Displaying extended context for query match in text 125
    

anail , ' S toil - inntinn leam tanasg , Ga ' lanngan a chluinntinn , ' Si ' g iarraidh a leannain ' N àm darraidh le caoineas , ' S e damh a chinn allaidh Bu gheal - cheireach feaman , Gu caparach , ceannard , A b ' fharamach raoiceadh , ' S e chòmhnuidh ' m Beinn - dòrain , ' S e eolach m ' a fraoinibh .
 
' S ann am Beinn - dòrain , Bu mhòr dhomh r ' a innseadh A liuthad damh ceannard , Tha fanntuinn san fhrìth ud ; Eilid chaol , eanngach , ' S a laoighean ' ga leantuinn , Le ' n gasgana geala , Ri bealach a dìreadh , Ri fraoidh Choire - chruiteir , A chuideachda phìceach ; ' Nuair a shìneas i h - iongan ' S a théid i na ' deannaibh , Cha saltradh air thalamh , Ach barran nan ìnean , Cò b ' urrain g ' a leantuinn , A dh - fhearaibh na rìoghachd ?
 
' S arraideach , farumach , Carach air grine , A chòisridh nach fhanadh Gnè smal air an ìnntin , Ach caochlaideach , curaideach

Powered by CQPWeb