Displaying extended context for query match in text 201
    

' na thalamh cho torach ris a ' chuid eile de ' n Fhraing , is bha e ' na iongantas leinn ciamar a bha daoine a ' faighinn bith - beò a b ' fhiach an t - saothair ann , oir feumaidh gu bheil dìth an uisge ' na dheuchainn mhór do ' n luchd - àitich .
 
Chan eil boinne a ' tuiteam as an adhar air am faigh iad greim nach eil air a chur gu feum a rìs agus a rìs , mas urrainnear idir .
 
Tha an t - àite cho tioram ' s an teas cho mór , ' s nach robh bileag fheòir a bha ris a ' ghréin nach robh loisgte gu a freumh .
 
Feur sam bith a chunnaic sinn , ' s ann air sliosan cas a bha fo sgàil , agus bu mhór an t - saothair a bha air a ghabhail ris .
 
Cha robh clais ri rathad , no an àite eile , anns am faodadh uisge a thighinn le tuil , nach robh leigidhean beaga aisde a chuireadh an t - uisge do chladhain chaola , mu thrì òirlich an doimhne , a bha a null ' s

Powered by CQPWeb