Displaying extended context for query match in text 125
    

iarmadan ; ' S do ' n chuid eile chloinn t - athar , Anns gach rathad a thriallas iad , Gu ' n robh toradh mo dhùrachd Dol nan rùn mar bu mhiannach leam .
 
H - ithill , &c .
 
' Nuair a theid thu do ' n fhireach , ' S ro mhath chinneas an fhiadhach leat , Le d ' lothain chon ghleusda Ann ad dheigh ' nuair thrialladh tu , Sin , a ' s cuilbhear caol , cinnteach , Cruaidh , direach , gun fhiaradh ann ; Bu tu sealgair na h - eilid , A choilich , ' s na liath - chirce .
 
H - ithill , &c .
 
Tha mo chion air an Ruairidh , Gur luaineach mu d ' sgeula mi , Fior bhoinne geal suairc ' thu , Am beil uaisle na peacaige , Air an d ' fhàs an cùl dualach , ' S e na chuachagan teud - bhuidhe , Sin a ' s ùrla glan , suairce , Cha bu tuairisgeul breugach e .
 
H - ithill , &c .
 
Slan iomradh dhut Iain , Gu mu rathail a dh ' eireas dut , ' S

Powered by CQPWeb