Displaying extended context for query match in text 121
    

gach laoch na bhalbh thost , ach na cinn - feadhna ' bha toirt dhaibh an òrduigh .
 
Bha dallabhrat na h - òidhche dha ' n cumail fathast a ' fradharc an airm - dhéirg , agus air do ' n latha bhi tighinn a staigh bha ceò dùmhail d ' an cleth .
 
Air dhaibh am boglach a ruidhinn , thuirt gill ' òg da ' m b ' ainm Rob Mac - Aindrea , ( mac fear de thuathanaich machair Loudai , a lean na Gàëil á Dunéideann , ) gu ' m b ' aithne dhasan cruadhlach a bha tarsuinn air ionad àraid de ' n bhoglach air am faigheadh an t - àrm a null n ' a bu tearruinnte , n ' an t - àit ' air an robh a rùn orra dhol tharais , ' nuair a chual ' am Prionnsa so dh ' aontaich e ' n t - àite so a ruidhinn , agus ghluais an t - àrm d ' a ionnsaidh agus Rob Mac - Aindrea air an toiseach a ' deanamh an iùil .
 
' Nuair a rainig an t - àrm iomal a ' bhoglaich , ghlaodh

Powered by CQPWeb