Gàidhlig / English
rionnag a’ dol air iomraich

rionnag a’ dol air iomraich

Air a sgrìobhadh le Alasdair air 27 Iuchar 2017
Tha iomadach abairt ann am Faclan bhon t-Sluagh an seo aig DASG air an rud air an cuirear ‘shooting star’ sa Bheurla.  Is e “rionnag ag atharrachadh” a chaidh a chlàradh aig neach-bratha à Sròn an t-Sìthein taobh Locha Suaineirt, mar eisimpleir.  Is e “rionnag thuiteamach” a bh’ aig neach-bratha ann an Aichillidh Bhuidhe agus faodar coimeas a dhèanadh eadar seo agus “Chunnaic mi runnag a’ tuiteam”, abairt a chlàradh aig neach-bratha ann an Eunabal ann an Cataibh.  Ged is e Eurabol a th’ aig cuid air an àite seo, is e Eunabal a th' aig Alasdair Calder ann an alt a dh'fhoillsicheadh ann an Gairm 32 (tdd. 288–290), alt a chuireadh ann an cruth didseatach bho chionn ghoirid an seo aig DASG.
 
Is e “rionnag a’ dol air iomraich” a chlàradh ann an Colla agus tha seo car coltach ri abairt a chaidh a chlàradh ann an Tobar Mhoire ann am Muile: “rionnag air imrich”.  Ann an Tireadh, chaidh “runnag air imrich” agus “runnag a’ dol air imrich” (Barrapol) a chlàradh, a thuilleadh air “runnag-le-earball”.  Chaidh “rionnag an earbaill” a chlàradh ann an Cròlasta ann an Ùig Leòdhais.  Is e “rionnag an earbaill” agus “rionnag-earbaill” a lorgar air ‘shooting star’ ann am faclair LearnGaelic ach is fhiach iomradh a thoirt an seo air “roinneag-an-earbaill” a bh’ aig an neach-bratha gu h-àrd à Sròn an t-Sìthein air ‘comet’ seach ‘shooting star’.
 
Tha abairtean car eadar-dhealaichte clàraichte ann an Uibhist agus san Eilean Sgitheanach ach daimh follaiseach eatarra.  Ann an Uibhist a Deas, chaidh an dà chuid “sgeith runnag” agus “sgeith runnaig” a chlàradh agus aon neach-bratha ag innse gum biodh droch shìde a’ leantail sgeith runnaig.  Chlàradh “sgeth-rionnag” agus “sgeth-rionnaig” sna Hearadh agus “sgeth-runnag” san Eilean Sgitheanach.
 
Gu tur eadar-dhealaichte tha abairt a chlàradh san Allt Bheithe ann an Siorramachd Rois: “salachar-rionnag”.  Tha iomradh an seo air na dh’fhàgas an rud seo às a dèidh san speur, tha e coltach, agus dh’fhaoidteadh gu bheil seo cuideachd an lùib “runnag spùdaidh”, abairt a chlàradh ann an Uibhist a Tuath, far an robh “sgiath-rionnaig” cuideachd air a chlàradh.  Lorgar am barrachd air a’ chuspair seo is eile air làrach-lìn DASG.
 
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo