Displaying extended context for query match in text 246
    

tobht ' air an coisicheadh ainmhidh , Uinneagan ' s dorus mar sgòran nan garbh - chruth , Sabhal ' n cùl taice ris , toll - fhasgain is arbhair , Còir - breith is sealbh ur sinnsir .
 
Stigh air an starsnaich sreath phraisean is cùdain , Baraille bùrn is staing chliabh ; Spiris nan cearc ri bun - bac nan dù - chlèith , Stall - dhorus lùbadh gu teinntean ; Beingean is cathraichean , cnapan is stùil ann , Dreasair ri talan tha dealachadh cùlaist , Braidseal math teine ri sradadh ' s a ' smùideadh , Leabaidh bheag chùrtair is cuibhrig .
 
Bu ghealach nan geamhraidhean ám nan ro - spòrs , Bhiodh càraidean òga déidheil , A dealan an cabhsair a shoillseadh ri ' n stròl Gu astair am bóid ' s an seula ; Cuideachd na comhailteachd , fearaibh is maighdeann , Ceòlraidh is comhartaich , othail is aoibhneas , Gràisg an rathaid air bhoilisg gun cuibhreach , Furan is seinn is eubhachd .
 
Banais gu maduinn ' s bu mhath a

Powered by CQPWeb