Displaying extended context for query match in text 81010
    

mheas aig coig ceud mile dolair .
 
Cha robh ach mu dha cheud us sia air fhichead mile dolair de dh ' urrasachadh air na chaidh a losgadh , agus mar sin tha an call gle mhor .
 
Bu storaichean agus taighean gnothuich a mhor chuid de na togalaichean a chaidh a losgadh , agus mar sin ged a tha ' n call mor , cha ' n eil ach àireamh gle bheag a chaill na bh ' aca ris an t - saoghal , agus a tha air an toirt gu bochduinn .
 
Anns an dòigh sin cha robh an teine cho cronail ' sa bhitheadh e na ' n robh e air ruith air earainn dhe ' n bhaile anns am biodh àireamh mhor de thaighean còmhnuidh .
 
Thoisich an teine anns an stor aig Gordon & Keith , air taobh an iar sràid Shearlot .
 
Bha e air aobharachadh le stobh olla , air an robhas a leaghadh glaoidh , a dhol thairis .
 
Bhatar a ' càradh aon de na pioban uisge air an t - sraid , cha robh deur uisge san stor aig an am , ' s mar sin fhuair an teine ùine air

Powered by CQPWeb