Displaying extended context for query match in text 81007
    

foghluimte a ' fuireach anns an taigh , cha do smaoinich mi gu ' m biodh a ' leithid ' na ghurrach suarach ri taobh an teine mar a bhiodh an ceard an uair a bhiodh e ' deanamh nan spàinean .
 
Mu ' n gann a chuir mi crìoch air mo shuipear thainig bean an taighe dhachaidh .
 
Bha i an deigh a bhith ' g éisdeachd òraid a thug duine foghluimte seachad anns a ' bhaile ; agus cha bu luaithe shuidh i na thoisich i ri innseadh do ' n fhear a bh ' aig an teine cho deas - bhriathrach ' s a bha am fear a liubhair an òraid .
 
Cha bu luaithe a thòisich i ri innseadh so na thog e a shùil bhar an leabhair , agus dh ' éisd e rithe mar gu ' m b ' i an aon bhoirionnach a b ' fhearr fiosrachadh , agus bu mhò foghlum a bha ri fhaotainn anns a ' bhaile .
 
Bha mise ' g éisdeachd gu foighidneach , cha b ' ann a chionn gu ' n robh mi ' faotainn fiosrachaidh no eòlais o na bha i ag radh , ach a

Powered by CQPWeb