Displaying extended context for query match in text 81010
    

An uair a dh ' amhairc e air gach ni a bh ' anns an talla , shuidh e aig a ' bhord , agus car uine bha e ' g amharc le ioghnadh agus le annas air na seachd mnathan - uaisle a bha f ' a chomhair , agus e gun fhios aige co ' n te dhiubh dhe ' n deanadh e roghainn .
 
Mu dheireadh dh ' ordaich e dhaibh na guiteachan a chur uapa , agus suidhe aig a ' bhord comhladh ris , agus biadh a ghabhail .
 
Thuirt e riutha nach robh an teas cho mor ' s gu ' n ruigeadh iad a leas a bhith ' toirt fionnarachd dha .
 
An uair a shuidh na mnathan - uaisle mu ' n bhord , dh ' fheoraich e dhiubh ciod a b ' ainm dhaibh .
 
Dh ' innis iad an ainmeannan dha .
 
An uair a thairg e measan dhaibh , labhair e riutha ann am briathran tuigseach , glic , geur - chuiseach .
 
“ Ith an fhige so , ” ars ' esan ri Bann nan Cridheachan , “ agus dean an ceangal a rinn thu air mo chridhe

Powered by CQPWeb