Displaying extended context for query match in text 81006
    

1897 .
 
Bha teine mor ann a ' Windsor la na Sàbaid s ' a chaidh , a loisg cha mhor am baile gu h - iomlan , a ' fàgail mu dha mhile ' s coig ceud sluaigh gun dachaidh .
 
Thòisich an teine mu thri uairean ' sa mhaduinn ann am bothan sabhail anns an robh àireamh de dhaolne daoraich a ' cur seachad na h - oidhche .
 
Bha dùil an toiseach gu ' n gabhadh an teine cur as , ach mu cheithir uairean dh ' eirich an soirbheas , agus an sin sgaoil an teine cho luath ' s nach robh doigh air a chasg .
 
Bha an sluagh uile air an dùsgadh , agus thòisich iad air na b ' urrainn daibh a dheanamh gus an cuid a shabhaladh , ach ' se gle bheag dhe sin a rinneadh .
 
Bha chuid bu mhotha dhe na thugadh as na taighean air a losgadh air na sràidean , agus b ' fheudar do ' n t sluagh gach ni fhàgail agus teicheadh le ' m beatha .
 
Mu naodh uairean ' sa mhaduinn cha robh ach mu ' n ochdamh cuid dhe ' n bhaile air

Powered by CQPWeb