Displaying extended context for query match in text 102005
    

a ghillean air an t - slighe chiadna , agus mu ' n d ' fhairich Dònull thall no bhos e , bha e ' an ' sàs aca .
 
Cha robh comas air — b ' éudar glacadh a ghabhail , agus falbh leotha do Fhionnlairig .
 
Chaidh ainm Dhònuill fada ' s goirid , agus le farmad - cùirte bha na gillean air lunn cur as da , ach bu bhàrd an Ridire e fhéin , ' s cha leigeadh e leotha làmh a chur ann .
 
Mar a bha iad ag cumail air an aghart chunnaic iad eilid na ' laidhe air fuaran , agus os iadsan ris ' s iad a ' fanaid air , “ Bheir sinn do chead dhut ma chuireas tu an t - saighead ' an sùil dheis na h - éilde ud .
 
” Bu rud mi - choltach so leis mar a bha an eilid na ' laidhe , agus an rathad a bha a ' ghaoth .
 
Ach coma , chuir Dònull a bhogha air lugh , ' us ghèarr e gaoth ' us talamh air an eilid ; ach cha dianadh e calg dhi .
 
An uair a dh

Powered by CQPWeb