Displaying extended context for query match in text 81007
    

an aite sin ach gle bheag , ach cha bu choir an leithidean a bhi ann idir .
 
Chaidh Tigh - osda Windsor , ann an New York na theine seachdain gus an diugh , agus chaidh eadar coig deug us fichead a losgadh gu bas ann .
 
Chaidh aireamh mhor , eadar leth - cheud us tri fichead a leonadh .
 
Thoisich an teine beagan an deigh tri uairean feasgar , agus cha b ' urrainn daibh casg a chur air .
 
Bha moran nach d ' fhuaireadh an cuirp gu feasgar an ath latha .
 
Sgaoil an teine cho ealamh ' s nach d ' fhuair iadsan a bha stigh cothrom air teicheadh .
 
Tha Ard - Pharlamaid Chanada a nis na suidhe ; dh ' fhosgladh i leis an ard - riaghladair , Morair Minto , seachdain gus an de .
 
Cha d ' rinneadh a bheag fhathast ach an oraid o ' n chathair a leughadh agus a chnuasachadh , agus mar sin cha ' n eil moran ri innse .
 
Tha na ceannardan air gach taobh dhe ' n tigh a labhairt gu math searbh mu cheile , na ' s seirbhe na leigeadh

Powered by CQPWeb