Displaying extended context for query match in text 217004
    

cliathaich a chum gu ' n tigeadh an soitheach air a druim .
 
Cha bhiodh againnne , an uair ud , ach a bhi dol mar a chuireadh a ' ghaoth sinn .
 
Ciod i do bharail air an sin ?
 
” “ Tha sin uamhasach ” arsa Coinneach .
 
“ Chan eil fios aig maraichean Mhùsamuill gu ' n do rugadh iad .
 
” “ Maraichean Mhùsamuill !
 
Chan eil , a Ghràidh ; chan eil .
 
Ach air uairean eile bhitheamaid air ar stobadh fad seachduin ann am fèath geal nan eun , agus an teas cho mór ' s gu ' m biodh an teàrr a ' curacail anns a ' chlar - uachdair , cha bhitheamaid ach a ' falbh feadh an t - soithich casruisgte le sùil ri fionnachd , agus a ' dòrtadh bucaidean uisge air a ' chlàr - uachdair .
 
Anns an oidhche , a rithis , b ' ann air a ' chlar - uachdair a chaidleamaid .
 
Ach neo - ar - thaing mur an robh sinn sunndach !
 
Tha ' n cuan ud làn de ' n iasg sgiathach , agus bhiodh iad a ' tuiteam air a

Powered by CQPWeb