urrainn daibh a thearnadh bho ' n lasair , gidheadh bha an teine cho dian bras , le tiormachd a ' ghiubhais , agus gun do loisg chan e mhain fiodh , nan taighean , ach mar an ciadna moran de ' n airneis aig na daoinibh bochda .
 
Gaoir nan creutairean truagh sin , an t - uamhunn , agus an t - an dochas a chiteadh cho soilleur riochdail nan gnuis maille ri n a ' lanaich a lamharra agus caithream ain - iochdmhor an luchd foirneairt , cha ghabh so innseadh no a chur an ceill ann an cainnt .
 
Chiteadh Padruig Sellar an sin , cosmhnil ri deamhan a '

Powered by CQPWeb