Displaying extended context for query match in text 121
    

bhi air an sgaradh o ' ur cuirp agus a bhi air an roinn ' nan ceithir ceathraidhean ; chum an deighe sin gun dean an rìgh ribh mar chi e iomchuidh .
 
Agus gun robh an Dia uile - cumhachdach tròcaireach do bhur n ' anmanan !
 
” Dh ' fhuilig Iarla Chill - Marnoc , agus Morair Bhaile - Morino am bàs do réir na binne oilteil so , ach fhuair Iarla Chrompa mathanas a ' chrùin .
 
Bha Ban - Iarla Chrompa torrach san àm ' san tugadh binn a còmpanaich a mach agus bha i ann an teanndach cho mòr is nach robh i tiormachadh sùil a latha no dh ' òidhche , agus ' nuair a rugadh an leanabh a bh ' air a giùlan ( Agusta ) bha dealbh tuagh - chasraidh air cùl a muineil , a thaobh an ' uabhais a bh ' air a ' mhnaoidh uasail chur ro ' n bhàs oillteile a bhasa cuir air na h - uaislean Albanach a dh ' éirich le Tearlach .
 
Bha Agusta pòsta ri Sir Uilleam Moireach , Uchd - oir - thìre .
 
Bha dealbh na tuaghe r ' a fhaicinn air a muineal

Powered by CQPWeb