Displaying extended context for query match in text 115
    

riabhach nan creagan , Càpain òga ' s uibhean shean - chearc , Bradain tharr - gheal ' s mucan ballach .
 
A ghaolaich , cha ' n ann Gu fad ' , langach , glas - neulach , Thigeadh do fhear na seilg Bhi aig a ' cheart àm , ' S a liuthad mìr math , ' S tha dol thar a rùchdan ; Ach co dearg ri corcan - coille , Co grad ri feòragan Céitein , Co meamnach ri madadh mùilleir , ' S co sunndach ri coileach air spardan , ' S co luath ri eilid nan stùchd - bheann , ' N uair bhitheadh gaothair dlùth d ' a sàiltean .
 
Geòidh , ' us tunnagan , ' us turcaich ,

[TD 33]

Mart - fheòil ' us muilt - fheòil gun fhàillinn , Im ' us càise , agus sgadain , Mar ri lachai ' agus crà - gheòidh , Mar sud ' us ian - ghurag ( 1 ) ' us feadag , Mar ri beadragan nan àrd - bheann , Coileach - coille ' s tàrmach creachuinn , ' S guilbneach fad - ghobach an fhàsaich .
 
' N uair dh ' fhàgadh

Powered by CQPWeb